It's Our Future - Independent Review of Qualifications and Assessment: report - Gaelic version

Gaelic translation of It’s Our Future, report covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment.


2. Ag Atharrachadh Cultar an Fhoghlaim an Alba: Dòigh-obrach an Lèirmheis

2.1 Modail Atharrachaidh na h-Iomlanachd

Bha an Aithisg Putting Learners at the Centre (Muir 2022) a’ moladh gum biodh atharrachadh cultair ann am foghlam na h-Alba. An toiseach, a rèir an UNCRC (1989), bu chòir do luchd-ionnsachaidh a bhith aig cridhe cho-dhùnaidhean. San dàrna h-àite, thuirt an aithisg nach tèid àrd-amasan foghlam na h-Alba a thoirt gu buil ach a-mhàin ma tha a h-uile coimhearsnachd deònach obrachadh còmhla. Dh’aithnich an t-Àrd-Ollamh Muir nach biodh atharrachadh domhainn agus brìoghmhor comasach gus am biodh e air aithneachadh gu bheil soirbheachas ath-leasachadh sam bith an urra ri gnìomhan gach neach a tha ceangailte ris. Ann an oidhirp molaidhean an Àrd-ollaimh Muir a leantainn, tha an Lèirmheas seo air ro-innleachd conaltraidh a dhealbhadh gus dèanamh cinnteach gum bi cothroman brìoghmhor ann do gach neach a tha airson cur ris an obair.

Tha an dòigh-obrach a thaobh com-pàirt tron Lèirmheas seo air fad stèidhichte air Modail Atharrachaidh na h-Iomlanachd - Integrity Model of Change , (Hayward & Spencer, 2010) a tha a’ toirt aire do thrì raointean co-cheangailte is eadar-obrachail:

Iomlanachd Foghlaim – am feum gus dèanamh cinnteach gum bi cothroman foghlaim agus cothroman beatha nas fheàrr ann do gach neach-ionnsachaidh mar thoradh air na nithear, m.e., gu bheil air a stiùireadh le poileasaidh, cleachdadh agus rannsachadh.

Iomlanachd Pearsanta is Proifeiseanta - cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine aig a bheil pàirt ann an soirbheas an ùr-ghnàthachaidh an sàs ann an dealbhadh agus leasachadh, ag aithneachadh agus a’ cur luach air a’ phàirt ro-chudromach a bhios aig gach neach.

Iomlanachd Shiostamach - am feum gus dèanamh cinnteach gu bheil na diofar phàirtean den t-siostam air an aon rèir gus taic a thoirt dhan ath-leasachadh. Feumaidh luchd-ionnsachaidh, pàrantan agus luchd-cùraim, an Riaghaltas, na buidhnean nàiseanta, comainn phroifeiseanta, coimhearsnachdan ionadail, tidsearan, solaraichean foghlaim, colaistean, fastaichean agus oilthighean, uile taic ghnìomhach a thoirt dhan phròiseas atharrachaidh ma tha an t-ath-leasachadh gu bhith soirbheachail.

Clàr 1: Modail Atharrachaidh na h-Iomlanachd

Feumaidh ùr-ghnàthachadh sam bith a tha ag amas air atharrachadh a stiùireadh a tha domhainn, brìoghmhor agus seasmhach aire a thoirt do ghrunn fheartan. Gu tric bidh atharrachadh a’ cuimseachadh air na dh’fheumas atharrachadh agus, gu dearbh, tha sin deatamach. Ach, tha e a cheart cho cudromach beachdachadh air carson a tha an t-atharrachadh cudromach, ciamar a dh’fhaodar a choileanadh agus cuin a dh’fhaodadh e tachairt, mar eisimpleir, cò ris a bhiodh clàr-ama pragmatach agus so-ruigsinneach coltach. Ann an co-theacs an Lèirmheis seo, feumar an argamaid a dhèanamh gu bheil atharrachadh theisteanasan agus measadh cudromach an dà chuid do luchd-ionnsachaidh fa leth agus do chomann-sòisealta na h-Alba gu h-iomlan.

Mu dheireadh, ma tha atharrachadh gu bhith seasmhach, tha an Lèirmheas air comharrachadh dè dh’fheumas a bhith eadar-dhealaichte san t-siostam foghlaim san fharsaingeachd gus taic a chumail ri ùr-ghnàthachadh ann an cleachdadh, m.e. cunntachalachd, Sgrùdadh agus ITE.

Bha dealbhadh an Lèirmheis Neo-eisimeilich ag amas air dèiligeadh ri gach fear de na trì tomhasan den mhodail atharrachaidh.

2.1.1 Iomlanachd Foghlaim

An toiseach, gus Iomlanachd Foghlaim a thogail, thòisich an Lèirmheas Neo-eisimeileach air obair le fòcas air luchd-ionnsachaidh. B’ e a’ chiad ghnìomh aig an Lèirmheas aithris a chruthachadh air Lèirsinn agus Prionnsapalan a dh’fhaodadh a bhith ann airson Teisteanasan is Measadh na h-Alba san àm ri teachd. Dh’obraich co-oibrichean bho Phàrlamaid Òigridh na h-Alba agus bho Phàrlamaid na Cloinne còmhla rinn gus dreachd aithris air Lèirsinn is Prionnsapalan a chruthachadh mar thoiseach tòiseachaidh dhan Lèirmheas.

Bha trì ìrean de cho-chomhairle ann às dèidh seo. Bha a’ chiad ìre den chonaltradh a’ sireadh bheachdan air a bhith a’ cruthachadh Lèirsinn cho-roinnte air na bu chòir teisteanasan agus measadh ann an Alba a bhith ag amas air coileanadh. Co-cheangailte ris an Lèirsinn, bha an Lèirmheas Neo-eisimeileach cuideachd a’ sireadh bheachdan air na Prionnsapalan a chaidh a mholadh. Bheachdaich an IRG agus na CCGan air an dreach Lèirsinn agus Prionnsabalan (tha iomradh anns an ath earrainn). Chaidh pasgan deasbaid, a’ gabhail a-steach bhidio, pàipear fiosrachaidh agus suirbhidh a chur tro Ùghdarrasan Ionadail gu gach sgoil ann an Alba agus gu dìreach chun a h-uile colaiste. Chaidh mion-sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air freagairtean, agus chaidh na co-dhùnaidhean a chleachdadh gus an dreachd Lèirsinn agus Prionnsapalan ath-sgrùdadh.

Chaidh an Lèirsinn agus na Prionnsapalan a chleachdadh gus dealbhadh an t-siostam teisteanasan agus measaidh ath-leasaichte fhiosrachadh. A bharrachd air sin, thathar a’ moladh gum bi iad nan clachan-dhearbhaidh airson an ath-leasachaidh. Gus nach tachair na duilgheadasan le ùr-ghnàthachadh ann an Alba a bha ann roimhe a-rithist, far an robh cleachdadh thar ùine a’ fàs eadar-dhealaichte bho na h-amasan ath-leasachaidh tùsail, bu chòir an Lèirsinn agus na Prionnsapalan a chleachdadh thar ùine gus sùil a chumail air a’ cheangal eadar beachdan agus buileachadh.

Bha an dàrna ìre den obair conaltraidh, a’ cleachdadh na Lèirsinn agus nam Prionnsabalan mar thoiseach tòiseachaidh, a’ sireadh fios-air-ais mu roghainnean a chuidicheadh le bhith a’ comharrachadh nan crìochan aig dòigh-obrach ùr a thaobh theisteanasan is measaidh ann an Alba. Bha an ìre seo den obair chom-pàirteachaidh ag iarraidh bheachdan air grunn chuspairean, a’ gabhail a-steach:

  • am bu chòir no nach bu chòir fianais air coileanadh luchd-ionnsachaidh a bhith air a chruinneachadh airson luchd-ionnsachaidh soirbheachail a-mhàin no ann an dòigh nas fharsainge gus a bhith a’ gabhail a-steach coileanadh thar nan trì comasan eile ann an CfE, daoine misneachail, com-pàirtichean èifeachdach agus saoranaich chunntachail;
  • an cothromachadh eadar measadh stèidhichte ann an suidheachadh foghlaim agus measadh bhon taobh a-muigh;
  • cleachdadh teicneòlais gus dòighean ùra a chur an comas a thaobh measadh agus theisteanasan agus mar dhòigh gus coileanadh a chlàradh, agus;
  • am bu chòir no nach bu chòir duais a bhith aig deireadh an Fhoghlaim Fharsaing Choitchinn (BGE).

A-rithist, chaidh cuspairean a dheasbad gu mionaideach anns an IRG agus anns na CCGan. Chaidh dàrna pasgan deasbaid le bhidio taic, pàipear cùl-fhiosrachaidh agus taisbeanadh PowerPoint a chur gu dìreach chun a h-uile sgoil agus colaiste. Mar thoradh air na duilgheadasan a bha ag èirigh bho Ìre a h-Aon, far an robh am pròiseas sgaoilidh gu sgoiltean air obrachadh na b’ fheàrr ann an cuid de sgìrean na dùthcha na cuid eile, ann an Ìre a Dhà chaidh pasganan deasbaid a chur gu ùghdarrasan ionadail aig an aon àm agus gu dìreach chun a h-uile sgoil agus colaiste, gus dèanamh cinnteach gun robh cothrom aig a h-uile cleachdaiche cur ri smaoineachadh mun t-slighe air adhart san àm ri teachd. Mar phàirt de dh’Ìre a Dhà rinn an Lèirmheas co-chomhairleachadh poblach.

A-rithist, chaidh na freagairtean dhan dàrna ìre a mhion-sgrùdadh gu neo-eisimeileach agus chaidh na toraidhean a chleachdadh gus am modail a chruthachadh a bha mar fhòcas air deasbad ann an Ìre a Trì.

Bha an treas ìre den Lèirmheas a’ sireadh bheachdan air modail airson teisteanasan agus measadh ann an Alba san àm ri teachd. Chaidh modail Ìre a Trì a dhealbhadh gus am biodh e co-chòrdail ris an Lèirsinn agus na Prionnsabalan a chaidh aontachadh ann an Ìre a h-Aon agus ri beachdan air an cur an cèill air na crìochan a chaidh a stèidheachadh an dèidh Ìre a Dhà den cho-chomhairle. Chaidh iarraidh air luchd-freagairt san treas ìre beachdachadh air an ìre is gun robh am modail co-chòrdail ris an Lèirsinn agus Prionnsapalan aontaichte agus, gu deatamach, gus na ceumannan practaigeach a chomharrachadh a bhiodh a dhìth airson a’ mhodail seo, no modail atharraichte, nan robh e gu bhith soirbheachail ann an cleachdadh.

Rè nan trì ìrean den Lèirmheas, thadhail buill den sgioba Lèirmheis air sgoiltean agus colaistean air feadh na h-Alba gus conaltradh a dhèanamh gu dìreach ri luchd-ionnsachaidh, tidsearan, òraidichean, ceannardan sgoile agus prionnsapalan cholaistean. Uile gu lèir bha 21 tadhalan air sgoiltean agus colaistean (faic Pàipear-taice a Sia).

Tha na co-dhùnaidhean bho na trì ìrean den Lèirmheas a’ fiosrachadh nam molaidhean san aithisg seo.

2.1.2 Iomlanachd Phearsanta is Proifeiseanta: Dreuchdan is Dleastanasan

Taobh a-staigh Modail Atharrachaidh na h-Iomlanachd, ma tha e gu bhith a’ lìbhrigeadh iomlanachd phearsanta is phroifeasanta bu chòir àite a bhith aig a h-uile duine aig a bheil pàirt ann an dèanamh cinnteach gu bheil an ùr-ghnàthachadh soirbheachail ann an bhith ga dhealbhadh agus leasachadh. Tha seo ag aithneachadh agus a’ cur luach air a’ phàirt dheatamaich a bhios aig gach neach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi an t-innleachdas soirbheachail. Bha cruthachadh na Buidhne Lèirmheis Neo-eisimeileach (IRG) agus Buidhnean Co-obrachail Coimhearsnachd (CCGan) agus an conaltradh le sgoiltean is colaistean agus an co-chomhairleachadh poblach ann airson a bhith nan dòighean gus iomlanachd pearsanta is proifeiseanta a bhrosnachadh taobh a-staigh an Lèirmheis.

Tha IRG air a bhith aig cridhe an Lèirmheis Neo-eisimeilich cho-obrachail seo. Tha an IRG ag obrachadh mar mhodail matraigs.

Air aon taobh den mhatraigs, bha trì buidhnean sònraichte de chom-pàirtichean an sàs san Lèirmheas Neo-eisimeileach:

  • dhaibhsan as cudromaiche dha bheil teisteanasan, a’ gabhail a-steach luchd-ionnsachaidh agus, far a bheil e iomchaidh, pàrantan no luchd-cùraim,
  • an fheadhainn a tha an sàs ann a bhith a’ dealbhadh, a’ leasachadh agus a’ tabhann theisteanasan - proifeiseantaich foghlaim a’ gabhail a-steach tidsearan agus òraidichean, stiùirichean sgoile is cholaistean agus luchd-dèanamh poileasaidh ionadail is nàiseanta, agus;
  • agus an fheadhainn a tha a’ cleachdaichean theisteanasan leithid colaistean, fastaichean agus oilthighean.

Air taobh eile a’ mhatraigs tha CCGan stèidhichte air rannsachadh le fòcas aca uile air nithean a tha cudromach dhan Lèirmheas Neo-eisimeileach. B’ e adhbhar nam buidhnean sin dèanamh cinnteach gun robh obair IRG air a stiùireadh leis an smaoineachadh as adhartaiche. Nam measg bha luchd-rannsachaidh nàiseanta is eadar-nàiseanta agus prìomh luchd-smaoineachaidh foghlaim. Bha aon bhuidheann a’ cuimseachadh air Cothromas, am feum dèanamh cinnteach gun toireadh molaidhean sam bith aire do na builean do gach neach-ionnsachaidh. Bha dàrna buidheann a’ cuimseachadh air Curraicealam, Measadh agus Teisteanasan agus mar a dh’fhaodamaid co-thaobhadh làidir a bhrosnachadh eatorra. Chomhairlich an treas buidheann air a’ bhunait fianais airson Theisteanasan is Measadh gus dèanamh cinnteach gun robh deagh smaoineachadh an Lèirmheas air a dheagh fhiosrachadh. Bheachdaich a’ cheathramh buidheann air Pròiseasan Atharrachaidh, a’ comhairleachadh air fianais gus molaidhean a stiùireadh gus taic a thoirt dhan phròiseas atharrachaidh. Leis an uiread de lèirmheasan agus ath-leasachaidhean a rinneadh no a tha a’ dol air adhart an Alba, chomhairlich a’ chòigeamh buidheann air Co-thaobhadh Poileasaidh mar a dhèanadh sinn cinnteach gun robh ath-sgrùdadh theisteanasan air an deagh cho-thaobhadh riutha.

Tha a h-uile buidheann agus cuspair air an ainmeachadh gu h-àrd deatamach airson soirbheachas siostam theisteanasan is measaidh a tha an dà chuid earbsach agus practaigeach.

Rinn gach ball den IRG ceangal ri buidheann nas fharsainge de bhuill bhon choimhearsnachd aca. Bha buill IRG ag obair le 13 prìomh CCGan agus le grunn bhuidhnean deasbaid co-cheangailte. Mar eisimpleir, taobh a-staigh an IRG, bha trì buidhnean co-cheangailte ri cleachdadh proifeiseanta. Bha tè dhiubh a’ cuimseachadh air a’ Phroifeisean, le CCG a bha a’ gabhail a-steach buidhnean proifeasanta luchd-teagaisg agus buill a bha ag obair le luchd-ionnsachaidh bho raon farsaing de choimhearsnachdan agus aig an robh eòlas sònraichte air, mar eisimpleir, cinneadh, ana-cothrom sòisio-eaconamach, luchd-cùraim, sgoilearan comasach. Bha dàrna tè cuideachd ag amas air a bhith a’ conaltradh gu dìreach ri tidsearan clas, leis an treas buidheann an sàs le stiùirichean sgoile agus an ceathramh tè le prionnsapalan colaiste.

Dh’fhàs àireamh nan CCGan tro bheatha an Lèirmheis agus ùidh a’ fàs anns na cuspairean agus fo-chuspairean a bha gan deasbad. Mar eisimpleir, ann am plana tùsail an CCG, bha aon CCG ann a thug còmhla fastaichean bho chompanaidhean nàiseanta is cruinneil. Tro bheatha an Lèirmheis chaidh coimhearsnachd luchd-fastaidh a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach buidhnean deasbaid co-cheangailte airson fastaichean san roinn phoblaich agus san treas roinn agus airson fastaichean beaga is meadhanach (SMEan). Chaidh grunn bhuidhnean CCG co-cheangailte eile a chruthachadh ri linn an Lèirmheis.

Bha gach CCG a’ gabhail a-steach raon farsaing de chom-pàirtichean gus dòigh-obrach in-ghabhalach agus com-pàirteachail a bhrosnachadh dhan Lèirmheas Neo-eisimeileach. B’ e an t-amas pròiseas Lèirmheas Neo-eisimeileach a bhith ann a tha a’ gabhail ri iomadachd luchd-ionnsachaidh agus choimhearsnachdan na h-Alba. Bha feart eile air an IRG a bha diofraichte bhon phàtran àbhaisteach de bhallrachd chomataidhean. Cha robh buill an IRG a’ feuchainn ris na buidhnean aca fhèin a riochdachadh, ach an àite sin bha iad uile mar neach-cuideachaidh gus conaltradh a bhrosnachadh eadar IRG agus na coimhearsnachdan san fharsaingeachd air mar a dh’fhaodadh siostam teisteanais is measaidh na h-Alba san àm ri teachd taic a thoirt dhan a h-uile neach-ionnsachaidh anns a h-uile suidheachadh foghlaim.

Bha e na phrìomh dhleastanas air buill an IRG conaltradh coimhearsnachd nas fharsainge a chur an comas. Thug gach ball den IRG daoine bhon choimhearsnachd leudaichte aca còmhla gus CCG a chruthachadh. Tro na CCGan aca, dheasbad buill an IRG air cuspairean agus chruinnich iad beachdan bho dhaoine fa leth agus bho bhuidhnean a tha a rèir nàdar eadar-mheasgte nan coimhearsnachdan aca. Bha am pròiseas na bu shìmplidh ann an cuid de choimhearsnachdan na an cuid eile (faic Eàrr-ràdh a Còig). Ach, tha sinn den bheachd gun deach còrr is 400 neach bho raon farsaing de choimhearsnachdan an sàs gu brìoghmhor anns na trì ìrean den cho-chomhairle.

Bha an dàimh eadar IRG agus na CCGan ath-aithriseach. Chaidh na beachdan air an do bheachdaich an IRG a dheasbad le buill nan CCG agus chaidh fianais agus beachdan bho na CCGan a thoirt air ais gu coinneamhan mìosail an IRG mar phàirt den phròiseas cruinneachaidh fianais nas fharsainge. Thug na trì ìrean den phròiseas co-chomhairleachaidh structar seachad airson conaltradh leis na CCGan.

2.1.3 Iomlanachd Shiostamach

Is e Iomlanachd Shiostamach an treas pàirt den mhodail Iomlanachd a tha ro-chudromach airson soirbheas pròiseas ath-leasachaidh sam bith. Ann an Alba, feumaidh raon farsaing de bhuidhnean co-thaobhadh gus taic a thoirt dhan phròiseas atharrachaidh ann an ùr-ghnàthachadh sam bith. Tha rudeigin aig an Riaghaltas agus a h-uile pàrtaidh poilitigeach, buidhnean nàiseanta, HMIE, tidsearan agus ceannardan, buidhnean proifeiseanta, coimhearsnachdan poileasaidh ionadail, ITE, colaistean, fastaichean agus oilthighean, gus taic a thoirt dhan phròiseas atharrachaidh ma tha an t-ath-leasachadh gu bhith soirbheachail.

A bharrachd air coinneamhan IRG agus CCG, choinnich sinn ri prìomh dhaoine bho bhuidhnean agus comainn air feadh na h-Alba, a bharrachd air comataidhean ro-innleachdail gus sgrùdadh a dhèanamh air na dh’fhaodadh gach buidheann a dhèanamh gus taic a thoirt do stèidheachadh a’ phròiseas agus dhan phròiseas atharrachaidh san fhad-ùine gus dèanamh cinnteach gun rachadh aire a thoirt do dh’iomlanachd siostamach. Gheibhear liosta de choinneamhan, tachartasan agus cuairtean aig (Eàrr-ràdh a Sia).

2.2 Fianais bho Phròiseas an Lèirmheis: Ìre a h-Aon – Co- chomhairle air an Lèirsinn agus air na Prionnsabalan

Mar a chaidh a ràdh roimhe, chaidh an dreachd Lèirsinn agus na dreachd Phrionnsapalan a chaidh a chruthachadh ann an com-pàirteachas leis an SYP agus Pàrlamaid na Cloinne a dheasbad ann an coinneamhan IRG agus CCGan agus thàinig iad gu bhith nam bunait airson Ìre a h-Aon den cho-obrachadh. Fhuaireadh freagairtean bho CCGan, buidhnean deasbaid co-cheangailte agus fhuaradh 221 freagairt bho sgoiltean agus colaistean. Bha tòrr de na freagairtean aig sgoiltean agus colaistean stèidhichte air còmhraidhean buidhne le grunn thidsearan/òraidichean agus luchd-ionnsachaidh, agus chaidh na freagairtean sin a chur a-steach às leth na buidhne. Chaidh mion-sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air na beachdan air ais bho Ìre a h-Aon agus tha an aithisg ri fhaighinn an seo.

Ann an geàrr-chunntas, thug an fhianais bho cho-chomhairle Ìre a h-Aon taic do na beachdan bunaiteach anns na dreachd aithrisean Lèirsinn is Prionnsapalan. Ach, bha comhairle ann an cànan a dhèanamh nas sìmplidhe agus na h-aithrisean a dhèanamh nas soilleire. Chaidh cànan na Lèirsinn agus nam Prionnsapalan atharrachadh, agus chaidh àireamh nam Prionnsapalan a lùghdachadh gus na beachdan a gheurachadh. Chaidh aontachadh gum bu chòir an Lèirsinn agus na Prionnsabalan a chleachdadh mar bhunait gus teisteanasan agus measadh san àm ri teachd a dhealbhadh agus mar bhunait gus sùil a chumail air a’ cheangal eadar an Lèirsinn agus cleachdadh thar ùine.

Chaidh an Lèirsinn agus Prionnsabalan ùraichte an uair sin a chleachdadh gus an dàrna ìre den Lèirmheas fhiosrachadh, far an deach roghainnean, a bha a rèir na Lèirsinn agus nam Prionnsapalan, a sgrùdadh.

2.3 Fianais bho Phròiseas an Lèirmheis: Ìre a Dha - Com-pàirteachadh air na Roghainnean airson Atharrachadh

Thòisich Ìre 2 den Lèirmheas anns an Dàmhair 2022 agus dhùin i anns an Fhaoilleach 2023. Bha co-chomhairle phoblach ann cuideachd. Choimhead a’ cho-chomhairle airson na h-ìre seo air roghainnean a chuidicheadh le bhith a’ mìneachadh dòigh-obrach ùr a dh’fhaodadh a bhith ann a thaobh theisteanasan is measadh ann an Alba.

Bheachdaich IRG gu mionaideach air na roghainnean a dh’fhaodadh a bhith ann agus chùm iad coinneamhan leis na CCGan aca. A bharrachd air fios-air-ais bhon IRG, chuir na CCGan a-steach beachdan mionaideach agus fhuaradh còrr is 700 freagairtean bhon cho-chomhairle phoblach. Coltach ri Ìre a h-Aon, chaidh na freagairtean a sgrùdadh gu neo-eisimeileach le the Lines Between, agus tha an aithisg anailis ri faighinn an seo. San aithghearrachd, bha na prìomh chùisean a chaidh a thogail mar a leanas:

2.3.1 Am Feum air Atharrachadh

A rèir còmhraidhean anns an IRG, CCGan, agus coinneamhan eile air an stiùireadh leis an Neach-gairm a tha an Lèirmheas Neo-eisimeileach air cumail, cho math ri tursan sgoile/colaiste, bha aonta cha mhòr uile-choitcheann ann gun robh feum air atharrachadh ann an teisteanasan agus measadh agus air mar a thathar gan cleachdadh san Ìre as Àirde. Chaidh taic a thoirt dhan cho-dhùnadh seo anns na freagairtean bho cha mhòr a h-uile neach-co-chomhairle a fhreagair a’ cho-chomhairle phoblach san fharsaingeachd, a’ gabhail a-steach sgoiltean agus colaistean.

2.3.2 Seòrsaichean Fianais a tha a’ Nochdadh Coileanadh Luchd-ionnsachaidh

Bha aonta farsaing thar choimhearsnachdan gum bu chòir cruinneachadh fianais mu adhartas agus coileanadh luchd-ionnsachaidh ann an cuspairean no raointean curraicealaim leantainn air mar phàirt chudromach de theisteanasan. Ach, thar nan coimhearsnachdan bhathar ag aithneachadh gum feumar a dhol nas fhaide na cuspairean/raointean curraicealaim fa leth. Mar eisimpleir, bu chòir cothroman a bhith aig luchd-ionnsachaidh sgilean a thaisbeanadh fhad ’s a tha iad a’ cleachdadh eòlas bho thairis air diofar chuspairean/raointean den churraicealam ann an co-theacsan fìor-bheatha. A bharrachd air an sin, bu chòir cothroman a bhith aig luchd-ionnsachaidh fianais nas fharsainge a bhith aca air an coileanadh gu sòisealta, gu cultarail agus gu h-eaconamach. Bha beachd làidir aig mòran de luchd-ionnsachaidh air an t-sealladh nas fharsainge seo de bhith ag aithneachadh an cuid choileanaidhean.

"Feumaidh sinn smaoineachadh gu radaigeach seach a bhith a’ coimhead air ais an seo.

Feumaidh sinn coimhead air na diofar raointean cuspaireil agus air an dòigh as fheàrr air ionnsachadh a thaisbeanadh anns gach raon agus tuigsinn gum bu chòir seo a bhith a’ coimhead eadar-dhealaichte airson gach cuspair. Feumaidh sinn sùbailteachd taobh a-staigh ar siostam measaidh seach a bhith ag obair a rèir siostam far am bi an SQA a’ dealbhadh agus a’ suidheachadh dheuchainnean. Feumaidh sinn luach a chur ann an ionnsachadh uile agus feumaidh sinn na cothroman didseatach a th’ ann a thoirt gu buil gus an urrainn dhuinn ionnsachadh a mheasadh." (Ball CCG, Teagasg)

Ged a bha miann ann gum biodh raon nas fharsainge de choileanaidhean air an aithneachadh, bhathar den bheachd gun robh duilgheadasan ann leis an dòigh san deach iomradh a thoirt air na ceithir comasan. Mhol grunn luchd-freagairt gun biodh na ceithir co-theacsan airson ionnsachadh mar a tha air an taisbeanadh ann an ‘Refreshed Narrative for CfE’ (Riaghaltas na h-Alba, 2019) nam frèam-obrach nas fheàrr airson teisteanasan agus measadh.

Clàr 2: Aithris Ùraichte CfE

Bha taic chudromach ann cuideachd airson raon nas fharsainge de dhòighean-obrach a thaobh theisteanasan. Bhathar den bheachd gun robh cus deuchainn ann do luchd-ionnsachaidh ann an Alba. Bha deuchainnean fìor chudromach aig mòran den fheadhainn a bha a’ dèanamh Theisteanasan Nàiseanta ann an trì bliadhna às dèidh a chèile, ann an ÀS4, ÀS5 agus ÀS6.

"Dh’fhaodte gum bu chòir Alba beachdachadh air ‘sgioblachadh’ a dhèanamh air daithead eachdraidheil nan deuchainnean anns na bliadhnaichean àrd-sgoile ÀS4-ÀS6, agus beachdachadh air cuin agus carson a bu chòir do sgoilearan Albannach deuchainnean a ghabhail, agus beachdachadh air dòighean eile gus deireadh foghlam èigneachail a chomharrachadh." (Stobart, 2021, td41)

"A bheil feum againn an da-rìribh air deuchainnean gus ionnsachadh agus adhartas a thomhas? Tha measadh comasach air an aon rud a dhèanamh agus feumar a h-uile duine measadh gus an cuid ionnsachaidh a dhearbhadh." (BOCSH, Ceannardan-sgoile)

"Tha tidsearan den bheachd gu bheil mòran den chuideam agus den uallach obrach a tha orra fhèin agus air luchd-ionnsachaidh air sgàth an ‘cabhag dà-theirm’ gach bliadhna agus air ‘ro-aithris nan deuchainn’ ceangailte, tha a’ fàgail glè bheag de rùm airson cruthachalachd, doimhneachd, farsaingeachd no tlachd ann an ionnsachadh san Ìre as Àirde." (EIS)

Ged a bha cha mhòr a h-uile Teisteanas Nàiseanta a’ gabhail a-steach measgachadh de ghnìomhan obair-cùrsa ro-COVID-19, bha freagairtean co-chomhairleachaidh a’ cuimseachadh air an ùine mhòr a bhiodh ga chaitheamh air ro-aithris airson deuchainnean cudromach, mar eisimpleir prelims, a’ coimhead tro sheann deuchainnean, ro-aithris air dòighean-obrach airson a bhith a’ freagairt cheistean. Bha am beachd gum biodh prògraman ionnsachaidh dà bhliadhna ann tarraingeach do mhòran. Ach, thuirt iad gum bu chòir "lìon shàbhailteachd" a bhith ann, àite-fàgail airson luchd-ionnsachaidh a cho-dhùineas gu bheil iad airson crìoch a chur air cuspair aig deireadh a’ chiad bhliadhna.

San fharsaingeachd, chuir CCGan taic ri gluasad a dh’ionnsaigh chùrsaichean adhartach thar dà bhliadhna, agus a bhith a’ cruinneachadh chreideasan cùrsa tron Ìre as Àirde air fad. Nas fharsainge, ged a tha taic ann airson gluasad air falbh bho na trì cuairtean deuchainn aon-bhliadhna fa leth ann an ÀS4, ÀS5 agus ÀS6, bha dragh ann mun mholadh nach biodh deuchainnean bhon taobh a-muigh aig luchd-ionnsachaidh ach a-mhàin aig àm fàgail na adhbhar dragh.

"Tha e coltach gu bheil seo ag ràdh gum biodh sgoilear a bha ag dèanamh Beurla gu ÀS6, mar eisimpleir, dìreach a’ faighinn deuchainnean sa bhliadhna sin a-mhàin. Tha e coltach gun toireadh seo riosg nas motha buileach a a-steach gu siostam a tha làn riosgan mar-thà. (NASUWT)

2.3.3 Dòighean sam Bu chòir Fianais a Chruinneachadh agus a Mheasadh

Bha aonta farsaing ann gum bu chòir fianais air coileanaidhean an luchd-ionnsachaidh ann an diofar raointean a bhith air a cruinneachadh agus air a measadh ann an diofar dhòighean. Mar eisimpleir, airson gach cuspair, bu chòir dòighean-obrach a thaobh togail fianais a bhith a’ gabhail a-steach cothromachadh air measadh air an taobh a-staigh agus an taobh a-muigh a’ gabhail a-steach deuchainnean (le comharra no gun chomharra) agus, mar a bhios iomchaidh, pròiseactan, obair-chùrsa, measaidhean beòil, taisbeanaidhean agus obair phractaigeach. Bu chòir gach cuspair na dòighean measaidh as iomchaidh a chomharrachadh. Air an làimh eile, bu chòir fianais air ionnsachadh ann an co-theacsan nas fharsainge, mar eisimpleir a bhith mar phàirt de dhealbh-chluich sgoile, no a’ cluich ann an còmhlan, no a’ toirt taic do leughadh chloinne nas òige, no le dreuchd ceannardais sgoile a bhith air a chruinneachadh ann an dòighean gu math eadar-dhealaichte is dòcha a’ toirt luchd-ionnsachaidh an sàs ann am fèin-chnuasachadh. no aithrisean luchd-fianais gus dhearbhadh na chuir iad ris a’ ghnothach. Gu bunaiteach, bu chòir na dòighean-obrach gus fianais a chruinneachadh agus na dòighean air fianais a mheasadh a bhith iomchaidh a thaobh nàdar na gnìomhachd.

"Bha a’ mhòr-chuid de luchd-obrach a’ toirt taic do mheasadh leantainneach (le sampallan air an dearbhadh bhon taobh a-muigh), deuchainnean aig àm fàgail a-mhàin (far a bheil sin iomchaidh - i.e. chan ann do dh’Obair-fiodha Practaigeach msaa) agus cleachdadh nas motha de theicneòlas didseatach agus measaidhean beòil. Tha e cudromach beachdachadh air a’ chuideam a bu choir a bhith air measadh leantainneach – feumaidh seo a bhith ri fhaighinn airson a h-uile cuspair leis gu bheil Matamataig an-dràsta a’ crochadh gu tur air an deuchainn bhon taobh a-muigh, agus chan eil seo na chuideachadh."

(Àrd-sgoil Pàirc an Rìgh, Luchd-obrach agus luchd-ionnsachaidh)

Bha taic làidir ann airson a bhith a’ toirt a-steach raon nas fharsainge de dhòighean measaidh. Mar eisimpleir, bha fianais gun robh cleachdaidhean làitheil ann an sgoiltean a thaobh theisteanasan air fàs foirmleach. Chaidh aithris gun deach tòrr den ùine aig luchd-ionnsachaidh a chosg air ionnsachadh air an teanga agus air ro-aithris airson nan deuchainnean. A bharrachd air an sin, mar as trice bha susbaint chùrsaichean agus an fharsaingeachd iomlan de dh’eòlas agus de sgilean a bha buntainneach ri ionnsachadh domhainn ann an cuspair air a chaolachadh gus fòcas a chur air na bhiodh air a mheasadh. B’ e am beachd a bh’ aig cuid ris an do bhruidhinn sinn gun robh an siostam theisteanasan a’ stiùireadh na h-obrach gu lèir san Ìre as Àirde, suidheachadh mì-iomchaidh anns an robh a’ bhuidheann sgrùdaidh agus buileachaidh an da-rìribh a’ suidheachadh a’ churraicealaim. Ged a chaidh aithneachadh nach eil ionnsachadh air an teanga no ro-aithris airson deuchainn neo-chuideachail annta fhèin, tha na h-eileamaidean sin air a bhith gan cleachdadh cus. Chaidh a mholadh gum bu chòir dòigh-obrach leithid deuchainnean leabhraichean fosgailte, deuchainnean beòil agus amharc structarail air gnìomhan a bhith air a chleachdadh nas fharsainge gus na cothroman a leudachadh airson eòlasan luchd-ionnsachaidh a bhith air an cothromachadh na b’ fheàrr.

Bha aonta a bharrachd ann gun robh feum air cothromachadh nas fheàrr eadar fianais stèidhichte san sgoil agus sgrùdadh bhon taobh a-muigh. Ach, cha robh e soilleir cò ris a bhiodh an cothromachadh nas fheàrr sin coltach. Bha diofar bheachdan ann mu na dh’fhaodadh measadh stèidhichte san sgoil a bhith a’ ciallachadh. Do chuid, bha measadh san sgoil a’ ciallachadh sreath de dheuchainnean nas giorra coltach ri measaidhean deireadh modail. Mhol an fheadhainn a rinn argamaid airson a’ mhodail seo gun lùghdaicheadh e an cuideam air aon deuchainn aig deireadh cùrsa. Thugadh fa-near gu bheil measadh leantainneach agus modarataireachd air taobh a-staigh agus taobh a-muigh cumanta taobh a-staigh siostam nam colaistean.

"Bu chòir measadh a bhith na dheagh chothromachadh eadar measadh leantainneach air an taobh a-staigh agus measadh bhon taobh a-muigh." (Sgoil agus Seirbheis Mothachaidh Pàirc Windsor)

Thuirt an fheadhainn a rinn argamaid an aghaidh seo gun robh an dòigh-obrach seo a’ cur barrachd ris an eallach measaidh agus nach adhbharaicheadh sin ach sreath de mheasaidhean cudromach. Do chuid eile, bha measadh san sgoil a’ ciallachadh a bhith a’ cruinneachadh fianais a tha a’ nochdadh gu nàdarra mar phàirt den ionnsachadh agus den teagasg. Bhiodh cruinneachadh den leithid de dh’fhianais air a mhodaratadh an uair sin gus dèanamh cinnteach gum biodh inbhean taobh a-staigh agus thar sgoiltean is colaistean coimeasach. Ged a bu chòir dhuinn cuimhneachadh gur feàrr le cuid de luchd-ionnsachaidh deuchainnean, bha àireamh shusbainteach de dhaoine bho air feadh dhiofar choimhearsnachdan ag argamaid airson diofar dhòighean measaidh gus am biodh an cothrom as fheàrr aig luchd-ionnsachaidh na coileanaidhean aca a thaisbeanadh. Mar eisimpleir, bha cuid de luchd-ionnsachaidh den bheachd gun robh na cinn-latha aig deuchainnean feumail dhaibh ach do chuid eile bha cuideam nan deuchainnean a’ cuingealachadh an comais an coileanadh a shealltainn. Dhan luchd-ionnsachaidh sin, bhathar den bheachd gun robh a bhith a’ cruinneachadh fianais mar phàirt den ionnsachadh agus den teagasg a’ fàgail gun robh nas lugha de streas ann agus a’ leasachadh an cuid coileanaidh. Bhruidhinn luchd-ionnsachaidh gu tric air streas deuchainnean agus mun droch bhuaidh a bh’ aige air an comas an cuid eòlais, sgilean agus tuigse a thaisbeanadh.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil modail measaidh is sgrùdaidh sam bith cothromach agus cunbhalach, agus aig an aon àm a bhith a’ dèanamh cinnteach gun toir sinn cothrom dhaibhsan nach eil cho comasach fianais a thoirt dhaibh air na choilean iad. Tha mi a’ smaoineachadh gur e deagh bheachd a th’ ann gluasad air falbh bhon t-siostam pas is fàilligeadh theann. Is fìor thoil leam am beachd measadh leantainneach/le tidsear a bhith ann agus nas lugha de dheuchainnean." (Ball CCG, Luchd-fastaidh)

Ged a chaidh fàilte mhòr a chur air a’ bheachd gum bu chòir barrachd cuideam a chur air measadh leantainneach, bhathar ag aithneachadh gu bheil e deatamach gun tèid misneachd a chumail san t-siostam measaidh. Bha aonta làidir ann gum bu chòir pròiseasan a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gum biodh inbhean coimeasach agus gur e cùis nàiseanta a bha seo, i.e. tè far am bu chòir plana nàiseanta a bhith ann. Bu chòir dhan dòigh-obrach a thaobh modarataireachd a bhith co-rèireach agus gun a bhith ro bhiùrocratach. Rinn cuid an argamaid gum faodadh measadh a-staigh a bharrachd àrdachadh a thoirt air eallach-obrach an luchd-teagaisg nach bhiodh idir cuideachail dhaibh agus gun robh eallach-obrach na chùis chudromach is nach bu chòir dearmad a dhèanamh air. Bhiodh e cudromach comharrachadh dè bu chòir do thidsearan stad a bhith a’ dèanamh nan rachadh gabhail ri cleachdaidhean ùra. Tha e do-sheasamh a bhith a’ cur ris an eallach obrach a th’ ann mar-thà.

"Dh’ fheumadh e a bhith air a chruinneachadh ann an dòigh a tha cothromach, follaiseach, earbsach, dearbhte agus cunbhalach. " (Oilthigh Chill Rìmhinn)

Ged a bhiodh fiosrachadh mu choileanadh luchd-ionnsachaidh taobh a-muigh na sgoile luachmhor, nam biodh e earbsach, cha bu chòir do thidsearan seo a chruinneachadh oir chuireadh seo cuideam a bharrachd air eallach obrach a tha trom mar-thà.

"Cha bu chòir dha a bhith e an urra ri tidsearan a bhith a’ breithneachadh air luach bunaiteach gnìomhachd mar seo. Is e an dleastanas a th’ air tidsearan an seo cothroman a thoirt seachad gus coileanadh taobh a-muigh na sgoile no taobh a-staigh na sgoile a chlàradh, stèidhichte air na tha an luchd-ionnsachaidh a’ meas luachmhor. Bhiodh luchd-teagaisg a’ toirt seachad brosnachadh agus stiùireadh an seo." (Ball CCG, Teagasg)

Thog luchd-foghlaim dachaigh grunn chùisean, ag ràdh gun robh e gu math dùbhlanach do luchd-ionnsachaidh ann am foghlam dachaigh teisteanasan fhaighinn agus gu sònraichte gus na goireasan fhaighinn a dh’fheumar airson deuchainn a shuidhe. Bha iarrtas ann gus dèiligeadh ris an duilgheadas seo.

"Tha mi a’ smaoineachadh nuair a tha luchd-foghlaim dachaigh fhathast a’ pàigheadh chìsean airson seirbheisean ionadail, gum bu chòir taic reusanta sam bith a bhith ri fhaighinn do chloinn ann am foghlam dachaigh a tha a’ sireadh chuspairean practaigeach no theisteanasan. Bu chòir oidhirpean a dhèanamh gus dòigh-obrach mheasgaichte a thabhann do dhaoine òga a tha a’ strì ri bhith an làthair làn-ùine airson deagh adhbharan." (Ball CCG, Pàrantan is Luchd-cùraim)

2.3.4 Mar Bu chòir Fianais a Thaisbeanadh

Cleachdadh nas motha de theicneòlas

Bha aonta farsaing ann gum feum cleachdadh teicneòlas a bhith a’ sìor fhàs ann an teisteanasan agus measadh. Bu chòir dealbhadh theisteanasan ùra agus measadh gabhail ri cleachdadh teicneòlais. Ach, tha an astar san urrainn do luchd-ionnsachaidh buannachd fhaighinn bho chomasan teicneòlais, a rèir ri dè cho luath ‘s as urrainn dhan t-siostam foghlaim dèiligeadh ri cùisean ruigsinneachd, earbsachd agus sùbailteachd nan siostaman IT agus an ìre sgil ann an cleachdadh teicneòlais am measg phroifeiseantaich ann an ionnsachadh, teagasg. agus measadh. Thathar den bheachd gu bheil na diofar shiostaman IT aig ùghdarrasan ionadail a’ cruthachadh iom-fhillteachd nach eil cuideachail ma siostam nàiseanta ciallach gu bhith air a chruthachadh. Chaidh argamaid a dhèanamh gum faodadh an siostam leasanan ionnsachadh, an dà chuid math is dona, bho thoirt a-steach agus a’ cleachdadh GLOW. Bha an fheum air siostam air a dhealbhadh gu sònraichte gus teisteanasan a lìbhrigeadh air fhaicinn mar phrìomhachas. Bhathar den bheachd gur e pròifil coileanaidh stèidhichte air teicneòlas am fuasgladh nàdarra airson luchd-ionnsachaidh san àm ri teachd gus na coileanaidhean aca a thaisbeanadh.

Thuirt cuid den luchd-freagairt gur e fuasgladh teicneòlach an aon dòigh air fianais a thaisbeanadh air adhartas agus coileanadh an luchd-ionnsachaidh. Thug iad iomradh air na h-adhbharan air cùl fàilligeadh a’ Chlàr Coileanaidh Nàiseanta (NRA) a bh’ ann roimhe. Bha e air fàs biùrocratach gu ìre mhòr mar thoradh air dòigh-obrach stèidhichte air pàipear agus pasganan.

"Tha mi ag aontachadh gum bu chòir na ghabhas de dh’fhiosrachadh a chruinneachadh ach bu chòir siostam a bhith ann gus dèanamh cinnteach nach bi sgoilearan fo anacothrom mar thoradh air dìth chothroman taobh a-muigh na sgoile no dìth conaltraidh le pàrantan a thaobh eòlasan ionnsachaidh taobh a-muigh na sgoile." (Kibble)

Ged a bha beagan taic airson smaoineachadh cruthachail mu chleachdadh teicneòlas agus a comas mar dhòigh gus tìde a shàbhaladh, bhathar den bheachd sa chumantas gun robh bun-structar nan sgoiltean ro sheann fhasanta. Chaidh argamaid a dhèanamh gum biodh teicneòlas na phrìomh ro-innleachd gus luchd-ionnsachaidh a thoirt a-steach às ùr oir tha an siostam pàipear-is-peansail gu ìre mhòr a’ faireachdainn seann-fhasanta dhaibh. Thug cuid den luchd-fhreagairt fa-near gu robh comas nas motha ann airson foill ann an siostam didseatach.

"Bu chòir deuchainnean a bhith air an dèanamh gu didseatach, agus bu chòir do na sgoilearan na freagairtean aca a thaidhpeadh. Bheireadh seo air falbh mòran chùisean leithid a bhith a’ sganadh sgriobtaichean deuchainn agus a’ feuchainn ri làmh-sgrìobhadh sgoilearan a leughadh." (Neach fa leth, Co-chomhairle Phoblach, Ìre a Dhà)

2.3.5 Teisteanas Fàgail

Thuirt freagairtean gum biodh luach ann an teisteanas fàgail no teisteanas ceumnachaidh mar dhòigh fheumail air raon nas fharsainge de choileanaidhean aithneachadh. Bha comas aig an dòigh-obrach seo a bhith a’ gabhail a-steach coileanaidhean coimhearsnachd nas fharsainge, agus luach a thoirt do choileanaidhean luchd-ionnsachaidh, cuid dhuibh nach bi is dòcha a’ sealltainn nas urrainn dhaibh a choileanadh ann an co-theacs na sgoile. Bhathar den bheachd gun robh an dòigh-obrach a’ co-thaobhadh nas fheàrr ri àrd-amasan CfE agus ris an atharrachadh chultarail a dh’fheumar a bhith ann gus seo a choileanadh.

Bha teisteanas fàgail air aithneachadh mar dhòigh air dealbh nas coileanta a thoirt seachad de gach neach-ionnsachaidh. Rinneadh an argamaid gun robh a bhith a’ tabhann fiosrachadh mu raon nas fharsainge de choileanaidhean a’ co-thaobhadh nas fheàrr ris an t-seòrsa fiosrachaidh a bha luchd-ionnsachaidh airson a thoirt seachad agus a bha luchd-fastaidh ag iarraidh fhaighinn. Chomharraich cuid de luchd-freagairt gun robh an dòigh-obrach seo a rèir cleachdaidhean làithreach ann an grunn dùthchannan a tha a’ coileanadh aig àrd-ìre gu h-eadar-nàiseanta.

"Tha teisteanas fàgail gu math cumanta ann an iomadh siostam foghlaim eadar-nàiseanta a tha coltach ri Alba, agus tha iad air an cleachdadh gu tric anns na pròiseasan inntrigidh againn gus sgilean agus comasan nas fharsainge a mheasadh. Tha sinn toilichte gu bheilear a’ beachdachadh air teisteanas fàgail a bhiodh ri fhaighinn mar phàirt den Ìre as Àirde, a dh’ fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach raon nas fharsainge de dh’fhianais air coileanadh na teisteanasan stèidhichte air cuspair." (Oilthigh Chill Rìmhinn)

"Tha sinn toilichte gu bheilear a’ beachdachadh air teisteanas fàgail a bhiodh ri fhaighinn mar phàirt den Ìre as Àirde, a dh’ fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach raon nas fharsainge de dh’fhianais air coileanadh na teisteanasan stèidhichte air cuspair." (Clann an Alba)

Ach, chaidh draghan a nochdadh nach biodh an t-uallach obrach a bharrachd a bhiodh an lùib seo a bhith a’ cruinneachadh fianais air aithneachadh agus nach biodh an ùine a bhiodh a dhìth airson seo air a thoirt do thidsearan. Mhol beagan den luchd-fhreagairt gun robh cunnart ann gun rachadh ath-aithris a dhèanamh air na bha air teisteanas SQA mar-thà (fiù ’s ged nach robh e an-còmhnaidh aithnichte) agus mar a dh’fhaodadh an dòigh-obrach seo, mura biodh e air a dhealbhadh gu ceart, ana-cothrom adhbharachadh do na h-oileanaich as so-leònte nach b’ urrainn na riatanasan gu lèir a choileanadh.

"Sin barrachd cruinneachadh fiosrachaidh agus dàta a rachadh a chur air deasg tidseir agus a rachadh a dhèanamh an àite a bhith a lìbhrigeadh deagh leasanan sa chlas." (Neach fa leth, Co-chomhairle Ìre a Tri)

2.3.6 Teisteanas aig Foghlam Farsaing Coitcheann

Bha beachdan eadar-dhealaichte a thaobh an luach a bhiodh aig toirt a-steach teisteanas aig deireadh Foghlam Farsaing Coitcheann. Rinn cuid an argamaid gum faodadh seo barrachd fòcas agus adhbhar a thoirt do dh’Fhoghlam Farsaing Coitcheann. Bha cuid eile ag argamaid gur e eacarsaich gun fheum a bhiodh ann a bhith a’ cruinneachadh fiosrachadh gus taic a thoirt do theisteanas aig an ìre seo.

"Tha mi a’ smaoineachadh gum biodh seo na bhuannachd gun teagamh oir tha an leum bho Fhoghlam Farsaing Coitcheann dhan Ìre as Àirde uaireannan eagallach do sgoilearan, gu sònraichte na daoine òga againn aig a bheil beàrnan san cuid ionnsachadh agus a tha air foghlam fhiosrachadh roimhe ann an dòigh nach robh fàbharach. Nan robh faireachdainn de choileanadh aig daoine aig deireadh Foghlam Farsaing Coitcheann, dh’fhaodadh gum brosnaicheadh seo iad gus barrachd a choileanadh anns an Ìre as Àirde. ’S dòcha nach fhaigh sgoilearan nach eil cho comasach soirbheachas ann ann teisteanas san Ìre as Àirde agus mar sin dh’fhaodadh seo am misneachd a thogail." (Kibble)

2.3.7 Ceistean Coitcheann

Mar fhreagairt dhan cheist fhosgailte, thuirt proifeiseantaich foghlaim an toiseach gum feumar dèiligeadh ri grunn dhuilgheadasan: biùrocrasaidh gun fheum, teicneòlas seann-fhasanta agus neo-iomchaidh, cuideam eallach obrach, buidhnean nàiseanta a bhathar den bheachd nach robh freagairteach gu leòr, am feum air iomlanachd agus dligheachd an

t-siostaim theisteanasan a chumail suas agus ìre de mhì-chinnt ann a bhith a’ mìneachadh na bha comasan CfE a’ ciallachadh.

San dàrna h-àite, chuir iad cuideam air cho cudromach ’s a tha atharrachadh siostam gus taic a thoirt do dhòigh-obrach ùr sam bith a thaobh theisteanasan, mar eisimpleir, ceumannan dàta agus cunntachalachd (an fhreagairt as cumanta), pròiseasan sgrùdaidh, dàimhean taobh a-staigh agus thar bhuidhnean nàiseanta, foghlam tùsail thidsearan, ionnsachadh proifeiseanta leantainneach agus inbhean proifeiseanta (Priestly et al, 2023).

Bha e inntinneach toirt fa-near mar a bha mòran de na cùisean a chaidh a thogail ann an Ìre a Dhà den cho-chomhairle a’ nochdadh bheachdan a bha nam pàirt den Lèirsinn thùsail airson CfE. Bha an t-amas a bhith a’ nochdadh raon nas fharsainge de choileanadh luchd-ionnsachaidh, am miann àireamh nan deuchainnean a nì luchd-ionnsachaidh fa leth a lùghdachadh, agus gun a bhith a’ toirt a-steach measadh a bheireadh buaidh mhòr aig àm ro thràth sa phròiseas ionnsachaidh, mar eisimpleir, mar a tha mìnichte ann an Building the Curriculum 3. Tha raon coitcheann eile ri lorg anns a’ mhiann thùsail aig CfE gus raon nas fharsainge de dhòighean-obrach a thabhann airson fianais a chruinneachadh, mar eisimpleir, tha Building the Curriculum 5 ag ràdh: "Bu chòir do luchd-ionnsachaidh a bhith an sàs anns gach taobh de phròiseasan measaidh agus eileamaid de roghainn agus pearsanachadh a bhith aca ann a bhith a’ sealltainn gu bheil iad air na builean ris a bheil dùil a choileanadh."

Chaidh an fhianais bhon sgrùdadh air co-chomhairle Ìre a Dhà, còmhla ris an Lèirsinn agus na Prionnsabalan ath-sgrùdaichte bho Ìre a h-Aon, a chleachdadh gus modail a dhealbhadh a bha an uair sin air a chleachdadh mar bhunait airson na treas ìre den cho-chomhairleachadh le coimhearsnachdan air feadh na h-Alba.

2.4 Fianais bho Phròiseas an Lèirmheis: Ìre a Trì - Modail Ùr airson Teisteanasan is Measadh ann an Alba san àm ri teachd

Chaidh conaltradh air Ìre a Trì a chumail bho 3 Màrt gu 31 Giblean. B’ e 3 Màrt gu 7 Giblean na clàran-ama tùsail airson a’ chonaltraidh, ach chaidh seo a leudachadh às dèidh iarrtais airson barrachd ùine bho Chomainn Proifeasanta nan Tidsearan.

Chaidh cunnradair neo-eisimeileach, Progressive Partnership, a bharantachadh gus mion-sgrùdadh bhon taobh a-muigh a dhèanamh air freagairtean Ìre a Trì, stèidhichte air na raointean-ama tùsail. Às dèidh an leudachadh, bha e comasach do na cunnradairean an anailis aca air freagairtean a fhuaireadh a leudachadh suas gu 14 Giblean. Uile gu lèir bha 365 freagairtean ann tron t-suirbhidh do Sgoiltean is Colaistean agus 17 freagairtean mionaideach bho 17 CCGan agus buidhnean còmhraidh co-cheangailte. Chaidh freagairtean a fhuaras eadar 15 Giblean agus 31 Giblean a sgrùdadh leis Rùnaireachd an Lèirmheis Neo-eisimeilich a’ cleachdadh an fhrèam còdaidh a chaidh a chruthachadh le Progressive Partnership. Bha seo a’ gabhail a-steach 120 freagairt agus fhuaireadh 90 dhiubh sin tron t-Suirbhidh do Sgoiltean is Colaistean agus fhuaireadh 30 tron phost-d.

Aig Ìre a Trì dh’iarr an Lèirmheas beachdan air Dioplòma Coileanaidh na h-Alba (an Dioplòma) agus na trì eileamaidean aige . Chaidh beachdan a shireadh tro na CCGan agus chaidh beachdan iarraidh bho gach sgoil agus colaiste ann an Alba. Chaidh na h-aon cheistean a chur air an dà bhuidhinn. Chaidh beachdan nan CCG a thogail tro choinneamhan air an cur air dòigh leis a’ bhall cheangailte den IRG agus chaidh beachdan bho sgoiltean is colaistean a shireadh tro shuirbhidh air-loidhne, "Sgrùdadh nan Sgoiltean is Colaistean". Chaidh an suirbhidh seo a chur tro phost-d gu gach àrd-sgoil agus bun-sgoil agus colaisde san dùthaich còmhla ri sgrìobhainnean taice . Chaidh an Suirbhidh do Sgoiltean is Colaisdean agus sgrìobhainnean taice a chur gu sgoiltean neo-eisimeileach, gu na Sgoiltean Sònraichte le Taic Tabhartas (GASS) agus gu aonadan a tha a’ toirt seachad cùram tèarainte do dhaoine òga fo aois 18 ann an Alba.

Beachdan an Luchd-freagairt Uile gu lèir, bha beachdan measgaichte ann mun Dioplòma. San fharsaingeachd, bha na freagairtean bho na CCGan buailteach a bhith na b’ fhàbharaiche na na freagairtean a fhuaireadh tron t-Suirbhidh do Sgoiltean is Colaistean. Tha grunn mhìneachaidhean ann airson nan eadar-dhealachaidhean sin, nam measg:

  • bha ìomhaigh nan CCGan eadar-dhealaichte bhon t-Suirbhidh do Sgoiltean is Colaistean. Bha a’ mhòr-chuid de na freagairtean a fhuaireadh tron t-Suirbhidh Sgoiltean is Colaistean bho choimhearsnachdan sgoile, seach colaistean, agus bha a’ mhòr-chuid dhiubh sin bho thidsearan àrd-sgoile. Bha freagairtean CCG a’ gabhail a-steach raon fada nas fharsainge de luchd-ùidh agus ged a bha seo a’ gabhail a-steach buidhnean thidsearan, bha e cuideachd a’ gabhail a-steach luchd-ionnsachaidh, pàrantan agus luchd-cùraim, oilthighean, Stiùirichean Foghlaim, Manaidsearan Càileachd Colaiste, fastaichean, luchd-rannsachaidh agus proifeiseantaich poileasaidh. Faic an liosta iomlan de bhallrachd CCG (Eàrr-ràdh a Ceithir) .
  • bha an dòigh conaltraidh eadar-dhealaichte. Chaidh pròiseas co-chomhairleachaidh beachdachaidh a chleachdadh leis na CCGan, a bha a’ ciallachadh gun robh barrachd cothrom aca air fiosrachadh mun Lèirmheas tron bhall IRG cheangailte aca, cothroman ceistean fhaighneachd agus gun robh ùine airson meòrachadh aca aig agus eadar gach tè de na trì ìrean. Cha robh còmhradh buidhne daonnan ann leis an t-Suirbhidh Sgoiltean is Colaistean agus ged a mhol an Lèirmheas gum biodh suidheachaidhean foghlaim a’ beachdachadh air na molaidhean mus cuireadh iad freagairt a-steach, bha e an urra ris gach suidheachadh co-dhùnadh am bu chòir dhaibh sin a dhèanamh/ciamar a dhèanadh iad sin. Is dòcha gum biodh na freagairtean na bu lìomhte nam biodh deasbadan buidhne ann mus deach an suirbhidh a lìonadh, leis an fheadhainn a lìon an t-suirbhidh a’ tighinn gu na molaidhean gun a bhith gam faicinn roimhe no a bhith a’ smaoineachadh mun deidhinn cus, no a’ faireachdainn gum faodadh iad a bhith nas dìriche nam freagairtean.
  • ghabh cha mhòr a h-uile duine a ghabh pàirt ann an còmhraidhean CCG pàirt anns na trì ìrean den Lèirmheas: bha mòran a bharrachd fhreagairtean ann dhan Sgrùdadh Ìre 3 air Sgoiltean is Colaisde na suirbhidh Ìre a h-Aon, a tha a’ sealltainn nach do ghabh cuid de luchd-freagairt Suirbhidh Sgoiltean is Colaistean Ìre a Trì pàirt anns na trì ìrean uile.

2.4.1 Dioplòma Coileanaidh na h-Alba

Ged a bha mòran den luchd-freagairt fàbharach mu na h-amasan a bha mar bhunait dhan Dioplòma agus do na trì eileamaidean aige, bha dragh ann cuideachd mu mar a dh’obraicheadh am modail an da-rìribh. Chaidh draghan a nochdadh a thaobh co-ionannachd, gu sònraichte a thaobh na h-eileamaid Slighe Pearsanta.

"Tha sinn a’ faireachdainn gu bheil an Dioplòma mar a chaidh a mholadh a’ nochdadh mòran de na miannan tùsail aig a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais; rùintean nach deach a choileanadh ann an cuid a dhòighean thairis air an 20 bliadhna a dh’ fhalbh. A thaobh sin, tha an cothrom na h-amasan sin a choileanadh tro bhith a’ toirt a-steach dioplòma ri mholadh. Ach, tha sinn a’ faireachdainn gu bheil fìor dhraghan ann mu nithean practaigeach, agus mun t-seòrsa atharrachadh cultair a dh’fheumadh a bhith ann gus leigeil le a leithid de leasachadh a bhith soirbheachail." (Acadamaidh na Cùilt)

"Tha cothromas na cheist a-rithist. Chan fhaigh daoine òga nach eil cho beairteach na h-uimhir de chothroman." (Sgioba Stiùiridh Leudaichte, Acadamaidh Chuil)

San fharsaingeachd, chuir na CCGan fàilte air a’ mholadh airson Dioplòma. Bha CCG an Luchd-ionnsachaidh gu sònraichte taiceil.

Chuir mòran den luchd-freagairt san t-Suirbhidh Sgoiltean is Colaiste fàilte cuideachd air na molaidhean airson an Dioplòma. Am measg nam prìomh adhbharan a chaidh a thoirt seachad, bha:

  • gum biodh e a’ taisbeanadh nan coileanaidhean uile aig an luchd-ionnsachaidh;
  • gun toireadh e seachad dealbh nas cruinne air coileanadh luchd-ionnsachaidh agus mar sin gum biodh e na bhuannachd do luchd-fastaidh agus oilthighean san àm ri teachd;
  • bhiodh coileanaidhean agus teisteanasan a’ co-thaobhadh ri amasan an neach-ionnsachaidh agus ris na h-ath cheumannan nan cuid foghlaim/cosnaidh, agus;
  • chruthaicheadh iad cothroman gus coileanadh gach neach-ionnsachaidh a thaisbeanadh, chan e dìreach an fheadhainn as acadaimigiche.

2.3.2 Prògraman Ionnsachaidh

San fharsaingeachd bha CCGan, agus an fheadhainn a fhreagair tron Suirbhidh Sgoiltean is Cholaistean a’ sireadh barrachd mion-fhiosrachaidh mu mar a dh’obraicheadh eileamaid nam Prògraman Ionnsachaidh agus mar a dh’obraicheadh e ann an cleachdadh. Bha draghan ann a thaobh co-ionannachd co-cheangailte ri measadh thidsearan agus an cunnart gum biodh claon-breith aig luchd-teagaisg. Bha seo gu sònraichte follaiseach anns an CCG co-cheangailte ri Cothromas, ged nach ann an seo a-mhàin a chaidh a thogail.

"Tha barrachd iomadachd ann an sgioba-obrach an fhoghlaim - agus am measg phroifeiseantaich a tha an sàs ann a bhith a’ dealbhadh, a’ leasachadh agus a’ rangachadh theisteanasan agus ionnstramaidean measaidh - na dhòigh air claonadh ann am measadh a sheachnadh, mar thoradh air an iomadachd fheumail ann an seallaidhean agus eòlas beò a tha na lùib. Tha e fhathast na bheachd aig buidheann DiTPEW gum bu chòir iomadachd luchd-obrach a bhrosnachadh chan ann a-mhàin anns a’ phroifeisean teagaisg ach cuideachd anns na buidhnean nàiseanta le uallach ro-innleachdail airson measadh agus teisteanasan." (AREP - Fo-bhuidheann Iomadachd ann am Proifeisean an Teagaisg agus Feachd-obrach an Fhoghlaim)

Sa mhòr-chuid, dh’aontaich CCGan ris na molaidhean a bha air am mìneachadh anns na Prògraman Ionnsachaidh a’ gabhail a-steach moladh lùghdachadh a dhèanamh air na th’ ann de mheasadh bhon taobh a-muigh san Ìre as àirde. San fharsaingeachd, chuir CCGan taic ri gluasad a dh’ionnsaigh chùrsaichean adhartach thar dà bhliadhna, agus a bhith a’ cruinneachadh chreideasan cùrsa tron Ìre as Àirde air fad.

Bha diofar bheachdan am measg luchd-freagairt san t-Suirbhidh Sgoiltean is Cholaistean a thaobh nam molaidhean a thaobh nam Prògraman Ionnsachaidh. Ged a bha mòran de na freagairtean fàbharach, bha teagamhan aig cuibhreann na bu mhotha. Uile gu lèir, bha tidsearan a bha a’ freagairt tron Suirbhidh do Sgoiltean is Colaistean buailteach a bhith mì-fhàbharach mu mholaidhean fo Phrògraman Ionnsachaidh, ach bha luchd-ionnsachaidh a fhreagair tron t-suirbhidh buailteach a bhith fàbharach. Gu h-inntinneach, bha tidsearan a bha an sàs tro na CCGan fàbharach mun mholadh gu ìre mhòr, ged a thog iad draghan mu uallach obrach agus stòrasan. Bha CCG an Luchd-ionnsachaidh gu math fàbharach.

Bha uallach obrach thidsearan na phrìomh chuspair anns na freagairtean a fhuaireadh tron t-Suirbhidh do Sgoiltean is Colaistean. Bha dragh air tidsearan mun bhuaidh a bhiodh aig barrachd eallach-obrach ann a bhith a’ gluasad a dh’ionnsaigh measadh leantainneach, a bharrachd air an taic agus trèanadh a bharrachd a bha a dhìth gus dèanamh cinnteach gum biodh am proifeisean deiseil airson a leithid de dh’atharrachadh.

"Is toil leinn am beachd gu bheil cothrom ann airson iomadachd san dòigh measaidh. Dragh mun bhuaidh san sgoil, gu h-àraidh a thaobh buaidh uallach obrach bho bith a’ togail fianais. Tha cunbhalachd na adhbhar dragh - am bi eisimpleirean agus slat-tomhais soilleir ann gus taic a chumail ri breithneachadh an neach-teagaisg? Feumaidh measadh a bhith làidir fhathast. Iomagain mu uallach obrach. Tha e cudromach deuchainnean foirmeil a chumail airson cuid de chuspairean. Am bi an curraicealam air a chaolachadh mar eisimpleir mura tèid slighe cuspair seachad air Ìre 5? No a bheil iad a’ dol a dh’atharrachadh nan raointean curraicealaim? An e ÀS4/5 neo ÀS5/6 an dà bhliadhna mu bheilear a’ bruidhinn?" (Àrainn Coimhearsnachd Ghàirneag)

Bhathar cuideachd ag aithneachadh gun robh glèidheadh agus trusadh thidsearan agus luchd-taic teagaisg a’ cur ri cùisean uallach obrach thidsearan le aon neach-freagairt ag ràdh gum feumadh dèiligeadh ri seo mar phàirt de dh’atharrachaidhean nas fharsainge gus siostam ùr sam bith a chur an gnìomh gu h-èifeachdach.

Thug na ceistean a chaidh a thogail sa cho-chomhairle grunn bhuaidhean air molaidhean an Lèirmheis seo (faic Caibideil a Sia).

  • Bu chòir barrachd mion-fhiosrachaidh mu mar a dh’obraicheadh na Prògraman Ionnsachaidh a bhith ann, ach cha bu chòir gum biodh am mion-fhiosrachadh seo a bhith ga fhaicinn mar riatanas.
  • Bha taic ann airson lùghdachadh ann am measadh bhon taobh a-muigh, roghainn a bhith ann air cùrsaichean adhartach thar dà bhliadhna, agus a bhith a’ cruinneachadh chreideasan.
  • Bhiodh feum air dòigh-obrach nàiseanta a thaobh measaidh, gus misneachd a thogail ann an inbhean air feadh na dùthcha gus cothrom a thoirt do bhuannachdan measadh sa chlas a bhith air an toirt gu buil agus a bhith a’ dèanamh cinnteach nach biodh neach-ionnsachaidh sam bith fo anacothrom.
  • Bu chòir ionnsachadh proifeiseanta mu chlaon-bhreith a bhith na phàirt riatanach de mheasadh agus bu chòir dha tarraing air eòlas an t-luchd-teagaisg a tha a’ sìor fhàs nas eadar-mheasgte.
  • Bu chòir iomradh sònraichte a thoirt air builean air stòrasan a’ gabhail a-steach uallach obrach.

2.4.3 Ionnsachadh Pròiseict

San fharsaingeachd bha luchd-freagairt fàbharach mu na h-amasan a bha mar bhunait dhan eileamaid Ionnsachadh Pròiseict ach bha dragh orra mu mar a dh’obraicheadh am modail an da-rìribh agus chaidh barrachd fiosrachaidh iarraidh. Bha beagan draghan ann a thaobh cothromas.

Uile gu lèir bha na còmhraidhean CCG air an eileamaid Ionnsachadh Pròiseict fàbharach, le luchd-ionnsachaidh gu sònraichte dealasach. Am measg nam prìomh bhuannachdan a chaidh a chomharrachadh bha:

  • thogadh luchd-ionnsachaidh sgilean airson dreuchdan san àm ri teachd; bhiodh iad ag ullachadh airson cosnadh, oilthigh agus airson beatha inbheach;
  • gum biodh cothroman aig luchd-ionnsachaidh raointean ùidh (ùr) a rannsachadh, agus;
  • b’ urrainn do luchd-ionnsachaidh ionnsachadh agus sgilean a cheangal agus a ghluasad gu raointean ionnsachaidh eile agus sealltainn na bha iad air ionnsachadh ann an suidheachadh far an robhar a’ cur
  • an t-ionnsachadh agus sgilean an gnìomh.

Chuir a h-uile CCG taic ris an eileamaid ann am prionnsapal, ach nochd iad uile dragh mu bhith ga bhuileachadh agus bha iad ag iarraidh barrachd fiosrachaidh. Chaidh draghan a thogail cuideachd mun dòigh as fheàrr gus a’ phàirt seo a mheasadh le mòran den luchd-fhreagairt ag ràdh gum biodh feum air seòrsa de mheasadh, dearbhadh no daingneachadh.

Bha cuid den luchd-freagairt tron t-Suirbhidh Sgoiltean is Cholaistean, gu sònraichte luchd-ionnsachaidh agus colaistean, fìor bhrosnachail mun eileamaid seo den mhodail, le luchd-freagairt a’ toirt iomradh air na prìomh bhuannachdan bho bhith a’ dèanamh obair pròiseict timcheall air cuspair anns a bheil ùidh phearsanta mar dhòigh gus luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh, a’ togail sgilean ann an raon chuspairean, agus a’ brosnachadh ùr-ghnàthachadh agus cruthachalachd. Bha cuid de luchd-freagairt eile tron t-Suirbhidh Sgoiltean is Cholaistean a’ faireachdainn gun robh feum air barrachd mion-fhiosrachaidh gu sònraichte a thaobh buileachadh agus measadh, ged a bha iad mar as trice a’ cur fàilte air na molaidhean, gu sònraichte a thaobh buileachadh agus measadh. Bha seo gu sònraichte fìor a thaobh tidsearan. Thug cuid den luchd-fhreagairt, luchd-teagaisg sa mhòr-chuid, fa near nach robh ionnsachadh eadar-chuspaireil ann an sgoiltean daonnan air a bhith soirbheachail san àm a dh’fhalbh.

"Bu chòir dhan t-siostam theisteanasan is measaidh a bhith a’ ciallachadh gun tèid sgilean a thogail - tha dùbhlan ann gu bheil sinn a’ cuimseachadh air eòlas agus chan ann air a bhith ga chur an gnìomh." (Colaistean Alba)

Thuirt mòran de luchd-freagairt an dà chuid ann an còmhraidhean CCG agus san t-Suirbhidh Sgoiltean is Colaistean gum biodh sgilean a bharrachd a dhìth aig tidsearan àrd-sgoile a tha gu tric air an trèanadh gus aon chuspair a theagasg, agus gu bheil taic do thidsearan ùra tro ITE tùsail agus taic leantainneach dhan luchd-teagaisg air fad tro leasachadh proifeiseanta leantainneach (CPD) deatamach.

"Feumaidh trèanadh iomchaidh agus ùine a bhith aig luchd-obrach gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ tuigsinn nàdar nan atharrachaidhean agus ag ullachadh airson nan atharrachaidhean sin." (Buidheann-stiùiridh nan Seirbheisean Cloinne, Comhairle Shealtainn)

Bha draghan ann mu cho-ionannachd thar gach buidheann luchd-freagairt. Bha cuid de luchd-freagairt a’ faighneachd am biodh cuid de shuidheachaidhean foghlaim ann an suidheachadh na b’ fheàrr gus cothroman a thabhann dhan luchd-ionnsachaidh aca na cuid eile; bhathar den bheachd gum biodh buannachd a bharrachd aig sgoiltean ann an sgìrean bailteil agus aig sgoiltean ann an sgìrean nas beartaiche. Chaidh draghan a thogail cuideachd mu mar a dh’fhaodadh an eileamaid seo a bhith nas dùbhlanaiche a choileanadh do luchd-ionnsachaidh le feumalachdan taic a bharrachd.

"Dh’fhaodadh fòcas air sgilean agus comasan luchd-ionnsachaidh le Feumalachdan Taic a Bharrachd a chur fo ana-cothrom ann an raointean leithid conaltradh; ge-tà; ach dh’fhaodadh e soirbheachadh gu mòr ann an raointean practaigeach agus ann an IT. Feumar aithneachadh gu dearbh, gu sònraichte do chlann ann am foghlam dachaigh air a bheil feumalachdan taic a bharrachd." (Pàrant/Neach-cùraim)

Thug na ceistean a chaidh a thogail sa cho-chomhairle grunn bhuaidhean air molaidhean an Lèirmheis seo (faic Caibideil a Sia).

  • taic dhan mholadh thar raon farsaing de choimhearsnachdan, gu sònraichte am measg luchd-ionnsachaidh;
  • feum air barrachd mion-fhiosrachaidh mar phàirt de na molaidhean, gu sònraichte air molaidhean a thaobh measadh;
  • tha e cudromach tuigsinn carson a bha oidhirpean roimhe gus obair pròiseict a thoirt a-steach thar chuspairean duilich, agus gus ionnsachadh bho seo;
  • tha e cudromach gum bi tìde agus taic aig luchd-obrach agus ann an ITE gus an eileamaid seo den Dioplòma a thoirt air adhart, agus:
  • gum feumar dèanamh cinnteach gu bheil cothroman co-ionann air feadh na dùthcha agus airson a h-uile neach-ionnsachaidh.

2.4.4 Slighe Phearsanta

San fharsaingeachd, bha luchd-freagairt a’ toirt taic do phrionnsapal na Slighe Pearsanta ach chomharraich iad draghan mu mar a bhiodh e air a bhuileachadh agus air a lìbhrigeadh an da-rìribh. Chaidh draghan mòra a thogail a thaobh co-ionannachd thar gach buidheann luchd-freagairt.

"Tha mi a’ tuigsinn nan draghan mu chothromas, ach tha mi creidsinn nuair a smaoinicheas mi mu dheidhinn, gum bi an cothrom sin fhathast aig daoine òga aig a bheil barrachd cothrom air cothroman tron sgoil no taobh a-muigh na sgoile, co-dhiù a bheil solas air a lasadh air le bhith a’ cleachdadh dioplòma no chan eil. Nuair a tha luchd-ionnsachaidh a’ sgrìobhadh an cuid aithrisean pearsanta no iarrtasan obrach no a’ sgrìobhadh Chunntasan Beatha, bidh e comasach dhaibh am beairteas chothroman sin a thoirt leotha. An àite a bhith

a’ seachnadh na ceist sin, a bheil seo a’ toirt dùbhlan dhuinn mar shiostam gus barrachd co-ionannachd a chur air dòigh a thaobh ruigsinneachd air cothrom do dh’òigridh gus an cuideachadh le bhith a’ tuigsinn an àite aca, is dòcha mar neach-cùraim òg no ann a bhith a’ dèanamh ghnìomhan taobh a-muigh na sgoile. Tha sinn a’ leigeil leotha an seòrsa sgilean aithneachadh a tha gu bhith air leth cudromach san àm ri teachd aca, agus gum faodadh a bhith nas beartaiche is dòcha na cuideigin aig a bheil cothrom air tòrr chlubaichean is ghnìomhachdan." (Ball CCG - Luchd-fastaidh san Roinn Phoblach is an Treas Roinn)

"Bha dragh air tidsearan gun toireadh ionmhas aig teaghlaichean fa-leth cus buaidh air builean, agus gum biodh e comasach do chuid de sgoilearan na bràistean coileanaidh iomchaidh fhaighinn ach gum biodh nas lugha de chothroman aig cuid eile gus an calpa cultarail a tha a dhìth a chruinneachadh." (NASUWT)

San fharsaingeachd, chuir na CCGan fàilte air an t-Slighe Phearsanta agus iad ag ràdh:

  • bhrosnaicheadh e coileanadh taobh a-muigh cuspairean acadaimigeach;
  • dh’fhaodadh e a bhith gu sònraichte luachmhor do luchd-ionnsachaidh nach eil cho math air ionnsachadh acadaimigeach;
  • dh’fhaodadh e cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh an cuid ionnsachadh a leudachadh, meòrachadh air an eòlas sin agus fianais a bhith aca ga dhearbhadh, agus;
  • bheireadh e dealbh cruinn agus iomlan den neach-ionnsachaidh.

"Tha an EIS a’ cur fàilte air dòigh in-ghabhalach a thaobh a bhith ag aithneachadh euchdan dhaoine òga, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a chaidh a choileanadh taobh a-muigh suidheachadh foghlaim foirmeil. Do mòran luchd-ionnsachaidh, faodaidh an leithid de choileanaidhean a bhith am measg nan coileanaidhean as luachmhoire agus as cruth-atharrachail aca. Dh’fhaodadh dòigh-obrach mar seo a bhith fìor fheumail do luchd-ionnsachaidh ann a bhith a’ tuigsinn an

cuid ionnsachaidh fhèin roghainnean san àm ri teachd fhiosrachadh; agus dh’fhaodadh e ceangal math a dhèanamh ri eileamaidean eile den Dioplòma." (EIS)

Bha luchd-cleachdaidh theisteanasan (luchd-fastaidh, oilthighean, colaistean) gu sònraichte fàbharach mu dheidhinn, a’ toirt fa-near gun robh e a’ tabhann dòigh gus barrachd ionnsachadh mun neach-ionnsachaidh, agus ’s dòcha cothrom gus eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar grunn thagraichean leis na "h-aon" teisteanasan cuspair.

"A-rithist, [tha mi] a’ cur fàilte air an seo agus gu tric nuair a tha mi a’ dèanamh agallamhan le daoine òga airson a’ chiad dreuchd aca nuair a bhios iad a’ bruidhinn air na cur-seachadan aca, na choilean iad ann an spòrs, na clubaichean agus an obair shaor-thoileach is seo iad tòrr nas dìoghrasach agus a’ bruidhinn le fìor fhaireachdainn mun chuspair." (Ball CCG, Luchd-fastaidh)

Bha mòran de na freagairtean a fhuaras tron t-Suirbhidh Sgoiltean is Cholaistean fàbharach airson adhbharan coltach ri seo Bhiodh e:

  • a’ brosnachadh luchd-ionnsachaidh a bhith ag aithneachadh nan sgilean a tha iad a’ togail sa bheatha làitheil aca;
  • luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh gus uallach a ghabhail airson an cuid ionnsachaidh fhèin tro bhith an sàs ann an cur-seachadan taobh a-muigh na sgoile;
  • comas a thoirt do luchd-ionnsachaidh barrachd a chur ris a’ choimhearsnachd agus bhith a’ dèanamh saor-thoileach ann am buidhnean eadar-dhealaichte, gus an urrainn dhaibh a bhith air an aithneachadh airson na choilean iad;
  • leigeil le luchd-ionnsachaidh làn bheachdachadh a dhèanamh air na tha iad airson a dhèanamh nuair a dh’fhàgas iad foghlam;
  • cothrom a thoirt seachad meòrachadh air coileanaidhean, ach bho shealladh nas fharsainge na dìreach na comharran deuchainn aca, agus;
  • cothrom a thabhann a bhith a’ cur luach air agus a’ comharrachadh diofar litreachasan cultarach.

Bha aonta farsaing am measg a h-uile buidheann luchd-freagairt gum bu chòir an earrann Slighe Phearsanta a bhith air a dhearbhadh ach gun a bhith air a chomharrachadh. Ach, bha draghan nach bu bheag ann mu cho-ionannachd am measg a h-uile buidheann luchd-freagairt le mòran ag ràdh gum faodadh an earrann seo neo-ionannachd a tha ann mar-thà a dhèanamh nas miosa leis gum faodadh gum biodh barrachd cothrom aig luchd-ionnsachaidh bho dhachaighean beairteach/le buannachdan sòisealta air gnìomhan agus cothroman taobh a-muigh na sgoile. Thog cha mhòr a h-uile neach-freagairt cùisean co-ionannachd, a’ toirt fa-near mar eisimpleir nach eil cothrom aig luchd-ionnsachaidh ann an sgìrean bochda agus sgìrean dùthchail air na h-aon chothroman ri luchd-ionnsachaidh ann am bailtean mòra bho theaghlaichean beairteach.

"Ma ghabhas iad pàirt ann an club sam bith, faodaidh e a bhith na dhùbhlan do thòrr dhaoine òga a bhith a’ dol an sàs ann an clubaichean, a’ coinneachadh ri daoine ùra is msaa agus mar sin ma tha iad gu mòr an sàs ann an clubaichean bu chòir sin aithneachadh. A’ gabhail pàirt ann an gnìomhachd sam bith le sponsaireachd agus ag obair gu saor-thoileach a-muigh leis an sgoil. Bhiodh e math cuideachd a bhith ag aithneachadh greisean-gnìomhachais agus na chaidh a choileanadh annta." (Kibble)

Bha grunn luchd-freagairt den bheachd gum bu choir ceumannan a chur an sàs gus am faigheadh clann fo ana-chothrom buannachd bho na cothroman an lùib na Slighe Pearsanta. Ach, bha mòran a’ faireachdainn gum biodh e na dhùbhlan dèiligeadh ri neo-ionannachd shiostamach agus gum biodh e feumach air tòrr mòr ghoireasan, le cuid a’ co-dhùnadh gur dòcha nach biodh e soirbheachail aig a’ cheann thall.

’S fhiach e toirt fa-near gun deach earrainn na Slighe Pearsanta san Dioplòma atharrachadh bho chaidh a’ cho-chomhairleachadh poblach a chur air dòigh, mar thoradh air beachdan ann an Ìre a Trì den Lèirmheas. Chan eil fòcas na h-earrainn Slighe Phearsanta air an àireamh de ghnàth-eòlasan a tha air a bhith aig an neach-ionnsachaidh ach air na tha neach air ionnsachadh tro gnàth-eòlas i.e., am meòrachadh.

Thug na ceistean a chaidh a thogail sa cho-chomhairle grunn bhuaidhean air molaidhean an Lèirmheis seo (faic Caibideil a Sia).

  • Taic ann am prionnsabal dhan t-Slighe Phearsanta. Air a h-aithneachadh mar dhòigh mhath gus dealbh nas cruinne, nas pearsanta fhaighinn den neach-ionnsachaidh agus gus cothroman nas fharsainge a thabhann dhan a h-uile neach-ionnsachaidh gus euchdan a thaisbeanadh.
  • Feumar aghaidh a chur air draghan mu chothromas. Cha do chruthaich am moladh an neo-ionannachd ach chomharraich e gun robh an neo-ionannachd ann.
  • Bu chòir dhan t-Slighe Phearsanta a bhith air a dhearbhadh ach gun a bhith air a chomharrachadh.
  • Cha bu chòir fòcas na Slighe Pearsanta a bhith air an àireamh de dh’eòlasan ach air na tha neach air ionnsachadh, mar eisimpleir, an comas a bhith a’ meòrachadh air na dh’ionnsaich iad.

2.4.5 Co-ionannachd Spèis

Tha co-ionannachd spèis thar theisteanasan na h-àrd-amas a th’ air a bhith aig foghlam na h-Alba bho chionn fhada. Chaidh faighneachd den luchd-fhreagairt: gus co-ionannachd meas a bhrosnachadh thar gach teisteanas, acadaimigeach no teicnigeach agus proifeasanta, am bu chòir an t-aon ainm a bhith aig teisteanasan aig ìre SCQF sònraichte?

Bha mòran de na freagairtean aig CCGan taiceil dhan mholadh seo ged a thuirt cuid nach urrainn atharraichean cànain ach beagan a dhèanamh gus bheachdan air airidheachd nan cùrsaichean acadaimigeach agus teicnigeach, dreuchdail agus proifeasanta atharrachadh.

"Chan eil an t-ainm aig cùrsa fa-leth idir cho cudromach ri nàdar agus ìre phroifeasanta a’ chùrsa sin. Mar eisimpleir, thathar a’ tuigsinn nach eil Dealbhadh Geamannan aig Ìre 6 cho doirbh ri Coimpiutaireachd aig Ìre 6; nach eil Togail-dhealbhan aig Ìre 6 cho dùbhlanach ri Ealain aig Ìre 6. Tha tidsearan ag iarraidh co-ionannachd eadar cùrsaichean a tha aig an aon ìre. Tha iad cuideachd airson dèanamh cinnteach gum bi sgoilearan aig a h-uile ìre comasach air coileanadh agus nach eil sgoiltean a’ feuchainn ri toirt air sgoilearan suidhe ann an clas a tha fìor acadaimigeach nuair nach eil sin freagarrach dhaibhsan". (NASUWT)

Fhreagair beagan a bharrachd air dà chòigeamh den luchd-fhreagairt san t-Suirbhidh Sgoiltean is Colaistean "bu chòir" mar fhreagairt dhan cheist seo. Bha cuid a’ faireachdainn gun robh teisteanasan eadar-dhealaichte a thaobh ìre, cruas agus ìre dùbhlain. Bha cuid eile a’ faireachdainn gum bu chòir dhan ainm cuideachd a bhith a’ nochdadh an t-seòrsa coileanaidh agus an e teisteanas acadaimigeach, teicnigeach no proifeasanta a th’ ann.

"Cha bu chòir. Bu chòir tiotal an teisteanais a bhith co-cheangailte ris an eòlas, na sgilean agus na modhan measaidh a tha na bhroinn. Tha creideas aig deuchainnean Àrd-ìre mar thoradh air a’ cheangal le siostam measaidh làidir agus earbsach. Bidh fastaichean agus solaraichean foghlaim/trèanaidh airson tuigsinn dè tha an neach-ionnsachaidh air dearbhadh as urrainn dhaibh dèanamh agus tha tiotal an teisteanais co-cheangailte ri seo. Ged a bhiodh an t-aon ainm/tiotal nas in-ghabhaltaich, tha deagh obair a’ dol air adhart anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean gus co-ionannachd meas fhaighinn taobh a-staigh frèam SCQF. Gabhaidh seo a dhèanamh agus fhathast a bhith ag aithneachadh gu bheil diofar iarrtasan an lùib diofar theisteanasan." (Àrd-sgoil Chaisteal na Maoirne)

"Tha sinn fìor bhrosnachail mu seo. Tha mòran sgoiltean a-nis nan Tosgairean SCQF oir tha iad den bheachd gu bheil seo fìor chudromach. Tha ar taic ris an aon ainm dhan aon ire gun teagamh." (Àrd-sgoil na Coille an Ear)

2.4.6 Meòrachaidhean air a’ Phròiseas

Chaidh an Lèirmheas a dhealbhadh gus a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an teisteanasan agus measadh a thoirt a-steach bho na h-ìrean as tràithe den dealbhadh. Bha pròiseas an Lèirmheis a’ gabhail a-steach raon farsaing de choimhearsnachdan, a’ gabhail a-steach luchd-ionnsachaidh tron phròiseas air fad. Bha e fìor mhath an fharsaingeachd de choimhearsnachdan a bhith air an riochdachadh taobh a-staigh an IRG. Fhuair a h-uile ball den IRG cothrom teisteanasan fhaicinn tro shùilean diofar bhuidhnean, luchd-ionnsachaidh, phàrantan, thidsearan agus òraidichean, sgoiltean agus cholaistean, luchd-dèanamh poileasaidh ionadail is nàiseanta, bhuidhnean nàiseanta, fhastaichean agus oilthighean. Thug na buidhnean cuspaireil fianais eadar-dhealaichte do na còmhraidhean. Dh’aithnich an IRG gum biodh eus-aonta ann agus bheachdaich iad gu fosgailte air na ceistean, leis an amas dealbhadh a chruthachadh a bhios a choileanadh feumalachdan na h-Alba san dòigh as fheàrr.

Tha e na dhearbhadh air dealas a h-uile duine san IRG, gun do chùm iad orra leis a’ phròiseas agus gun do dh’obraich iad tro dhuilgheadasan a dh’aindeoin nàdar dùbhlanach nan còmhraidhean agus beachdan a bha gu tric a’ dol an aghaidh a’ chèile.

Le dithis bhall de Phàrlamaid Òigridh na h-Alba a bhith air an IRG aig a bheil eòlas ùr air an Ìre as Àirde, rinn sin cinnteach gun do chùm an IRG fòcas soilleir air luchd-ionnsachaidh a bhith aig cridhe an Lèirmheis.

Is dòcha nas cudromaiche, bha buill den IRG eòlach air na coimhearsnachdan leis an robh iad ag obair agus mar a b’ fheàrr com-pàirteachadh leotha. B’ urrainn dhaibh conaltradh bhon Lèirmheas a dhèanamh freagarrach do fheumalachdan sònraichte na coimhearsnachd aca agus bha ceanglaichean aca na bhroinn a rinn pròiseas an Ath-bhreithneachaidh nas èifeachdaiche agus nas cuimsichte. Bha càileachd an fhios-air-ais a fhuaireadh làidir air sgàth ’s gun robh iad an sàs ann.

Tha am modail a’ gabhail a-steach co-obrachadh. Ach, tha raointean ann far am feumar barrachd obrach a dhèanamh ma tha foghlam ann an Alba gu bhith a’ dèanamh feum air cruthachalachd agus eòlas gach neach a tha an sàs sa phròiseas. An toiseach, a dh’aindeoin an raon fharsaing de dhòighean-obrach a chleachd an Lèirmheas gus conaltradh a dhèanamh le tidsearan clas agus goireasan a thoirt gu an aire, tha sinn mothachail nach robh cothrom aig a h-uile duine cur ris an Lèirmheas. Tha com-pàirteachadh an luchd-teagaisg uile ann an leasachadh poileasaidh fhathast na cheist dhan roinn. Tha e deatamach gun dèiligear ri seo ma tha ath-leasachadh theisteanasan agus measaidh an Lèirmheas seo, gu bhith soirbheachail ann an cleachdadh.

Tha conaltradh phàrantan na raon eile far am feumar piseach a thoirt air ar cleachdadh. Bha na buill IRG a chur CCG nam pàrantan air dòigh cho for-ghnìomhach ’s a ghabhas. Le taic bho thabhartas bho Riaghaltas na h-Alba, dh’atharraich iad stuthan, chruthaich iad suirbhidhean, chùm iad coinneamhan agus smaoinich iad gu cruthachail mun dòigh as fheàrr gus pàrantan a thoirt an sàs. A bharrachd air an sin, bha cuid de sgoiltean, a’ gabhail a-steach pàrantan anns a’ phròiseas co-chomhairleachaidh aca. A dh’aindeoin seo tha sinn fhathast a’ faireachdainn nach d’ fhuair a h-uile pàrant cothrom a dhol an sàs san Lèirmheas. Seo raon eile far an deach deagh thoiseach tòiseachaidh a dhèanamh ach far a bheil tòrr ri dhèanamh fhathast.

Moladh 2: Lean air adhart leis a’ phròiseas de dh’atharrachadh chultarach.

Bu chòir do dh’Alba structar an IRG agus nan CCGan co-cheangailte a chumail mar phrìomh mhodh com-pàirteachaidh nuair a bhios an dùthaich a’ toirt a-steach agus a’ leasachadh dòighean-obrach ùra a thaobh teisteanasan agus measadh. Bu chòir dha cuideachd togail air oidhirpean an Lèirmheis seo gus a h-uile sgoil agus colaiste san dùthaich a thoirt a-steach, ionnsachadh bho na dh’obraich gu math agus mar a bu chòir dhan ionnsachadh sin buaidh a thoirt air co-chomhairlean san àm ri teachd.

Contact

Email: qualificationsreform@gov.scot

Back to top