Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri Aithisg na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig

Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri molaidhean na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig


Taigheadas

’S e ‘Taigheadas gu ruige 2040’ an ro-innleachd taigheadais nàiseanta aig Riaghaltas na h-Alba. Tha e mar phrìomh amas dhan ro-innleachd sin 110,000 taigh ùr a thogail air feadh Alba a bhios ri fhaotainn aig prìs reusanta – agus bidh 10% dhiubh sin ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach. Chithear fiosrachadh air mar a thèid an t-amas mu dheireadh sin a choileanadh ann am Plana Gnìomh Riaghaltas na h-Alba airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach. Chaidh gnìomhan a’ phlana sin a dhealbh ann an co-bhuinn ris na buidhnean a chaidh a chomharrachadh gus am moladh seo a chur an sàs.

Sa Phlana Ghnìomh thathar a’ beachdachadh air ceithir dòighean gus dèiligeadh ris an iarrtas a gheibhear airson taigheadas ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach. Sa phlana thathar a’ gabhail ris gu bheil feum air barrachd taigheadais sàr-mhath aig prìs reusanta. Feumar feum nas fheàrr a dhèanamh dhen taigheadas a th’ ann mu thràth. Bheirear barrachd taice do leasachaidhean taigheadais a tha fo stiùir choimhearsnachdan – agus an seòrsa leasachaidhean sin a’ dèanamh diofar mòr mu thràth sna Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig a chomharraich an Aithisg. Mu dheireadh, thèid coimhead air taigheadas ann an co-theacsa na h-eaconamaidh ionadail agus an eaconamaidh sin a’ toirt uiread buaidhe air taigheadas. Thathar a’ beachdachadh air gnìomhan fa leth bhon Phlana Ghnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach ann am barrachd doimhneachd mu choinneimh nam molaidhean gu h-ìosal.

Cuideachd, tha e na amas dhan Phlana Ghnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach dèiligeadh ris an neo-ionannachd a gheibhear a thaobh cheanglaichean didseatach. Tron phlana, nì Riaghaltas na h-Alba measadh air na goireasan gigabit a th’ aig luchd-solair agus air na tha iad an dùil a thogail. Mar phàirt de sin iarrar beachdan bho luchd-ùidhe san fharsaingeachd – leithid dhaoine a tha a’ riochdachadh luchd-labhairt na Gàidhlig agus nam Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig a chomharraich a’ Bhuidheann-obrach Gheàrr-ùine. Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair gu dlùth còmhla ri A’ Cur ri Goireasan Didseatach na RA fhad ’s a tha iad ag ullachadh gus na ciad chùmhnantan solarachaidh a thairgsinn an lùib a’ Phròiseict Gigabit ann an Alba. Thèid co-chomhairleachadh a chumail a thaobh a bhith a’ fàgail dleastanas air luchd-leasachaidh gus ceanglaichean didseatach sàr-mhath a chur air dòigh anns gach leasachadh taigheadais ùr. Bithear a’ brosnachadh dhaoine a tha a’ fuireach sna Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig bhon Aithisg a bhith a’ gabhail pàirt sa cho-chomhairleachadh seo agus iarrar beachdan bho luchd-ùidhe na Gàidhlig.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top