Curam-cloinne Aois-Sgoile Fream-obrach - Gearr-chunntas Gniomhach

Gaelic version of the executive summary provides a condensed overview of the main School Age Childcare Delivery Framework publication.


Dè a dhèanas sinn is ciamar

Bidh ar dòigh-obrach son dealbhadh is togail siostam cùraim-chloinne stèidhichte air an duine is air an àite. Tha seo a' ciallachadh gu bheil taic is comas aig muinntir na h-Alba làn-phàirt a ghabhail ann am mìneachadh, dealbhadh is lìbhrigeadh na seirbheisean poblach aca.

Doimhnichidh sinn ar tuigse air mar a tha an siostam cùraim-chloinne aois-sgoile ag obair tro bhith a' tuigse eòlas iadsan a tha na lùib, ge be a bheil na daoine ud a' cleachdadh sheirbheisean cùraim-chloinne aois-sgoile, a' solarachadh sheirbheisean, no a' cur taic riutha. Tha sinn an dùil gum bi feumalachdan theaghlaichean, is na goireasan ri fhaotainn gus freagairt na feumalachdan sin, diofraichte eadar coimhearsnachdan na h-Alba. Le bhith a' leantainn dòigh-obrach a lìbhrigeas na toraidhean a tha cudromach ri coimhearsnachdan sònraichte, tha sinn ag aithneachadh gu mathaid gu lean co-dhealbhadh ri siostaman is seirbheisean cùraim-chloinne aois-sgoile sònraichte ann an àitichean eadar-dhealaichte.

Tha ar 'Plana air duilleig' na dhreachd air mar a thogas is a lìbhrigeas sinn siostam cùraim-chloinne aois-sgoile:

Mìnichidh an diagram seo ar lèirsinn is na ceumanan a leanas sinn gus dealbhadh siostam cùraim-chloinne aois-sgoile a bhios air a mhaoineachadh do chloinn aois bun-sgoile bho dhachaighean le teachd a-steach ìosal.

Contact

Email: schoolagechildcare@gov.scot

Back to top