Flood resilience strategy consultation: Gaelic version
This consultation seeks your views on Scotland's first Flood Resilience Strategy, which will lay out what we need to do in the long term to make our places more flood resilient. The consultation asks questions about our proposed principles and the three key themes of people, places and processes
1. Ro-ràdh
Tha gnàth-shìde na h-Alba air atharrachadh gu ìre chudromach is atharraichidh i fhathast airson deichean de bhliadhnaichean ri thighinn. ’S e an dùbhlan as motha mu ar coinneimh a thaobh na gnàth-shìde a bhith a’ freagrachadh ris a’ chunnart a bharrachd a th’ ann bho thuiltean is mar a tha seo a’ toirt buaidh air ar daoine, àitichean is gnìomhan. ’S e tuiltean ann an Alba rudeigin ris am feum sinn freagrachadh is fàs cleachdte nar beatha.
Mar phàirt de Phlana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba agus ar dleastanasan nas fharsainge a thaobh Eadar-ghluasad Cothromach, tha Riaghaltas na h-Alba ag ullachadh Ro-innleachd airson a bhith Seasmhach an aghaidh Thuiltean. Cuiridh seo fòcas air na dh’fheumas sinn dèanamh gus ar coimhearsnachdan a dhèanamh nas seasmhaich an aghaidh thuiltean sna deicheadan de bhliadhnaichean ri thighinn.
Nochd deich de na bliadhnaichean as teotha a th’ air a bhith againn anns an fhichead bliadhna mu dheireadh. Le gnàth-shìde nas blàithe chì sinn barrachd uisge geamhraidh. ’S urrainn seo an uair sin barrachd thuiltean aibhne adhbharachadh mar a chunna sinn sa gheamhradh an-uiridh air taobh an ear na h-Alba. ’S urrainn dha cuideachd ar fàgail le uisge samhraidh nas truime thairis ùine nas giorra – rud a dh’adhbhraicheas tuiltean nar bailtean nuair a tha siostaman drèanaidh is rathaidean fo uisge. Cuiridh àrdachadh ann an teothachd na cruinne cuideachd ri àrdachadh ìre na mara. Gach bliadhna às dèidh a chèile bidh sin a’ togail a’ chunnairt a th’ againn bho thuiltean is a’ cur ri bleith-thalmhainn ar costa.
Tha Riaghaltas na h-Alba air £42 millean gach bliadhna, is £150 millean a bharrachd tro bheatha na pàrlamaid seo, a chosg air ceumannan gus a’ bhuaidh a bhios aig tuiltean a lùghdachadh. A’ tòiseachadh ann an 2022, is e a’ maireachdainn fad ceithir bliadhna, thug Riaghaltas na h-Alba a-steach buidseat maoin-chalpa ùr de luach £12m a tha ri fhaotainn do dh’ùghdarrasan ionadail gus an urrainn dhaibh dèiligeadh ri atharrachaidhean anns na costaichean aca. Ach tha an cunnart a tha mu ar coinneimh fhathast a’ fàs air sgàth atharrachadh na gnàth-shìde. O chionn ghoirid tha tachartasan leithid Stoirm Babet air sealltainn gun urrainn do stoirmean nas motha fhathast tuiltean adhbhrachadh fiù ann an àitichean a stèidhich ceumannan gus an deagh dhìon an aghaidh thuiltean, mar Breichin.
Gus na buaidhean a bhios aig tuiltean a lùghdachadh san àm ri teachd bidh sinn a cheart uimhir an urra ris mar a tha ar n-àitichean air an dealbh sa tha sinn ri mar a tha ar gnìomhan an aghaidh thuiltean air an dealbh.
