Flood resilience strategy consultation: Gaelic version
This consultation seeks your views on Scotland's first Flood Resilience Strategy, which will lay out what we need to do in the long term to make our places more flood resilient. The consultation asks questions about our proposed principles and the three key themes of people, places and processes
Eàrr-ràdh A: Clàr-mìneachaidh/ Mìneachaidhean
Am Prògram: Freagrachadh Alba
’S e a th’ ann am Freagrachadh Alba, prògram a stèidhich Riaghaltas na h-Alba gus dèiligeadh ris na dùbhlain a th’ ann a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde. Tha e ag amas air Alba a dhèanamh nas seasmhaiche agus nas ullaichte gus dèiligeadh ris na diofar sheòrsaichean buaidhe a bheir atharrachadh na gnàth-shìde air cùisean.
Milleadh Cuibheasach Bliadhnail (MCB)
’S e a th’ ann am milleadh cuibheasach bliadhnail (MCBan), am milleadh cuibheasach a thathar a’ tuairmse a nì tuiltean air an eaconamaidh thar ùine glè fhada. Chan eilear a’ ciallachadh gun tachair an uiread de mhilleadh sin gach bliadhna: tòrr de bhliadhnaichean cha bhi milleadh idir ann, agus cuid a bhliadhnaichean cha bhi ann ach milleadh beag agus cuid a bhliadhnaichean eile bidh milleadh mòr ann.
Bith-iomadachd
Giorrachadh airson iomadachd bhith-eòlach: an àireamh agus na seòrsaichean de phlanntrais is ainmhidhean a tha a’ tighinn beò ann an sgìre shònraichte. Tha bith-iomadachd mar phàirt glè chudromach de ar beatha agus thathar a’ gabhail ris gu fada is farsaing a-nis gu bheil bith-iomadachd ann an suidheachadh-èiginn, air feadh na cruinne agus ann an Alba.
Ro-innleachd airson bith-iomadachd gu 2045: a’ dèiligeadh ri suidheachadh-èiginn nàdair
Bun-structair gorm is uaine
An dà chuid bun-structair gorm agus bun-structair uaine.
Bun-structair Gorm
Feartan-uisge san àrainneachd nàdarra agus san àrainneachd thogte a bhios a’ dèanamh feum dhan eag-shiostam ann an diofar dhòighean. Am measg nam feartan gorma a gheibhear tha: aibhnichean, lochan, talamh-fliuch, canàlaichean, cùrsaichean-uisge eile, lòintean, sgìrean costa is mara a’ gabhail a-steach tràighean, cabhsairean-coiseachd pòrach, siostam drèanaidh bailteil seasmhach agus gàrraidhean-uisge.
Bun-structair Uaine
Feartan no raointean ann an àrainneachdan nàdarra is togte a nì feum dhan eag-shiostam.
Lìonraidhean drèanaidh gorma is uaine
Raointean co-cheangailte sa bheil bun-structair gorm is uaine, siostaman drèanaidh seasmhach agus àiteachan fosgailte, a tha a’ dol còmhla gus siostam drèanaidh aonaichte a chruthachadh. Bidh iad seo a’ dèanamh feum, còmhla ri bun-structair drèanaidh a tha dèanta le daoine, leithid dhrèanaichean-rathaid agus siostaman-sàidhbhir, agus iad a’ toirt piseach air drèanadh ann an sgìrean bailteil feuch nach bi uiread de thuiltean ann.
Sgìre Silidh
Raon talmhainn agus an t-uisge a tha air a chruinneachadh ann, gu h-àraidh an sileadh a tha air a chruinneachadh thar raon drèanaidh nàdarra. Mar eisimpleir, ’s e a th’ ann an sgìre silidh aibhne raon talmhainn far a bheil abhainn is gach meur dhith a’ sruthadh is a’ drèanadh. Faodaidh sgìre silidh a bhith a’ gabhail a-steach slèibhtean-cnuic agus raointean-tuile, lochan, coilltean, pàircean àiteachais agus sgìrean bailteil.
ClimateXChange
Ionad-eòlais na h-Alba airson atharrachadh na gnàth-shìde.
ClimateXChange | Ionad-eòlais na h-Alba airson atharrachadh na gnàth-shìde
Bleith na h-Oirthir
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air bleith na h-oirthir air Dynamic Coast.
Buidhnean Coimhearsnachd airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Buidhnean ionadail a tha a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan aca. Tha diofar sheòrsaichean bhuidhnean anns na diofar sgìrean, agus nàdar gach buidhne a rèir nan cùisean ris a bheil a’ choimhearsnachd aca a’ dèiligeadh. Bidh Fòram Thuiltean na h-Alba a’ cuideachadh is a’ toirt taic do leithid a bhuidhnean ann an sgìrean a tha fo chunnart bho thuiltean.
Gnìomhan Coimhearsnachd gus Cur ri Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean - SFF
Lèirsinn Dhùn Èideann airson Uisge
Am plana fad-ùine is seasmhach aig Comhairle Baile Dhùn Èideann airson rian a chumail air uisge nan aibhnichean, na h-oirthir agus uisge bho stoirmean air feadh a’ bhaile agus na tìre timcheall a’ bhaile, plana a tha a’ cur sùim ann an dualchas eachdraidheil a’ bhaile. Thathar ag iarraidh air an luchd-ùidhe air fad pàirt a ghabhail sa phlana agus e na amas dèiligeadh ri tuiltean agus na cunnartan a th’ ann a thaobh càileachd-uisge a dh’fhaodadh a bhith ann ri linn atharrachadh na gnàth-shìde, agus ri linn ìrean silidh eadar-dhealaichte agus àrdachadh ann an ìre na mara.
Lèirsinn Dhùn Èideann airson Uisge – Planadh Dhùn Èideann
Buidheann Thuiltean Edzell
Buidheann gnìomh ionadail a stèidhich muinntir Edzell ann an Aonghas. Tha a’ bhuidheann ag obair còmhla ris a’ choimhearsnachd gus buaidh nan tuiltean ann an Edzell a lùghdachadh.
An Achd airson Rian air Cunnartan a thaobh Thuiltean (Alba) 2009
Achd Pàrlamaid na h-Alba: le reachdas airson mheasaidhean air agus rian seasmhachd a chumail air cunnartan a thaobh thuiltean, a’ gabhail a-steach cumha gus Àrd-riaghailt Pàrlamaid is Comhairle na h-Eòrpa 2007/60/EC a chur an gnìomh; le reachdas a thaobh dhleastanasan ùghdarrasan ionadail agus Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba a thaobh a bhith a’ cumail rian air cunnartan a thig bho thuiltean; le atharrachadh air Achd nan Lochan-tasgaidh 1975; agus airson adhbharan co-cheangailte.
An Achd airson Rian air Cunnartan a thaobh Thuiltean (Alba) 2009
Tuiltean ann an Alba – Cò air a tha na dleastanasan gus dèiligeadh riutha?
Tha an Achd airson Rian air Cunnartan a thaobh Thuiltean (Alba) 2009 a’ cur an cèill gu soilleir cò air a tha na dleastanasan is uallaichean gus rian a chumail air cunnartan bho thuiltean ann an Alba. Bidh sinn ag obair ann an com-pàirt a thaobh sin còmhla ri SEPA, ùghdarrasan ionadail, Uisge na h-Alba agus ùghdarrasan eile le uallach leithid Ùghdarras Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean agus Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.
Loidhne nan Tuiltean
Gheibhear fiosrachadh mu thuiltean air Loidhne nan Tuiltean agus comhairle air mar a dh’fhaodas tu ullachadh a dhèanamh gus dèiligeadh ri buaidh tuile. Tha an t-seirbheis seo ann 24 uairean san latha, 7 latha gach seachdain.
Loidhne nan Tuiltean | Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA)
Raointean Uaine
Àiteachan, ach a-mhàin fearann àiteachais, a tha air an cleachdadh no a dh’fhaodadh a bhith air an cleachdadh airson chur-seachadan no mar ghoireas poblach, no mar àite às am faigh daoine tlachd leithid phàircean, gàrraidhean, raointean-cluiche, àiteachan-cluiche airson clann, coilltean agus raointean nàdarra eile, raointean le feur, cladhan is lotaichean-gàrraidh, slighean uaine, leithid cheuman, seann rathaidean-iarrainn nach eil air an cleachdadh tuilleadh, aibhnichean is canàlaichean, fearann trèigte, no a tha falamh no air a thruailleadh agus a ghabhas cur gu feum as ùr.
Eadar-ghluasad Cothromach
Seo mar a nì sinn cinnteach gum bi saoghal nas cothromaiche is nas ‘uaine’ ann dhan a h-uile duine agus sinn ag obair ann an com-pàirt gus dèiligeadh ri neo-ionannachd is ana-ceartas.
Structairean Dìona Mòra airson Tuiltean
Bidh ùghdarrasan ionadail a’ cur sgeamaichean dìona nas motha an sàs airson tuiltean fon Achd airson Rian air Cunnartan a thaobh Thuiltean (Alba) 2009. Chaidh aon de na sgeamaichean sin a chur an gnìomh o chionn ghoirid, Sgeama Dìon Stonehaven airson Tuiltean.
Sgeama Dìon Stonehaven airson Tuiltean – Comhairle Siorrachd Obar Dheathain
Àiteachan airson uisge
Am pròiseas far a bheilear a’ faighinn tuigse air càite am bi uisge a’ dol gu nàdarra agus a’ beachdachadh air ciamar as urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gu bheil àiteachan ann a ghabhas e. Tha oidhirpean gus àiteachan a dheisealachadh airson uisge gu h-àraidh feumail a thaobh a bhith a’ cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean agus sinn a’ lùghdachadh nan cunnartan a dh’fhaodadh tighinn bho thuiltean.
Àrd-phlanadh
Planadh ro-innleachdail airson sgìre a thathar a’ moladh a bu chòir a bhith air a h-ath-nuadhachadh no air a h-atharrachadh gus dèiligeadh ri dùbhlain no feumalachdan ro-innleachdail.
Iomadh buannachd
A thaobh seasmhachd an aghaidh thuiltean, tha an abairt iomadh buannachd a’ buntainn ris na gnìomhan a nì sinn gus àiteachan a dhèanamh nas seasmhaiche an aghaidh thuiltean às an tig buannachdan eile do choimhearsnachdan. Mar eisimpleir, le rian nàdarra air tuiltean, faodaidh piseach tighinn air seasmhachd an aghaidh thuiltean, bith-àrainnean is bith-iomadachd, faodaidh e cur ris na th’ ann de raointean uaine ann am bailtean is bailtean-mòra, agus faodaidh e cur ri slàinte is math dhaoine.
Slatan-tomhais Nàiseanta airson Co-chonaltradh ri Coimhearsnachdan
’S e a th’ anns na Slatan-tomhais Nàiseanta airson Co-chonaltradh ri Coimhearsnachdan, prionnsapalan airson deagh mhodhan-obrach a bheir piseach air co-chonaltradh ri coimhearsnachdan agus a tha mar stiùireadh air a’ cho-chonaltraidh sin.
Rian Nàdarra air Tuiltean (RNT)
A’ cleachdadh dhòighean nàdarra gus lùghdachadh a thoirt air cunnartan bho thuiltean. Leis na gnìomhan seo, bithear a’ cur dìon air, ag ath-nuadhachadh, agus a’ togail air na dòighean sa bheil sgìrean-silidh, raointean-tuile agus an oirthir a’ cur maill air agus a’ stòradh uisge agus na dòighean sam bi iad a’ sgaoileadh neart nan tonn.
Am measg nan gnìomhan RNT tha rian air ùir is fearann, rian air aibhnichean is raointean-tuile, rian air coilltean, rian air ruith-dheth agus rian air an oirthir is inbhirean.
Modhan-obrach stèidhichte air àiteachan
Le modhan-obrach stèidhichte air àiteachan, bithear a’ faighinn tuigse air cùisean, eadar-cheanglaichean agus ceanglaichean ann an àite agus a’ co-òrdanachadh ghnìomhan is maoineachadh gus piseach a thoirt air beatha dhaoine sa choimhearsnachd sin.
Modhan-obrach Stèidhichte air Àiteachan | Ar n-Àite
A’ neartachadh àiteachan
Mar a thèid àiteachan sàr-mhath a chruthachadh a chuireas taic ri slàinte, toileachas is math dhaoine. Tha seo a’ buntainn ris an àrainneachd sa bheil sinn a’ fuireach; na daoine a tha a’ fuireach sna h-àiteachan seo; agus na buannachdan a gheibh daoine nam beatha bho bhith a’ gabhail gnothach ris an àrainneachd aca. Le bhith a’ neartachadh àiteachan, bidh daoine ag obair còmhla gus àiteachan a leasachadh is cruth as ùr a thoirt orra thairis air ùine, agus tha daoine is coimhearsnachdan an teis-meadhan a' cho-obrachaidh sin.
Buidheann phoblach
Buidheann a tha air a stèidheachadh gu h-oifigeil agus a gheibh maoineachadh poblach gus seirbheis phoblach no riaghaltais a lìbhrigeadh.
Gàrradh-uisge
Gàrradh a tha nas ìsle na tha timcheall air, air a dhealbh gus uisge a ghabhail a-steach a bhios tighinn far uachdar rudeigin, leithid patio no mullach taigh.
Ruith-dheth
Seo an t-uisge a bhios a’ sruthadh air uachdar rudeigin mus tèid e a-steach gu drèan no cùrsa-uisge. Mar eisimpleir, nuair a bhios sileadh mòr ann, dh’fhaodadh gum bi barrachd uisge na laighe ann am pàirc na ghabhas an ùir. Bidh an t-uisge nach eil air a ghabhail a-steach a’ ruith dheth.
Planaichean Rian na h-Alba airson Chunnartan bho Thuiltean
Seo mar a thèid cur ri seasmhachd choimhearsnachdan na h-Alba an aghaidh thuiltean. Tha iad glè chudromach do shlàinte, math is soirbheachadh eaconamach muinntir na h-Alba, agus thathar a’ dèanamh tuairmse gu bheil 284,000 dachaigh, gnothachas is seirbheis fo chunnart bho thuiltean. Tha na planaichean seo cuideachd nam meadhan cudromach gus dèiligeadh ri suidheachadh-èiginn na gnàth-shìde, oir thathar a’ dèanamh tuairmse gun tig àrdachadh de 110,000 air an àireimh de dhachaighean, gnothachasan is seirbheisean a tha fo chunnart bho thuiltean eadar seo agus na 2080an. Tha SEPA a’ stiùireadh nam planaichean ann an Alba gus rian a chumail air cunnartan bho thuiltean. Tha na planaichean sin a’ cur an cèill an t-amas fad-ùine gus cur ri ar seasmhachd an aghaidh thuiltean, agus tha iad a’ stèidheachadh cheann-uidhe is ghnìomhan.
Planaichean Rian airson Cunnartan bho Thuiltean | SEPA
Frèam Planaidh Nàiseanta na h-Alba 4
’S e a th’ ann am Frèam Planaidh Nàiseanta 4 (FPN4), an ro-innleachd àiteachan nàiseanta aig Riaghaltas na h-Alba. Tha e a’ stèidheachadh phrionnsapalan, prìomhachasan roinneil, leasachaidhean nàiseanta agus poileasaidhean planaidh nàiseanta airson àiteachan.
Sgrìobhainnean taice - Frèam Planaidh Nàiseanta 4
Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA)
Ùghdarras nàiseanta na h-Alba airson tuairmsean air tuiltean, rabhaidhean tuile agus airson rian ro-innleachdail a chumail air cunnartan bho thuiltean.
Tuiltean | Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA)
Fòram Thuiltean na h-Alba
’S e buidheann neo-eisimeileach a th’ ann am Fòram Thuiltean na h-Alba a bhios a’ toirt taic do dhaoine is coimhearsnachdan a tha fo chunnart bho thuiltean.
Fòram Thuiltean na h-Alba – A’ Toirt Taic do Choimhearsnachdan a tha fo Chunnart bho Thuiltean
Plana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba 3
Plana freagrachaidh na h-Alba mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde airson na h-ùine 2024-2029. Tha seo aig ìre dreachd an-dràsta, agus bhathar a’ cumail co-chomhairleachadh poblach air seo eadar 31 Faoilleach is 24 Giblean 2024.
Co-chomhairleachaidhean Riaghaltas na h-Alba - Citizen Space
Maoin Lìonraidhean Cumhachd na h-Alba is a’ Chinn a Deas airson Choimhearsnachdan Seasmhach
Tha e mar phrìomh amas le Maoin Lìonraidhean Cumhachd na h-Alba is a’ Chinn a Deas airson Choimhearsnachdan Seasmhach coimhearsnachdan a chuideachadh gus am bi iad nas seasmhaiche nuair a bhios stoirmean is droch shìde ann agus nuair a bhios an cumhachd dheth thar ùine nas fhaide.
Maoin nan Coimhearsnachdan Seasmhach - SSEN
Sniffer
’S e a th’ ann an Sniffer, buidheann a tha a’ cur taic ri Alba gus ullachadh a dhèanamh gus dèiligeadh ri buaidh atharrachadh na gnàth-shìde agus iad a’ tarraing aire dhaoine gu na cunnartan is cothroman a th’ ann a thaobh na gnàth-shìde agus bidh iad a’ cruthachadh chothroman co-obrachaidh tro Phrògram Freagrachaidh na h-Alba.
Siostaman drèanaidh seasmhach (SuDS)
Dòighean nàdarra gus rian a chumail air drèanadh ann an agus faisg air fearann is toglaichean dhaoine agus an lùib leasachaidhean. Bithear a’ cur maill is bacadh air uisge a tha a’ ruith dheth air làrach. Bidh na dòighean seo a’ cuideachadh le bhith a’ cumail rian air uisge a tha air bàrr na talmhainn.
Drèanadh seasmhach (susdrain.org)
Buidhnean còmhdhail is ghoireasan
Nam measg tha luchd-solair airson rathaidean is rathaidean-iarrainn, puirt is calaidhean, dealan, gas agus uisge.
Earrann uisge
Earrann shònraichte de dh’uisge-uachdarach a ghabhas a shònrachadh, leithid muir, loch, lòn, talamh-fliuch, sruthan, abhainn no pàirt de shruthan no abhainn.
Buta Uisge
Soitheach airson uisge a bhios a’ sileadh a ghleidheadh a ghabhas cleachdadh airson gàrraidhean no gus rathaidean-taighe a ghlanadh msaa.
Cùrsa-uisge
Slighe nàdarra no thogte trom bi uisge a’ sruthadh. Dh’fhaodadh gur e abhainn no canàl a th’ ann, no rudeigin eile.
Contact
Email: flooding_mailbox@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback