Curam-cloinne Aois-Sgoile Fream-obrach - Gearr-chunntas Gniomhach
Gaelic version of the executive summary provides a condensed overview of the main School Age Childcare Delivery Framework publication.
Ar Raointean Gnìomha
An lùib togail siostam cùraim-chloinne aois-sgoile tha a bhith a' dealbhadh gach cuid seirbheisean cùraim-chloinne aois-sgoile is na structaran siostaim a thaiceas is a cheanglas na seirbheisean ri chèile.
Le 'Togail an t-siostaim' nì sinn cinnteach gum bi na structaran siostaim nàiseanta a thaiceas an lìbhrigeadh aig tairgse maoinichte cùraim-chloinne aois-sgoile a' coileanadh feumalachdan iadsan a bhios a' cleachdadh cùraim-chloinne aois-sgoile, is iadsan a bhios na sholaradh. Bidh sinn:
- A' meòrachadh feumalachdan reachdais sam bith a dh'fhaodadh a bhith a dhìth.
- Ag aithneachadh roghainnean a b' urrainn a bhith ann gus tairgse maoinichte teachdail de chùram-cloinne aois-sgoile fhaighinn do theaghlaichean.
- A' cumail oirnn a' scòpadh roghainnean a b' urrainn a bhith ann son lìbhrigeadh tairgse teachdail cùraim-chloinne aois-sgoile gu teaghlaichean, a' coimhead gu dlùth ris na buannachdan aig modailean lìbhrigidh diofraichte is mar a fhreagras iad na tha teaghlaichean air innse dhuinn a dh'obraicheadh as fheàrr dhaibhsan.
- A' meòrachadh cò ris a bu chòir frèam-obrach riaghlaidh làidir do chùram-cloinne aois-sgoile, a thaiceadh càileachd, nuadhas is fàs anns an roinn, a bhith coltach.
- A' dearbhadh gu bheil am frèam-obrach teisteanais do chùram-cloinne aois-sgoile ion-amasach, a' figh a-steach càileachd, a' freagairt ri feumalachdan cloinne aois-sgoile gu lèir, is cinnteach de feachd-obrach seasmhach thairis an roinn san ùine-fhada.
- A' cumail sgrùdadh airidheachd gus dòigh-obrach chunbhalach a leasachadh leis an tomhas sinn airidheachd air tairgse maoinichte teachdail sam bith de chùram-cloinne aois-sgoile.
- A' meòrachadh far an urrainn an siostam làithreach a leasachadh, gu h-àraid dèanamh cinnteach gun urrainn pàrantan, luchd-cùraim is solaraichean gu farasta fiosrachadh fhaighinn mu chùram-cloinne aois-sgoile.
Le Measadh an atharrachaidh, tha sinn mu thràth a' coimiseanadh is a' maoineachadh obair ann an coimhearsnachdan gus cùram-cloinne aois-sgoile a thoirt do na teaghlaichean as motha a dh'fheumas e gus ionnsachadh bho na tha ag obair aig ìre ionadail is aithneachadh na h-atharrachaidhean a
tha a dhìth aig ìre nàiseanta.
- Tha obair mu thràth air tòiseachadh sna raointean seo gus tuigse feumalachdan cùraim-chloinne is tha sinn mu thràth air tòiseachadh lìbhrigeadh seirbheisean maoinichte cùraim-chloinne aois-sgoile do theaghlaichean aig am biodh trioblaid pàigheadh air an son. Bidh sinn:
- A' meòrachadh ciamar as fheàrr dealbhadh is lìbhrigeadh seirbheisean seasmhach as urrainn taiceadh teaghlaichean fad na bliadhna.
- A' cur rannsachadh is eòlas làithreach gu feum, bho iadsan a tha a' faighinn is a' lìbhrigeadh seirbheisean speisealach de dh'àrd-chàileachd, gus a bhith soilleir mun mhaoineachadh, modailean trusaidh is àrainneachdan de dh'àrd-chàileachd a tha a dhìth gus lìbhrigeadh tairgse cùraim-chloinne aois-sgoile do chloinn, ge be dè am feumalachdan.
- A' sgrùdadh is a' measadh an iarrtais son biadh is na toraidhean do chloinn is teaghlaichean gus freagairt ri dì-thèarainteachd bìdh ann an dòigh stèidhichte air còraichean, le urram
is gun stiogma. - Ag ullachadh is a' feuchainn co-dhùnaidhean a thaiceas seasmhachd seirbheisean riatanach cùraim-chloinne aois-sgoile am broinn choimhearsnachdan dùthchail is eileanach.
Contact
Email: schoolagechildcare@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback