Flood resilience strategy consultation: Gaelic version
This consultation seeks your views on Scotland's first Flood Resilience Strategy, which will lay out what we need to do in the long term to make our places more flood resilient. The consultation asks questions about our proposed principles and the three key themes of people, places and processes
2. An argamaid airson atharrachadh
Tha a’ phàirt seo a’ mìneachadh carson a dh’fheumas sinn atharrachadh, gach cuid gus rian a chumail air a’ chunnart dhuinn bho thuiltean, is gus buaidh thuiltean a lùghdachadh nuair a thachras iad.
Tha ar gnàth-shìde ag atharrachadh
Air sgàth atharrachadh na gnàth-shìde ro 2100:
- Cumaidh ìrean na mara far costa na h-Alba ag èirigh, aig astar nas luaithe is e air a thomhas gum bi iad co-dhiù 80cm nas àirde is suas gu 1.90m nas àirde
- Tha e air a thomhas gum fàs an sileadh uisge as truime mu 50%
- Tha e air a thomhas gum fàs na sruthan aibhne as àirde mu 60%
Tha an cunnart bho thuiltean a’ fàs
Tha Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (BDÀA) ag aithris gu bheil an-dràsta mu thimcheall air 284,000 togalach air a mheas mar a bhith ann an cunnart bho thuiltean. Ro na 2080an thathar an dùil gum bi 110,000 togalach a bharrachd an cunnart air sgàth atharrachadh na gnàth-shìde.
Tha togail ar seasmhachd bho thuiltean fìor chudromach cuideachd gus ar seirbheisean riatanach a dhìon – nam measg uisge, goireasan poblach, agus còmhdhail. Chaidh am milleadh mòr is cosgail as urrainn tuiltean is àrdachadh na mara ri linn stoirmean a dhèanamh airar bun-structair a chur am follais leis na 11 stoirmean ainmichte a thachair ann an 2023/2024. Tha fios againn gum fàs na buaidhean seo fada nas miosa, mar sin feumaidh sinn gnìomhan a chur an sàs an-dràsta gus a bhith cinnteach gun urrainn dhuinn fhathast a bhith earbsach nar seirbheisean riatanach fhad ’s a dh’atharraicheas an gnàth-shìde.
Feumaidh ar n-oidhirpean freagairt air mar a tha na cunnartan a’ dol am meud
Gach bliadhna tha 2,000 togalach a bharrachd a’ tighinn fo chunnart bho thuiltean air sgàth atharrachadh na gnàth-shìde. Anns na 15 bliadhna mu dheireadh chaidh ceumannan foirmeil gus ar dìon an aghaidh thuiltean a lìbhrigeadh aig ìre de mu thimcheall air 600 togalach gach bliadhna. Tha seo buileach a’ cur am follais am feum a tha ann air an ro-innleachd seo is cuideachd astar nas luaithe ann a bhith a’ lìbhrigeadh seasmhachd nas fheàrr an aghaidh thuiltean.
Tha buaidh ionmhasail thuiltean a’ fàs
Anns na Planaichean Riaghlaidh airson Cunnart bho Thuiltean a dh’fhoillsich BDÀA ann an 2022 chaidh aithris gu bheilear a-nis an dùil gu bheil buaidh thuiltean ann an Alba a’ cosg mu £260 millean gach bliadhna.
Cumaidh am figear seo ag èirigh leis an atmhorachd is leis an uimhir a bharrachd de thogalaichean is bun-structar a thig fo chunnart bho thuiltean air sgàth atharrachadh na gnàth-shìde.
Tha sgeamaichean dìon airson tuiltean air costaichean is aibhnichean riatanach ann an cuid a dh’àitichean gus a bhith cinnteach gum bi ìre de sheasmhachd an aghaidh thuiltean ann. Ach tha ùine a dhìth gus iad seo a phlanadh is a thogail agus tha cosgais mhòr nan lùib a bhios tric a’ fàs eadar a bhith a’ tòiseachadh a’ phlanaidh is a’ cur crìoch air an togail.
Tha sinn aig ìre thràth san tuigse a tha againn air na cunnartan is dùbhlain a tha an lùib bleith-thalmhainn agus tuileachadh air a’ chosta. Ach tha fios againn gur e dùbhlan mòr a bhios ann seasmhachd nas fheàrr a chur air dòigh do ar coimhearsnachdan air a’ chosta.
Gus an ìre as fheàrr de sheasmhachd bho thuiltean a thoirt do ar coimhearsnachdan uile tha againn ri beachdachadh gu faiceallach air na dòighean anns an tèid seo a lìbhrigeadh is beachdachadh air a h-uile maoin a tha ri fhaotainn gus pàigheadh son seo.
Tha fòcas air a bhith air taghadh cumhaing de ghnìomhan riaghlaidh airson tuiltean
Gu traidiseanta tha a’ chuid as motha den phrìomh bhuidseat airson thuiltean air a bhith air a chosg air lìbhrigeadh sgeamaichean dìon mòra gus bailtean a dhìon bho thuiltean air a’ chosta agus ri taobh aibhnichean. Ri linn seo tha nas lugha airgid air a bhith ann do cheumannan eile leithid a bhith a’ stiùireadh uisge air bàrr an talmhainn, dìon bho thuiltean aig ìre thogalaichean , a bhith a’ dìon choimhearsnachdan nas lugha bho thuiltean no a bhith a’ cur air adhart dhòighean nàdarra gus rian a chumail air tuiltean.
Gnìomhan Rian airson Thuiltean
Tron phròiseas phlanaidh airson rian a chumail air cunnartan bho thuiltean, tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a’ cosg £42 millean gach bliadhna air gnìomhan gus cur ri seasmhachd bho thuiltean. Tha a’ mhòr-chuid den airgead seo air a chosg air sgeamaichean dìon airson thuiltean, leithid nan sgeamaichean a chaidh fhosgladh o chionn greis ann an Stonehaven agus Obar Bhrothaig.
Ach b’ urrainn do chuibhreann den airgead seo a bhith air a chosg air farsaingeachd nas motha de ghnìomhan. Am measg iad seo bhiodh bun-structar gorm-uaine, dòighean nàdarra gus rian a chumail air tuiltean, agus seasmhachd bho thuiltean aig ìre choimhearsnachdan – gnìomhan uile aig am biodh iomadach buannachd.
Dòighean nàdarra gus rian a chumail air tuiltean– ’s iad seo dòighean a tha stèidhichte ann an nàdar is a tha a’ coimhead ris na cothroman uile gu lèir a tha rin lorg ann an raointean aibhne is air ar costa airson rian nàdarra agus fearainn a chleachdadh airson buaidh thuiltean a lùghdachadh. Am measg seo tha rudan leithid a bhith a’ cur chraobhan, ag ath-stèidheachadh mòintich gus uisge a ghlacadh, a’ cleachdadh chumaidhean-tìre is dòighean cleachdaidh fearainn gus uisge a ghlacadh is sruthan uisge a bhacadh, a’ faighinn an fheum as motha à raointean-tuile nàdarra gus uisge a ghlèidheadh agus a bhith ag ath-stèidheachadh dùin-ghainmhich agus bilearach air a' chosta againn. Tha dòighean rian nàdarra airson thuiltean tric air an cleachdadh còmhla ri gnìomhan eile gus seasmhachd a thogail an aghaidh thuiltean.
Tha Bun-structair Gorm-Uaine (BGU) air a chleachdadh gus uisge a stiùireadh is tuiltean a lùghdachadh nar bailtean. Na lùib tha a bhith a’ cur dealbhadh-uisge agus cruth-tìre an sàs ann an raointean a tha tric bailteil. ’S e an t-adhbhar aige a bhith a’ faighinn an fheum as motha bho raointean uaine bailteil is uisgeachan nàdarra gus sileadh uisge a ghlacadh far an tuit e is lùghdachadh a thoirt air na h-uimhir a bhios a’ ruith air falbh is na h-uimhir a bhios a’ sruth dha na siostaman drèanaidh againn. Bidh e a’ toirt ri chèile eileamaidean gorma, mar aibhnichean, lòintean, goireasan giullachd uisge agus eileamaidean uaine, mar chraobhan, pàircean agus planadh cleachdaidh-fhearainn.
’S e Seasmhachd aig Ìre Choimhearsnachdan a th’ ann nuair a tha coimhearsnachdan is daoine fa leth a’ faighinn taic gus iad fhèin ullachadh airson, dèiligeadh ri is a’ faighinn seachad air buaidh thuiltean. Am measg seo dh’fhaodadh a bhith rudan leithid a bhith a’ toirt maoineachadh do bhuidhnean tuileachaidh coimhearsnachd gus tòiseachadh, airson trèanadh agus gus uidheamachd a cheannachd. Mar eisimpleir, fhuair Buidheann Thuileachaidh Èigill, a chaidh a chruthachadh ann an 2013, maoineachadh bho Mhaoin nan Coimhearsnachdan Seasmhach aig Lìonraidhean Cumhachd na h-Alba agus a’ Chinn a Deas airson bacaidhean-tuile a thèid a chur an àird nuair a tha cunnart ann bho thuiltean. Tro thrèanadh agus obair chunbhalach tha iad air stad a chur air a’ bhaile aca bho bhith air a thuileachadh bhon a chaidh na bacaidhean a stèidheachadh. Tha rabhaidhean-tuile a’ leigeil le coimhearsnachdan ullachadh is dèiligeadh ri tuiltean is tha iad nam prìomh phàirt de sheasmhachd aig ìre choimhearsnachdan.
’S urrainn dhan a h-uile duine cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean
’S urrainn dhan a h-uile duine cuideachadh le bhith a’ cur ri ar seasmhachd an aghaidh thuiltean. Mar eisimpleir:
Luchd-planaidh – ’s urrainn dhaibhsan dèanamh cinnteach gu bheil ar n-àitichean air an dealbh gus dèiligeadh
ri àrdachadh uisge agus thuiltean. Thèid seo a dhèanamh, mar eisimpleir, le bhith a’ cur stad air leasachaidhean air an raon-tuile is a’ meòrachadh ciamar a chuireas na co-dhùnaidhean aca ri seasmhachd a’ bhaile an aghaidh thuiltean.
Ailtirean crutha-tìre agus luchd-dealbhaidh àite – ’s urrainn dhaibhsan dèanamh cinnteach gu bheil deagh chleachdadh airson stiùireadh uisge is dealbhadh raointean uaine air a chur an sàs aig a h-uile ìre den phròiseas dhealbhaidh bho mhòr-phlanaichean gu leasachaidhean fa leth.
Riaghaltas na h-Alba - ’s urrainn don Riaghaltas dèanamh cinnteach gun cuir poileasaidhean iomchaidh ri ar seasmhachd an aghaidh thuiltean. Mar eisimpleir tha poileasaidh planaidh a’ neartachadh ar seasmhachd an aghaidh thuiltean tro a bhith a’ cur ìmpidh air daoine gun a bhith a’ leasachadh càil ann an àitichean tuilteach. ’S urrainn don Riaghaltas cuideachd buidhnean eadar-dhealaichte a chuideachadh le bhith a' conaltradh is ag obair le chèile, a’ cruthachadh cheanglaichean a nì e nas fhasa togail ar seasmhachd an aghaidh thuiltean. ’S e eisimpleir den seo a bhith a’ brosnachadh planadh a dh’ionnsaigh freagrachadh na gnàth-shìde is a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil sin a’ gabhail a-steach ghnìomhan gus cur ri ar seasmhachd an aghaidh thuiltean aig a h-uile cothrom. ’S urrainn dhan Riaghaltas cuideachd maoineachadh a chur mu choinneimh measgachadh nas motha de cheumannan gus cur ri ar seasmhachd an aghaidh thuiltean.
Buidhnean poblach – bidh iadsan ga dhèanamh furasta grèim fhaighinn air fiosrachadh mu thuiltean a dh’fhaodadh a bhith an dàn gus an urrainn do dhaoine agus com-pàirtichean iad fhèin a chuideachadh ann an dòigh fhiosraichte. Tha seo a’ gabhail a-steach mapaichean tuile na h-Alba agus na seirbheisean ro-aithris thuile agus rabhadh tuile a th’ air an toirt seachad le BDÀA. ’S urrainn do dh’Ùghdarrasan Ionadail taic a chur ris na coimhearsnachdan aca a dhol an sàs ann an co-dhùnaidhean mu na h-àitichean aca – a’ toirt dhaibh am fiosrachadh is taic a dh’fheumas iad gus an tèid an guthan a chluinntinn. Tha iomadach ùghdarras ionadail fear dhiubh a’ toirt air adhart phlanaichean freagrachaidh gnàth-shìde gus a bhith cinnteach gu bheil iad deiseil airson nan dùbhlan gnàth-shìde aca is gun cùm iad orra a’ soirbheachadh sa ghnàth-shìde a tha romhainn san àm ri teachd. An lùib seo tha a bhith a’ smaoineachadh mu ciamar a bheir tuiltean buaidh air an coimhearsnachdan is na dh’fheumas iad dèanamh gus a bhith seasmhach an aghaidh thuiltean.
’S e deagh eisimpleir den seo Lèirsinn Uisge Dhùn Èideann anns a bheil an t-ùghdarras ionadail a’ planadh airson an ama ri teachd le bhith a’ beachdachadh air mar a tha an raon poblach, raointean fosgailte, bun-structar agus sràidean air an dealbh, an aontachadh, an togail is air an gleidheadh.
Coimhearsnachdan – ’s urrainn do choimhearsnachdan dol an sàs ann an co-dhùnaidhean mu na h-àitichean aca. Tha pailteas de eòlas ionadail aca is fèin-fhiosrachadh a bhios na chuideachadh dhuinn co-dhùnaidhean nas fheàrr a dhèanamh a thaobh dè a bhios gam fàgail nas seasmhaich an aghaidh thuiltean. Leis an taic cheart as urrainn do choimhearsnachdan is daoine fa leth cuideachd iad fhèin a chuideachadh ullachadh airson, dèiligeadh ri is tilleadh bho bhuaidh thuiltean.
Manaidsearan fearainn, tuathanaich agus croitearan – ’s urrainn dhaibhsan cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean tro dheagh chleachdadh is a bhith gar cuideachadh a’ cur an sàs cheumannan nàdarra gus rian a chumail air tuiltean. Tha an dòigh anns am bi sinn a’ cumail rian air agus ag obair ar fearainn ann an Alba a’ toirt buaidh air mar a ghluaiseas uisge troimhe. Leis an sin tha prìomh àite aig tuathanaich is manaidsearan fearainn ann a bhith gar cuideachadh le rian air raointean aibhne is ar costa gus cur an aghaidh a’ chunnairt bho thuiltean ’s e a’ fàs.
Buidhnean còmhdhail agus goireasan poblach – ’s urrainn dhaibhsan cuideachadh tro dhealbhadh is lìbhrigeadh an cuid lìonraidhean is sheirbheisean.
Daoine fa leth – ’s urrainn do dhaoine fa leth cuideachadh cuideachd. Mar eisimpleir, tro bhith a’ dol an sàs anns a’ bhuidhinn ghnìomh thuiltean ionadail aca, le bhith a’ cleachdadh mhapaichean BhDÀA gus tuigse fhaighinn air a’ chunnart dhaibh bho thuiltean, le bhith a’ cur airgead ri ceumannan a dh’fhàgas na dachaighean aca nas seasmhaich an aghaidh thuiltean is le bhith deiseil gus gnìomhan a dhèanamh nuair a thachras tuiltean.
’S urrainn ceumannan beaga aig ìre ionadail cuideachadh le bhith a’ lùghdachadh nam buaidhean a bhios aig tuiltean. Mar eisimpleir, a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil rathaidean-taighe agus liosan air an dèanamh à stuthan drùidhteach a ghlacas uisge is gu bheil raointean uaine aig sràidean is pàircean tron urrainn uisge drèanadh air falbh gu sàbhailte gun a bhith ag adhbhrachadh thuiltean. ’S urrainn fiù ’s a bhith a’ cur a-steach bharaillean uisge gus pàirt de shileadh uisge a ghlacadh cuideachadh le bhith a’ lùghdachadh na buaidhe ionadail aig uisge trom.
Tha gnìomhan an aghaidh thuiltean air an lìbhrigeadh tro àireimh chuingichte de chom-pàirtichean
An-dràsta, tha cha mhòr a h-uile gnìomh gus rian a chumail air tuiltean air an cur an sàs le sgiobaidhean thuiltean ann an Ùghdarrasan Ionadail, Uisge na h-Alba agus BDÀA le taic bho cho-chomhairlichean spèisealta einnseanaireachd agus teicnigeach. Tha seo a’ cur bacadh air na ’s urrainn dhuinn dèanamh gus lùghdachadh a thoirt air a’ chunnart bho thuiltean is gus cur ri ar seasmhachd. Gus a bhith cinnteach gu bheil ar coimhearsnachdan nas seasmhaich an aghaidh thuiltean san àm ri teachd feumaidh a h-uile duine a tha an sàs le dealbhadh is leasachadh ar bailtean cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean is buaidh thuiltean a lùghdachadh tron h-uile dòigh a tha ri fhaotainn dhaibh.
The an dùbhlan bho thuiltean a’ fàs do na ginealaichean ri thighinn
Tha an dòigh-obrach a tha ann an-dràsta airson thuiltean a’ cur prìomh fhòcas air a bhith gar dìon bho thuiltean. Feumar ath-mheasadh a dhèanamh air an sin is a leudachadh gus a bhith cinnteach gun dèan e an gnothach do ghinealaichean ri thighinn. Fhad ’s a bhios tuiltean a’ fàs nas motha is nas cumanta fàsaidh e cuideachd nas doirbhe cumail oirnn a’ cur dìon orrasan a tha a’ fuireach ann an àitichean tuilteach. Do na coimhearsnachdan ud a tha as motha an cunnart bho thuiltean feumar beachdachadh air atharrachaidhean fad-ùine gus an dèanamh seasmhach an aghaidh thuiltean is taic a thoirt dhaibh tron phròiseas ud. An lùib seo bidh gluasad mean air mhean bho na h-àitichean as motha a tha fo chunnart tuileachaidh à aibhnichean is am muir agus nach b’ urrainn a bhith air an dìon an aghaidh thuiltean anns an ùine-fhada.
Tha fios againn gu bheil ar gnàth-shìde ag atharrachadh gu luath. Ann an 2023, airson a’ chiad uair ràinig teothachd chuibheasach na cruinne 1.5 oC os cionn bun-ìre na linne ro-ghnìomhachaile. Mar sin tha feum èiginneach againn air dòigh-obrach fad-ùine ullachadh gus an urrainn dhuinn seasmhachd an aghaidh thuiltean a thoirt a-steach gu co-dhùnaidhean mu ar n-àitichean mar phàirt den oidhirp againn freagrachadh ri atharrachadh na gnàth-shìde.
’S e pàirt riatanach den atharrachadh seo gu bhith seasmhach an aghaidh thuiltean a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine a’ tuigsinn gu bheil sinn a’ gluasad bho bhith a’ ‘faighinn fuasgladh air’ trioblaidean ri linn thuiltean gu bhith a’ cruthachadh àitichean a tha seasmhach an aghaidh thuiltean.
Contact
Email: flooding_mailbox@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback