Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri Aithisg na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig
Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri molaidhean na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig
An Roinn Phoblach is Planaichean Gàidhlig
3.2.1 Far a bheil dleastanas aig buidheann Plana Gàidhlig ullachadh is raon-ùghdarrais aca anns a bheil cothrom airson fàs eaconamach, feumaidh iad beachdachadh air ro-innleachd airson Gàidhlig mar stòras is sin a chur an sàs san obair aca a thuilleadh air na toraidhean corporra aca.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Mar a chithear fo mholadh 3.1.12, tha Bile nan Cànan Albannach a’ dol a thoirt atharrachadh air siostam nam Planaichean Gàidhlig. Mar thoradh air a’ Bhile, bidh dleastanas air Ministearan na h-Alba gus Ro-innleachd Ghàidhlig ullachadh. Bidh aig Ministearan na h-Alba agus ùghdarrasan poblach ri feart a thoirt dhan Ro-innleachd Ghàidhlig ann a bhith a’ coileanadh an cuid uallaichean. A thaobh nan roinnean dhen riaghaltas a tha a’ buntainn ris an eaconamaidh, bhite a’ coimhead air Gàidhlig mar stòras taobh a-staigh an raon-ùghdarrais nas fharsainge aca. Bhiodh an aon rud a’ tachairt ann an ùghdarrasan poblach aig a bheil dleastanasan a thaobh na h-eaconamaidh.
Tha seo a’ togail air na riatanasan a gheibhear ann an Siostam nam Planaichean Gàidhlig an-dràsta far am feum buidhnean poblach beachdachadh air mar a dh’fhaodadh Gàidhlig a bhith na stòras agus na buannachd dhaibh air feadh na h-obrach aca. Tha am Bile a’ stèidheachadh chumhachdan do Mhinistearan na h-Alba gus stiùireadh, bun-inbhean agus riaghlaidhean a dhealbh a thaobh mar a thèid an Ro-innleachd Ghàidhlig a chur an gnìomh. Bidh iad sin a’ cur an cèill an ìre gum feum buidhnean poblach feart a thoirt dhan Ghàidhlig mar stòras no buannachd nan obair.
Thèid an ro-innleachd, agus an stiùireadh, bun-inbhean agus riaghlaidhean a tha a’ dol còmhla rithe, a dhealbh ann an co-bhuinn ris na buidhnean a tha air an ainmeachadh airson a’ mholaidh seo.
3.2.2 Gun tèid siostam nam Planaichean Gàidhlig a sgrùdadh gus dèanamh cinnteach gun tèid geallaidhean nas làidire a lìbhrigeadh, siostam anns am bi taic do phlanaichean a thèid ullachadh gu saor-thoileach, às aonais iarrtas bho Bhòrd na Gàidhlig, a dh’fhaodadh deagh bhuaidh a thoirt air coimhearsnachdan is cuideachadh le lìbhrigeadh mholaidhean nam planaichean reachdail.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Tha e na amas leis na gnìomhan a chaidh a mhìneachadh fon mholadh mu dheireadh dèanamh cinnteach gum bi geallaidhean nas làidire sna Planaichean Gàidhlig, geallaidhean a bhios nas fhasa a choileanadh. Air feadh Bile nan Cànan Albannach thathar a’ cur cuideam air ìrean coileanaidh freagarrach air feadh an t-saoghail phoblaich a tha a’ freagairt air an raon/na raointean sa bheil buidheann phoblach ag obair agus air farsaingeachd na h-obrach aca.
A thuilleadh air a bhith a’ neartachadh an fhrèam nàiseanta airson Phlanaichean Gàidhlig, tha am Bile cuideachd a’ cur barrachd cuideim air coimhearsnachdan agus mar a dh’fhaodas iad pàirt a ghabhail ann an cùisean. Tha e a’ stèidheachadh chumhachan airson Sgìrean Cànain Sònraichte a bhios a’ ciallachadh gum bi buidhnean coimhearsnachd sna sgìrean sònraichte sin a’ dol an sàs gu ìre nas motha anns obair gus planadh cànain a dhealbh agus a chur an gnìomh.
Tha seo a’ togail air obair a tha Bòrd na Gàidhlig a’ dèanamh mu thràth agus iad a’ cur taic ri planaichean cànain coimhearsnachd leithid na feadhna a tha gan cur an gnìomh ann an ceann an iar-thuath Leòdhais, agus ann an Uibhist.
3.2.3 Gun tèid ‘An Stiùireadh Reachdail air Planaichean Gàidhlig’ ath-sgrùdadh leis an amas gum bi planaichean nas lèirsinniche ann agus gun tèid measadh is coileanadh nam planaichean a neartachadh.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Rinn Bòrd na Gàidhlig ath-sgrùdadh air an ‘Stiùireadh Reachdail air Planaichean Gàidhlig’ agus chaidh tionndadh ùr fhoillseachadh.
Mar thoradh air Bile nan Cànan Albannach, thèid an cumhachd gus leithid a stiùireadh ullachadh a bhuileachadh air Ministearan na h-Alba. Bidh sin a’ dol còmhla ris an dleastanas a bhios air Ministearan gus Ro-innleachd Ghàidhlig ullachadh agus bidh cumhachdan aca cuideachd gus bun-inbhean is riaghlaidhean a stèidheachadh. Seach gum bi e a’ tighinn bho Mhinistearan na h-Alba an àite bho Bhuidheann Phoblach Neo-roinneil, mar a tha e an-dràsta, bidh inbhe nas àirde aig an stiùireadh seo agus na sgrìobhainnean a thig còmhla ris – le sin ’s urrainnear Planaichean Gàidhlig nas lèirsinniche ullachadh agus bidh modhan-measaidh nas làidire is ìrean coileanaidh nas fheàrr ann. Leis na dleastanasan sgrùdaidh a bharrachd a bhios air Bòrd na Gàidhlig, thèid na modhan-measaidh is ìrean coileanaidh airson phlanaichean fa leth a neartachadh.
3.2.4 Gum bu chòir reachdas a bhith air a neartachadh gus dèanamh cinnteach gun tèid planaichean a lìbhrigeadh is gun tèid beachdachadh air an fheum airson Coimiseanair na Gàidhlig aig am biodh cumhachd sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha buidhnean poblach a’ cumail ri cumhachan an reachdais.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Fo na thathar a’ moladh ann am Bile nan Cànan Albannach, bidh Bòrd na Gàidhlig ag obair mar bhuidhinn sgrùdaidh. Le seo, thèid leasachadh a thoirt air an t-siostam a th’ ann an-dràsta airson dèanamh cinnteach gun coilean buidhnean poblach na Planaichean Gàidhlig aca. A thuilleadh air a’ chumhachd a th’ aig Bòrd na Gàidhlig mu thràth gus aithris a dhèanamh air ìrean-coileanaidh do Mhinistearan na h-Alba, bidh cumhachd aca gus aithisgean a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba fhèin.
Nuair a bhathar ag ullachadh chumhachan a’ Bhile, chaidh beachdachadh air cumhachan airson Coimiseanair na Gàidhlig agus sinn a’ gabhail ealla ri eisimpleirean de Choimiseanairean Cànain ann an dùthchannan eile. Ge-tà, aig a’ cheann thall chaidh co-dhùnadh a dhèanamh gun leithid a chumhachan a chur ann. A rèir nam beachdan a fhuaras sa cho-chomhairleachadh phoblach, thathar a’ cur sùim ann an obair Bhòrd na Gàidhlig agus a’ smaoineachadh gum biodh e feumail buidheann phoblach a chumail aig a bheil dleastanasan sgrùdaidh agus dleastanasan gus Gàidhlig a chur air adhart.
Bhathar a’ gabhail ris nam biodh ceannardas na bu làidire ann bho Riaghaltas na h-Alba agus bho air feadh na roinne poblaiche, gun toireadh sin piseach air ìrean-coileanaidh is buaidh nam planaichean Gàidhlig.
3.2.5 Gum bu chòir gum feum iomairtean ann am prìomh roinnean, a tha a’ faighinn airgead poblach, sealltainn gu bheil iad mothachail air a’ Ghàidhlig ann am bathar/seirbheisean, agus/no margaidheachd, no feumaidh iad mìneachadh carson a tha iad ga fàgail às.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Sna cumhachan ann am Bile nan Cànan Albannach a thaobh ìrean coileanaidh freagarrach, thèid mìneachadh a dhèanamh air na h-ìrean gu bheilear an dùil a bheir iomairtean, a gheibh airgead poblach, taic dhan Ghàidhlig nan obair. Mar phàirt de sin bidh aig buidhnean ri sealltainn gu bheil iad mothachail air a’ Ghàidhlig ann am bathar, seirbheisean agus margaidheachd – no bidh aca ri adhbharan reusanta a thoirt seachad airson gun a bhith a’ dèanamh sin. Thèid na slatan-tomhais, a bhithear an dùil a choileanas iomairtean leis an dleastanas seo, a chur an cèill san stiùireadh, sna bun-inbhean agus riaghlaidhean a dh’ullaicheas Ministearan na h-Alba airson a bhith a’ cur Ro-innleachd na Gàidhlig an gnìomh.
3.2.6 Gum bu chòir ùrachadh a dhèanamh air Ar Stòras Gàidhlig gus am faighear an dealbh as ùire de leudachaidhean eaconamach ceangailte ri Gàidhlig bho chaidh a’ chiad sgrùdadh fhoillseachadh ann an 2014.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt fa-near dhan mholadh seo.
Tha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (IGE) a-nis a’ beachdachadh air seo a chur ris na planaichean aca airson 2025-26, agus sin an crochadh air na cheadaicheas am buidseat aca. Tha IGE a’ dèanamh rannsachadh a thaobh Chothroman Cruth-atharrachail Roinneil agus tha iad a’ coimhead air cùisean cànain mar phàirt dheth sin gus beachdachadh air a’ bhuaidh a bheir e air coimhearsnachdan Gàidhlig agus Sgìrean Cànain Sònraichte nuair a thig àireamhan mòra de luchd-obrach a-steach gu sgìre airson phròiseactan leithid Scotwind.
Cuideachd, tha an obair – a tha ga dèanamh airson Measadh-buaidhe air Bile nan Cànan Albannach a thaobh Dhleastanasan airson Alba nas Cothromaiche – a’ buntainn ris a’ mholadh seo. Rinn a’ chiad mheasadh againn[2] follaiseach gu bheil uireasbhaidhean san tuigse a th’ againn air na ceanglaichean eadar adhartachadh na Gàidhlig agus cùisean sòisealta is eaconamach san fharsaingeachd. Dhearbh seo do Riaghaltas na h-Alba gum biodh e feumail tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air na ceanglaichean eadar cùisean mion-chànain agus cùisean sòisealta is eaconamach. Chaidh seataichean-dàta buntainneach a chomharrachadh gus beachdachadh orra, agus nithear tuilleadh sgrùdaidh air fianais fhoillsichte rè na h-ùine a bhios am Bile ga thoirt air adhart. Aon uair ’s gu bheil am Bile air a shlighe a dhèanamh tro ìrean sgrùdaidh na Pàrlamaid agus air fhoillseachadh mar Achd, thèid ùrachadh a dhèanamh air an fhianais, agus thèid cunntas fhoillseachadh air atharraichean sam bith a rinneadh a’ Bhile, mar thoradh air tuilleadh fianaise, gus dèiligeadh ri neo-ionannachd.
Chan eilear air uiread sin de sgrùdadh a dhèanamh air an dàimh eadar leasachaidhean eaconamach agus ath-bheothachadh cànain – ann an saoghal na sgoilearachd no am measg luchd-poileasaidh. ’S e an obair a rinneadh airson Ar Stòras Gàidhlig o chionn deich bliadhna dìreach aon eisimpleir de na h-oidhirpean a chaidh a dhèanamh air feadh choimhearsnachdan a’ chànain gus dearbhadh dè na ceanglaichean a th’ ann eadar iomairtean eaconamach is cànain agus ciamar as urrainnear feum a dhèanamh de na ceanglaichean sin tro phoileasaidhean. Airson na Gàidhlig, tha measaidhean-buaidhe fa leth ann leithid na feadhna air an tug a’ Bhuidheann-obrach Gheàrr-ùine iomradh: mar eisimpleir, buaidh eaconamach MG ALBA, eaconamaidh Ghàidhlig Ghlaschu no na sgrùdaidhean bliadhnail a bhios An Comunn Gàidhealach a’ barantachadh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. Aig ìre eadar-nàiseanta, ’s urrainn dhuinn eisimpleirean eile ainmeachadh leithid na bùtha-obrach air Ath-bheothachadh Cànain is Cruth-atharrachadh air an Eaconamaidh a chùm Oilthigh Aberystwyth ann an 2019. Gu dearbh, tha an Aithisg aig a’ Bhuidhinn-obrach Gheàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig a’ cur ris na th’ againn de thoraidhean sgrùdaidh san raon seo.
Thathar an dùil gum bi obair gus measadh leantainneach a dhèanamh air na ceanglaichean eadar cùisean eaconamach is adhartachadh na Gàidhlig na pàirt mòr de phoileasaidhean Gàidhlig san ùine ri thighinn, agus an obair sin ga dèanamh taobh a-staigh frèam planaidh Bile nan Cànan Albannach a thathar a’ moladh agus i a’ togail air lèirsinn na h-aithisge aig a’ Bhuidhinn.
Contact
Email: niall.bartlett@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback