Flood resilience strategy consultation: Gaelic version
This consultation seeks your views on Scotland's first Flood Resilience Strategy, which will lay out what we need to do in the long term to make our places more flood resilient. The consultation asks questions about our proposed principles and the three key themes of people, places and processes
3. Ag atharrachadh an sgeòil
A’ gluasad bho bhith a’ faighinn fuasgladh air trioblaidean a thig bho thuiltean gu bhith a’ cruthachadh àitichean seasmhach an aghaidh thuiltean
Tha atharrachadh na gnàth-shìde a’ tachairt aig astar nas luaithe na bhathar an dùil is tha feum air gnìomhan sa bhad gus dèanamh cinnteach gun urrainn ar coimhearsnachdan soirbheachadh san ùine-fhada. Mura tòisich sinn an-dràsta bidh feum aig na ginealaichean ri thighinn ri barrachd a dhèanamh leis nas lugha ùine is aig cosgais nas motha. Tha an dòigh-obrach a tha againn an-dràsta gus dèiligeadh le tuiltean stèidhichte air a bhith a’ feuchainn ri fuasglaidhean fhaighinn air trioblaidean a dh’èireas bho thuiltean gus leigeil leinn cumail oirnn a' dèanamh nan aon rudan anns na h-aon àitichean le cunnart nas lugha bho thuiltean. Ach tha tachartasan o chionn ghoirid, leithid tuil Bhreichin anns an Dàmhair 2023, a’ sealltainn an dùbhlain a th’ ann a bhith a’ dìon àitichean tuilteach is ar gnàth-shìde ag atharrachadh.
Feumaidh sinn a-nis atharrachadh mar a tha sinn a’ smaoineachadh mu thuiltean is fòcas a chur air mar as urrainn dhuinn gach cothrom a th’ againn a chleachdadh gus àitichean a chruthachadh a tha seasmhach an aghaidh thuiltean, a’ lùghdachadh ar cunnairt bho thuiltean is a’ leantainn ghnìomhan gus na buaidhean a tha ann nuair a thachras tuiltean a lùghdachadh.
Cò ris a tha seasmhachd an aghaidh thuiltean coltach?
Bidh na dòighean anns an dèan coimhearsnachdan iad fhèin seasmhach an aghaidh thuiltean ag atharrachadh bho àite gu àite a rèir a’ chunnairt bho thuiltean, chothroman ionadail, is fheumalachdan na coimhearsnachd. Mar eisimpleir, ann an cuid a dh’àitichean, b’ urrainn gnìomhan a bhith a’ gabhail a-steach a bhith a’ togail bun-structair gorm is uaine leithid liosan uisge, no pàircean a bhios a’ tabhann rùm airson uisge gus tuileachadh uisge air bàrr an talmhainn a lùghdachadh. Ann an àite eile, dh’fhaodadh gum biodh seo a’ ciallachadh dìon an aghaidh thuiltean aig ìre bhig is ionadail no ceumannan seasmhachd an aghaidh thuiltean airson togalaichean – dà rud a lùghdaicheadh buaidh thuiltean bho abhainn bhig. Ann an àite eile fhathast, dh’fhaodadh seo a bhith a’ ciallachadh plana fad-ùine gus togalaichean a ghluasad air falbh bhon raon-tuile aig abhainn nas motha no costa cugallach far nach urrainn iad a bhith air an dìon.
Gus seasmhachd an aghaidh thuiltean a leasachadh feumaidh na h-ùghdarrasan, coimhearsnachdan is luchd-ùidhe poblach is prìobhaideach buntainneach a bhith ag obair còmhla ri chèile ann an dòighean ùra gus an tachair seo. Bidh feum aig coimhearsnachdan air cothrom fhaighinn air taghadh farsaing de ghnìomhan is taic gus a dhèanamh comasach dhaibh an t-seasmhachd aca an aghaidh thuiltean a thogail.
Mu thimhcheall an t-saoghail tha dùthchannan a’ dèiligeadh ris an seo ann an dòighean eadar-dhealaichte. Seo cuid a dh’eisimpleirean de na tha iad a’ dèanamh:
- Anns an Òlaind tha am Prògram Delta, aig a bheil an t-uallach air fad airson a bhith a’ toirt seachad riaghladh a thaobh cunnart bho thuiltean agus fìor-uisge san Òlaind, agus a tha a’ coimhead gu h-iomlan air na siostaman airson seo uile, a’ beachdachadh ciamar a thèid seasmhachd na gnàth-shìde a chruthachadh suas gu agus às dèidh 2050.
- Dh’fhoillsich Sealainn Nuadh a’ chiad Plana Freagrachaidh Nàiseanta aca ann an 2022, a tha a’ cur cuideam mòr air a’ chothrom a th’ ann airson a bhith a’ stiùireadh mar a ghluaiseas dhaoine ratreut air falbh bho àitichean fo chunnart;
- Tha Lunnainn a’ cumail rian air cunnart a’ bhaile bho thuiltean anns an ùine-fhada tro phrògram Inbhir Thames 2100, tron tèid an inbhir a dhèanamh freagarrach do na h-atharrachaidhean a dh’adhbhraicheas atharrachadh na gnàth-shìde agus àrdachadh ann an ìre na mara.
Ar conaltradh
Anns a’ bhliadhna mu dheireadh tha sinn air bùithtean-obrach agus suirbhidhean air-loidhne a ruith le coimhearsnachdan is luchd-ùidhe gus ionnsachadh dè na h-atharrachaidhean mòra a dh’fheumas sinn dèanamh gus a bhith seasmhach an aghaidh thuiltean. Tha sinn air cluinntinn bho cheudan de dhaoine nam measg riochdairean coimhearsnachd, luchd-rian thuiltean agus oifigearan poileasaidh. Chruinnich sinn an t-uamhas fiosrachaidh agus beachdan feumail mu na dh’fheumas sinn dèanamh.
Dh’obraich Riaghaltas na h-Alba le ar buidhnean com-pàirteachaidh Sniffer, ClimateXChange agus Fòram Thuiltean na h-Alba gus na bùithtean-obrach a ruith. Rinn Sniffer mìneachadh air na toraidhean agus às an fhiosrachadh seo gu lèir tharraing sinn trì prìomh chuspairean na Ro-innleachd:
Daoine: A bhith a’ toirt dhaoine a-steach air co-dhùnaidhean mu leasachadh seasmhachd an aghaidh thuiltean anns na h-àitichean aca is a’ cur am follais mar as urrainn do dhaoine fa leth cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean aig ìre choimhearsnachd.
Àitichean: Dè na h-atharrachaidhean a dh’fheumas sinn dèanamh ri ar n-àitichean gus seasmhachd an aghaidh thuiltean a stèidheachadh.
Pròiseasan: A’ cur an sàs atharrachaidhean ris an dòigh anns am bi sinn a’ dèanamh rudan agus an dòigh anns a bheil sinn ag obair còmhla gus a dhèanamh comasach dhuinn àitichean a tha seasmhach an aghaidh thuiltean a chruthachadh.
Prionnsabalan Stiùiridh
Ri linn ar conaltraidh gu ruige seo, tha sinn a’ moladh gum bu chòir na prìomh phrionnsabalan a leanas a bhith nam bun-stèidh don Ro-innleachd airson a bhith Seasmhach an aghaidh Thuiltean.
Stiùiridh iad seo an dòigh-obrach againn airson a bhith a’ dèiligeadh le tuiltean is cuidichidh iad sinn gus làn-fheum a dhèanamh de na goireasan uile-gu-lèir a tha ri fhaotainn dhuinn.
- Atharraichidh sinn am fòcas bho a bhith ‘a’ faighinn fuasgladh air trioblaidean a thig bho thuiltean’ gu a bhith a’ cruthachadh àitichean a tha seasmhach an aghaidh thuiltean.
- ’S e seasmhachd an aghaidh thuiltean pàirt de sheasmhachd choimhearsnachd is pàirt de bhith a’ dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde. Mar sin tha àite aig a h-uile duine san iomairt seo.
- Aig cridhe ar gnìomhan airson a bhith seasmhach an aghaidh thuiltean tha na prionnsabalan airson Eadar-ghluasad Cothromach, (gus àm ri teachd nas cothromaiche, nas uaine a ghlèidheadh don h-uile duine le bhith ag obair ann an compàirt gus cothromachd a lìbhrigeadh is gus dèiligeadh ri neo-ionnanachd is mì-cheartas).
- Tha a h-uile duine a’ faighinn buannachd à àitichean a tha seasmhach an aghaidh thuiltean is tha comas againn uile a bhith a’ cur ri seo.
Ceistean
1. A bheil sibh ag aontachadh leis an atharrachadh bho bhith a’ faighinn fuasgladh air trioblaidean a thig bho thuiltean gu a bhith a’ cruthachadh àitichean a tha seasmhach an aghaidh thuiltean? Tha/Chan eil - Dèanaibh mìneachadh air ur freagairt.
2. Ciamar as urrainn dhan fheadhainn a nì co-dhùnaidhean dèanamh cinnteach gu bheil gnìomhan a dh’ionnsaigh seasmhachd an aghaidh thuiltean a’ cumail ri amasan airson Eadar-ghluasad Cothromach gus àm ri teachd nas uaine is nas cothromaiche a choisinn?
3. Nur beachd-se, cò ann an Alba a bu chòir ar cuideachadh a bhith nas seasmhaich an aghaidh thuiltean agus ar cuideachadh gus dèiligeadh ris na buaidhean aig atharrachadh na gnàth-shìde? (Rangaichibh iad leis an fheadhainn as cudromaiche aig a’ mhullach)
- a. Daoine fa leth,
- b. Luchd-seilbh dachaigh,
- c. Gnothachasan,
- d. Riaghaltas na h-Alba,
- e. Uisge na h-Alba,
- f. Ùghdarrasan Ionadail,
- g. Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (BDÀA),
- h. Uachdarain/Manaidsearan fearainn
- i. Tuathanaich agus croitearan,
- j. Luchd-togail/luchd-leasachaidh thaighean
- k. Buidhnean coimhearsnachd
- l. Daoine eile (mìnichibh cò)
Contact
Email: flooding_mailbox@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback