Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri Aithisg na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig

Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri molaidhean na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig


Foghlam

3.4.1 Gus làn-fheum a dhèanamh de bhuannachdan eaconamach is foghlaim, bu chòir, mar amas èiginneach, ro-innleachd a dhealbh a thòisicheas a’ cur às dhan neo-ionannachd ann am foghlam Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile, a bhios a’ cur bacadh air daoine bho bhith a’ togail a’ chànain agus misneachd gus an cànan a chleachdadh, leis an amas dèanamh cinnteach gu bheil measgachadh farsaing de chuspairean ri fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre teisteanais.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Mar a chaidh a ràdh, thèid Ro-innleachd Ghàidhlig ullachadh fo Bhile nan Cànan Albannach. Thèid sin a dhealbh ann an co-bhuinn ri luchd-ùidhe agus bheirear taic dhi, nuair a dh’fheumar, tro riaghlaidhean as urrainn bun-inbhean a stèidheachadh airson foghlam Gàidhlig. Cuideachd thathar a’ moladh sa Bhile gun inns ùghdarrasan Foghlaim, mar phàirt dhen phlana Ghàidhlig aca, mu na planaichean a th’ aca gus foghlam Gàidhlig a thoirt seachad.

Ghabhadh bun-inbhean a chleachdadh gus adhartas a dhèanamh le grunn chùisean a tha air am meas mar chnapan-starra nuair a thig e gu foghlam tron Ghàidhlig agus gus fiosrachadh nas soilleire a thoirt seachad a thaobh na bu chòir do dhaoine òga a bhith a’ sùileachadh nuair a thòisicheas iad air an slighe tro fhoghlam tron Ghàidhlig. Mar phàirt de sin, dh’fhaodadh gun gabhadh leasachadh a dhèanamh air na thathar a' tabhann sa churraicealam tron Ghàidhlig ann an àrd-sgoiltean.

3.4.2 Mar amas èiginneach, thèid iomairt ùr a thòiseachadh gus tidsearan ùra a thàladh is aig an aon àm bithear a’ brosnachadh thidsearan a tha uidheamaichte gus teagasg ann an Gàidhlig, ach nach eil a’ dèanamh sin an-dràsta, a thighinn a dh’obair ann am foghlam Gàidhlig. Dh’fhaodadh gum biodh gach iomairt a tha seo feumach air taic-bhrosnachaidh, taic is iomairtean gus misneachd dhaoine a thogail gus am bi teagasg sa Ghàidhlig nas tarraingiche.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Tha grunn sheòrsaichean taic-bhrosnachaidh ann mu thràth. Tha e cudromach gun cumar gan tabhann agus gum bithear gan ath-sgrùdadh. Gus dèiligeadh ri dùbhlain co-cheangailte ri luchd-obrach, tha gnìomhan a dhìth bho chaochladh bhuidhnean san roinn phoblaich gus adhartas a dhèanamh agus thathar a’ gabhail ris gum bi gnìomhan a dhìth a thaobh trusadh is gleidheadh luchd-obrach cuideachd.

Chaidh leudachadh a thoirt air Sgeama nam Bursaraidhean Teagaisg gu bhith a’ gabhail a-steach teagasg tron Ghàidhlig aig ìre na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile agus a’ teagasg Gàidhlig mar chuspair ann an àrd-sgoiltean. Tha an sgeama ann gus dèiligeadh ri cion luchd-teagaisg airson nan cuspairean dha bheil e nas duilghe luchd-teagaisg a thrusadh agus gheibh daoine a tha airson gluasad bho aon dreuchd gu dreuchd ùr bursaraidh luach £20,000 gus cùrsa bliadhna, PDGE ann Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg (CFL), a dhèanamh.

’S urrainn do Bhòrd na Gàidhlig maoineachadh a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail, tro Mhaoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (chaidh a h-ainm atharrachadh gu Maoin nam Planaichean Gàidhlig o chionn ghoirid), gus cothrom a thoirt do luchd-teagaisg cùrsaichean a ghabhail a bheir piseach air na sgilean Gàidhlig aca.

Cuideachd, nuair a tha ùghdarrasan ionadail a’ cur a-steach airson Tabhartasan Sònraichte airson Foghlam Gàidhlig, faodaidh iad taic iarraidh airson chùrsaichean cànain agus airson pàigheadh airson luchd-teagaisg a bhios a’ teagasg an àite thidsearan a tha a’ dèanamh chùrsaichean cànain. ’S e sgeama maoineachaidh cuingealaichte a th’ ann (£4.48 millean airson 24/25) a bhios Ministearan na h-Alba a' tabhann do dh’Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba airson pàigheadh airson suas ri 75% de na cosgaisean gus foghlam Gàidhlig a thoirt seachad.

Ann an Stiùireadh Buidheann Tabhartais Oileanach na h-Alba air Ionnsachadh a Rinneadh Roimhe, thathar ag ràdh gun cuir an SAAS riaghailtean a thaobh ionnsachadh a rinneadh roimhe an dàrna taobh airson Chùrsaichean Bogaidh Gàidhlig aig ìre Cert HE. Ged a bhios oileanaich air maoineachadh fhaighinn mu thràth airson ceum no teisteanas aig Àrd-ìre Nàiseanta, faodaidh iad fhathast maoineachadh fhaighinn airson a’ chùrsa seo. Ma nì oileanach Bogadh Gàidhlig Cert HE mus dèan iad prògram ionnsachaidh eile (leithid HNC no ceum), cha bhithear a’ coimhead air a’ chùrsa bhogaidh mar ionnsachadh a rinneadh roimhe.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ tabhann Thabhartasan Foghlaim Gàidhlig do dhaoine a tha ag obair gus dreuchd a thoirt a-mach mar thidsear Gàidhlig no tidsear ann am foghlam tron Ghàidhlig a tha airson na sgilean proifeiseanta aca a leasachadh. Leis a’ mhaoin seo, faodaidh na h-oileanaich a leanas cur a-staigh air a son: oileanaich a tha a’ dèanamh Dioplòma Iar-cheumnach ann am Foghlam (PGDE) ann am foghlam Gàidhlig; oileanaich a tha a’ dèanamh cùrsa thràth-bhliadhnaichean Gàidhlig no cùraim-chloinne Ghàidhlig; oileanaich a tha a’ dèanamh fo-cheum ann am foghlam Gàidhlig; luchd-teagaisg a tha ann an dreuchd a bhuineas ri foghlam tron Ghàidhlig a tha airson cùrsa a dhèanamh gus na sgilean aca a leasachadh no luchd-teagaisg le teisteanas-teagaisg tha airson na sgilean aca a leasachadh gus an urrainn dhaibh gluasad gu bhith a’ teagasg tron Ghàidhlig.

Thathar a’ beachdachadh an-dràsta air iomairt a chur air dòigh gus sanasachd a dhèanamh air na buannachdan a gheibhear bho dhreuchd mar thidsear, leis an amas piseach a thoirt air an àireimh de luchd-teagaisg a thathar a’ trusadh is a’ gleidheadh airson nan cuspairean far a bheil an gainnead as motha de luchd-teagaisg. Bidh Gàidhlig mar phàirt de sin.

Cumaidh Riaghaltas na h-Alba orra a’ toirt taic do Bhòrd na Gàidhlig leis an iomairt leantainnich aca gus teagasg tron Ghàidhlig a chur air adhart.

3.4.3 Chun na h-ìre as motha as urrainnear, gum bu chòir foghlam thidsearan a bhith air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig le oidhirpean ùra com-pàirteach gus dèanamh cinnteach gu bheil foghlam thidsearan Gàidhlig (i) air a bhrosnachadh bho mheadhan an t-siostaim agus (ii) air a dhèanamh cho ruigsinneach ’s a ghabhas, a’ gabhail a-steach a bhith a’ cleachdadh ionnsachadh aig astar, cho fad ’s nach eil sin a’ lagachadh na h-obrach gus na sgilean cànain Gàidhlig a thogail a tha a dhìth air tidsearan soirbheachail.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

San litir stiùiridh bhliadhnail bho Riaghaltas na h-Alba gu Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC), thathar a’ cur cuideam air cho cudromach ’s a tha e luchd-teagaisg Gàidhlig a thrusadh le bhith ga dhèanamh soilleir ‘gu bheil trusadh thidsearan airson a bhith a’ teagasg tron Ghàidhlig fhathast na phrìomhachas do Mhinistearan na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba airson gun lean an SFC orra a’ cuideachadh le bhith a' cur taic ri solar a thaobh seo agus gum beachdaich iad air iomairtean sam bith a dh’fhaodadh èifeachdas a leudachadh san raon seo. Tha sinn ag iarraidh air an SFC luchd-solair Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg (CFL) a bhrosnachadh gu bhith a’ leudachadh air an àireimh de dh’àiteachan a th’ ann do dh’oileanaich agus dòighean-obrach brosnachail is taiceil a chur an sàs a thaobh iarrtasan airson gach prògram CFL.’ Cuideachd san litir seo, thathar a’ moladh gun tèid agallamhan a thabhann dhan a h-uile neach-iarrtais a chuireas a-staigh airson teagasg tron Ghàidhlig.

’S ann an urra ri institiudan trèanaidh fa leth a tha e Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg a thoirt seachad. Ge-tà, nì Riaghaltas na h-Alba co-chonaltradh ri Comhairle Dheadhan Foghlaim na h-Alba – agus iad a’ gabhail ealla ri neo-eisimeileachd nan institiudan CFL – gus faicinn ciamar a ghabhas am moladh seo a thoirt gu buil.

3.4.4 Gum bu chòir taic fhreagarrach, chunbhalach a chur air dòigh do luchd-obrach nan tràth-bhliadhnaichean is tidsearan Gàidhlig gus piseach a thoirt air cùisean-obrach is ìrean gleidhidh luchd-obrach, a’ gabhail a-steach dòighean bogaidh, ionnsachadh proifeiseanta leantainneach ann an sgilean cànain is a bhith a’ tabhann taghadh nas motha de ghoireasan fìor mhath gus nach bi aig tidsearan ri bhith a’ cruthachadh uimhir de na stuthan teagaisg aca fhèin.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil na leanas a dhèanamh agus sin a rèir mholaidhean bho Sgrùdadh Alba agus Prògram an Riaghaltais, 2024-25:

  • ag obair le comhairlean is luchd-ùidhe eile gus planaichean luchd-obrach fad-ùine a dhealbh airson na roinne airson dèiligeadh ri cunnartan a thaobh seasmhachd agus gus frithealadh air an iarrtas a bhios ann san ùine ri thighinn
  • ag obair còmhla ri comhairlean gus pròiseas a stèidheachadh gun dàil airson an t-adhartas a nì luchd-solair a mheasadh a thaobh a bhith a’ pàigheadh Tuarastal Bith-beò Ceart do luchd-obrach a tha a’ toirt seachad TCC maoinichte
  • a’ toirt leudachadh air an àireimh de luchd-obrach cùraim-chloinne agus a’ feuchainn dhòighean ùra gus piseach a thoirt air ìrean gleidhidh, às dèidh do mar a thàinig lùghdachadh nach beag o chionn beagan bhliadhnaichean air a’ chuibhreann seo dhen fheachd-obrach
  • a’ toirt tuilleadh leasachaidh air an làrach-lìn ùr, a chaidh fhoillseachadh sa Mhàrt, far am faighear am fiosrachadh uile còmhla mu ghoireasan ionnsachaidh proifeiseanta leantainnich a chaidh a dhearbhadh a thaobh càileachd
  • a’ dèanamh co-chonaltradh ri daoine san roinn, Cùram Sòisealta do dh’Inbhich, gus tuigse fhaighinn air mar a dh’fhaodadh luchd-obrach TCC a dhol an sàs ann an co-rèiteachadh roinneil agus air mar a dh’fhaodadh ‘guth’ buadhach a bhith aca mar mheadhan thar ùine nas fhaide gus dèanamh cinnteach gum bi luchd-obrach ùghdarrasan ionadail agus luchd-obrach àiteachan prìobhaideach, saor-thoileach is neo-eisimeileach (PVI) air stèidh cho-ionann a thaobh pàigheadh luchd-obrach is suidheachaidhean obrach

Bidh Roinn na Gàidhlig is Albais aig Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh conaltradh gu cunbhalach ri sgioba tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne Bhòrd na Gàidhlig agus ri Sabhal Mòr Ostaig. Le sin, thathar a’ dèanamh cinnteach gum bi feumalachdan sònraichte na h-earrainn Ghàidhlig dhen roinn air an toirt fa-near ann an ro-innleachdan nàiseanta. Cuideachd, thèid ìrean riochdachaidh na Gàidhlig san roinn a neartachadh ri linn mar a bhios Bile nan Cànan Albannach a’ stèidheachadh Chomann nam Pàrant mar luchd co-chonaltraidh airson chùisean co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig.

Chaidh grunn ghnìomhan buntainneach a chur an cèill fo mholadh 3.3.2. Nam measg tha an rannsachadh aig Bòrd na Gàidhlig air solar is seirbheisean a gheibhear ann an TCC tron Ghàidhlig agus san fharsaingeachd. Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ealla ri toraidhean an rannsachaidh sin nuair a bhios iad a’ dealbh nam planaichean aca airson TCC tron Ghàidhlig san àm ri teachd.

Mar a chaidh a ràdh fo 3.4.1, bidh aig ùghdarrasan foghlaim ri planaichean coileanaidh airson foghlam Gàidhlig ullachadh. Sna planaichean sin, feumar fiosrachadh farsaing is iomlan a thoirt seachad air mar a bheir an t-ùghdarras foghlam Gàidhlig seachad aig gach ìre bho TCC gu foghlam adhartach is àrd-ìre. Bidh e mar phàirt riatanach de na planaichean coileanaidh sin gum bi fiosrachadh annta air mar a bheirear ionmhas is trèanadh freagarrach seachad airson luchd-teagaisg Gàidhlig, a rèir nam modhan-obrach a tha a dhìth airson foghlam tron Ghàidhlig.

Tha seo mar phàirt de mar a thèid siostam nam Planaichean Gàidhlig a neartachadh san fharsaingeachd leis a’ Bhile. An-dràsta, bidh buidhnean poblach a’ gealltainn sna Planaichean Gàidhlig aca gun toir iad cothroman ionnsachaidh Gàidhlig seachad mar phàirt de dh’Ionnsachadh Proifeiseanta Leantainneach. Leis mar a tha am Bile a’ stèidheachadh Ro-innleachd Ghàidhlig bho na ministearan le stiùireadh, bun-inbhean agus riaghlaidhean, thèid na geallaidhean sin agus mar a thèid an coileanadh a neartachadh.

3.4.5 Gum bithear fhathast a’ toirt taic do mheasgachadh de dh’iomairtean gus cothroman ionnsachaidh Gàidhlig a chur air dòigh do dh’inbhich ann an coimhearsnachdan, sna meadhanan, air-loidhne agus ann an ionadan foghlaim adhartaich agus àrd-ìre.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic do ghrunn chothroman ionnsachaidh Gàidhlig do dh’inbhich. Tha sin a’ gabhail a-steach maoineachadh do bhuidhnean leithid Sabhal Mòr Ostaig agus seirbheisean leithid SpeakGaelic. Thathar air leudachadh air na cothroman ionnsachaidh coimhearsnachd ri linn mar a tha ionadan mar Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas agus Ionad Chaluim Chille Ìle air tighinn air adhart. Cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic do na h-iomairtean sin agus ag obair còmhla ri buidhnean coimhearsnachd eile a tha airson cur ris na cothroman agus goireasan gus Gàidhlig ionnsachadh sna sgìrean ionadail aca.

Tha sinn a’ togail air an taic sin ann am Bile nan Cànan Albannach. Am measg chumhachan a' Bhile tha atharrachadh air Achd an Fhoghlaim Adhartaich is Àrd-ìre (Alba) 2005 gus dèanamh cinnteach gun gabhar ealla ri Gàidhlig a thaobh chothroman air foghlam adhartach is àrd-ìre, a gheibhear maoineachadh, ann an Gàidhlig agus a cultar. Tha am Bile cuideachd a’ fàgail dleastanas air Ministearan na h-Alba agus Ùghdarrasan Foghlaim gus beachdachadh air mar as urrainn dhaibh foghlam Gàidhlig aig gach ìre a chur air adhart – a’ gabhail a-steach foghlam do dh’inbhich agus ionnsachadh coimhearsnachd.

A thuilleadh air na gnìomhan sònraichte seo airson Gàidhlig, dh’fhaodadh teachdaireachdan a bhith san Stiùireadh Ro-innleachdail ùr do Chomhairlean, airson an ath shreath de phlanaichean 3-bliadhna airson ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd, a thaobh cho cudromach ’s a tha e gum bi Gàidhlig mar phàirt de na cothroman ionnsachaidh a bhios comhairlean a’ tabhann do dh’inbhich.

3.4.6 Gum bu chòir foghlam Gàidhlig a thoirt air adhart aig a h-uile ìre, le barrachd chothroman air an cruthachadh air tro chòmhdhail is teicneòlas, far a bheil sin freagarrach, agus bheirear aithne do na buannachdan eaconamach is foghlaim a thig bho bhith a’ leudachadh is a’ leasachadh solar an fhoghlaim. Gu h-àraid, bu chòir beachdachadh air mar as urrainnear còir laghail air foghlam Gàidhlig a stèidheachadh mar dhòigh a bhith cinnteach gun tèid solar a leudachadh is cothroman air a leasachadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Mar thoradh air Bile nan Cànan Albannach, bidh dleastanas air ùghdarrasan foghlaim gus taic a chur ri daoine gus cothroman fhaighinn air foghlam tron Ghàidhlig. Thèid sin a choileanadh tro bhith a’ toirt taic do chloinn nach fhaigh cothrom air FtG san ùghdarras ionadail aca fhèin gus fhaighinn ann an ùghdarras eile. Cuideachd, thathar a’ moladh sa Bhile modhan-obrach foirmeil a stèidheachadh a dh’fheumas ùghdarrasan a chur an sàs mus urrainn dhaibh cothrom air seirbheisean còmhdhail a thoirt air falbh bho sgoilearan a tha a’ dol gu FtG. Le sin, bidh na h-aon mhodhan-dìona ann airson foghlam Gàidhlig ’s a gheibhear airson còmhdhail gu ionadan foghlaim creideimh. Tha an cumha seo a’ stèidheachadh Chomann nam Pàrant, cho math ri Bòrd na Gàidhlig, mar bhuidheann cho-chomhairleachaidh reachdail sa phròiseas.

Mar a chaidh a ràdh gu h-àrd, am measg nam pròiseactan mòra Gàidhlig a fhuair taic bho Riaghaltas na h-Alba sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh tha eSgoil agus SpeakGaelic – dà shàr eisimpleir de mar a ghabhas teicneòlas a chleachdadh airson ionnsachadh Gàidhlig agus iad a’ toirt cothrom air air feadh Alba agus air feadh an t-saoghail. A thuilleadh air mar a shoirbhich leotha le bhith a’ cur na Gàidhlig air adhart, tha iad cuideachd air dearbhadh mar as urrainn do bhuannachdan farsaing sòisealta is eaconamach tighinn bho iomairtean foghlaim Gàidhlig a chaidh a dhealbh a dh’aona-ghnothach airson adhbharan sònraichte co-cheangailte ri cor a’ chànain. Gu dearbh, chunnacas fianais air sin nuair a chaidh eSgoil a chleachdadh aig ìre nàiseanta mar ghoireas ionnsachaidh air-loidhne nuair a bha an galar mòr-sgaoilte ann.

Leanaidh an taic airson nam pròiseactan seo agus thèid na prionnsapalan a tha air cùl mar a shoirbhich leotha – gu bheil leasachaidhean foghlaim Gàidhlig gu buannachd beatha muinntir na h-Alba san fharsaingeachd – a chur air adhart an lùib obair phoileasaidhean Riaghaltas na h-Alba san fharsaingeachd. Aig an àm seo, bithear a’ dèanamh sin tro Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba agus a’ bhuidheann bhuileachaidh air a shon. Tha Bile nan Cànan Albannach a’ cur ris an obair sin agus e a’ cur dleastanas air Ministearan na h-Alba agus ùghdarrasan foghlaim gus feart a thoirt dhan Ghàidhlig nuair a tha iad a’ coileanadh nan uallaichean aca.

3.4.7 Gus tòiseachadh air leasachadh a thoirt air na thathar a’ tairgse airson foghlam Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile, bu chòir ùghdarrasan ionadail co-chomhairleachadh a dhèanamh air na cothroman a th’ ann cuid a dh’àrd-sgoiltean a chomharrachadh mar sgoiltean Gàidhlig a b’ urrainn dearbhadh, tro aithrisean bliadhnail, gu bheil amasan soilleir aca airson solar Gàidhlig a leasachadh aig ìre àrd-sgoile, fiù ’s ma tha dùbhlain ann sa gheàrr-ùine.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo gu ìre.

Thathar a’ gabhail ris gur iad sgoiltean Gàidhlig fa leth an dòigh as fheàrr foghlam bogaidh a thoirt seachad. Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ nochdadh taic do dh’ùghdarrasan foghlaim, pàrantan clann sgoile agus buidhnean leithid Bòrd na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant fhad ’s a bhios iad ag obair gus leithid a sgoiltean a stèidheachadh. Bidh mar a dh’fheumas ùghdarrasan foghlaim planaichean coileanaidh airson foghlam Gàidhlig ullachadh a’ toirt cothrom dhaibh mìneachadh ciamar a choileanas iad am moladh seo.

Tha cumhachan a bharrachd ann am Bile nan Cànan Albannach a bheir taic dhan amas seo. Mar eisimpleir, tha e a’ toirt atharrachadh air Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 agus e a’ fàgail dleastanas air ùghdarrasan foghlaim gus sgìrean sgoile a stèidheachadh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. A thaobh sgoiltean le foghlam tron Ghàidhlig agus tron Bheurla, ’s urrainnear sgìre sgoile fa leth a stèidheachadh airson an aonaid Ghàidhlig.

3.4.8 Gum bu chòir measgachadh de Phreantasachdan Bun-ìre tro mheadhan na Gàidhlig a bhith ri fhaighinn ann an ÀS5-6 do sgoilearan a tha airson dreuchdan a thoirt a-mach anns na tràth-bhliadhnaichean is cùram-sòisealta, sna gnìomhachasan cruthachail, cultar, dualchas, turasachd, spòrs, biadh is deochan is an àrainneachd nàdarrach far am biodh e na bhuannachd Gàidhlig a chleachdadh no far am bite a’ brosnachadh adhartachadh a’ chànain.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

An-dràsta tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tairgsinn Phreantasachdan Bun-ìre tron Ghàidhlig airson na tràth-bliadhnaichean is cùram sòisealta agus na meadhanan cruthachail is didseatach. Am measg amasan ro-innleachdail UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall (ionad foghlaim com-pàirteach ùr), tha gun tèid leudachadh a thoirt air an taghadh de chùrsaichean a tha iad a’ lìbhrigeadh tron Ghàidhlig agus gun tèid ceanglaichean eadar Gàidhlig is comasan cosnaidh a neartachadh. Leis an amas mu dheireadh sin, an toiseach bithear ag amas air cùram slàinte, sòisealta agus chloinne agus turasachd. Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic do na buidhnean seo fhad ’s a bhios iad a’ dealbh is a’ leasachadh nan cùrsaichean sin agus tha sinn a’ toirt fa-near dha mar a ghabhas an cleachdadh mar stiùir airson tuilleadh leudachaidh a dhèanamh air an àireimh de Phreantasachdan Bun-ìre a gheibhear sa Ghàidhlig.

Tha an riatanas ann am Bile nan Cànan Albannach far am feum ùghdarrasan foghlaim planaichean coileanaidh ullachadh airson foghlam Gàidhlig a’ gabhail a-steach ionnsachadh Gàidhlig ann am foghlam adhartach is àrd-ìre. Bidh na Preantasachdan Bun-ìre sna roinnean ainmichte sa mholadh seo am measg nan nithean co-cheangailte ri cothroman ionnsachaidh Gàidhlig air am bu chòir ùghdarrasan foghlaim feart a thoirt nuair a bhios iad ag ullachadh phlanaichean coileanaidh. Cuideachd, beachdaichidh Buidheann Leasachaidh nam Preantasachdan Bun-ìre, a chaidh a stèidheachadh gus leasachaidhean a dhèanamh air Preantasachdan Bun-ìre, air molaidhean na h-aithisge.

3.4.9 Gum bi teagasg na Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh riatanach airson a h-uile sgoilear ÀS1-3 ann an àrd-sgoiltean anns na h-Eileanan Siar, san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, Loch Abar, Tiriodh is Ìle agus gum bi cothrom ann dhaibhsan a tha airson teisteanas fhaighinn ann an ÀS4-6. Dh’fhaodadh seo a bhith air a chur an gnìomh cuideachd ann an àitichean eile far a bheil sgoilearan FTMG a’ dol a-steach a dh’àrd-sgoiltean, mar eisimpleir Inbhir Nis, Glaschu agus Dùn Èideann.

Thug Riaghaltas na h-Alba fa-near dhan mholadh seo.

Bidh ùghdarrasan ionadail a’ dèanamh co-dhùnadh iad fhèin air susbaint curraicealaman nan sgoiltean aca. ’S urrainn do Riaghaltas na h-Alba agus Foghlam Alba na tha iad a’ sùileachadh san fharsaingeachd bho churraicealaman a chur an cèill. Ann an Comhairle Foghlam Alba air Foghlam Gàidhlig thathar a’ cur an cèill na thathar a’ sùileachadh a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig an-dràsta. Leis a’ chumha ann am Bile nan Cànan Albannach gus bun-inbhean a stèidheachadh a thaobh Foghlam Gàidhlig, bidh dòigh ann na diofar ìrean de sholar foghlaim a thathar a’ sùileachadh a chur an cèill.

Tha Comhairle Foghlam Alba air Foghlam Gàidhlig a’ buntainn ris a h-uile roinn de dh’Fhoghlam na Gàidhlig ann an Alba. Tha a’ Chomhairle air Foghlam Gàidhlig mar phàirt de dh’fhrèam farsaing de sgrìobhainnean a tha a’ cur taic ri Curraicealam na h-Alba. Ann an A’ Cruthachadh a’ Churraicealaim 3, thathar ga dhèanamh soilleir dè na còraichean foghlaim a th’ aig a h-uile neach òg ann am foghlam 3-18. Gu h-àraidh, mar a tha a’ chòir aca air foghlam aonaichte, air taic phearsanta, agus air foghlam aig àrd-ìre na h-àrd-sgoile far an urrainn dhaibh cumail orra a’ cur ris na ceithir comasan is teisteanasan a thoirt a-mach agus far am bithear a’ sìor chur cuideam air litearrachd.

Sa Chomhairle air Foghlam Gàidhlig thathar a’ dèanamh eadar-dhealachadh soilleir eadar clann agus daoine òga ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus ann am Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (FLG). Tha a’ chòir aig a h-uile pàiste is duine òg ann an Alba air cànanan eile ionnsachadh gu deireadh ÀS3, agus sin a’ togail air a’ phoileasaidh 1+2 Chànan, agus faodaidh na cànanan sin a bhith a’ gabhail a-steach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) mar C2 no C3 do sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla.

Nì Riaghaltas na h-Alba co-chonaltradh ri ùghdarrasan ionadail tro COSLA agus Comann Stiùirichean Foghlaim na h-Alba (CSFA) gus tuigse fhaighinn air co-theacsa a’ mholaidh seo agus gus dearbhadh co-dhiù a tha no nach eil taic nàiseanta a dhìth airson a choileanadh. Bidh Foghlam Alba na prìomh bhuidheann airson curraicealam FTMG, agus iad a’ cur cuideam as ùr air leasachadh a’ churraicealaim.

Tha cumhachdan ann am Bile nan Cànan Albannach gus bun-inbhean a stèidheachadh airson Foghlam Gàidhlig ann an Alba. Leis na bun-inbhean sin dh’fhaodar mìneachadh a dhèanamh air na h-ìrean gu bheilear an dùil a bheir ùghdarrasan ionadail foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig seachad. Chithear eisimpleirean de bhun-inbhean ann am freagairt Riaghaltas na h-Alba do dh’Aithisg Ìre 1 aig Comataidh an Fhoghlaim, na Cloinne is nan Daoine Òga air a’ Bhile.

3.4.10 Gum bu chòir sgrùdadh is ùrachadh a dhèanamh air an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig agus an inbhe aige a chur air adhart gu farsaing ann am foghlam na h-Alba le measgachadh de mhodhan-obrach gan cur an sàs, tro phoileasaidhean, aithrisean bliadhnail is luchd-sgrùdaidh sgoiltean, gus dèanamh cinnteach gu bheil ùghdarrasan ionadail is luchd-poileasaidh foghlaim a’ cumail gu dlùth ris na prionnsapalan aige.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Bidh an cumhachd a bhios Bile nan Cànan Albannach a’ stèidheachadh do Mhinistearan na h-Alba gus stiùireadh ullachadh airson foghlam Gàidhlig a’ dol an àite a’ chumhachd a th’ aig Bòrd na Gàidhlig airson sin an-dràsta. Tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith a’ beachdachadh air ùrachadh a dhèanamh air an stiùireadh a th’ ann an-dràsta airson greis. Nuair a thèid am bile a chur an gnìomh, thèid an cumhachd gus stiùireadh fhoillseachadh ath-bhuileachadh agus mar thoradh air sin thèid an stiùireadh ùrachadh agus thèid cur ri inbhe an stiùiridh seach gur ann bho Mhinistearan na h-Alba a thig e seach Buidheann Phoblach Neo-roinneil, a tha ga fhoillseachadh an-dràsta. Thèid a chur air adhart air feadh foghlam na h-Alba seach gum bi e mar dhleastanas air Ministearan na h-Alba agus ùghdarrasan foghlaim feart a thoirt do dh’fhoghlam Gàidhlig nuair a tha iad a’ coileanadh nan uallaichean obrach aca. Bidh e air a bharantachadh gun cumar ri prionnsapalan an stiùiridh air sàillibh a’ chumhachd sa Bhile a bhios aig Ministearan na h-Alba gus àithntean a thoirt seachad mura coilean ùghdarras ionadail na dleastanasan aca a thaobh a bhith a’ toirt foghlam Gàidhlig seachad.

Bidh planaichean coileanaidh, a dh’fheumas ùghdarrasan foghlaim ullachadh mar phàirt dhen phlana Ghàidhlig aca, nam meadhan gus sùil a chumail air mar a chumas ùghdarrasan ris an stiùireadh reachdail. Nuair a bhios Bòrd na Gàidhlig a’ sgrùdadh mar a thèid planaichean Gàidhlig a chur an gnìomh san fharsaingeachd, bidh iad cuideachd a’ dèanamh aithris air ìrean coileanaidh airson foghlam Gàidhlig a bhios air an cur an cèill ann am plana coileanaidh an ùghdarrais.

3.4.11 Gun tèid curraicealam Gàidhlig a dhealbh nach eil dìreach na eadar-theangachadh den churraicealam Bheurla. An lùib seo bidh leantainneachd ann an togail cànain, ionnsachadh mu eachdraidh na h-Alba, beartas cultar na Gàidhlig is dòighean-smaoineachaidh sònraichte ceangailte ris a’ Ghàidhlig, mar an dàimh is dleastanas a thaobh na h-àrainneachd a tha an lùib dùthchas. Dh’fhaodadh gu bheil e comasach ceangal a dhèanamh eadar seo is 3.5.5.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.

Bidh Gàidhlig (Litearrachd) agus curraicealam na Gàidhlig mar phàirt de Chuairt Leasachaidh a’ Churraicealaim (CLC) agus mar sin bidh CLC na phrìomh mheadhan gus am moladh seo a thoirt air adhart.

Ann an Comhairle Foghlam Alba air Foghlam Gàidhlig thathar a’ toirt mìneachadh air foghlam bogaidh, agus e mar phàirt dhen Churraicealam airson Sàr-mhathais, agus tha bogadh a’ gabhail a-steach a bhith a’ togail cànan sòisealta agus a bhith a’ sìor thogail a’ chànain. Cuideachd thathar a’ toirt comhairle seachad air cothroman do chloinn is daoine òga gus cur ris an tuigse is eòlas a th’ aca air cànan is cultar na Gàidhlig mar phàirt de dh’aithne-dùthcha na h-Alba. Faodaidh luchd-compàirt agus buidhnean Gàidhlig, tro bhith ag obair le sgoiltean, cur ris an eòlas agus na builean a gheibhear do chloinn is daoine òga ann am Foghlam Gàidhlig agus iad a’ cur taic ri curraicealam stèidhichte air cùisean ionadail agus cultar na Gàidhlig, curraicealam a dh’fhaodadh a bhith a’ coimhead air cuspairean leithid dùthchas.

Fo Achd Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte airson Chòraichean Pàiste (Co-cheangal) (Alba), tha dleastanas ann gus na taobhan seo de chultar na Gàidhlig a dhèanamh follaiseach. Tha Alt 30 a’ stèidheachadh chòraichean sònraichte do chloinn ann am mion-chuibhreannan dhen t-sluagh, leithid mion-shluagh cànain. “Ged a tha tòrr de na chithear ann an Alt 30 fillte ann an Uillt eile de UNCRC, tha e ann gus a dhèanamh soilleir nach bu chòir do dhaoine, a bhios a’ beachdachadh air mar a chuireas iad an Cùmhnant an sàs, dearmad a dhèanamh air còraichean cloinne is dhaoine òga.” – Coimiseanair na Cloinne is nan Daoine Òga – Alba.

Mar a chithear ann an àiteachan eile, bheir cumhachan ann am Bile nan Cànan Albannach – co-cheangailte ri ìrean coileanaidh co-fhreagarrach agus planadh coileanaidh ann am foghlam Gàidhlig – piseach air an ìre de thaic a gheibh Gàidhlig ann an siostam nan sgoiltean. Bidh a bhith a’ cruthachadh curraicealam na Gàidhlig – le barrachd chuspairean air an tairgsinn tron Ghàidhlig, agus barrachd stuthan air an cruthachadh ann an Gàidhlig bho thùs – mar phàirt de sin. Bidh Foghlam Alba na prìomh bhuidheann airson curraicealam airson FTMG – mar phàirt de dh’iomairt nas fharsainge gus piseach a thoirt air curraicealaman.

Cumaidh Riaghaltas na h-Alba orra a’ toirt taic do luchd-ùidhe leithid Stòrlann, Acair agus Comhairle nan Leabhraichean agus iad ag ullachadh leabhraichean Gàidhlig agus a’ cruthachadh ghoireasan foghlaim eile.

Le siostam nam Planaichean Gàidhlig tha dòigh eile ann gus am moladh seo a thoirt gu buil. Nuair a bhithear a’ roghnachadh stuthan airson an eadar-theangachadh, faodar prìomhachas a chur air feadhainn a tha freagarrach airson Sgoiltean Gàidhlig – mar eisimpleir, airson an cleachdadh ann an curraicealam an nuadh-eòlais.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top