Gus an dèan sinn an gnothach seasamh ri àrdachadh thuiltean anns na deichean de bhliadhnaichean ri thighinn feumaidh sinn tòiseachadh freagrachadh a dhèanamh air ar n-àitichean gus am bi iad nas seasmhaich an aghaidh thuiltean. A thuilleadh air a bhith a’ dèanamh na tha ar sgiobaidhean thuiltean a’ dèanamh an-dràsta, mar a bhith a’ togail rudan a tha gar dìon an aghaidh thuiltean, tha seo a’ ciallachadh gum feum sinn cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ beachdachadh air mar as urrainn dhuinn ar cunnart bho thuiltean a lùghdachadh anns a h-uile dòigh a tha againn. Ann an sgìrean bailteil thèid seo a dhèanamh tro bhith a’ toirt an sàs iadsan a bhios a’ dealbh agus a’ leasachadh ar bailtean. Ann an sgìrean dùthchail thèid a dhèanamh tro bhith a’ smaoineachadh mu mar as urrainn na dòighean anns a bheil sinn a’ cleachdadh agus a’ stiùireadh ar fearainn cuideachadh le lùghdachadh nam buaidhean a bhios aig tuiltean.
An lùib seo anns an ùine-fhada bidh againn ri talamh a bharrachd a thoirt seachad do ar n-aibhnichean is costaichean le bhith, mean air mhean, a’ gluasad nas fhaide air ais bho na h-àitichean as miosa a tha fo uisge is a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil gnìomhan anns na h-àitichean ud gus am bi iad seasmhach nuair a tha tuiltean ann. Tha Frèam Planaidh Nàiseanta na h-Alba (FPN4) mu thràth a’ cur ris an t-seasmhachd againn tro bhith a’ cur ìmpidh air daoine gun a bhith a’ togail no a’ leasachadh rudan ann an àitichean a tha fo chunnart thuiltean no air a’ chosta is a dh’fhaodadh bleith-thalmhainn fhulang san àm ri teachd.
’S e amas na Ro-innleachd airson a bhith Seasmhach an aghaidh Thuiltean ar gluasad air falbh bho bhith a’ smaoineachadh gun urrainn dhuinn “fuasgladh fhaiginnn air trioblaidean a thig bho thuiltean” gu suidheachadh far a bheil sinn ag obair thairis air iomadach roinn gus àitichean a chruthachadh a tha seasmhach an aghaidh thuiltean. An lùib seo tha a bhith a’ cleachadh nan cothrom uile a tha againn gus an cunnart bho thuiltean a lùghdachadh is a’ bhuaidh a bhios ann nuair tha ar n-àitichean fo thuil a lùghdachadh.
Nochd molaidhean a’ phàipeir cho-chomhairleachaidh seo bho phrògram conaltraidh le coimhearsnachdan a tha fo chunnart bho thuiltean is luchd-ùidhe anns an fharsaingeachd. Às an sin tha e a’ cur air adhart prìomh phrionnsabalan gus cruth a chur ris an dòigh-obrach againn ann a bhith a’ leasachadh ar seasmhachd an aghaidh thuiltean anns na deichean de bhliadhnaichean ri thighinn. Tha àireamh de dh’atharraichean mòra air am moladh a dh’fhaodadh a bhith riatanach gus seo a choileanadh.
Bidh ur freagairt ris a’ cho-chomhairleachadh seo gar cuideachadh ann a bhith ag ullachadh na ro-innleachd. Tha sinn a’ sireadh ur beachdan air na prìomh phrionnsabalan stiùiridh againn is na gnìomhan a leanas sinn gus ar seasmhachd an aghaidh thuiltean ann an Alba a leasachadh. Gus seasamh ri dùbhlan atharrachadh na gnàth-shìde feumaidh fada a bharrachd dhaoine na bha roimhe tighinn an sàs anns an oidhirp an aghaidh thuiltean. Leis an seo tha ur freagairt deatamach gus ro-innleachd ullachadh a tha ag obair dhan a h-uile duine.
A’ toirt bheachdan seachad sa Cho-chomhairleachadh seo
Tha sinn a’ sireadh bheachdan airson a’ cho-chomhairleachaidh seo ro no air Dimàirt 13 Lùnastal.
Am biodh sibh cho math pàirt a ghabhail sa cho-chomhairleachadh seo le bhith a’ cleachdadh goireas co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba, Citizen Space. Faodaidh sibh an co-chomhairleachadh seo fhaicinn agus pàirt a ghabhail ann aig Flood Resilience Strategy Consultation. Faodaidh sibh na freagairtean agaibh a shàbhaladh agus tilleadh thuca fhad ’s a tha an co-chomhairleachadh fosgailte. Feuch gun dèan sibh cinnteach gu bheil sibh air na freagairtean agaibh a chur a-steach mus crìochnaich an co-comhairleachadh air Dimàirt 13 Lùnastal.
Mura h-urrainn dhuibh freagairtean a chur a-steach tron ghoireas cho-chomhairleachaidh air-loidhne againn, faodaidh sibh Foirm Fiosrachaidh an Neach-fhreagairt a lìonadh a-steach agus a thilleadh gu:
Sgioba nan Tuiltean
Riaghaltas nah-Alba
3 J a Deas
Cidhe Bhictòria
Dùn Èideann, EH6 6QQ
Na nì sinn leis na freagairtean agaibh
Ma fhreagras sibh tron ghoireas cho-chomhairleachaidh, thèid ur stiùireadh chun na duilleige, Mur Deidhinn Fhèin, mus cuir sibh na freagairtean agaibh a-steach. Feuch gun innis sibh dhuinn ciamar a b’ fheàrr leibh a làimhsicheamaid na freagairtean agaibh, agus gu sònraichte, a bheil sibh toilichte leigeil leinn na freagairtean agaibh fhoillseachadh. Ma dh'iarras sibh oirnn gun am foillseachadh, bidh sinn a' sealltainn orra mar fhiosrachadh dìomhair, agus thèid an làimhseachadh mar sin.
Bu chòir dhan a h-uile neach-freagairt cuimhneachadh gum feum Riaghaltas na h-Alba cumail ri cumhachan Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 agus mar sin dh’fheumamaid beachdachadh air iarrtas sam bith a gheibheamaid fon Achd airson fiosrachadh co-cheangailte ri freagairtean sa cho-chomhairleachadh seo.
Airson fiosrachadh air mar a làimhsicheas sinn ur dàta pearsanta, coimheadaibh air ar poileasaidh airson prìobhaideachd:
An ath cheum sa phròiseas
Nuair a tha luchd-freagairt air cead a thoirt seachad na freagairtean aca fhoillseachadh gu poblach, agus às dèidh dhuinn dèanamh cinnteach nach eil susbaint annta a dh’fhaodadh a bhith tuaileasach, thèid na freagairtean sin fhoillseachadh gu poblach air Citizen Space. Ma chleachdas sibh an goireas co-chomhairleachaidh gus freagairtean a thoirt seachad, gheibh sibh lethbhreac dhiubh ann am post-d.
Às dèidh a’ chinn-latha airson fhreagairtean, thèid sgrùdadh is beachdachadh a dhèanamh orra agus air fianais sam bith eile a bhios feumail dhuinn. Thèid freagairtean fhoillseachadh far an d’ fhuair sinn cead sin a dhèanamh. Thèid aithisg sgrùdaidh fhoillseachadh cuideachd.
Beachdan is gearanan
Ma tha beachdan agaibh air mar a chaidh an co-chomhairleachadh seo a chumail, faodaidh sibh an cur chun an t-seòlaidh gu h-àrd no gu flooding_mailbox@gov.scot.
Modhan co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba
Tha cothroman co-chomhairleachaidh nam pàirt riatanach dhen phròiseas gus poileasaidhean a dhealbh. Tha iad a’ toirt cothrom dhuinn ealla a ghabhail ri ur beachdan is eòlas air raon obrach air a bheilear a’ coimhead.
Gheibh sibh a h-uile co-chomhairleachadh againn air-loidhne aig: Citizen Space. Bidh gach co-chomhairleachadh a’ mìneachadh nan cùisean air a bheilear a’ beachdachadh, agus na dòighean san urrainn dhuibh ur beachdan a thoirt dhuinn, eadar goireasan air-loidhne, post-d no sa phost.
Thèid sgrùdadh a dhèanamh air freagairtean agus gabhar ealla riutha nuair a thathar a’ dealbh phoileasaidhean, agus ri farsaingeachd de dh’fhiosrachadh is fianais eile a tha ri fhaotainn. Foillsichidh sinn aithisg air an sgrùdadh a nithear airson gach co-chomhairleachadh. A rèir dè seòrsa co-chomhairleachaidh a bhios ann, dh’fhaodadh gun tèid na freagairtean a chleachdadh airson na leanas:
- airson sealltainn gu bheil feum air leasachadh a thoirt air no ath-sgrùdadh a dhèanamh air poileasaidhean
- gus stiùireadh a thoirt do mar a thèid poileasaidh sònraichte a dhealbh
- gus cuideachadh gus roghnachadh eadar diofar mholaidhean a thaobh phoileasaidhean
- gus cuideachadh le bhith ag aontachadh na dreachd mu dheireadh de reachdas mus tèid a chur an gnìomh
Ged a dh’fhaodadh na suidheachaidhean sònraichte a thèid a mhìneachadh ann am freagairt do cho-chomhairleachadh a bhith feumail ann a bhith a’ dealbh phoileasaidhean, chan urrainnear dèiligeadh ri beachdan is draghan pearsanta ann an co-chomhairleachadh, agus bu chòir fios mu dheidhinn leithid a bheachdan a chur gu buidheann phoblach bhuntainneach.
Dè a th’ ann an seasmhachd bho thuiltean?
’S e seasmhachd bho thuiltean ar comas tuiltean a sheachnadh agus, far nach urrainn an seachnadh, a bhith buileach ullaichte, a’ dèiligeadh gu math riutha, is a’ tilleadh gu luath bho bhuaidh dhroch thachartasan tuileachaidh.
Meas - Tha seo mu a bhith a’ tuigsinn far an tachair tuiltean is dè a’ bhuaidh a bhios ann nuair a thachras. ’S urrainn seo ar cuideachadh an seachnadh, ullachadh a dhèanamh is dèiligeadh ri tuiltean.
Seachainn – Tha seo mu mar a lùghdaicheas sinn an cunnart ann an àitichean far am bi tuiltean. An lùib seo tha a bhith a’ seachnadh leasachadh ùr ann an àitichean far am bi tuiltean, àitichean a tha ann an cunnart bho bhleith-talmhainn is a bhith a’ dèanamh cinnteach nach eil bun-structar riatanach air a mhilleadh le tuiltean. Na lùib cuideachd tha a bhith ag atharrachadh ghnìomhan ann an àitichean anns a bheil tuiltean daonnan a’ tachairt. Mar eisimpleir ma tha coimhearsnachd tric an cunnart bho thuiltean ’s mathaid gur e aon roghainn gus seasmhachd a thogail an aghaidh thuiltean anns an ùine-fhada a bhith gu slaodach a’ gluasad air ais bhon àite thuilteach thairis ùine.
Ullaich – Far nach urrainn dhuinn tuiltean a sheachnadh ann an àitichean sònraichte feumaidh sinn ullachadh. An lùib a bhith ullaichte tha a bhith mothachail den chunnart bho thuiltean, àitichean a bhith againn a tha air an deagh dhealbh is air am freagrachadh ris a’ chunnart bho thuiltean, deagh ro-aithrisean tuile is siostaman rabhaidh a bhith an àite, a bhith deiseil gus dèiligeadh ri is dìon a dhèanamh air àitichean bho thuiltean. B’ urrainn sin a bhith a’ gabhail a-steach structaran mòra airson ar dìon bho thuiltean mar a tha againn ann an iomadach baile, a bhith a’ cur ri dìon nàdarra air a’ chosta mar eisimpleir bho dùin-ghainmhich, no ceumannan beaga gus dachaighean a dhèanamh nas dìonaiche leithid bhacaidhean-tuile. Tha gnìomhan a dh’ionnsaigh seasmhachd an aghaidh thuiltean air an co-òrdanachadh tro Phlanaichean Riaghlaidh na h-Alba airson Chunnartan bho Thuiltean.
Dèilig - ’S e seo dè a bhios sinn a’ dèanamh nuair a tha tuiltean ann gus a bhith cinnteach gun cùm sinn sàbhailte is gus na buaidhean a chumail chun na h-ìre as ìsle. Na lùib tha gnìomhan nan seirbheisean èiginn, luchd-freagairt agus daoine fa leth eile. Bidh ar ro-aithrisean tuile is siostaman tràth-rabhaidh a’ cuideachadh choimhearsnachdan is seirbheisean-èiginn ann a bhith a’ dèiligeadh ri tuiltean. Cuideachd na lùib tha mar a dhèiligeas sinn ri cùisean às dèidh an tachartais tro bhith a’ gabhail ealla ris na dh’ionnsaich sinn agus dè as urrainn dhuinn dèanamh ann an dòigh eadar-dhealaichte san àm ri teachd gus na buaidhean a lùghdachadh an ath thuras a thachras e.
Ath nuadhachadh às dèidh thuiltean – ’S ann a tha seo mu dheidhinn cho luath ’s a thilleas sinn às dèidh thuiltean agus ann an dòigh a bhios gar fàgail nas seasmhaich an aghaidh thuiltean san àm ri teachd. Crochaidh ar comas ath-nuadhachaidh air cho math sa tha sinn air àitichean tuilteach a sheachnadh is dè cho math sa tha sinn air ullachadh a dhèanamh agus a tha sinn air dèiligeadh ri cùisean. Ma tha coimhearsnachdan math air ullachadh, tuiltean a sheachnadh agus air dèiligeadh riutha, ’s ann luath a thig ath-nuadhachadh orra.
Cùl-fhiosrachadh
Gheall Riaghaltas na h-Alba co-chomairleacheadh a chumail air ro-innleachd thuiltean ùr airson Alba anns a’ Phrògram airson Riaghaltas 2022-2023. Bha seo gus seasmhachd bho thuiltean a thogail aig ìre na coimhearsnachd is gus dol an sàs ann an conaltradh le measgachadh nas motha de chom-pàirtichean lìbhrigidh tron deigheadh measgachadh nas motha de ghnìomhan riaghlaidh an aghaidh thuiltean a lìbhrigeadh aig astar nas luaithe.
Thairis air 2023 tha sinn air prògram conaltraidh a leantainn, air a lìbhrigeadh le Sniffer, ClimateXChange is Fòram Thuiltean na h-Alba a’ faighneachd do riochdairean coimhearsnachd, luchd-cleachdaidh, is luchd-rannsachaidh dè na gnothaichean ris am feum an Ro-innleachd airson a bhith Seasmhach an aghaidh Thuiltean dèiligeadh.
An lùib seo bha 12 bùithtean-obrach far an do nochd còrr air 300 neach is suirbhidh air-loidhne a ruith thairis air an Dàmhair is an t-Samhain agus a fhuair 57 freagairtean.
Dh’ullaich Sniffer aithisg a a thog air na thuirt daoine aig na bùithtean-obrach sin agus tha sinn air an aithisg seo a chleachdadh gus cuideachadh gus cumadh a chur ris an ro-innleachd a tha sinn a’ moladh.
Stèidhichidh an Ro-innleachd an t-slighe is frèam-obrach a bhios againn thairis air an ùine-fhada gus togail ar seasmhachd bho thuiltean gach cuid gu h-ionadail is gu nàiseanta.
Thèid seo a dhèanamh tro na ceumannan a leanas:
- A’ cur an cèill an atharrachaidh a dh’fheumas sinn dèanamh air fad anns an dòigh a tha sinn a’ dèiligeadh ri tuiltean, bho a bhith “a’ faighinn fuasgladh air trioblaidean a thig bho thuiltean” gu bhith a’ cruthachadh àitichean a tha seasmhach an aghaidh thuiltean.
- A’ mìneachadh nam prionnsabalan a dh’fheumas sinn leantainn gus seasmhachd bho thuiltean a thogail san ùine a tha romhainn.
- A’ mìneachadh nan atharrachaidhean àrd-ìre a tha a dhìth gus seo a dhèanamh comasach.
Cuidichidh an Ro-innleachd Alba ann a bhith a’ dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde is bidh i a’ a’ cur taic ri Treas Plana Freagrachaidh na h-Alba (TPFA3), a thathar an dùil fhoillseachadh as t-Fhoghar 2024.
Contact
Email: flooding_mailbox@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback