Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri Aithisg na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig
Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri molaidhean na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig
Facal-toisich bhon Mhinistear
Chaidh an aithisg aig a' Bhuidhinn-obrach Gheàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig a bharantachadh fon Ro-innleachd Nàiseanta airson Cruth-atharrachadh a thoirt air an Eaconamaidh (RNCE). Tha an ro-innleachd sin a’ cur an cèill lèirsinn airson mar a bheirear leasachadh air eaconamaidh na h-Alba – lèirsinn sa bheil math dhaoine agus math a’ chomainn-shòisealta aig cridhe a’ phrògraim aig Riaghaltas na h-Alba airson fàs a thoirt air an eaconamaidh. San aithisg aca, tha a’ Bhuidheann-obrach Gheàrr-ùine a’ toirt tuairisgeul air an àite a th’ aig a’ Ghàidhlig san lèirsinn sin. ’S e a tha mar bhunait dha na tha iad a’ moladh gu bheil a’ Ghàidhlig na stòras luachmhor do dh’eaconamaidh na h-Alba agus gu bheil poileasaidhean eaconamach na h-Alba fìor chudromach do ar coimhearsnachdan Gàidhlig traidiseanta agus mar a shoirbhicheas leotha. Mar phàirt de sin, tha puing nas fharsainge aca, ’s e sin cho cudromach ’s a tha eugsamhlachd chànanan do mhath a’ chomainn-shòisealta agus leas na h-eaconamaidh.
Thug iad dealbh drùidhteach dhuinn air mar a ghabhas adhartas a dhèanamh airson na Gàidhlig. Tha na molaidhean aca a’ togail air an adhartas a rinneadh airson a’ chànain thar a’ ghinealaich mu dheireadh – tro stèidheachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig; leasachaidhean coimhearsnachd Gàidhlig; an leudachadh a thàinig air craoladh na Gàidhlig; agus mar a chaidh planadh cànain na Gàidhlig a chur an sàs an lùib phoileasaidhean is bhuidhnean poblach. Tha an aithisg a’ sealltainn mar a tha an t-adhartas seo air a bhith gu buannachd nan coimhearsnachdan air a bheilear a’ cur prìomhachas san aithisg seo – agus tha na buannachdan sin air a bhith rim faicinn air feadh comann-sòisealta na h-Alba, agus sin gu math follaiseach bho mar a tha a’ Ghàidhlig air a dhol am meud ann am bailtean-mòra na h-Alba. Tha e mar uallach air Riaghaltas na h-Alba agus ar luchd-ùidhe dèanamh cinnteach gun lean an t-adhartas seo. Cuideachd, ’s e dùbhlan a th’ ann dhuinn dèanamh cinnteach gun soirbhich leis a’ Ghàidhlig sna roinnean ùra a chomharraich a’ Bhuidheann – leithid cùram slàinte is sòisealta no tionnsgalachd – agus gun dèiligear ri cùisean eaconamach nas fharsainge – leithid còmhdhail, taigheadas is a’ gleidheadh an t-sluaigh – nithean a bhios a’ lagachadh choimhearsnachdan Gàidhlig.
Chaidh coimisean a thoirt dhan Bhuidhinn mar phàirt dhen amas aig RNCE gus taic a chur ri tarbhachd roinneil. Chomharraich na buill aca pàirtean sònraichte de dh’Iar-thuath na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan a tha, a rèir nam briathran aca fhèin, nam Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig. ’S iad sin Na h-Eileanan Siar agus An t-Eilean Sgitheanach agus sgìrean ann an Loch Aillse, Tiriodh, Ìle agus Diùra – àiteachan far an deach a chlàradh ann an Cunntas-sluaigh 2011 gun robh comasan Gàidhlig aig co-dhiù 20% dhen t-sluagh. Bho chaidh an aithisg fhoillseachadh, thàinig na figearan airson cunntas-sluaigh 2022 a-mach. Tha na h-àireamhan ùra sin a' sealltainn gun deach an àireamh de dhaoine le comasan Gàidhlig an àird – naidheachd mhath gun teagamh. Ge-tà, dhearbh iad cuideachd gu bheil an cànan fhathast a’ crìonadh ann an sgìrean dùthchail is eileanach, àiteachan far am faodar a ràdh gu bheil Gàidhlig fhathast na cànan susbainteach a tha ga bruidhinn aig gach ìre dhen choimhearsnachd. Sna h-àiteachan far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn air feadh na coimhearsnachd, bidh na h-aon dùbhlain ron chànan ’s a tha ron choimhearsnachd fhèin. Tha Riaghaltas na h-Alba moiteil às mar a tha sinn a’ moladh iomairt nàiseanta airson na Gàidhlig stèidhichte air a’ phrionnsapal gum buin an cànan dhan a h-uile duine againn. Ach tha e soilleir gum feum sinne agus ar luchd-ùidhe làn ealla a ghabhail ri cùisean sòisealta agus eaconamach an lùib ath-bheothachadh a' chànain nuair a bhios sinn a’ cur phoileasaidhean Gàidhlig an sàs sna coimhearsnachdan a chaidh a chomharrachadh san aithisg seo. Tha am fiosrachadh agus na molaidhean aig a’ Bhuidhinn-obrach Gheàrr-ùine a’ toirt stiùireadh cudromach dhuinn air an obair a tha romhainn. ’S iad molaidhean na h-aithisge seo agus Bile nan Cànan Albannach an dà phrìomh cheum a tha sinn a’ gabhail an-dràsta a thaobh phoileasaidhean na Gàidhlig.
Bha luach is buaidh na Gàidhlig ro fhollaiseach ann an saoghal nàiseanta na h-Alba fada mus do thòisich na leasachaidhean a thaobh ath-bheothachadh na Gàidhlig a chithear nar latha fhèin – leasachaidhean a thòisich leis na ciad chothroman air foghlam tron Ghàidhlig ann an 1985. Tha siostam ath-leasachaidh an fhearainn agus an siostam airson stòrasan is fearann a bhith fo rian na coimhearsnachd a chithear san latha an-diugh air tighinn gu bith mar thoradh air Strì an Fhearainn air a’ Ghàidhealtachd aig deireadh an 19mh linn agus air prìomh bhuil na h-iomairt sin, Achd Gabhaltasan nan Croitearan (Alba) 1886. Mar sin, tha iomairt chroitearan – a chuir lèirsinn phoilitigeach air adhart stèidhichte air prionnsapalan Gàidhlig airson chòraichean is uallaichean fearainn – air cuideachadh le bhith a’ cur ri beairteas na h-Alba san 21mh linn – an dà chuid tro neart eaconamach a thàinig bho urrasan oighreachd ann an sgìrean dùthchail na h-Alba agus tron obair a bhios buidhnean coimhearsnachd a’ dèanamh gus meadhan bhailtean is bhailtean-mòra na h-Alba ath-nuadhachadh. Ginealach às dèidh sin, nuair a chaidh Seirbheis Mheidigeach na Gàidhealtachd is nan Eilean a chur air chois ann an 1913, chaidh prògram cùraim shlàinte farsaing a chur air bhonn gus frithealadh air feumalachdan sònraichte ceann a tuath na h-Alba. Chaidh sin a chleachdadh airson stiùir a thoirt dhan obair gus an NHS a stèidheachadh ann an 1948 – agus sin ga dhèanamh soilleir gum faodadh seirbheis a chaidh a dhealbh airson frithealadh air feumalachdan sònraichte Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba a bhith gu math feumail dhan obair gus aon de ar prìomh sheirbheisean poblach a stèidheachadh. Tha am prionnsapal a tha an dà eisimpleir seo a’ dearbhadh a’ tighinn am follais a-rithist agus a-rithist an lùib nan iomairtean Gàidhlig a dh’ainmich a’ Bhuidheann. Aig àm nuair a tha daoine nas tuigsich air cùisean cànain, agus nuair a thathar a’ faicinn gu bheil buannachdan mòra a’ tighinn bho eugsamhlachd chànanan, tha e doirbh fhaicinn ciamar as urrainnear a dhol as àicheadh gu bheil taic dhan Ghàidhlig is do choimhearsnachdan Gàidhlig a’ dèanamh feum gu nàiseanta.
Chleachd a’ Bhuidheann-obrach Gheàrr-ùine na faclan a leanas le Calum is Ruaraidh Dòmhnallach bho Runrig mar fhaclan-toisich dhan aithisg aca:
‘Is ged a dh’fheuch iad ri cur às dhuinn
Chì mo theaghlach cnoc nan linn
Is ged tha ar cànan leòint le strì
’San tìr seo bidh i beò’
Tha na faclan seo bhon òran a’ toirt fianais dhuinn air mar a tha daoine a’ faireachdainn gun robh na Gàidheil is an cànan aca a’ fulang tro na linntean ri linn mì-rùn is mì-ghnìomh – ach thathar cuideachd ag ràdh gu bheilear moiteil às mar a tha an cànan is na coimhearsnachdan air maireachdainn agus gun urrainnear tagradh a dhèanamh feuch an toir daoine feart orra agus gun cuir daoine sùim annta ann an comann-sòisealta nas fhosgailte nar linn fhìn. Bhon t-sealladh fìor Ghàidhealach seo, faodaidh sinn prionnsapal coitcheann a chomharrachadh a tha a’ cur taic ri cinn-uidhe an riaghaltais seo: luach a chur ann an comann-sòisealta eugsamhail Albannach sam faighear diofar choimhearsnachdan is chultaran a tha a’ cur ri beairteas nàiseanta na dùthcha. Tha e air leth iomchaidh gu bheil sgrùdadh air coimhearsnachdan Gàidhlig a’ toirt dearbhadh dhuinn air a’ phrionnsapal sin.
Ceit Fhoirbeis BPA
Leas-Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson na h-Eaconamaidh agus na Gàidhlig
Contact
Email: niall.bartlett@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback