It's Our Future - Independent Review of Qualifications and Assessment: report - Gaelic version

Gaelic translation of It’s Our Future, report covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment.


Bho bhuill an IRG

"Tha an aithisg seo air farsaingeachd de dh’fhianais agus de bheachdan a thoirt còmhla, a tha uile a’ sealltainn nach eil an status quo a tha stèidhichte gu cumhang air cuspairean, agus a tha gu mòr an urra ri deuchainnean, a chùm leas ar luchd-ionnsachaidh, ar fastaichean, no ar comainn-sòisealta. Feumaidh sinn luchd-ionnsachaidh a fhuair ùine agus taic gus farsaingeachd de dh’eòlas, sgilean agus gnàth-eòlasan fhaighinn, agus a tha deiseil gus an t-àite aca a ghabhail san àite-obrach, sa chomann-shòisealta (an dàrna cuid gu dìreach no tro Fhoghlam Àrd-ìre/Adhartach).

Nì Dioplòma Coileanaidh na h-Alba cinnteach gu bheilear a’ faighinn eòlas cuspair acadaimigeach agus proifeiseanta tron eileamaid Sgrùdaidh; ionnsachadh ann an co-theacsa tro eileamaid a’ Phròiseict; agus le bhith comasach air coileanaidhean nas fharsainge a shealltainn ge b’ e dè an àrainneachd tron eileamaid Pearsa, nì sin cinnteach gum bi ar luchd-ionnsachaidh nas ullaichte airson an àite a ghabhail sa chomann-shòisealta. Ach, gus dèanamh cinnteach gum bi an Dioplòma seo soirbheachail, bu chòir am modail IRG/CCG a chumail. ’S e modail in-ghabhalach a th’ ann, agus tha e air ìre de dh’earbsa a thogail am measg a h-uile duine a bha an sàs ann. Aig a’ cheann thall, bidh soirbheachas an Dioplòma an urra ri fastaichean agus oilthighean a bhith ga shireadh mar am prìomh riatanas airson agallamhan no inntrigeadh do chùrsaichean agus obraichean."

Peter Bain, Ceannard, Àrd-sgoil an Òbain, CCG nan Ceannardan-sgoile.

"Tha mòran luchd-ionnsachaidh, thidsearan agus phàrantan den bheachd gu bheil eòlasan foghlaim dhaoine òga a’ crochadh cus air deuchainnean. Tha na h-ath-leasachaidhean seo a’ freagairt air an fheum air barrachd iomadachd san t-siostam measaidh, gus freagairt nas fheàrr air feumalachdan saoghal an latha an-diugh."

Jo-Anne Baird, Àrd-ollamh, Oilthigh Oxford, CCG, Teisteanasan agus Measadh

"Tha am foghlam a bhios Alba a’ toirt seachad dhan òigridh agus do luchd-ionnsachaidh inbheach air a bhith mu dheidhinn tòrr, tòrr a bharrachd na dìreach seata de theisteanasan ach ann an dòigh air choreigin tha sinn air leigeil le teisteanasan a bhith mar inneal tomhais air cho math ’s a tha luchd-ionnsachaidh fa leth, agus dè cho math ’s a tha ar luchd-ionnsachaidh, agus air dè cho math ’s a tha sgoiltean, colaistean agus an siostam foghlaim againn gan oideachadh. Chan e a-mhàin gu bheil seo a’ fàgail a-mach tòrr a tha cudromach taobh a-staigh deagh fhoghlam, tha e cuideachd a’ fàgail a-mach mòran luchd-ionnsachaidh, ged a tha iad uile cudromach cuideachd. Mu dheireadh, tha cothrom againn, tro Dhioplòma Coileanaidh na h-Alba, a bhith a’ cur an gnìomh adhbharan foghlaim nas fharsainge a bhith a’ cumadh dhaoine agus am beatha ann an dòigh adhartach, chan ann a-mhàin a’ tomhas no a’ cunntadh choileanaidhean luchd-ionnsachaidh ach cuideachd ag aithneachadh agus a’ cur luach orra gu h-iomlan. Feumaidh sinn greimeachadh air a’ chothrom seo le ar dà làimh."

Andrea Bradley, Ard-oifigear EIS, CCG, Luchd-teagaisg agus Òraidichean.

"Tha gnìomhachasan a’ tuigsinn nach eil anns na teisteanasan agus na cuspairean a rinn sgoilearan ach aon phìos den mhìrean-mheasgaichte a thaobh a bhith a’ comharrachadh sgilean agus coileanaidhean na h-òigridh. Tha fastaichean cuideachd airson an tagraiche fhèin fhaicinn seach dìreach na toraidhean deuchainn aca. Tha suirbhidh Foghlaim is Sgilean an CBI airson 2022 a’ nochdadh seo: b’ e na beachdan agus comasan obrach aig daoine na sgilean as luachmhoire an dà chuid aig ceumnaichean agus luchd-fàgail na sgoile, còmhla ri sgilean bunaiteach agus eòlas obrach iomchaidh. Tha am moladh Dioplòma Coileanaidh na h-Alba a bhith ann na dheagh dhòigh air na sgilean seo a shealltainn do luchd-fastaidh le bhith a’ riochdachadh nan sgilean, comasan agus dòighean-giùlain a tha daoine air nochdadh mar-thà agus as urrainn dhaibh cur gu feum ann an gnìomhachas. Aig a’ cheann thall, cuidichidh seo gus dèanamh cinnteach gun urrainn do luchd-ionnsachaidh gluasad dhan àite obrach le làn fhianais air na tha iad air a coileanadh."

Tracy Black, Stiùiriche CBI an Alba, CCG an Luchd-fastaidh.

"Dh’fhaodadh an lèirmheas air deuchainnean cruth-atharrachadh a thoirt air foghlam na h-Alba. Mas urrainn do na beachdan agus na molaidhean san aithisg a dhol tron t-siostam agus a-staigh gu sgoiltean agus seòmraichean-teagaisg tha e coltach gum faigh a h-uile neach-ionnsachaidh Albannach foghlam nas fheàrr agus gum bi na coileanaidhean aca air an aithneachadh ann an dòigh nas iomchaidh."

Chris Chapman, Àrd-ollamh, Oilthigh Ghlaschu, CCG, Pròiseasan Atharrachaidh.

"Tha an aithisg seo a’ toirt aghaidh air ceistean a tha air a bhith ann bho chionn fhada co-cheangailte ri àite nan teisteanasan. Cha tèid comas na h-aithisge a thoirt gu buil ach a-mhàin ma bheir sinn làn thaic do dh’ionnsachadh proifeiseanta a bhios a dhìth air tidsearan gus an urrainn dhaibh a thoirt gu buil."

An t-Àrd-oifigear Graham Donaldson, Comhairliche, Ùghdar Teaching Scotland’s Future and Successful Futures (Wales), CCG Co-thaobhadh Poileasaidh.

"Feumaidh teisteanasan agus measaidhean san àm ri teachd luchd-ionnsachaidh agus an saoghal farsaing againn a chur aig cridhe chùisean, oir chan e a-mhàin gu bheil na teisteanasan againn fad ar beatha ach gu bheil na sgilean a gheibh sinn bhuapa far ar beatha cuideachd. Tha mi air leth taingeil gun d’ fhuair mi an cothrom luchd-ionnsachaidh a riochdachadh còmhla ri Beinn agus Mo anns an sgrùdadh neo-eisimeileach air teisteanasan agus measaidhean ann an Alba. Mar òigridh, chaidh sùim a chur anns na bh’ againn ri ràdh leis a’ bhuidhinn lèirmheis neo-eisimeileach a chionn ’s gu bheil tuigse làithreach againn fhèin mu theisteanasan agus measaidhean na h-Alba. Aig na coinneamhan mìosail leis an IRG, rinn sinn argamaid airson dòigh-obrach stèidhichte air còraichean ionnsachaidh a rèir an UNCRC, agus tha sinn toilichte gu bheil seo ri fhaicinn san lèirmheas.

Bha e cudromach cuideachd beachdan dhaoine òga eile a chluinntinn. Mus robh mi nam bhall den IRG, ghabh mi pàirt ann an tachartas aon-latha aig Pàrlamaid Òigridh na h-Alba sa gheamhradh a bha a’ coimhead air coileanadh foghlaim agus mar phàirt de seo, chaidh mo bheachdan iarraidh air a’ chiad ìre den lèirmheas còmhla ri Buill Pàrlamaid Òigridh na h-Alba eile. Tha mi a’ faireachdainn gun deach èisteachd ris na beachdan againn agus tha mi toilichte gun robh ar freagairt air a riochdachadh gu math ann an toraidhean na cho-chomhairle, a bha a’ gabhail a-steach freagairtean bho luchd-ionnsachaidh ann an sgoiltean agus colaistean air feadh na dùthcha – mo sgoil fhèin nam measg. Chuidich mi le co-chomhairlean nas fhaide air adhart air ìre a dhà den ath-sgrùdadh, far an cuala sinn beachdan dhaoine òga air an Dioplòma. Mar phàirt de cho-chomhairlean ìre a dhà, bhruidhinn sinn ris a’ bhuidhinn coimhearsnachd cho-obrachail de dhaoine òga agus ri Pàrlamaid Òigridh na h-Alba, a bharrachd air a bhith a’ cumail oidhche conaltraidh òigridh a leig le deamografaig nas fharsainge de luchd-ionnsachaidh Albannach a bhith air an toirt a-steach dhan sgrùdadh.

Mar bhuill den IRG, chan e a-mhàin gun deach ar beachdan a chluinntinn ach gun robh pàirt ghnìomhach aca ann an toradh an lèirmheis. Tha seo na thoradh brosnachail aig pròiseas an Lèirmheis Neo-eisimeilich air Teisteanasan is Measadh ann an Alba a chur an luchd-ionnsachaidh aig cridhe chùisean."

Ruby Cardie, MSYP, CCG, Òigridh.

"Tha an Lèirmheas air Teisteanasan agus Measadh aig an Ìre as Àirde air a bhith na phròiseas àrd-amasach ach pragmatach a tha freumhaichte gu domhainn ann an leas an ath ghinealaich de dh’òigridh na h-Alba. Chaidh beachdachadh gu faiceallach air planaichean buileachaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil taic iomchaidh aig a’ phroifeisean gus atharrachadh seasmhach adhbharachadh."

Andrew Findlater, Iar-cheannard Àrd- sgoil Bhaile Theàrlaich, CCG an Luchd-teagaisg.

"Tha atharrachadh san t-siostam foghlaim na dhùbhlan oir feumaidh sinn feumalachdan an fheadhainn san t-siostam làithreach a chothromachadh leis an fhìor fheum air atharrachadh. Tha an cothromachadh ceart san aithisg eadar ath-leasachadh air a bheil cruaidh-fheum an-dràsta agus a bhith a’ cuimhneachadh air an atharrachadh leantainneach agus nas radaigiche a tha a dhìth oirnn nas fhaide air adhart. Tha e a-nis an urra rinn uile san t-siostam dòigh nas in-ghabhalaiche a lìbhrigeadh gus ionnsachadh dhaoine òga a bharantachadh leis na teisteanasan ceart."

Douglas Hutchison, Stiùiriche Gnìomhach an Fhoghlaim, Comhairle Baile Ghlaschu, CCG Riaghaltas Ionadail.

"Putting Learners at the Centre: Towards a Future Vision for Scottish Education, teachdaireachdan soilleir bho luchd-cleachdaidh agus luchd-ùidh mun fheum air atharrachadh cultarail agus inntinn, cho math ri atharrachadh structarail, ann an foghlam na h-Alba. Tha adhbhar ro-chudromach gus na h-atharrachaidhean sin a dhèanamh co-cheangailte ri measadh agus teisteanasan san àm ri teachd; mar as urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gu bheil iad freagairteach ann an co-theacs atharrachadh leantainneach agus mòr; agus mar a tha teisteanas ag aithneachadh agus a’ cur luach air coileanadh farsaing agus leantainneach gach neach-ionnsachaidh. ’S e a tha air a’ mholadh ann an Aithisg Hayward ach ceum mòr a dh’ionnsaigh dèanamh cinnteach gu bheil siostam measaidh is theisteanasan ùr-nodha aig Alba a lìbhrigeas airson a h-uile neach-ionnsachaidh agus a tha iomchaidh dhan àm ri teachd"

An t-Àrd-ollamh Ken Muir, Ùghdar Aithisg Muir, CCG, Co-thaobhadh Poileasaidh.

"Tha NPFS agus Connect taingeil airson cothrom a bhith aca beachdan phàrantan/luchd-cùraim a chur ris an Lèirmheas agus tha iad a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair a dh’ionnsaigh a bhith a’ toirt atharrachaidhean adhartach gu buil a bheir cumhachd dhan luchd-ionnsachaidh air fad gus am feum as fheàrr a dhèanamh de na slighean ionnsachaidh aca san àm ri teachd."

NPFS is Connect, Cheryl Burnett agus Patrick McGlinchey, CCG nam Pàrant.

"Chan urrainn dhomh cur an cèill cho taingeil ’s a tha mi airson a’ chothruim a bhith an sàs ann am Buidheann Lèirmheas Neo-eisimeileach an Àrd-ollamh Louise Hayward air Teisteanasan is Measadh mar aon den dà riochdaire airson Daoine Òga. Às dèidh dhomh a bhith an sàs sa phròiseas bhon toiseach tha fios agam cho dùbhlanach ’s a tha e daoine a thoirt còmhla bho gach taobh den chomann-shòisealta againn gus lèirsinn choitcheann a dhealbhadh airson mar bu chòir Teisteanasan, agus Foghlam na h-Alba gu h-iomlan, a bhith ag obrachadh.

Tron phròiseas air fad bha Louise agus buill eile den IRG a’ sireadh ar beachdan gu gnìomhach a’ fàgail gun robh sinn a’ faireachdainn gun robh sinn gan cluinntinn. Bha i daonnan a’ brosnachadh conaltradh fosgailte, a’ cruthachadh àite far am b’ urrainn dhuinn ar beachdan, draghan agus molaidhean a chur an cèill gu saor. Tha fìor ùidh Louise sna seallaidhean againn air a bhith air leth cumhachdach agus tha e air mo bheachd a dhaingneachadh gum faod agus gum bu chòir do dhaoine òga a bhith an sàs gu brìoghmhor ann am pròiseasan co-dhùnaidh. Seo rud a tha neo-àbhaisteach do Dhaoine Òga mar mi fhèin, gu mì-fhortanach, ann an iomadh suidheachadh co-cheangailte ri ath-leasachaidh agus riaghlaidh.

Tha mi cuideachd airson aithne a thoirt dhan Sgioba Rùnaireachd, do mo cho MSYP Ruby Cardie, agus dhan neach-obrach iongantach SYP Mo Whelton airson an taic leantainneach, an obair chruaidh agus an dìcheall. Còmhla ris na buidhnean co-obrachaidh coimhearsnachd againn, tha sinn air bliadhna a chur seachad ag obair air na modailean atharrachaidh a tha san amharc agus air Dioplòma Coileanaidh ùr na h-Alba; modail a tha mi dha-rìribh a’ creidsinn a chumas an UNCRC aig a chridhe leis gu bheil e a’ toirt taic do dhaoine òga san àm ri teachd air na tursan ionnsachaidh aca fhèin. Tha e ro-chudromach, ge-tà, nach e rud a thachras aon turas a-mhàin a bhios anns na cothroman farsaing airson co-obrachadh agus com-pàirteachadh òigridh seo ach gum bi e na àbhaist ùr airson ath-leasachaidhean ann an Alba."

Beinn Grant, MSYP, CCG, Òigridh.

"Choinnich buidheann Ionnsachadh is Teagaisg Oilthighean na h-Alba an t-seachdain sa chaidh agus tha iad fhathast gu math riaraichte le mar a tha cùisean a’ dol.

Tha oilthighean glè thaiceil do na molaidhean gus an fhianais a leudachadh as urrainnear cleachdadh gus sealltainn gu bheil luchd-ionnsachaidh deiseil airson a dhol dhan oilthigh. Nuair a bhios an comann-sòisealta ag atharrachadh, bidh ionnsachadh oilthigh ag atharrachadh leis, agus feumaidh oileanaich oilthighe san àm ri teachd tuigse fhaighinn chan ann a-mhàin air eòlas cuspair sònraichte, ach cuideachd a bhith a’ fighe an eòlais sin ri chèile ann an co-theacsan a tha a’ sìor fhàs mì-chinnteach, caochlaideach agus iom-fhillte. Agus an rud as cudromaiche, bidh aca ri sàr thuigse fhaighinn air an sgil a bhith ag ionnsachadh gus an cuir iad ri comann-sòisealta, gnìomhachas, proifeiseanan, cultar agus poileasaidh na h-Alba. Bheir Dioplòma Coileanaidh na h-Alba a thathar a’ moladh deagh bhunait do luchd-ionnsachaidh agus iad a’ coileanadh ceuman oilthighe san àm ri teachd."

Jonathan Powles, Àrd-ollamh, Leas-Iar-Sheansalair (Ionnsachadh, Teagasg is Oileanaich), GGC nan Oilthighean.

"Tha mi a’ cur fàilte mhòr air feallsanachd ath-leasachadh theisteanasan mar a chaidh a chur an cèill ann an aithisg Hayward. Tha an gluasad gu ùine ionnsachaidh nas fhaide, leasachadh pearsanta agus pròiseact eadar-chuspaireil, còmhla ri speisealachadh cuspair, a’ dèanamh tòrr gus siostam theisteanasan a stèidheachadh a bhios ag aithneachadh choileanadh farsaing agus aig an aon àm a’ gabhail a-steach ionnsachadh tro sgrùdadh teann. Thathar an dòchas gun toir an dòigh-obrach ùr seo aghaidh air cuid de na duilgheadasan an lùib teisteanasan làithreach, a’ gabhail a-steach teagasg foirmleach agus "a’ chabhag dà theirm". Tha mi misneachail gu bheil e na bhunait airson a bhith a’ cruthachadh an eòlais agus nan sgilean a tha a dhìth airson a bhith a’ dèiligeadh ri iom-fhillteachd comann-sòisealta an latha an-diugh, a’ gabhail a-steach àiteachan-obrach a tha ag atharrachadh. Facal rabhaidh – feumaidh sinn cuideachd aghaidh a thoirt air a’ chultar far a bheil ìrean coileanadh gam meas mar an rud as cudromaiche do sgoiltean, no tha cunnart ann gum cuir seo bacadh air na deagh bhuilean ris a bheil dùil bho na h-ath-leasachaidhean a tha gam moladh."

An t-Àrd-ollamh Mark Priestly, Oilthigh Shruighlea, CCG, Curraicealam, Eòlas-teagaisg, Measadh agus Teisteanasan.

"Mar Fhrèam-obrach Theisteanasan Nàiseanta na h-Alba tha an SCQF, a tha air a bhith ann fad 22 bliadhna a-nis, air taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh agus do daoine a tha a’ toirt stiùireadh dhaibh gus na slighean ionnsachaidh aca fhèin a phlanadh agus a ghabhail os làimh, a’ brosnachadh iomadachd a thaobh roghainnean, càileachd agus co-ionannachd meas san an dòigh sa bheil solaraichean foghlaim agus fastaichean ag aithneachadh coileanadh ionnsachaidh, ge b’ e dè an suidheachadh anns a bheil ionnsachadh a’ tachairt. Tha mi air leth toilichte gu bheil an Lèirmheas seo air co-ionannachd agus in-ghabhail a chomharrachadh gu soilleir mar phrìomhachasan ann a bhith a’ buileachadh ath-leasachaidhean a’ churraicealaim agus measaidh cho math ri prìomh àite an SCQF ann a bhith a’ cur air adhart phrògraman ionnsachaidh a bheir taic do làn chomas leasachaidh dhaoine òga."

Pauline Radcliffe, Àrd-oifigear SCQF, CCG Com-pàirtichean SCQF.

"Bu chòir fianais mu choileanadh neach-ionnsachaidh a bhith stèidhichte air eòlasan le taic bhon t-siostam foghlaim seach a bhith stèidhichte a-mhàin air suidheachadh teaghlaich an neach-ionnsachaidh. Bha seo na phrìomh fhòcas tron ath-bhreithneachadh mar a chithear mar eisimpleir bhon iarrtas gum bi Slighean Pearsanta nan gnàth-eòlasan a bhiodh nan còir san sgoil an àite gnìomhan taobh a-muigh na sgoile."

An Dr Edward Sosu, Òraidiche, Oilthigh Shrath Chluaidh, CCG Cothromas.

"Tha an siostam de theisteanasan aon-bliadhna a th’ ann an-dràsta a’ cur a’ churraicealaim air fiaradh aig an Ìre as Àirde. Tha cùrsaichean goirid mar seo a’ ciallachadh gu bheil teisteanasan ag aithneachadh "leum tro chearcallan’ agus a bhith a’ cuimhneachadh rudan agus nach eil ùine aig oileanaich a bhith a’ togail eòlas nas doimhne air a’ chuspair no gaol a bhith aca air a’ chuspair aca.

Tha na molaidhean sin a’ gealltainn gun tèid meas a chur ann an eòlas. Le bhith a’ brosnachadh sgrùdadh chuspairean thar dà bhliadhna aig an Ìre as Àirde, is urrainn dhuinn cùrsaichean iomchaidh a chruthachadh le measaidhean iomchaidh. Bidh ùine aig tidsearan na cuspairean aca a sgrùdadh nas doimhne, seach a bhith an-còmhnaidh a’ teagasg le aon sùil air an deuchainn.

Thathar cuideachd a’ cur fàilte air a’ mholadh airson pròiseact eadar-chuspaireil. A bharrachd air cùrsaichean nas fhaide de sgrùdadh cuspair, tha am pròiseact na chothrom a bhith a’ dèanamh obair thar-chuspaireil ann an dòigh làidir. Chan gabh duilgheadas mòr sam bith fhuasgladh bhon t-sealladh aig aon chuspair a-mhàin, ach tha feum againn air eòlas cuspaireil làidir gus dèiligeadh riutha. Bheir am pròiseact cothrom do dh’oileanaich faicinn na tha na cuspairean aca a’ cur ris an ionnsachadh aca, agus a cuidichidh e iad gus tuigsinn mar a ghabhas an t-eòlas agus na sgilean a thog iad anns an rannsachadh cuspaireil aca a chur an sàs san t-saoghal fhìor."

An Dr Joe Smith, Òraidiche, Oilthigh Shruighlea, CCG, Curraicealam, Eòlas-teagaisg, Measadh agus Teisteanasan.

"Tha sinn a’ tighinn beò ann an saoghal a tha ag atharrachadh gu luath. Feumaidh siostaman foghlaim gabhail ri seo, agus gu h-eadar-nàiseanta tha sinn a’ faicinn atharrachaidhean air an dòigh sa bheil oileanaich ag ionnsachadh agus air na tha iad ag ionnsachadh. Ged a tha Alba air a bhith air thoiseach air càch leis a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais, tha an siostam measaidh eachdraidheil aice air bacadh a thoirt air na h-atharrachaidhean ann am foghlam àrd-sgoile aig an Ìre as Àirde. Tha Buidheann Lèirmheas Neo-eisimeileach an Àrd-ollamh Hayward air feuchainn ri siostam deuchainnean na h-Alba a cho-thaobhadh nas fheàrr ris na feumalachdan co-aimsireil sin. Tha e a’ toirt dhuinn slighe air adhart chumhachdach airson measadh ann an Alba."

An t-Àrd-ollamh Gòrdan Stobart, IoE, Ùghdar Aithisg Stobart an OECD, CCG: Teisteanasan agus Measadh.

"Bha e na thoileachas dhomh taic a thoirt do na MSYPan againn tron t-slighe seo air fad ann a bhith ag ath-sgrùdadh theisteanasan agus mheasaidhean Albannach. Bu mhath leam taing a thoirt dhan Ollamh Hayward airson a bhith a’ cur com-pàirteachadh dhaoine òga aig cridhe na h-obrach seo agus airson a bhith a’ cur fòcas dha-rìribh air na tha as fheàrr dhan a h-uile neach-ionnsachaidh nuair a thathar a’ smaoineachadh air foghlam na h-Alba san àm ri teachd."

Mo Whelton, SYP, CCG na h-Òigridh.

"Tha e fìor adhartach a bhith ag aithneachadh theisteanasan dreuchdail mar theisteanasan proifeiseanta agus teicnigeach le ìre SCQF còmhla ri teisteanasan nàiseanta, a’ toirt aithne dhan a h-uile neach-ionnsachaidh air an cuid ionnsachadh agus an cuid sgilean. Bheir seo fìor bhuannachd air na cothroman aca san àm ri teachd.

Tha colaistean na h-Alba air a bhith a’ cleachdadh measadh leantainneach bho chionn fhada tro gach ìre teisteanais gus sgilean agus comas luchd-ionnsachaidh a dhearbhadh. Tha toirt a-steach an Dioplòma a’ toirt aithne do sgilean an a bharrachd air coileanadh acadaimigeach agus a’ tabhann sàr shlighe-dhreuchd do luchd-ionnsachaidh. Tro bhith a’ leasachadh agus a’ co-roinn lìbhrigeadh raointean cuspair sònraichte ann an com-pàirteachasan colaiste/sgoile agus le taic bhon ghnìomhachas, suidheachadh a tha gun samhail air feadh na RA, tha sinn a’ bruidhinn air siostam foghlaim a tha dha-rìribh amalaichte ann an Alba a chùm leas gach neach-ionnsachaidh."

An t-Ollamh Ken Thomson, Prionnsapal Colaiste Gleann Fhoirthe, CCG Prionnsapalan nan Colaistean.

Contact

Email: qualificationsreform@gov.scot

Back to top