It's Our Future - Independent Review of Qualifications and Assessment: report - Gaelic version
Gaelic translation of It’s Our Future, report covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment.
Ro-ràdh
Feumaidh ath-sgrùdadh sam bith air teisteanasan agus measadh a tha ag amas air deagh bhuaidh a thoirt air beatha luchd-ionnsachaidh a bhith a’ tòiseachadh le bhith a’ faighneachd cheistean nas motha. Dè tha e a’ ciallachadh a bhith nad shaoranach foghlamaichte ann an Alba ann am meadhan gu deireadh na 21mh linn? Dè bhiodh e a’ ciallachadh a bhith teisteanaichte airson sin? Dè an t-eòlas, na sgilean agus na comasan a dh’fheumas a bhith aig luchd-ionnsachaidh ma tha iad gu bhith a’ soirbheachadh? ’S ann dìreach às dèidh sin as urrainnear tòiseachadh air na seòrsaichean theisteanasan a bheir taic do luchd-ionnsachaidh san ath cheum sa bheatha aca, co-dhiù tha seo ann am foghlam, cosnadh no san roinn shaor-thoileach.
Tha e inntinneach smaoineachadh gur dòcha gum bi daoine òga a tha a’ dol a-steach do na tràth-bhliadhnaichean an-dràsta ag obair fhathast aig deireadh na linne seo. Bidh an saoghal gu math eadar-dhealaichte aig an àm sin. Tha fios againn air sin, ach ’s e an rud nach eil cho cinnteach cho luath ’s a dh’atharraicheas an saoghal. Tha tachartasan bho chionn ghoirid air sealladh a thoirt dhuinn ge-tà, air dìreach cho luath ’s a dh’fhaodadh astar an atharrachaidh a bhith. Tha na cothroman ro-mhòr a tha an lùib teicneòlasan AI a cheart cho mòr ’s a tha na cunnartan nan lùib. Bidh buaidh Inntleachd Fuadain air luchd-ionnsachaidh san àm ri teachd agus mar sin feumaidh na sgilean a bhith aca a dh’fheumas iad gus dèiligeadh ri seo a bhith nam pàirt de dh’fhoghlam agus teisteanasan san am ri teachd. Ach ’s ann a tha e cinnteach gun cùm comainn-shòisealta orra ag atharrachadh aig astar agus gu bheil feum aig Alba air siostam theisteanasan sùbailte gus taic a thoirt dhan h-uile neach-ionnsachaidh ann an àm ri teachd nach bi cho cinnteach. Tha dùthchannan air feadh an t-saoghail a’ cur nan aon cheistean a tha sinn a’ faighneachd mu ar teisteanasan agus mun t-siostam measaidh.
Tha tiotal na h-aithisge seo, An t-àm ri teachd againn, a’ tighinn bho rud a thuirt neach-ionnsachaidh a bha a’ faireachdainn sàraichte nach robh mòran buaidh aca air co-dhùnaidhean a bha gan dèanamh mu theisteanasan a bheireadh buaidh orra agus a bheireadh buaidh air an àm ri teachd aca agus air an caraidean. Tha teisteanasan agus measadh ann an Alba air a bhith connspaideach anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh. Gu traidiseanta, tha siostam teisteanais na h-Alba air a bhith air a mheas glè mhath ach tha draghan air a bhith a’ sìor fhàs mun bhuaidh a bheir trì bliadhna de mheasaidhean fìor chudromach air luchd-ionnsachaidh san Ìre as Àirde. San àm ri teachd, feumaidh sinn a bhith cinnteach gum fàg gach neach-ionnsachaidh foghlam le mothachadh air coileanadh, ceangailte ri deagh shlighe air adhart nan àm ri teachd. Mar dhùthaich a tha air gealltainn Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean an Leanaibh a chur an gnìomh (UNCRC, 1989), ’s e sin an t-amas a dh’fheumas a bhith againn. Is e sin an dòchas as fheàrr a th’ againn airson comann-sòisealta a bhios seasmhach, sunndach agus soirbheachail dhuinn uile san àm ri teachd. Seo an àm ri teachd againn uile.
Mar sin, dè dh’fheumas luchd-ionnsachaidh airson an àm ri teachd? A rèir co-dhùnaidhean an Lèirmheis Neo-eisimeilich tha feum aig luchd-ionnsachaidh air cothroman gus cuspairean no Prògraman Ionnsachaidh a dhèanamh aig ìre dhomhainn Ach, bidh feum aca fhèin agus aig comann-sòisealta na h-Alba air barrachd air sin. Dh’innis luchd-ionnsachaidh, sgoiltean, colaistean, fastaichean agus oilthighean dhuinn gu bheil feum aig luchd-ionnsachaidh air cothroman gus an t-eòlas agus na sgilean a tha a dhìth orra a thogail fhad ’s a tha iad a’ dol air adhart nas fhaide na an sgoil agus a’ cholaiste. Tha an comas a bhith ag obair còmhla ri daoine eile, eòlas a chleachdadh gus dèiligeadh ri duilgheadasan, a bhith a’ smaoineachadh gu cruthachail, agus a bhith a’ cumail orra uile nan eisimpleirean de na sgilean a dh’fheumas luchd-ionnsachaidh nam beatha. A bharrachd air sin, bu chòir do theisteanasan cothroman a thoirt do luchd-ionnsachaidh sealltainn cò iad: dè tha a’ fàgail gach duine nan neach fa leth, an cuid ùidhean agus an coileanadh san fharsaingeachd, na tha iad a’ cur ri coimhearsnachdan no ris a’ chomann-shòisealta san fharsaingeachd; agus mar as urrainnear taic a thoirt do gach neach-ionnsachaidh gus co-dhùnaidhean math a dhèanamh mu na nì iad a-nis. Is iad seo na coileanaidhean a bhios aithnichte ann an Dioplòma Coileanaidh na h-Alba.
Chan e Lèirmheas Hayward a tha seo, ged a chuala mi an t-ainm sin air; is e an Lèirmheas Neo-eisimeileach air Teisteanasan agus Measadh a tha seo a rinn a’ Bhuidheann Lèirmheas Neo-eisimeileach. Bha ballrachd sa Bhuidhinn seo eadar-mheasgte, agus dh’obraich gach ball gu dlùth le Buidheann Coimhearsnachd Co-obrachail nas motha. Chan urrainn dhomh taing gu leòr a thoirt dhaibh airson an dìcheall agus an taic tron phròiseas air fad. Bu toil leam mo thaing a thoirt cuideachd do na sgoiltean agus colaistean air feadh na dùthcha a fhreagair na trì ìrean den Lèirmheas agus dhaibhsan a chuir fàilte oirnn nuair a thadhail sinn, agus a thug dhuinn gu leòr eisimpleirean de phròiseactan agus gnàth-eòlasan inntinneach. Tha mi cuideachd airson taing a thoirt dhan iomadh buidheann agus neach a thug seachad am beachdan tron cho-chomhairle phoblaich. Mo thaing cuideachd dhan dà Rùnaire Caibineit leis an robh mi ag obair, dhan luchd-labhairt foghlaim aig na pàrtaidhean poilitigeach uile ann an Alba agus do bhuill Comataidh Foghlam, Cloinne, Òigridh agus Sgilean. Gu sònraichte bu mhath leam mo thaing a thoirt do bhuill na Rùnaireachd a tha air a bhith ag obair cho dìcheallach tron Lèirmheas Neo-eisimeileach mhòr seo. Tha a h-uile duine a bha an sàs ann air luchd-ionnsachaidh a chumail aig cridhe nan deasbadan.
Cha b’ e obair fhurasta a bh’ ann a bhith a’ smaoineachadh mu na tha an dàn do Theisteanasan is Measadh. Bho chionn fichead bliadhna, bha an Curraicealam airson Sàr-mhathais ag amas air teisteanasan agus measadh a cho-thaobhadh nas fheàrr ris na ceithir comasan: luchd-ionnsachaidh soirbheachail, daoine misneachail, com-pàirtichean èifeachdach agus saoranaich chunntachail. Cha do shoirbhich e ach gu ìre. Tha co-dhùnaidhean an Deasbaid Nàiseanta (Campbell & Harris, 2023) ag ràdh gu bheil na comasan fhathast buntainneach ach nach eil an siostam theisteanasan is measaidh againn a’ co-thaobhadh ris na h-amasan fhathast. Tha an aithisg seo bhon Bhuidhinn Lèirmheas Neo-eisimeileach a’ toirt dhuinn cothrom gun samhail gus piseach a thoirt air cùisean. Gus an cothrom beatha as fheàrr a thoirt do gach neach-ionnsachaidh ann an Alba agus, gus iomradh a thoirt air rudeigin a thuirt ball den Bhuidhinn Lèirmheas Neo-eisimeileach, an t-Ollamh Graham Donaldson, gus suidheachadh a sheachnadh far a bheil teisteanasan nan acair bacaidh air ùr-ghnàthachadh.
Tha teisteanasan agus measadh cumhachdach. Ach gu tric, thathar ag aithris gu bheil an cumhachd sin a’ toirt droch bhuaidh. Mas urrainnear an cumhachd aca a chleachdadh mar nì adhartach, tha deagh chothroman ann. Chan eil san aithisg seo ach toiseach tòiseachaidh. Ma tha gu leòr de mhisneachd againn gus an cothrom seo a ghabhail, ma tha sinn deònach a bhith ag obair gus dèanamh cinnteach gun tachair e agus gu bheil stòrasan gu leòr ann airson atharrachadh, bidh ginealaichean de luchd-ionnsachaidh san àm ri teachd taingeil. Dhuinne a tha ag obair ann am foghlam, seo an cothrom againn an comas cruthachail a tha ann am foghlam na h-Alba a leigeil ma sgaoil.
An t-Ollamh Louise Hayward às leth na Buidhne Lèirmheis Neo-eisimeilich
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback