It's Our Future - Independent Review of Qualifications and Assessment: report - Gaelic version

Gaelic translation of It’s Our Future, report covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment.


3. Ath-leasachadh ann an Alba agus Coimeasan Eadar-nàiseanta

3.1 Tar-shealladh

Ann an Caibideil a h-Aon, mhìnich sinn carson a chaidh an Lèirmheas seo a bharantachadh. Anns a’ Chaibideil mu dheireadh thug sinn cunntas air mar a rinn sinn an Lèirmheas agus na dh’ionnsaich sinn tro na trì ìrean conaltraidh.

Anns a’ chiad phàirt den Chaibideil seo, bidh sinn a’ coimhead air na dh’fhaodamaid ionnsachadh bho na tha sinn air ionnsachadh bho ath-leasachadh CfE. Anns an dàrna pàirt den Chaibideil seo, bidh sinn a’ beachdachadh air cuid de na dòighean-obrach a thaobh theisteanasan agus measadh ann an uachdranasan eile.

Ath-leasachadh ann an Alba

3.2 Ag Ionnsachadh bho Ath-leasachadh Foghlaim: An Curraicealam airson Sàr-mhathais agus an Ìre as Àirde ann an Sgoiltean agus Colaistean.

Bha tòrr dhaoine a tha ag obair an am foghlam ag aithneachadh an deilbh a rinn Lèirmheasan Neo-eisimeileach an OECD (OECD, 2021, Stobart, 2021) air an Ìre as Àirde ann an Alba. Bha teisteanasan agus measadh san Ìre as Àirde air fàs gu math eadar-dhealaichte ris na bhathar an dùil ann an làithean tràtha CfE. Thug Curriculum 5a framework for assessment (2011) seachad an stiùireadh nàiseanta tùsail air measadh agus teisteanasan.

"Bu chòir an curraicealam san Ìre as Àirde a bhith air a dhealbh gus Prionnsapalan dealbhaidh curraicealaim agus na còraichean dhan a h-uile neach-ionnsachaidh a tha air am mìneachadh ann am Building the Curriculum 3 a choileanadh agus bu chòir na ceithir taobhan den churraicealam a ghabhail a-steach (feallsanachd agus beatha na sgoile mar choimhearsnachd, raointean curraicealaim agus cuspairean, ionnsachadh eadar-chuspaireil agus cothroman airson coileanadh pearsanta). (td16)

Nuair a chaidh CfE a chur air dòigh an toiseach, bha Alba ga meas mar dhùthaich a bha air thoiseach air cùisean am measg dùthchannan a bha airson curraicealaman a dhealbhadh a bhiodh iomchaidh airson na 21mh linn ( OECD, 2021). Ach cha robh e às aonais luchd-càinidh (Priestley & Humes, 2010), agus nuair a chaidh a chur an gnìomh, bha e follaiseach gun robh beàrnan ann eadar na rùintean tùsail agus na bha a’ tachairt an da-rìribh ann an sgoiltean agus seòmraichean-teagaisg. Tha mòran de na beachdan a tha air tighinn am bàrr mu na tha an dàn do theisteanasan agus measadh san Lèirmheas seo glè choltach ris an fheadhainn a chaidh a mholadh ann an làithean tràtha CfE. Mar phàirt den Lèirmheas, dh’fhaighnich sinn do ghrunn dhaoine a bha air a bhith an sàs ann an leasachadh tùsail CfE carson a bha iad den bheachd gun do thachair seo. Chaidh grunn adhbharan a chur air adhart airson seo.

  • Ann am planadh CfE, cha deach aire gu leòr a thoirt air dè thachradh às dèidh foillseachadh nan sgrìobhainnean.
  • B’ e am plana tùsail airson CfE gum bithear a’ cumail a’ dol a’ gabhail a-steach sgoiltean agus tidsearan ann a bhith a’ leasachadh bheachdan thar ùine ach dh’atharraich suidheachadh an ionmhais agus cha robh e comasach barrachd a dhèanamh den t-seòrsa leasachaidh co-obrachail ris an robhar an dùil.
  • Dh’adhbharaich an t-amas an curraicealam fhàgail cho fosgailte ’s a ghabhas gus leigeil le tidsearan prògraman a dhealbhadh a bhiodh a rèir feumalachdan nan oileanach aca fhèin, iarrtasan airson soilleireachd. Gus iarrtasan a fhreagairt, chaidh tòrr mòr stiùiridh a sgrìobhadh (còrr is 20,000 duilleagan). Tha cus stiùiridh cho dona ri gun gu leòr stiùireadh a bhith ann.
  • Bha tidsearan a’ faireachdainn gur ann orra fhèin a bha an t-uallach air fad gus CfE a chur an gnìomh. Nuair a dh’iarr iad taic, chaidh barrachd stiùireadh a chruthachadh. B’ e an rud a bha tidsearan ag iarraidh taic phractaigeach, mar eisimpleir, eisimpleirean de stuthan sa chlas a ghabhadh atharrachadh gus feumalachdan an luchd-ionnsachaidh a choileanadh, ùine airson beachdan agus cleachdaidhean a leasachadh, ag obair còmhla ri co-obraichean san sgoil, cothroman coimhead air cleachdadh thar sgoiltean.
  • Bha deagh rùn ann le bhith a’ toirt a-steach theisteanasan san Ìre as Àirde nas fhaide air adhart sa phròiseas buileachaidh. Bha an co-dhùnadh seo ag amas air cothrom a thoirt do sgoiltean smaoineachadh air a’ churraicealam ro mheasadh agus teisteanasan. Ach ann an da-rìribh bha seo air ciallachadh nach tug mòran àrd-sgoiltean mòran aire do CfE, agus iad den bheachd gum feumadh iad feitheamh gus faicinn cò ris a bha na teisteanasan coltach mus smaoinicheadh iad air teagasg agus ionnsachadh. Chaidh argamaid a dhèanamh gun robh seo air suidheachadh adhbharachadh far an robh cuid a’ faicinn CfE mar churraicealam nan Tràth-bhliadhnaichean agus na bun-sgoile.
  • Cha robhar a’ tuigsinn cho mor ’s a bha an obair a bhith a’ togail inbhean nàiseanta coitcheann agus dh’fhàs pròiseasan measaidh ro bhiùrocratach.
  • Bha na cothroman a bha aig daoine taobh a-muigh sgoiltean agus colaistean gus CfE a thuigsinn caochlaideach. Bha pàrantan agus fastaichean, gu sònraichte, mì-chinnteach mu dè bu chòir a bhith an dùil bho CfE agus dè dha-rìribh a bha cudromach ann an teisteanasan.
  • Bha deagh rùn aig a’ cho-dhùnadh eileamaid a-muigh a bhith aig N5 ach chan ann aig N4. Ach, ann an co-theacs na h-Alba far a bheil deuchainnean air a bhith nam pàirt cho làidir den t-siostam foghlaim thar ùine mhòr, bha an co-dhùnadh air beachd adhbharachadh am measg mòran phàrantan gur e N5 an teisteanas a bu chòir dhan chloinn aca a dhèanamh. Mar thoradh air
  • seo, rinn tòrr dhaoine òga cùrsaichean nach robh a rèir nam feumalachdan aca.
  • Bha amas aig CfE gluasad gu lìbhrigeadh chùrsaichean dà-bhliadhnail – agus faighinn seachad air na h-ìrean nas ìsle de chùrsaichean agus a bhith a’ gluasad gu measadh aig àm fàgail. Ged a dh’fheuch beagan sgoiltean ris an dòigh-obrach seo a chur an gnìomh – cha deach gabhail ris san fharsaingeachd.

Tha leasanan aig an Lèirmheas seo ri ionnsachadh bho seo. Tha iad seo a’ gabhail a‑steach:

  • Feumaidh plana a bhith ann airson gluasad nas fhaide na na beachdan san sgrìobhainn seo.
  • Feumar beachdachadh gu faiceallach air nàdar an ionnsachaidh phroifeiseanta.
  • Bu chòir gum biodh goireasan air an cruthachadh ann an co-obrachadh le tidsearan rim faighinn, a ghabhadh atharrachadh le luchd-teagaisg a rèir feumalachdan an luchd-ionnsachaidh.
  • Feumar buaidhean a thaobh stòrasan aithneachadh.
  • Feumaidh dreuchdan agus dleastanasan, gu nàiseanta agus gu h-ionadail, a bhith air an aontachadh agus air an ceangal gu soilleir ri bhith a’ toirt taic do thidsearan agus luchd-ionnsachaidh.
  • Bu chòir cho cudromach ’s a tha e gum bi luchd-teagaisg a’ cruthachadh agus a’ co-roinn inbhean aithneachadh mar chùis co-ionannachd – feumaidh tuigse choitcheann a bhith aig tidsearan gus an urrainn dhaibh fios-air-ais ceart a thoirt do luchd-ionnsachaidh.
  • Bu chòir cleachdaidhean fòcas a chur air ionnsachadh agus bu chòir gnìomhan aontachadh gus dèanamh cinnteach nach fhàs iad biùrocratach. (Priestley et al, 2023)

Bha CfE ag aithneachadh a’ phrìomh àite a tha aig cuspairean ann am foghlam ach rinn e argamaid airson barrachd air eòlas air cuspairean. A rèir rùintean CfE, bu chòir dhan churraicealam mar a dh’fhiosraicheas gach neach-ionnsachaidh e a bhith a’ gabhail a-steach cothroman gus raointean curraicealaim agus cuspairean a sgrùdadh ann an doimhneachd ach bu chòir dhaibh cuideachd a bhith a’ gabhail a-steach conaltradh leis an sgoil mar choimhearsnachd, cothroman faighinn a-mach mar a tha ionnsachadh ceangailte thar diofar raointean den churraicealam agus cothroman air ionnsachadh fa leth tro choileanadh pearsanta. Bu chòir na chaidh a mhìneachadh san sgrìobhainn mar "theisteanasan an ath ghinealach" a tha SQA agus solaraichean eile a’ tabhann, a bhith a rèir luachan agus miannan CfE.

Tha nàdar CfE mar a tha air a mhìneachadh gu h-àrd cho mòr is nach robh e riamh coltach gum biodh teisteanasan foirmeil comasach air riatanasan uile an CfE a choileanadh. Ach, thug dealbhadh tùsail nan teisteanasan ùra co-thaobhadh nas dlùithe eadar CfE agus teisteanasan na na teisteanasan làithreach. Chaidh na Teisteanasan Nàiseanta a dhealbhadh gus fianais a chruinneachadh mu dè am fios agus dè an tuigse a th’ aig luchd-ionnsachaidh agus air na sgilean agus comasan aca. Bha teisteanasan a’ gabhail a-steach raon farsaing de dhòighean-obrach a thaobh measaidh. Bha diofar dhòighean air fianais a thogail eadar-dhealaichte a rèir cuspair, mar eisimpleir, bha ealain agus dealbhadh a’ gabhail a-steach folio obrach agus bha fiosaigs a’ gabhail a-steach pròiseact saidheansail. Chaidh co-dhùnaidhean mu nàdar a dhèanamh le pannalan de dh’eòlaichean cuspair, stèidhichte air na bha iad a’ faicinn mar an dòigh a b’ fheàrr air coileanadh luchd-ionnsachaidh sa chuspair a dhearbhadh. Chaidh sgilean agus comasan a dhèanamh nam pàirt den na prògraman ionnsachaidh agus chaidh an aithneachadh sna duaisean.

Ach, às dèidh suidheachadh COVID-19 ann an 2019, dh’aithris aithisg Priestley (2020) air suidheachadh gu math eadar-dhealaichte san Ìre as Àirde bho na bha luchd-cruthaichidh

CfE an dùil. Fhuair na co-dhùnaidhean sin taic às dèidh sin bho fhianais a thàinig am bàrr san Lèirmheas Neo-eisimeileach seo bho luchd-ionnsachaidh, pàrantan agus luchd-cùraim agus fastaichean. Tha Earrann 1.11 gu h-àrd a’ toirt cunntas air cuid de na prìomh thoraidhean agus dhraghan aig Priestley air an deach iomradh a thoirt le Morgan (2018) agus Muir (2022), a’ gabhail a-steach cho cumanta ’s a tha "a’ chabhag dà-theirm", gnàth-eòlasan ionnsachaidh ath-aithriseach agus foirmleach, dìth dùbhlain do chuid de luchd-ionnsachaidh, leasachadh cuibhrichte air sgilean nas fharsainge, glè bheag de dh’ionnsachadh thar-chuspair no gun ionnsachadh tar-chuspair idir agus streas agus droch bhuaidh air sunnd air adhbharachadh le fòcas dian air deuchainnean. Fhuair na co-dhùnaidhean sin taic às dèidh sin bho fhianais a thàinig am bàrr san Lèirmheas seo bho luchd-ionnsachaidh, pàrantan agus luchd-cùraim agus fastaichean.

Dh’aithris mòran de luchd-ionnsachaidh ris an deach bruidhinn mar phàirt den Lèirmheas seo ìrean àrda de streas a bha air adhbharachadh leis an fhòcas fhollaiseach air deuchainnean.

"An àite aon deuchainn, bu chòir dhan SQA measaidhean nas lugha a thoirt seachad tron bhliadhna gus am bi nas lugha de streas ann. Dèan measadh air aonadan an àite nan cuspairean gu lèir aig an aon àm." (Ball CCG, Òigridh Eadar-chultarach na h-Alba)

"Tha deuchainnean uamhasach duilich dhomh a thaobh slàinte inntinn agus mar sin tha mi a’ smaoineachadh gum biodh deagh chothromachadh eadar obair cùrsa agus deuchainnean na bhuannachd gun teagamh do bharrachd dhaoine oir tha fios agam gun còrd deuchainnean nas fheàrr le cuid a dhaoine cuideachd!" (Ball CCG, Pàrlamaid Òigridh na h-Alba)

Chaidh aithris air toraidhean coltach ri seo cuideachd ann an Lèirmheas Muir (2022) agus anns an Deasbad Nàiseanta (2023). Nochd Angela Morgan (2018) dragh cuideachd san lèirmheas aice ’Support for Learning: Nochd All Our Children and their Potential cuideachd mu "aithris a thaobh coileanadh agus buileachadh."

Dh’aithris Morgan (2018) cuideachadh gun robh luchd-ionnsachaidh le feumalachdan taic a bharrachd gu tric ga fhaighinn doirbh cothrom fhaighinn air rèiteachaidhean measaidh eile agus gun robh na rudan sin còmhla a’ toirt droch bhuaidh air sunnd agus an foghlaim dhaoine òga.

"Cho-roinn mòran de Bhuill Pàrlamaid Òigridh na h-Alba an cuid eòlas air teicneòlas mar luchd-ionnsachaidh le feumalachdan taic a bharrachd agus bha iad a’ faireachdainn gun robh air leth cuideachail a bhith a’ cleachdadh laptop." (Ball CCG, Pàrlamaid Òigridh na h-Alba)

"Mar phàrant aig pàiste le dyslexia, bheireadh cleachdadh teicneòlas didseatach cothrom na Fèinne dhi." (Neach fa leth, Co-chomhairle Ìre a Dhà)

Tron Lèirmheas, dh’aithris iomadh ceannard-sgoile gun robh an fhianais a chaidh a chruinneachadh airson breithneachadh air càileachd an fhoghlaim ann an sgoiltean, tomhasan cunntachalachd, a’ stiùireadh giùlain ann an sgoiltean. Bha sgoiltean a’ faireachdainn nach biodh iad air am meas a rèir dè cho math ’s a bha iad a’ coileanadh fheumalachdan gach neach-ionnsachaidh ach a rèir cia mheud neach-ionnsachaidh a choisinn teisteanasan Nàiseanta 5 agus Àrd-ìre. Chaidh aithris gun dòcha gun deach comhairle a thoirt do luchd-ionnsachaidh uaireannan teisteanasan a ghabhail a bhiodh na bu luachmhoire airson stadastaireachd na sgoile seach na teisteanasan a b’ fheàrr a fhreagradh air an cuid neartan. Thuirt luchd-ionnsachaidh gu tric is gu minig gun robh cus dheuchainnean aca. Dh’aithris tidsearan gun robh cuideam daonnan orra "faighinn tron churraicealam" ann an sreath de "chabhagan dà-theirm". Bha mòran tidsearan agus luchd-ionnsachaidh nach robh riaraichte le teisteanasan mar a bha iad air an teagasg agus air an ionnsachadh san Ìre as Àirde, le glè bheag de dh’ionnsachadh domhainn ann an sgoiltean agus seòmraichean-teagaisg, dìreach faireachdainn gun robh daoine ann an siostam a bha air a ruith gus dòighean a tha a’ sìor fhàs nas èifeachdaiche a lorg gus ro-aithris mar a nì daoine ann an deuchainn agus gus practas fhaighinn airson deuchainnean. Tha ionnsachadh daonnan a’ gabhail a-steach cleachdadh agus tha e cudromach dèanamh cinnteach gu bheil luchd-ionnsachaidh a’ tuigsinn mar a tha deuchainnean ag obair agus mar a nì iad gu math annta. Tha seo cudromach ach aig a’ cheann thall, ma nithear cus dheth seo, fàsaidh e gu bhith na phrìomh fhactar ann an ionnsachadh agus teagasg, ni e caolachadh air a’ churraicealaim agus dh’fhaodadh e a bhith a’ dì-mhisneachadh chuibhreann mòr de luchd-ionnsachaidh.

3.3 Ag ionnsachadh bho Cho-theacsan Eadar-nàiseanta agus san RA

A bharrachd air a bhith a’ meòrachadh air ar n-eachdraidh fhìn agus air oidhirpean roimhe gus ath-leasachadh a thoirt air ann an CfE, bha an Lèirmheas a’ coimhead nas fhaide air fealba na Alba. Bha an rannsachadh againn a’ gabhail a-steach grad sgrùdadh litreachais deasg air beagan sgrùdaidhean coimeasach a rinneadh mar-thà. Chaidh seo a leantainn le sreath de choinneamhan neo-fhoirmeil le daoine fa leth aig a bheil eòlas air siostaman foghlaim ann an uachdranasan eile. B’ e ar n-amas le bhith a’ dèanamh seo ar tuigse a leudachadh mu na teisteanasan agus cleachdaidhean measaidh a dh’fhaodadh a bhith comasach, mar eisimpleir, dòighean-obrach a bha mar-thà gan cleachdadh ann an dùthchannan àrd-choileanaidh eile agus a dh’fhaodadh, mar sin, a bhith comasach ann an Alba, ma tha an suidheachadh freagarrach.

Bha sinn mothachail gu bheil siostaman measaidh mar thoradh air cultar, eachdraidh, traidiseanan agus siostam eaconamach na dùthcha agus air na h-adhbharan sin gur dòcha nach obrach na tha ag obair ann an aon dùthaich ann an dùthaich eile. Mar a tha Stobart (2021) ag ràdh, "Is e pròiseas sòisealta seach saidheansail a th’ ann an siostaman measaidh oileanach a tha a’ nochdadh na h-eachdraidh agus a' chultar anns a bheil iad". Mar sin, cha robh sinn a’ feuchainn ri siostam a chomharrachadh a ghabhadh a thoirt a-steach a dh’Alba.

Sheall an Lèirmheas air grunn lèirmheasan coimeasach eadar-nàiseanta air siostaman foghlaim, a’ gabhail a-steach measadh sgoilearan foghlam àrd-sgoile aig Gordon Stobart ann an Alba (2021), ‘Comparative study of organisational structures in high performing jurisdictions and how they support successful, assessment, curriculum, and qualifications’ (2023)’ aig an SQA. Aithisg Sharon O’Donnell do Chomhairle Náisiúnta Curaclaim agus Measúnachta/ Comhairle Nàiseanta Curraicealam na h-Èireann ‘Upper Secondary Education in Nine Jurisdictions’ (2018) agus Lèirmheas Geoff Masters air Dùthchannan Àrd-choileanaidh (2022).

Thug aithisg Stobart sùil air naoi siostaman a chomharraich e a tha coltach ri siostam na h-Alba. Nam measg bha: Sasainn, Hong Kong, Sìona, Èirinn, a’ Chuimrigh. Thug Stobart sùil cuideachd air an Fhraing, Sealan Nuadh, Nirribhidh, Ontario agus Queensland, a thug e fa-near gu robh "eadar-dhealachaidhean ri Alba às an ionnsachadh sin". Thug aithisg SQA sùil air cleachdadh ann an 11 uachdranasan: Nirribhidh, an Fhionnlainn, British Columbia, a’ Chuimrigh, Èirinn, Sasainn, New South Wales, Sealan Nuadh, an Fhraing, Innis Tìle agus Singapore (SQA, 2022). Thug obair O’Donnell (2018) sùil air na naoi uachdranasan a leanas: Sasainn, an Fhionnlainn, an Fhraing, Èirinn, an Òlaind, Sealan Nuadh, Ontario, Queensland agus an t-Suain.

Chaidh coinneamhan neo-fhoirmeil a chumail cuideachd le daoine le eòlas air na h-uachdranasan a leanas: Canada, an Danmhairg, Èirinn, Sealan Nuadh, Nirribhidh, Queensland, Singapore agus a’ Chuimrigh.

Tha e cudromach toirt fa-near do na crìochan sa phàirt seo den Lèirmheas. B’ e an t-amas blasad a thoirt seachad de chleachdaidhean taobh a-muigh na h-Alba. Tha geàrr-chunntas gu h-ìosal air cuid de na prìomh theachdaireachdan a dh’èirich.

3.4 An t-àite a th’ aig Measadh Taobh a-muigh aig Cheann Shuas na h-Àrd-sgoile

"An coimeas ri sin, bidh sgoilearan àrd-sgoile ann an Alba a’ dèanamh dheuchainnean nas trice na an fheadhainn ann an uachdranasan eile. Tha seo mar thoradh air an traidisean a bhith a’ tabhann trì seataichean de dheuchainnean (Nàiseanta 5; Àrd-ìre; Àrd-ìre Adhartach) anns na bliadhnaichean àrd-sgoile ÀS4, ÀS5, agus ÀS6." (Stobart, 2021) Tha e a’ toirt fa-near cuideachd gur e "cuideam dheuchainnean a tha seo nach fhaighear ann an uachdranasan eile" (Stobart, 2021).

Anns a’ chuòt seo, tha Stobart a’ comharrachadh cho tric ’s a tha deuchainnean bhon taobh a-muigh air an cumail ann an Alba ach cuideachd gu bheilear an urra ri deuchainnean bhon taobh a-muigh seach dòighean measaidh eile leithid modhan measaidh air an stiùireadh le tidsear agus air an taobh a-staigh.

Aig an àm seo, tha àite an luchd-teagaisg ann an Teisteanasan Nàiseanta na h-Alba gu ìre mhòr cuingichte ri measadh obair-cùrsa ainmichte SQA, a tha air a mheasadh leotha, air a chur a-steach gu SQA agus an uair sin air a’ mhodaratadh. Bidh tidsearan a’ measadh cuid de dh’obair-cùrsa, mar eisimpleir, coileanadh ann am PE, le ùmhlachd do dhearbhadh. Thèid obair-chùrsa eile a dhèanamh leis an neach-ionnsachaidh ann an ionadan foghlaim agus an uair sin thèid a cur gu SQA airson measadh, mar eisimpleir, am folio de sgrìobhadh ann am Beurla, foliothan ann an ealain is dealbhadh, pròiseactan anns na cuspairean teicnigeach, am pròiseact ann an teicneòlas ciùil. Bithear a’ dèanamh mheasaidhean luchd-ionnsachaidh eile ann an ionadan foghlam le ùmhlachd do luchd-measaidh a’ tadhal air an ionad, mar eisimpleir, coileanadh ann an ceòl is dràma, a’ bruidhinn ann an nuadh-chànanan. A bharrachd air sin, ged a tha obair-cùrsa na feart den mhòr-chuid de chùrsaichean NQ san Ìre as Àirde, ann an cuid de chuspairean tha an cuideam air an ìre mhath beag, an taca ri cuideam an sgrùdaidh bhon taobh a-muigh (Stobart, 2021). Thoiribh sùil air a’ cheangail an cois seo a tha a’ toirt geàrr-chunntas àrd-ìre air na rèiteachaidhean measaidh airson chùrsaichean Measadh Chùrsaichean Nàiseanta bho 2023-24- SQA

Faodar comas a dhèanamh eadar àite thidsearan ann an ceann shuas na h-àrd-sgoile ann an Alba le àite nan tidsearan ann ceann shìos na h-àrd-sgoil agus ann am bun-sgoiltean, far a bheil e mar fhiachaibh orra measadh leantainneach a dhèanamh air adhartas agus coileanadh na cloinne aca. Faodar coimeas a dhèanamh eadar dòigh-obrach àrd-sgoile na h-Alba aig an Ìre as Àirde a thaobh measadh thidsearan agus dòigh-obrach ann am mòran uachdranasan eile a’ gabhail a-steach Nirribhidh, an t-Suain, Ontario, Sealan Nuadh agus Queensland far a bheil measadh thidsearan aig cridhe theisteanasan agus measaidh.

Ann an Nirribhidh mar eisimpleir tha 80% de dhuais an oileanaich stèidhichte air measadh in-sgoile (Stobart, 2021) agus "tha tidsearan gam faicinn mar na prìomh eòlaichean chan ann a-mhàin ann an teagasg ach cuideachd ann a bhith a’ measadh nan oileanach aca" (OECD, 2011). Chan bhi oileanaich a’ dèanamh deuchainn bhon taobh a-muigh ach a-mhàin ann an Nirribhis agus tha cuspairean eile fo ùmhlachd sgrùdadh ann an crannchur deuchainnean, anns am bi timcheall air 20% de luchd-ionnsachaidh a’ suidhe gach deuchainn cuspaireil. Chan eil sgoilear sam bith a’ gabhail barrachd air dà dheuchainn.

Tha siostam measaidh thidsearan aig an t-Suain cuideachd, as urrainnear a chleachdadh mar bhunait airson faighinn a-steach dhan oilthigh (O’Donnell 2018). Is e siostaman "àrd-earbsa" a th’ aig Stobart air na siostaman sin, far a bheil tòrr saorsa aig tidsearan ann a bhith a’ co-dhùnadh dè na dòighean anns am faodar fianais a chruinneachadh. Bithear a’ cleachdadh fianais bho mhodhan measaidh leithid portfoliothan, obair-cùrsa, amharc thidsearan gus comharra cho-mheasgaichte a chruthachadh.

3.5 Teisteanasan Fàgail agus Teisteanasan Stèidhichte air Cuspair

"Chan bhi Alba, eu-coltach ri mòran uachdranasan eile, a’ toirt seachad teisteanas fàgail sgoile ach bidh i a’ toirt seachad teisteanasan stèidhichte air cuspair. Mar sin is dòcha nach bi mòran aig oileanaich nach robh ro shoirbheachail anns na deuchainnean aca airson sealltainn na choilean iad san sgoil." (Stobart, 2021)

Mar a tha Stobart ag ràdh, tha curraicealam àrd-sgoile aig mòran shiostaman measaidh gu h-eadar-nàiseanta a bheir grunn eileamaidean còmhla ann an dioplòma deireannach. Bidh pròiseas teisteanais aig na siostaman sin uaireannan cuideachd do dh’oileanaich nach eil a’ coileanadh riatanasan an teisteanais nàiseanta.

Tha na duaisean sin ann an cruth eadar-dhealaichte, agus thèid co-dhùnaidhean a dhèanamh a thaobh na h-àireamh de dh’eileamaidean, den fhòcas aca agus na cuideaman buntainneach aca (mar eisimpleir, deuchainnean, tabhartasan sòisealta, pròiseactan practaigeach, measaidhean beòil). Gu tric, bheir iad cothrom do luchd-ionnsachaidh a bhith a’ dèanamh cuspairean acadaimigeach traidiseanta agus cuspairean teicnigeach, dreuchdail agus proifeiseanta còmhla gu sùbailte.

Mar eisimpleir, ann an Sealan Nuadh is e an Teisteanas Nàiseanta airson Coileanadh Foghlaim (NCEA) am prìomh theisteanas àrd-sgoile. ’S e siostam stèidhichte air creideas a th’ anns an NCEA, far am bi luchd-ionnsachaidh a’ cosnadh chreideasan a dh’ionnsaigh a bhith a’ faighinn an teisteanais aca. Faodar creideasan a chosnadh tro chuspairean acadaimigeach traidiseanta a bharrachd air cuspairean teicnigeach, dreuchdail agus proifeasanta. Faodaidh luchd-ionnsachaidh cumail orra a’ cruinneachadh chreideasan às dèidh dhaibh an sgoil fhàgail tro ionnsachadh structarail san àite-obrach." (O’Donnell, 2018)

Ann an Ontario, feumaidh oileanaich 30 creideas fhaighinn gus Dioplòma Àrd-sgoile a choileanadh. Tha Teisteanas Àrd-sgoil Ontario ri fhaighinn do dh’oileanaich a gheibh co-dhiù 14 creideasan agus faodaidh oileanaich a dh’fhàgas an sgoil mus coilean iad na riatanasan airson Dioplòma no Teisteanas, Teisteanas Coileanaidh a thoirt dhaibh. Tha sùbailteachd aig oileanaich a bhith a’ taghadh bho ionnsachadh dreuchdail is acadaimigeach agus faodaidh iad creideasan fhaighinn ann an ionadan trèanaidh sgilean (O’Donnell, 2018).

3.6 Cudromachd Sgilean ann am Measadh aig Ceann Suas na h-Àrd-sgoile

Rinn Masters (2022) bho Chomhairle Astràilia air Rannsachadh Foghlaim rannsachadh trì bliadhna air còig siostaman foghlaim ann an àiteachan a tha air an comharrachadh ann an suirbhidhean eadar-nàiseanta mar a bhith "a’ coileanadh aig ìre àrd". Chomharraich an sgrùdadh grunn chuspairean cumanta thar nan còig uachdranasan agus b’ e fear dhiubh sin gun robh barrachd cuideam air sgilean agus gun robh feum air frèam sgilean, co-dhiù ’s e sin sgilean an OECD (sgilean 21mh linn), UNESCO (sgilean tarsainn) no an AE (comasan coitcheann). Ged a tha cruthan nam frèaman sin eadar-dhealaichte, tha na bun-bheachdan bunaiteach glè choltach ri chèile. Bidh gach frèama a’ cur barrachd cuideam air a bhith a’ toirt taic do dh’oileanaich a bhith a’ cleachdadh eòlas agus sgilean, mar eisimpleir, a’ cleachdadh eòlas ann an diofar cho-theacsan, smaoineachadh cruthachail, fuasgladh dhuilgheadasan, a’ togail sgioba, a bhith tionnsgalach. Tha iad sin coltach ris na seòrsaichean sgilean air an deach iomradh a thoirt ann an Lèirmheas Withers (2023). Tha Withers cuideachd a’ moadh frèam sgilean singilte (Moladh a Naoi).

Ann an Nirribhidh, tha atharrachaidhean air a’ churraicealam aca air gabhail a-steach a bhith a’ togail chomasan agus buadhan leithid smaoineachadh breithneachail agus cruthachalachd. Anns a’ Chuimrigh, tha Curraicealam airson na Cuimrigh a chaidh a chur air bhog ann an 2020 a’ mìneachadh prìomh amasan airson gach neach-ionnsachaidh le fòcas air a bhith a’ togail sgilean agus eòlasan (Stobart, 2021).

Còmhla ri gach aon de na h-ath-leasachaidhean curraicealaim sin, tha atharrachaidhean air tighinn air modhan measaidh. A rèir Stobart, tha e air a bhith dùbhlanach na h-àrd-amasan sin airson barrachd fòcas air sgilean agus buadhan a chur an sàs ann an cleachdadh.

"Bha dùbhlain aig mòran uachdranasan air feadh an t-saoghail le bhith cur na miannan sin an sàs ann am poileasaidhean measaidh nan àrd-sgoile aca. Gu tric tha e doirbh rùintean a’ churraicealaim ùir a cho-thaobhadh ri cleachdaidhean measaidh eachdraidheil a tha freumhaichte sa chomann-shòisealta sin." (Stobart, 2021)

Obair Pròiseict ann am Measadh aig Ceann Shuas na h-Àrd-sgoile

Ann an grunn uachdranasan a’ gabhail a-steach na Fionnlainn agus na Suain agus ann an siostaman Baccalaureate, tha measadh aig ceann shuas na h-àrd-sgoile a’ gabhail a-steach eileamaid de dh’obair pròiseict. Tha diofar adhbharan ann airson a bhith a’ toirt a-steach eileamaid pròiseict, ach bha na h-adhbharan cumanta airson seo a’ gabhail a-steach miann cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh ionnsachadh a chur an sàs ann an co-theacsan fìor-bheatha agus sgilean a thogail a tha riatanach airson an "fìor shaoghal" a bharrachd air a bhith a’ sealltainn gu bheil iad deiseil airson obair no tuilleadh ionnsachaidh. Tha an ùidh ann an Ionnsachadh Pròiseict cuideachd follaiseach ann an Alba far an deach fàilte a chur air molaidhean an Lèirmheis (faic Caibideil a Còig) san fharsaingeachd.

Anns an Fhionnlainn, tha an rud ris an canar ionnsachadh stèidhichte air pròiseict air a bhith riatanach do sgoiltean bho 2016 (Symeonidis, & Fohanna, 2016). Feumaidh luchd-ionnsachaidh bho aois seachd bliadhna air adhart pròiseact a dhèanamh "stèidhichte air culaidh-iongantais" (phenomenon-based) air cuspair iomlanach leithid lùth, atharrachadh na gnàth-shìde, imrich. Bidh luchd-ionnsachaidh a’ sgrùdadh nan cuspairean tro raon de shuidheachaidhean practaigeach "fìor-bheatha" agus tro raon de chuspairean. Faodar coimeas a dhèanamh eadar an dòigh-obrach seo agus dòighean-obrach traidiseanta a thaobh ionnsachadh agus teagasg, stèidhichte air cuspairean air leth leithid cruinn-eòlas, eachdraidh agus matamataig.

Is e dàrna eisimpleir, le fòcas eadardhealaichte, an Aiste Leudaichte anns a’ Bhaccalaureate Eadar-nàiseanta (IB). Tha am IB ag ràdh gur e amas an Aiste Leudaichte gum faigh luchd-ionnsachaidh sgilean ann:

  • a bhith a’ cur ri chèile ceist rannsachaidh iomchaidh;
  • a bhith a’ dol an sàs ann an rannsachadh pearsanta air a’ chuspair;
  • a bhith a’ cur bheachdan air adhart gus an tuigear iad, agus;
  • a bhith a’ cruthachadh argamaid.

(International Baccalaureate, 2022)

Gheibhear eisimpleir de dhòigh-obrach pròiseact roghnach ann an Sasainn, far a bheil Teisteanas Pròiseact Leudaichte Ìre 3 a’ toirt cothrom do luchd-ionnsachaidh pròiseact fa leth a dhèanamh air cuspair a thaghas iad. Tha sùbailteachd aig luchd-ionnsachaidh a thaobh an toraidh mu dheireadh: bidh cuid de luchd-ionnsachaidh a’ roghnachadh tràchdas a sgrìobhadh, bidh cuid eile a’ cruthachadh nì (mar eisimpleir, postair, post blog no bhidio) no taisbeanadh. Tha Teisteanas a’ Phròiseict Leudaichte air a dhèanamh le còrr is 40,000 luchd-ionnsachaidh ann an Sasainn gach bliadhna agus tha e air a mheasadh le luchd-teagaisg. (AQA, 2023)

Tha gach aon de na h-eisimpleirean seo a’ tabhann taghadh farsaing do luchd-ionnsachaidh taobh a-staigh frèama coitcheann far a bheil slatan-tomhais air am mìneachadh ach as urrainnnear an coileanadh ann am farsaingeachd de dhòighean.

3.7 Slighean Sùbailte ann an Ceann Shuas na h-Àrd-sgoile

Bidh mòran dhùthchannan a’ tabhann shlighean sùbailte a thaobh a bhith a’ cur phrògraman acadaimigeach agus dreuchdail còmhla. Tha O’Donnell ag ràdh gu bheil eisimpleirean den chleachdadh seo rim faicinn anns an Fhionnlainn, san Fhraing, ann an Èirinn, san Òlaind, ann an Sealan Nuadh, Ontario agus Queensland. (O’Donnell, 2018)

"Tha na siostaman stèidhichte air creideas ann am Fionnlainn, Sealan Nuadh, Ontario agus Queensland a’ toirt sùbailteachd do dh’oileanaich ionnsachadh acadaimigeach is dreuchdail a chur còmhla agus mar sin gus crìoch a chur air foghlam àrd-sgoile gu soirbheachail. Ann an Sasainn, faodaidh oileanaich teisteanasan acadaimigeach agus dreuchdail a chur còmhla anns an aon phrògram ionnsachaidh aig ceann shuas na h-àrd-sgoile. Ann an Èirinn, faodaidh oileanaich a tha a’ dèanamh prògram Teisteanas Fàgail cuspairean dreuchdail / teicnigeach agus acadaimigeach a chur còmhla; bidh cuid a’ crìochnachadh Prògram Dreuchdail an Teisteanais Fhàgail mar thoradh air sin." (O’Donnell, 2018)

3.8 Ionnsachadh tro Chom-pàirteachadh Poblach

Tha grunn uachdranasan cuideachd a’ toirt seachad eileamaid de sheirbheis oileanach. Mar eisimpleir, ann an Ontario bho 1999, feumaidh luchd-ionnsachaidh a tha airson dioplòma àrd-sgoile fhaighinn co-dhiù 40 uair a thìde de sheirbheis coimhearsnachd a dhèanamh. Tha Bòrd Sgoile Sgìre Ottawa-Carleton ag ràdh gur e adhbhar com-pàirt coimhearsnachd luachan coimhearsnachd adhartachadh le bhith:

  • a’ cuideachadh oileanaich gus tuigsinn mar as urrainn dhaibh deagh eadar-dhealachadh a dhèanamh san àrainneachd aca;
  • dèanamh cinnteach gun cuir oileanaich ris a’ choimhearsnachd aca;
  • a’ cur ri mothachadh nan oileanach air feumalachdan coimhearsnachd;
  • a’ faighinn a-mach mun àite a dh’fhaodadh a bhith aig oileanaich ann a bhith a’ dèanamh an coimhearsnachdan nan àiteachan nas fheàrr airson a bhith a’ fuireach agus ag obair;
  • a’ cruthachadh fèin-ìomhaigh fhàbharach agus mothachadh air dearbh-aithne sa choimhearsnachd agus;
  • a’ toirt seachad cothrom gus cothroman dreuchdail a rannsachadh.

(Ottawa-Carleton District School Board, 2023)

Tha eachdraidh stèidhichte aig "ionnsachadh seirbheis" anns na Stàitean Aonaichte (Kraft, 1996). Tha e cuideachd na eileamaid den Bhaccalaureate Eadar-nàiseanta. Tha Cruthachalachd, Gnìomhachd, Seirbheis na eileamaid riatanach den dioplòma IB far am feum oileanaich pròiseact a dhèanamh co-cheangailte ris na trì bun-bheachdan sin.

3.9 Leasanan ann an Ath-leasachadh

Chan eil Alba idir na aonar ann a bhith a’ beachdachadh air atharrachaidhean san t-siostam teisteanais is measaidh aice. Tha Masters (2022) ag argamaid gu bheil "dùthchannan air feadh an t-saoghail ag aithneachadh cho èiginneach ’s a tha e foghlam sgoile atharrachadh". Coltach ri Alba, tha dùthchannan eile a’ tuigsinn gur iad na comainn shoirbheachail san àm ri teachd an fheadhainn a bhios ag ullachadh gu gnìomhach airson atharrachadh.

"Gus dèanamh cinnteach gu bheil cuibhreann tòrr nas motha den t-sluagh a’ coileanadh nan ìrean eòlais, sgil agus comais a tha a dhith airson a dhol an sàs gu h-èifeachdach ann an comainn-shòisealta agus àiteachan-obrach an latha an-diugh. Ann an eaconamaidhean an latha an-diugh a tha stèidhichte air eòlas, feumaidh cha mhòr a h-uile duine a bhith a’ ruighinn nan ìrean nach biodh ach aig ceudad glè bheag den t-sluagh san àm a dh’fhalbh." (Masters 2022, td2)

Dh’fheuch Masters (2022) ri tuigse fhaighinn air de na ceumannan a bha dùthchannan a’ gabhail a bha ag ràdh gu soilleir gun robh iad airson siostaman foghlaim aig ìre an t-saoghail a thogail. B’ iad na còig uachdranasan a rannsaich e: British Columbia, Estonia, an Fhionnlainn, Hong Kong agus Coirea a Deas. Bha e inntinneach toirt fa-near gun robh na dùthchannan uile ag ath-dhealbhadh nan siostaman ionnsachaidh sgoile aca ged a tha iad uile air an comharrachadh mar dhùthchannan le àrd-ìre de choileanadh. Tha an fheallsanachd aca airson atharrachadh glè choltach ris an fheallsanachd airson atharrachadh a tha mar bhunait dhan Lèirmheas seo. Tha iad a’ comharrachadh dà phrìomh dhùbhlan:

  • am feum gus luchd-ionnsachaidh ullachadh nas èifeachdaiche airson beatha agus obair san àm ri teachd, agus;
  • gus dèanamh cinnteach gu bheil gach
  • neach-ionnsachaidh "ag ionnsachadh gu soirbheachail, a’ coileanadh aig ìrean àrda agus a’ fàgail na sgoile air a dheagh ullachadh airson an àm ri teachd." (td4)

Chomharraich Masters (2022) grunn chuspairean sa chumantas thar nan còig uachdranasan. An toiseach, tha e ag ràdh gun do dh’aithnich gach dùthaich gum feum na curraicealaman aca, a’ gabhail na-steach oide-eòlas agus measadh atharrachadh. Tha iad ag aithneachadh gum feum luchd-ionnsachaidh dèiligeadh ri eòlas, sgilean agus buadhan ann an dòigh eadar-dhealaichte ma tha iad gu bhith a’ soirbheachadh anns àm ri teachd nuair a bhios cùisean mì-chinnteach. Mar eisimpleir, feumaidh luchd-ionnsachaidh a bhith comasach air measadh a dhèanamh air càileachd an fhiosrachaidh air-loidhne; feumaidh iad tuigsinn mar a nì iad eadar-dhealachadh eadar fianais a tha earbsach no neo-earbsach. Nas fharsainge, bidh feum aca air na sgilean gus dèiligeadh ri prìomh dhùbhlain a thaobh ar dòighean-beatha làithreach, mar eisimpleir; atharrachadh na gnàth-shìde agus dìon na h-àrainneachd, an t-àite aig saidheans sa chomann-shòisealta agus mar a dhìonas iad institiudan agus pròiseasan deamocratach.

Tha Masters (2022) cuideachadh ag ràdh ged a thathar uaireannan ag ràdh gu bheil àrd ìre de chothromas aig na h-uachdranasan uile, tha an suidheachadh nas toinnte na sin. Dh’fhaodadh iad a bhith na b’ èifeachdaiche na a’ mhòr-chuid ann a bhith a’ lùghdachadh na h-àireimh de luchd-ionnsachaidh a tha a’ coileanadh aig ìrean ìosal, ach tha coileanadh 10-15% den luchd-ionnsachaidh aca fhathast nas ìsle na an ìre iomchaidh as ìsle aig OECD le 20% a bharrachd dìreach a’ faighinn na h-ìre as ìsle sin. Anns na còig dùthchannan no stàitean uile, tha dàimh làidir ann fhathast eadar coileanadh luchd-ionnsachaidh agus suidheachaidhean sòisio-eaconamach. Tha an dàimh eadar bochdainn agus coileanadh na dhùbhlan eadar-nàiseanta. Anns na co-theacsan àrd-choileanaidh sin, is e 4-5 bliadhna a’ bheàrn eadar an 10% as adhartaiche de dhaoine aois 15-bliadhna agus an fheadhainn as mì-adhartaiche, an treas cuid de am beatha.

Còmhla ri atharrachadh ann an curricula nan dùthchannan sin, tha atharrachaidhean ann an teisteanasan agus measadh. A rèir Masters (2022), tha iad ag aithneachadh gum faodadh dòighean traidiseanta air ionnsachadh oileanaich a mheasadh a bhith iomchaidh mas e an t-amas gum bi luchd-ionnsachaidh a’ sealltainn de an t-eòlas a th’ aca agus nas urrainn dhaibh dèanamh ann an raointean cuspair fa leth. Ach, airson comasan agus feartan leithid smaoineachadh breithneachail, fuasgladh dhuilgheadasan, no ath-leumachd, bi feum air dòighean-obrach eile a thaobh measadh. Tha comasan agus buadhan adhartach, agus nì luchd-ionnsachaidh adhartas tron sgoil agus às dèidh làimh. Feumaidh dòigh-obrach adhartach, leasachaidh a bhith ann airson a bhith a’ measadh chomasan agus fheartan. Anns na còig uachdranasan uile, thathar a’ toirt atharrachadh air measadh air adhart aig an àm ri dòighean-obrach nas traidiseanta nan uachdranasan.

Tha Masters (2022) ag ràdh gu bheil gach aon de na còig uachdranasan mothachail cuideachd air a’ bhuaidh washbacka dh’fhaodadh a bhith aig pròiseasan measaidh agus mar a dh’fhaodadh iad sin a bhith a’ cur an aghaidh ath-leasachadh a’ churraicealaim, gu sònraichte nuair a thathar a’ cleachdadh measadh airson adhbharan taghaidh. Tha e ag ainmeachadh Coirea a Deas mar eisimpleir de dhùthaich far a deuchainnean a’ toirt buaidh mhòr air an dòigh teagaisg. Ann an Coirea a Deas, tha inntrigeadh dhan oilthigh gu math roghnach. Tha buaidh aig seo air na thachras anns na clasaichean, leis gu bheil an deuchainn gu bhith na dhràibhear airson na tha air a theagasg agus air ionnsachadh seach a’ churraicealam fharsaing. Gus a’ bhuaidh seo a sheachnadh, tha cuid de dh’ uachdranasan air deuchainnean deireadh sgoile a thoirt air falbh agus bidh iad a’ cleachdadh measadh thidsear a-mhàin, agus tha cuid eile air dòighean measaidh eile fhilleadh a-steach. Mar eisimpleir, tha Estonia air pròiseact tar-churraicealair cruthachail a thoirt a-steach agus tha Hong Kong air pròifil ionnsachaidh oileanaich a thoirt a-steach far am bi oileanach a’ toirt seachad geàrr-chunntas de na coileanaidhean aca taobh a-muigh chùrsaichean foirmeil. Tha na còig uachdranasan uile air modhan ionnsachaidh is teagaisg a thoirt a-steach leis an oileanach aig a chridhe.

Ged a thathar ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha cuspairean mar bhlocaichean togail aig a’ mhòr-chuid de churraicealaman gu h-eadar-nàiseanta, tha dùthchannan cuideachd ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e gum bi luchd-ionnsachaidh a’ tar-ghluasad agus a’ cur an cuid eòlais an sàs ann an raointean no cuspairean eile. Bidh cuid a’ comharrachadh na buaidh brosnachail air luchd-ionnsachaidh de bhith a’ cur an sàs agus a’ cleachdadh an eòlais, nan sgilean, nan comasan agus nan luachan a tha iad air a bhith a’ togail ann an raointean cuspair fa leth gus dèiligeadh ri dùbhlan cruinneil.

Tha na còig dùthchannan a chaidh an sgrùdadh le Masters (2022) ag atharrachadh theisteanasan agus measadh ann an diofar dhòighean, ach tha iad uile ag atharrachadh.

3.10 Gèarr-chunntas

Tha mòran de na cùisean a thathar a’ sgrùdadh ann an co-theacs Albannach cuideachd rim faicinn ann an leasachaidhean a tha a’ dol air adhart ann an grunn uachdranasan eile. Tha cho cudromach ’s a tha siostam theisteanasan is measaidh ann a bhith a’ toirt a’ chothruim as motha do luchd-ionnsachaidh na choilean iad a thaisbeanadh na chuspair cumanta thar grunn uachdranasan, Alba nam measg. Is e cuspair eile air a bheilear a’ beachdachadh cho cudromach sa tha roghainn luchd-ionnsachaidh, an dà chuid ann an slighean luchd-ionnsachaidh agus mar roghainn taobh a-staigh diofar ghnìomhan. Tha mothachadh air cho cudromach ’s a tha sgilean agus a bhith a’ cleachdadh eòlais ann an co-theacsa cuideachd a rèir smaoineachadh ann an Alba. Mu dheireadh, tha an eisimpleir CAS bhon IB agus modail seirbheis Ontario co-chòrdail ris a’ mhiann ann an Alba a bhith a’ nochdadh nam miannan coimhearsnachd nas fharsainge aig CfE.

Moladh 3: Obraich ann an com-pàirteachas le dùthchannan le amasan coltach ri Alba gus Teisteanasan agus Measadh a leasachadh.

Ionnsaich bho na dh’fhiosraich sinn ann an Alba ach a bhith a’ coimhead a-mach cuideachd. Feuch ri ionnsachadh le dùthchannan eile le miannan foghlaim coltach ris an fheadhainn againne gus siostam Teisteanasan is Measaidh a thogail a bhios iomchaidh airson an àm ri teachd.

Contact

Email: qualificationsreform@gov.scot

Back to top