Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri Aithisg na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig
Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri molaidhean na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig
Coimhearsnachdan
3.3.1 Gum bu chòir lìonra de dh’Oifigearan Gàidhlig a gheibhear taic cheart a chumail suas thairis air ùine mhaireannach gus an urrainn dhaibh measgachadh de dh’iomairtean sòisealta Gàidhlig a bhrosnachadh ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig is àitichean eile. Dh’fhaodadh measgachadh de dhòighean riaghlaidh a bhith ann, ach bu chòir cothroman ionnsachaidh a bhith an lùib nan dreuchdan.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Bho chaidh Aithisg na Buidhne fhoillseachadh chaidh lìonra de dh’Oifigearan Gàidhlig a chur air chois dha bheil Bòrd na Gàidhlig a’ toirt taic rianachd. Tha seo a’ togail air an obair a rinn Oifigearan Gàidhlig gus leithid a lìonra a stèidheachadh iad fhèin. Bidh riochdaire bho Roinn na Gàidhlig is Albais aig Riaghaltas na h-Alba a’ frithealadh choinneamhan de chomataidh chomhairleachaidh an lìonra. Tha an lìonra a’ toirt cothrom do dh’Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig agus Oifigearan Phlanaichean Gàidhlig tighinn còmhla. Tha oifigearan eile mar phàirt dheth cuideachd, feadhainn aig a bheil dreuchdan far nach fheum Gàidhlig a bhith aca ach a bhios ag obair gus Gàidhlig fhighe a-steach do dh’obair na buidhne aca. Tha oifigearan a tha nam buill dhen lìonra ag obair sna Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, a chaidh a chomharrachadh san aithisg, agus ann an sgìrean eile air feadh Alba.
Am measg amasan an lìonra, a dh’aontaich na buill aige, tha gun toirear cothroman ionnsachaidh is leasachaidh proifeiseanta do dh’Oifigearan Gàidhlig gu leantainneach. Thathar a’ coimhead air na cothroman a ghabhas cur air dòigh leithid nam ball fhèin ag innse do chàch a chèile mu na tha iad air ionnsachadh, no a’ toirt fiathachadh do luchd-labhairt bho choimhearsnachdan mion-chànain eile gus innse do bhuill an lìonra mu na sàr mhodhan-obrach aca. Cumaidh Riaghaltas na h-Alba orra a’ toirt taic do Bhòrd na Gàidhlig gus taic rianachd a thoirt dhan lìonra seo agus tha an Riaghaltas a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e a thaobh a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil co-obrachadh ann agus gu bheilear a’ co-phàirteachadh bheachdan is mholaidhean co-cheangailte ri leasachadh na Gàidhlig. Am measg nan nithean a choileanas an lìonra, tha gum bi pàirt glè chudromach aige ann a bhith a’ cur Bile nan Cànan Albannach an gnìomh.
3.3.2 Gum bu chòir seirbheisean cùraim-chloinne freagarrach a bhith rim faighinn ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, le trèanadh iomchaidh tro mheadhan na Gàidhlig do stiùirichean-cluiche, tro phreantasachdan bun-ìre is dòighean eile, ann an dòighean-obrach bogaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil uimhir a phàrantan ’s a tha ag iarraidh saor a bhith ag obair. Cuideachd, dh’fhaodadh na seirbheisean sin a bhith mar shlighe a-steach do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Tha dleastanas reachdail air ùghdarrasan ionadail gus seirbheisean tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne maoinichte a thoirt seachad airson clann aois 3-4. Cuideachd, feumaidh iad beachdan a shireadh bho phàrantan is luchd-cùraim gach dà bhliadhna airson dèanamh cinnteach gu bheil na seirbheisean tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne ionadail a’ frithealadh air na feumalachdan aca. Tha Bile nan Cànan Albannach a’ stèidheachadh dà atharrachadh san lagh gus piseach a thoirt air tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne tron Ghàidhlig. Thèid Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 atharrachadh gus am bi am pròiseas gus measadh a dhèanamh air an fheum air foghlam bun-sgoile tron Ghàidhlig cuideachd a’ gabhail a-steach tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne tron Ghàidhlig. Cuideachd thèid atharrachadh a dhèanamh air Achd na Cloinne is nan Daoine Òga (Alba) 2014 a bhios a’ ciallachadh gum feum ùghdarrasan ionadail measadh a dhèanamh air feumalachdan a thaobh tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne tron Ghàidhlig nuair a bhios iad a’ dèanamh measadh gach dà bhliadhna air feumalachdan ionadail a thaobh tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne.
Tha Riaghaltas na h-Alba air làrach-lìn nàiseanta airson ghoireasan tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne a chruthachadh. Bidh seo mar am prìomh àite far am faighear goireasan TCC de chàileachd a chaidh a dhearbhadh. Nì Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig cinnteach – agus iad ag obair còmhla ri luchd-ùidhe leithid Stòrlann – gum bi goireasan Gàidhlig rim faotainn air an làrach-lìn agus bidh iad a’ brosnachadh luchd-ùidhe gus an cleachdadh.
Cuideachd, tha Bòrd na Gàidhlig air aithisg fhoillseachadh o chionn ghoirid air an t-suidheachadh gu nàiseanta airson TCC na Gàidhlig. Bidh seo mar phàirt dhen fhianais air am beachdaich Riaghaltas na h-Alba agus an luchd-ùidhe nuair a bhios iad a’ coileanadh ghnìomhan mu choinneimh a’ mholaidh seo.
3.3.3 Gum bu chòir dreuchdan na roinne poblaiche ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, cho fad ’s as urrainnear, a bhith air an comharrachadh mar fheadhainn anns a bheil Gàidhlig riatanach, gu h-àraid an fheadhainn a tha ann am prìomh roinnean a tha a’ tabhann nan cothroman as motha a thaobh bhuannachdan sòisealta is eaconamach don Ghàidhlig. Bu chòir gun tèid Gàidhlig a chomharrachadh mar rud riatanach ann an dreuchd phoblach eileanach sam bith a tha ga choileanadh air astar.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Thèid grunn cheumannan a ghabhail gus taic a chur ris na cinn-uidhe a chaidh a chomharrachadh an seo. Fo Bhile nan Cànan Albannach, bidh aig Ministearan na h-Alba ri Ro-innleachd na Gàidhlig ullachadh. Bidh an Ro-innleachd sin a’ cur cuideam air ìrean coileanaidh co-fhreagarrach. Mar eisimpleir, le ìrean coileanaidh co-fhreagarrach bithear a’ beachdachadh air an ìre gun urrainn do bhuidhnean poblach Gàidhlig fhighe a-steach do na modhan-trusaidh aca. Tha geallaidhean a thaobh trusadh ann am Planaichean Gàidhlig ùghdarrasan poblach buntainneach mu thràth. Bidh Ro-innleachd na Gàidhlig a’ togail air an adhartas a rinneadh a-cheana le Planaichean Nàiseanta na Gàidhlig.
3.3.4 Gum bu chòir trèanadh tionnsgalach is fiosrachadh mu ghnothaichean buntainneach ann am planadh cànain a thabhann do bhuidhnean Gàidhlig is buidhnean na treas roinne leithid urrasan coimhearsnachd is dualchais, a thuilleadh air lìonra nan Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig, gus dèanamh cinnteach gu bheil taic nas fheàrr is comasan nas freagarraiche aca airson cothroman eaconamach is sòisealta a thoirt gu buil aig ìre na coimhearsnachd.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Tha lìonra nan Oifigearan Gàidhlig, air a bheilear a’ bruidhinn fo mholadh 3.3.1, a’ tabhann leithid a thrèanadh is eòlas do dh’Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig. Am measg ballrachd an lìonra tha luchd-obrach aig buidhnean Gàidhlig agus buidhnean bhon treas roinn leithid urrasan coimhearsnachd is dualchais. Bidh an lìonra seo mar mheadhan gus am moladh seo a thoirt gu buil.
Tha obair an lìonra aig ìre thràth. Mar a chaidh a mhìneachadh gu h-àrd, am measg nam prìomh amasan aca tha gum faigh oifigearan cothroman air leasachadh proifeiseanta leantainneach. Bidh an trèanadh tionnsgalachd agus cothroman gus eòlas a chur air planadh cànain, air a bheil iomradh an seo, mar phàirt de sin. Cuideachd, bidh an lìonra mar mheadhan gus taic a thoirt do bhuidhnean sna coimhearsnachdan Gàidhlig agus gus an cuideachadh le bhith a’ gabhail nan cothroman eaconamach is sòisealta a gheibhear dhan Ghàidhlig sna coimhearsnachdan aca.
Bidh seo mar phàirt bunaiteach de shiostam leasaichte nam planaichean Gàidhlig a thèid a stèidheachadh fo Bhile nan Cànan Albannach.
3.3.5 Bu chòir cothroman a chur air dòigh airson trèanadh agus seirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig ann an Roinn a’ Chùraim Shlàinte is Shòisealta, cothroman às am faodadh buannachdan mòra, eaconamach tighinn, gu h-àraidh ann an coimhearsnachdan eileanach is dùthchail, agus dh’fhaodadh buannachdan eile a bhith ann a thaobh cànain is math dhaoine. Dh’fhaodadh seo tòiseachadh ann an sgoiltean tro bhith a’ leudachadh air Preantasachdan Bun-ìre tron Ghàidhlig, a tha mu thràth rim faighinn ann an cùram-chloinne is sna meadhanan ann an àireamh bheag de sgoiltean.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Tha na Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig a chaidh a chomharrachadh san aithisg a’ tighinn fo sgèith NHS Eileanan Siar no NHS na Gàidhealtachd. Sna Planaichean Gàidhlig aca, tha an dà bhòrd slàinte a’ gabhail ealla ris cho chudromach 's a tha a’ Ghàidhlig an dà chuid mar sgil chudromach san àite-obrach agus ann an coimhearsnachdan agus mar nì a bheir cofhurtachd do dh’euslaintich a dh’fhaodas cùram slàinte is sòisealta fhaighinn sa chànan mhàthaireil aca. Cuideachd, tha geallaidhean san dà phlana gus cur ris na sgilean Gàidhlig aig an luchd-obrach airson dèanamh cinnteach gum bi na buannachdan seo ann. Tha NHS Eileanan Siar a’ gabhail ris gun urrainn dhaibh cuideachadh le bhith “a’ neartachadh margaidh-obrach na Gàidhlig” tro na modhan trusaidh aca. Tha e na amas do NHS na Gàidhealtachd a bhith ag obair còmhla ri Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Sabhal Mòr Ostaig gus slighean Gàidhlig a stèidheachadh airson teisteanasan ann an cùram slàinte is sòisealta. Bheir Riaghaltas na h-Alba taic dhan obair seo tro iomairtean obrach is fòraman freagarrach.
Tha iomairtean aig NHS Eileanan Siar agus NHS na Gàidhealtachd a tha a’ toirt fianais dhuinn air na buannachdan a thig bho bhith a’ cleachdadh Gàidhlig an lùib sheirbheisean cùraim shlàinte is shòisealta. Mar eisimpleir, o chionn grunn bhliadhnaichean tha meur Taobh Siar na Gàidhealtachd de Alzheimer Alba air a bhith a' cleachdadh Gàidhlig nan obair – gu h-àraidh le buidhnean còmhraidh Gàidhlig. Tron iomairt sin faodaidh luchd-labhairt na Gàidhlig air a bheil dementia a’ chiad chànan aca a chleachdadh – agus bidh tòrr dhaoine a’ tilleadh gu bhith a’ bruidhinn a’ chànain mhàthaireil aca fo bhuaidh na h-euslainte sin. Bidh bun-sgoiltean Gàidhlig ann am Port Rìgh agus Loch Abar cuideachd a’ gabhail pàirt sa phròiseact seo – le sin gheibh sgoilearan cothroman na sgilean cànain aca a leasachadh tro bhith a’ bruidhinn ri fileantaich nas sine. Rinneadh moladh, mar a bu chòir, air Alzheimer Alba airson na h-obrach seo – agus thugadh aithne shònraichte dhan iomairt nuair a bhuannaich iad an Duais Coimhearsnachd aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba ann an 2021. Tha am pròiseact a’ sealltainn mar as urrainn do dh’iomairtean cùraim shlàinte is shòisealta agus prògraman foghlaim a bhith ag obair còmhla a chum maith na coimhearsnachd agus airson bhuannachdan foghlaim fhad ’s a thathar a’ neartachadh suidheachadh na Gàidhlig fhèin. Le leithid a dh’obair tha lèirsinn airson mar a ghabhas Gàidhlig a chleachdadh gu buannachd roinn a’ Chùraim Shlàinte is Shòisealta thar Phrìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig na h-aithisge.
3.3.6 Bu chòir taic a bhith ann do choimhearsnachdan gus goireasan a chruthachadh, no sealbh fhaighinn orra, anns am biodh gnìomhachd eaconamach ga cur air adhart agus anns am faigheadh daoine barrachd chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta – no taic gus cothrom fhaighinn air làraichean a th’ ann mu thràth, leithid sgoiltean sa choimhearsnachd.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
San Aithisg, dh’ainmich buill na buidhne trì pròiseactan a fhuair taic bho Riaghaltas na h-Alba agus a tha air buannachdan eaconamach is cultarach a chruthachadh sna coimhearsnachdan ionadail aca: Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite, Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas, agus Ionad Chaluim Chille Ìle. Cuideachd, thug an aithisg iomradh air na buannachdan eaconamach geàrr-ùine a thàinig bho na pròiseactan sin, agus na toglaichean aca, tro obraichean togail is gleidhidh. Tha na trì pròiseactan seo a' toirt dhuinn trì eisimpleirean de na dòighean san urrainn do Riaghaltas na h-Alba a bhith ag obair gus am moladh seo a choileanadh.
Am measg prìomh phuingean na h-Aithisge seo tha gu bheil a’ Ghàidhlig fhèin na stòras eaconamach. Tha na trì eisimpleirean gu h-àrd a’ daingneachadh na puinge seo gu mòr, agus tha fianais gu leòr eile air sin bho iomairtean Gàidhlig ann an raointean eile leithid craoladh. Tha Bile nan Cànan Albannach cuideachd air togail air a’ phrionnsapal seo agus e a’ fàgail dhleastanasan air Ministearan na h-Alba agus ùghdarrasan poblach gus beachdachadh air a’ Ghàidhlig nuair a bhios iad a’ coileanadh nan uallaichean aca. A thuilleadh air iomairtean riaghaltais, tha eisimpleirean eile ann air am faodar togail, leithid na rinneadh air stèidh phrìobhaideach leis an Taigh Chèilidh ann an Steòrnabhagh.
Am measg ghnìomhan a’ Phlana Ghnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach, tha gun tèid cur ris na comasan a th’ aig coimhearsnachdan agus ris an eòlas a th’ aca air a’ phròiseas airson Iarrtasan airson Sealbh. Cuiridh Riaghaltas na h-Alba, agus iad ag obair ann an co-bhuinn ri buidhnean eile ainmichte mu choinneimh a’ mholaidh seo, gnìomh ceudna an sàs a thaobh a bhith a' cruthachadh no a’ faighinn sealbh air stòrasan/goireasan coimhearsnachd.
3.3.7 Chun na h-ìre as motha as urrainnear ann am pròiseas nan dreuchdan poblach, bu chòir dòigh a bhith ann airson trusadh taiceil a dhèanamh airson luchd-còmhnaidh Gàidhlig, ionadail air bùird bhuidhnean poblach is chomataidhean eile a tha an sàs ann an gnìomhan a bheir buaidh air Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Tha mar a thèid daoine a chur an dreuchd air Bùird bhuidhnean air a riaghladh le Coimiseanair nan Inbhean Beusach. Bithear a’ cur dhaoine an dreuchd fo sgrùdadh a’ Choimiseanair agus a rèir a’ Chòd Obrach airson mar a Chuireas Ministearan Daoine an Dreuchd ann am Buidhnean Poblach ann an Alba. Tha leabhar-làimhe le stiùireadh reachdail ann mar thaic dhan Chòd a chuidicheas daoine le bhith a’ cur a’ Chòd an gnìomh agus le bhith ga thuigsinn.
Tha e mar dhleastanas air Ministearan na h-Alba co-dhùnaidhean cothromach is follaiseach a dhèanamh a tha stèidhichte air cho iomchaidh ’s a tha na daoine a chuireas iarrtas a-steach airson dreuchd. Bidh Ministearan a’ stèidheachadh na tha iomchaidh a’ ciallachadh airson gach dreuchd air bòrd a tha ri lìonadh agus sin stèidhichte air feumalachdan sònraichte a’ bhùird aig an àm, agus air na feumalachdan a bhios aig a' bhòrd rè ùine na dreuchd, agus thèid na daoine as motha a tha a’ coileanadh riatanasan na dreuchd a chur an dreuchd. Tha Ministearan na h-Alba a’ cur sùim mhòr sna buannachdan a thig bho Bhùird air a bheil buill aig a bheil diofar sheòrsaichean eòlais is diofar sheallaidhean agus tha iad airson gun cuir taghadh cho farsaing ’s a ghabhas de dhaoine a-staigh airson dreuchdan poblach.
Airson gach cuairt fo riaghladh gus daoine a chur an dreuchd, bidh Ministearan na h-Alba a’ tiomnadh dhleastanasan taghaidh do phannal taghaidh a bhios a’ cruthachadh is a’ cur aonta ri plana gus daoine a chur an dreuchd, modhan-iarrtais agus modhan-measaidh, agus plana sanasachd gus ruighinn air daoine sònraichte. Mar phàirt de na còmhraidhean aca, bidh am pannal taghaidh a’ beachdachadh air na sgilean is air an eòlas shònraichte a dh’fhaodadh a bhith a dhìth air a’ Bhòrd agus mar phàirt de sin dh’fhaodadh gum bithear a’ sireadh luchd-còmhnaidh ionadail aig a bheil Gàidhlig. Dh’fhaodadh sin a bhith freagarrach airson nam buidhnean poblach a bhios a’ dèanamh obair a bheir buaidh air prìomh choimhearsnachdan Gàidhlig.
Sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, nuair a bhathar a’ cur dhaoine an dreuchd air na Bùird aig Stòras Mara Cailleannach Earranta (CMAL), Daibhidh Mac a’ Bhruthainn Earranta (DML), Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta (HIAL), Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (IGE) agus Bòrd na Gàidhlig (BnG), rinneadh sanasachd nach beag am measg choimhearsnachdan airson dèanamh cinnteach gun robhar a’ sgaoileadh fiosrachadh mu na dreuchdan buntainneach am measg luchd-labhairt na Gàidhlig agus/no am measg dhaoine a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach. Mar eisimpleir, sgrìobh Rùnaire a’ Chaibineit airson Còmhdhail o chionn ghoirid gu diofar bhuidhnean ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach Gàidhlig agus iad gam brosnachadh gu bhith a’ cur a-staigh airson a bhith nan Stiùiriche Neo-dhreuchdail air Bòrd CMAL. Chaidh litrichean coltach ri sin, bho Mhinistearan is oifigearan, a chur gu daoine ron seo gam brosnachadh gu bhith a’ cur a-staigh airson dreuchdan air diofar Bhòrd leithid DML agus HIAL. ’S e eisimpleir eile, mar a tha Ministearan air aontachadh o chionn grunn bhliadhnaichean, a thaobh bhall ùra air Bòrd HIE, gum feum fìor dhlùth cheangal a bhith aig cuid dhen fheadhainn a thèid a chur an dreuchd ri cùisean a bheir buaidh air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus ris na cothroman a chuidicheas le leasachaidhean eaconamach is coimhearsnachd air feadh na sgìre agus gum feum tuigse mhath a bhith aca air na cùisean is cothroman sin. Airson na cuairt taghaidh mu dheireadh, dh’aontaich Ministearan gum feumadh aonan dhen dithis bhall ùra a bhith a’ fuireach, ag obair, ag ionnsachadh no a’ cur ionmhas an seilbh air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. Cuideachd, b’ fheàrr leotha gu mòr gum biodh an dàrna ball ag obair, ag ionnsachadh no a’ cur ionmhas an seilbh air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. Mu dheireadh, airson buill BnG, feumaidh Gàidhlig a bhith aig buill agus feumaidh iad a bhith comasach air na beachdan aca a chur an cèill le misneachd an lùib conaltradh poblach air-loidhne, agus ann an coinneamhan is cruinneachaidhean a tha air an cumail aghaidh-ri-aghaidh. Thathar an dùil gum bi Buill a’ Bhùird nan tosgairean dùrachdach airson na Gàidhlig agus gun dèan iad tagradh às leth Bhòrd na Gàidhlig, agus gum bi iad deònach co-chonaltradh a dhèanamh ri coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh Alba.
3.3.8 Gum bu chòir beachdachadh air na cothroman a bharrachd a dh’fhaodadh a bhith aig Oifigearan Tuineachaidh – a bhios a’ toirt taic do dhaoine gus gluasad gu, is a bhith a’ fuireach ann an, coimhearsnachdan eileanach – gus sanasachd a dhèanamh air cho cudromach ’s a tha an cànan ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, a thuilleadh air a bhith ag ath-thuineachadh dhaoine aig ìrean eadar-dhealaichte fhad ’s a tha iad a’ gluasad.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Tha Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus a’ Bhuidheann-obrach air Cùisean-sluaigh aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an dùil cumail orra ag obair còmhla gus taic a chur ris na h-Oifigearan Tuineachaidh Coimhearsnachd agus nì iad sgrùdadh air na buannachdan a dh’fhaodadh tighinn bhon dòigh-obrach seo a thaobh a bhith a’ togail chom-pàirteachasan eadar na roinnean poblach, prìobhaideach agus coimhearsnachd. Cuideachd, faodar coimhead air cho cudromach ’s a tha cànan le sùil sin a chur ri dleastanasan nan dreuchdan, mar phàirt de mar a tha CGE a’ dol a bheachdachadh ann am barrachd doimhneachd air a' cheangal eadar cànan is taigheadas.
Fon Phlana Ghnìomh gus Dèiligeadh ri Call-sluaigh, chaidh fhoillseachadh gun tèid lìonra leth-fhoirmeil de dh’Oifigearan Tuineachaidh Coimhearsnachd a stèidheachadh mar phàirt dhen Bhuidhinn-choileanaidh gus Dèiligeadh ri Call-sluaigh, agus an lùib sin bidh dreuchdan ùra gan stèidheachadh ann am pàirtean eile de dh’Alba far a bheilear a’ call sluagh. Bidh pàirtean eile dhen Phlana Ghnìomh gus Dèiligeadh ri Call-sluaigh – leithid ghnìomhan co-cheangailte ri bun-structair fiosaigeach is didseatach, cothroman air seirbheisean poblach, agus taic do dh’eaconamaidhean ionadail – a’ cuideachadh le builean airson luchd-labhairt na Gàidhlig, ri linn mar a dh’fhaodas na gnìomhan taice seo buaidh a thoirt air diofar àiteachan.
Air a’ Bhuidhinn-chomhairleachaidh le Eòlaichean air Cùisean Imrich is Sluaigh aig Riaghaltas na h-Alba, tha ball, an t-Ollamh Philomena de Lima, aig a bheil eòlas sònraichte air rannsachadh sòisealta co-cheangailte ri coimhearsnachdan dùthchasach. Mar a chaidh a ràdh sa Phlana Ghnìomh gus Dèiligeadh ri Call-sluaigh, tha a’ Bhuidheann-chomhairleachaidh le Eòlaichean a’ cur crìoch air coimisean a bhios a’ dèanamh ath-sgrùdadh agus geàrr-chunntas air an dàta agus litreachas a th’ ann an-dràsta, agus bithear a’ comharrachadh bheàrnan a thaobh phàtranan gluasaid/imrich am measg dhaoine òga is inbhich (aois 16-40) ann an sgìrean dùthchail na h-Alba, agus a’ coimhead air ‘slighe beatha’ dhaoine. Bithear a’ coimhead air coimhearsnachdan Gàidhlig mar phàirt dhen obair seo agus sa Phlana Ghnìomh tha gealladh ann dhan Bhuidhinn-chomhairleachaidh le Eòlaichean far am bi iad “a’ beachdachadh air rannsachadh a chur air dòigh mu na dòighean san urrainn dhan Ghàidhlig agus a cultar – agus an dlùth-cheangal a th’ aice ris an tìr, àiteachan ionnsachaidh agus cothroman sòiseo-eaconamach – cuideachadh le bhith a’ gleidheadh dhaoine òga ann an sgìrean.” Nithear an obair seo san ùine ri thighinn, a bhios mar thaic cuideachd do dh’Oifigearan Tuineachaidh Coimhearsnachd agus iomairtean taice eile, mar phàirt dhen obair gus am moladh seo a choileanadh.
3.3.9 Ann an stiùireadh Riaghaltas na h-Alba mu mholaidhean airson Planaichean Àite Ionadail a stèidheachadh, bu chòir beachdachadh air Sgìrean Cànain Sònraichte a chomharrachadh far am faodadh iomairtean poileasaidh a bhith a dhìth gus taic is neart a chur ris a’ Ghàidhlig, agus e mar phrìomh amas cur ri cumhachd is com-pàirteachadh choimhearsnachdan.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt fa-near dhan mholadh seo.
Ann a bhith a’ dealbh a’ chumha ann am Bile nan Cànan Albannach airson Sgìrean Cànain Sònraichte a chomharrachadh, thugadh fa-near do dh’aithisg na Buidhne-obrach Geàrr-ùine. Tha e air a dhealbh leis an amas gun gabh iomairtean poileasaidh a chur an sàs a neartaicheas cor na Gàidhlig agus a bheir barrachd cothruim do choimhearsnachdan pàirt a ghabhail ann a bhith a’ cruthachadh is a’ cur phoileasaidhean an gnìomh. Mar sin, bidh Bile nan Cànan Albannach agus na structairean a stèidhicheas e mar mheadhan gus amasan a’ mholaidh seo a choileanadh.
3.3.10 Leis an riatanas laghail airson Measaidhean Buaidhe nan Coimhearsnachdan Eileanach, bu chòir dèanamh cinnteach gun tèid beachdachadh ceart a dhèanamh air a’ bhuaidh air cànanan, agus bu chòir stiùireadh air deagh mhodhan-obrach a bhith ri fhaighinn airson cho-chomhairleachaidhean coimhearsnachd gus an tèid an cur an sàs ann an dòigh a tha mothachail do dh’fheumalachdan na Gàidhlig an lùib Phlanaichean Àite Ionadail.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
San stiùireadh a th’ ann an-dràsta air Measaidhean Buaidhe nan Coimhearsnachdan Eileanach, thathar ga dhèanamh follaiseach gu bheil e cudromach gun tèid beachdachadh air Gàidhlig nuair a thathar a’ dealbh phoileasaidhean. San stiùireadh thathar ga dhèanamh follaiseach gu bheil cothroman aig ùghdarrasan poblach taic a thoirt dhan Ghàidhlig nan obair ann an sgìrean eileanach, gu bheil e cudromach gum bi figearan mu luchd-labhairt na Gàidhlig mar phàirt de dhàta a thèid a chruinneachadh agus gun tèid co-chonaltradh a dhèanamh ri coimhearsnachdan Gàidhlig. Gabhaidh an stiùireadh seo ùrachadh san ùine air thoiseach gus an stiùireadh a th’ ann mun Ghàidhlig agus mu fheumalachdan cànain choimhearsnachdan eileanach a neartachadh.
’S e sgrìobhainn a bharrachd a th’ ann am Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a tha a’ daingneachadh na h-iomairt gus cuideam a chur air a’ Ghàidhlig an lùib phoileasaidhean. Tha riochdairean bho Bhuidhnean-stiùiridh air feadh Riaghaltas na h-Alba air Buidheann Bhuileachaidh a’ Phlana Ghàidhlig. Sa bhuidhinn seo bithear a’ cur cuideam air i) mar a dh’fheumar beachdachadh air a’ bhuaidh a thaobh cànain a th’ aig poileasaidhean a thèid a dhealbh is a chur an gnìomh air feadh na buidhne agus ii) mar a bu chòir beachdachadh air mar a dh’fhaodas Gàidhlig cuideachadh le bhith a’ coileanadh amasan poileasaidh san fharsaingeachd. Rinneadh adhartas le seo – eadar barrachd stuthan a bhith air am foillseachadh ann an Gàidhlig, co-chonaltradh ri luchd-ùidhe na Gàidhlig no a’ beachdachadh air a’ Ghàidhlig ann an sgrìobhainnean poileasaidh.
Ge-tà, thathar a’ gabhail ris gu bheil obair ri dhèanamh fhathast. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ dèanamh adhartas leis a’ mholadh seo tro na dòighean a chaidh ainmeachadh.
Contact
Email: niall.bartlett@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback