Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri Aithisg na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig

Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri molaidhean na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig


Còmhdhail

Tha e mar amas do Riaghaltas na h-Alba seirbheisean aiseig a ghleidheadh agus a leasachadh, seirbheisean a tha glè chudromach do leasachaidhean eaconamach, sòisealta agus cultarach ann an coimhearsnachdan sna h-eileanan, sna leth-eileanan agus air tìr-mòr. Ann am Plana Cheanglaichean nan Eilean (PCE) san Ro-innleachd Chòmhdhail Nàiseanta, gheibhear fiosrachadh air mar a thèid seirbheisean aiseig, le taic bho mhodhan-còmhdhail eile, a thoirt seachad agus a neartachadh, mar phàirt de bhith a’ toirt ar lèirsinn gu buil airson na h-ùine-fada.

Chaidh dreachd de na h-Amasan Ro-innleachdail airson PCE agus Plana Shoithichean is Phort ùraichte fhoillseachadh airson co-chomhairleachadh poblach, agus rinneadh co-chonaltradh coimhearsnachd, eadar 1 Gearran is 6 Cèitean 2024. Sna h-Amasan Ro-innleachdail thathar a’ cur an cèill lèirsinn gum bi seirbheisean aiseig na h-Alba – le taic bho sheirbheisean còmhdhail eile leithid sheirbheisean adhair agus ceanglaichean stèidhichte – sàbhailte, earbsach, rim faotainn aig prìs reusanta agus freagarrach airson luchd-còmhnaidh, ghnothachasan agus luchd-tadhail agus iad a’ cur taic ri ceanglaichean, seasmhachd agus fàs ann an coimhearsnachdan sna h-eileanan agus sna leth-eileanan. Tha ceithir prìomhachasan mar bhunait dhan lèirsinn seo – earbsach is daingeann, cothrom orra gun bhacadh, eadar-cheangailte agus nas lugha carboin.

Sa Phlana Shoithichean is Phort ùraichte, gheibhear plana fad-ùine, gu 2045, airson na dh’fheumar a chosg, a rèir mheasaidhean, air soithichean is puirt gus dèiligeadh ris na prìomh dhùbhlain co-cheangailte ri earbsachd is daingneachd Sheirbheisean Aiseig Chluaidh is Innse Gall, agus Sheirbheisean Aiseig nan Eilean Mu Thuath, agus ’s ann aig Riaghaltas na h-Alba a tha an t-uallach airson nan seirbheisean sin. ’S iad na prìomh dhòighean san tèid seo a choileanadh: ùrachadh air a’ bhun-structair a th' ann agus a' togail aiseagan ùra, èifeachdach is seasmhach airson a dhol an àite nan seann bhàtaichean.

Chaidh toraidhean a’ cho-chomhairleachaidh phoblaich agus a’ cho-chonaltraidh choimhearsnachd air an dà phàipear fhoillseachadh san Lùnastal 2024, agus thèid tionndaidhean deireannach de na h-Amasan Ro-innleachdail agus dhen Phlana Shoithichean is Phort fhoillseachadh faisg air deireadh 2024.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top