Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri Aithisg na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig
Freagairt Riaghaltas na h-Alba ri molaidhean na Buidhne-obrach Geàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig
Prìomh Roinnean
3.5.1 Fhad ’s a tha sinn ag aithneachadh nan cothroman le Prògram nan Àiteachan Com-pàirteach aig Alba Chruthachail, bu chòir gun tèid Ro-innleachd Ealain na Gàidhlig nàiseanta ullachadh a tha a’ mìneachadh dhòighean airson a bhith a’ toirt taic is a’ cur ris na cothroman eaconamach a th’ ann dhaibhsan a tha ag obair anns na gnìomhachasan ealain is sgrìn agus a tha a’ cleachdadh Gàidhlig mar mheadhan lìbhrigidh no nuair a tha Gàidhlig ceangailte ris an t-seòrsa ealain aca.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Mar a chithear san fhreagairt, le Bile nan Cànan Albannach thathar ag amas air Ro-innleachd na Gàidhlig ullachadh a thèid an àite an riatanais a th’ ann an-dràsta gus Plana Nàiseanta na Gàidhlig ullachadh. Leis an ro-innleachd, a bhios air a h-ullachadh le Ministearan na h-Alba an àite BPNR, gheibhear sealladh nas iomlaine air mar a dh’fheumar taic a chur ri Gàidhlig ann an saoghal poblach na h-Alba. Mar a bhite an dùil, bidh na h-ealain mar phàirt de seo. Le bhith ag obair a dh’ionnsaigh cheann-uidhe ro-innleachdail às leth na Gàidhlig ann an roinnean nan ealain is a’ chultair, bidh Ro-innleachdan na Gàidhlig a’ togail air na chaidh a choileanadh mu thràth le Planaichean Gàidhlig a dh’ullaich buidhnean poblach leithid Alba Chruthachail, Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba agus Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Bidh an t-eòlas is tuigse a th’ aig buidhnean leithid MG ALBA agus companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach fìor chudromach cuideachd.
Chunnacas ann am freagairtean sa cho-chomhairleachadh air a’ Bhile gum bu chòir leasachaidhean ealain a bhith mar phàirt nas motha de phlanadh airson na Gàidhlig. Thathar an dùil gun dèan na cumhachan a thig leis a’ Bhile cinnteach gun tachair sin.
3.5.2 Mar aithne air cho cudromach ’s a tha craoladh is na meadhanan didseatach gu h-eaconamach, gu sòisealta is a thaobh foghlaim, bu chòir maoineachadh a bharrachd a bhith ann dha MG ALBA, is daoine eile, gus an urrainn dhaibh measgachadh de phrògraman ùra a chruthachadh, le barrachd dhiubh air an dèanamh ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, airson an craoladh air telebhisean, rèidio agus air seirbheisean didseatach le poileasaidh cànain làidir a nì cinnteach gun tèid barrachd Gàidhlig a chleachdadh le fo-thiotalan mar roghainn.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo gu ìre.
Ged as e roinn ghlèidhte a th’ ann an craoladh, tha Riaghaltas na h-Alba fhathast a’ moladh do Rìoghachd na RA gum feum iad beachdachadh air an taic a tha iad a’ toirt do mhion-chànanan dùthchasach an-dràsta agus air a’ cheist, a bheil iad a’ toirt taic seachad agus a’ maoineachadh sheirbheisean ann an dòigh cho-ionann. Tha sinn air a dhèanamh soilleir gu bheil sinn dhen bheachd gu bheil craoladh mion-chànain cudromach agus gum feumar an t-àite cudromach a th’ aige ann a bhith a’ cur ri fàs ann an coimhearsnachdan is san eaconamaidh, gu h-àraidh ann an sgìrean dùthchail, a dhìon is a leasachadh. Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a’ cur taic leantainneach ri gnìomhachas craolaidh na Gàidhlig a tha air leth soirbheachail, agus sinn a’ toirt £12.8m do MG ALBA gach bliadhna. Tha Riaghaltas na h-Alba dhen bheachd gum bu chòir uallaichean airson phoileasaidhean craolaidh a bhith air an tiomnadh do dh’Alba airson dèanamh cinnteach gun gabh co-dhùnaidhean freagarrach a dhèanamh a tha a’ gabhail ealla ris na feumalachdan sònraichte a th’ aig luchd-amais is na gnìomhachasan cruthachail ann an Alba.
Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic ri sgilean agus foghlam, agus ag obair gu dlùth còmhla ri Sgrìn Alba gus taic a thoirt do phrògraman air feadh na roinne agus ann an raointean foghlaim foirmeil agus neo-fhoirmeil. Cumaidh Sgrìn Alba orra ag obair le riochdachaidhean film is TBh airson dèanamh cinnteach gum bi cothroman ann an lùib phròiseactan do dhaoine ùra pàirt a ghabhail annta air beulaibh is air cùlaibh a’ chamara, agus gum bi cothroman ann dhan luchd-obrach a th’ ann mu thràth na sgilean aca a leasachadh. Bidh sinn a’ brosnachadh co-chonaltradh le BBC ALBA agus Sgrìn Alba gus raointean a chomharrachadh far an gabh trèanadh a thoirt seachad airson cur ri cothroman trèanaidh agus cothroman co-chonaltraidh Gàidhlig.
Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a’ cur taic leantainneach ri MG ALBA leis na h-oidhirpean aca gus cur ris an aithne a th’ ann airson craoladh is meadhanan didseatach na Gàidhlig. Leanaidh an taic sin.
3.5.3 Gum bu chòir leantainn leis a’ chom-pàirteachas a stèidhich VisitScotland gus taic a thoirt do thurasachd Ghàidhlig le farsaingeachd mhòr de bhuidhnean ag obair gus piseach a thoirt air na cothroman a th’ ann do luchd-tadhail eòlas a chur air a’ Ghàidhlig.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Dh’fhoillsich VisitScotland Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig aca sa Ghearran 2024. San ro-innleachd sin thathar a’ dèanamh follaiseach cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig ann a bhith a’ tarraing luchd-tadhail bho dhùthchannan eile a dh’Alba. Tha e na amas dhan ro-innleachd gum bi e comasach do roinn na turasachd ann an Alba Gàidhlig fhighe a-steach dha na bhios iad a’ tabhann do luchd-turais. Fhad ’s a bhios VisitScotland a’ cur na ro-innleachd sin an gnìomh bidh iad cuideachd a’ cumail orra a’ toirt stiùir dhan obair a thaobh turasachd an lùib na h-iomairt Adhartas nas Luaithe.
A thuilleadh air an ro-innleachd, tha VisitScotland cuideachd a’ conaltradh ri buidhnean turasachd sa Chuimrigh, ann an Èirinn agus ann an Sealan Nuadh gus eòlas a cho-phàirteachadh air an obair a thathar a’ dèanamh a thaobh chànanan is chultaran dùthchasach.
Thèid dèiligeadh ri aon uireasbhaidh, sin mar a tha cion dàta ann air an luach a bhios Gàidhlig a’ cur ri eaconamaidh an luchd-tadhail. Tha sin gu h-àraidh fìor aig ìre nàiseanta. Tha e na amas cur ris an tuigse a th’ againn air cùisean aig ìre nàiseanta agus roinneil, gus am bi tuigse aig gnìomhachas na turasachd air an luach a gheibhear bhon Ghàidhlig agus a dh’fhaodar fhaighinn san àm ri teachd. Nithear seo ann an dòigh a tha mothachail air feumalachdan a’ chànain – gus nach bithear ri gnìomhan gun bhrìgh.
3.5.4 Gum bu chòir measgachadh de chothroman trèanaidh gnìomhachais a chruthachadh airson gun urrainn do dhaoine a dhol a dh’obair ’s na meadhanan, chun na h-ìre as motha as urrainnear tro mheadhan na Gàidhlig, gus barrachd chothroman fastaidh a chruthachadh, cur ri cleachdadh na Gàidhlig is gus sgilean ionnsachadh do dhaoine a thèid a chur an sàs ann an iomadh dreuchd.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Tha mar a shoirbhich leis an Dioplòma Foghlaim Àrd-ìre sna Meadhanan Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig agus iomairtean leithid FilmG a’ dearbhadh cho feumail ’s tha cothroman trèanaidh sna meadhanan do luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha mar a leudaich BBC ALBA air an àireimh de shlighean dreuchdail sna meadhanan Gàidhlig thar a’ ghinealaich mu dheireadh air cur ri brìgh is buaidh saoghal poblach na h-Alba san fharsaingeachd. Bidh MG ALBA agus companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach a’ cur gu mòr ris an eaconamaidh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig.
Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic ri sgilean agus foghlam, agus ag obair gu dlùth còmhla ri Sgrìn Alba gus taic a thoirt do phrògraman air feadh na roinne agus ann an raointean foghlaim foirmeil agus neo-fhoirmeil. Cumaidh Sgrìn Alba orra ag obair le riochdachaidhean film is TBh airson dèanamh cinnteach gum bi cothroman ann an lùib phròiseactan do dhaoine ùra pàirt a ghabhail annta air beulaibh is air cùlaibh a’ chamara, agus gum bi cothroman ann dhan luchd-obrach a th’ ann mu thràth na sgilean aca a leasachadh. Bidh sinn a’ brosnachadh co-chonaltradh le BBC ALBA agus Sgrìn Alba gus raointean a chomharrachadh far an gabh trèanadh a thoirt seachad airson cur ri cothroman trèanaidh agus cothroman co-chonaltraidh Gàidhlig.
Obraichidh Riaghaltas na h-Alba còmhla ri MG ALBA agus na buidhnean eile a tha ainmichte gus am moladh seo a thoirt air adhart.
3.5.5 A’ leantainn air na chaidh iarraidh san aithisg Ecosystem Services and Gaelic a dh’fhoillsich NàdarAlba ann an 2021, gun tèid rannsachadh a bharrachd a dhèanamh air an àite aig cànan is cultar na Gàidhlig, is an ceangal aca ri tìr na Gàidhealtachd, ann a bhith a’ brosnachadh fèin-urram, slàinte is math dhaoine le sùil ri piseach a thoirt air eòlas, cothroman is a bhith a’ cruthachadh chothroman sòisealta is eaconamach a bhuineas ris an àrainneachd nàdarrach.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Tha a bhith a’ leudachadh air ionnsachadh a-muigh agus ionnsachadh stèidhichte air an tìr am measg phrìomhachasan Riaghaltas na h-Alba.
’S fhada bho thòisich luchd-cànanachais a bhith a’ toirt seachad adhbharan eag-eòlach airson ath-bheothachadh a thoirt air mion-chànanan. Ann an Alba, tha daoine a’ sìor fhàs nas mothachail air mar as urrainn do dh’eòlas eag-eòlach Gàidhlig cuideachadh le bhith a’ dealbh phoileasaidhean – agus am measg nan raointean san dèan sin am feum as motha tha an iomairt gus dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde.
Tha dà eisimpleir shònraichte ann a chunnacas o chionn ghoirid. ’S e a’ chiad tè, am pròiseact Coilltean Caillte aig NàdarAlba agus Ainmean-Àite na h-Alba. Le Coilltean Caillte, chaidh eòlas air ainmean-àite Gàidhlig a chleachdadh gus coilltean eachdraidheil na h-Alba a shealltainn – agus tha am pròiseact a’ comharrachadh làraich a dh’fhaodadh a bhith freagarrach airson ath-choillteachadh. Seo fianais shoilleir air mar a ghabhas na ceanglaichean eachdraidheil aig a’ Ghàidhlig ri tìr na h-Alba a chleachdadh gus cuideachadh le bhith a’ coileanadh ceann-uidhe poileasaidh cudromach. ’S e an dàrna eisimpleir, a’ Cho-labhairt Ghàidhlig aig Gnàth-shìde Innse Gall aig Cnoc Soilleir san t-Samhain 2023, a fhuair taic bhon Aonad airson Eadar-ghluasad Cothromach aig Riaghaltas na h-Alba. Aig an tachartas seo, bha dà amas aca: fòram gu tur sa Ghàidhlig a chur air dòigh gus bruidhinn air poileasaidhean an riaghaltais co-cheangailte ri Eadar-ghluasad Cothromach agus eòlas ionadail air a’ ghnàth-shìde a chruinneachadh airson cuideachadh le bhith a’ dealbh nam poileasaidhean sin.
Thèid togail air na modailean seo, far a bheil cothroman ag èirigh a thaobh chùisean sòisealta is eaconamach – agus phoileasaidhean – bho eòlas air a’ Ghàidhlig agus bho na ceanglaichean aig a’ chànan ris an t-saoghal nàdarra. Sa chiad dol-a-mach, nì Riaghaltas na h-Alba seo tro ar Plana Gàidhlig fhèin is ar Buidheann Bhuileachaidh Ghàidhlig. Leis a’ chuideam a bhios Ro-innleachd na Gàidhlig a’ cur air a’ Ghàidhlig mar nì feumail thar gach raon poileasaidh, thèid seo a choileanadh air feadh roinn phoblach na h-Alba.
3.5.6 A thuilleadh air na molaidhean sònraichte ann an 3.5.1-3.5.5, gum bu chòir cothroman eaconamach a neartachadh tro bhith ag àrdachadh na taice a th’ ann do bhuidhnean is companaidhean Gàidhlig is Gàidheil fa leth a tha ag obair thairis na prìomh roinnean gu lèir gus solar a leudachadh, barrachd dhaoine fhastadh is coimhearsnachdan a neartachadh.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris a’ mholadh seo.
Còmhla ris na buidhnean eile a tha ainmichte mu choinneimh a’ mholaidh seo, obraichidh sinn gus barrachd taice a thoirt do bhuidhnean is companaidhean Gàidhlig agus do luchd na Gàidhlig. Tha tòrr dhiubh seo air cuideachadh le bhith a’ dealbh Bile nan Cànan Albannach – tro fhreagairtean dhan cho-chomhairleachadh agus còmhraidhean leantainneach le oifigich Riaghaltas na h-Alba. ’S e amas farsaing a’ Bhile leudachadh air an taic a th’ ann dhan Ghàidhlig agus do a luchd-ùidhe air feadh saoghal poblach na h-Alba. Sna freagairtean do na molaidhean gu h-àrd tha fios air na cumhachan sa Bhile a bheir an t-amas seo gu buil. Le Ro-innleachd na Gàidhlig bho mhinistearan, bithear a’ stèidheachadh sealladh as ùr agus nas fharsainge air an àite a th’ aig a’ Ghàidhlig air feadh saoghal poblach na h-Alba. Le cuideam ga chur air ìrean coileanaidh co-fhreagarrach, bidh aig buidhnean poblach ri beachdachadh air an ìre gun gabh taic a thoirt dhan chànan san obair aca. Le Sgìrean Cànain Sònraichte, 's urrainnear bunaitean choimhearsnachdan Gàidhlig na h-Alba a neartachadh.
Tha Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (IGE) air tionndadh ùr dhen Phlana Ghàidhlig aca fhoillseachadh o chionn ghoirid, sa bheil geallaidhean gum bi IGE a’ tabhann chothroman follaiseach air seirbheisean Gàidhlig, a’ toirt an aon spèis dhan Ghàidhlig ’s tha iad dhan Bheurla agus gun cleachdar Gàidhlig mar nì àbhaisteach nan obair. Tha iad airson gum bithear a’ cleachdadh na Gàidhlig mar nì gnàthach an lùib gach rud a nì iad. Tha IGE cuideachd ag ùrachadh nan siostaman aca gus piseach a thoirt air aithrisean air taic do choimhearsnachdan Gàidhlig, le dùil gun tèid aca air aithrisean ullachadh taobh a-staigh 1-2 bhliadhna.
Contact
Email: niall.bartlett@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback