Flood resilience strategy consultation: Gaelic version

This consultation seeks your views on Scotland's first Flood Resilience Strategy, which will lay out what we need to do in the long term to make our places more flood resilient. The consultation asks questions about our proposed principles and the three key themes of people, places and processes


4. Prìomh chuspairean

Mìnichidh a’ phàirt seo den cho-chomhairleachadh prìomh chuspairean na Ro-innleachd airson a bhith Seasmhach an aghaidh Thuiltean: Daoine, Àitichean, agus Pròiseasan.

Tha sinn a’ sireadh ur beachdan air gach aon de na cuspairean seo agus tha sinn air ceistean fhaighneachd aig deireadh gach earrann gus ur smuaintean a fhaighinn.

Daoine

Tha buaidh sgriosail aig tuiltean air coimhearsnachdan agus air daoine. Còmhla ris a’ bhuaidh dhìrich air dachaighean is gnothachasan, cuiridh iad cuideachd troimh-chèile nar beatha, nar beò-shlàinte is bheir iad buaidh air ar slàinte chorporra is inntinn fada às dèidh don thuil fhèin tachairt.

Tha sinn a’ cur daoine agus choimhearsnachdan aig cridhe ar Ro-innleachd airson a bhith Seasmhach an aghaidh Thuiltean. ’S e riatanas a th’ ann gu bheil daoine air an toirt a-steach do phròiseas nan co-dhùnaidhean airson nan àitichean aca is gum faigh iad am fiosrachadh is fianais cheart gus an urrainn iad a bhith a’ cur ris gu brìgheil.

’S e prìomh phàirt den seo cuideachadh daoine a bhith a’ tuigsinn a’ chunnairt bho thuiltean, dè na gnìomhan a b’ urrainn a’ choimhearsnachd aca a chuideachadh a bhith nas seasmhaich an aghaidh thuiltean agus ciamar as urrainn dhaibh cuideachadh.

’S e pròiseas fad-ùine agus toinnte a th’ ann a bhith gu brìgheil a’ cur choimhearsnachdan an sàs ann an co-dhùnaidhean mu na h-àitichean aca. ’S e a tha a dhìth: dealas, gum bi na structaran ceart an àite, agus gum bi fiosrachadh againn air a bheil e furasta grèim fhaighinn agus a tha fìor.

Toraidhean

Tha sinn airson àm ri teachd a thogail a tha seasmhach an aghaidh thuiltean, far a bheil coimhearsnachdan gu brìgheil a’ gabhail pàirt ann an co-dhùnaidhean mu na h-àitichean aca is far a bheil na goireasan, an t-eòlas agus am fiosrachadh aca a dh’fheumas iad gus cuideachadh. Feumaidh structaran a bhith ann an àite gus seo a dhèanamh comasach, le rèiteachairean is luchd-cuideachaidh a’ toirt comhairle is a’ cur taic ri com-pàirtichean lìbhrigidh gus an coimhearsnachdan a thoirt a-steach air a’ phròiseas.

Anns an ùine-ghoirid, tha grunn ghnìomhan ann a b’ urrainn conaltradh coimhearsnachd brìgheil a dhèanamh comasach gus cuideachadh le seasmhachd an aghaidh thuiltean air feadh Alba. Bu chòir do choimhearsnachdan a bhith air an cumhachdachadh a bhith a’ cur ri co-dhùnaidhean mu na h-àitichean aca tro bhith a’ faighinn cothrom air fiosrachadh ùr is sàr-mhath mun chunnart a th’ aca bho thuiltean an-dràsta agus san àm ri teachd agus na roghainnean a th’ aca gus a lùghdachadh.

B’ urrainn gur e aon dhòigh a bhith ag obair a dh’ionnsaigh seo beachdachadh air ciamar as fheàrr as urrainnear an dàta a th’ ann mu thràth a chleachdadh gus taic a chur ri coimhearsnachdan is luchd-cleachdaidh, gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air a’ chunnart aca bho thuiltean an-dràsta agus san àm ri teachd agus air na roghainnean a th’ aca gus togail an t-seasmhachd aca an aghaidh thuiltean.

Anns an ùine nas fhaide tha feum air leasachaidhean leantainneach anns an dòigh a tha sinn a’ co-obrachadh le coimhearsnachdan. ’S urrainn seo a bhith air a choileanadh tro bhith a’ leantainn nan Inbhean Nàiseanta airson Conaltradh Coimhearsnachd is a bhith a’ leasachadh structaran taice a tha a’ cuideachadh dhaoine gus tuigsinn is dol an sàs le pròiseasan co-dhùnaidh tro bhuidhnean agus rèiteachairean anns a bheil earbsa aca.

Feumaidh sinn cuideachd beachdachadh air ciamar as urrainn do choimhearsnachdan na h-innealan, taic agus eòlas a tha a dhìth orra fhaighinn gus cur ris an t-seasmhachd aca fhèin an aghaidh thuiltean. Tha seo a’ gabhail a-steach cheumannan gus togalaichean a dhèanamh nas seasmhaich agus cuideachd a bhith ag obair le buidhnean seasmhachd coimhearsnachd.

An lùib seo tha a bhith a’ toirt aire gu mar as urrainn goireasan a tha ann mu thràth cuideachadh, leithid hub ionnsachaidh Ready Scotland.

Ceistean

4. Dè an taic a dh’fheumas coimhearsnachdan gus a dhol an sàs, gu ìre nas motha, ann am planadh airson freagrachadh na gnàth-shìde agus seasmhachd an aghaidh thuiltean?

5. Dè a bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail a bhith a’ dèanamh gus a bhith cinnteach de chompàirteachas coimhearsnachd brìgheil nuair a nì iad co-dhùnaidhean mu bhith a’ cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean?

6. Dè chuidicheadh coimhearsnachdan tuigse fhaighinn air a’ chunnart a th’ ann dhaibh an-dràsta agus san àm ri teachd bho thuiltean agus air a’ mheasgachadh de roghainnean a tha ann dhaibh gus an cuideachadh a bhith nas seasmhaich an aghaidh thuiltean? (Rangaichibh iad leis an fheadhainn as cudromaiche aig a’ mhullach)

  • a. Cothrom air mapaichean tuile a’ sealltainn a’ chunnairt bho thuiltean a tha ann an-dràsta agus san àm ri teachd?
  • b. Cothrom air eachdraidh thuiltean na sgìre ionadail aca
  • c. Cothrom air fiosrachadh mu roghainnean “fèin-chuideachaidh” coimhearsnachd
  • d. Cothrom air comhairle/taic mu sheasmhachd an aghaidh thuiltean
  • e. Cothrom air fiosrachadh mun mheasgachadh roghainnean a tha ann sa choimhearsnachd aca airson seasmhachd an aghaidh thuiltean
  • f. Eile (mìnichibh)

7. Dè na gnìomhan a b’ urrainn do choimhearsnachdan a ghabhail gus cur ris an t-seasmhachd aca an aghaidh thuiltean? (Rangaichibh leis an fheadhainn as cudromaiche aig a’ mhullach)

  • a. Tòisich buidheann ionadail airson seasmhachd an aghaidh thuiltean aig ìre coimhearsnachd
  • b. Ullaich plana ionadail airson mar a dhèiligeas a’ choimhearsnachd ri tuiltean
  • c. Sgaoil fiosrachadh ionadail mu na thachras nuair a tha tuiltean ann tro bhuidhnean leithid BDÀA agus ùghdarrasan ionadail
  • d. Dèan ceangal leis a’ bhuidhinn ionadail aca airson gnìomhachd na gnàth-shìde
  • e. Eile (mìnichibh)

8. Dè na gnìomhan a bu chòir do chinn-taighe/gnothachasan a ghabhail gus cur ris an t-seasmhachd aca an aghaidh thuiltean? (Rangaichibh leis an fheadhainn as cudromaiche aig a’ mhullach)

  • a. A bhith ag ionnsachadh mun chunnart bho thuiltean san sgìre aca
  • b. A bhith a’ cur airgead ri ceumannan gus an togalaichean a dhèanamh seasmhach, leithid a bhith a’ cur a-steach gheataichean tuile, a’ cur shocaidean dealain nas fhaide an àrd air a’ bhalla is a’ cleachdadh stuthan togail a tha seasmhach an aghaidh thuiltean.
  • c. A bhith nam buill de bhuidhinn ghnìomh airson thuiltean
  • d. A bhith a’ clàradh le Floodline gus am faigh iad rabhaidhean mu thuiltean
  • e. Comhairle a shireadh mu sheasmhachd an aghaidh thuiltean
  • f. A bhith a’ dearbhadh gu bheil àrachas aca airson thuiltean
  • g. Eile (mìnichibh)

9. Dè a dhèanadh sibh gus cur ri ur seasmhachd phearsanta an aghaidh thuiltean? (Rangaichibh iad leis an fheadhainn as cudromaiche aig a’ mhullach)

  • a. Ionnsaichibh dè an ìre de chunnart a tha agaibh bho thuiltean
  • b. Clàraich le Floodline airson rabhaidhean mu thuiltean
  • c. Plana tuile pearsanta a bhith agaibh deiseil gus a chur an gnìomh nuair a tha dùil ann ri tuiltean
  • d. Dèan cinnteach gu bheil fios agaibh dè a nì sibh nan deigheadh ar togalach a thuileachadh
  • e. Dèan sgrùdadh air ur cunnart bho thuiltean mus ceannaich sibh togalach no mus toir sibh togalach a-mach air màl
  • f. Dèan cinnteach gu bheil àrachas agaibh airson thuiltean
  • g. Eile (mìnichibh)

Àitichean

’S urrainn seasmhachd an aghaidh thuiltean a bhith air a cruthachadh tro bhith a’ dealbh ar n-àitichean agus a’ cumail rian air ar sgìrean aibhne is costa ann an dòigh nas fheàrr.

Atharraichidh ar bailtean thairis ùine. Fhad ’s a thachras sin feumaidh sinn obrachadh le chèile tarsainn roinnean gus a h-uile cothrom a ghabhail leasachaidhean a chur an sàs ann an dealbhadh ar bailtean a bhios gam fàgail nas seasmhaich an aghaidh thuiltean.

Mar eisimpleir, ’s urrainn bun-structar gorm agus uaine iomadh buannachd a thoirt do na bailtean againn – nam measg a bhith a’ cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean, a bhith a’ cur ri bith-iomadachd, a’ cumail rian air goireasan uisge agus a bhith a’ cur ri math dhaoine.

Feumaidh sinn cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ dèanamh làn-fheum de ar sgìrean aibhne agus costa gus a’ bhuaidh aig tuiltean a lùghdachadh. Mar eisimpleir, ’s urrainn dhuinn talamh a tha aig ceann eile an t-srutha bho raointean tuilteach a chleachdadh, leithid mòinteach, gus uisge a ghlacadh is bacadh a dhèanamh air sruthan aibhne. ’S urrainn dhuinn cuideachd dùin-ghainmhich nàdarra air ar costa a chleachdadh gus ar dìon bho bhleith-thalmhainn agus tuiltean.

Tha an earrann seo cuideachd a’ coimhead ris na gnìomhan a bu chòir stad anns na h-àitichean againn gus a bhith cinnteach nach lùghdaich sinn ar seasmhachd an aghaidh thuiltean no nach bidh sinn gar fàgail fhèin buileach fo chunnart bho thuiltean, leithid a bhith a’ togail air raointean-tuile.

Toraidhean

Tha sinn a’ creidsinn gum bu chòir do na gnìomhan a thèid a chur an sàs gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean a bhith a’ leantainn dòigh-obrach stèidhichte air an àite, le co-dhùnaidhean air an dèanamh le conaltradh is aonta eadar na h-ùghdarrasan, com-pàirtichean lìbhrigidh agus coimhearsnachdan uile aig a bheil dleastanas, gus iomadh buannachd a thoirt do choimhearsnachd. Bu chòir do luchd-planaidh agus luchd-leasachaidh beachdachadh air a’ bhuaidh a bhios aig na co-dhùnaidhean aca air seasmhachd an aghaidh thuiltean gach cuid ann an sgìrean dùthchail agus bailteil. Nuair a thèid rudan a thogail – gu h-àraid ann an sgìrean bailteil – bu chòir gun tèid tuiltean a thoirt fa-near gu cunbhalach.

Mar eisimpleir, ’s mathaid gum bi comhairle airson pàirc-chàraichean ùr a thogail ann am meadhan baile gus leasachadh eaconamach a bhrosnachadh air an àrd-shràid aca. Ach, dh’fhaodadh gun adhbhraicheadh seo uisge a thuiteadh air bàrr na talmhainn a bhith a’ sruthadh air falbh leis a’ chunnart gun deigheadh tuileachadh adhbhrachadh sa bhaile mura deigheadh dèiligeadh leis.

Anns an ùine nas giorra, bu chòir do chom-pàirtichean lìbhrigidh beachdachadh air mar a thogadh iad dòigh-obrach planaidh a bheir sgìre air fad fa-near. Bidh seo ga dhèanamh comasach co-dhùnaidhean a ruighinn mu stiùireadh èifeachdach uisge a tha a’ dol air adhart ann an co-bhonn le chèile. Mar phàirt den dòigh-obrach seo, feumaidh aire a thoirt do chleachdadh fearainn bailteil agus dùthchail is ciamar a thèid rùm a dhèanamh do dh’uisge is fios ann gum bi uisge an-còmhnaidh airson a shlighe nàdarra a leantainn.

Aig ìre na dachaigh, dh’fhaodadh gun deigheadh rùm a dhèanamh do dh’uisge tro rudeigin cho sìmplidh ri bhith a’ cur a-steach lios uisge gus an liuthad sileadh uisge a tha a’ dol a-steach do na siostaman drèanaidh a lùghdachadh nuair a tha stoirmean ann. Airson coimhearsnachd dh’fhaodadh gur e dòigh seo a dhèanamh a bhith a’ smaoineachadh mu mar as urrainn dhaibh an àireamh de dhachaighean air an raon-tuile ìsleachadh. Ann an sgìrean aibhne dh’fhaodadh seo a bhith a’ ciallachadh atharrachadh a thoirt air mar a thèid fearann a chleachdadh gus bacadh a dhèanamh air an uisge ’s e a’ sruthadh do na h-aibhnichean is a bhith a’ leigeil le barrachd uisge a bhith air a ghlèidheadh air talamh àrd.

An lùib a bhith a’ dèanamh rùm do dh’uisge tha a bhith a’ cur raointean-tuile chun fheum as fheàrr aca – a’ cumail is a’ giùlan uisge. Tha sinn ag iarraidh ur beachdan mu mar as urrainn dhuinn beag air bheag ar cunnart bho thuiltean air raointean-tuile a lùghdachadh. Mar eisimpleir, le bhith ag ìsleachadh na h-àireimh de thogalaichean air raointean-tuile no a bhith a’ cleachdadh raointean-tuile airson chur-seachadan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean.

Anns an ùine nas fhaide bidh Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh oidhirp a bhith ag obair gu com-pàirteachail le ùghdarrasan planaidh is comhairlean gus dèanamh cinnteach gum bi co-dhùnaidhean mu àite a’ toirt thuiltean fa-near sa h-uile rud a nì iad. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil gnìomh sam bith a’ cur ri seasmhachd àite an aghaidh thuiltean no, aig a’ char as ìsle, nach tèid seasmhachd a lùghdachadh. A’ cleachdadh phrionnsabalan airson cruthachadh àitichean, bu chòir dhuinn am feum as fheàrr a dhèanamh de dhòighean cleachdaidh fhearainn agus dòighean gus rian a chumail air fearann airson an iomadh buannachd a thig às.

Ceistean

10. Ciamar as urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gum bi ar n-àitichean air an dealbh gus a bhith seasmhach an aghaidh thuiltean san àm ri teachd?

11. Dè an ìre ris a bheil sibh ag aontachadh gum feumar rùm a dhèanamh airson uisge gus cur ri seasmhachd ar bailtean an aghaidh uisge?

    1. Gu mòr ag aontachadh
    2. Ag aontachadh
    3. Ag eas-aontachadh
  • d. Gu mòr ag eas-aontachadh

Ann an sgìrean bailteil, bu chòir dhuinn feum a bharrachd a dhèanamh de ar raointean uaine agus slighean-uisge bailteil gus cuideachadh a bhith a’ stiùireadh tuilleadh silidh uisge agusa’ bhuaidh a bhios aig tuiltean uisge air bàrr an talmhainn a lùghdachadh.

4. Dè bho na leanas a tha sibh a’ smaoineachadh a bhiodh cuideachail? (Rangaichibh iad leis an fheadhainn as cudromaiche aig a’ mhullach)

  • a. A’ cleachdadh barrachd shiostaman drèanaidh seasmhach
  • b. A’ cruthachadh lìonraidhean drèanaidh gorm agus uaine gus cur ri siostaman drèanaidh a tha ann mu thràth
  • c. A’ cleachdadh raointean uaine a tha ri fhaotainn leithid phàircean agus raointean-cluiche gus cuideachadh le glacadh is glèidheadh uisge tron t-sileadh uisge as truime is gus stad a chur air siostaman drèanaidh bho bhith air am bàthadh
  • d. A’ cruthachadh liosan-uisge ann am pàircean poblach agus sràidean
  • e. Eile (Mìnichibh)

Ma tha sinn a’ dol a dhèanamh barrachd feum de na sgìrean aibhne is sgìrean costa againn gus togail ar seasmhachd an aghaidh thuiltean,

13. Dè de na leanas a tha sibh a’ smaoineachadh a bhiodh cuideachail? (Rangaichibh iad leis an fheadhainn as cudromaiche aig a’ mhullach)

  • a. A’ cleachdadh dhòighean gus ùir agus talamh a stiùireadh a chuireas bacadh air sruthadh an uisge agus a chuireas ri glacadh is glèidheadh an uisge san talamh.
  • b. A’ cleachdadh dhòighean gus aibhnichean is raointean-tuile a stiùireadh leithid a bhith a’ tilleadh lùban ri aibhnichean gus bacadh a chur air sruthadh an uisge is a’ cur ri raointean-tuile is talamh fliuch gus an tèid barrachd uisge a ghlèidheadh.
  • c. A’ cur ri coilltean gus cuideachadh le glacadh, bacadh agus glèidheadh uisge tro sgìre.
  • d. Ag ath-stèidheachadh mòinteach gus uisge a shlugadh, a ghlèidheadh agus a leigeil a-mach gu slaodach.
  • e. A’ cur ri siostaman dhùn-gainmhich nàdarra gus bacadh nàdarra a chumail a tha a’ lùghdachadh a’ chunnairt bho thuileachadh làn-mara.
  • f. A’ cumail rian air boglach-sàile is fidichean ann inbhirean gus uisge a ghlèidheadh is cumhachd nan tonn a chaitheamh.
  • g. Eile (mìnichibh)

Thig togalaichean air raointean-tuile buileach fo chunnart bho thuiltean le atharrachadh na gnàth-shìde. Bidh cuideachd cunnart a bharrachd bho thuiltean do choimhearsnachdan ann an cuid a dh’àitichean mu thimcheall ar costa far am bi buaidh àrdachadh ìre na mara agus bleith-thalmhainn air a’ chosta a’ dol an lùib a chèile.

Dh’fhaodadh nach bidh e comasach do na coimhearsnachdan as motha a tha an cunnart ìre de sheasmhachd an aghaidh thuiltean a chumail airson ùine neo-chinnteach. Feumaidh plana fad-ùine a bhith ann dhaibhsan.

14. Am bu chòir gun tèid beachdachadh air seo mar roghainn: coimhearsnachdan a ghluasad air falbh bho na h-àitichean far a bheil an cunnart as motha.

Bu chòir/Cha bu chòir – bheiribh adhbhar(an) airson ur freagairt.

Pròiseasan

Gus gluasad air falbh bho fhuasglaidhean air trioblaidean ri linn thuiltean gu bhith a’ cruthachadh àitichean a tha seasmhach an aghaidh thuiltean feumaidh sinn na pròiseasan a leanas sinn gus co-dhùnaidhean mu thuiltean a ruighinn a dhèanamh freagarrach. An lùib sin bidh atharrachaidhean:

  • Anns an dòigh a tha sinn ag obair le chèile.
  • Anns an dòigh a tha sinn a’ toirt taic do chom-pàirtichean lìbhrigidh gus measgachadh nas motha de ghnìomhan a chur an sàs.
  • Anns an dòigh a tha rudan air am maoineachadh is na gnìomhan air a bheil sinn a’ cosg a’ mhaoineachaidh a tha againn.

Toraidhean

Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil na pròiseasan a tha ann an àite gus ar seasmhachd an aghaidh thuiltean a leudachadh a’ dèanamh an fheum as fheàrr de ghoireasan a tha againn is a’ toirt seachad iomadh buannachd do dh’àitichean is coimhearsnachdan. Tha sinn cuideachd airson dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine a tha an sàs ann an tuiltean ann an Alba a’ faighinn cothrom air an fhiosrachadh agus an taic a dh’fheumas iad gus cuideachadh.

A' cur taic ri com-pàirtichean lìbhrigidh

Gus gluasad bho bhith a’ faighinn fuasgladh air trioblaidean ri linn thuiltean gu bhith a’ cruthachadh àitichean a tha seasmhach an aghaidh thuiltean feumaidh coimhearsnachdan agus com-pàirtichean lìbhrigidh cothrom fhaighinn air comhairle agus taic.

Tha seo gu h-àraid fìor ma tha sinn airson a dhèanamh comasach do mheasgachadh nas motha de chom-pàirtichean lìbhrigidh cuideachadh le seasmhachd an aghaidh thuiltean ann an Alba.

Ann an Alba tha sàr ìre de eòlas agus sgilean againn am broinn nan 37 ùghdarras air a bheil uallach airson rian air tuiltean – na 32 ùghdarrasan ionadail, BDÀA, Uisge na h-Alba, Coilltearachd na h-Alba is an dà phàirc nàiseanta. Tha miann againn ur beachdan a chluinntinn a thaobh ciamar as urrainn dhuinn barrachd èifeachdais, cunbhalachd is luach a chruthachadh, agus ciamar as urrainn dhuinn fàs nas fheàrr air a bhith a’ sgaoileadh ar eòlais, sgilean agus fiosrachaidh air feadh na buidhne seo. Bu mhiann leinn cluinntinn bhuaibhse a bheil luach sam bith ann a bhith ag ath-thaobhadh, a' soilleireachadh no ag atharrachadh an àite a tha aig gin de na buidhnean anns a’ chompàirteachas seo gus taic a chur ris an amas sin.

Gus atharrachadh bho bhith a’ faighinn fuasgladh air trioblaidean ri linn thuiltean gu bhith a’ cruthachadh àitichean a tha seasmhach an aghaidh thuiltean bidh feum air co-roinneadh comhairle, eòlais, sgilean agus deagh chleachdaidhean eadar com-pàirtichean lìbhrigidh air cuspairean leithid:

  • A’ stèidheachadh seasmhachd an aghaidh thuiltean ann an dealbhadh ar n-àitichean
  • Compàirteachas coimhearsnachd
  • Freagrachadh ris a’ ghnàth-shìde
  • Bleith-thalmhainn air a’ chosta
  • Roghainnean seasmhachd an aghaidh thuiltean
  • A bhith a’ dealbh ghnìomhan aig ìre thràth
  • Dòighean rian nàdarra airson thuiltean
  • Bun-structar Gorm agus Uaine
  • Roghainnean maoineachaidh

Maoineachadh

Tha a’ chosg a tha an lùib thuiltean is a bhith a’ cur an sàs cheumannan an aghaidh thuiltean a’ sìor fhàs. Leis an sin ’s e cùis èiginn a tha ann gun dèan sinn am feum as motha de na goireasan a tha againn ri làimh gus a’ bhuaidh as motha a thoirt air ar toraidhean is gus na tùsan maoineachaidh a tha ri fhaotainn a leudachadh gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean. Fon reachdas a tha ann an-dràsta gus rian a chumail air a’ chunnart bho thuiltean, agus an dòigh-obrach airson “fuasglaidhean air trioblaidean ri linn thuiltean”, the buidseatan Riaghaltas na h-Alba agus Ùghdarrasan Ionadail mar as trice a’ cur fòcas air sgeamaichean dìon an aghaidh thuiltean leithid iadsan air an deach crìoch a chur o chionn greis airson Stonehaven, Obar Bhrothaig, An Caol agus Taobh Lòchaidh.

Le bhith a’ cur cuideam air “a bhith a’ cruthachadh àitichean a tha seasmhach an aghaidh thuiltean” tha an àireamh de ghnìomhan as urrainnear toirt a dh’ionnsaigh seasmhachd an aghaidh thuiltean a’ fàs. B’ urrainn seo cuideachd cothroman a thabhann gus ceangal nas fheàrr a dhèanamh eadar buidseatan – rud bhon tigeadh iomadh buannachd is a chuireadh ris an liuthad thùsan maoineachaidh a tha ri fhaotainn taobh a-muigh Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail. Mar eisimpleir, ’s urrainn do phròiseactan ath-bheothachaidh airson sgìrean bailteil a gheibh maoineachadh bho gach cuid luchd-leasachaidh agus ùghdarrasan ionadail an cunnart bho thuiltean a lùghdachadh tro shàr dhealbhadh. ’S urrainn cuideachd do phròiseactan gus raointean uaine a leasachadh ann an sgìrean bailteil a dhol an lùib glèidheadh thuiltean gus a’ bhuaidh bho thuiltean a lùghdachadh. Gus an t-atharrachadh seo a chur an sàs bidh feum aig coimhearsnachdan is buidhnean-rian thuiltean air fiosrachadh, taic is comhairle.

Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd ag obair le COSLA, buidheann-riochdachaidh Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba, gus ath-leasachadh a thoirt air an dòigh-obrach a tha ann an dràsta gus maoineachadh a chur ri gnìomhan airson seasmhachd an aghaidh thuiltean. Gu h-àraid tha seo airson faicinn ciamar as urrainn dhuinn sgeamaichean airson ar dìon bho thuiltean a dhèanamh nas neo-chosgaile is gus beachdachadh air dè na gnìomhan eile a b’ urrainn leantainn ann an co-bhonn le sgeamaichean airson ar dìon bho thuiltean gus, uile-gu-lèir, cur ri ar seasmhachd an aghaidh thuiltean. Tha an obair seo a’ leantainn aig an aon àm ri leasachadh na ro-innleachd seo. Anns a’ chiad àite bidh fòcas na h-obrach air dè cho neo-chosgail sa tha na sgeamaichean airson ar dìon bho thuiltean a tha sinn mu thràth air gealltainn a lìbhrigeadh. Cuideachd beachdachaidh e air ciamar as urrainn dhuinn a bhith a’ cur dhòighean maoineachaidh is lìbhrigidh nan sgeama air bun-stèidh nas fheàrr san àm ri teachd. ’S e pàirt den obair le COSLA a bhith a’ beachdachadh air dè na gnìomhan eile airson seasmhachd an aghaidh thuiltean a bu chòir maoineachadh fhaighinn. Tha cothrom aig a’ cho-chomhairleachadh seo buaidh a thoirt air an obair ud.

Cò air a tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a’ cosg buidseat nan tuiltean?

Tha Riaghaltas na h-Alba air £42 millean a riarachadh gach bliadhna, is cuideachd £150 millean gu deireadh na pàrlamaid seo, as urrainn ùghdarrasan ionadail cosg air ceumannan tron tèid rian a chumail air a’ chunnart bho thuiltean. Tha a’ chuid as motha den seo air a chosg air Sgeamaichean airson ar Dìon bho Thuiltean, a’ gabhail a-steach an fheadhainn aig Stonehaven, Breichin, An Caol agus Taobh Lòchaidh. Cuiridh maoineachadh a bharrachd taic ri obraichean Fòram Thuiltean na h-Alba, a bhios a’ toirt comhairle is taic do dhaoine a dh’fhulaing tuiltean, is seirbheisean ro-aithris agus rabhaidh thuile le BDÀA. Cuideachd, tha £12m air a thoirt seachad thairis air ceithir bliadhna gus taic a chur ri freagrachadh ri linn atharrachaidhean air a’ chosta. Tha na nithean seo uile fìor chudromach gus lùghdachadh a thoirt air ar cunnart bho thuiltean. Ach tha miann againn beachdan a chluinntinn a thaobh am biodh buaidh na bu mhotha ann nan deigheadh cuibhreann den mhaoineachadh seo a cho-roinn do ghnìomhan eile – leithid tabhartas gus togalaichean a dhìon bho thuiltean, ceumannan nàdarra gus rian a cumail air tuiltean no a bhith a’ toirt trèanadh is uidheamachd do bhuidhnean seasmhachd coimhearsnachd.

Ceistean

Nan deigheadh am maoineachadh a tha ri fhaotainn a sgaoileadh thairis measgachadh nas motha de ghnìomhan airson seasmhachd bho thuiltean b’ urrainn seo an uair sin lùghdachadh a thoirt air na thèid a chosg air sgeamaichean mòra ùra airson ar dìon bho thuiltean.

15. Ciamar a b’ urrainn fiosrachadh, comhairle, stiùireadh agus taic theicnigeach a bhith air an toirt do choimhearsnachdan is buidhnean-rian thuiltean?

16. Ciamar as urrainn dhuinn èifeachdas, cunbhalachd agus luach a chruthachadh fhad ’s a tha sinn a’ toirt seachad ghnìomhan tuile?

17. A thuilleadh air sgeamaichean mòra airson ar dìon bho thuiltean, dè na gnìomhan eile a dh’ionnsaigh seasmhachd bho thuiltean a bu chòir prìomhachas fhaighinn a thaobh taic is a bhith a’ cosg maoineachadh a tha ri fhaotainn? (Rangaichibh iad leis an fheadhainn as cudromaiche aig a’ mhullach)

  • a. A’ glèidheadh sgeamaichean dìon bho thuiltean a tha mu thràth ann
  • b. Sgeamaichean beaga airson ar dìon bho thuiltean
  • c. Dòighean nàdarra gus rian a chumail air tuiltean
  • d. Bun-structar gorm agus uaine (m.e. raointean-uaine le iomadh cleachdadh, leithid raointean ball-coise a sheasas ri tuiltean)
  • e. Ro-aithrisean agus rabhaidhean thuiltean
  • f. Ceumannan airson thogalaichean a dhèanamh seasmhach an aghaidh thuiltean
  • g. A’ cur taic ri buidhnean ionadail airson seasmhachd bho thuiltean aig ìre coimhearsnachd
  • h. Cha bu chòir gnìomhan eile maoineachadh fhaighinn – bu chòir maoineachadh gu lèir a chosg air sgeamaichean mòra airson ar dìon bho thuiltean
  • i. Eile (mìnichibh)

18. A bheil sibh den bheachd gu bheil fianais is fiosrachadh gu leòr ann gus taic a chur ri lìbhrigeadh measgachadh nas motha de ghnìomhan airson seasmhachd bho thuiltean? Tha/Chan eil -

Mur a h-eil, leigibh fios dhuinn far a bheilear a’ faicinn bheàrnan nar fianais is fiosrachadh.

19. Dè na tùsan no innealan maoineachaidh eile a b’ urrainnear a chleachdadh gus taic a chur ri seasmhachd bho thuiltean? (Rangaichibh iad leis an fheadhainn as cudromaiche aig a’ mhullach)

  • a. Feadhainn a gheibh buannachd dhìreach à seasmhachd nas fheàrr bho thuiltean (m.e. an roinn phrìobhaideach/gnothachasan) a bhith a’ cur airgead ris.
  • b. Leasachaidhean ùra uile-gu-lèir a’ cur airgead ri bhith a’ togail seasmhachd bho thuiltean.
  • c. A bhith a’ cur taic ri dòighean nàdarra airson rian a chumail air tuiltean le bhith a’ toirt thabhartasan do thuathanaich, croitearan is manaidsearan fearainn (mar eisimpleir, Sgeama Ghrantaichean na Coilltearachd, am frèam-taice àiteachais a tha san amharc no tabhartasan PeatlandACTION).
  • d. Eile (mìnichibh)

Agus mu dheireadh?:

20. Dè an dragh as motha a tha agaibh mu thuiltean?

21. Dè an aon rud as motha a chuireadh ri seasmhachd na h-Alba bho thuiltean?

Contact

Email: flooding_mailbox@gov.scot

Back to top