It's Our Future - Independent Review of Qualifications and Assessment: report - Gaelic version
Gaelic translation of It’s Our Future, report covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment.
1. Facal-tòiseachaidh
Tha teisteanasan agus measadh cudromach. Tha iad cudromach do luchd-ionnsachaidh oir tha iad a’ toirt seachad fianais air an adhartas tro fhoghlam. Bheir iad buaidh - math no dona - air misneachd agus fèin-spèis. Tha iad cudromach nuair a bhios luchd-ionnsachaidh a’ gluasad air adhart bho fhoghlam reachdach, nuair a bhios na teisteanasan a choileanas iad, agus na litrichean no na h-àireamhan co-cheangailte riutha, a’ co-dhùnadh dè na cothroman a bhios aca, agus dè na dorsan dhan ath ìre den bheatha aca a bhios a’ fosgladh no a’ dùnadh. Tha iad cudromach do phàrantan agus luchd-cùraim Tha iad cudromach do thidsearan, sgoiltean, òraidichean agus colaistean a tha uile a’ cur suim mhòr san luchd-ionnsachaidh leis am bi iad ag obair. Tha iad cudromach do luchd-fastaidh, oilthighean, colaistean agus dhan roinn shaor-thoilich a bhios a’ cleachdadh theisteanasan gus co-dhùnaidhean a dhèanamh a thaobh cò an luchd-ionnsachaidh a chuireas iad an dreuchd no dè na cùrsaichean dhan tèid iad. Mar sin, tha teisteanasan agus an dòigh sa bheil iad air am measadh cudromach do dhaoine fa leth, coimhearsnachdan agus comann-sòisealta na h-Alba san fharsaingeachd.
Tha tiotal na h-aithisge seo, An t-àm ri teachd againn, stèidhichte air mar a bha luchd-ionnsachaidh a’ faireachdainn sàraichte nach robh mòran buaidh aca air co-dhùnaidhean a bha gan dèanamh mu theisteanasan a bheir buaidh orra agus a bheir buaidh air an àm ri teachd aca agus air an caraidean. Is e a bhith a’ dèanamh cinnteach gum fàg gach neach-ionnsachaidh foghlam le beachd soilleir air na tha iad air coileanadh, ceangailte ri slighe adhartach san àm ri teachd, an dòchas as fheàrr a th’ againn airson comann-sòisealta san àm ri teachd a bhios seasmhach, toilichte agus soirbheachail. Mar dhùthaich a tha air gealltainn Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean an Leanaibh a chur an gnìomh (UNCRC, 1989), ’s e sin an t-amas a dh’fheumas a bhith againn.
Anns an Dàmhair 2021, dh’ainmich Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean aig an àm, Shirley-Anne Somerville BPA, gum biodh Lèirmheas Neo-eisimeileach air Teisteanasan is Measadh ann. Chaidh an Lèirmheas Neo-eisimeileach a stèidheachadh airson ceithir prìomh adhbharan.
- Tha an comann-sòisealta ag atharrachadh gu math luath, agus bu chòir do dh’Alba coimhead ris an àm ri teachd agus beachdachadh a bheil an siostam theisteanasan is measaidh a th’ againn an-dràsta iomchaidh airson àm ri teachd a dh’fhaodadh a bhith gu math eadar-dhealaichte.
- An galar lèir-sgaoilte eadar-nàiseanta COVID-19 a chomharraich mì-riarachas le teisteanasan na h-Alba. Às dèidh do na deuchainnean a bhith air an cur dheth ann an 2020 agus 2021, agus na dòighean eile a chaidh a chleachdadh airson teisteanasan Nàiseanta 5, Àrd-ìre agus Àrd-ìre Adhartach, bha dragh poblach ann mu chothromachd agus mì-riarachas farsaing a thaobh toraidhean agus beachdan gun robh neo-ionannachd ann.
- Sheall an fhianais a thàinig a-mach à dà aithisg OECD (OECD, 2021, Stobart, 2021) gun robh feum air atharrachadh anns an Ìre as Àirde.
- Mì-riarachas thar ùine nas fhaide ann an Alba mu eadar-dhealachaidhean eadar na h-amasan tùsail airson teisteanasan Curraicealam airson Sàr-mhathais (CfE) agus mar a bha iad do luchd-ionnsachaidh an da-rìribh.
Tha an Lèirmheas Neo-eisimeileach seo a’ coimhead air teisteanasan aig an Ìre as Àirde ann an sgoiltean, colaistean agus air suidheachaidhean foghlaim nas fharsainge. Tha am fòcas sa mhòr-chuid air luchd-ionnsachaidh aois 15-18 anns a h-uile suidheachadh foghlaim, ach bheachdaich an Lèirmheas cuideachd air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aige air luchd-ionnsachaidh ann am foghlam dachaigh agus air luchd-ionnsachaidh inbheach a bhios a’ dèanamh chùrsaichean a thig fo raon-ùghdarrais an Lèirmheis.
Nuair a chaidh an Lèirmheas Neo-eisimeileach a bharantachadh, cha robh duine sam bith an dùil dè thachradh rè ùine an ath-bhreithneachaidh. Thòisich an Lèirmheas mar rannsachadh a’ coimhead air adhart: ciamar a dh’fhaodadh teisteanasan agus measadh atharrachadh gus dèanamh cinnteach gum faigh gach neach-ionnsachaidh ann an Alba na cothroman beatha as fheàrr? Dh’aithnich an Lèirmheas gum biodh luchd-ionnsachaidh a tha a’ dol a-steach gu foghlam aig an àm seo fhathast ag obair aig deireadh an 21mh linn. Leis cho luath ’s a tha atharrachadh sòisealta, bu chòir teisteanasan agus measadh a bhith iomchaidh airson an àm ri teachd.
Ach, ro dheireadh an Lèirmheis Neo-eisimeilich, bha an ìre atharrachaidh ris an robh dùil air luathachadh tuilleadh mar thoradh air buaidh Inntleachd Fuadain (AI). Atharraichidh AI an comann-sòisealta, ach tha e ro thràth fios a bhith againn fhathast mar a ghabhas comas nan teicneòlasan sin a chleachdadh airson leasachadh seach milleadh a dhèanamh air comainn-shòisealta. Tha a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig AI a’ fàgail gu bheil an Lèirmheas Neo-eisimeileach seo nas cudromaiche buileach. Feumaidh teisteanasan agus measadh san àm ri teachd taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh, agus do chomann-sòisealta na h-Alba, ann an saoghal a bhios gu math eadar-dhealaichte bhon t-saoghal a th’ againn an-dràsta. Mar an ceudna, feumaidh sinn gabhail ris gun èirich astar an atharrachaidh agus gum feum dòigh-obrach na h-Alba a thaobh theisteanasan a bhith sùbailte ma tha i gu bhith comasach air freagairt air seo.
Chaidh an dòigh-obrach ùr a thaobh teisteanasan agus measadh a thathar a’ moladh san aithisg seo a dheasbad fad is farsaing le coimhearsnachdan air feadh na h-Alba (faic Caibideil a Dhà). Chaidh oidhirpean mòra a dhèanamh gus còmhraidhean a bhrosnachadh thar choimhearsnachdan agus gus feuchainn ris an fheadhainn a thoirt a-steach air an tèid dearmad a dhèanamh ro thric ann an co-dhùnaidhean poileasaidh. Chan fhaigh moladh sam bith airson atharrachaidhean air teisteanasan agus measadh taic bhon a h-uile duine, ach bha deasbad farsaing air na beachdan anns an aithisg seo agus chaidh am modail a thathar a’ moladh a chruthachadh gu co-obrachail. Thathar an dùil gun tog foghlam ann an Alba air a’ phròiseas seo agus, a bharrachd air sin, gun ionnsaich e bho na modailean a chaidh a chruthachadh anns an Deasbad Nàiseanta (2023) agus ann an Ath-sgrùdadh nan Dreuchdan (2023) gus dòigh-obrach nas in-ghabhalaiche a thogail a thaobh dealbhadh is leasachadh poileasaidh agus cleachdadh san àm ri teachd.
Tha neo-eisimeileachd an lèirmheis seo ro-chudromach. Feumaidh comhairle mu theisteanasan agus measadh ann an Alba san àm ri teachd a bhith neo-phàirteach, air a chruthachadh stèidhichte air fianais agus air a dheasbad gu fosgailte. Tha na beachdan anns an aithisg seo, ma thèid gabhail riutha le Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, Jenny Gilruth BPA, mar a’ chiad ìre ann am pròiseas leasachaidh fad-ùine. Bu chòir dhan cho-obrachadh thar-choimhearsnachd a chaidh a chruthachadh san Lèirmheas seo leantainn air adhart agus bu chòir do luchd-ionnsachaidh, tidsearan agus òraidichean air feadh na dùthcha a bhith aig cridhe a’ phròiseas atharrachaidh.
Tha cus innleachdan roimhe ann an Alba air fàilligeadh leis nach deach aire gu leòr a thoirt aig mar a ghabhadh beachdan a chur an gnìomh agus air cho practaigeach ‘s a bha an clàr ama gus an cur an sàs Aig an àm seo, tha e gu sònraichte cudromach dèanamh cinnteach gum faigh atharrachadh taic iomchaidh. Tha a’ bhuaidh aig a’ ghalar lèir-sgaoilte COVID-19 agus a’ bhuaidh a thug e air luchd-ionnsachaidh, tidsearan agus teaghlaichean air a bhith fìor mhòr. Tha e iongantach, fiù ’s aig àm cho dùbhlanach, gu bheil iarrtas cha mhòr aona-ghuthach air a bhith ann airson atharrachadh air teisteanasan agus measadh.
1.1 An Co-theacs làithreach ann an Alba
Tha traidisean cliùiteach aig Alba de dh’ionnsachadh stèidhichte air cuspairean san àrd-sgoil. Bidh tidsearan theisteanaichte a’ stiùireadh farsaingeachd de roghainnean cuspair. Tha coimhearsnachdan cuspair làidir ann agus tha lìonraidhean farsaing agus taiceil aig cuid de chuspairean ann an cuid de sgìrean.
Tha suidheachaidhean foghlaim air feadh na h-Alba a’ tabhann raon de Theisteanasan Nàiseanta aig Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA) bho Nàiseanta 1 gu Nàiseanta 5, Àrd-ìre agus Àrd-ìre Adhartach, teisteanasan dreuchdail, teicnigeach agus proifeasanta. Gu dearbha, bidh diofar adhbharan aig teisteanasan eadar-dhealaichte aig an aon ìre SCQF agus, mar thoradh air sin, bidh slighean ionnsachaidh eadar-dhealaichte ann. Bidh cuid de sgoiltean neo-eisimeileach a’ tabhann theisteanasan Sasannach, leithid GCSE agus A Level. Barrachd is barrachd, ann an com-pàirteachas le colaistean agus fastaichean, tha raon de theisteanasan dreuchdail, teicnigeach agus proifeiseanta air an tabhann do luchd-ionnsachaidh, mar eisimpleir Bun-phreantasachdan, Cairtean-teisteanais agus Dioplòmathan Àrd-ìre, Duaisean Adhartas Nàiseanta agus Duaisean Leasachaidh Pearsanta. Tha com-pàirteachasan sgoile/colaisde nas dùbhlanaiche ann an sgìrean dùthchail far nach eil colaiste ionadail daonnan ruigsinneach, ged a tha luchd-obrach colaiste ann an cuid de sgìrean a’ tabhann chùrsaichean dreuchdail, teicnigeach agus proifeiseanta ann an sgoiltean.
A bharrachd air sin, tha cothroman aig cuid de luchd-ionnsachaidh a dhol an sàs ann an raon nas fharsainge de dh’eòlasan agus de dhuaisean san sgoil agus sa cholaiste agus ann an coimhearsnachdan a tha a’ tabhann eòlasan ionnsachaidh luachmhor agus leasachadh air sgilean, comasan, beachdan agus caractar. Tha iad sin a’ gabhail a-steach, mar eisimpleir: Duais Diùc Dhùn Èideann, Urras a’ Phrionnsa, Duais Iain Muir, Duais Companaidh Iomairt
Òigridh Alba (Frèam-obrach Creideas is Teisteanas na h-Alba (SCQF) Ìre 6, Duais ann an Ceannardas STEM Ìrean SCQF 4,5,6, Ionad Rannsachaidh Foghlaim Sgoiltean na h-Alba (SSERC), prògraman Lìonra Barrantachaidh Leasachaidh Sgeama Duais agus Duaisean Caritas (ASDAN). Chan eil a h-uile duais ceangailte ris an fhrèam SCQF, ach tha iad uile a’ tabhann chothroman luachmhor do luchd-ionnsachaidh.
Tha iomadh roghainn eadar-dhealaichte rim faighinn le taic bho Lìonra Dhuaisean de sholaraichean a tha airson a bhith ag obair le sgoiltean agus colaistean gus cothroman nas fharsainge a bhrosnachadh dhan a h-uile neach-ionnsachaidh. Tha cothroman eadar-dhealaichte air feadh na dùthcha agus tha grunn dhòighean aig luchd-ionnsachaidh anns an urrainn dhaibh agus anns am bu chòir dhaibh taic fhaighinn gus sealltainn na tha iad air coileanadh. Tha gach neach-ionnsachaidh eadar-dhealaichte; is fheàrr le cuid a bhith ag ionnsachadh ann an àrainneachd sgoile, tha colaiste a’ còrdadh ri cuid agus tha cuid a’ soirbheachadh ann an ionnsachadh sa choimhearsnachd.
Stèidhichte air na prògraman sin, tha lìonraidhean adhartach aig Alba de shlighean as urrainn do luchd-ionnsachaidh gabhail gus gluasad air adhart tron t-siostam bhon sgoil gu foghlam adhartach is àrd-ìre agus gu cosnadh. Ged a tha leudachadh mòr air a bhith ann am farsaingeachd nan teisteanasan a bhios daoine òga a’ dèanamh ann an sgoiltean, tha a’ mhòr-chuid de luchd-ionnsachaidh cuideachd a’ gabhail teisteanasan nàiseanta stèidhichte air cuspairean.
Tha teisteanasan air an suidheachadh taobh a-staigh an SCQF anns a bheil teisteanasan thar Ìrean 1-12. Tha ìre gach teisteanais a’ sealltainn cho doirbh ’s a tha an t-ionnsachadh. Ach, chan eil a h-uile teisteanas aig an aon ìre den aon luach. Tha grunn phuingean creideis aig gach teisteanas anns an fhrèam SCQF. Tha puingean creideis a’ mìneachadh na h-uimhir de dh’ionnsachadh a tha a dhìth gus teisteanas no prògram ionnsachaidh fhaighinn aig ìre SCQF. Mar sin, faodaidh cùrsaichean eadar-dhealaichte aig an aon ìre SCQF a bhith gu math eadar-dhealaichte a thaobh na tha iad ag iarraidh bhon neach neach-ionnsachaidh.
Leugh barrachd mun Fhrèama eadar-obrachail SCQF an seo.
1.2 Teisteanasan agus an Eaconamaidh
Tha àite mòr aig teisteanasan san eaconamaidh. Bidh a’ mhòr-chuid de luchd-ionnsachaidh a’ gluasad a-steach dhan àite-obrach às dèidh na sgoile, colaiste no oilthigh agus tha àiteachan obrach ag atharrachadh gu luath. Thuirt Fòram Eaconamach an t-Saoghail (2020) gur e "àm cruth-atharrachail" a tha seo. Tha iad ag argamaid gu bheil na h-innealan aig a’ chomann-shòisealta gus dèiligeadh ri obraichean an latha a-màireach; ùr-ghnàthachadh teicneòlach, dòighean air ath-sgileadh agus àrdachadh sgilean a dhèanamh. Ach, tha iad toirt seachad rabhadh gu bheil na h-oidhirpean gus na ro-innleachdan a chur an sàs gus taic a thoirt do dhaoine "air dheireadh air astar a chruth-atharrachaidh". Tha iad ag iarraidh "ath-shuidheachadh" leis gu bheil an comann-sòisealta aig a’ chrois-rathaid eadar gnìomhan obrach a nì daoine agus gnìomhan obrach a nì innealan agus algairimean. Nam beachd, dh’fhaodadh gun cruthaich na h-atharrachaidhean a tha gu bhith ann comainn-shòisealta nas cothromaiche, nas cearta no gun cruthaich e "ginealaichean caillte de dh’inbhich is de dh’òigridh a thèid a thogail ann an saoghal le barrachd neo-ionannachd, eas-aonta agus comas caillte".
Tha cothrom againn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn seo an-dràsta. Bu chòir do theisteanasan luchd-ionnsachaidh a chuideachadh gus a bhith deiseil gus freagairt air feumalachdan eaconamach làithreach agus gus cumadh a thoirt air riatanasan eaconamach san àm ri teachd. Tha dàimh làidir ann eadar feachd-obrach teisteanaichte agus fàs eaconamach aig àm nuair a tha mì-chinnt mhòr ann. Agus tha dàimh làidir eadar comann-sòisealta soirbheachail agus comann-sòisealta a tha comasach air seirbheisean poblach àrd-inbhe a thoirt do na saoranaich uile aige. Tha Fòram Eaconamach an t-Saoghail (2020) a’ comharrachadh prìomh sgilean agus buidhnean sgilean a tha fastaichean den bheachd a dh’fhàsas nas cudromaiche. Tha iad sin a’ gabhail a-steach smaoineachadh breithneachail agus mion-sgrùdadh, fuasgladh cheistean, agus sgilean ann am fèin-stiùireadh, ionnsachadh gnìomhach, ath-leumachd, fulangas streas agus sùbailteachd. Airson a bhith teisteanaichte airson an àm ri teachd, is iad sin na sgilean a bu chòir cothrom a bhith aig luchd-ionnsachaidh togail, agus bu chòir teisteanasan an cuid choileanaidhean annta aithneachadh.
Ann an cruth-tìre a tha ag atharrachadh gu luath, feumaidh siostam teisteanais is measaidh sam bith a tha iomchaidh airson an àm ri teachd a bhith sùbailte gu leòr gus dèiligeadh gu sgiobalta ri atharrachadh. Tha obair ri dhèanamh le gnìomhachasan agus leis an Riaghaltas gus feumalachdan sgilean san àm ri teachd a chomharrachadh agus bu chòir dhan Riaghaltas obrachadh gu dlùth le gnìomhachasan gus beachdachadh air builean a dh’fhaodadh a bhith ann. Tha dùthchannan air feadh an t-saoghail a’ beachdachadh air an dòigh as fheàrr gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh airson a bhith deiseil airson atharrachadh san àm ri teachd. Mar eisimpleir, ann an Estonia, bidh clann aois bun-sgoile a’ sgrùdadh innealan-fuadain. Cuidichidh teisteanasan agus siostaman measaidh a tha air an co-thaobhadh gu math ri curraicealam iomchaidh, a bheir cumhachd do dhaoine, gus dèanamh cinnteach gu bheil roghainnean àrd-inbhe aig luchd-ionnsachaidh ann an Alba.
1.3 Comann sòisealta a tha ag atharrachadh
Tha an siostam theisteanasan is measaidh a th’ ann aig an àm seo air mòran luchd-ionnsachaidh a fhrithealadh gu math. Ach, bidh luchd-ionnsachaidh san àm ri teachd a’ dol a-steach gu àrainneachd nach eil idir cho cinnteach ’s a bha e do luchd-ionnsachaidh nan ginealaichean roimhe. Tha Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) (2022) a’ toirt cunntas air meud an atharrachaidh ris a bheil dùil.
"Tha an saoghal a’ dol tro chruth-atharrachadh eachdraidheil air mar a tha daoine ag obair, far a bheil iad ag obair agus fiù ’s carson a tha iad ag obair. Tha na sgilean a dh’fheumas sinn uile airson a dhol a-steach a dh’obair agus airson adhartas a dhèanamh ann an obair ag atharrachadh cuideachd. Bidh e ro-chudromach cumail oirnn a bhith a’ togail na sgilean cearta mar fhreagairt air an atharrachadh seo aig àm nuair a tha an t-àm ri teachd caochlaideach agus a tha a’ sìor-atharrachadh. Chan eil teagamh sam bith ann nach tug galar lèir-sgaoilte COVID-19 buaidh air an eaconamaidh, margaidh obrach agus comann-sòisealta agus tha dùbhlain eaconamach ùra a’ tighinn am bàrr." (SDS, 2022)
Chan eil na dùbhlain sin mu choinneamh na h-Alba a-mhàin. Tha OECD (2020) ag argamaid gu bheil dlùth-chruinneas agus atharrachaidhean luath ann an teicneòlas a’ meudachadh astar nan dùbhlan sòisealta, eaconamach agus àrainneachdail gu h-eadar-nàiseanta. Tha cothroman an lùib mòran de na dùbhlain cuideachd gus adhartas daonna a thoirt air adhart ach gus an comas sin a thoirt gu buil, "feumaidh saoranaich a bhith uidheamaichte gus dèiligeadh riutha tro fhoghlam de chàileachd àrd agus air a dhealbhadh gu h-iomchaidh". (OECD, 2020)
Tha mòran uachdranasan eile a’ beachdachadh air atharrachaidhean air na teisteanasan agus air na siostaman measaidh aca (faic Caibideil a Trì). Feumaidh siostam na h-Alba cumail suas ris an atharrachadh seo.
Bho chaidh aithisg Leasachadh Sgilean na h-Alba fhoillseachadh (2022) a thuirt gu bheil "atharrachadh eachdraidheil" gu bhith ann, tha atharrachaidhean nas motha buileach air tachairt. Chaidh "Mòr-chaochladh a’ Ghnìomhachais dhan Inntinn Daonna" (the Industrial Revolution for Human Intellect) a chur air leasachaidhean bho chionn ghoirid ann an AI (Soral, 2023). Tha astar an atharrachaidh a’ dol am meud. Bha 1 millean neach-cleachdaidh aig ChatGPT 5 latha às dèidh dha a bhith air fhoillseachadh. Gus sin a chur na cho-theacsa, thug e 3½ bliadhna do Netflix 1 millean neach-cleachdaidh a ruighinn, Twitter 2 bhliadhna agus Facebook 10 mìosan (Ahmad, 2023).
Sa Chèitean 2023, thog Geoffrey Hinton, prìomh eòlaiche ann an cruthachadh AI draghan mu na bha e a’ faicinn mar chunnartan a bha a’ sìor thighinn am bàrr bho leasachadh AI a dh’fhaodadh coileanadh nas fheàrr na daoine. Ann an agallamh leis a’ BhBC (BBC News, 2 Cèitean 2023), rinn Hinton an argamaid gu bheil AI, a tha na shiostam didseatach, gu math eadar-dhealaichte ri inntinn daonna. Faodaidh gach Chatbot AI ionnsachadh fa leth a dhèanamh ach faodaidh iad an cuid eòlais a cho-roinn leis a h-uile Chatbot eile. Thuirt e gun robh e coltach ri suidheachadh far am biodh 10,000 daoine ann, agus nuair a dh’ionnsaicheadh aon duine rudeigin, gum biodh am fiosrachadh sin aig na 10,000 daoine uile sin anns a’ bhad. Ged a tha e fhathast aig ìre thràth, tha a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig AI air cosnadh san àm ri teachd ri fhaicinn mar-thà. Air 1 Cèitean, dh’ainmich Àrd-oifigear IBM, Arvind Krishna, gu bheil iad an dùil gun tèid stad a chur air fastadh dhaoine airson dreuchdan a dh’fhaodadh AI a dhèanamh anns na bliadhnaichean ri teachd.
Tha a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig AI air teisteanasan agus measadh air a bhith gu sònraichte inntinneach dhaibhsan a tha ag obair ann am foghlam. Tha diofar bheachdan ann mun bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig AI air deuchainnean agus obair-cùrsa. Dh’aithris Schools Week (Booth, 2023) ann an aithris do ASCL (Comann Stiùirichean Sgoile is Colaiste) ann an Sasainn air 10 Màrt 2023, gun do rinn an Dr Jo Saxton, Prìomh Riaghladair OFQUAL (Oifis Theisteanasan is Sgrùdaidhean) an argamaid gun robh botaichean AI mar ChatGPT a’ fàgail gu bheil deuchainnean le luchd-faire nas cudromaiche na bha iad riamh agus thuirt i nam biodh i a’ ruith ionad foghlaim, gum biodh oileanaich a’ dèanamh obair-cùrsa mar a dhèanadh iad deuchainnean. Air an làimh eile, mhol Ceannard a’ Bhaccalaureate Eadar-nàiseanta (IB) gum bu chòir ionnsachadh gabhail ri AI, gun a bhith a’ cur casg air a bhith ga chleachdadh no a bhith ag atharrachadh nàdar prògram an IB a tha a’ gabhail a-steach obair cùrsa. Tha e ag argamaid:
"Tha an IB den bheachd gum bi teicneòlas AI na phàirt de ar beatha làitheil - leithid dearbhadairean litreachaidh, bathar-bog eadar-theangachaidh agus àireamhairean. Feumaidh sinn, mar sin, na prògraman foghlaim agus na cleachdaidhean measaidh againn atharrachadh gus an urrainn do dh’oileanaich na h-innealan AI ùra sin a chleachdadh gu beusach agus gu h-èifeachdach."
Bithear a’ bruidhinn nas doimhne air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig AI air foghlam na h-Alba ann an Caibideil a Ceithir. Ach, chan eil teagamh sam bith nach eil atharrachaidhean mòra a’ dol air adhart mar-thà air feadh a’ chomainn-shòisealta. Ge b’ e dè cho èifeachdach ’s a bha an dòigh-obrach a bha againn roimhe airson theisteanasan is measaidh, bhiodh e na chunnart mòr nan gabhamaid ris gum biodh siostam a bha freagarrach san àm a dh’fhalbh fhathast iomchaidh do dh’Alba san àm ri teachd.
1.4 Buaidh COVID-19
Bha buaidh COVID-19 air Teisteanasan Nàiseanta na phrìomh adhbhar airson an Lèirmheis seo. Tha Hayward et al (2023) ag aithris, nuair a bhuail an galar lèir-sgaoilte ann an seisean 2019–2020 agus gun do dhùin sgoiltean, agus nach robh e comasach na deuchainnean nàiseanta agus an obair-cùrsa a thoirt seachad, gum feumadh dòighean eile a lorg gu sgiobalta gus fianais a chruinneachadh gus nach biodh cus cron ann do luchd-ionnsachaidh. Dh’iarr an SQA air tidsearan is òraidichean, le taic bho stiùireadh nàiseanta agus ùghdarrasan ionadail, an dà chuid ìrean thuairmsichte (A, B, C no D) agus òrdugh rangachaidh a thoirt do luchd-ionnsachaidh a bha a’ dèanamh chùrsaichean Nàiseanta 5, Àrd Ìre agus Àrd-ìre Adhartach. Rinn SQA modaratadh air na tuairmsean sin a’ cleachdadh algairim stèidhichte air dàta coileanaidh eachdraidheil agus air breithneachadh an neach-deuchainn. Mar thoradh air a’ phròiseas modarataidh seo, rinneadh atharrachadh air fichead ’s a sia sa cheud de thuairmsean ìre (Hayward et al, 2023).
Bha am pròiseas a bha air a phlanadh airson buileachadh theisteanasan a’ gabhail a-steach cothrom ath-thagraidh a dhèanamh, far am b’ urrainn do sgoiltean is colaistean fianais a thoirt seachad gus cur an-aghaidh co-dhùnadh sam bith gus ìre na b’ ìsle a thoirt seachad. Ach, nuair a fhuair luchd-ionnsachaidh na toraidhean sealach aca, air 4 Lùnastal 2020, bha ùpraid phoblach ann. Bhathar den bheachd gun robh cleachdadh dàta eachdraidheil air leth-bhreith a dhèanamh air luchd-ionnsachaidh ann an sgìrean a bha fo ana-cothrom. A’ freagairt dragh a’ phobaill, thug Riaghaltas na h-Alba stiùireadh do SQA tuairmsean tidsear no òraidiche ath-shuidheachadh. Chaidh an stiùireadh seo a chur an sàs mus robh cothrom ann ìre ath-tagraidh a’ phròiseas tagraidh a chur an gnìomh.
Às dèidh nan duilgheadasan le teisteanasan ann an 2020, bharrantaich Riaghaltas na h-Alba Lèirmheas Luath Neo-eisimeileach (Priestley et al, 2020). Thug Lèirmheas Priestley grunn mholaidhean seachad a bha buntainneach dhan Lèirmheas seo, a’ gabhail a-steach gun robh feum air follaiseachd a bharrachd, barrachd co-obrachadh agus com-pàirteachadh (gu sònraichte le òigridh), siostam co-rèireach airson modaratadh agus gluasad gu siostam didseatach.
Mar thoradh air a’ ghalair lèir-sgaoilte a’ leantainn tro 2020-21 chaidh deuchainnean a chur dheth ann an 2021. Mar thoradh air na chaidh ionnsachadh sa bhliadhna roimhe, chaidh dòigh-obrach eile a chruthachadh, am Modail Teisteanais Eadar-dhealaichte (Alternative Certification Model - ACM). Chaidh iarraidh air tidsearan is òraidichean fianais a thoirt seachad gus breithneachaidhean rangachaidh fhiosrachadh, mar eisimpleir coileanadh sgoilear ann an obair-clas no pìosan obrach eile. Bha nàdar a’ ghalair lèir-sgaoilte a’ ciallachadh gun robh an clàr-ama airson a bhith a’ buileachadh an ACM goirid. Chaidh innse do thidsearan agus luchd-ionnsachaidh sa Ghearran gum biodh an ACM air a chleachdadh mus deach comharraidhean a thoirt seachad sa Chèitean. Chaidh modaratadh a dhèanamh le sgoiltean, colaistean agus ùghdarrasan ionadail. Rinn SQA sampalladh de dh’fhianais mar ìre a bharrachd de bharantachd càileachd. Rinn SQA measadh air an ACM (SQA, 2021) agus fhuair iad a-mach gun robh diofar bheachdan ann a thaobh dòigh-obrach an ACM bhon chom-pàirteachadh a rinn an SQA le luchd-ionnsachaidh is luchd-teagaisg.
Dh’aithris luchd-teagaisg gun robh dùbhlain ann a thaobh eallach-obrach co-cheangailte ri pròiseasan modarataidh, a bha gu math dian nam beachd, agus a thaobh clàran-ama buileachaidh goirid. Ach, bha an dòigh-obrach a’ còrdadh ri mòran, ged nach robh e a’ còrdadh riutha uile. Thuirt tòrr luchd-teagaisg gun robh iad a’ toirt taic do ACM ach thug iad fa-near gum biodh clàr-ama na b’ fhaide air a dhèanamh na b’ fhasa a chur an gnìomh.
"Bu thoil le sgoilearan a chaidh tron mhodail ACM am modail sin. Bu mhath leotha sgaradh 50/50 airson measadh leantainneach agus deuchainn dheireannach, gus nach biodh a h-uile rud an urra ri mar a choileanadh iad air aon latha." (Àrd-sgoil Pàirc an Rìgh, Luchd-obrach agus Luchd-ionnsachaidh)
Chan e deagh mhodail atharrachaidh a th’ ann a bhith a’ dèiligeadh ri èiginn galar lèir-sgaoilte, ach cha robh am modail theisteanasan ann an Alba, agus gu dearbh air feadh na RA, làidir gu leòr gus dèiligeadh ri buaidh COVID-19. Bha mòran nas lugha de bhuaireadh aig dùthchannan eile le dòighean-obrach eadar-dhealaichte a thaobh theisteanasan, mar eisimpleir, far an robh luchd-ionnsachaidh a’ cosnadh creideas thar ùine agus/no far an do chuir eileamaid chudromach de mheasadh a-staigh ris an duais iomlan. Ann an Alba, chuir suidheachadh COVID-19 às do mhisneachd san t-siostam theisteanasan. Bha deuchainnean a bha gu traidiseanta air am meas cothromach a-nis air am faicinn le cuid mar dheuchainnean a bha a’ dèanamh leth-bhreith air an fheadhainn aig an robh na dùbhlain sòisio-eaconamach as motha.
Ged nach eil aonta ann mun ìre is gun robh am pròiseas theisteanasan aig àm COVID-19 mì-chothromach, lean am beachd gun robh an siostam theisteanasan air leth-bhreith a dhèanamh air luchd-ionnsachaidh bho theaghlaichean bochda agus lagaich seo earbsa san t-siostam. Mar thoradh air dragh farsaing mu Theisteanasan Nàiseanta, chaidh Lèirmheas Neo-eisimeileach OECD air CfE (OECD, 2021) a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach fòcas sònraichte air teisteanasan san Ìre as Àirde (Stobart, 2021).
1.5 Aithisgean an OECD agus an Argamaid airson Atharrachadh
Chaidh dà aithisg aig an OECD mu fhoghlam ann an Alba fhoillseachadh ann an 2021. Dh’aithnich a’ chiad aithisg, ‘Scotland’s Curriculum for Excellence - Into the Future’ (2021) Alba mar thè de na ciad dhùthchannan a dhealbhaich curraicealam a bha a’ coimhead ri feumalachdan luchd-ionnsachaidh agus ri feumalachdan na h-Alba mar chomann-sòisealta san 21mh linn. Às dèidh cha mhòr 20 bliadhna:
"Tha CfE fhathast na iomairt dhàna aig a bheil taic fharsaing, agus tha an dealbhadh aige a’ tabhann na sùbailteachd a dh’fheumar gus ionnsachadh oileanach a leasachadh barrachd." (OECD, 2021)
Ach, thuirt iad, gun robh obair a dhìth gus comas CfE a thoirt gu buil san Ìre às Àirde:
"Feumar cuideachd an structar, na cleachdaidhean ionnsachaidh agus modhan measaidh san Ìre as Àirde atharrachadh gus am bi iad co-chòrdail ri lèirsinn CfE, agus gus am faighear cothrom air an eadar-ghluasad curraicealaim rèidh a thathar a’ gealltainn bho 3 gu 18."
Chaidh an dàrna Lèirmheas neo-eisimeileach aig an OECD a dhèanamh leis an Àrd-ollamh Gòrdan Stobart: ‘Upper-secondary education student assessment in Scotland: A comparative perspective’ (2021). Dh’fheuch e ris na h-adhbharan airson "a’ mhì-thaobhadh" a bhathar a’ faicinn eadar curraicealam agus measadh san Ìre as Àirde a thuigsinn agus gus comharrachadh far am faodadh atharrachadh piseach a thoirt air cùisean.
Fad còrr is ceud bliadhna, tha deuchainnean Àrd-ìre air a bhith nan comharra air àrd choileanadh, uaireannan gam faicinn mar "ìre òir" de choileanadh acadaimigeach. Bidh mòran dhaoine ann an Alba, mar eisimpleir, pàrantan agus fastaichean, a’ cuimhneachadh air na dh’fhiosraich iad fhèin ann am foghlam agus a’ cleachdadh seo mar shlat-tomhais airson cleachdaidhean làithreach.
Ann an cultaran a tha fo bhuaidh traidiseanan agus luachan curraicealaman na RA, thathar gu tric den bheachd gur ionnan teisteanasan agus deuchainnean (Stobart, 2021). Gu tric, is e "na deuchainnean" a chanar ris na teisteanasan nàiseanta, fiù ’s ged a bha iad a’ gabhail a-steach raon de dhòighean measaidh a bharrachd air sgrùdadh bhon taobh a-muigh fiù ’s ro ChOVID-19, mar eisimpleir, pròiseactan, aistidhean, eadar-obrachadh beòil, oibseactan. Ann an uachdranasan laghail eile, tha traidiseanan eadar-dhealaichte. Tha glè bheag de dheuchainnean foirmeil aig cuid de dhùthchannan (faic Caibideil a Trì).
A’ togail air na tùsan fianais seo, rinn Stobart (2021), acadaimigeach measaidh le cliù eadar-nàiseanta a tha air a bhith ag obair ann an rannsachadh, poileasaidh agus cleachdadh, còig molaidhean airson atharrachaidhean air foghlam às dèidh aois 16 ann an Alba:
- sgrùdadh a dhèanamh air teisteanas ceumnachaidh sgoile a chur an àite deuchainnean aig aois 16;
- siostam measaidh àrd-sgoile nas seasmhaiche a chruthachadh aig ceann shuas na h-àrd-sgoile;
- co-thaobhadh measaidh nas fheàrr a shireadh leis a’ churraicealam agus le oide-eòlas tro bhith a’ leudachadh dhòighean measaidh;
- sgrùdadh siostamatach a dhèanamh air beachdan agus smaointean nan sgoilearan/oileanaich mu dòighean-obrach measaidh, agus;
- barrachd leasachaidh a dhèanamh air àite theisteanasan teicnigeach, dreuchdail agus proifeiseanta ann a bhith a’ leudachadh a’ churraicealaim.
Chuidich na molaidhean seo le bhith a’ cruthachadh nan Cumhachan Iomraidh airson an Lèirmheis seo. Tha freagairt an Lèirmheas do na Cumhachan Iomraidh air a taisbeanadh ann an Caibideil a Sia.
Tha an fharsaingeachd de dhiofar adhbharan airson teisteanasan, cho cudromach ’s a tha e do dhaoine fa-leth, do dh’institiudan agus dhan chomann-shòisealta san fharsaingeachd, agus leis gu bheil beachdan mun deidhinn freumhaichte gu domhainn ann an cultar a’ chomann-shòisealta, a’ fàgail gu bheil teisteanasan gu math duilich atharrachadh – ann an Alba, air feadh na RA agus gu h-eadar-nàiseanta. Mas e is gu bheil atharrachadh a dhìth, feumar cnuasachadh gu faiceallach air mar a nithear planadh air a shon. (Faic Caibideil a còig)
"Mar as trice bidh siostaman measaidh ag atharrachadh mean air mhean. Dh’fhaodte gum bi bacaidhean air atharrachadh radaigeach, gu ìre, mar phàirt de mhì-dheòin shòisealta a bhith ag atharrachadh siostam stèidhichte. Nuair a tha siostam air a bhith an sàs fad ghinealaichean, tha pàrantan, luchd-dèanamh phoileasaidhean agus tidsearan uile eòlach air agus a’ cur luach ann - ged nach biodh e iomchaidh tuilleadh." (Stobart, 2021, td30)
1.6 An Curraicealam airson Sàr-mhathais agus an Ìre as Àirde ann an Sgoiltean agus Colaistean
Bha daoine a tha ag obair ann am foghlam na h-Alba gu math eòlach air an tuairisgeul air foghlam na h-Alba a thug an OECD seachad. Tha teisteanasan agus measadh san Ìre as Àirde air fàs gu math eadar-dhealaichte ris na bhathar an dùil ann an làithean tràtha CfE. Thug ‘Building the Curriculum 5: a framework for assessment’ (2011) seachad an stiùireadh nàiseanta tùsail air measadh agus teisteanasan.
"Bu chòir an curraicealam san Ìre as Àirde a bhith air a dhealbh gus prionnsapalan dealbhaidh curraicealaim agus na còraichean dhan a h-uile neach-ionnsachaidh a tha air am mìneachadh ann am Building the Curriculum 3 a choileanadh agus bu chòir na ceithir taobhan den churraicealam a ghabhail a-steach (feallsanachd agus beatha na sgoile mar choimhearsnachd, raointean curraicealaim agus cuspairean, ionnsachadh eadar-chuspaireil agus cothroman airson coileanadh pearsanta). (td16)
Bha na h-amasan tùsail aig CfE soilleir. Ann an sgoiltean agus colaistean na h-Alba, tha raointean curraicealaim, cuspairean agus prògraman ionnsachaidh nam bunaitean-togail air a bheil foghlaim stèidhichte. Tha iad a’ riochdachadh diofar dhòighean air an saoghal fhaicinn agus tha iad nam pàirt riatanach de dh’fhoghlam ann an Alba dhan luchd-ionnsachaidh air fad. Bha CfE, mar a chaidh a dhealbhadh, ag aithneachadh a’ phrìomh àite a tha aig cuspairean ann am foghlam ach rinn e argamaid airson barrachd. Bu chòir dhan churraicealam mar a dh’fhiosraicheas gach neach-ionnsachaidh e a bhith a’ gabhail a-steach cothroman gus raointean curraicealaim agus cuspairean a sgrùdadh ann an doimhneachd ach bu chòir dhaibh cuideachd a bhith a’ gabhail a-steach conaltradh leis an sgoil mar choimhearsnachd, cothroman faighinn a-mach mar a tha ionnsachadh ceangailte thar diofar raointean den churraicealam agus cothroman air ionnsachadh fa leth tro choileanadh pearsanta. Bu chòir na chaidh a mhìneachadh mar "theisteanasan an ath ghinealach" a tha SQA agus solaraichean eile a’ tabhann, a bhith a rèir luachan agus miannan CfE.
Dh’fheuch dealbhadh tùsail nan teisteanasan ùra ri co-thaobhadh nas fheàrr a thoirt seachad eadar an curraicealam agus teisteanasan. Chaidh na Teisteanasan Nàiseanta a dhealbhadh gus fianais a chruinneachadh mu dè am fios agus dè an tuigse a th’ aig luchd-ionnsachaidh agus air na sgilean agus comasan aca. Bha teisteanasan a’ gabhail a-steach raon farsaing de dhòighean-obrach a thaobh measaidh. Bha diofar dhòighean air fianais a thogail a rèir cuspair, mar eisimpleir, bha ealain agus dealbhadh a’ gabhail a-steach folio obrach agus bha fiosaigs a’ gabhail a-steach pròiseact saidheansail. Chaidh co-dhùnaidhean mu nàdar nan teisteanasan a dhèanamh le pannalan de dh’eòlaichean cuspair, stèidhichte air na bha iad a’ faicinn mar an dòigh a b’ fheàrr air coileanadh luchd-ionnsachaidh sa chuspair a dhearbhadh. Chaidh sgilean agus comasan a dhèanamh nam pàirt de na prògraman ionnsachaidh agus chaidh an aithneachadh sna duaisean. Ach chaidh iarraidh air SQA Aonadan a thoirt air falbh à Cùrsaichean Nàiseanta an aghaidh Comhairle an SQA, oir bha an dealbhadh measaidh tùsail air a cho-thaobhadh ri Togail a’ Churraicealaim 5.
Às dèidh suidheachadh COVID ann an 2019, dh’aithris aithisg Priestley (2020) air suidheachadh gu math eadar-dhealaichte san Ìre as Àirde bho na bha luchd-cruthachaidh CfE an dùil. Fhuair na co-dhùnaidhean sin taic às dèidh sin bho fhianais a thàinig am bàrr san Lèirmheas bho luchd-ionnsachaidh, pàrantan agus fastaichean. Bha na dh’fhiosraich mòran luchd-ionnsachaidh air CfE gu tur stèidhichte air cuspairean. Cha robh mòran mothachaidh aca air na sgilean a bhathar a’ togail tro na teisteanasan aca agus cha robh mòran chothroman aca a dhol an sàs ann an ionnsachadh thar chuspairean. Dh’aithris iad gun robh mòran de na h-eòlasan ionnsachaidh aca san Ìre as Àirde ath-aithriseach agus foirmleach. Bha iad den bheachd nach robh e cho cudromach a bhith a’ sealltainn an eòlais a bh’ aca no a bha iad a’ tuigsinn ’s a bha e bhith a’ cleachdadh fhaclan sònraichte ann am freagairt no a bhith a’ leantainn pàtran freagairt ro-shuidhichte, mar eisimpleir, aithris a dhèanamh, cuòt a chur ann gus taic a chumail ris agus seantans a’ sgrìobhadh a’ toirt iomradh air an aithris agus an cuòt. Dh’aithris mòran de luchd-ionnsachaidh gun robh ìrean àrda de dh’uallach orra.
Chaidh aithris air toraidhean coltach ri seo cuideachd ann an Lèirmheas Muir (2022) agus anns an Deasbad Nàiseanta (2023). Nochd Angela Morgan (2018) dragh san lèirmheas aice ’Support for Learning: All Our Children and all their Potential’ mun "aithris mu choileanadh agus na beachdan gum bu choir dhan t-siostam a bhith air a chur air dòigh gus na coileanaidhean sònraichte aig clann is daoine òga aithneachadh a tha a’ dol nas fhaide na teisteanasan SQA." (Morgan, 2018, p114)
Dh’aithris Morgan (2018) gun robh luchd-ionnsachaidh le Feumalachdan Taic a Bharrachd gu tric ga fhaighinn doirbh cothrom fhaighinn air rèiteachaidhean measaidh eile agus gun robh na rudan sin còmhla a’ toirt droch bhuaidh air an sunnd agus an cuid foghlaim. Thuirt cuid de luchd-ionnsachaidh nach robh an siostam dùbhlanach gu leòr dhaibh.
"Leis an fhìrinn innse, cha robh mi a’ faireachdainn gun robh dùbhlan acadaimigeach romham san àrd-sgoil." (Neach-ionnsachaidh, SNAP – Scottish Network for Able Pupils)
Dh’aithris ceannardan-sgoile gun robh an fhianais a chaidh a chruinneachadh airson breithneachadh air càileachd an fhoghlaim ann an sgoiltean, tomhasan cunntachalachd (accountability metrics), a’ stiùireadh giùlain ann an sgoiltean. Bha sgoiltean a’ faireachdainn nach biodh iad air am meas a rèir dè cho math ’s a bha iad a’ coileanadh fheumalachdan gach neach-ionnsachaidh ach a rèir cia mheud neach-ionnsachaidh a choisinn teisteanasan Nàiseanta 5 agus Àrd-ìre. Chaidh aithris gun deach comhairle a thoirt do luchd-ionnsachaidh uaireannan teisteanasan a ghabhail a bhiodh na b’ luachmhoire airson stadastaireachd na sgoile seach an fheadhainn a b’ fheàrr a fhreagras air an cuid neartan. Thuirt luchd-ionnsachaidh gu tric is gu minig gun robh cus dheuchainnean aca. Gu dearbha, nochd mòran thidsearan, luchd-ionnsachaidh agus pàrantan draghan mu na trì bliadhna às dèidh a chèile de dheuchainnean san Ìre as Àirde, Dh’aithris tidsearan gun robh cuideam daonnan orra "faighinn tron churraicealam" ann an sreath de "chabhagan dà-theirm". Bha mòran thidsearan agus luchd-ionnsachaidh nach robh riaraichte le teisteanasan mar a bha iad air an teagasg agus air an ionnsachadh san Ìre as Àirde, le glè bheag de dh’ionnsachadh domhainn ann an sgoiltean agus seòmraichean-teagaisg, dìreach faireachdainn gun robh daoine ann an siostam a bha air a ruith gus dòighean a tha a’ sìor fhàs nas èifeachdaiche a lorg gus ro-aithris mar a nì daoine ann an deuchainn agus gus practas fhaighinn airson deuchainnean. Tha ionnsachadh daonnan a’ gabhail a-steach cleachdadh agus tha e cudromach dèanamh cinnteach gu bheil luchd-ionnsachaidh a’ tuigsinn mar a tha deuchainnean ag obair agus mar a nì iad gu math annta. Tha seo cudromach ach aig a’ cheann thall, ma nithear cus dheth seo, fàsaidh e gu bhith na phrìomh fhactar ann an ionnsachadh agus teagasg, ni e caolachadh air a’ churraicealaim agus bidh e a’ dì-mhisneachadh luchd-ionnsachaidh. Sin an suidheachadh an-dràsta ann an Alba mar a chaidh aithris le àireamhan mòra de luchd-ionnsachaidh, tidsearan agus pàrantan/luchd-cùraim.
Tha na modhan measaidh a thathar a’ cleachdadh ann an colaistean agus oilthighean air atharrachadh gu mòr anns na bliadhnachan mu dheireadh. Tha deuchainnean fhathast nam pàirt den chruth-tìre ach tha tòrr a bharrachd cuideam aig iomadh cùrsa air dòighean eile gus fianais coileanaidh a thrusadh, mar eisimpleir, aistean, pròiseactan (aig daoine fa leth agus aig buidhnean), measadh beòil, fèin-mheasadh is measadh co-leithid, taisbeanaidhean postair. Bidh luchd-fastaidh, a’ cleachdadh raon nas fharsainge de dhòighean gus fianais a chruinneachadh mu ionnsachadh luchd-obrach leithid; measadh didseatach freagairteach air-loidhne, gnìomhan buidhne, fìrinn leasaichte. Anns na Tràth-bhliadhnaichean, sa bhun-sgoil agus anns na bliadhnaichean tràtha de dh’fhoghlam àrd-sgoile, thathar a’ cleachdadh raon farsaing de mhodhan measaidh gus taic a thoirt do dh’ionnsachadh agus gus adhartas a thogail. Ann an iomadh dòigh, is e foghlam aig ceann shuas na àrd-sgoile a tha a-mach à rian leis a’ chòrr de dh’fhoghlam.
1.7 Gèarr-chunntas
Tha argamaid làidir ann gum feum an siostam theisteanasan is measaidh a th’ againn ann an Alba aig an àm seo atharrachadh. Tha fianais a tha a’ cumail taic ris an t-seasamh seo a’ gabhail a-steach:
- mion-sgrùdadh air na tha an dàn dhan chomann-shòisealta ann an h-Alba ann an co-theacs cruinneil far am bi siostam theisteanasan is measaidh nas sùbailte a dhìth mar thoradh air astar an atharrachaidh gus leigeil leis an t-siostam foghlaim dèiligeadh ri suidheachaidhean a tha ag atharrachadh gu luath;
- na chaidh ionnsachadh bho ChOVID-19, na dùbhlain nach bu bheag mu choinneamh an t-siostaim ann a bhith a’ freagairt air a’ ghalar lèir-sgaoilte agus ceistean mu chothromachd a thàinig às na toraidhean;
- rannsachadh nàiseanta agus aiseagan eadar-nàiseanta air foghlam na h-Alba a’ cur cuideam air na beàrnan eadar àrd-amasan a’ churraicealaim ann an Alba agus na dh’fhiosraicheas luchd-ionnsachaidh, gu sònraichte ann an Teisteanasan Nàiseanta. Tha dùthchannan eile air cùisean coltach ri seo aithneachadh cuideachd agus tha iad air a bhith a’ cur ath-leasachaidhean an gnìomh air na siostaman theisteanasan aca;
- lèirmheasan agus aiseagan a tha
- a’ faighneachd a bheil an siostam làithreach a’ frithealadh air luchd-ionnsachaidh gu cothromach agus ag aithneachadh agus a’ cur luach iomchaidh air na coileanaidhean aca san fharsaingeachd, agus;
- beàrnan a chaidh a chomharrachadh le fastaichean eadar bunait sgilean an luchd-ionnsachaidh a tha a’ fàgail na h-Ìre as Àirde aig an àm seo agus na sgilean a dh’fheumar gus an eaconamaidh a chuideachadh gus fàs agus an comann-sòisealta san fharsaingeachd gus soirbheachadh.
Bha an Lèirmheas Neo-eisimeileach ag amas air sgrùdadh a dhèanamh air mar as fheàrr a dh’fhaodadh Alba dèiligeadh ris na dùbhlain sin. Mar phàirt den phròiseas Ath-leasachaidh nas fharsainge ann an Alba, chomharraich Aithisg Muir (2022) mar bu chòir siostam foghlaim na h-Alba atharrachadh gus taic nas èifeachdaiche a thoirt do luchd-ionnsachaidh agus do thidsearan. Leis an tiotal, ’Putting Learners at the Centre’, chomharraich an aithisg gum feumadh Foghlam na h-Alba na rudan as cudromaiche aithneachadh; luchd-ionnsachaidh agus càileachd an cuid foghlaim. Bu chòir sunnd luchd-ionnsachaidh a bhith mar phrìomh dhleastanas airson gach siostam agus structar ann an co-theacs nan adhbharan a tha air am mìneachadh ann an Artaigil 29 den UNCRC (1989). Ach, gus an tachradh sin, bha Muir (2022) den bheachd gum feumadh siostam foghlaim na h-Alba atharrachadh. Tha:
"feum air atharrachadh cultarail agus inntinn cudromach aig gach ìre. Feumaidh seo a bhith stèidhichte air Lèirsinn choitcheann ris a bheil a h-uile neach-ùidh air aontachadh, a tha a’ cur prìomh fhòcas air luchd-ionnsachaidh agus air na feumalachdan eadar-mheasgte aca." (Muir 2022, td14)
Bha na cuspairean sin mar thoiseach tòiseachaidh dhan Lèirmheas Neo-eisimeileach seo: am feum siostam teisteanais is measaidh san àm ri teachd a chomharrachadh a bhiodh a’ frithealadh luchd-ionnsachaidh agus Alba mar chomann-sòisealta gu math agus a bhith air a chur an sàs ann an dòigh a bhiodh a chomharraicheadh atharrachadh cultair. Bhiodh sin a’ ciallachadh a bhith a’ cur luchd-ionnsachaidh aig cridhe chùisean agus a’ cruthachadh, am measg an luchd-ùidh air fad, Lèirsinn choitcheann airson theisteanasan agus measadh san àm ri teachd.
Moladh 1: Atharraich Teisteanasan agus Measadh san Ìre an Àirde ann an Alba. Feumaidh atharrachadh a bhith air a dhealbhadh gu faiceallach agus air a ghoireasachadh.
1.8 Geàrr-chunntas air an Aithisg seo
- Tha Caibideil a Dhà den aithisg seo a’ toirt cunntas air na dòighean anns an robh an Lèirmheas Neo-eisimeileach ag amas air a h-uile coimhearsnachd aig a bheil ùidh ann an teisteanasan agus measadh san àm ri teachd a thoirt a-steach.
- Tha Caibideil a Trì a’ coimhead taobh a-muigh na h-Alba gus beachdachadh air mar a tha dùthchannan eile a’ dèiligeadh ris an dùbhlan a bhith a’ cruthachadh theisteanasan agus siostaman measaidh a tha iomchaidh dhan àm ri teachd agus mar a dh’fhaodadh cleachdadh ann an àiteachan eile a bhith buntainneach do dh’Alba.
- Tha Caibideil a Ceithir, a tha a’ tarraing air an fharsaingeachd de thùsan is de dh’fhianais air an deach cunntas a thoirt sna Caibideilean roimhe, a’ cur air adhart na Lèirsinn agus nam Prionnsabalan airson teisteanasan agus measadh ann an Alba san àm ri teachd agus a’ moladh dòigh-obrach ùr.
- Tha Caibideil a Còig a’ cur air adhart mapa-slighe a’ sealltainn mar a dh’fhaodadh siostam foghlaim na h-Alba agus comann-sòisealta na h-Alba san fharsaingeachd gluasad bho chleachdadh làithreach gu siostam ùr. Tha an earrann seo den Aithisg a’ comharrachadh nas urrainn do dhiofar choimhearsnachdan cur ri buileachadh Lèirsinn is Prionnsabalan an Lèirmheis, agus tha e a’ comharrachadh nam buaidhean a bhiodh aig an atharrachadh air stòrasan.
- Ann an Caibideil a Sia tha liosta ann de mholaidhean airson theisteanasan agus measadh ann an Alba san àm ri teachd.
Chan aontaich a h-uile duine ris a h-uile rud san aithisg seo. Ach, tha na thathar a’ moladh a’ faighinn taic fharsaing taobh a-staigh agus taobh a-muigh na Buidhne Lèirmheis Neo-eisimeilich.
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback