Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri Aithisg na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig

Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri molaidhean na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig


Ceanglaichean didseatach

Tha am prògram A’ Ruighinn air 100% (R100) aig Riaghaltas na h-Alba a’ stèidheachadh bun-structair banna-leathainn a bhios freagarrach airson an ama ri teachd agus a chuireas taic ri fàs san eaconamaidh agus a bheir cothroman eaconamach ùra do choimhearsnachdan air feadh Alba. Tha am prògram air 49,000 ceangal a stèidheachadh mu thràth le 16 càballan snàithlich optaigeach ùra fon mhuir, a tha air ceanglaichean a thogail ri 15 eileanan Albannach. Tha an iomairt R100 a’ dol air adhart aig astar nach mall agus thathar an dùil gun tèid an uidheamachd a thogail agus gun dèanar cinnteach gum bi ceangal ann ris gach togalach a tha mar phàirt dhen chùmhnant airson 2028. Tha mu 70% dhe na 114,000 togalach ris a bheilear an dùil ceangal a thogail fo chùmhnantan R100 ann an sgìrean dùthchail na h-Alba, agus 12,000 dhiubh sin ann an coimhearsnachdan eileanach. Tha fios aig Riaghaltas na h-Alba gu bheil seo mar bhunait ro-chudromach do dh’eaconamaidh uaine a tha a’ fàs, agus mar sin tha iad air prìomhachas a chur air taic-airgid do cheanglaichean didseatach ann am buidseat 2024-25.

Tha Riaghaltas na RA air targaid a stèidheachadh: dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig 85% de thoglaichean air feadh na RA air bann-leathann le ceangal gigabit ro dheireadh 2025, agus tha targaid eile aca gum faighear cothrom air sin air feadh na dùthcha ro dheireadh 2030. Canar am Pròiseact Gigabit ri seo. Tha dleastanasan cudromach air Riaghaltas na h-Alba an lùib na h-obrach gus am Pròiseact Gigabit a chur an sàs ann an Alba agus tha iad ag obair gu dlùth còmhla ri Riaghaltas na RA airson dèanamh cinnteach gum faigh Alba cuibhreann iomchaidh dhen mhaoineachadh airson a’ Phròiseict Gigabit.

Chuir gnothachas ann an Griomasaigh fàilte air càball snàithlich a chaidh a cheangal ris an togalach aca mar thoradh air Prògram Banna-leathainn Fìor Luath airson Alba Dhidseatach, agus thuirt iad gun tug sin buaidh anabarrach mòr air cùisean sòisealta agus eaconamach dhaibh, agus bha iad dhen bheachd gum bi gnothachas nas seasmhaiche aca ri linn an teicneòlais.

Cuideachd, tha e na amas dhan Phlana Ghnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach dèiligeadh ris an neo-ionannachd a gheibhear a thaobh cheanglaichean didseatach. Tron phlana, nì Riaghaltas na h-Alba measadh air na goireasan gigabit a th’ aig luchd-solair agus air a tha iad an dùil a thogail. Mar phàirt de sin iarrar beachdan bho luchd-ùidhe san fharsaingeachd – leithid dhaoine a tha a’ riochdachadh luchd-labhairt na Gàidhlig agus nam Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig a chomharraich a’ Bhuidheann-obrach Gheàrr-ùine. Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair gu dlùth còmhla ri A’ Cur ri Goireasan Didseatach na RA fhad ’s a tha iad ag ullachadh gus na ciad chùmhnantan solarachaidh a thairgsinn an lùib Pròiseact Gigabit ann an Alba. Thèid co-chomhairleachadh a chumail a thaobh a bhith a’ fàgail dleastanas air luchd-leasachaidh gus ceanglaichean didseatach sàr-mhath a chur air dòigh anns gach leasachadh taigheadais ùr. Bithear a’ brosnachadh dhaoine a tha a’ fuireach sna Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig bhon Aithisg a bhith a’ gabhail pàirt sa cho-chomhairleachadh seo agus iarrar beachdan bho luchd-ùidhe na Gàidhlig.

3.1.2 Beachdaichidh Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean air a’ bhuaidh mhì-chothromaich a dh’fhaodas gainnead taigheadais aig prìs reusanta a thoirt air coimhearsnachdan Gàidhlig, gus dèanamh cinnteach gum bi poileasaidhean nas sùbailte ann is gun tèid taigheadas a thoirt seachad nas luaithe.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Tha Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (CGE) mar mheadhan freagarrach gus beachdachadh air na cùisean seo agus bidh buill a’ cur chùisean buntainneach ris a’ chlàr-ghnothaich aca gus bruidhinn mun deidhinn. Tha Bòrd na Gàidhlig nam ball de CGE agus bidh iad a’ dèanamh cinnteach gun tèid beachdachadh air feumalachdan sònraichte nan coimhearsnachdan Gàidhlig.

Nì sinn ùrachadh air an stiùireadh airson Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail agus nuair a nì sinn sin bheir sinn sùil air mar a ghabhas iarraidh air ùghdarrasan ionadail beachdachadh air mar as urrainn do dhachaighean ùra cuideachadh le bhith a’ cumail taic ri cultar – cho math ri cùisean sòisealta is eaconamach – ann an coimhearsnachdan agus sin a’ togail air na prionnsapalan a tha stèidhichte air àiteachan.

3.1.3 Bu chòir amasan Tionnsgalachd NSET a bhith air an leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig gus taic a thoirt do luchd-tionnsgail Gàidhlig le taic bhrosnachaidh a bharrachd is taic airson ghnothachasan a th’ air ùr-thòiseachadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Tha e na phrìomhachas eaconamach againn a bhith a’ toirt taic do dhaoine gus gnothachasan a thòiseachadh agus a leasachadh agus tha sinn ag obair gu dlùth còmhla ris a’ Phrìomh Neach-tionnsgail gus ro-innleachd a chur an sàs gus am bi eaconamaidh aig Alba a tha a’ dol am meud gu luath agus a tha math airson gnothachasan ùra a thòiseachadh.

Obraichidh sinn còmhla ris na prògraman is iomairtean a th’ ann mu thràth, leithid an Leasaiche-teicneòlais, Am Fosglan Gnothachais agus ùghdarrasan ionadail gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ gabhail làn-ealla ri feumalachdan luchd-tionnsgail Gàidhlig an lùib sheirbheisean agus nuair a thathar a’ cur ionmhas an seilbh agus a’ cur ris an eag-shiostam ghnothachais. Mar phàirt de sin bithear a’ sireadh comhairle bhon Phrìomh Neach-tionnsgail.

3.1.4 Thèid coimhead air ‘sgeama cothrom ceart’ saor-thoileach airson a bhith a’ reic thaighean, far a bheilear a’ toirt cuireadh do bhuidhnean iomchaidh obrachadh le buidhnean-reic thaighean gus an gabh taigheadas a thoirt seachad a rèir feum.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Beachdaichidh CGE air a’ mholadh seo còmhla ri buidhnean buntainneach.

3.1.5 Thèid sgeama a chruthachadh gus taic a chur ri seasmhachd Phrìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig tro bhith a’ tabhann ghrantaichean a nì e comasach do dhaoine air tuarastal ìosal no meadhanach sealbh fhaighinn air an dachaigh aca fhèin – an dàrna cuid le bhith a’ faighinn sealbh air làrach airson togail no le bhith a’ ceannach is a’ leasachadh àite a th’ ann mu thràth gus a chleachdadh mar an aon àite-còmhnaidh aca. ’S dòcha gum b’ urrainnear seo a dhèanamh tro bhith a’ dèanamh feum eadar-dhealaichte de phrògraman a tha mu thràth aig na Maoinean Taigheadais Dùthchail is Eileanach.

Chan eil Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Sa Phlana Ghnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach, thathar a’ sealltainn gu bheil diofar dhòighean ann mu thràth fo Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta airson taic a thoirt do dhaoine gus sealbh fhaighinn air dachaigh air feadh sgìrean dùthchail is eileanach. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tabhann taic, a thaobh a bhith a’ faighinn sealbh air dachaigh aig prìs reusanta, do dhaoine a tha a' ceannach dachaigh airson a' chiad uair agus daoine air a bheil prìomhachas nach b’ urrainn dachaigh a cheannach sa mhargaidh fhosgailte mura b’ e an taic sin, tro ar sgeamaichean aig an Iomairt Beag-chosgais airson Daoine a tha Ceannach airson a’ Chiad Uair: Sgeama Co-sheilbh airson na Margaidh Fosgailte agus Sgeama Co-sheilbh airson Taigheadas Ùr. A thuilleadh air an Sgeama Co-sheilbh airson na Margaidh Fosgailte, a tha mar as trice a’ toirt taic do dhaoine gus dachaigh a th’ ann mu thràth a cheannach, tha sgeamaichean eile a’ cur ris an àireimh de dhachaighean ùra a th’ ann, sgeamaichean leithid an Sgeama Co-sheilbh airson Taigheadas Ùr, a’ Mhaoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail, a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach agus Taic Chom-pàirteach airson Ath-nuadhachadh.

Ge-tà, tha sinn a’ tuigsinn gum faod e a bhith gu sònraichte doirbh sealbh fhaighinn air dachaigh ann an cuid a sgìrean dùthchail is eileanach ri linn gainnead taigheadais, iarrtas mòr, agus nithean a bheir buaidh air a’ mhargaidh leithid an ìre-rèidh no ìre na h-atmhorachd. Sa Phlana Ghnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach tha gnìomh ann gus rannsachadh neo-eisimeileach a bharantachadh mar phàirt de sgrùdadh nas fharsainge air sealbh air dachaighean aig prìs reusanta ann an sgìrean dùthchail is eileanach, sgrùdadh a nithear nuair a thèid crìoch a chur air ath-sgrùdadh air Prògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta. San rannsachadh neo-eisimeileach sin dh’fhaodte beachdachadh air a’ bhuaidh shònraichte a th’ aig cùisean co-cheangailte ri sealbh air dachaighean air na Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig air a bheil iomradh san aithisg.

Cuideachd, thèid na ceanglaichean obrach eadar Maoin Fearainn na h-Alba agus a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach a neartachadh airson dèanamh cinnteach gum bi na co-dhùnaidhean a nì iad a’ frithealadh gu ìre nas fheàrr air feumalachdan choimhearsnachdan dùthchail is eileanach.

3.1.6 Ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, bu chòir do luchd-seilbh fearainn mìneachadh is sealltainn mar a tha iad a’ cur taic ris a’ chànan anns na h-aithrisean aca air Còraichean is Dleastanasan Fearainn, agus iad gu h-àraid a’ toirt fianais air iomairtean is taic do phròiseactan a tha a’ lìbhrigeadh bhuilean sòisealta is eaconamach dhan Ghàidhlig.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo gu ìre.

Bheir sinn taic do dh’iomairtean agus pròiseactan aig luchd-seilbh fearainn às an tig builean eaconamach is sòisealta dhan Ghàidhlig. ’S ann air Ministearan na h-Alba a tha an dleastanas ann an Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2016, agus feumaidh iad Aithris air Còraichean is Dleastanasan Fearainn (ACDF) fhoillseachadh agus ath-sgrùdadh a dhèanamh oirre gach còig bliadhna. Chan fheum luchd-seilbh fearainn ACDF ullachadh. Ged a thathar gam brosnachadh gu bhith a’ beachdachadh air an aithris nuair a nì iad co-dhùnaidhean co-cheangailte ri fearann, tha e an urra riutha fhèin co-dhiù a nì no nach dèan iad sin agus chan eil e riatanach an-dràsta gun cùm daoine ris an ACDF.

Tha Earrainn 10 de Bhile nan Cànan Albannach, a thugadh a-steach do Phàrlamaid na h-Alba air 30 Samhain 2023, a’ toirt atharrachadh air Achd 2016 le bhith a’ cur “don mhiann a tha ann airson a bhith a’ cur air adhart, a’ cuideachadh leis agus a’ toirt taic don Ghàidhlig” ris an liosta de chùisean dham feum Ministearan na h-Alba feart a thoirt nuair a dh’ullaicheas iad an aithris.

San ACDF a chaidh fhoillseachadh san t-Sultain 2022, thathar a’ toirt iomradh air mar a bu chòir farsaingeachd de bhuannachdan sòisealta, eaconamach, cultarach agus a thaobh na h-àrainneachd tighinn bho mar a bhios sealbh aig daoine air, mar a stiùireas iad agus mar a chleachdas iad fearann, agus sna notaichean comhairleachaidh airson na h-aithris thathar ag ràdh “Tha ceanglaichean cultarach làidir againn ris an fhearann ann an Alba tro ar cànanan agus ar n-eachdraidh agus bu chòir do dhaoine a nì co-dhùnaidhean a thaobh fearann a bhith mothachail orra sin.” Nuair a nithear an ath ath-sgrùdadh reachdail air an ACDF, thèid ealla a ghabhail ris an atharrachadh a tha Bile nan Cànan Albannach a’ toirt air Achd 2016.

3.1.7 Bu chòir gum bi gu leòr thaighean rim faighinn aig prìs reusanta. A thuilleadh air seo bidh ro-innleachd shoilleir ann a nì cinnteach gu bheil sluagh air a ghlèidheadh agus gu bheil slatan-tomhais ann airson taighean a thoirt seachad, ’s e na amas cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh is cothroman air a’ chànan a chruthachadh ann an coimhearsnachdan le àireamh nach beag de luchd-labhairt, is a’ mhòr-chuid dhiubh sin sna Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Tha e mar dhleastanas reachdail air ùghdarrasan ionadail, tron Ro-innleachd Taigheadais Ionadail (RTI) aca agus tron Phlana Leasachaidh Ionadail aca, dearbhadh dè na th' ann de thaigheadas a tha dhìth san sgìre aca, agus iad a’ gabhail ealla ri Measadh air na tha a Dhìth agus air an Iarrtas a thaobh Taigheadas. Tha e mar dhleastanas laghail air a h-uile ùghdarras ionadail ann an Alba Ro-innleachd Taigheadais Ionadail ullachadh – agus Measadh air na tha a Dhìth agus air an Iarrtas a thaobh Taigheadas (MDIT) a dhèanamh mar thaic dhi – anns am bithear a’ sealltainn na ro-innleachd, nam prìomhachasan is nam planaichean aca gus taigheadas is seirbheisean co-cheangailte ris a stèidheachadh. Faodaidh ùghdarrasan taigheadais is planaidh fiosrachadh eile a chleachdadh sa Mheasadh aca air na tha a Dhìth agus air an Iarrtas a thaobh Taigheadas, leithid dàta dearbhte a bharrachd is toraidhean rannsachaidh nuair a tha sin aca. Sa Mheasadh air na tha a Dhìth agus air an Iarrtas a thaobh Taigheadas, chithear fiosrachadh mu fheumalachdan taigheadais thar na h-ùine fada, leithid cia mheud dachaigh ùr a bhios a dhìth agus pàtranan a tha follaiseach a thaobh phrìsean thaighean is seòrsaichean gabhaltais.

Nì sinn ùrachadh air an stiùireadh airson Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail agus nuair a nì sinn sin bheir sinn sùil air mar a ghabhas iarraidh air ùghdarrasan ionadail beachdachadh air mar as urrainn do dhachaighean ùra cuideachadh le bhith a’ cumail taic ri cultar – cho math ri cùisean sòisealta is eaconamach – ann an coimhearsnachdan agus sin a’ togail air na prionnsapalan a tha stèidhichte air àiteachan.

Tha am Plana Gnìomh gus Dèiligeadh ri Call-sluaigh (PGDC) aig Riaghaltas na h-Alba a’ co-fhreagairt air a’ Phlana Ghnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach agus tha gnìomhan ann gus cuideachadh le bhith a’ gleidheadh sluagh. Tha gnìomhan sa PhGDC a tha a’ buntainn gu sònraichte ris na Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig bhon Aithisg. Cuideachd, tha gnìomhan ann airson Maoin gus Dèiligeadh ri Call-sluaigh a stèidheachadh agus Measadh Buaidhe air Àireamh an t-Sluaigh a dhealbh a nì cinnteach gun tèid ealla cheart a ghabhail ris a’ bhuaidh a bheirear air àireamh an t-sluaigh an lùib phoileasaidhean poblach.

3.1.8 Le bhith ag aithneachadh neartan cultarail brìgheil na sgìre, Gàidhlig nam measg, bu chòir do Chom-pàirteachas Roinneil Eaconamach na Gàidhealtachd is nan Eilean plana sòiseo-eaconamach sònraichte a dhealbh a tha stèidhichte air a bhith a’ toirt taic do is fàs air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig.

Chaidh Com-pàirteachas Roinneil Eaconamach na Gàidhealtachd is nan Eilean (CREGE) a stèidheachadh gus co-obrachadh a bhrosnachadh eadar daoine a thaobh chothroman is dùbhlain eaconamach na roinne. Am measg nam prìomh cheann-uidhe a bh’ aca bha ceann-uidhe gus ro-innleachd roinneil eaconamach a chruthachadh – agus tha a’ chiad ro-innleachd 10-bliadhna aca gu bhith air a h-ullachadh a dh’aithghearr agus thathar an dùil aonta a chur rithe air an ath mhìos agus gun cuir na buidhnean com-pàirteach aonta foirmeil rithe ro dheireadh na bliadhna. Tha moladh na Buidhne-obrach Geàrr-ùine a’ gabhail a-steach barrachd na tha ann an raon-ùghdarrais agus sgìre CREGE; ge-tà, san dreachd de Ro-innleachd Roinneil Eaconamach na Gàidhealtachd is nan Eilean, thathar a’ gabhail ris gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt cudromach de chultar is dualchas na roinne agus gu bheil cothroman sònraichte ann leis a’ chànan. Chaidh prìomh ghnìomh a chur ann, “taic a thoirt do choimhearsnachdan le luchd-labhairt na Gàidhlig tro iomairtean gus cothroman sòiseo-eaconamach a chur air adhart agus gus cur ri neart nan coimhearsnachdan sin.” Tha CREGE a’ dealbh plana-coileanaidh le prìomhachasan a thaobh ghnìomhan thar nam bliadhnaichean ri thighinn.

3.1.9 Thèid beachdachadh air ‘sgìrean eaconamach Gàidhlig’, le lasachadh chìsean a bhios a’ gabhail a-steach (ach chan iad seo a-mhàin) lasachadh na cìse luach-leasaichte (VAT) is reataichean do ghnothachasan a tha an sàs ann an gnìomhan ceangailte ri Gàidhlig no a bheir buaidh nach beag air cùisean Gàidhlig. Dh’fhaodadh iad seo a bhith ceangailte ris a’ Ghàidhealtachd oifigeil a thathar am beachd a stèidheachadh no pàirt sam bith de dh’Alba le gnothachas freagarrach.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo gu ìre.

Ged a chaidh cuid a chumhachdan co-cheangailte ri cìsean a thiomnadh agus iad fo ùghdarras Pàrlamaid na h-Alba, tha poileasaidhean co-cheangailte ri VAT fhathast glèidhte fo ùghdarras Riaghaltas na RA. Mar sin, chan eil cumhachdan aig Pàrlamaid na h-Alba gus dad a dhèanamh a thaobh seo. Tha Riaghaltas na h-Alba dhen bheachd gum bu chòir làn-chumhachdan VAT a bhith air an tiomnadh do Phàrlamaid na h-Alba gus an gabh co-dhùnaidhean, a bheir buaidh air daoine is gnothachasan ann an Alba, a dhèanamh an seo.

Ged a tha tòrr de na prìomh chumhachdan fhathast glèidhte aig Westminster, tha cumhachdan tiomnaichte aig Pàrlamaid na h-Alba a thaobh chìsean a ghabhadh a chur gu feum gus fuasgladh fhaighinn air cuid de na duilgheadasan a thaobh àireamh an t-sluaigh agus bun-structair a chithear sna Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig agus a chomharraich a’ Bhuidheann-obrach Gheàrr-ùine. Tha cuid a' buntainn ri Cìsean Malairt Fearainn is Thoglaichean. Tha cuid eile a’ buntainn ri ath-leasachaidhean air Reataichean Gnothachais (RG) gus daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ dèanamh feum as ùr de làraich a tha falamh no trèigte. Thathar cuideachd a' moladh nam biodh lasachaidhean a bharrachd air RG agus cìsean comhairle airson toglaichean ùra a thèid a thogail air làraich a bha falamh o chionn fhada gum brosnaicheadh sin daoine gu bhith a’ dèanamh feum as ùr de làraich. Tha moladh eile ann gus beachdachadh air cumhachd ùr a stèidheachadh leis am b’ urrainn do dh’ùghdarrasan ionadail cumail orra ag iarraidh RG airson toglaichean is làraich a tha air an ùr-thrèigsinn gus daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ coimhead às an dèidh agus gun a bhith a’ leigeil leotha a dhol a dholaidh.

Tha RG a’ cur gu mòr ris a’ mhaoineachadh airson sheirbheisean poblach tro bhith a’ togail còrr is £3 billean gach bliadhna. Nam biodh lasachaidhean-cìse eile ann, bheireadh sin lùghdachadh air an teachd-a-steach bho RG agus dh’fheumte beachdachadh air a’ bhuaidh a bhiodh aig sin air buidseat an riaghaltais, a thaobh luach an airgid agus air raointean eile a tha feumach air maoineachadh. ’S e dùbhlan a bhiodh ann lasachaidhean air RG a chleachdadh mar mheadhan gus buaidh a thoirt air dòighean-giùlain dhaoine leithid mar a chleachdas daoine Gàidhlig ann an coimhearsnachdan sònraichte. Nam biodh siostam ann far am biodh ceangal ann eadar feartan no dòighean-giùlain dhaoine a tha a’ còmhnaidh ann an togalach agus na th’ ann de chìsean a dh’fheumas iad a phàigheadh, dh’fhaodadh gun toireadh sin atharrachadh mòr air modhan-rianachd RG agus gum fàgadh e uallaichean rianachd a bharrachd air comhairlean. Mar sin, dh’fheumte beachdachadh gu faiceallach air a’ bhuaidh a bhiodh aig leithid a chumhachan air an t-siostam airson RG agus air mar a ghabhadh an cur an sàs. A thaobh làraich a tha falamh no trèigte, tha cumhachd aig comhairlean mu thràth gus RG iarraidh fhathast nuair a tha toglaichean no làraich air an ùr-thrèigsinn às dèidh do chumhachdan airson Lasachadh airson Toglaichean is Làraich Fhalamh a bhith air an tiomnadh do dh’ùghdarrasan ionadail air 1 Giblean 2023.

3.1.10 An toiseach, bu chòir beachdachadh air na h-Eileanan Siar is an t-Eilean Sgitheanach airson dòigh-obrach le àrainnean tionnsgalach a’ gabhail a-steach Sabhal Mòr Ostaig, UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall, is na gnìomhachasan cruthachail am measg feadhainn eile. Dh’fhaodadh ceannas a bhith aig leithid a dh’àrainnean ann a bhith a’ sireadh fhuasglaidhean a thaobh mhion-chànanan a dheigheadh a sgaoileadh air feadh an t-saoghail is a chur an sàs ann an àitichean eile gus barrachd co-obrachaidh a bhrosnachadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI) air gabhail ris na molaidhean bhon Bhun-stiùireadh airson Àrainnean Tionnsgalach (BAT) agus tha iad air plana 3-bliadhna a dhealbh gus cur ris na toraidhean tionnsgalach agus a’ ghnìomhachd eaconamach a thig bho shaothair nan diofar àrainnean aca. Tha sinn fhathast a’ cur ar làn-thaic ri molaidhean BAT agus tha sinn a’ cur fàilte mhòr air na tha UHI is càch a’ dèanamh gus fàs a thoirt air raointean sòiseo-eaconamach is cultarach aig ìre roinneil is nàiseanta le bhith a’ cur bheachdan co-cheangailte ri Àrainnean Tionnsgalach an sàs.

Tha cliù eadar-nàiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig mar ionad-foghlaim mion-chànain – agus iad a’ tairgsinn cheuman ann an diofar chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ cur ris an tuigse is ris an eòlas a th’ againn air planadh cànain. Mar a thathar ag ràdh san aithisg, tha a’ bhuaidh a tha Sabhal Mòr Ostaig air a thoirt air sgìre Shlèite bho chaidh a stèidheachadh ann an 1973 a’ toirt sàr eisimpleir dhuinn air mar a dh’fhaodas iomairt chànain a bhith na meadhan gus ath-nuadhachadh a thoirt an eaconamaidh. Cuideachd, tha toraidhean cunntas-sluaigh na bliadhna sa a’ sealltainn na buaidhe a thug seo air cleachdadh na Gàidhlig gu h-ionadail. Tha toraidhean a' chunntais-shluaigh airson Slèite a’ sealltainn gu bheil ìrean airson cleachdadh na Gàidhlig a' dol suas fhad ’s a tha na h-aoisean a’ fàs nas òige – bho 35% airson daoine 65+ gu 80% airson 3-15 bliadhna a dh’aois. Tha na toraidhean seo a’ toirt dearbhadh soilleir dhuinn air a’ bhuaidh a dh’fhaodas ionad buadhach Gàidhlig, air stèidh eaconamach làidir, a thoirt air ath-bheothachadh a’ chànain aig ìre ionadail.

Le UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall – ionad a chaidh a stèidheachadh le bhith a’ cur trì colaistean fa leth bhon Ghàidhealtachd is na h-Eileanan còmhla – tha eisimpleir eile againn air mar a ghabhas dòighean-obrach ùr-ghnàthach a chur an sàs gus frithealadh air suidheachaidhean ionadail choimhearsnachdan mion-chànain. Cuideachd, tha seirbheisean eile a thathar a’ toirt seachad a thaobh na Gàidhlig, leithid eSgoil aig Comhairle nan Eilean Siar, a’ buntainn ris a’ mholadh seo.

Tha na buidhnean eile a chaidh ainmeachadh mu choinneimh a’ mholaidh seo cuideachd a’ toirt dearbhadh dhuinn air iomairtean soirbheachail Gàidhlig a tha air cliù a chosnadh gu h-eadar-nàiseanta. Mar eisimpleir, na prògraman Gàidhlig a choisinn duais, no a chaidh a mholadh airson duais, aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach no cho cudromach ’s a tha MG ALBA, BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal dhan obair a bhios Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh le ar co-obraichean ann an Canada. Le Cnoc Soilleir, tha fianais mhath againn air mar a dh’fhaodas iomairt ionadail airson aon choimhearsnachd Ghàidhlig a bhith mar mheadhan gus obair ùr-ghnàthach a chur air adhart aig ìre nas fharsainge sa chultar – mar eisimpleir, nuair a chaidh Co-labhairt Gnàth-shìde na Gàidhlig aig Gnàth-shìde Innse Gall a chumail aca o chionn ghoirid. Tha coimhearsnachdan mion-chànain eile mu thràth a’ mothachadh dha mar phròiseact a tha cudromach aig ìre eadar-nàiseanta. Mar eisimpleir, thuirt buill dhen chòmhlan Ghearmailteach-Albannach, An Carra, aig a bheil Frìoslannais gun tug Cnoc Soilleir buaidh chudromach orra nuair a rinn iad co-dhùnadh dreuchd a thoirt a-mach mar luchd-ciùil sa chànan aca fhèin.[1]

Beachdaichidh Riaghaltas na h-Alba air mar a tha cùisean air soirbheachadh leotha, agus air na dòighean-obrach innleachdach aca, nuair a bhios sinn a’ cruthachadh dhòighean gus foghlam adhartach a thoirt seachad ann an Alba agus beachdaichidh sinn air mar a ghabhas seo a chleachdadh mar eisimpleir do choimhearsnachdan mion-chànain air feadh an t-saoghail.

3.1.11 Ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, bu chòir cùisean, a thaobh taigheadais is stòrasan fo shealbh na coimhearsnachd, a th’ air an adhbhrachadh le bàs gun tiomnadh a bhith air an toirt am follais, agus bu chòir iomairtean leithid comhairle Choimisean na Croitearachd air leantalachd a bhith air a sgaoileadh gu fad is farsaing.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

’S e prìomhachas a th’ ann fhathast gun tèid dèiligeadh ris na th’ ann de dhachaighean falamh a th’ ann. Bidh sin mar phàirt glè chudromach dhen iomairt gus frithealadh air an iarrtas airson taigheadas. Mar a chaidh a ràdh gu h-àrd, ’s e a bhith a’ dèanamh an fheuma as fheàrr dhen taigheadas a th’ ann a-cheana fear de na ceithir raointean-gnìomha a chaidh a chomharradh ann an Taigheadas gu ruige 2040.

Tha am moladh seo a’ buntainn ri duilgheadas leantainneach a chithear sna Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig a chaidh a chomharrachadh leis a’ Bhuidhinn-obrach Gheàrr-ùine, agus tha poileasaidhean aig an riaghaltas a chuidicheas leis.

Bidh Com-pàirteachas Dhachaighean Falamh na h-Alba ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus luchd-seilbh prìobhaideach gus feum as ùr a dhèanamh de dhachaighean falamh. Bho 2010, tha iad air sin a dhèanamh le 9,000 togalach. Tha seirbheisean dhachaighean falamh aig a’ Chom-pàirteachas air feadh Alba agus tha iad ag amas air lìonra nàiseanta de dh’oifigearan a stèidheachadh. San t-Sultain 2023, dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba rannsachadh neo-eisimeileach, ‘A’ dèanamh feum as ùr de dhachaighean falamh: sgrùdadh air dachaighean falamh fo shealbh prìobhaideach ann an Alba’. Gheibhear sealladh farsaing an sin air dachaighean falamh ann an Alba agus gnìomhan a bharrachd a dh’fhaodadh an riaghaltas a dhèanamh gus am biodh iad air an cleachdadh a-rithist. Mar thoradh air na h-iomairtean obrach seo, thèid dòighean-obrach ro-innleachdail a stèidheachadh gus feum as ùr a dhèanamh de dhachaighean falamh agus thèid iad sin fhighe a-steach do dh’obair a’ Chom-pàirteachais airson Dachaighean Falamh.

Obraichidh sinn còmhla ris a’ Chom-pàirteachas, ùghdarrasan ionadail agus luchd-seilbh gus feum as ùr a dhèanamh de dhachaighean falamh ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach. Mar phàirt dhen ro-innleachd seo thèid dèiligeadh ris na cùisean sònraichte a thog a’ Bhuidheann-obrach Gheàrr-ùine a thaobh bàs gun tiomnadh sna Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig – agus cuideachd thèid togail air na h-iomairtean a th’ ann mu thràth leithid comhairle Choimisean na Croitearachd air leantalachd nuair a tha bàs gun tiomnadh ann.

3.1.12 Bu chòir beachdachadh a bheil buidheann-ghnìomha a dhìth airson tuilleadh measaidh a dhèanamh air a h-uile taobh de phoileasaidhean poblach is a’ bhuaidh a th’ aca air Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig – air an aon sheòrsa stèidhe ri Coimisean nan Coimhearsnachdan Cuimris a chaidh a stèidheachadh o chionn ghoirid.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo gu ìre.

Fo Bhile nan Cànan Albannach bidh dleastanas air Ministearan na h-Alba agus ùghdarrasan poblach gus beachdachadh air a’ Ghàidhlig nuair a bhios iad a’ coileanadh nan uallaichean aca. Mar phàirt de sin, thèid measadh a dhèanamh air a’ bhuaidh a th’ aig gach taobh de phoileasaidhean poblach air a’ chànan. Cuideachd, tha am Bile a’ fàgail dleastanas air Ministearan na h-Alba gus Ro-innleachd Ghàidhlig ullachadh a thèid an àite Plana Nàiseanta na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig. Seach gum bi an ro-innleachd air a dealbh fo sgèith Mhinistearan na h-Alba an àite Buidheann Phoblach Neo-roinneil, agus gum bi i a’ sìneadh tarsainn gach taobh de dh’obair an riaghaltais, nì sin cinnteach gum bithear a’ gabhail sealladh nas fharsainge air mar a ghabhas Gàidhlig fhighe a-steach do shaoghal poblach na h-Alba.

Le siostam nam Planaichean Gàidhlig a th’ ann an-dràsta, tha aig buidhnean poblach ri Buidhnean Coileanaidh Gàidhlig a stèidheachadh airson dèanamh cinnteach gun tèid beachdachadh air a' bhuaidh a th' aig an raon-phoileasaidh aca air a’ chànan. Tha leithid a bhuidheann aig Riaghaltas na h-Alba agus cumaidh sinn oirnn ag obair leis a’ bhuidhinn sin gus am moladh seo a choileanadh. Cuideachd, bheir sinn taic do Bhòrd na Gàidhlig fhad ’s a bhios iad a’ sgrùdadh mar a bhios buidhnean poblach eile a’ coileanadh a’ gheallaidh seo.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top