It's Our Future - Independent Review of Qualifications and Assessment: report - Gaelic version
Gaelic translation of It’s Our Future, report covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment.
5. Fiosrachaidh Measaidh, Teicneòlas Fiosrachaidh agus Inntleachd Fuadain
5.1 Measadh agus Teicneòlas Fiosrachaidh
Tha na h-adhartasan ann an teicneòlas fiosrachaidh bho thoiseach na 21mh linn air a bhith cudromach, agus adhartas air tachairt aig an aon àm ri adhartas ann am measadh. Tha sinn air diofar dhòighean measaidh ùr-ghnàthach fhaicinn mar phàirt den Lèirmheas seo: measaidhean a bhios a’ freagairt air freagairtean luchd-ionnsachaidh gus measadh nas pearsanta a thoirt seachad; measadh fìor-ùine, far am faigh luchd-ionnsachaidh fios air ais fhad ’s a thathar a’ measadh na h-obrach a’ cleachdadh fìorachd leasaichte; far a bheilear a’ dèanamh measadh tro nithean bhiortail; cleachdadh aplacaidean gus toirt air luchd-ionnsachaidh freagairt tro leasan agus fiosrachadh a thoirt seachad mu fhreagairtean clas. Tha farsaingeachd nan dòighean measaidh ùr-ghnàthach a’ sìor leudachadh agus e a’ tabhann dhòighean ùra air adhartas agus coileanadh a mheasadh agus a sgrùdadh.
Tha aithisg Ofqual "Online and on-screen assessment in high stakes, sessional qualifications" (2020) a’ toirt fa-near, "Tha gu leòr rannsachadh a’ coimhead air na buannachdan agus na dùbhlain a dh’fhaodadh a bhith an cois measadh air-loidhne agus air-sgrion ann an diofar cho-theacsan." Tha Ofqual den bheachd gu bheil trì cnapan-starra ann an-dràsta a tha a’ cur bacadh air a bhith a’ dèanamh feum nas motha de mheasadh didseatach, a’ gabhail a-steach caochlaideachd ann an solar IT ann an sgoiltean agus colaistean (farsaingeachd de agus ruigsinneachd air innealan/astar bann-leathann), dùbhlain buileachaidh (buileachadh nàiseanta no ionadail/a bhith ga chleachdadh gu h-èigneachail no gu saor-thoileach) agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile sgoilear air a làimhseachadh gu cothromach (a’ riaghladh na buaidh aig diofar bhathar-bog is innealan). Ged a chaidh an aithisg a sgrìobhadh ron ghalair lèir-sgaoilte agus mun cho-theacsa ann an Sasainn, tha i na bunait fheumail airson beachdachadh air mar a dh’fhaodadh measadh didseatach a bhith air a stèidheachadh nas fheàrr ann an Alba far a bheil na bacaidhean dualtach a bhith den aon seòrsa.
Tha Ofqual a’ moladh raon de ghnìomhan a dh’fhaodadh cuideachadh le bhith faighinn seachad air cnapan-starra san raon seo le grunn dhiubh a’ buntainn ri co-theacs na h-Alba agus a’ freagairt gu dlùth ri co-dhùnaidhean an Lèirmheis seo. Am measg nan gnìomhan a chaidh moladh le Ofqual tha:
- Iomairtean air feadh an uachdranais air an stiùireadh le riaghaltas nàiseanta no roinneil no buidheann buileachaidh nan teisteanasan, gu tric ann an co-obrachadh – a tha a’ gabhail a-steach: tasgadh ann am bun-structar sgoile/colaiste agus siostaman air-loidhne no air-sgrion, miann cunnairt fiosraichte, a’ gabhail a-steach a bhith a’ gabhail ris gum faodadh cùisean a dhol ceàrr, agus stiùireadh siostaim.
- Lèirsinn gu bheil measadh air-sgrion no air-loidhne a’ freagairt ri atharrachaidhean agus feumalachdan sòisealta nas fharsainge, a’ gabhail a-steach oileanaich is luchd-fastaidh agus gu bheil na buannachdan ris a bheil dùil nas motha na an tasgaidh agus a’ mhiann cunnart a tha a dhìth.
- Gnìomhan com-pàirteachaidh is conaltraidh le prìomh luchd-ùidh, gu tric a’ toirt cuireadh do dhaoine a tha air gabhail ris an teicneòlas tràth pàirt buadhach a ghabhail ann a bhith a’ sgaoileadh phrògraman no phìleatan.
- Comhairle agus taic shoilleir do thidsearan, luchd-taic IT, oifigearan dheuchainnean agus luchd-fhaire air na thathar a’ sùileachadh bhuapa ro agus air latha a’ mheasaidh.
Gus dèanamh cinnteach gum bi cunbhalachd, cothromachd agus leantainneachd ann a thaobh measadh didseatach, tha e coltach gu bheil dòigh-obrach co-òrdanaichte nàiseanta riatanach. Tha sinn cuideachd a’ toirt fa-near dhan mholadh aig Ofqual buannachdan an atharrachaidh a chur an cèill gu soilleir agus taic a thoirt dhaibhsan aig a bheil uallach airson ionnsachadh, teagasg agus rianachd a’ mheasaidh fhèin. Bidh dòigh-obrach nàiseanta chothromach, conaltradh soilleir mu atharrachadh agus taic do luchd-obrach an fhoghlaim uile deatamach ann a bhith a’ gluasad gu measadh didseatach agus gu dearbh ath-leasachadh nas fharsainge air teisteanasan agus measadh ann an Alba.
5.2 Inntleachd Fuadain
Na bu thràithe san aithisg seo bheachdaich sinn air a’ chomas a th’ aig AI buaireadh a thoirt air cleachdaidhean teisteanais làithreach agus air a’ chomann-sòisealta san fharsaingeachd. Thug sinn sùil air na diofar bheachdan air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig AI air obair-cùrsa. Tha diofar bheachdan ann, bhon fheadhainn a chuir ceannard Ofqual, prìomh riaghlaiche sgrùdaidh Shasainn an cèill, a bha den bheachd gum faodadh botaichean AI cur às do dh’obair-chùrsa le deuchainnean le luchd-faire a’ fàs nas cudromaiche; dhan t-seasamh a ghabh Àrd-oifigear an IB a mhol gum bu chòir dhuinn fàs cleachdte ri AI. Cha chuireadh an IB casg air cleachdadh AI agus chan atharraicheadh e nàdar a’ phrògram IB, a tha a’ gabhail a-steach obair cùrsa. Thuirt e gun robh AI a’ cur ri teicneòlasan a th’ ann mar-thà, leithid dearbhadairean litreachaidh, bathar-bog eadar-theangachaidh agus àireamhairean. Na bheachd, is e an obair a th’ aig luchd-foghlaim a bhith a’ cumail taic ri luchd-ionnsachaidh gus innealan AI a chleachdadh gu h-èifeachdach agus gu beusach.
5.3 Inntleachd Fuadain: Eagallach no Cruth-atharrachail?
Tha AI ann an cruth Modalan Cànain Mòr (LLM) leithid ChatGPT air an dà chuid eagal agus spèis a bhrosnachadh am measg an fheadhainn air an tug an comas a dh’fhaodadh a bhith aig teicneòlais buaidh. Na bu thràithe san aithisg seo chuir sinn air adhart dòighean anns a bheil an teicneòlas ùr seo na eisimpleir de nàdar agus astar nan atharrachaidhean ann an comainn-shòisealta air feadh an t-saoghail. Tha AI cuideachd aig ceistean a thogail mun eòlas, sgilean agus comasan a bhios a dhìth air luchd-ionnsachaidh airson a bhith teisteanaichte mar shaoranaich a tha comasach air pàirt a ghabhail ann an deamocrasaidh ann an meadhan/deireadh na 21mh linn. Bhruidhinn sinn cuideachd air cho duilich ‘s a tha e ro-innse neo-mhearachdach a dhèanamh mun àm ri teachd agus mar sin, air cho cudromach ’s a tha e siostam sùbailte a bhith ann airson teisteanasan gus an gabh atharrachaidhean a dhèanamh le ùine mar a dh’fheumar.
Nuair a thèid teicneòlas ùr a thoirt a-steach an toiseach a dh’fhaodadh buaireadh adhbharachdh, leithid modalan cànain AI mòra, faodaidh e a bhith duilich a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig seo a mheasadh, gu sònraichte gus sgaradh a dhèanamh eadar beachdan ùghdarrasail agus beachdhdan neo-fhiosrachail. Anns a’ Chèitean 2023, dh’fhoillsich Institiud nan Einnseanairean Dealain is Dealanach (IEEE) agallamh le Rodney Brooks, eòlaiche air AI, ball Dàmh MIT, Carnegie Mellon agus Oilthigh Stanford (Zorpette, 2023). Tha an IEEE na ghuth ùghdarrasach mar a’ bhuidheann proifeasanta as motha san t-saoghal airson Innleadaireachd agus Saidheansan Gnìomhaichte.
Is e tiotal an artaigil, ‘Just Calm Down about ChatGPT-4 Already’. Tha Brooks a’ dèanamh na h-argamaid gu bheil "gach adhartas luath agus fìor chudromach ann an teicneòlas mar as trice a’ cur eagal air daoine". Chan eil e cho draghail ri cuid eile mu leasachaidhean a rinneadh bho chionn ghoirid ann an AI. Tha e ag argamaid gu bheil cunnart ann gun smaoinich sinn gur ionann coileanadh agus comas.
"Chì sinn duine a’ dèanamh rudeigin agus tha fios againn dè eile as urrainn dhaibh a dhèanamh, agus is urrainn dhuinn breithneachadh a dhèanamh gu sgiobalta. Ach chan eil na modalain a th’ againn airson coitcheannachadh (generalising) bho choileanadh gu comas ag obair idir airson siostaman AI."
Tha LLM, na bheachd, nas fheàrr na einnseanan luirg, ach tha duilgheadas bunaiteach aca. Bidh iad a’ toirt seachad freagairtean gu misneachail ach mar as trice tha na freagairtean mearachdach. Tha e teagmhach an dèan na h-ath ghinealaichean, GPT-5 no GPT-6, adhartas mòr leis nach eil modail bunaiteach den t-saoghal mar stèidh dhan LLM; tha e dìreach a’ ceangal cànan, mar eisimpleir: a’ ro-innse an ath fhacal.
"Is e an rud air a bheil modalan cànain mòra math a bhith ag ràdh cò ris a bu chòir freagairt a bhith coltach, a tha eadar-dhealaichte bho mar a bu chòir freagairt a bhith an da-rìribh... Tha mi a’ smaoineachadh gur e rud eile a bhios feumail a bhios ann an seo."
5.4 AI: Fìrinneachd, Naidheachd mheallta agus Litearrachd na 21st linn
Ach chan e ceist ùr a tha air èirigh le ChatGTP a th’ ann a bhith ag aithneachadh a bheil teacsa earbsach gus nach eil . Tha àrdachadh nam meadhanan sòisealta agus buaidh "naidheachdan meallta" air dragh a chur air a’ chomann-shòisealta fad greis. Tha draghan mun dùbhlan a tha a’ sìor fhàs a thaobh ciamar as urrainn earbsa a bhith agad anns na chì, na chluinneas no na leughas tu a-nis rim faicinn ann an cleachdaidhean aig buidhnean mòra. Mar eisimpleir, chuir am BBC BBC Verify air bhog anns a’ Chèitean 2023 air an adhbhar a leanas:
"Tha am fàs fìor luath ann am bhidio a chaidh a mhì-làimhseachadh agus atharrachadh a’ ciallachadh nach ionann a bhith a’ faicinn agus a’ creidsinn tuilleadh. Tha consiumairean ag innse dhuinn nach urrainn dhaibh a bhith cinnteach gu bheil na bhidiothan a chì iad sna sruthan naidheachdan aca fìor tuilleadh. Sin as adhbhar is gum feum sinne aig a’ BhBC tòiseachadh gu h-èiginneach air an obair a shealltainn a bhios sinn a’ dèanamh gus fiosrachadh agus susbaint bhidio a sgrùdadh agus a dhearbhadh mus nochd e air na h-àrd-ùrlaran againn. Agus aig àm nuair a tha AI ga chur gu droch fheum agus a’ sìor chur ri buaidh agus builean dì-fhiosrachaidh, cha robh an obair seo riamh cho cudromach ’s a tha e a-nis."
Tha na h-atharrachaidhean sin a thaobh an urrainn dhuinn earbsa a chur anns na chì sinn follaiseach ann an teacsa a nì AI. Bidh LLM làithreach a’ cruthachadh teacsa a tha a’ coimhead ceart ach anns a bheil mearachdan. Tha leasachaidhean teicneòlais eile a’ togail an aon seòrsa duilgheadais. Tha seo na chuspair ro-chudromach airson foghlam san àm ri teachd. Ann an comann-sòisealta meadhan-deireadh na 21mh linn, tha litearrachd a’ ciallachadh barrachd na comas leughaidh is sgrìobhaidh. Bidh a bhith litearra gu didseatach agus a’ tuigsinn mar a nithear sgrùdadh a bheil tùs earbsach gus nach eil, nan sgilean bunaiteach do shaoranaich anns a h-uile comann-sòisealta deamocratach agus bidh e na phrìomh dhleastanas airson gach siostam foghlaim.
5.5 AI: A’ bhuaidh air Teisteanasan is Measadh
Tha buaidhean ann dhan curraicealaim ann an sgoiltean agus colaistean. Bidh aig luchd-ionnsachaidh agus tidsearan/òraidichean ri ionnsachadh mar a chleachdas iad na h-innealan sin, mar eisimpleir, mar a sgrìobhas iad deagh stiùireadh dhan AI agus a bhith a’ tuigsinn dè na rudan air am bi LLM math agus air na cuingleachaidhean aca. Tha buaidh ann cuideachd air measadh agus teisteanasan. Bidh diofar sheòrsaichean ghnìomhan a dhìth ann an obair cùrsa. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh gun rachadh iarraidh air neach-ionnsachaidh freagairt ChatGTP a chruthachadh agus ’s e an obair-chùrsa a bhiodh ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an fhreagairt ceart no a bhith a’ beachdachadh air mar a dh’fhaodadh piseach a thoirt air freagairtean a nithear tro AI. Is e ChatGPT-4 an t-inneal AI a tha air an aire as motha a tharraing ach bho chaidh fhoillseachadh, tha grunn eile air leantainn às a dhèidh a bhios a’ cruthachadh dhealbhan no fuaimean, còd coimpiutair agus bhidio. Tha comas ann a bhith gan cleachdadh gus am bi luchd-ionnsachaidh a’ cruthachadh measgachadh fada nas fharsainge de dhòighean air fianais de dh’ionnsachadh a chruthachadh na na dòighean a bhios sinn a’ cleachdadh an-dràsta mar as trice; mar eisimpleir, aistean.
Tha luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh air a bhith a’ dèanamh dheuchainnean le ChatGPT mar-thà. Tha cuid de luchd-teagaisg air aithris gun gabh planaichean leasain a chruthachadh tòrr nas luaithe na bheireadh e roimhe. Tha cuid eile air ChatGPT a chleachdadh gus pàipearan a mheasadh agus tha iad air aithris gun tug e fios-air-ais mionaideach agus feumail gu math luath. Tha làraich-lìn air tighinn am bàrr mar-thà le liostaichean air mar a chleachdar AI gus tidsearan agus luchd-ionnsachaidh a chuideachadh, mar eisimpleir, Ditch that Textbook Mar a tha fìor leis a h-uile goireas, feumaidh iad sin sùil phroifeasanta, breitheach an tidseir, ach tha iad a’ tabhann comas leigeil le tidsearan barrachd ùine a chaitheamh air a bhith a’ toirt taic do dh’ionnsachadh seach air gnìomhan nas biùrocrataich.
Tha e coltach gum bi buaidh ann cuideachd air na dòighean anns am bi sinn a’ tomhas coileanadh. Mar eisimpleir, dh’fhaodte gun tèid obair neach-ionnsachaidh a mheasadh leis an neach-ionnsachaidh an làthair san àm ri teachd. Bhiodh an neach-ionnsachaidh air a mheasadh air an tuairisgeul aca air a’ phròiseas agus mar a chaidh an toradh a choileanadh seach a bhith a’ breithneachadh air an toradh a-mhàin.
Is e an t-eagal gun tèid a chleachdadh airson foill ann an obair cùrsa fear de na dùbhlain as cumanta a tha a’ tighinn bho AI. Ach chan e dragh ùr a th’ ann am foill. Tha obair-chùrsa, agus an comas a bhith ri foill, na adhbhar dragh a-riamh ann am measadh cudromach agus chaidh seo fhaicinn uaireannan ann an cinn-naidheachd ann am pàipearan naidheachd a rinn tòrr dheth seo. Mar eisimpleir, chlò-bhuail an Scottish Sun an ceann-loidhne seo: "Qualification Fraud: Coronavirus Scotland: Lockdown ‘allows school pupils to cheat on SQA coursework’ with fears parents are doing it’, The Scottish Sun. Ged a tha teacsa an artaigil beagan nas cothromaiche, tha an ceann-naidheachd soilleir.
Rè an Lèirmheis, thog grunn luchd-freagairt a’ cheist mu thaic phàrantan le obair-cùrsa làithreach mar-thà mar chùis cothromais. Bha beachdan ann gun robh luchd-ionnsachaidh bho choimhearsnachdan beartach nas buailtiche taic fhaighinn aig an taigh na luchd-ionnsachaidh a thàinig à suidheachaidhean nach robh buileach cho fortanach. Anns a’ cho-theacsa làithreach, tha tidsearan mothachail air a’ chunnart gun gabhadh obair-cùrsa a dhèanamh le cuideigin eile seach an neach-ionnsachaidh. Tha iad eòlach air an luchd-ionnsachaidh leis a bheil iad ag obair agus air na seòrsaichean coileanaidh a bhiodh iad a’ sùileachadh bho gach neach-ionnsachaidh. Mothaichidh iad, mar eisimpleir, nuair nach eil obair-cùrsa co-chòrdail ri obair-clas a rinn an neach-ionnsachaidh. Cuidichidh na h-aon dòighean-obrach a bhios tidsearan a’ cleachdadh mar-thà gus dèanamh cinnteach gu bheil obair-cùrsa air a dhèanamh leis an sgoilear fhèin gus obair-cùrsa a lorg a chaidh a chruthachadh le AI. Tha cuid a’ cumail a-mach, ma tha cothrom aig a h-uile neach-ionnsachaidh air AI, gum b’ urrainn dha fiù ’s cuideachadh gus cùisean a dhèanamh nas cothromaiche. Tha a bhith a’ dèanamh gnìomhan obair-cùrsa ann an suidheachaidhean foghlaim mar aon ro-innleachd gus dèanamh cinnteach gu bheil an obair air a dhèanamh leis an sgoilear fhèin agus chan ann tro AI.
5.6 AI: Dòigh-obrach choitcheann air feadh foghlaim
Tha na ceistean seo mun dòigh as fheàrr gus dèiligeadh ri AI nan deasbadan a tha a’ dol air adhart an-dràsta ann an colaistean agus oilthighean agus tha na ro-innleachdan a tha air am mìneachadh gu h-àrd nan dòighean anns a bheil iad an dùil dèiligeadh ris na dùbhlain làithreach a tha an lùib. Bhiodh e na chuideachadh nam biodh dòighean-obrach coithcheann ann a thaobh cleachdadh AI thar gach suidheachadh foghlaim.
Nuair a tha teicneòlas ùr, chan eil e idir soilleir mar a thèid a chleachdadh aig a’ cheann thall. Tha Mitchel Resnick (2023), Àrd-ollamh Rannsachadh Ionnsachaidh aig Institiùd Teicneòlais Massachusetts (MIT), a’ moladh gum feumar co-dhùnaidhean a dhèanamh a thaobh AI, dìreach mar a rinneadh leis a h-uile teicneòlas a bh’ ann roimhe, mar eisimpleir, coimpiutairean pearsanta no an t-eadar-lìon, air ciamar a bu chòir an teicneòlas ùr a bhith air fhighe a-steach dhan àrainneachd ionnsachaidh. Tha e a’ moladh gun tòisich sinn bho na ciad phrionnsabalan, le co-dhùnaidhean mu dè an seòrsa foghlaim a tha sinn ag iarraidh airson ar luchd-ionnsachaidh agus ar comann-sòisealta. Bidh sinn an uair sin a’ dealbhadh cleachdadh an teicneòlais ùr gus am bi e co-chòrdail ri ar luachan agus ar lèirsinn.
Is iad luachan foghlaim na h-Alba an fheadhainn a tha sgrìobhte air lorg Pàrlamaid na h-Alba, "gliocas, co-fhaireachdainn, ceartas agus ionracas". Tha dealas na dùthcha do Chòraichean Daonna mar a chaidh a chur an cèill san UNCRC a’ cur luchd-ionnsachaidh aig cridhe foghlam. Tha gach neach-ionnsachaidh cudromach. Tha na luachan sin a’ dol gu math leis an argamaid aig Resnick, mar thoradh air mì-chinnt san àm ri teachd, gu bheil feum aig a h-uile neach-ionnsachaidh air cothroman a bhith "a’ smaoineachadh gu cruthachail, a bhith a’ com-pàirteachadh le co-fhaireachdainn, agus a bhith obrachadh còmhla, gus an urrainn dhaibh dèiligeadh gu cruthachail, gu smaoineachail agus còmhla ri dùbhlain aig saoghal iom-fhillte, a tha ag atharrachadh gu luath." (Resnick, 2023)
A rèir Resnick (2023) aig an àm seo, tha an t-àm ri teachd againn ri sgrìobhadh. Dh’fhaodadh AI droch bhuaidh a thoirt air ionnsachadh le bhith a’ toirt air falbh bho shaorsa-gnìomh an neach-ionnsachaidh; Dh’fhaodadh siostaman AI a bhith nan oidean traidiseanta, a’ suidheachadh amasan luchd-ionnsachaidh, a’ toirt seachad fiosrachadh, a’ faighneachd cheistean agus a’ measadh coileanaidh. No dh’fhaodadh iad a bhith air an dealbhadh gus luchd-ionnsachaidh a chuideachadh gus neo-eisimileachd a thogail; a bhith a’ suidheachadh an amasan fhèin agus a’ cur an cèill am beachdan fhèin. Bhiodh an dàrna dòigh-obrach, tha e ag argamaid, na cuideachadh gus iomairt, misneachd, brosnachadh agus cruthachalachd a thogail. Na sgilean a bhios orra mar shaoranaich san àm ri teachd.
A rèir Resnick (2023), ma tha sinn air dad ionnsachadh bhon ghalar lèir-sgaoilte, ’s e sin cho cudromach ’s a tha dàimhean. Faodaidh siostaman AI fios-air-ais feumail a thoirt seachad ach chan urrainn dhaibh na dàimhean a tha deagh thidsearan a’ dèanamh le luchd-ionnsachaidh a thogail, a bhith a’ fàs eòlas air luchd-ionnsachaidh, na tha gam brosnachadh, na draghan acaaca. Tha deagh theagasg a’ gabhail a-steach fios a bhith ann air mar a thogar coimhearsnachdan luchd-ionnsachaidh a tha taiceil ri càch a chèile far a bheil luchd-ionnsachaidh a’ faireachdainn gu bheil iad nam pàirt.
Dh’fhaodadh AI cur ri ionnsachadh, le bhith a’ toirt taic do eòlasan ionnsachaidh stèidhichte air pròiseact, stèidhichte air ùidh nan oileanach, le bhith a’ toirt tuigse do dh’oileanaich air mar a chleachdas iad innealan AI mar ghoireas gus taic a thoirt dhan phròiseas ionnsachaidh chruthachail. Tha Resnick (2023) a’ dèanamh na h-argamaid gum bu chòir siostaman AI fhaicinn mar roinn ùr de ghoireas foghlaim. Tha e a’ moladh gum bu chòir dhuinn, mar luchd-foghlaim, seata de phrionnsapalan stiùiridh a chruthachadh gus siostaman AI a dhealbhadh agus a chleachdadh ‘gus daoine òga bho chùl-raointean eadar-dhealaichte a thoirt an sàs ann an gnàth-eòlasan ionnsachadh cruthachail, dàimheil agus co-obrachail. Bu chòir dhuinn:
- taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh fhad ’s a tha iad a’ dèanamh phròiseactan dealbhaidh agus a’ dèanamh ionnsachadh cruthachail;
- dèanamh cinnteach gu bheil luchd-ionnsachaidh a’ faireachdainn gu bheil roghainn agus smachd aca anns a’ phròiseas ionnsachaidh, a’ toirt cothrom dhaibh an cuid ùidhean, an cuid bheachdan agus an cuid ghuthan a leasachadh;
- a bhith a’ cur ri agus cumail taic ri (seach a bhith a’ dol an àite) eadar-obrachadh agus co-obrachadh daonna;
- cothroman a thoirt do luchd-ionnsachaidh na beachdan aca agus na cruthachaidhean aca aithris agus ùrachadh, agus;
- aire a thoirt do dhiofar fheumalachdan, ùidhean, agus rùintean luchd-ionnsachaidh bho dhiofar shuidheachaidhean, gu sònraichte an fheadhainn bho choimhearsnachdan air an iomall agus so-leònte.
Ach, aig an àm seo chan eil riaghaladh gu leòr air AI agus bidh tèarainteachd san àm ri teachd an urra ri riaghaltasan gu h-eadar-nàiseanta a bhith ag obair an-dràsta gus dìonan a thogail airson ginealaichean AI san àm ri teachd.
Moladh 12: Stèidhich coimisean air foghlam is Inntleachd Fuadain.
Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba, mar chùis èiginn, coimisean Tar-roinneil a stèidheachadh agus a stiùireadh gus co-sheasamh luachan a chruthachadh a thaobh na tha an dàn do AI ann am foghlam agus a bhith a’ cruthachadh seata de phrionnsabalan stiùiridh airson a bhith a’ cleachdadh AI.
Cha bu chòir casg a chur air cleachdadh AI LLM, leithid ChatGPT, ach feumar taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh agus tidsearan/òraidichean gus am feum as fheàrr a dhèanamh leotha. Tha AI a’ tabhann comas gus obair rianachd agus an ùine a bheir e airson gnìomhan teagaisg eile a lùghdachadh. Bu chòir gabhail ri gach cothrom gus sin a dhèanamh.
Bu chòir obair-chùrsa fhathast a bhith mar phàirt riatanach de theisteanasan ach bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air gnìomhan làithreach gus dèanamh cinnteach gu bheil iad co-chòrdail ris a’ cho-theacsa ùr a chaidh a chruthachadh le leasachaidhean ùra ann an AI.
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback