Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri Aithisg na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig
Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri molaidhean na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig
Sluagh is Bun-structair
3.1.1 Mar amas èiginneach, thèid dèiligeadh ri dùbhlain bun-structair – taigheadas, còmhdhail is ceanglaichean didseatach – a lagaicheas ‘an cothrom gus tòiseachadh air stèidh cho-ionann’ airson amasan NSET.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Tha trì sgrìobhainnean ro-innleachdail aig Riaghaltas na h-Alba a tha iad a’ cleachdadh gus dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri taigheadas, còmhdhail agus ceanglaichean didseatach, raointean a chaidh a chomharrachadh sa mholadh seo: Taigheadas gu ruige 2040, An Ro-innleachd Còmhdhail Nàiseanta agus Plana Nàiseanta Eileanan na h-Alba. Leis a’ Phlana Choileanaidh Dhùthchail a bhios Ministearan na h-Alba a' foillseachadh an ceann ùine, gheibhear cothrom eile gus beachdachadh air builean airson choimhearsnachdan Gàidhlig mar phàirt de na bhios an riaghaltas a’ dèanamh airson sgìrean dùthchail is eileanach na h-Alba san fharsaingeachd.
Contact
Email: niall.bartlett@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback