'A' Dìon-Eilein' do chuid obrach A' cur an aithne Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach (MBCE)

This leaflet provides an overview of the Island Communities Impact Assessment process and has been designed to complement existing guidance and support those working through the process.


'A' Dìon-Eilein' do chuid obrach

A' cur an aithne Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach (MBCE)

Tha sibh a' leasachadh poileasaidh, ro-innleachd, lagh no seirbheis ùr. Tha sibh ag iarraidh gun obraich e don a h-uile duine ann an Alba.

Faodaidh saoghal muinntir nan eileanan Albannach a bhith caran diofraichte bho shaoghal nam mòr-thìreach.

Le sin, feumar beachdachadh – dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air coimhearsnachdan eileanach? Agus dè ghabhas dèanamh ma dheidhinn?

Sin cnag na cùise aig Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach.

Carson a dh'fheumas mi Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach?

Ann an Alba, feumaidh Ùghdarrasan Ionadail, Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach eile Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach a ghabhail os làimh nuair a bhios dùil poileasaidh, ro-innleachd, seirbheis no reachdas sam bith a leasachadh, ath-sgrùdadh no a lìbhrigeadh a dh'fhaodadh bualadh air coimhearsnachdan eileanach ann an dòigh air leth. Tha seo mar dhleastanas fo Achd nan Eilean (Alba) 2018.

Seo an lagh, ach chan e an lagh a-mhàin a th' ann. Bithidh seo a' glèidheadh prionnsabalan: cothromachd agus aonta sòisealta.

Ged nach eil ar coimhearsnachdan eileanach uile ionnan, is minig a bhios dùbhlain romhpa an taca ri tìr-mòr agus sgìrean bailteil – air sgàth astair, cruth-tìre, comas-ceangail agus an t-sluaigh. Dh'fhaodadh ceistean no cnapan-starra a bhith ann nach tugadh fainear a bhitheadh nam bacadh air eileanaich.

Eisimpleirean de shuidheachadh eadar-dhealaichte ann an eileanan:

  • Cosgaisean nas àirde air lìbhrigeadh agus goireasan leithid dealain
  • Turais nas fhaide, nas toinnte agus nas daoire gu foghlam, obair, cur-seachadan agus cùram-slainte
  • 'S minig a bhios taigheadas freagarrach aig cosgaisean ruigsinneach gann ann an eileanan
  • Dh'fhaodadh iomallachd agus aonaranachd a bhith nan adhbhar-dragha air eileanaich
  • Ma bhios an sluagh a' crìonadh agus a' fàs aosta, mar a tha a' tachairt ann an cuid a dh'eileanan, bidh foghlam, cùram-slàinte is eile nas duilghe ri lìbhrigeadh
  • Tha droch cheangal don eadar-lìn aig cuid de choimhearsnachdan eileanach.

"Chan ann gun tairbhe a tha coimhearsnachdan nan Eileanach ann an Alba.

Tha eileanaich airidh air seirbheisean a tha barraichte agus fosgailte dhaibh a cheart cho math 's a tha muinntir na tìre mòire.

Tha Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach dealbhaichte gus taic a chur ri beachdachadh gu cùramach air eileanan nur n-obair, agus sibh a' tionndainn ri poileasaidh, ro-innleachd no seirbheis ùr – bho thoiseach gu deireadh agus gu maireannach."

Rùnaire a' Chaibineit airson Chùisean Dùthchail agus Eileanan

Mairi Gougeon

Càbha

Am feum mi Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach a dhèanamh mu choinneamh a h-uile poileasaidh, ro-innleachd, reachdais no seirbheis?

Chan fheum.

Dìreach ma bhios buaidh air leth aig do phoileasaidh, ro-innleachd, lagh no seirbheis air coimhearsnachdan eileanach.

Ach feumaidh sibh an còmhnaidh measadh co-dhiù am faodadh buaidh gu math eadar-dhealaichte a bhith ann air eileanaich.

Agus mas e ur co-dhùnadh 'cha bhi', feumaidh sibh:

  • clàradh do cho-dhùnadh nach tèid MBCE a dhèanamh
  • fianais a thoirt seachad air mar a thàinig sibh don cho-dhùnadh ud
  • na h-adhbharan a chur an cèill.

De mu dheidhinn reachdais?

Feumaidh Ministearan an Riaghaltais beachdachadh an toir laghan ùra buaidh air leth air coimhearsnachdan eileanach. Mar sin, feumaidh reachdas a thoirt fon mheasadh a rèir MBCE cuideachd.

Ciamar a chuireas sinn eòlas air coimhearsnachdan eileanach?

Dìreach mar le leasachadh de poileasaidh no ro-innleachd eile, gabhaidh co-chomhairleachadh a chur air bhonn ann an iomadh dòigh.

Cha ruigear a leas a dhol timcheall gach eilein ann an Alba. Faodaidh sibh an dàta a tha ann mu-thràth a chleachadh, no suirbhidh a chur ri co-chomhairleachadh eile. Is iomadh roghainn a th' ann.

Tha tuilleadh comhairle ri fhaotainn ann an stiuireadh MBCE gu h-iomlan air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba.

Cuin a thòisicheas mi?

Tha e riatanach gun tòisichear air Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach on chiad char nuair a thèid poileasaidh, ro-innleachd, reachdas no seirbheis a leasachadh.

Chan e roghainn a ghabhas a chur ris aig an deireadh: feumaidh sibh smaoineachadh air feumalachdan agus beachdan nan coimhearsnachdan eileanach bhon chiad dol a-mach.

Ciamar a nì mi e?

Tha seachd ceuman ann, a tha air fhoillseachadh anns na duilleagan a leanas.

Dè cho fad 's a bheir e?

Chan e obair fhaoin gun chnuasachadh a tha seo. Feumaidh i beagan ùine agus aire bhuaibhse agus bho ur cuid cho-obraichean.

Ach tha taic agus stiùireadh ri fhaotainn, agus 's fhiach an t-saothair gus a bhith cinnteach gum bi poileasaidh gu feum do choimhearsnachdan eileanach cho math ri coimhearsnachdan na tìre mòire.

Càite am faigh mi cobhair?

Tha taic agus stiùireadh gu leòr ann. Faicibh na ceanglaichean air an duilleig mu dheireadh den bhileig seo.

No faighnichibh de Sgioba nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba aig info@islandsteam.scot

Na Seachd Ceuman

Ceum 1: Cuiribh an cèill tuigse shoilleir dhe ur n-amais

  • Smaoinichibh am faodadh buaidh air leth a bhith aig poileasaidh, ro-innleachd no seirbheis air coimhearsnachdan eileanach.
  • Mas e gum faodadh, ciamar a ghabhas droch bhuaidh air eileanaich a lùghdachadh?
  • Cuimhnichibh air atharrachaidhean a rèir na buaidh air eileanan eadar-dhealaichte.
  • Feuchaibh buannachd sam bith do choimhearsnachdan eileanach.

Ceum 2: Cruinnichibh ur cuid dàta agus sònraichibh an fheadhainn air am bi buaidh

  • Thoiribh an aire am bi fios eile ri lorg.
  • Siribh, cuiribh an òrdugh agus measraich air an data a tha ri fhaotainn air sgaradh sam bith eadar eileanan agus an tìr mòr, agus eadar eileanan fhèin.
  • Chithear far am faighear dàta ann an làn stiùireadh MBCE air-loidhne.
  • Feuchaibh far a bheil beàrnan san dàta.
  • Thoiribh cuireadh do luchd-ùidhe, eòlaichean nan eilean agus riochdairean do bhuidhnean a dh'fhaodas an cuid eòlais agus am beachdan a thoirt seachad.

Ceum 3: Co-chomhairle

  • Gabhaibh comhairle bho Ùghdarrasan Ionadail a tha ann an clàr Achd nan Eilean, agus o bhuidhnean a bhios a' beantainn ri poileasaidh, ro-innleachd, reachdas no seirbheis a tha fainear dhuibh.
  • Gabhaibh fios fhaighinn air ais o choimhearsnachdan eileanach le bhith

- a' cleachdadh dàta a tha ann mu-thràth

- a' cur air dòigh tachartasan air-loidhne

- a' sgaoileadh fios ann am meadhanan clò ionadail, air rèidio ionadail agus air sanasairean

- a' dèanamh ceangal ri co-chomhairlean eile a bhios ann.

Ceum 4: Measadh air Gnothaichean

  • Leis an tuigse a fhuair sibh, faodar tòiseachadh air measadh air na cnapan-starra agus air a' bhuaidh air coimhearsnachdan eileanach a dh'adhbhraicheadh na poileasaidhean, ro-innleachd, reachdas no seirbheis agaibh, agus mar a ghabhas iad sin a làimhseachadh.
  • Chan e aon fhuasgladh a fhreagradh a h-uile coimhearsnachd eileanach nas mò na a fhreagradh coimhearnsachd san tìr mhòr.
  • Feumaidh sibh cnuasachadh air riochd an t-sluaigh, eaconomachd agus suidheachaidhean sòisealta is cultarail, agus am bi buaidh air leth air gach coimhearsnachd eileanaich?
  • Feumar toradh a' mheasaidh sin a chlàradh.

Ceum 5: Ag ullachadh MBCE

- Cunntas a thoirt air a' bhuaidh air leth a dh'fhaodadh poileasaidh, ro-innleachd, reachdas no seirbheis a thoirt air coimhearsnachdan eileanach

- innse mar as ghabhar toirt air toraidhean no buaidh eadar-dhealaichte a leasachadh.

"'S e deagh thoiseach-tòiseachdainn a tha ann an MBCE a chuireas ri measadh air buaidhean eile.

Leigidh e leinn meòrachadh air an dà chuid dùbhlain agus tairbhe. Thàinig liosta de ghnìomhan a chuidicheas sinn san àm ri teachd, agus thug e cothrom smaoineachadh air mar a chumas sinn co-phàirteachadh leantainneach"

Matthew Shepherd

Àrd-Chomhairliche Phrògram agus Poileasaidh

Ceum 6: A' dèanamh atharraichean nur cuid obrach

  • An dèidh dhuibh measadh air na buaidhean a dh'fhaodadh a bhith air coimhearsnachdan eileanach, dealbhaichibh na ghabhas a leasachadh ann am poileasaidh, ro-innleachd no seirbheis gus a bhuaidh air coimhearsnachdan eileanach a leasachadh – agus mar a ghabhas sibh sin os làimh.
  • Smaoinichibh air comharran no targaidean a chleachdadh a bhios gu sònraichte freagarrach do dh'eileanan.
  • Am feum na h-amais ann an Ceum a h-Aon atharrachadh?
  • Am b' fheàrr moladh no maothachadh fheuchainn gu beag an toiseach?

Ceum 7: A' foillseachadh MCBE

  • Mealaibh ur naidheachd – tha sibh ullamh!
  • Airson follaiseachd, feumaidh a h-uile MBCE fhoilleachadh.
  • Dìreach foillsichibh e air an làrach-lìn aig a' bhuidheann agaibh fhèin.

"Tha MBCE a' toirt dhuibh ceuman èifeachdach a dhearbhas gum bi ar n-eileanan a' faighinn cothrom na Fèinne." Àrd Oifigear Comhairle Siorrachd Inbhir Àir a Tuath

Far am faighear cobhair

A chiad uair, dh'fhaodar feagal a ghabhail ro Mheasadh na Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach.

Ach tha cuideachadh ri làimh.

Tha a' bhileag seo cuideachd ri fhaotainn ann am Beurla.

Ma tha tuilleadh taic no comhairle a dhìth oirbh, no freagairtean do cheistean, cuiridh Sgioba nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba fàilte air sin, aig: info@islandsteam.scot

"Bha e air leth feumail dhuinn MBCE a dhèanamh.

Thug e oirnn smaoineachadh gu sònraichte air na suidheachaidhean fa leth a dh'fhaodadh bualadh air coimhearsnachdan eileanach" Lorne Frew Àrd-Oifigear Poileasaidh.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top