Curam-cloinne Aois-Sgoile Fream-obrach - Gearr-chunntas Gniomhach

Gaelic version of the executive summary provides a condensed overview of the main School Age Childcare Delivery Framework publication.


Geàrr-chunntas Gnìomhach

Tha àite riatanach aig seirbheisean cùraim-chloinne n-ar coimhearsnachdan, a' tabhann measgachadh roghainnean anns an urrainn earbsa a bhith aig teaghlaichean gus taic fhaighinn le feumalachdan cùraim-chloinne roimhe is às dèidh na sgoile, is tro na saor-làithean.

Ann am Best Start, Bright Futures: tackling child poverty delivery plan 2022-26, tha dealas againn siostam cùraim-chloinne aois-sgoile a thogail far nach pàigh iadsan leis an teachd a-steach as ìsle dad. Tha cothrom cùraim-chloinne leudaichte do chloinn aois-sgoile deatamach son ar misean nàiseanta dèiligeadh le bochdainn chloinne, brosnachadh math teaghlaich, cuideachadh pàrantan is luchd-cùraim cothrom fhaighinn air oideachadh, trèanadh is trusadh, is draibheadh co-ionannachd gnè nas motha is #Cumail An Gealladh do ar cloinn aig a bheil eòlas air cùram.

Tha fios againn nach lìbhrig maoineachadh cùraim-chloinne aois-sgoile a-mhàin na toraidhean sòisealta nas fharsainge a tha sinn a' sireadh. Sin an t-adhbhar a tha sinn ag obair gu dlùth thairis rainnse phoileasaidhean le compàirtichean gus ionnsachadh is làn-mheudachadh na buannachdan aig tairgse maoinichte cùraim-chloinne aois-sgoile. Aithnichidh ar raointean gnìomha an iom-fhillteachd seo is tha ar dòigh-obrach stèidhichte air an duine is air an àite ag amas air cruthachadh siostaman ionadail gus coinneachadh feumalachdan na cloinne is teaghlaichean am broinn an coimhearsnachdan.

Figear 1: Mar a chuireas lèirsinn is draibhearan a' phoileasaidh Cùraim-chloinne Aois-sgoile ri toraidhean an Fhrèam-obrach Choileanaidh Nàiseanta
Seallaidh an diagram seo gun deach ar lèirsinn is prìomh dhraibhearan poileasaidh a mhapadh a rèir an Fhrèam-obrach Choileanaidh Nàiseanta.

Contact

Email: schoolagechildcare@gov.scot

Back to top