It's Our Future - Independent Review of Qualifications and Assessment: report - Gaelic version

Gaelic translation of It’s Our Future, report covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment.


4. Dioplòma Coileanaidh na h-Alba

4.1 Ro-ràdh

Tha fianais a tha a’ tighinn am bàrr bhon Lèirmheas seo a’ cur air adhart argamaid làidir airson a bhith ag atharrachadh an t-siostaim theisteanasan is measaidh làithreach ann na Alba. Mar thoradh air a’ chiad ìre den cho-chomhairleachadh chaidh lèirsinn choitcheann a chruthachadh air na tha ion-mhiannaichte: sealladh airson teisteanasan san àm ri teachd. Cuidich an ath-sgrùdadh air CfE dhuinn gus comharrachadh dè na gnìomhan a bu chòir dhan Lèirmheas seo a ghabhail gus nach dèan sinn na h-aon mhearachdan ’s a rinneadh sa àm a dh’fhalbh. Chuidich an conaltradh le dùthchannan eile gu h-eadar-nàiseanta sinn gus comharrachadh dè a ghabhadh dèanamh: dè na cleachdaidhean a tha an sàs ann an àiteachan eile. Thug an fhianais bhon dàrna agus bhon treas ìre de chonaltradh cumadh air structar a’ mhodh-obrach ùir a chaidh a mholadh a thaobh theisteanasan is measaidh, Dioplòma Coileanaidh na h-Alba, agus chomharraich e na dh’fheumar a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gun obrachadh e ann an cleachdadh; dè tha practaigeach.

Anns a’ Chaibideil seo, nì sinn molaidhean airson an Dioplòma agus anns an ath Chaibideil bidh sinn a’ beachdachadh air builean practaigeach.

4.2 An Lèirsinn agus na Prionnsapalan: Teisteanasan agus Measadh san àm ri teachd

An Lèirsinn

Tha an Lèirsinn a tha air a moladh airson teisteanasan agus measaidhean ann an Alba san àm ri teachd airson: siostam Theisteanasan agus Measaidh a tha in-ghabhalach agus air a meas glè mhath a tha a’ brosnachadh ionnsachadh, a’ cur luach air euchdan eadar-mheasgte gach neach-ionnsachaidh ann an Alba agus a’ toirt taic do gach neach-ionnsachaidh le bhith a’ gluasad air adhart dhan ath ìre de am beatha, gu sòisealta, gu cultarach agus gu h-eaconamach.

’S e siostam a th’ ann a dh’aithnicheas coileanadh gach neach-ionnsachaidh, a’ gabhail a-steach an fheadhainn aig a bheil fìor chomas agus an fheadhainn aig a bheil fìor dhuilgheadasan ionnsachaidh agus iom-fhillte. Bu chòir spèis a bhith aig luchd-ionnsachaidh air teisteanasan; ’s e na teisteanasan acasan a th’ annta. Bu chòir colaistean, luchd-fastaidh, oilthighean agus an roinn shaor-thoileach spèis a chur annta cuideachd. Bidh an Dioplòma na bhunait nas fheàrr gus tagraichean a thaghadh.

Tha an Dioplòma air a dhealbhadh gus ionnsachadh a bhrosnachadh. Bheir e raon farsaing is sùbailte de chothroman do luchd-ionnsachaidh eòlas a thogail agus sgilean a leasachadh ann an raointean anns a bheil ùidh aca agus a tha cudromachd dhaibh (tro Phrògraman Ionnsachaidh). Leigidh e le luchd-ionnsachaidh an cuid eòlais agus sgilean a chleachdadh gus taic a chumail ris an adhartas aca taobh a-muigh na sgoile no na colaiste; ann am beatha, ionnsachadh agus cosnadh (tro Phròiseact Ionnsachadh). Aithnichidh e, cuiridh e luach ann agus àrdaichidh e coileanadh luchd-ionnsachaidh fa leth (tron t-Slighe Phearsanta). Cuidichidh an Dioplòma luchd-ionnsachaidh gus fàs gu sòisealta, gu cultarail agus gu h-eaconamach. Cuidichidh siostam teisteanais far am bi gach neach-ionnsachaidh a’ soirbheachadh gus comann-sòisealta nas cothromaiche agus nas beartaiche a chruthachadh ann an Alba, comann-sòisealta a bhios ag obair dhuinn uile, ge b’ e dè na feartan pearsanta a th’ aig luchd-ionnsachaidh a tha a’ faighinn nan teisteanasan.

"Tha feum againn air frèama airson daoine òga a tha neuro-divergent. Ma tha sinn airson luach a chur air an raon iomlan de choileanadh feumaidh sinn luach a chur air an neach-ionnsachaidh. Dh’innis aon neach-ionnsachaidh dhuinn: ‘Mar neach air a bheil òtasam bhiodh seo uile air còrdadh rium glan – tha mi car brònach nach d’ fhuair mi cothrom a dhol tron t-siostam seo. Chan ann mu dheidhinn lasachaidhean is eisgeachdan a tha seo ach mu bhith a’ gabhail a-steach a h-uile duine." (Ball CCG, Luchd-ionnsachaidh)

Na Prionnsabalan

A bharrachd air an aithris Lèirsinn, bha an Lèirmheas a’ sireadh bheachdan air Prionnsapalan a bu chòir a chleachdadh gus dhealbhadh an t-siostam theisteanasan is measaidh fhiosrachadh. Gus co-thaobhadh math a bhrosnachadh eadar an Lèirsinn agus na Prionnsabalan agus cleachdadh thar ùine, tha na Prionnsabalan a’ tabhann structar airson ath-sgrùdadh a dhèanamh air poileasaidh agus cleachdadh. Ma tha cleachdadh air ath-sgrùdadh gu cunbhalach mu choinneamh na Lèirsinn agus nam Prionnsapalan, gabhaidh duilgheadas sam bith a nochdas a chomharrachadh aig ìre thràth agus gabhaidh gnìomh iomchaidh a ghabhail a leigeas leis an t-siostam ionnsachadh bhon chleachdadh aige fhèin.

Is iad na Prionnsabalan:

Bu chòir do shiostam theisteanasan is measaidh na h-Alba:

1. A bhith ag aithneachadh, a’ cur luach ann an, agus a’ brosnachadh chòraichean agus choileanaidhean gach neach-ionnsachaidh.

2. A bhith a rèir curraicealam na h-Alba agus aig an aon am a bhith a’ freagairt ri feumalachdan caochlaideach an neach-ionnsachaidh fa leth agus a’ chomainn-shòisealta, a’ dèanamh cinnteach gum bi cùisean fàbharach agus seasmhach do luchd-ionnsachaidh, do na coimhearsnachdan aca agus dhan t-saoghal mhòr san àm ri teachd.

3. Farsaingeachd iomchaidh de dhòighean-obrach a thaobh measadh, a’ gabhail a-steach tro dhòighean-obrach didseatach, a chruthachadh agus a chumail suas.

4. A bhith soilleir, cunbhalach agus air a thuigsinn gu furasta, mar phàirt de thuras ionnsachaidh fad-beatha.

5. A bhith sùbailte agus air an cumail fo ath-sgrùdadh cunbhalach, a’ cleachdadh na lèirsinn agus nam prionnsapalan mar slat-tomhais a ghabhas a chleachdadh gus atharrachadh a dhearbhadh

6. A bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile buidheann* le ùidh sa chùis an

7. sàs ann an co-dhùnaidhean a thaobh dealbhadh, buileachadh agus cleachdadh.

*Bu chòir seo a bhith a’ gabhail a-steach luchd-ionnsachaidh, pàrantan / luchd-cùraim, tidsearan / òraidichean, buidhnean nàiseanta, colaistean, fastaichean, oilthighean agus an roinn shaor-thoileach.

Ged a tha gach pàirt den aithris Lèirsinn is Prionnsapalan cudromach, bu mhath leinn aire a tharraing gu Prionnsapalan 1 agus 2. Tha Prionnsapal 1 na ghealltanas gum bu chòir coileanadh gach neach-ionnsachaidh a bhith ‘air aithneachadh, luach a bhith ga chur ann agus air adhartachadh’. Tha sinn den bheachd gu bheil an Dioplòma, leis na trì eileamaidean aige, a’ toirt dhuinn àrd-ùrlar sùbailte airson a h-uile neach-ionnsachaidh gus na coileanaidhean aca a thaisbeanadh. Tha a h-uile neach-ionnsachaidh a’ ciallachadh a h-uile neach-ionnsachaidh: a’ gabhail a-steach luchd-ionnsachaidh a tha neurodivergent no aig a bheil Feumalachdan Taic a Bharrachd, an fheadhainn a tha fìor chomasach an fheadhainn a tha a’ dèanamh ionnsachadh sgoile agus ionnsachadh colaiste aig an aon àm, an fheadhainn a tha air an oideachadh san dachaigh, agus an fheadhainn a gheibh coileanadh tro chosnadh. Tha nàdar in-ghabhalach an Dioplòma air a sgrùdadh nas fhaide anns an ath Chaibideil agus ann am Eàrr-ràdh a h-Aon a tha a’ toirt seachad mion-fhiosrachadh air tursan luchd-ionnsachaidh stèidhichte air raon de shlighean cumanta san Ìre as Àirde ann an Alba.

Tha toraidhean Deasbad Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba a chaidh a chrìochnachadh bho chionn ghoirid co-chòrdail ris an Lèirsinn agus ris na Prionnsapalan a tha air an tabhann san Lèirmheas seo. Tha na co-dhùnaidhean aca a’ nochdadh gu bheil luchd-ionnsachaidh a’ sùileachadh barrachd pearsanachaidh san Ìre as Àirde aca san t-siostam foghlaim san fharsaingeachd. Tha an Deasbad Nàiseanta agus ar n-obair fhìn cuideachd a’ dèanamh soilleir gu bheilear an dùil "gum bu chòir ionnsachadh a bhith air aithneachadh ann an diofar dhòighean a ghabhas ri diofar shlighean ionnsachaidh agus roghainnean a thaghas luchd-ionnsachaidh".

Tha an Deasbad Nàiseanta (2023) cuideachd ag argamaid:

"Bidh Foghlam airson an Àm ri Teachd feumach air siostam foghlaim Albannach a tha for-ghnìomhach, sùbailte, amalaichte, agus a chumas suas còraichean na cloinne is nan daoine òga air fad. Bidh siostam Foghlam na h-Alba san àm ri teachd a’ tabhann teagasg agus ionnsachadh àrd-inbhe, slighean ionnsachaidh eadar-dhealaichte, slighean eile gu soirbheachas agus raon de mheasaidhean iomchaidh a tha a’ sealltainn thàlantan sònraichte gach neach-ionnsachaidh, a’ toirt taic do na h-àrd-amasan aca, agus a’ coileanadh feumalachdan saoghal a tha ag atharrachadh. " (Deasbad Nàiseanta, 2023)

Tha mothachadh air freagairteachd air feumalachdan luchd-ionnsachaidh fa leth aig cridhe molaidhean an Lèirmheis seo agus tha an dàrna Prionnsabal againn a’ daingneachadh thoraidhean an dà chuid an Deasbaid Nàiseanta agus Putting Learners at the Centre, (Muir 2022) le bhith ag ràdh gum feum siostam theisteanasan is measaidh na h-Alba. "a bhith a rèir curraicealam na h-Alba agus cuideachd a bhith a’ freagairt air feumalachdan caochlaideach luchd-ionnsachaidh fa leth agus a’ chomainn-shòisealta, a’ cruthachadh àm ri teachd fàbharach is seasmhach do luchd-ionnsachaidh, dhan coimhearsnachdan agus dhan t-saoghal mhòr". Tha sinn den bheachd gu bheil comas aig an Dioplòma gus am miann seo a thoirt air adhart.

Moladh 4: Gabh ris an Lèirsinn agus na Prionnsapalan a thathar a’ moladh san Lèirmheas seo airson poileasaidh agus cleachdadh. Bu chòir Teisteanasan agus Measadh ann an Alba a bhith air an co-thaobhadh leis an Lèirsinn agus na leis na Prionnsabalan.

Bu chòir iad sin a chleachdadh mar bhunait airson ath-sgrùdadh cunbhalach gus dèanamh cinnteach gu bheil beachdan agus cleachdaidhean fhathast air an aon rèir.

4.3 Dioplòma Coileanaidh na h-Alba (an Dioplòma)

Chaidh an Dioplòma a dhealbhadh gus barrachd a nochdadh de na rudan anns a bheil sinn a’ cur luach ann an ionnsachadh agus barrachd rudan a bhios nas luachmhoire do luchd-ionnsachaidh agus iad a’ gluasad air adhart nan slighean ionnsachaidh fad-beatha. Bheir e cothrom do luchd-ionnsachaidh raon nas fharsainge de na coileanaidhean aca a bhith air aithneachadh, tha seo uile deatamach airson an adhartas soirbheachail san àm ri teachd.

Clàr 3: Dioplòma Coileanaidh na h-Alba

Prògraman Ionnsachaidh

Bidh sgrùdadh domhainn air raointean fa leth den churraicealam, cuspairean agus teisteanasan dreuchdail, teicnigeach agus proifeasanta, fhathast na phàirt bhunaiteach de theisteanasan. Ach, bu chòir dhan dòigh-obrach ùr a thaobh theisteanasan a dhol nas fhaide gus co-thaobhadh nas fheàrr ri CfE.

Ionnsachadh Pròiseict

Bu chòir cothroman a bhith aig luchd-ionnsachaidh sealltainn mar a chleachdas iad eòlas thar chuspaireil, an dà chuid teicnigeach agus proifeasanta gus dèiligeadh ri dùbhlain. Tha na seòrsaichean ghnàth-eòlasan seo nas fhaisge air an fheadhainn a bhios aig luchd-ionnsachaidh taobh a-muigh na sgoile no na colaiste, mar eisimpleir a bhith comasach air obrachadh mar phàirt de sgioba, a bhith a’ dèanamh rannsachadh, a’ fuasgladh dhuilgheadasan agus a bhith a’ sireadh fhuasglaidhean cruthachail.

Slighe-ionnsachaidh Pearsanta

’S e daoine fa leth a th’ ann an luchd-ionnsachaidh agus bu chòir cothroman a bhith

aca an caractar aca fhèin a nochdadh – na cùrsaichean a thaghas iad, na pròiseactan a nì iad, na h-ùidhean aca, na tha iad a’ cur ris a’ chomann-sòisealta agus na comasan aca. Còmhla, tha na nithean seo a’ cuideachadh luchd-ionnsachaidh gus deagh cho-dhùnaidhean a dhèanamh mun ath rud a nì iad. Bheir am fiosrachadh nas fharsainge, nas pearsanta seo bunait fianais nas fheàrr do cholaistean, fastaichean agus oilthighean gus na co-dhùnaidhean aca fhiosrachadh mu dè na h-oileanaich no an luchd-obrach a bhios as iomchaidhe airson a’ chùrsa no na h-obrach.

4.4 Carson a tha na Trì Raointean sin?

Bu chòir dhan churraicealam, oide-eòlas agus measadh a bhith cunbhalach is iomlan ( Wyse et al, 2016). Tha an curraicealam a’ comharrachadh na tha cudromach. Ann an co-theacsa na h-Ìre as Àirde, tha Priestley (2019) ag ràdh nuair a thathar a’ planadh airson ionnsachadh, nach e a’ chiad cheist a bu chòir a bhith againn "Dè na cuspairean a bu chòir dhuinn a theagasg?" ach: "Dè tha cudromach, dè a tha cudromach dhuinn?" Às dèidh curraicealaim, ’s e oide-eòlas an dàrna rud as cudromaiche, na dòighean-obrach a thaobh ionnsachadh is teagaisg a tha air an cleachdadh gus luchd-ionnsachaidh a thoirt an sàs sa churraicealam agus gus an cuid ionnsachaidh a bhrosnachadh. Às a sin, tha measadh ag amas air an adhartas a tha luchd-ionnsachaidh a’ dèanamh anns na rudan a tha cudromach, agus mar a ghabhadh an fhianais sin a chleachdadh gus an cuid adhartais ann an ionnsachadh fhiosrachadh. Tha teisteanasan a’ riochdachadh aithne fhoirmeil air an ionnsachadh sin do chuid de luchd-ionnsachaidh, ach chan ann dhaibh uile.

’S e an rud a bu chòir a bhith air a mheas cudromach am fòcas airson ionnsachadh agus teagasg airson measadh agus airson teisteanasan. Chan e idir a’ cheist as cudromaiche do theisteanasan dè an rud as fhasa dhuinn a thomhas. Bu chòir a’ cheist a chaidh a thogail a thaobh prògraman sgrùdaidh roimhe a bhith na cheist do theisteanasan cuideachd: dè an t-eòlas, dè na sgilean agus na buadhan a bu chòir a bhith aig neach foghlaimte gus soirbheachadh ann an comann-sòisealta deamocratach iom-fhillte an latha an-diugh?

Aig an àm seo, tha an curraicealam ann an Alba air a mhìneachadh mar a leanas:

"an iomlanachd den a h-uile rud a tha air a phlanadh airson clann agus daoine òga bho thràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne, tron sgoil agus nas fhaide air adhart. Faodar an iomlanachd sin a dhealbhadh do luchd-ionnsachaidh, agus faodaidh iad fhiosrachadh thairis air ceithir co-theacsan:

  • Cothroman airson Coileanadh Pearsanta
  • Ionnsachadh Eadar-chuspaireil
  • Feallsanachd agus beatha na sgoile mar choimhearsnachd
  • Raointean curraicealaim agus Cuspairean."

(Foghlam Alba, 2023)

Mhol an fhianais bho Ìre a Dhà den Lèirmheas gum bu chòir ceangal nas dlùithe a bhith aig teisteanasan agus measadh thar choimhearsnachdan ri curraicealam CfE agus ris na co-theacsan ionnsachaidh. Tha an Dioplòma a’ nochdadh an amais seo gus farsaingeachd theisteanasan is measaidh a leudachadh a rèir curraicealam na h-Alba.

Prògraman Ionnsachaidh

  • Raointean Curraicealaim agus Cuspairean
  • Cùrsaichean dreuchdail, teicnigeach agus proifeasanta

Ionnsachadh Pròiseict

  • Ionnsachadh Eadar-chuspaireil

Slighe-ionnsachaidh Pearsanta

  • Cothroman airson Coileanadh Pearsanta
  • Feallsanachd agus beatha na sgoile mar choimhearsnachd

Tha na trì earrainnean den Dioplòma, Prògraman Ionnsachaidh, Ionnsachadh Pròiseict agus Slighe Phearsanta a’ toirt còmhla an eòlais, nan sgilean agus nam feartan a dh’fheumas saoranaich ann an comann-sòisealta deamocratach iom-fhillte an latha an-diugh.

Ann am Pàipear-taice a h-Aon tha sinn air eisimpleir a dhèanamh air cò ris a bhiodh an Dioplòma coltach an da-rìribh. Tha sinn air raon farsaing de dh’eisimpleirean a thoirt seachad a dh’aona ghnothach, ged nach eil e a’ gabhail a-steach a h-uile suidheachadh a dh’fhaodadh a bhith ann. Chaidh na h-eisimpleirean seo a chruthachadh ann an com-pàirteachas le suidheachaidhean foghlaim agus prìomh luchd-ùidh.

Moladh 5: Gabh ri Dioplòma Coileanaidh na h-Alba (an Dioplòma) mar an dòigh-obrach ùr a thaobh teisteanasan agus measadh. Bu chòir trì eileamaidean a bhith ann an Dioplòma Coileanaidh na h-Alba: Prògraman Ionnsachaidh, Ionnsachadh Pròiseict agus an t-Slighe Phearsanta.

Moladh 6: Cleachd Dioplòma Coileanaidh na h-Alba mar theisteanas ceumnachaidh airson gach suidheachadh foghlaim Ìre as Àirde.

Bu chòir na slatan-tomhais a leanas a chleachdadh mar thoiseach tòiseachaidh airson barrachd obair leasachaidh air an Dioplòma.

  • Feumar cothrom a thoirt dhan a h-uile neach-ionnsachaidh eòlas fhaighinn air ionnsachadh anns gach eileamaid den Dioplòma. Bu chòir seo a mheas mar chòir.
  • Cha bu chòir dhan Dioplòma iomlan a bhith air a rangachadh. Bu chòir a bhuileachadh nuair a thathar ag aithneachadh choileanaidhean anns gach eileamaid, Prògraman Ionnsachaidh, Ionnsachadh Pròiseict agus an t-Slighe Pearsanta.
  • Taobh a-staigh an Dioplòma, bidh cùrsaichean Ionnsachaidh, a tha air an comharrachadh aig an àm seo, fhathast air an comharrachadh. Cha bhi Ionnsachadh Pròiseict air a’ chomharrachadh ach bidh pròiseactan ceangailte ris na diofar ìrean den fhreàma SCQF le diofar chreideasan. Cha tèid an t-Slighe Phearsanta a chomharrachadh.
  • Thèid an Dioplòma a thoirt seachad aig puing fàgail agus bidh e a’ gabhail a-steach coileanaidhean a chaidh a chruinneachadh chun na h-ìre sin. Bidh e a’ gabhail a-steach, teisteanasan, duaisean, creideas air a chruinneachadh agus meòrachadh luchd-ionnsachaidh air an cuid ionnsachaidh phearsanta tron t-Slighe Phearsanta.
  • Cha bu chòir na trì eileamaidean san Dioplòma a bhith air an cuideamachadh. Tha na h-eileamaidean uile cudromach mar fhianais air farsaingeachd coileanaidh.
  • Gluaisidh an Dioplòma, agus an fhianais a tha na bhroinn, leis an neach-ionnsachaidh agus thèid togail air seo ann an colaistean, cosnadh, san oilthigh agus san roinn shaor-thoilich.
  • Mura seall neach-ionnsachaidh fianais air ionnsachadh anns na trì eileamaidean uile, cha tèid an Dioplòma a bhuileachadh. Fàgaidh iad le clàr de na tha iad air a choileanadh. Bidh e comasach ionnsachadh a dhèanamh nas fhaide air adhart gus an tèid an duais a thoirt seachad.
  • Bu chòir gum biodh gach eileamaid den Dioplòma ruigsinneach do Luchd-ionnsachaidh tro Mheadhan na Gàidhlig.
  • Bu chòir pròifil didseatach a bhith aig a h-uile neach-ionnsachaidh gus an urrainn dhaibh coileanadh a chlàradh ann am Prògraman Ionnsachaidh, Ionnsachadh Phròiseactan agus Slighe Phearsanta. Bidh sealbh aig an neach-ionnsachaidh air a’ phròifil. Bidh a’ Bhuidheann Theisteanasan a’ riaghladh an fhiosrachaidh mu choileanaidhean ann am Prògraman Ionnsachaidh agus Ionnsachadh Phròiseactan. Bidh an t-Slighe Phearsanta gu tur fo smachd an neach-ionnsachaidh.
  • Feumaidh a’ phròifil dhidseatach a bhith ruigsinneach dhan a h-uile neach-ionnsachaidh agus ri faighinn sa Ghàidhlig agus mion-chànanan eile.

Tha e cudromach gun tèid beachdachadh gu faiceallach air cùisean seilbh dàta agus tèarainteachd agus feumaidh luchd-ionnsachaidh sealbh a chumail air an t-Slighe Phearsanta aca agus air na tha na cois. Tha an Lèirmheas a’ moladh na h-obrach tùsail le Foghlam Alba san raon seo agus mholamaid, ma thèid gabhail ri bun-bheachd an Dioplòma, gum bu chòir obair ann am pròifilean didseatach agus ann an tèarainteachd dhidseatach a luathachadh.

Ged nach deach seo a sgrùdadh gu mionaideach mar phàirt den Lèirmheas seo, tha sinn den bheachd gum faodadh cothroman a bhith ann gus cruth-tìre innealan/pròifilean didseatach a dhèanamh nas sìmplidhe thar roinn an fhoghlaim agus gum b’ fhiach beachdachadh air mar a bhiodh am pròifil ùr co-cheangailte ri siostaman a th’ ann mar-thà, a’ gabhail a-steach Glow agus My World of Work. Bhiodh e feumail cuideachd beachdachadh air leasachaidhean nas fharsainge ann am pròifileadh a tha a’ tachairt taobh a-muigh na h-Alba, gu sònraichte dòighean-obrach a tha air an deach deuchainnean a dhèanamh ann an sgoiltean agus colaistean, mar eisimpleir, obair Ath-bheachdachadh Measadh.

4.5 Prògraman Ionnsachaidh

Mar a tha fìor an-dràsta, mar phàirt den Dioplòma bidh aig luchd-ionnsachaidh ri prògraman ionnsachaidh mionaideach a dhèanamh a’ gabhail a-steach Teisteanasan Nàiseanta (Ìrean 1 gu 7), Cairtean-teisteanais Nàiseanta, Bun-phreantasachd, Duaisean Adhartas Nàiseanta agus Sgilean Obrach. Bidh a’ mhòr-chuid de dh’ùine an neach-ionnsachaidh san Ìre as Àirde ag amas air a bhith a’ togail agus an uair sin a’ doimhneachadh an eòlais, an tuigse agus an cuid sgilean anns na raointean sin. Tha ionnsachadh ann an cùrsaichean coitcheann (cuspairean) agus/no ann am prògraman teicnigeach is proifeiseanta (dreuchdail) sa cholaiste fhathast deatamach. Is iad sin na blocaichean togail bunaiteach airson foghlam ann an Alba.

Tha a bhith a’ dèanamh Phrògraman Ionnsachaidh na eileamaid dheatamach den Dioplòma agus bidh e an urra ri sgilean an luchd-foghlaim stèidhichte air cuspair agus eòlaichean dreuchdail, teicnigeach agus proifeasanta ann an suidheachaidhean foghlaim. Tha na ceanglaichean a th’ ann mar-thà eadar sgoiltean, colaistean agus ionnsachadh coimhearsnachd air beartas a thoirt dhan tairgse do luchd-ionnsachaidh tro raon fharsaing de ghnàth-eòlasan. Tha e coltach gun lean an tairgse do luchd-ionnsachaidh oirre a’ leudachadh mar a leudaicheas cothroman airson sgrùdadh domhainn air-loidhne.

Tha cùrsaichean air-loidhne nam pàirt de chruth-tìre foghlaim na h-Alba mar-thà. Tha raon farsaing de chùrsaichean rim faighinn air-loidhne aig oilthighean, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta, a bheir cothroman dùbhlanach do luchd-ionnsachaidh le ùidhean agus comasan sònraichte. Tha cothroman mar seo a’ toirt cothrom do luchd-ionnsachaidh a bhith a’ gluasad air adhart aig an astar aca fhèin agus tha e coltach gum bi iad nam pàirt nas cudromaiche den chruth-tìre san àm ri teachd. A bharrachd air sin, tha e-Sgoil no àrainn bhiortail eile (mar eisimpleir, Àrainn Bhiortail na Gàidhealtachd) a’ leigeil le luchd-ionnsachaidh duaisean SQA a dhèanamh. Is dòcha gum bi ùidh gu sònraichte aig sgoiltean agus colaistean ann an dòighean-obrach mar seo far a bheil an tairgse curraicealaim nas cuingealaichte air sgàth duilgheadasan a thaobh suidheachadh no fastadh thidsearan.

Bu chòir do sgoiltean agus colaistean a bhith cruthachail agus iad a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig gach neach-ionnsachaidh air curraicealam farsaing agus cothromach.

Tha an dòigh-obrach a th’ ann an-dràsta a thaobh theisteanasan ann an sgoiltean na h-Alba san Ìre as Àirde air càineadh làidir fhaighinn. Tha ceist shònraichte ann am foghlam na h-Alba mun rud ris an canar "cabhag dà theirm". Dh’aithris Priestley et al (2020):

"Bu toil le daoine òga gum biodh an coileanadh aca air a chlàradh tron bhliadhna air fad, seach ’cabhag dà theirm’ a bhith ann a dh’ionnsaigh nan deuchainnean (gu sònraichte airson Àrd-ìre). (td39)

Chaidh an ’cabhag dà theirm’ a thogail gu tric is minig tron Lèirmheas air fad. Chaidh a chleachdadh gus dragh a chur an cèill mu shiostam ionnsachaidh is teagaisg ann am bliadhnaichean ceithir gu sia den àrd-sgoil a tha cha mhòr gu tur stèidhichte air ullachadh airson deuchainnean seach air càileachd no doimhneachd an ionnsachaidh.

Tha deuchainnean air aon dòigh air fianais a chruinneachadh. Ann an cuid de shuidheachaidhean, tha deuchainnean ag obair gu math, ach mar a tha fìor leis gach seòrsa measaidh, tha cuingleachaidhean nan lùib. Tha an fhianais bho rannsachadh bho chionn ghoirid (Stobart, 2021, agus Priestley et al, 2020) a’ moladh gus dligheachd àrdachadh, gum bu chòir ath-bheachdachadh mar eisimpleir, air an dàimh eadar na tha cudromach sa churraicealam agus na tha na phàirt den theisteanas, agus an cothromachadh eadar obair-chùrsa agus deuchainnean bhon taobh a-muigh. Mar eisimpleir, tha Stobart (2021) a’ dèanamh na h-argamaid gu bheil cus dheuchainnean aig Alba; trì sheataichean de mheasaidhean air an taobh a-muigh taobh a-staigh trì bliadhna do chuid den luchd-ionnsachaidh.

Ro ChOVID-19, bha a’ mhòr-chuid de theisteanasan Nàiseanta aig SQA a’ gabhail a-steach measgachadh de dhòighean measaidh. Chaidh teisteanasan a dhealbhadh gus na ceithir comasan uile a mheasadh. Ach, tha beachdan ann gu bheil am fòcas air aon chomas a-mhàin, Luchd-ionnsachaidh Soirbheachail.

B’ e an dàrna cuspair a chaidh a thogail gu cunbhalach tron Lèirmheas adhartas. Bhathar den bheachd gun robh an dàimh eadar Nàiseanta 4, Nàiseanta 5 agus Àrd-ìre ann an cuspairean tarsainn a’ churraicealaim doirbh. Bha draghan ann cuideachd gur e sònrachaidhean cùrsa SQA am prìomh thùs airson stiùireadh curraicealaim ann an teisteanasan nàiseanta san Ìre as Àirde.

Moladh 7: Bu chòir an eileamaid Phrògraman Ionnsachaidh a bhith riatanach gus an Dioplòma a bhuileachadh. Bu chòir raon farsaing de chùrsaichean a thabhann dhan a h-uile neach-ionnsachaidh a’ gabhail a-steach cùrsaichean acadaimigeach, dreuchdail, proifeiseanta agus teicnigeach. Is e còir a th’ ann.

Tha an Lèirmheas a’ moladh gun gabh ionnsachadh, teagasg agus measadh Phrògraman Ionnsachaidh a neartachadh le bhith gabhail ris na gnìomhan a leanas. Bu chòir na gnìomhan seo a bhith air an dèanamh le luchd-teagaisg, a’ gabhail a-steach eòlaichean cuspair, agus luchd-ionnsachaidh, ùghdarrasan ionadail/Caidreachasan Leasachaidh Roinneil (RICan), buidhnean nàiseanta agus acadaimigich:

  • Dèan lèirmheas air sònrachaidhean cùrsa gus dèanamh cinnteach gu bheil dàimh làidir eadar na tha cudromach sa churraicealam, eòlas-teagaisg, measadh agus teisteanasan.
  • Thoir piseach air adhartas eadar Foghlam Farsaing Coitcheann agus an Ìre as Àirde agus taobh a-staigh na h-Ìre as Àirde ann an sgoiltean agus colaistean. Bu chòir an Curraicealam airson Sàr-mhathas Gnàth-eòlasan adhartach a thoirt do luchd-ionnsachaidh. Tron Lèirmheas air fad, chaidh draghan a thogail mun ìre is gun robh adhartas soilleir ann taobh a-staigh cuspairean. Bhathas den bheachd gun robh dìth co-leanailteachd eadar Foghlam Farsaing Coitcheann agus an Ìre as Àirde, mar a bha na dàimhean eadar Ìrean Nàiseanta 4 agus 5 agus eadar Nàiseanta 5 agus Àrd-ìre ann an grunn raointean cuspair.
  • Leudaich an raon de dhòighean measaidh airson Teisteanasan Nàiseanta san Ìre as Àirde. Bu chòir na diofar dhòighean-obrach a thaobh measadh a bhith a rèir na tha cudromach sa churraicealam. Bu chòir an co-dhùnadh mu na dòighean measaidh a bu chòir a chleachdadh a bhith stèidhichte air an dòigh as
  • fheàrr air fianais a chruinneachadh mu choileanaidhean an neach-ionnsachaidh anns na tha cudromach anns gach prògram ionnsachaidh. Cruthaichidh barrachd measadh stèidhichte sa chlas cothroman nas fheàrr gus èifeachd a leasachadh. Le bhith a’ gabhail a-steach measgachadh de dhiofar dhòighean measaidh ann an teisteanas, tha e cuideachd ag aithneachadh gu bheil luchd-ionnsachaidh a’ freagairt ann an dòighean eadar-dhealaichte ri diofar dhòighean-obrach. Mar eisimpleir, bidh cuid de luchd-ionnsachaidh comasach air coileanadh nas fheàrr a shealltainn ma thèid iarraidh orra cunntas a thoirt air an eòlas aca no air na rinn iad ann an deuchainn labhairt seach a bhith a’ sgrìobhadh freagairt. Do luchd-ionnsachaidh eile, tha an caochladh fìor. Is urrainn fèin-mheasadh agus measadh co-leithid, far am feum luchd-ionnsachaidh smaoineachadh mun ionnsachadh aca fhèin agus mu ionnsachadh dhaoine eile, cuideachadh gus tuigse luchd-ionnsachaidh a dhoimhneachadh air adhartas agus mar as urrainn dhaibh a bhith nan luchd-ionnsachaidh fèin-riaghlach aig a bheil eòlas mar a leasaicheas iad an coileanadh agus mar a bheir iad taic do chàch. Bheir e fianais do thidsearan air cho domhainn ’s a tha an tuigse aig neach-ionnsachaidh air na thathar a’ sgrùdadh. Bidh na dòighean measaidh a chleachdar eadar-dhealaichte airson gach prògram ionnsachaidh agus bu chòir dha a bhith an urra ri buidhnean cuspaireil, a’ gabhail a-steach tidsearan clas. Tha sinn a’ toirt fa-near gun robh measgachadh de dhòighean measaidh ann thairis air diofar phrògraman ro ChOVID-19 agus gu bheilear gan toirt a-steach a-rithist ann an seisean 2023-24 agus ath-shlànachadh na h-Alba bhon ghalar lèir-sgaoilte a’ leantainn air adhart. Bidh e cudromach gun gabh seo a thoirt air ais ann an dòigh a tha ag amas air dèiligeadh ris an dùbhlan a tha an lùib ionnsachadh foirmleach do luchd-ionnsachaidh ann an obair-chùrsa agus deuchainnean.

"Tha grunn bhuannachdan ann bho bhith a’ cur cuideam làidir air measadh tidseir. Tha iomadh cothrom aig tidsearan a bhith a’ coimhead air oileanaich thar ùine fhada agus a’ coileanadh diofar ghnìomhan, a’ gabhail a-steach obair-sgioba, obair beòil agus pròiseactan leudaichte, agus san t-seagh seo tha na beachdan aca nas ùghdarrasaiche na bhiodh aon deuchainn." (OECD, 2020)

"Tha deuchainnean àrd-sgoile gu ìre mhòr nan eisimpleirean de theicneòlas bhon 19mh agus 20mh linn a bhith air a chleachdadh ann an àrainneachd teagaisg is ionnsachaidh na 21mh linn. Tha teicneòlas didseatach a’ toirt cruth-atharrachadh air na comasan againn airson fèin-mheasadh, measadh cho-leithid, measadh co-roinnte agus measadh leantainneach. Faodaidh measadh agus deuchainnean a-nis a bhith nas leantainniche, seach a bhith air an cumail gu h-ainneamh. Faodaidh iad comasan a chruthachadh airson fèin-mheasadh leantainneach agus adhartas fèin-stiùirichte ann an ionnsachadh. Is urrainn dhaibh measaidhean a cho-roinn gu follaiseach le sgoilearan, pàrantan agus co-obraichean proifeasanta a bhios a’ fàgail gum bi cuideachadh agus eadar-theachd bho thidsearan ann an deagh àm." (ICEA, 2020)

  • Lùghdaich an àireamh de dheuchainnean anns an Ìre as Àirde. ’S e aon dòigh chudromach air fianais a chruinneachadh a th’ ann an deuchainnean, ach tha deuchainnean ann ro thric san t-siostam làithreach. Tha sinn a’ moladh nach bi sgrùdadh air an taobh a-muigh aig Ìrean SCQF 1-5. Bidh measadh air an taobh a-staigh a-mhàin. Bidh deuchainnean bhon taobh a-muigh, còmhla ri measadh air an taobh a-staigh, fhathast nam pàirt de Theisteanasan Nàiseanta aig SCQF Ìre 6 Àrd-ìre agus SCQF Ìre 7 Àrd-ìre Adhartach. Tha sinn den bheachd gun lùghdaich seo cuideam air luchd-ionnsachaidh agus air luchd-obrach ann an suidheachaidhean foghlaim agus gum brosnaich e cothroman airson ionnsachadh nas doimhne. Fosglaidh seo raon de chothroman, mar eisimpleir, gus cùrsaichean Àrd-ìre SCQF Ìre 6 a bhith leantainneach thairis air dà bhliadhna. Ma cho-dhùineas neach-ionnsachaidh crìoch a chur air cùrsa ann an ÀS4, falbhaidh iad leis a’ chreideas a tha iad air cruinneachadh.

Ma tha iad air creideas gu leòr a chosnadh airson duais Ìre 4 no 5 fhaighinn, thèid an obair-chùrsa aca a dhearbhadh bhon taobh a-muigh, agus thèid an duais a thoirt seachad. Cha bhithear a’ meas gu bheil neach-ionnsachaidh air fàiligeadh ma chumas iad orra ag ionnsachadh anns a’ chòigeamh agus san t-siathamh bliadhna.

  • Cùm deuchainnean far a bheil iad nam pàirt chudromach den mhodh measaidh. Dèan lèirmheas air na deuchainnean a th’ ann mar-thà gus nach bi iad cho buailteach ri ro-innse agus gus ro-aithris a lùghdachadh. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ toirt a-steach ath-bheachdachadh air na seòrsaichean cheistean a thèid fhaighneachd, an raon de roghainnean a tha rim faighinn ann am pàipearan deuchainn agus na dòighean measaidh a thathar a’ cleachdadh. Ach, chan atharraich na gnìomhan sin a-mhàin an cultar làithreach timcheall air deuchainnean. Ma tha an cultar gu bhith ag atharrachadh, bidh feum cuideachd air atharraichean ann an dòighean-teagaisg ann an sgoiltean agus seòmraichean-teagaisg, ach cuidichidh na gnìomhan a thathar a’ moladh an seo agus bidh iad nan culaidhean-bhrosnachaidh airson atharrachadh.
  • Cuir ri sùbailteachd le bhith a’ cur chùrsaichean agus Prògraman Ionnsachaidh ann am modalan. Bu chòir prògraman ionnsachaidh a bhith air an dèanamh suas de mhodalan gus an t-sùbailteachd as motha a thoirt do luchd-ionnsachaidh gus creideasan a thogail fhad ’s a tha iad a’ dol air adhart tro chùrsaichean. Bu chòir dha a bhith comasach modalan bho dhiofar sheòrsaichean duais a chur còmhla. Mar eisimpleir, bu chòir gum biodh e comasach modalan aig Nàiseanta 5 a chur ri Cairt-teisteanais Nàiseanta aig Ìre 5. Far an gabh a dhèanamh, bu chòir fianais coileanaidh tighinn bho ghnìomhan measaidh a tha a’ tachairt gu h-àbhaisteach mar-thà mar phàirt de dh’ionnsachadh is teagasg seach bho bhith a’ toirt a-steach gnìomhan measaidh a bharrachd. Tha sinn ag aithneachadh gum bi feum air barrachd obrach gus gluasad a dh’ionnsaigh dòigh-obrach mhodalach.
  • Cruthaich barrachd tìde airson ionnsachadh agus teagasg. Le bhith a’ toirt air falbh measadh bhon taobh a-muigh ann an ÀS4, cruthaichidh sin barrachd ùine airson ionnsachadh agus teagasg thar ÀS4 agus ÀS5. Mar eisimpleir, bidh creideas air a chruinneachadh thar dà bhliadhna airson luchd-ionnsachaidh a tha a’ dèanamh chùrsaichean aig SCQF Ìre 6: Àrd-ìre. Feumar a bhith faiceallach gun tèid an tìde a thèid a shaoradh a chleachdadh airson ionnsachadh agus teagasg. Tha biùrocrasaidh air a chruthachadh, chan e staid nàdarra a th’ ann.

Tha an t-siathamh bliadhna den sgoil a’ tabhann chothroman gus an raon de ghnìomhachdan a tha air an dèanamh san Dioplòma a leudachadh agus a dhoimhneachadh. Bidh luchd-ionnsachaidh san t-siathamh bliadhna comasach air leantainn orra a’ dèanamh raon de phrògraman a tha co-chòrdail ris an adhartas aca fhèin. Airson cuid de luchd-ionnsachaidh dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach raon nas fharsainge de chùrsaichean nàiseanta no de dhuaisean coileanaidh eile. Airson luchd-ionnsachaidh eile, faodaidh cùrsaichean a bhith aig Ìrean 6 no 7 SCQF no a bhith a’ cur ri Bun-phreantasachdan no Duaisean Adhartas Nàiseanta. Bu chòir suidheachaidhean foghlaim cumail orra a bhith ag obair le luchd-ionnsachaidh gus coimhead air roghainnean airson na slighe-ionnsachaidh aca san àm ri teachd. Bu chòir an siostam a bhith sùbailte. Mar eisimpleir, ma tha neach-ionnsachaidh airson Ceimigeachd a dhèanamh – aig SCQF Ìre 6 – Àrd-ìre ann an aon bhliadhna san t-siathamh bliadhna, bu chòir gum biodh seo fhathast comasach. A bharrachd air sin, tha an dà eileamaid eile den Dioplòma, Ionnsachadh Pròiseict agus Slighe Phearsanta a’ tabhann chothroman ùra nach beag do luchd-ionnsachaidh ann an ÀS6 am pròifil gnìomhachdan aca a leudachadh agus a dhoimhneachadh. Mar eisimpleir, tha am Pròiseact co-cheangailte ri frèama SCQF. Dh’fhaodadh am frèam-obrach seo cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh pròiseact a dhèanamh aig Ìre 7 no nas fhaide air adhart, a’ tabhann ìre dùbhlain nas motha na an ìre a thathar a’ tabhann ann an sgoiltean gu traidiseanta.

4.6 An t-Slighe Phearsanta

Is e fear de phrìomh phrionnsabalan an Lèirmheis a bhith a’ cur luach air raon nas fharsainge de choileanadh na dìreach a bhith a’ faighinn teisteanasan cuspair, teicnigeach, dreuchdail agus proifeasanta. Tha an eileamaid seo den Dioplòma a’ cur an comas dealbh nas pearsanaichte den neach-ionnsachaidh a bhith ann. Tha seo na phàirt dheatamach de bhith a’ togail pearsanachadh agus roghainn a-steach dhan Ìre as Àirde.

B’ e fear de na cuspairean as treasa a thàinig às an lèirmheas bho luchd-ionnsachaidh gum bu chòir teiseanasan a bhith air am pearsanachadh. Tha an t-Slighe Phearsanta na dòigh gus ùidhean, comasan agus coileanadh gach neach-ionnsachaidh a bhrosnachadh agus a chomharrachadh. Tha an cothrom do neach-ionnsachaidh a bhith a’ meòrachadh air an cuid ionnsachaidh na phrìomh sgil dhan luchd-ionnsachaidh uile. Is urrainn cothroman ionnsachaidh nas fharsainge a tha a’ gabhail a-steach ìre de roghainn dhan neach-ionnsachaidh, cur gu mòr ri dòighean ionnsachaidh eile, mar eisimpleir, a’ cur ri brosnachadh, a’ togail dhàimhean làidir. Cha bu chòir dearmad a dhèanamh air a’ chomas a th’ ann airson cothroman ionnsachaidh nas fharsainge gus dealas neach-ionnsachaidh a thaobh foghlam san fharsaingeachd a neartachadh.

Moladh 8: Gum bi an eileamaid Slighe Pearsanta riatanach airson buileachadh an Dioplòma. Is e còir a th’ ann agus feumaidh e a bhith ri fhaighinn dhan a h-uile neach-ionnsachaidh. Is e ceist cothromais a tha seo. Feumaidh e a bhith sùbailte dhan a h-uile neach-ionnsachaidh, ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha roghainn phearsanta agus bu chòir dha fòcas a chur air na tha luchd-ionnsachaidh air ionnsachadh mun deidhinn fhèin.

Bu chòir dhan t-Slighe Phearsanta ùidhean, comasan agus coileanadh gach neach-ionnsachaidh a bhrosnachadh agus a chomharrachadh

Tha an t-Slighe Phearsanta a’ toirt cothrom do luchd-ionnsachaidh am pròifil a phearsanachadh, gus taobhan den eòlas aca a thaghadh a tha a’ nochdadh an ùidhean, na tha iad a’ cur ris a’ chomann-shòisealta agus am miannan dreuchdail a thaobh cosnadh.

Bu chòir sealbh a bhith aig an neach-ionnsachaidh air an t-Slighe Phearsanta agus bu chòir dha pearsanachadh agus roghainn a bhrosnachadh. Is e an neach-ionnsachaidh a bhios a’ co-dhùnadh dè am fiosrachadh a bhios anns an t-Slighe Phearsanta.

Taobh a-staigh na h-earrainn seo den Dioplòma, faodaidh luchd-ionnsachaidh meòrachadh air na dh’ionnsaich iad bho:

  • na chuir iad ris an sgoil no colaisde mar choimhearsnachd no ri coimhearsnachdan taobh a-muigh an t-suidheachaidh foghlaim aca.
  • ghnìomhan cultarail anns an do ghabh iad pàirt no a stiùir iad, mar eisimpleir, ceòl, ealain, dràma, cultar na Gàidhlig, spòrs, gnìomhan cultarail nas fharsainge, mar eisimpleir, ionnsachadh cànain.
  • ro-innleachdan a tha iad air cruthachadh gus an sunnd fhèin adhartachadh agus mar a chumas iad taic ri sunnd chàich.
  • gnìomhan anns an do ghabh iad pàirt gus taic a thoirt dhaibh ann an co-dhùnaidhean mu na tha iad airson dèanamh às dèidh na sgoile no na colaiste, mar eisimpleir, an rannsachadh a rinn iad air dreuchdan, gnìomhan iomairt a rinn iad no dòighean tionngaileachd a rannsaich iad.
  • gnìomhan no coileanaidhean às a bheil iad gu sònraichte moiteil.

Bu chòir dhan t-Slighe Phearsanta a bhith ag amas air taobhan sòisealta, cultarail, eaconamach agus sunnd a ghabhail a-steach. Ann an iomadh cùis bidh foghlam an luchd-ionnsachaidh a’ gabhail a-steach grunn de na diofar thaobhan sin.

  • Chan eil am fòcas san t-Slighe Phearsanta air a bhith a’ cruinneachadh diofar eòlasan, ach air na tha an neach air ionnsachadh bho gach eòlas.

Tha e coltach gum bi pearsanachadh agus roghainn mar fheart a tha a’ sìor fhàs ann am foghlam san àm ri teachd. Bidh nan dh’fhiosraicheas luchd-ionnsachaidh ann am foghlam a’ sìor fhàs sùbailte agus air a phearsanachadh. Thèid iarraidh air luchd-teagaisg a bhith nam meantoran do luchd-ionnsachaidh, gus an stiùireadh tro àrainneachd ionnsachaidh thoinnte. Tron t-Slighe Phearsanta aca, thèid taic a chumail ri luchd-ionnsachaidh gus meòrachadh air an cuid ionnsachaidh thar nan trì eileamaidean den Dioplòma agus mu na tha iad ag ionnsachadh mun deidhinn fhèin.

Bidh feum air cothroman ionnsachaidh proifeiseanta iomchaidh ann an coidseadh agus comhairleachadh do dhaoine a tha ag iarraidh na dleastanasan ùra sin a ghabhail os làimh, mar eisimpleir. tidsearan, òraidichean, pàrantan/luchd-cùraim, luchd-obrach òigridh, sgoiltean, colaistean agus suidheachaidhean eile a tha a’ toirt seachad foghlam agus a dh’fhaodadh a bhith ann an suidheachadh gus taic a thoirt do neach-ionnsachaidh air an t-slighe seo. Bu chòir seo a bhith a’ gabhail a-steach gnìomh ann an ITE.

Bu chòir goireasan sònraichte a bhith rim faighinn gus taic a thoirt dhan taobh seo den leasachadh agus bidh feum air ceannardas air an t-siostam gus am bi e freumhaichte ann am foghlam na h-Alba. Bu chòir seo a bhith a’ gabhail a-steach àrd-ùrlar didseatach a bheir cothrom dhan neach-ionnsachaidh fianais de choileanadh a chruinneachadh.

Gus dèanamh cinnteach gun aithnichear cho cudromach ’s a tha an raon obrach, gu bheil e air a dheagh cho-òrdanachadh agus gu bheil inbhe aice, bu chòir dreuchd àrdaichte a stèidheachadh dhaibhsan a tha os cionn na h-obrach seo ann an sgoiltean agus colaistean.

Gus taic a chumail ri leasachadh na Slighe Pearsanta aca, bu chòir cothroman le taic a bhith aig luchd-ionnsachaidh gus fèin-mheòrachadh air na sgilean is feartan a tha iad air togail. Bu chòir na còmhraidhean sin a chumail thar bliadhna acadaimigeach agus tron Ìre as Àirde.

Tha sgoiltean agus colaistean a’ tabhann raon farsaing de dh’eòlasan do luchd-ionnsachaidh taobh a-muigh chùrsaichean mar-thà. Le seo mar phàirt den Dioplòma, tha e ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha a’ phàirt seo den churraicealam do luchd-ionnsachaidh agus ga thogail mar phàirt den fhoghlam air a bheil còir aig gach neach-ionnsachaidh. Bu chòir taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh gus fèin-chnuasachadh air na sgilean agus feartan a tha iad air togail. Bidh seo riatanach ann a bhith ag ullachadh airson gluasad gu obair, obair shaor-thoileach no gu foghlam adhartach no àrd-ìre. Bu chòir cothroman a bhith aig luchd-ionnsachaidh airson còmhraidhean meòrachail pearsanta thairis air bliadhna sgoile agus tron Ìre as Àirde air fad.

Cha tèid an t-Slighe Phearsanta a chomharrachadh. ach bidh pròiseasan sgrùdaidh ann air an fhianais na lùib.

4.7 Cudromachd Cothromais anns an t-Slighe Phearsanta

Ged a bha mòran taic ann dhan bheachd airson Slighe Phearsanta agus aithne air cho cudromach ’s a bha e taobh nas pearsantaiche a thoirt a-steach do theisteanasan, chaidh draghan mòra a thogail a thaobh mar a dh’fhaodar an t-Slighe Phearsanta a dhèanamh cothromach. Chuir an IRG agus na CCGan seachad mòran ùine a’ deasbad chùisean cothromais. Thàinig sinn chun a’ cho-dhùnaidh gun cuireadh Slighe Phearsanta neo-ionannachd a th’ ann mar-thà am follais barrachd seach a bhith a’ cruthachadh barrachd neo-ionannachd.

"Tha mi a’ tuigsinn nan draghan mu chothromas, ach tha mi creidsinn nuair a smaoinicheas mi mu dheidhinn, gum bi an cothrom sin fhathast aig daoine òga aig a bheil barrachd cothrom air cothroman tron sgoil no taobh a-muigh na sgoile, co-dhiù a bheil solas air a lasadh air le bhith a’ cleachdadh Dioplòma no chan eil. Nuair a tha luchd-ionnsachaidh a’ sgrìobhadh an cuid aithrisean pearsanta no iarrtasan obrach no a’ sgrìobhadh Chunntasan Beatha, bidh e comasach dhaibh am beairteas chothroman sin a thoirt leotha. An àite a bhith a’ seachnadh na ceist sin, a bheil seo a’ toirt dùbhlan dhuinn mar shiostam gus barrachd co-ionannachd a chur air dòigh a thaobh ruigsinneachd air cothrom do dh’òigridh gus an cuideachadh le bhith a’ tuigsinn an àite aca, is dòcha mar neach-cùraim òg no ann a bhith a’ dèanamh ghnìomhan taobh a-muigh na sgoile. Tha sinn a’ leigeil leotha an seòrsa sgilean aithneachadh a tha gu bhith air leth cudromach san àm ri teachd aca, agus gum faodadh a bhith nas beartaiche is dòcha na cuideigin aig a bheil cothrom air tòrr chlubaichean is ghnìomhachdan." (Ball CCG - Luchd-fastaidh san Roinn Phoblach is an Treas Roinn)

Bha dà roghainn ann: Dh’fhaodamaid an t-Slighe Phearsanta a thoirt às an Dioplòma a dh’fhàgadh an suidheachadh far nach robh mòran chothroman, no gun chothroman idir, aig cuid de luchd-ionnsachaidh air ionnsachadh san raon phearsanta seo no b’ urrainn dhuinn a chumail agus aghaidh a chur air ceist a’ chothromais. Thagh sinn an dàrna roghainn. Tha a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothroman aig gach neach-ionnsachaidh ann an Alba a dhol an sàs ann an gnìomhan sòisealta, cultarail, sunnd agus eaconamach na phàirt dheatamach de bhith air oideachadh ann an Alba. Bu chòir seo a bhith na chòir do gach neach-ionnsachaidh.

4.8 A’ toirt piseach air co-dhùnaidhean mu Shlighean san àm ri teachd

Taobh a-staigh na Slighe Pearsanta bu chòir cothroman a bhith aig luchd-ionnsachaidh beachdachadh air na slighean san àm ri teachd a dh’fhaodadh iad leantainn às dèidh na sgoile/colaiste. Tha colaistean, fastaichean agus oilthighean a’ cur cuideam air cho mòr ’s a tha na tha eileamaidean den t-Slighe Phearsanta a’ cur ri foghlam. Mar eisimpleir, bu chòir gum biodh e comasach do luchd-ionnsachaidh meòrachadh air an ionnsachadh agus air na choilean iad san fharsaingeachd. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach nan ùidhean aca, na dòighean anns a bheil iad a’ cur ris na coimhearsnachdan aca no ris a’ chomann-shòisealta san fharsaingeachd agus an smaoineachadh a tha iad air a dhèanamh mu na seòrsaichean ionnsachaidh no cosnaidh a dh’fhaodadh togail air na sgilean agus na comasan aca sam am ri teachd. Thuirt oilthighean gun robh an t-Slighe Phearsanta na dòigh air na diofar thaobhan den Dioplòma a thoirt còmhla.

Tha cothroman ùra ann gus cur ri na dh’fhiosraicheas gach neach-ionnsachaidh a thaobh dreuchdan. Tha an Lèirmheas air Dreuchdan (Smith, 2023) a’ moladh dòigh-obrach ùr a thaobh eag-shiostam dhreuchdan, bho fhiosrachadh, comhairle agus stiùireadh, gu brocaireachd agus foghlam dhreuchdan, gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh, sgoiltean agus colaistean sa phròiseas seo. Tha seo a’ gabhail a-steach cothroman gus sgilean tionnsgalachd a thogail. Tha Stewart & Logan (2023) ag amas air boireannaich gu sònraichte, nach eil air an riochdachadh gu leòr mar as trice san raon seo. Bu chòir na cothroman sin a ghabhail.

Chaidh an dùbhlan a bhith a’ faighinn chothroman airson a h-uile neach-ionnsachaidh san àite-obrach a thogail gu tric san Lèirmheas. Tha teicneòlas a’ tabhann chothroman gus eòlasan àite-obrach bhiortail a chur air dòigh tro fhìorachd leasaichte. Ach, tha a bhith anns an àite-obrach an da-rìreabh a’ toirt seachad gnàth-eòlas cumhachdach, a chuidicheas luchd-ionnsachaidh gus co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh a thaobh ionnsachadh no cosnadh san àm ri teachd.

Chan urrainn dha a bhith an urra ri beagan luchd-fastaidh a-mhàin siostam a thogail far a bheil cothrom aig gach neach-ionnsachaidh air àiteachan-obrach. Tha mòran Iomairtean Beaga is Meadhanach ag obair gu deimhinneach le sgoiltean agus colaistean gu nàiseanta agus tha prògraman àrd-inbhe aig grunn luchd-fastaidh mòra anns na roinnean prìobhaideach agus poblach a tha a’ tabhann greis-gniomhachais. Ach ma tha seo gu bhith na thairgse nàiseanta, feumar obair a dhèanamh gus an fheadhainn a tha an sàs ann a leudachadh. Tha e math do luchd-ionnsachaidh cothroman a bhith aca san àite-obrach. Tha e cuideachd a’ tabhann chothroman do luchd-fastaidh, mar eisimpleir, far a bheil cothroman aig luchd-obrach na sgilean meantoraidh aca a leasachadh agus a leudachadh.

Bhiodh an roghainn aig luchd-ionnsachaidh air dè na h-iarrtasan a dhèanadh iad às dèidh na sgoile, colaiste, oilthigh no airson fastadh, air am fiosrachadh na b’ fheàrr nam biodh cothroman aca meòrachadh air an cuid ionnsachaidh bho shealladh pearsanta. Cuiridh còmhraidhean meantoraidh ri càileachd cho-dhùnaidhean san àm ri teachd, ma tha luchd-ionnsachaidh air am brosnachadh gu bhith a’ smaoineachadh air na h-adhbharan airson cùrsaichean no cuspairean a thaghadh, mar a tha iad sin a’ ceangal ris na pròiseactan a roghnaicheas iad agus mar a tha an cuid ùidhean agus an cuid ghnàth-eòlasan a’ buntainn ris na co-dhùnaidhean a nì iad mu shlighean san àm ri teachd.

Ma tha gnàth-eòlasan airson na Slighe Pearsanta gu bhith rim faotainn dhan a h-uile neach-ionnsachaidh, dh’fheumadh na cothroman a tha rim faighinn airson stiùireadh dhreuchdan agus greisean-gnìomhachais co-cheangailte riutha a dhol am meud gu mòr. Tha e taobh a-muigh raon-ùghdarrais an Lèirmheis moladh foirmeil a dhèanamh ach bhiodh e na cheum ciallach an riaghaltas, luchd-foghlaim, gnìomhachas agus gnothachas a thoirt còmhla gus comharrachadh mar a dh’fhaodadh comhairle dhreuchdan agus greisean-gnìomhachais a bhith rim faighinn dhan a h-uile neach-ionnsachaidh san àm ri teachd.

4.9 Ionnsachadh Pròiseict

Anns an raon seo den Dioplòma, tha cothrom aig luchd-ionnsachaidh an t-eòlas agus na sgilean a tha iad air togail anns na Prògraman Ionnsachaidh aca a chleachdadh, gus dèiligeadh ri ceist chudromach no ri duilgheadas a tha cudromach dhaibh. Tro seo, bidh cothroman aig luchd-ionnsachaidh sgilean a thogail a tha riatanach airson an cuid adhartais san àm ri teachd.

"Is iad sgilean airgeadra cruinneil na 21mh linn, linn anns am bi a’ bheatha obrach a’ fàs nas stèidhichte air lìonraidhean. Bidh obair a’ sìor fhàs caochlaideach agus air a dèanamh air stèidh pròiseict le com-pàirtichean le sgilean coileantach ag obair ann an sgiobaidhean. Feumar na sgilean sin a leasachadh tro atharrachadh ann an cleachdadh sa chlas agus bu chòir an leasachadh aig gach ìre tro fhoghlam." (RSE, 2023)

Bha cho cudromach ’s a tha a bhith ag amalachadh eòlas agus sgilean na prìomh chuspair san Lèirmheas. Tha am modail ùr ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha ionnsachadh sa chomann-shòisealta thar diofar raointean den churraicealam agus a’ moladh eileamaid eadar-chuspaireil a thoirt a-steach dhan Dioplòma.

4.10 Dè tha Ionnsachadh Pròiseict a’ ciallachadh?

Bheir Ionnsachadh Pròiseact cothrom do luchd-ionnsachaidh diofar gnàth-eòlasan a thoirt còmhla ann an raon a tha buntainneach agus fìor inntinneach dhaibh. Bidh e na phàirt den fhoghlam aig gach neach-ionnsachaidh. Tha an Lèirsinn airson teisteanasan agus measadh san àm ri teachd ag ràdh gum bu chòir dhan t-siostam a bhith in-ghabhalach. Mar sin, bidh Ionnsachadh Pròiseict airson a h-uile neach-ionnsachaidh ged a bhios na dh’fhiosraicheas gach neach-ionnsachaidh eadar-dhealaichte.

Dh’fhaodte gum bi cuid de luchd-ionnsachaidh a’ coimhead air dùbhlan cruinneil, dùbhlan a chi iad mar nì ro-chudromach a thaobh a’ chomainn-shòisealta san àm ri teachd, mar eisimpleir, atharrachadh na gnàth-shìde, AI no còmhstri. Tha seo a’ co-thaobhadh ri obair a rinneadh bho chionn ghoirid ann an ionnsachadh airson seasmhachd.

Cuiridh iad aghaidh air raon a tha ro fharsaing no ro thoinnte airson a bhith a’ dèiligeadh ris tro aon chuspair. Tha an tuairisgeul air an dòigh-obrach seo a thaobh Ionnsachadh Pròiseict gu math coltach ris an rud ris an canar gu tric Ionnsachadh Eadar-chuspaireil (IDL). Chan e diosaplain a th’ ann an cuspairean ach is iad sin an dòigh anns a bheil luchd-ionnsachaidh ann an àrd-sgoiltean a’ fiosrachadh diofar raointean de sgrùdadh acadaimigeach.

Mar a thuirt Comann Rìoghail Dhùn Èideann:

"Chan urrainnear ionnsachadh eadar-chuspaireil (IDL) a thuigsinn gu ceart às aonais tuigse shoilleir a bhith ann air nàdar, buannachdan agus crìochan chuspairean." (RSE, 2023)

A’ tarraing air an cuid ionnsachadh ann an cuspairean fa leth, cuiridh luchd-ionnsachaidh fòcas air pròiseact a bheir cothrom dhaibh eòlas, dòighean-obrach agus bun-bheachdan bho raon de chuspairean a chleachdadh gus diofar sheallaidhean a thoirt dhan phròiseact anns a bheil iad an sàs.

"Is urrainn diosaplainean a bhith a’ coimhead a-staigh cuideachd agus gun a bhith a’ dèiligeadh ri duilgheadasan ùra is buntainneach san fhìor-shaoghal, ach tha seallaidhean agus leasachaidhean mòra ùra a’ tachairt barrachd is barrachd ann an raointean eadar-chuspaireil." (RSE, 2019)

Do luchd-ionnsachaidh eile, dh’fhaodadh gum bi am pròiseact co-cheangailte ri dùbhlan nas ionadaile far am bi luchd-ionnsachaidh a’ toirt còmhla diofar raointean den churraicealam aca gus dèiligeadh ri duilgheadas a tha cudromach dhaibh, mar eisimpleir, mar as urrainnear cur an aghaidh mì-thuigse mu chiorram. Airson luchd-ionnsachaidh le feumalachdan ionnsachaidh mòra agus iom-fhillte, faodar Ionnsachadh Pròiseict a dhealbhadh airson gach neach fa leth.

Ach, airson a h-uile neach-ionnsachaidh leigidh Ionnsachadh Pròiseict dhaibh eòlas a chleachdadh agus sgilean a thogail, mar eisimpleir, smaoineachadh breithneachail, fuasgladh dhuilgheadasan, a’ cur eòlas an sàs, cruthachalachd, obair-sgioba agus ceannardas.

Tha a’ bhuidheann curraicealaim nàiseanta, Foghlam Alba, a’ dèanamh obair san raon seo aig an àm seo. Chuir iad am mìneachadh a tha iad a’ cleachdadh aig an àm seo san sgrìobhainn Interdisciplinary Learning: ambitious learning for an increasingly complex world.

"Tha Ionnsachadh Eadar-chuspaireil na nì gnàth-eòlas planaichte a bheir cuspairean còmhla ann an aon phrògram no pròiseact coileanta. Bidh na diofar chuspairean gam planadh agus gan cur an gnìomh ann an dòigh aonaichte. Dh’fhaodadh na cuspairean seo a bhith taobh a-staigh aon raon den churraicealam (mar eisimpleir, cànanan, na saidheansan) no eadar grunn raointean den churraicealam. Tha IDL a’ toirt comas do chloinn is dhaoine òga gus:

  • a bhith ag ionnsachadh eòlas no sgilean ùra agus a’ togail tuigsinn ùr air bun-bheachdan;
  • a bhith a’ tarraing air eòlas, tuigse agus sgilean a bh’ aca roimhe agus;
  • an t-eòlas coitcheann sin eadar-ghluasad agus chur an sàs airson duilgheadasan ùra no raointean ionnsachaidh eile."

"Tha seo eadar-dhealaichte ri ionnsachadh, mar eisimpleir, a tha a’ tachairt nuair a tha grunn diosaplainean no chuspairean air an ceangal tro thèaman no cuspairean cumanta, ach tha na dh’fhiosrachaicheas an t-oileanach agus planadh an neach-foghlaim eadar-dhealaichte, no fa leth anns gach diosaplain no cuspair. Faodar ionnsachadh ioma-chuspaireil a chur air seo."

Tha raon farsaing de chùrsaichean aig a’ Bhuidhinn Theisteanasan Nàiseanta, SQA, a dh’fhaodadh taic a thoirt a dh’obair san raon seo. Tha eisimpleirean inntinneach ann de theisteanasan Nàiseanta Àrd-ìre "an ath ghinealaich", agus bu chòir dhaibh seo a bhith mar phàirt de chòmhraidhean san àm ri teachd mu Ionnsachadh Pròiseict.

Rè an Lèirmheas chuala sinn diofar bheachdan a thaobh am bu chòir an teirm ionnsachadh eadar-dhiosaplain no ionnsachadh ioma-chuspaireil a chleachdadh. Bha cuid a’ creidsinn nach robh ainm seach ainm cuideachail. Tha obair ri dhèanamh fhathast ann am Ionnsachadh Pròiseict gus cànan a chruthachadh leis a bheil a h-uile duine cofhurtail.

Bu chòir do na Buidhnean Nàiseanta ùra airson a’ churraicealaim is theisteanasan obrachadh còmhla ri com-pàirtichean, a’ gabhail a-steach tidsearan, òraidichean, fastaichean agus oilthighean gus eisimpleirean a chruthachadh air cò ris a dh’fhaodadh Ionnsachadh Pròiseict a bhith coltach ann an da-rìribh ann an diofar cho-theacsan".

Bhiodh obair a tha a’ dol air adhart an-dràsta leis a’ bhuidhinn Co-dhealbhadh IDL Nàiseanta air a stiùireadh le Foghlam Alba na thoiseach tòiseachaidh èifeachdach gus taic a thoirt do dh’obair nas dèine mar a dh’fheumar. Gu sònraichte, tha sinn a’ tuigsinn na h-obrach a tha sgoiltean ann an Ear-thuath na h-Alba a’ dèanamh leis an Wood Foundation mar phàirt den Phrògram Excelerate a tha a’ toirt seachad Ionnsachadh Pròiseict.

Tha fastaichean agus luchd-ionnsachaidh a’ toirt taic làidir dhan mholadh airson Ionnsachadh Pròiseict a bhith mar phàirt den Dioplòma (mar a chithear ann an Aithisg Eadar-amail an Lèirmheis). Tha fastaichean a’ cur luach sònraichte air daoine a tha comasach air na sgilean a dhearbhadh ann an Ionnsachadh Pròiseict agus tha luchd-ionnsachaidh deònach na sgilean sin a thogail agus ìre de neo-eisimeileachd a thogail a thaobh mar a ghabhadh pròiseact a thoirt air adhart. Mar an ceudna, tha na sgilean-meta seo mar bhunait air feartan cheumnaichean a dh’fheumas luchd-ionnsachaidh a tha a’ dol dhan oilthigh a thogail mar phàirt de na cùrsaichean aca.

4.11 Ionnsachadh Pròiseict ga chur an sàs

Sna cuairtean a rinn sinn gu sgoiltean agus colaistean, chunnaic sinn raon farsaing de dhiofar phròiseactan agus phrògraman foghlaim. Bha sinn air ar brosnachadh leis an ìre de dhealas a bh’ aig luchd-ionnsachaidh agus luchd-obrach airson nam pròiseactan seo agus bha coileanadh luchd-ionnsachaidh air leth math.

Ach, tha beachdan mu phròiseactan agus ionnsachadh eadar-cuspaireil air a bhith mar phàirt den chòmhradh air foghlam Albannach bho thòisich CfE. Ach, chan eil a leithid de chothroman aig a h-uile neach-ionnsachaidh ann an Alba. Leis cho cudromach ’s a tha an raon seo do luchd-ionnsachaidh, colaistean, oilthighean agus fastaichean, tha e deatamach gum bi na cothroman sin rim faighinn dhan h-uile neach-ionnsachaidh san Ìre as Àirde. Gus dèanamh cinnteach gu bheilear ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha an taobh seo den Dioplòma, bu chòir ùine a bhith ann airson na h-obrach seo agus bu chòir taic a thoirt do thidsearan, mar a bhios iomchaidh, gus na sgilean aca a leasachadh airson a dhol an sàs ann an rannsachadh nas fhosgailte. Thug an aithisg Sixth Form Matters (2023) a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid fa-near:

"Tha mòran uachdranasan air roghainn a thoirt a-steach do dh’oileanaich pròiseact mòr a dhèanamh mar phàirt den phrògram teisteanais aca, iomairtean nach eil eu-coltach ri rùn an EPQ ann an Sasainn. An dà-rìribh, tha na h-iomairtean seo nan dòigh gus an suidheachadh a leasachadh seach a bhith nam fuasgladh ceart. Mur eil deuchainnean ann, thathar uaireannan a’ meas gur e teisteanasan den dàrna ìre a th’ anns na roghainnean seo. Ma tha deuchainnean air an dèanamh orra, dh’fhaodte gum bi sgoilearan gam faicinn mar phàirt den phròiseas ionnsachaidh air a bheil iad eòlach agus gu tric a tha mì-tharraingeach, le cuspair air a mhìneachadh le clàran-oideachaidh, air a lìbhrigeadh taobh a-staigh clàran-ama a tha air an dealbhadh airson sgrùdadh acadaimigeach, agus air an teagasg agus air am measadh le tidsearan air an trèanadh ann an cuspairean acadaimigeach." (Sixth Form Matters 2023)

Tha am paragraf seo na rabhadh iomchaidh. Feumar am pàirt seo den Dioplòma a chumail mar phrìomhachas, feumar ùine a thoirt seachad gus taic a thoirt do dh’ionnsachadh agus teagasg san raon seo agus feumaidh an dà chuid luchd-ionnsachaidh agus luchd-foghlaim a bhith comasach air an eileamaid seo den Dioplòma a dhèanamh na ghnàth-eòlas tlachdmhor.

Moladh 9: Cleachd tuairisgeulan air adhartas eòlais agus air an fhrèam sgilean uile-choitcheann anns an Lèirmheas Sgilean a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid (Withers, 2023), ma thèid gabhail ris, gus dhealbhadh Ionnsachadh Pròiseict san Dioplòma fhiosrachadh. Bu chòir dhaibh cuideachd a bhith air an cleachdadh mar bhunait a’ mheasaidh.

Moladh 10: Gum bi an eileamaid Ionnsachadh Pròiseict riatanach airson buileachadh an Dioplòma. Is e còir a th’ ann agus feumaidh e a bhith ri fhaighinn dhan a h-uile neach-ionnsachaidh:

Bu chòir Ionnsachadh Pròiseict a bhith na phàirt aithnichte agus sònraichte den churraicealam, a’ togail air Prògraman Ionnsachaidh. Feumaidh cead a bhith aig luchd-ionnsachaidh fa leth an cuid eòlais agus sgilean a chur an sàs thar chuspairean gus aghaidh a chur air dùbhlan. Gabhaidh ionnsachadh pròiseict a dhèanamh tro mheasgachadh de dh’obair buidhne is obair aig daoine fa leth. Ach, bu chòir seo a bhith air a mheasadh airson gach neach fa leth.

Bu chòir Ionnsachadh Pròiseict tachairt air feadh na h-Ìre as Àirde. Dh’fhaodadh neach-ionnsachaidh roghnachadh pròiseact ùr a dhèanamh gach bliadhna no a bhith a’ togail air an aon phròiseact fhad ’s a thèid iad air adhart tron Ìre as Àirde. Bu chòir ìre an dùbhlain àrdachadh mean air mhean agus bu chòir coileanadh a bhith ceangailte ri ìrean SCQF agus ri creideasan gus adhartas a shealltainn. Ged a tha fòcas an Lèirmheis seo air an Ìre as Àirde, dh’fhaodadh gum biodh e buannachdail Ionnsachadh Pròiseict a bhrosnachadh an dà chuid sa bhun-sgoil (far a bheil e ann mar-thà ann an diofar chruthan) agus ann am Foghlam Farsaing Coitcheann gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh leis an t-seòrsa ionnsachadh a tha ri thighinn.

Bidh Ionnsachadh Pròiseict air a mheasadh air an taobh a-staigh ann an suidheachaidhean foghlaim, le dearbhadh bhon taobh a-muigh mar phàirt den phròiseas gus dèanamh cinnteach gu bheil inbhean coitcheann air feadh na dùthcha. Bidh pròiseasan làidir ach neo-thromach (light touch).

Bidh sùbailteachd agus slighean eadar-dhealaichte ann taobh a-staigh eileamaid a’ Phròiseict gus in-ghabhail a bhrosnachadh gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh le feumalachdan taic a bharrachd, luchd-ionnsachaidh a tha neurodivergent, luchd-ionnsachaidh aig a bheil fìor chomas agus iadsan a tha air an oideachadh aig an taigh. Ged a dh’fhaodadh cuid de luchd-ionnsachaidh rannsachadh iom-fhillte fad-ùine a dhèanamh air prìomh ceistean cruinneil, do luchd-ionnsachaidh eile dh’fhaodadh gum bi earrann pròiseact an Dioplòma a’ gabhail a-steach a bhith a’ tarraing gnàth-eòlasan foghlaim còmhla gus misneachd a thogail, mar eisimpleir a thaobh conaltradh no siubhal neo-eisimeileach.

Bu chòir fòcas an rannsachadh pròiseict a bhith air a thaghadh leis an neach-ionnsachaidh. Tha sinn ag aithneachadh gur dòcha gum feumar tòiseachadh le tairgse nas dearbhte aig na h-ìrean tràtha aig eileamaid Pròiseact an Dioplòma. Thèid eisimpleirean a cho-dhealbhadh le luchd-teagaisg agus òraidichean, ùghdarrasan ionadail, luchd-rannsachaidh, buidhnean nàiseanta agus luchd-ionnsachaidh. Bidh cothrom aig sgoiltean air feadh na dùthcha air na h-eisimpleirean seo gus an urrainn do luchd-teagaisg/òraidichean an atharrachadh a rèir an t-suidheachaidh aca fhèin.

Ann an còmhraidhean mu bhith a’ toirt a-steach Ionnsachadh Pròiseict taobh a-staigh an Dioplòma chaidh a ràdh gur dòcha gun lùghdaicheadh seo an taghadh chuspairean ann an sgoiltean no gun lùghdaicheadh e cho cudromach ’s a tha cuspairean. Chan eil an Lèirmheas a’ moladh lùghdachadh ann an cudromachd Phrògraman Ionnsachaidh no a’ moladh gum feumar an ùine a thathar a’ cur seachad air ionnsachadh orra atharrachadh. Lorgaidh diofar sgoiltean agus colaistean diofar dhòighean gus seo a dhèanamh. Tha sgoiltean agus colaistean a tha mar-thà an sàs anns an t-seòrsa gnìomhachd seo air grunn ro-innleachdan a chleachdadh. Bidh cuid ga chur a-steach do na h-ullachaidhean làithreach airson clàran-ama; bidh cuid eile a’ cur stad air a’ chlàr-ama airson aon fheasgar san t-seachdain. Bidh cuid de sgoiltean a’ cur stad air a’ chlàr-ama àbhaisteach fad seachdain aig prìomh amannan sa bhliadhna sgoile gus an tèid àite a chruthachadh airson gnìomhan co-obrachail is fuasgladh cheistean.

Tha cothroman a bharrachd ann. Mar eisimpleir, tha cuid de luchd-cleachdaidh ag ràdh gun cuidich gluasad air falbh bho dheuchainn air an taobh a-muigh aig Nàiseanta 5 agus lùghdachadh ann an cuideam nan deuchainnean deireannach air an taobh a-muigh ann an cùrsaichean Àrd-Ìre agus Àrd-ìre Adhartach gus ùine a chruthachadh ann an sgoiltean a leigeas le luchd-ionnsachaidh aig an Ìre as Àirde Ionnsachadh Pròiseict brìoghmhor a dhèanamh. Tha cuid eile air a ràdh gum faodadh lùghdachadh ann am fòcas air ullachadh airson dheuchainnean agus a bhith a’ cleachdadh nam pàirtean den bhliadhna sgoile a tha mar as trice air an cur an dàrna taobh airson fo-dheuchainnean (prelims) agus fòrladh-sgrùdaidh cuideachadh gus ùine a chruthachadh. Is e aon chothrom eile a chaidh a thogail leinn, a bhith a’ coimhead air an t-sùbailteachd a thaobh ùine a thathar a’ tabhann taobh a-staigh frèam SCQF.

Tha obair ri dhèanamh leis an fheadhainn aig a bheil eòlas air a bhith a’ co-òrdanachadh clàran-ama ann an suidheachaidhean foghlaim gus dòighean cruthachail a lorg gus dèiligeadh ri seo agus gus seo a thoirt seachad mar eisimpleirean air am beachdaich daoine eile.

4.12 Co-ionannachd Spèis

Fad iomadh bliadhna, tha foghlam na h-Alba, coltach ri iomadh dùthaich eile gu h-eadar-nàiseanta, air a bhith a’ deasbad air an dòigh as fheàrr air co-ionannachd meas a choileanadh eadar slighean coitcheann (ris an canar uaireannan slighean acadaimigeach) agus slighean proifeasanta is teicnigeach (ris an cànar slighean dreuchdail uaireigin). Tha an deasbad air leantainn tron Lèirmheas seo. Ged a tha sinn ag aithneachadh gu bheil co-ionannachd meas air a bhith na mhiann fad-ùine ann am Foghlam na h-Alba, tha e air a bhith doirbh a choileanadh leis gu bheil dìth co-ionannachd meas mar as trice mar thoradh air beachdan a tha gu math làidir sa chomann-shòisealta. Tha an Lèirmheas seo a’ dol gu làidir an aghaidh a’ bheachd gum bu chòir Ìre as Àirde soirbheachail a bhith air a comharrachadh a-mhàin a thaobh crìochnachadh Theisteanasan Nàiseanta. Bidh sinn uile ag ionnsachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte, agus tha amasan eadar-dhealaichte againn uile. Tha sinn den bheachd, mar a chithear ann an Lèirsinn agus Prionnsabalan an Lèirmheis, gum bu chòir raon fìor fharsaing de choileanadh a bhith air a chomharrachadh anns an Dioplòma.

Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha cànan san deasbad seo. Rinn mòran dhaoine agus bhuidhnean ris an robh an Lèirmheas ag obair an argamaid gu bheil cleachdadh leantainneach an fhacail "Àrd-ìre" a’ toirt buaidh air giùlan air feadh an t-siostam foghlaim. Tha beachd làidir ann gu bheil an comann-sòisealta a’ sùileachadh gum bi soirbheachas an dà chuid aig sgoilearan fa leth agus aig sgoiltean air a thomhas leis an àireimh de dh’Àrd-ìrean a fhuaradh agus tha seo a’ toirt buaidh air farsaingeachd a’ churraicealaim a thathar a’ tabhann agus gun teagamh tha e gu math cudromach anns na roghainnean a nì luchd-ionnsachaidh. Tha am beachd seo ri fhaicinn ann an com-pàirteachadh aig Ìre a Trì den Lèirmheas far an tuirt còrr is dà chòigeamh den luchd-fhreagairt, gu h-àraidh bho sgoiltean agus colaistean, gu sìmplidh "bu chòir" airson na ceiste "am bu chòir an t-aon ainm a bhith aig a h-uile teisteanas aig an aon ìre".

Leis fhèin, cha toir a bhith ag atharrachadh a’ chànain timcheall air buileachadh nan "Àrd-ìre", atharrachadh air an dòigh sa bheilear a’ coimhead air diofar sheòrsaichean theisteanasan ach, rinneadh an argamaid gum biodh seo na chomharra làidir gu bheil teisteanasan eadar-dhealaichte a nì luchd-ionnsachaidh aig an aon ìre SCQF leis na h-aon phuingean creideis air am meas chun na h-aon ìre. Ach, tha e cudromach cuideachd aithneachadh gum feum atharrachadh sam bith a thaobh cànan theisteanasan a bhith air a chothromachadh mu choinneamh a’ chunnart a bhith a’ lagachadh dhuaisean a th’ ann mar-thà agus a’ dèanamh cron air mar a tha dòigh-obrach theisteanasan na h-Alba san fharsaingeachd ga fhaicinn. Tha Teisteanasan Nàiseanta, agus an Àrd-Ìre gu sònraichte, cliùiteach gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.

Tha sinn ag aithneachadh cho dùbhlanach ’s a tha e dèiligeadh ri co-ionannachd spèis. Chan eil aon fhuasgladh sìmplidh ann a dh’atharraicheas tuigse choitcheann a’ chomainn-shòisealta mu luach coimeasach theisteanasan. Còmhla ri aithisgean eile bho chionn ghoirid (Withers, 2023; Muir, 2022) tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha Com-pàirteachas SCQF ann a bhith a’ cuideachadh luchd-ionnsachaidh, suidheachaidhean foghlaim agus fastaichean gus luach coimeasach an raoin iom-fhillte de theisteanasan a tha rim faighinn ann an Alba a thuigsinn. Is e am prìomh mholadh a th’ againn san raon seo gun tog Alba air a’ chànan aig ìre SCQF gus cuideachadh le bhith a’ faighinn tuigse nas fheàrr air teisteanasan eadar-dhealaichte agus mar a tha iad ceangailte ri chèile.

Mhol Putting Learners at the Centre (Muir, 2022) gum bu chòir Com-pàirteachas SCQF a thoirt a-steach dhan bhuidheann nàiseanta a thathar a’ moladh airson foghlam na h-Alba gus an gabh am frèama agus an luchd-obrach aige pàirt nas fheàrr ann a bhith a’ planadh slighean luchd-ionnsachaidh gus barrachd co-ionannachd spèis a thoirt seachad. Na fhreagairt dhan mholadh seo, chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air an aithne a thug an t-Ollamh Muir do luach an SCQF ann a bhith a’ toirt air adhart slighe luchd-ionnsachaidh chunbhalach bho na tràth-bhliadhnaichean gu ionnsachadh for-cheum. Ghabh iad cuideachd ris a’ bhun-bheachd a bh’ aige gum bu chòir SCQF a bhith freumhaichte nas treasa san t-siostam foghlaim. Ann a bhith a’ moladh atharrachadh air an dòigh sa bheilear a’ toirt iomradh air teisteanasan, tha an Lèirmheas seo ag amas air aghaidh a chur air a’ cheist leantainneach mu cho-ionannachd spèis. Cuidichidh an t-atharrachadh molta seo gus àite an SCQF a neartachadh taobh a-staigh foghlam na h-Alba. Tha e taiceil dhan fheallsanachd a mhol Muir agus dhan t-seasamh ainmichte aig Riaghaltas na h-Alba. Ach, tha barrachd obrach a dhith air frèam SCQF, gu sònraichte air a’ cheangal eadar teisteanasan eadar-dhealaichte taobh a-staigh na h-aon ìre. Bu chòir an obair seo a dhèanamh ann an com-pàirteachas le prìomh luchd-ùidh san raon.

Moladh 11: Cuir ri co-ionannachd meas eadar diofar sheòrsaichean theisteanasan le bhith ag aithneachadh gach teisteanas aig an aon ìre SCQF leis na h-aon phuingean creideis mar teisteanasan co-ionann.

  • Bu chòir Alba an Ìre SCQF a chleachdadh, air a leantainn le ainm an teisteanais ann an litreachas brosnachaidh agus ann a bhith a’ clàradh nan toraidhean.
  • Bu chòir gach iomradh air teisteanasan ann an stuthan sanasachd do luchd-ionnsachaidh, pàrantan agus luchd-cùraim agus ann am fiosrachadh mu roghainnean cuspair, slighean luchd-ionnsachaidh agus cothroman dreuchdail an aon phàtran a leantainn:
    • Ìre SCQF, Ainm na Duais agus Solaraiche, Cuspair no Prògram, Ìre (mar a bhios iomchaidh).
  • Bu chòir dùil a bhith aig luchd-seilbh phrògraman a tha a’ tabhann theisteanasan/duaisean san Ìre as Àirde a theisteanachadh ann an cruth àbhaisteach.
  • Bu chòir teisteanasan acadaimigeach, dreuchdail, proifeiseanta agus teicnigeach a bhith air an gabhail a-steach san eileamaid Prògraman Ionnsachaidh den Dioplòma.
    • Tha toirt a-steach theisteanasan acadaimigeach, proifeiseanta agus teignigeach taobh a-staigh eileamaid Phrògraman Ionnsachaidh an Dioplòma, leis fhèin, na adhbhar làidir airson atharrachadh oir bidh an Dioplòma a’ gabhail a-steach gach seòrsa teisteanais fo aon duais.
  • Dèan cinnteach gu bheilear a’ toirt aire iomchaidh do leasachadh nan trì eileamaidean den Dioplòma. Bidh susbaint an Dioplòma a’ riochdachadh coileanadh fa leth gach neach-ionnsachaidh agus bidh e a’ sealltainn tòrr a bharrachd na gun do chrìochnaich iad prògraman.

Contact

Email: qualificationsreform@gov.scot

Back to top