It's Our Future - Independent Review of Qualifications and Assessment: report - Gaelic version
Gaelic translation of It’s Our Future, report covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment.
6. Dioplòma Coileanaidh na h-Alba A’ toirt a’ chomais gu buil
6.1 Ro-ràdh
Bidh atharrachadh a’ tachairt nuair a bheir daoine air tachairt. Cha tig ar Lèirsinn airson teisteanasan agus measadh, agus an leasachadh an cois seo ann an cothroman beatha gach neach-ionnsachaidh ann an Alba, gu bith ach a-mhàin ma bhios coimhearsnachdan ag obair còmhla gus a thoirt gu buil.
Moladh 13: Cruthaich plana nàiseanta gus an Dioplòma a thoirt gu buil dhan a h-uile neach-ionnsachaidh anns gach suidheachadh foghlaim
Bu chòir plana nàiseanta aontachadh gus an Dioplòma a thoirt a-steach agus a leasachadh gus beachdan-smaoin a thoirt gu buil dhan h-uile neach-ionnsachaidh anns a h-uile suidheachadh foghlaim. Bu chòir dhan phlana seo a bhith a’ toirt aghaidh air a’ bhuaidh air goireasan.
Tron Lèirmheas seo, tha sinn air beachdan a chluinntinn bho dhaoine bho gach coimhearsnachd a tha ag iarraidh atharrachadh gu teisteanasan agus measadh ach cuideachd atharrachaidhean a thaobh cultar. Ann an co-phìos smaoineachaidh le Comann Stiùirichean Foghlaim na h-Alba (ADES), tha Chapman (2019) a’ taisbeanadh modail a chuidicheas le bhith a’ toirt cunntas air na h-atharrachaidhean a thèid a dhèanamh ma tha an gluasad cultarail a tha gu bhith a’ tachairt a tha a h-uile duine den bheachd a tha a dhith airson siostam nas fheàrr.
Rè an Lèirmheis, tha sinn air fianais fhaicinn de gach sealladh a tha air a riochdachadh sa mhatraigs seo. Tha an fheadhainn a tha dubhach, den bheachd, a dh’aindeoin a’ chonaltraidh fharsaing a rinneadh tron phròiseas Lèirmheis agus an ùidh phoilitigeach a tha air cùl coimiseanadh na h-obrach, nach atharraich dad; no ma dh’atharraicheas nì sam bith, gum bi cùisean nas miosa as dèidh làimh. Tha cuid de dhaoine a’ faireachdainn gu bheil iad glaiste ann an cultaran rangach, gu tric ionadan agus buidhnean a tha gu math biùrocratach, tha iad feargach, a’ faireachdainn nach eilear a’ cur an cuid eòlais gu deagh fheum. Tha cuid ag ràdh gu bheil iad airson airson ath-leasachadh a bhith ann ach chan eil iad a’ faicinn ach duilgheadasan le atharrachadh sam bith a thathar a’ moladh; tha cuid eile coma, cha bhi iad a’ gearan, bidh iad a’ gèilleadh ris an rud a nithear. Tha sinn air cluinntinn bho dhaoine nach eil gam faicinn fhèin mar phàirt de shiostam foghlaim nas fharsainge le uallach airson sochair agus adhartas gach neach-ionnsachaidh ach mar dhaoine fa leth, a bhuineas do dh’ionad foghlaim far a bheil iad a’ faireachdainn gum feum uallach a bhith orra an toiseach airson cliù na sgoile aca agus airson cho math ’s a tha i an coimeas ri sgoiltean eile no airson a bhith a’ dìon na buidhne aca.
Tha sinn cuideachd air coinneachadh ri mòran sgoiltean, colaistean, daoine fa leth agus buidhnean far a bheil faireachdainn làidir de bhrosnachadh ann mu ionnsachadh agus dìcheall cur ri cothroman gach neach-ionnsachaidh. Anns na sgoiltean, colaistean agus buidhnean sin, far a bheil cothrom aig a h-uile duine san àite a dhol an sàs ann an leasachaidhean, tha spionnadh ann a tha follaiseach anns gach nì a thachras. Tha seo nas fheàrr do luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg, pàrantan/luchd-cùraim agus stiùirichean.
Nuair a bha daoine a’ bruidhinn rinn mu bhith ag atharrachadh a’ chultair, bha seo a’ ciallachadh cha mhòr a h-uile turas a bhith a’ gluasad a dh’ionnsaigh cultar nas cothromaiche, far am biodh daoine taobh a-staigh agus tarsainn bhuidhnean ag ionnsachadh còmhla le adhbhar coitcheann, gus piseach a thoirt air cothroman beatha aig gach neach-ionnsachaidh ann an Alba. Ann an co-theacs theisteanasan agus measaidh, is e sin an Lèirsinn againn. Tha tòrr cruthachalachd ann am Foghlam na h-Alba, bu chòir am pròiseas atharrachaidh a dhealbhadh gus an cruthachalachd sin a shaoradh.
6.2 Dòigh-obrach In-ghabhalach a thaobh Atharrachadh
Is e aon chuspair a tha a’ nochdadh tro obair an Lèirmheis seo am miann thar choimhearsnachdan airson dòighean-obrach nas co-obrachaile, le barrachd cumhachd. Bu chòir fòcas na gnìomhachd a bhith air toirt seachad ionnsachaidh àrd-inbhe dhan a h-uile neach-ionnsachaidh agus dhan a h-uile duine a tha an sàs ann, bu chòir do thidsearan, òraidichean, ceannardan-sgoile, prionnsapalan, ùghdarrasan ionadail, Caidreachasan Leasachaidh Roinneil, buidhnean nàiseanta, oilthighean, fastaichean agus an roinn shaor-thoileach faighneachd dè as urrainn dhaibh dèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil an Lèirsinn airson teisteanasan agus measadh fìor airson gach neach-ionnsachaidh ann an Alba.
Tha pàirt aca uile ann a bhith a’ toirt na Lèirsinn gu buil. Tha e cudromach gum bi gach neach fa leth agus gach buidheann soilleir mu na tha iad a’ cur ri seo. Tha a bhith a’ comharrachadh dhreuchdan is dhleastanasan na phàirt dheatamach de bhith a’ togail air eòlas agus a’ seachnadh dùblachadh. Ach, airson cuid de cho-obraichean, is dòcha gum bi dòighean-obrach co-obrachail ùr agus dh’fhaodte gum bi feum air taic is brosnachadh ma tha iad uile gu bhith misneachail ann an dòighean-obrach eadar-dhealaichte.
"Dh’fhaodadh gum bi feum air ionnsachadh proifeiseanta airson cuid de thidsearan gus am bi iad comasach air pàirt a ghabhail ann an co-chruthachadh modhan measaidh - seo an dìleab bho bhliadhnaichean de cho-dhùnaidhean bhon mhullach a-nuas." (Ball CCG, Teagasg)
Moladh 14: Cruthaich am plana nàiseanta agus am pròiseas atharrachaidh nas fharsainge ann an dòighean a tha in-ghabhalach agus co-obrachail.
Bu chòir dha a bhith stèidhichte air an Lèirsinn agus air na Prionnsapalan, feumaidh a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an teisteanasan agus measadh a bhith an sàs ann agus feumaidh tuigse shoilleir a bhith ann air mar a chuireas diofar choimhearsnachdan ri bhith a’ toirt na beachdan san Lèirsinn gu buil do gach neach-ionnsachaidh ann an Alba.
Tha e ro-chudromach gum bi cothroman aig a h-uile coimhearsnachd tuigse fhaighinn air an dòigh-obrach ùr a thaobh siostam measaidh is teisteanais ann an Alba. Bu chòir cothroman a bhith ann do na h-uile a tha an sàs ann an teisteanasan agus measadh gus an aithisg seo a dheasbad agus gus beachdachadh air mar a dh’fhaodar an Lèirsinn agus na Prionnsapalan a chur an gnìomh sa cho-theacsa aca.
Bu chòir cuairt ath-bhreithneachaidh (Moladh 4) a bhith anns a’ phlana far a bheil fianais air a chruinneachadh bho phoileasaidh agus cleachdadh gus an dàimh eadar beachdan agus cleachdadh a sgrùdadh agus, far an tòisich iad air sgaradh bho chèile, gus ceuman iomchaidh a ghabhail. Bu chòir an dòigh-obrach leasachail seo a thaobh ath-sgrùdadh a dhèanamh ann an com-pàirteachas le cleachdaichean, luchd-dèanamh poileasaidh agus luchd-rannsachaidh.
Tha foillseachaidhean bho chionn ghoirid air cuideam a chur air an fheum air atharrachadh cultarach. Ag atharrachadh bho chultar a tha rangach gu cultar a tha nas co-obrachail agus nas cumhachdaiche. Tha mòran sgoiltean, cholaistean agus bhuidhnean in-ghabhalach agus co-obrachail. Bidh luchd-ceannais an-còmhnaidh a’ feuchainn ris a’ chultar a leasachadh le bhith a’ co-obrachadh le luchd-ionnsachaidh, tidsearan agus pàrantan. Ach, tha fianais bhon Lèirmheas seo agus bho lèirmheasan eile bho chionn ghoirid a’ sealltainn gur dòcha nach eil seo daonnan fìor. Dh’aithris Muir (2022), gun robh na daoine òga ris an do rinn e agallamh gu tric mì-riaraichte leis an fhoghlam aca agus thog iad "ceistean domhainn mun chultar a tha ann an cuid de phàirtean den t-siostam" (td12). Dh’aithris Priestley et al (2023) gun robh cultar làidir de performativity ann an sgoiltean agus gun robh seo a’ toirt droch bhuaidh air an Ìre as Àirde. Dh’aithris an luchd-rannsachaidh gum biodh iomadh sgoil "a’ brosnachadh a bhith a’ taghadh susbaint agus/no òrdachadh a’ curraicealaim gus an coileanadh as àirde san Ìre as Àirde fhaighinn". (td9)
Chan eil am plana airson atharrachadh air a bheilear a’ beachdachadh sa Chaibideil seo bhon mhullach a-nuas no bhon bhonn a-nìos. Is e dòigh-obrach in-ghabhalach a th’ innte a tha stèidhichte air spèis agus co-obrachadh le cach a chèile.
Ma tha an dòigh-obrach seo gu bhith soirbheachail, feumaidh a h-uile duine a tha airson piseach a thoirt air mar a dh’fhiosraicheas luchd-ionsachiadh teisteanasan agus measadh a bhith deònach obrachadh còmhla. Chan eil na tha coimhearsnachd sam bith a’ toirt seachad nas cudromaiche na coimhearsnachd sam bith eile. Tha atharrachadh a’ tighinn bho chumhachd choimhearsnachdan a’ co-obrachadh a chùm leas gach neach-ionnsachaidh, chan ann a-mhàin dhan luchd-ionnsachaidh sna sgoiltean, colaistean no coimhearsnachdan aca fhèin. Anns a’ Chaibideil seo tha sinn a’ comharrachadh nas urrainn diofar choimhearsnachdan a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gun tig an Lèirsinn gu buil airson gach neach-ionnsachaidh ann an Alba.
’S e dùthaich a th’ ann an Alba far an deach luach a chur air cothromachdeachd gu h-eachdraidheil. Tha am prionnsapal gum bu chòir luach co-ionann a thoirt air na tha daoine a’ cur ri rud stèidhichte air dòighean-obrach cho-obrachail na tèama mòr ann an sgrìobhainnean poileasaidh. Ach, tha Humes (2023) ag argamaid gu bheil feum air atharrachadh mòr ma tha aithrisean mu cho-obrachadh agus cumhachd ann an sgrìobhainnean poileasaidh gu bhith tighinn gu buil. Tha e a’ càineadh na tha e a’ faicinn mar phàtran de ghnìomhachd ann an Alba far a bheil ath-leasachadh co-cheangailte ri bhith ag atharrachadh structaran. Chan eil sin gu leòr, tha e ag ràdh.
"Dh’fhaodar a ràdh gu bheil ath-leasachadh cultarach nas cudromaiche na dìreach a bhith ag atharrachadh structaran, ach chan eil e furasta a dhèanamh agus bheir e ùine. Tha mòran dhaoine, taobh a-staigh agus taobh a-muigh saoghal an fhoghlaim, den bheachd gu bheil an siostam aintighearnail (a dh’aindeoin a bhith a’ cleachdadh faclan in-ghabhaltach mar ‘a’ toirt chumhachd do dhaoine’). (td25)
Chaidh draghan coltach riutha seo mu na dùbhlain a tha mu choinneamh Foghlam na h-Alba a chur an cèill san sgrùdadh aig Chapman & Donaldson (2023) air Foghlam na h-Alba san àm ri teachd. Tha iad ag ràdh:
"Ged a tha mòran deagh eisimpleirean ann de cho-obrachadh, is urrainn faireachdainn ‘falaichte’ de cho-fharpais a bhith air a dhèanamh nas miosa leis a’ mhiann a bhith a’ falach eadar-dhealachaidhean no ‘caochlaidhean’ ann an coileanadh, ge b’ e dè an nàdar no an tùs a th’ aca." (td7)
Tha iad ag innse dhuinn gu bheil siostam foghlaim na h-Alba aig crois-rathaid agus tha iad a’ cur ìmpidh oirnn "dèanamh nas fheàrr ma tha òigridh an latha an-diugh gu bhith a’ soirbheachadh ann an saoghal a tha a’ sìor fhàs iom-fhillte agus dùbhlanach."
Tha an Lèirmheas seo a’ toirt seachad cothrom gus teisteanasan agus measadh ann an Alba san àm ri teachd a leasachadh agus an obair sin a dhèanamh ann an dòigh nas co-obrachaile agus a bheir cumhachd do dhaoine. Ann a bhith a’ planadh airson atharrachadh cultarail soirbheachail ann an teisteanasan agus measadh, tha eòlasan luchd-ionnsachaidh air aithris, buaidh shiostaman cunntachalachd, am feum air dàimhean cumhachd nas cothromaiche agus an dùbhlan a bhith a’ togail siostam foghlaim a tha co-obrachail seach farpaiseach nan tèaman a bu chòir a bhith aig cridhe a’ phròiseis ma tha leasachadh gu bhith ann mar thoradh air an atharrachadh.
Ach, tha an co-theacs airson an Lèirmheis air teisteanasan agus measadh ann an Alba toinnte. Tha an galar lèir-sgaoilte air buaidh mhaireannach mhòr a thoirt air luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg agus air a’ chomann-shòisealta san fharsaingeachd. Feumaidh sinn tòiseachadh air a’ phròiseas atharrachaidh bho far a bheil an siostam an-dràsta, seach far am bu chòir dha a bhith nar beachd. Tha dùbhlain chruinneil ann, mar eisimpleir, atharrachadh na gnàth-shìde agus cogadh leantainneach san Roinn Eòrpa. Tha suidheachadh an ionmhais nas dùbhlanaiche na bha e fad iomadach bliadhna agus tha cruaidh-chàs air mòran theaghlaichean air feadh na h-Alba agus atmhorachd a’ sìor-èirigh. Ach, tha an t-astar sa bheil an comann-sòisealta ag atharrachadh (Caibideil a h-Aon) a’ ciallachadh gum feum sinn dòighean a lorg gus dèanamh cinnteach gu bheil teisteanasan agus measadh ceart airson luchd-ionnsachaidh san àm ri teachd agus dhan chomann-shòisealta san fharsaingeachd.
Bidh cosgaisean an lùib molaidhean na h-aithisg seo, agus mar sin feumar atharrachadh a stiùireadh gu faiceallach, ceangailte ri comas an t-siostaim agus ris na stòrasan a tha rim faotainn. Tha na h-ìrean airson atharrachadh a tha air am mìneachadh sa Chaibideil seo nam moladh. Bidh co-dhiù tha no nach eil e practaigeach a’ crochadh air na goireasan a tha rim faighinn. Bu chòir an loidhne-ama a chumail fo sgrùdadh a rèir suidheachaidhean a tha ag atharrachadh, ann an dòigh a bheir deagh no droch bhuaidh. Ma bhios an clàr-ama ro luath, is dòcha nach bi e comasach air an siostam freagairt. Ma bhios e ro shlaodach, thèid momentum a chall.
6.3 Lèirmheas air Teisteanasan is Measadh ann an Alba san àm ri teachd
Is e fear de na prìomh ghnìomhan a bu chòir a bhith ann am pròiseas an atharrachaidh, cothrom a bhith aig luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg, pàrantan/Luchd-cùraim agus òraidicihean air feadh na h-Alba gus beachdachadh air na molaidhean airson atharrachaidhean air teisteanasan is measadh. Bu chòir do chòmhraidhean tòiseachadh bhon Lèirsinn agus bho na Prionnsabalan, na tha na h-atharrachaidhean a thathar a’ moladh ag amas air a choileanadh agus air carson a tha iad cudromach. Tha e cudromach gun tèid ceanglaichean a dhèanamh thairis air na diofar phàirtean den phròiseas ath-leasachadh foghlaim nas fharsainge gus am faic a h-uile duine a tha an sàs ann an dealbh nas motha, agus dè an t-àite a tha aig na molaidhean ann. Leis gu bheil buaidh aig atharrachaidhean air teisteanasan agus measadh air a’ chomann-shòisealta san fharsaingeachd, bu chòir ro-innleachd conaltraidh a chruthachadh gus mothachadh a thogail thar choimhearsnachdan mu na molaidhean airson atharrachadh (faic gu h-ìosal).
Cho cudromach ’s a tha e tòiseachadh le, agus a bhith a’ cumail fòcas air, adhbhar: Àrd-amas is Prionnsapalan
Tha am beachd Lèirsinn a bhith ann, adhbhar soilleir airson na tha ùr-ghnàthachadh airson a choileanadh, mar as trice mar phàirt de na h-ìrean tràithe den phròiseas leasachaidh. Ach, ro thric às dèidh dhan ùr-ghnàthachadh a bhith air a thoirt a-steach, thèid an Lèirsinn a chur dhan dàrna taobh, agus bidh am fòcas a’ gluasad bho carson a tha ùr-ghnàthachadh cudromach gu dè bu chòir a dhèanamh, ciamar a bu chòir a dhèanamh agus cuin a bu chòir a dhèanamh. Nuair a thachras sin, faodaidh gum bi dì-cheangail ann eadar an adhbhar agus na gnìomhan a thathar a’ gabhail.
Bu chòir an Lèirsinn agus na Prionnsabalan (Caibideil a Còig), adhbhar an ath-leasachaidh, a bhith na thoiseach tòiseachaidh nuair a thathar a’ toirt air adhart molaidhean an Lèirmheis seo. Bu chòir dhan chonaltradh uile tòiseachadh le adhbhar: carson a tha teisteanasan agus measadh ag atharrachadh agus dè thathar an dùil coileanadh tron ath-leasachadh. Feumaidh daoine rùm agus ùine gus tuigse fhaighinn air beachdan. Mar eisimpleir, ann an suidheachaidhean foghlaim, bu chòir cothroman a bhith aig luchd-ionnsachaidh, tidsearan agus, mar a bhios iomchaidh, pàrantan agus luchd-cùraim a bhith a’ beachdachadh air an Lèirsinn, mus beachdaich iad air an Dioplòma gu h-iomlan agus air na trì eileamaidean dheth. Feumaidh daoine ùine airson cnuasachadh air beachdan agus airson a bhith a’ meòrachadh le co-obraichean air cò ris a bhiodh an Dioplòma coltach sa cho-theacs aca nan robh an Lèirsinn gu bhith air a chur ann an gnìomh.
Plana gus atharrachadh a thoirt a-steach mean air mhean
Moladh 15: Thoir a-steach Dioplòma Coileanaidh na h-Alba mean air mhean.
Bu chòir an Dioplòma a thoirt a-steach ann an trì ìrean tar-lùbach. Bu chòir na h-ìrean an toiseach, na suidheachaidhean a chruthachadh gus taic a thoirt do dh’atharrachadh soirbheachail, san dàrna àite, atharraichean a dhèanamh gus an teisteanas ùr a chruthachadh, agus san treas àite, an teisteanas fhighe a-steach air feadh an t-siostaim. Bu chòir plana a bhith ann aig gach ìre gus taic a thoirt ri bhith a’ cur bheachdan an gnìomh ann an dòighean a bheir cumhachd do choimhearsnachdan. Bu chòir buaidhean air stòrasan a bhith air an comharrachadh gu soilleir. Bu chòir am plana airson a bhith a’ toirt a-steach an Dioplòma mean air mhean a dheasbad agus aontachadh ro thoiseach seisean 2024-25 .
Tha sinn ag aithneachadh gu bheil eisimeileachdan ann, a’ gabhail a-steach atharrachaidhean eile a tha san amharc ann am prògram ath-leasachadh foghlaim nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba agus anns na goireasan a tha rim faighinn gus taic a chumail ris na h-atharrachaidhean sin.
Bidh e deatamach gum bi luchd-foghlaim air an deagh ullachadh gus an Dioplòma a stiùireadh agus a chur an gnìomh. Feumaidh luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan eile a bhith an sàs sa phròiseas agus tuigse fhaighinn air cudromachd agus adhbharan airson atharrachaidhean san t-siostam.
Tha mion-fhiosrachadh a’ bhuileachaidh taobh a-muigh raon-ùghdarrais an Lèirmheis seo. Ach bu chòir do na prìomh fheartan aig gach ire a bhith a’ gabhail a-steach na leanas:
Ìre a h-aon: A’ cruthachadh suidheachadh airson a bhith a’ cur air dòigh Dioplòma Coileanaidh na h-Alba (2023-27)
- Cuir leas an luchd-ionnsachaidh aig cridhe gach co-dhùnadh tron phròiseas;
- cruthaich ro-innleachd buileachaidh airson nan trì ìrean, a’ gabhail a-steach plana conaltraidh gus mothachadh mun Dioplòma a thogail thar gach coimhearsnachd IRG (bu chòir seo a bhith a’ gabhail a-steach beachdachadh air riatanasan bun-structair didseatach agus na cothroman agus na dùbhlain a tha an cois AI);
- a’ coimiseanadh measadh neo-eisimeileach thar ùine air dealbhadh, buileachadh agus buaidh thràth an Dioplòma;
- tog lìonraidhean co-obrachail far a bheil tuigse shoilleir aig a h-uile buidheann air na dreuchdan a bhios aig gach buidheann ann an dealbhadh agus leasachadh an Dioplòma, agus;
- tasgaich ann an ionnsachadh proifeiseanta gus taic a chumail ri buileachadh
Ìre a Dhà: A’ cruthachadh Dioplòma Coileanaidh na h-Alba (2026-30)
- Dealbhaich agus leasaich diofar phàirtean den Dioplòma le lìonraidhean co-obrachail de shuidheachaidhean foghlaim;
- ath-sgrùdaich agus ùraich Teisteanasan Nàiseanta;
- cuir ionnsachadh proifeiseanta an sàs air feadh an t-siostaim gus taic a thoirt ri bhith a’ cur an Dioplòma an gnìomh;
- cuir an gnìomh plana measaidh nàiseanta agus tog comas siostam gus a chur an gnìomh, agus;
- cruthaich agus dèan deuchainn air e-portfolio agus bun-structar didseatach.
Ìre a Trì: A’ leabachadh Dioplòma Coileanaidh na h-Alba (2028-32)
- Gheibh a’ chiad bhuidheann de luchd-ionnsachaidh an Dioplòma;
- a h-uile neach-foghlaim misneachail agus comasach ann a bhith a’ cumail taic ri aithneachadh coileanadh luchd-ionnsachaidh tron Dioplòma;
- luchd-ionnsachaidh uile na h-Alba ag obair a dh’ionnsaigh Dioplòma;
- ath-sgrùdadh agus ùrachadh air siostaman agus pròiseasan stèidhichte air toraidhean tràth bho mheasadh neo-eisimeileach, agus;
- misneachd air feadh an t-siostam san Dioplòma.
Moladh 16: Thoir ùine do luchd-obrach an Fhoghlaim. Tha feum aig luchd-obrach foghlaim air ùine airson ionnsachadh proifeiseanta, gus co-obrachadh agus airson a dhol an sàs leis na h-atharrachaidhean a tha gam moladh. Mar thoradh air na feumalachdan sònraichte a th’ aig roinn FtG tha e ro-chudromach gum bi ionnsachadh proifeiseanta air a dhealbhadh gus taic a thoirt dhan Dioplòma do luchd-ionnsachaidh agus luchd-foghlaim na Gàidhlig.
Feumaidh ùine a bhith aig luchd-obrach an fhoghlaim airson ionnsachadh proifeiseanta, gus co-obrachadh agus airson a dhol an sàs leis na h-atharrachaidhean a tha gam moladh, mar eisimpleir,
- Bidh e deatamach gum bi luchd-foghlaim misneachail a dhol an sàs ann an Ionnsachadh Pròiseict brìoghmhor agus gus daoine fa leth a stiùireadh a thaobh na Slighe Pearsanta. Tha e coltach gum bi feum air taic anns na raointean sin airson cuid de bhuidhnean a dh’fhaodadh a bhith an sàs ann an eileamaidean den Dioplòma – dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach tidsearan, òraidichean, pàrantan/luchd-cùraim, luchd-obrach òigridh, sgoiltean, colaistean agus suidheachaidhean eile a tha a’ toirt seachad foghlam.
- Gus eileamaid Slighe Phearsanta an Dioplòma a chruthachadh, feumaidh tidsearan, agus feadhainn eile, luchd-ionnsachaidh a chuideachadh gus cothroman a chomharrachadh agus an uair sin taic a thoirt dhaibh gus meòrachadh air an ionnsachadh a rinn iad. Ged a bu chòir leasachadh sgilean san raon seo a bhith na phàirt chudromach den tairgse ionnsachaidh phroifeasanta iomlan, tha sinn a’ moladh cuideachd gum bu chòir goireasan sònraichte a bhith rim faighinn gus taic a thoirt dhan taobh seo den Dioplòma. Bidh feum air ceannardas siostaim làidir ma tha e gu bhith air fhighe a-steach ann am foghlam na h-Alba.
- Feumaidh ionnsachadh proifeiseanta a tha a’ toirt còmhla dealbhadh curraicealaim, ionnsachadh, teagasg, measadh agus teisteanasan a bhith ruigsinneach dhan a h-uile neach-foghlaim a tha ag obair san Ìre as Àirde. Feumaidh seo taic a thoirt do thuigse nas fheàrr air cho cudromach ’s a tha guth an neach-ionnsachaidh, adhartas ann an ionnsachadh, a bhith a’ suidheachadh ghnìomhan, fios-air-ais agus pròiseasan measaidh.
- Tha feum aig luchd-obrach ann am buidhnean nàiseanta cuideachd air ùine a bhith ag obair còmhla ri daoine eile gus cùrsaichean ath-sgrùdadh agus a leasachadh, dòighean-obrach ùra fheuchainn agus siostaman ùra a stèidheachadh a tha làidir ach neo-thromach (light touch). Gus adhartas a dhèanamh air na molaidhean san Lèirmheas seo taobh a-staigh àm reusanta, is dòcha gum feumar ath-sgrùdadh a dhèanamh air na geallaidhean a th’ ann mar-thà agus beagan phrìomhachasan soilleir aontachadh.
6.4 A’ toirt a-steach na Dòigh-obrach Ùir a thaobh Theisteanasan agus Measadh
Moladh 17: Cruthaich ro-innleachd com-pàirteachaidh agus conaltraidh fad-ùine.
Bu chòir an dòigh-obrach ùr a thaobh theisteanasan is measaidh a bhith air a chuideachadh le ro-innleachd com-pàirteachaidh is conaltraidh fad-ùine. Bu chòir a chruthachadh le diofar choimhearsnachdan gus na feumalachdan aca a choileanadh agus a bhuaidh a mheasadh.
Tha conaltradh na phàirt ro-chudromach de dh’ath-leasachadh sam bith. Tha an raon fharsaing de dhaoine fa leth agus de bhuidhnean a tha an sàs ann an teisteanasan
agus measadh ga fhàgail gu sònraichte cudromach gu bheil am plana conaltraidh ag aithneachadh seo, agus gu bheil conaltradh air a chuimseachadh a rèir feumalachdan diofar choimhearsnachdan. Mar eisimpleir, tha cultar theisteanasan na h-Alba freumhaichte gu domhainn, stèidhichte air traidiseanan aig na ginealaichean de dhaoine a chaidh tron sgoil agus a tha an dùil gum bi foghlam luchd-ionnsachaidh an latha an-diugh coltach ris an oideachadh aca fhèin. Bu chòir dhan ro-innleachd conaltraidh beachdachadh gu cruthachail air mar a mhìnichear na h-atharrachaidhean dhan chomann-shòisealta san fharsaingeachd. Mar eisimpleir, ann an Èirinn nuair a bhathar ag ath-leasachadh na Cuairt Òigridh aca, chruthaich iad bhidiothan mìneachaidh goirid a chaidh a shealltainn air telebhisean agus ann an taighean-dhealbh: faic bhidio mìneachaidh .
Bu chòir dhan ro-innleachd conaltraidh a bhith fad-ùine. Bu chòir dha a bhith ag amas air tòiseachadh nuair a bhios pàrantan/luchd-cùraim ag obair le suidheachaidhean Tràth-bhliadhnaichean an toiseach agus a bhith a’ togail tro bhun-sgoiltean far am faodar ceanglaichean a dhèanamh eadar cleachdadh ann am foghlam tràth-bhliadhnaichean agus bun-sgoile agus na coileanaidhean a thèid aithneachadh mar luchd-ionnsachaidh a’ dèanamh adhartas san Ìre as Àirde a dh’ionnsaigh an Dioplòma ann an suidheachaidhean foghlaim.
Chan ionnan conaltradh is sgaoileadh. Tha conaltradh a’ ciallachadh a bhith a’ com-pàirteachadh le daoine fa leth agus le coimhearsnachdan. Bha an IRG agus na CCGan co-cheangailte riutha a’ gabhail a-steach raon farsaing de bhuill bho dhiofar choimhearsnachdan, agus dh’fhaodadh iad uile a bhith mar phàirt den ro-innleachd conaltraidh. Is e an fheadhainn as fhaisge air gach coimhearsnachd as fheàrr a thuigeas feumalachdan na coimhearsnachd aca. Tha iad a’ tuigsinn dè a dh’obraicheas agus dè nach obraich. Tha e cudromach gun tèid dòighean conaltraidh a dhealbhadh le coimhearsnachdan. Dh’fhaodadh e cuideachd a bhith na dhòigh èifeachdach air conaltradh a bhith a’ faighneachd de bhuill de na CCGan fiosrachadh mun Dioplòma a cho-roinn leis a’ choimhearsnachd aca.
Bu chòir buaidh mhodhan conaltraidh a mheasadh agus fianais bhon mheasadh a chleachdadh gus conaltradh san àm ri teachd fhiosrachadh.
6.5 Modail Nàiseanta gus Taic a thoirt dhan Phroifeisean le bhith a’ Co-roinn Inbhean
Moladh 18: Cruthaich ro-innleachd nàiseanta airson inbhean.
- Bu chòir plana nàiseanta aontaichte a bhith ann gus inbhean ionadail is nàiseanta a chruthachadh agus a chumail suas airson teisteanasan agus measadh.
- Bu chòir trèanadh air mar a sheachnaichear claon-bhreith a bhith na phàirt riatanach den ro-innleachd agus bu chòir dha a bhith a’ gabhail a-steach tidsearan bho sgioba-obrach na h-Alba a tha a’ sìor-fhàs nas eadar-mheasgte.
- Bu chòir an ro-innleachd a bhith air a cho-dhealbhadh le luchd-dèanamh poileasaidh, cleachdaichean agus luchd-rannsachaidh.
- Bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air pròiseasan barantachd càileachd làithreach gus dèanamh cinnteach gu bheil iad earbsach agus gun a bhith ro bhiùrocratach.
- Mar phrìomhachas èiginneach, bu chòir fuasglaidhean didseatach a thoirt a-steach an àite shiostaman barantachd càileachd stèidhichte air pàipear agus obair dian.
Tha e ro-chudromach gun tèid dèiligeadh gu cothromach ris a h-uile neach-ionnsachaidh ann an Alba a nì an Dioplòma. Tha an Dioplòma a’ cur barrachd cuideam air proifeiseantachd thidsearan agus am breithneachadh proifeiseanta. Gus dèanamh cinnteach gu bheil breithneachaidhean thidsearan cunbhalach air feadh na dùthcha, bidh feum air siostam gus inbhean a cho-roinn tro cho-obrachadh ionadail agus nàiseanta. Bidh seo na phrìomh fheart de bhith a’ togail theisteanasan anns a bheilear a’ cur suim mhòr. Tha colaistean air pròiseasan modarataidh a stèidheachadh mar-thà thar grunn bhliadhnaichean thar iomadh bliadhna a dh’fhaodadh eisimpleirean a thoirt dhuinn air mar a nithear modaratadh nas so-ghiùlaine.
Tha e’ cudromach a bhith a’ togail tuigse làidir air inbhean teisteanais nàiseanta am measg thidsearan gus am bi teisteanasan earbsach. Tha e, ge-tà, a cheart cho cudromach mar chùis cothromais. Mar as trice, bidh tidsearan ag obair ann an aon sgoil, no àireamh bheag de sgoiltean far a bheil an tuigse air adhartas stèidhichte air an luchd-ionnsachaidh leis a bheil iad ag obair. Dh’fhaodte gum bi eòlas aig cuid air inbhean nàiseanta, mar eisimpleir, tro bhith ag obair mar neach-comharrachaidh le SQA; no air eòlas fhaighinn air ionnsachadh proifeiseanta. Ach, a bharrachd air teisteanasan, tha e cudromach do luchd-ionnsachaidh gum bi tidsearan ann a thuigeas inbhean.
Bu chòir inbhean a bhith ann taobh a-staigh frèam adhartais làidir. Gus tuigse mhath, phractaigeach a thogail air ìrean, feumaidh cothroman iomchaidh a bhith aig tidsearan gus beachdachadh air eisimpleirean de dh’obair sgoilearan aig diofar ìrean nàiseanta. Feumaidh iad an uair sin cothroman gus eisimpleirean de dh’obair an luchd-ionnsachaidh aca fhèin a cho-roinn agus a dheasbad le an co-leithid agus ionnsachadh mu nithean a dh’fhaodadh bacadh a chur air deagh bhreithneachadh, mar eisimpleir, claonadh gun fhiosta. Neartaichidh seo uile tuigse thidsearan air inbhean agus a bharrachd air a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi breithneachaidhean nas earbsaiche ann, ach bidh seo cuideachd a’ cur ri cleachdadh nas fheàrr sa chlas. Mar eisimpleir, lùghdaichidh tuigse nas fheàrr air inbhean an comas do thidsearan a bhith a’ meas na h-ìre ro ìosal, a’ tabhann fios air ais stèidhichte air sin agus gun fhiosta a’ toirt ana-cothrom do luchd-ionnsachaidh.
Feumaidh tuigse mhath a bhith aig tidsearan air inbhean agus a bhith comasach air an cleachdadh an da-rìribh ma thathar gu bhith a’ dèiligeadh gu cothromach ris a h-uile neach-ionnsachaidh. Gus dèanamh cinnteach gun tèid dèiligeadh gu cothromach ri luchd-ionnsachaidh ge b’ e cò an tidsear a th’ aca no dè an sgoil a bhios iad a’ frithealadh, feumaidh sgoiltean obrachadh còmhla ri daoine eile ann an gnìomhan measaidh. Tha feum air modaratadh èifeachdach air siostam nàiseanta far am bi buidhnean nàiseanta, ùghdarrasan ionadail, tidsearan, ceannardan-sgoile agus luchd-rannsachaidh ag aontachadh air dòighean-obrach iomchaidh a thaobh modaratadh. Bu chòir do mhodhan modarataidh aithneachadh cho cudromach ’s a tha breithneachadh proifeiseanta thidsearan agus a bhith a’ togail comas tro chothromachadh iomchaidh de thaic cho-leithid agus pròiseasan nàiseanta co-rèireach. Bu chòir pròiseasan a bhith iomchaidh agus gun a bhith ro bhiùrocratach. Tha dòighean biùrocratach air an cruthachadh; chan eil iad do-sheachanta. Bu chòir cothromachd do luchd-ionnsachaidh a bhith aig cridhe a’ phròiseis.
Tha togail misneachd ann am breithneachadh proifeiseanta thidsearan deatamach agus bheir seo ùine. Tha goireasan rim faighinn air làrach-lìn SQA gus taic a thoirt dhan phròiseas a bhith a’ co-roinn inbhean ann an deuchainnean, obair-cùrsa agus air prìomh fhactaran ann a bhith a’ cruthachadh siostam cothromach, leithid a bhith a’ dèiligeadh ri ceistean a thaobh claon-bhreith. Tha iad sin nan toiseach tòiseachaidh airson a bhith ag ionnsachadh mu inbhean nàiseanta. Bu chòir trèanadh air mar a sheachnaichear claon-bhreith a bhith na phàirt riatanach den ro-innleachd agus bu chòir dha a bhith a’ gabhail a-steach tidsearan bho sgioba-obrach na h-Alba a tha a’ sìor-fhàs nas eadar-mheasgte.
Ach, tha barrachd ri dhèanamh. Às dèidh mion-sgrùdadh a dhèanamh air fianais bho rannsachadh eadar-nàiseanta air breithneachadh thidsearan thar 40 bliadhna tha Urhahne & Wijnia (2021) a’ moladh gu bheil cho earbsach ’s a tha breithneachadh
proifeiseanta thidsearan a’ crochadh air an obair a tha iad a’ dèanamh. Bidh an luchd-rannsachaidh a’ dèanamh eadar-dhealachadh eadar breithneachaidhean dàimheach agus deimhinnte. Far a bheil tidsearan a’ dèanamh breithneachaidhean dàimheach, mar eisimpleir, a’ breithneachadh a bheil aon phìos obrach nas fheàrr na pìos eile gus an cur ann an òrdugh rangachaidh, tha ìre pongalachd am breithneachaidhean àrd. Nuair a bhios iad a’ dèanamh breithneachadh deimhinnte, mar eisimpleir, anns an eadar-dhealachadh eadar sgòran ro-mheasta nan tidsearan agus fìor choileanaidhean luchd-ionnsachaidh, tha tidsearan buailteach a bhith a’ dèanamh tuairmse ro-àrd air coileanadh. Tha an fhianais a’ sealltainn gur dòcha gu bheil luchd-teagaisg den bheachd gu bheil e nas dùbhlanaiche tuairmse a dhèanamh air coileanadh luchd-ionnsachaidh a tha a’ dèanamh nas lugha de dh’adhartas seach an luchd-ionnsachaidh a tha a’ coileanadh aig àrd-ìre. Tha e deatamach gun tèid deagh thuigse fhaighinn air mar a bheir claonadh (cinneadh, gnè, clas agus ciorram) buaidh air breithneachadh proifeiseanta thidsearan ma tha measadh cothromach gu bhith aig gach neach-ionnsachaidh.
6.6 Riaghaltas na h-Alba, na Buidhnean Foghlaim Nàiseanta agus Riaghaltas Ionadail
Bu chòir prìomh àite a bhith aig Riaghaltas na h-Alba, priomh bhuidhnean foghlaim agus riaghaltas ionadail ann a bhith a’ stiùireadh ath-leasachadh theisteanasan agus measaidh ann an dòighean a tha a’ nochdadh dealas a thaobh atharrachadh cultair. Bu chòir planaichean gus an Dioplòma a chruthachadh a bhith air an leasachadh agus air an cur an gnìomh gu co-obrachail gus aithne agus luach a chur air na tha gach com-pàirtiche a’ cur ris.
Moladh 19: Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba agus na buidhnean foghlaim nàiseanta ùra atharrachadh cultarach a mhodaileadh.
- Nuair a thèid an Dioplòma a leasachadh agus a thoirt a-steach, bu chòir do Riaghaltas na h-Alba agus na buidhnean foghlaim nàiseanta ùra atharrachadh cultarach a mhodaileadh le bhith ag obair còmhla ann an dòighean a tha ag aithneachadh agus a’ cur luach air na tha gach com-pàirtiche a’ cur ris a’ chùis.
Moladh 20: Leabaich leasachaidhean Theisteanasan agus Measaidh gu soilleir agus gu follaiseach taobh a-staigh clàr-gnothaich an ath-leasachaidh nas fharsainge.
- Feumaidh Riaghaltas na h-Alba, mar chùis èiginn, aithris shoilleir a chur an cèill a sheallas mar a tha leasachaidhean ann an teisteanasan agus measadh nam pàirtean bunaiteach den chlàr-obrach ath-leasachaidh san fharsaingeachd.
- Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba structaran co-obrachail a stèidheachadh gus cruthachadh an Dioplòma a thoirt air adhart a tha mar sgàthan air an fheadhainn a chaidh a chruthachadh tron Lèirmheas seo gus dèanamh cinnteach gum bi a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an teisteanasan agus measaidhean fhathast nam pàirt den ro-innleachd gus a chur an gnìomh.
6.7 A’ Bhuidheann Theisteanasan Ùra
Moladh 21: Dealbhaich a’ bhuidheann theisteanasan nàiseanta ùr airson a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg agus coimhearsnachdan poileasaidh is rannsachaidh gus
- dòigh-obrach mhodalach sùbailte a chruthachadh airson cùrsaichean Teisteanas Nàiseanta gus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh creideas a thogail thar ùine a dh’ionnsaigh theisteanasan agus gus leigeil leis an t-siostam dèiligeadh gu sgiobalta ri feumalachdan caochlaideach nan daoine fa leth, a’ chomann-sòisealta agus na h-eaconamaidh.
- leudachadh a thoirt air an raon de dhòighean measaidh taobh a-staigh Theisteanasan Nàiseanta agus comharrachadh a dhèanamh air dè na gnìomhan eile a dh’fhaodadh a bhith air an gabhail gus an comas airson ionnsachadh air meomhair a lùghdachadh agus gnàth-eòlas an neach-ionnsachaidh a neartachadh.
- an raon chùrsaichean a th’ ann mar-thà a dhèanamh nas sìmplidh gus tairgse shoilleir, cunbhalach a chruthachadh do luchd-ionnsachaidh, pàrantan/luchd-cùraim, sgoiltean, colaistean, fastaichean agus oilthighean.
- dòigh-obrach ùr a thaobh theisteanasan is measaidh a chruthachadh anns am bi misneachd a’ phobaill, air a bheil meas mòr gu nàiseanta agus a tha làidir ach gun a bhith ro bhiùrocratach.
Tha cothrom aig a’ bhuidhinn theisteanasan ùra cur gu mòr ri bhith a’ brosnachadh ìrean àrda de choileanadh pearsanta airson gach neach-ionnsachaidh, agus ri bhith a’ togail cultar nas co-obrachaile.
Tha luchd-obrach aig Ùghdarras nan Deuchainnean a th’ ann mar-thà, an SQA, le eòlas agus sgilean air leth sònraichte ann an dealbhadh agus leasachadh theisteanasan. Tha a’ bhuidheann a’ tabhann raon farsaing de theisteanasan a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta, tòrr nas motha na Teisteanasan Nàiseanta a thathar a’ cleachdadh nas fharsainge. Taobh a-staigh a’ phròifil fharsaing sin, tha eisimpleirean ann de chùrsaichean a dh’fhaodadh a bhith nan àite tòiseachaidh cuideachail airson cuid de na taobhan as ùr-ghnàthaiche den Dioplòma, mar eisimpleir, Ionnsachadh Pròiseict.
Is urrainnear coimeas a dhèanamh eadar an raon fharsaing de theisteanasan a tha rim faighinn ann an catalog SQA agus an roghainn nas lugha de chùrsaichean a gheibh luchd-ionnsachaidh ann an sgoiltean agus colaistean. Tha planaichean aig SQA mar-thà gus an raon fharsaing de chùrsaichean a tha rim faighinn a dhèanamh nas sìmplidhe, gu h-àraidh far a bheil susbaint coltach ri cheile ann an cùrsaichean a chaidh a chruthachadh gus iarrtas eachdraidheil a choileanadh. Bhiodh ar taic ris a’ cho-dhùnadh sin agus tha sinn den bheachd gun cuidicheadh e le bhith a’ soilleireachadh adhbhar nan ‘teaghlaichean’ chùrsaichean, a’ lughdachadh na h-ùine a thathar a’ caitheamh air biùrocrasaidh chùrsaichean agus a’ cuideachadh le bhith a’ lùghdachadh iom-fhillteachd luchd-ionnsachaidh, pàrantan agus luchd-cùraim, colaistean, fastaichean agus oilthighean.
6.8 A’ Bhuidheann Curraicealaim Ùr agus a’ Bhuidheann Theisteanasan Ùra
Tha cothrom aig na buidhnean nàiseanta ùra gus co-obrachadh gus taic a chumail ris a’ phroifeisean ann a bhith a’ toirt a-steach an Dioplòma, a’ dèanamh feum den eòlas eadar-dhealaichte ach ceangailte san dà bhuidhinn. Tha luchd-obrach aig a’ bhuidheann curraicealaim làithreach, Foghlam Alba, le eòlas sònraichte air ionnsachadh proifeiseanta co-obrachail. Bidh ionnsachadh proifeiseanta na phàirt deatamach de thogail an Dioplòma. Tha eòlas eadar-nàiseanta sònraichte nach beag aig luchd-rannsachaidh ann an diofar oilthighean ann an Alba air pròiseasan atharrachaidh. Tha cothrom aig a’ bhuidhinn curraicealaim nàiseanta ùr gus eòlas is sgilean a thoirt còmhla ann an ionnsachadh proifeiseanta bho air feadh choimhearsnachdan rannsachaidh, poileasaidh agus cleachdaidh gus lìonra nàiseanta a chruthachadh gus obrachadh le sgoiltean is colaistean air feadh na dùthcha gus an Dioplòma a thoirt air adhart.
Tha gnìomhan cudromach ri dhèanamh gus na beachdan anns an Dioplòma a thoirt gu buil. Mar eisimpleir, bu chòir dhan bhuidhinn curraicealaim ùr ann an com-pàirteachas leis a’ bhuidhinn theisteanasan ùir obrachadh le luchd-ionnsachaidh, tidsearan, (a’ gabhail a-steach eòlaichean cuspair), coimhearsnachdan poileasaidh is rannsachaidh gus adhartas cùrsa eadar BGE agus an Ìre as Àirde a leasachadh, agus taobh a-staigh nan Teisteanasan Nàiseanta san Ìre as Àirde Bu chòir snàithlean òir a bhith a’ ruith tro churraicealam, adhartas, measadh agus teisteanasan. Tha deagh mhodailean adhartais aig cridhe teisteanasan a tha adhartach.
Is e Ionnsachadh Pròiseict an dàrna prìomhachas. Ged a tha mòran sgoiltean is colaistean an sàs ann an Ionnsachadh Pròiseict taobh a-staigh chùrsaichean no thar chuspairean no phrògraman, chan eil iad uile glè eòlach air an dòigh obrach seo. Chan eil mòran feum ann a h-uile sgoil agus colaiste a bhith a’ cruthachadh ghoireasan a tha coltach ri chèile gus taic a thoirt do dh’Ionnsachadh Pròiseict, rud a thuirt cuid de thidsearan a bhiodh mar a bhith "ag ath-chruthachadh na cuibhle". Tha prìomh àite aig buidhnean nàiseanta a tha ag obair le ùghdarrasan ionadail, RICS agus luchd-rannsachaidh ann a bhith ag obair le stiùirichean sgoile is colaiste agus tidsearan is òraidichean gus eisimpleirean de dh’Ionnsachadh Pròiseict a chruthachadh agus a cho-roinn, a ghabhas a cho-roinn air feadh na dùthcha airson suidheachaidhean foghlaim, as urrainn dhaibh atharrachadh a rèir an t-suidheachaidh aca fhèin.
San treas àite, tha prìomh àite aig buidhnean nàiseanta ann a bhith a’ cuideachadh le bhith a’ togail agus a’ cumail suas inbhean nàiseanta gus an ro-innleachd nàiseanta airson inbhean a thoirt air adhart (Moladh 17).
Moladh 22: Iarr air a’ bhuidhinn curraicealaim ùr a bhith ag obair le luchd-ionnsachaidh, tidsearan, agus coimhearsnachdan poileasaidh agus rannsachaidh ann an com-pàirteachas leis a’ bhuidhinn theisteanasan ùra gus
- piseach a thoirt air adhartas chùrsaichean eadar Foghlam Farsaing Coitcheann agus an Ìre as Àirde agus taobh a-staigh nan Teisteanasan a tha gan toirt seachad aig an Ìre as Àirde.
- co-chruthaich agus dèan deuchainn air eisimpleirean de dh’Ionnsachadh Pròiseict ann an diofar ionadan foghlaim air feadh na dùthcha. Bu chòir cothrom a bhith aig colaistean agus sgoiltean gu nàiseanta air na h-eisimpleirean seo gus an urrainn do luchd-teagaisg/òraidichean an atharrachadh a rèir an t-suidheachaidh aca fhèin.
- obraich le ùghdarrasan ionadail, sgoiltean, colaistean, tidsearan/òraidichean gus siostam modarataireachd nàiseanta a thogail a tha teann ach co-rèireach.
6.9 An Luchd-sgrùdaidh Neo-eisimeileach
Tha comas aig HMIE a bhith fìor chudromach ann a bhith a’ cumail taic ri toirt a-steach an Dioplòma. Mar eisimpleir, is urrainn luchd-sgrùdaidh taic a thoirt dhan leasachadh le bhith a’ comharrachadh, a’ co-roinn agus ag adhartachadh chleachdaidhean a tha bunaiteach airson a bhith ga thoirt a-steach gu h-èifeachdach, mar eisimpleir, ag obair thar chuspairean, a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh ann an ionnsachadh pearsanta.
Cuideachd, tha HMIE air am fastadh mar luchd-measaidh proifeiseanta. A bharrachd air a’ Phrògram Sgrùdaidh aca, dh’fhaodadh sgiobaidhean a bhith air an togail gus measadh riochdail cunbhalach a dhèanamh air an Dioplòma fhad ’s a bhios e ga leasachadh an da-rìribh ag obair le luchd-rannsachaidh, luchd-dèanamh phoileasaidhean agus luchd-cleachdaidh. Mar as tràithe a thèid duilgheadasan a dh’fhaodadh a bhith ann a chomharrachadh, is ann as fhasa a bhios e ceuman a ghabhail gus beachdan agus cleachdadh a thoirt nas fhaisg air a chèile.
Moladh 23: Iarr air an Luchd-sgrùdaidh Neo-eisimeileach (HMIE) a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg agus coimhearsnachdan poileasaidh is rannsachaidh gus
- dèanamh cinnteach gu bheil am pròiseas sgrùdaidh a’ cumail taic èifeachdach ri bhith a’ toirt a-steach an Dioplòma ann an dòighean a tha co-chòrdail ri cultar co-obrachail le cumhachd.
- dèan lèirmheas air cleachdadh le luchd-rannsachaidh agus luchd-cleachdaidh fhad ’s a tha an Dioplòma ga leasachadh agus gus comharrachadh a bheil beàrnan a’ nochdadh eadar rùintean agus cleachdaidhean. Bu chòir an fhianais a thig às na lèirmheasan seo a chleachdadh gus gnìomhan a chomharrachadh gus am pròiseas ath-thaobhadh.
6.10 A’ leabachadh Dioplòma Coileanaidh na h-Alba mar chleachdadh ris a bheil dùil
Thar ùine, tha e cudromach gum bi Dioplòma Coileanaidh na h-Alba a’ dol na àbhaist anns a h-uile suidheachadh foghlaim ann an Alba. Tha prìomh dhleastanasan aig ITE agus aig Comhairle Choitcheann Teagaisg ann an Alba (GTCS) sa phròiseas sin.
6.11 Trèanadh tùsail an luchd-teagaisg ann am Foghlam Adhartach
Tha àite ro-chudromach aig ITE ann a bhith a’ toirt a-steach na dòigh-obrach ùr a thaobh Theisteanasan is Measadh. Airson a’ mhòr-chuid de thidsearan ùra, ’s e ITE a’ chiad cheangal domhainn a th’ aca ri teagasg mar dhreuchd.
Ann an ITE tha cothroman ann cleachdaidhean ùra a thogail mar phàirt den phròisean teagaisg. Bidh dùil aig oileanaich a bhios a’ sgrùdadh chuspairean agus cuideachd ag obair ann an co-theacsan eadar-chuspaireil ann an ITE an aon rud a dhèanamh ann an sgoiltean. Bidh e comasach do dh’oileanaich teagaisg aig a bheil cothroman gus sgilean comhairleachaidh a thogail le luchd-ionnsachaidh na sgilean sin a chleachdadh leis na clasaichean aca fhèin agus mar phàirt den t-Slighe Phearsanta. Togaidh oileanaich teagaisg a gheibh eòlas air curraicealam, oideachadh, measadh agus teisteanasan gu h-iomlan an tuigse sin anns na cleachdaidhean aca. Nuair a tha iad ag ionnsachadh mu Mheasadh an toiseach, airson, mar agus de dh’Ionnsachadh, faodaidh iad eòlas a thogail ann an dealbhadh ghnìomhan, fios air ais agus pròiseasan measaidh. Bheir na gnàth-eòlasan sin na seasamhan, an t-eòlas agus na sgilean do dh’oileanaich teagaisg a dh’fheumas iad airson a bhith a’ gluasad gu h-èifeachdach gu sgoiltean. Bheir iad cuideachd barrachd is barrachd luchd-teagaisg do sgoiltean a tha ann an deagh shuidheachadh gus taic a chumail ri toirt a-steach an Dioplòma ùr.
Tha àite cudromach aig an Teisteanas Teagaisg ann am Foghlam Adhartach (TQFE) cuideachd ann a bhith a’ suidheachadh dhùilean airson òraidichean ann an colaistean mu nàdar na dreuchd. Bidh e cudromach do sholaraichean TQFE ath-sgrùdadh a dhèanamh air na prògraman aca agus na trì taobhan den Dioplòma a thoirt a-steach gus dèanamh cinnteach gu bheil òraidichean ann am Foghlam Adhartach comasach air taic a thoirt dhan a h-uile neach-ionnsachaidh fhad ’s a tha iad ag obair a dh’ionnsaigh an Dioplòma.
Tha uallach air GTCS gus slatan-tomhais inntrigidh a shuidheachadh dhan dreuchd agus airson inbhean proifeiseanta do thidsearan. Bidh iad cuideachd a’ dèanamh cinnteach gu bheil luchd-teagaisg dealasach a thaobh ionnsachadh leantainneach le bhith a’ toirt air tidsearan pròiseas Ùrachadh Proifeiseanta a dhèanamh. Bidh feum air gluasad ann an cothromachadh nan dreuchdan agus nan dleastanasan mar thoradh air an dòigh-obrach ùr a thaobh Teisteanasan is Measadh. Faodaidh an GTCS taic a thoirt dhan chothromachadh eadar-dhealaichte seo le bhith a’ nochdadh nan atharrachaidhean sin anns na h-inbhean agus sna h-eisimpleirean aca. Bhiodh e gu sònraichte cudromach dèanamh cinnteach gu bheil co-thaobhadh eadar atharrachaidhean ann an ITE agus na h-inbhean proifeasanta co-cheangailte. Ged a tha sinn a’ tuigsinn gun deach ath-sgrùdadh a dhèanamh air na h-Inbhean Proifeiseanta bho chionn ghoirid, tha sinn den bheachd gum bu chòir an ùrachadh mar a dh’fheumar mas e is gun tèid an Dioplòma a thoirt a-steach.
Moladh 24: Bu chòir an Dioplòma a bhith na chleachdadh ris am biodh dùil bho thidsearan.
- Bu chòir do dh’Institiudan Foghlaim Thidsearan obrachadh còmhla ri GTCS gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air na prògraman aca gus dèanamh cinnteach gu bheil tidsearan àrd-sgoile agus òraidichean colaiste ùra air an deagh ullachadh airson a bhith ag obair leis na diofar eileamaidean den Dioplòma.
- Bu chòir do sholaraichean TQFE ath-sgrùdadh a dhèanamh air na prògraman aca gus dèanamh cinnteach gu bheil òraidichean colaiste air an deagh ullachadh airson a bhith ag obrachadh leis na diofar eileamaidean den Dioplòma.
- Mar phàirt den chuairt ath-sgrùdaidh aca, bu chòir do GTCS a bhith a’ nochdadh gum feum a h-uile tidsear àrd-sgoile a bhith ag obair leis an Dioplòma anns na h-Inbhean Proifeasanta aca.
6.12 Colaistean agus Oilthighean
Bidh soirbheachas an Dioplòma gu mòr an urra ri mar a thèid a chleachdadh le colaistean, oilthighean agus fastaichean. Mar a chaidh a chomharrachadh roimhe san aithisg seo, tha teisteanasan ann an Alba cudromach do luchd-ionnsachaidh. Bithear a’ cleachdadh theisteanasan gus luchd-ionnsachaidh a thaghadh airson cùrsaichean no airson agallamhan. Bhruidhinn grunn luchd-fastaidh sna còmhraidhean againn air cho beag de dh’fhianais a tha teisteanasan a’ toirt seachad agus rinn iad argamaid gun cuidicheadh raon fianais nas fharsainge, a’ gabhail a-steach nan sgilean a thogas luchd-ionnsachaidh, gus co-dhùnaidhean nas fheàrr a dhèanamh. Bidh oilthighean, mar an ceudna, a-nis a’ toirt mòran aire do bhuadhan cheumnaichean. Tha iad sin ceangailte gu dlùth ris an fhianais a tha luchd-fastaidh ag iarraidh. Bha luchd-ionnsachaidh cuideachd ag iarraidh cothroman na teisteanasan agus am pròifil measaidh aca a phearsanachadh, gus mothachadh nas fheàrr a thabhann do cholaistean, oilthighean agus fastaichean air cò iad mar dhaoine fa leth, a’ gabhail a-steach na bha iad air coileanadh san fharsaingeachd.
Tha na trì eileamaidean den Dioplòma a’ tabhann raon nas fharsainge de dh’fhianais as urrainn colaistean, fastaichean agus oilthighean a chleachdadh gus taic a chumail ri co-dhùnaidhean nas fheàrr a thaobh inntrigidhean gu cùrsaichean agus prògraman.
Moladh 25: Brosnaich colaistean, fastaichean agus oilthighean gus a’ bhunait fianais nas fharsainge a bheir an Dioplòma seachad a chleachdadh mar bhunait airson co-dhùnaidhean a nì iad nuair a tha iad a’ taghadh oileanaich no luchd-obrach.
6.13 Siostaman Sgrùdaidh is Cunntachalachd Nàiseanta
B’ e fear de na gearanan as cumanta a chuala sinn tron Lèirmheas an droch bhuaidh a bh’ air sgoiltean, tidsearan agus luchd-ionnsachaidh bho bhith a’ cruinneachadh dàta airson adhbharan sgrùdaidh agus cunntachalachd.
Chaidh comharrachadh gun robh buaidhean washback ris nach robhar an dùil bho bhith a’ cruinneachadh dàta mu Theisteanasan Nàiseanta mar a’ phrìomh thomhas coileanaidh ann an sgoiltean. Bha sgoiltean den bheachd gun robh iad gam meas air an slat-tomhais seo a-mhàin seach air an raon fharsaing de theisteanasan a bha iad a’ tabhann gus na feumalachdan aig an luchd-ionnsachaidh uile a choileanadh. Is e coileanadh ann an Teisteanas Nàiseanta an fhianais a bhios pàipearan-naidheachd a’ cleachdadh gus clàran lìog a chruthachadh. Tha na clàran lìog air am faicinn mar fhianais air èifeachdas sgoiltean ann an cuid de choimhearsnachdan ach san fharsaingeachd, chan eil iad a’ nochdadh ach suidheachadh sòisio-eaconamach nan sgoiltean. Le bhith a’ toirt seachad dealbh de dìreach pàirt de na tha a’ dol air adhart ann an sgoiltean, bidh iad cuideachd a’ cur ri duilgheadasan a thaobh co-ionannachd spèis. Mas e Teisteanasan Nàiseanta an fhianais a thathar a’ cleachdadh gus coileanadh a mheasadh, feumaidh gur iad an rud a tha fìor chudromach. Tha Riaghaltas na h-Alba air ceumannan a ghabhail gus feuchainn ris an fhianais a tha iad a’ cruinneachadh a leudachadh. Ach, tha na builean ris nach robhar an dùil fhathast anns an t-siostam a tha a’ sealltainn gur dòcha gu bheil feum air ath-sgrùdadh a bharrachd.
Mar eisimpleir, bha mòran ag argamaid anns an Lèirmheas gu bheil cuid de sgoiltean, a tha airson na stadastaireachd aca a leasachadh, a’ comhairleachadh luchd-ionnsachaidh gus cùrsaichean a ghabhail a chuireas ri stadastaireachd na sgoile seach a bhith a’ coileanadh feumalachdan an luchd-ionnsachaidh. Chaidh aithris cuideachd gun robh foillseachadh an dàta seo gu tric a’ toirt buaidh air sgoiltean a bha ìosal ann an clàran lìog a chruthaich na meadhanan, a’ lùghdachadh misneachd anns an sgoil sa choimhearsnachd aice agus a’ fàgail gun robh luchd-ionnsachaidh agus tidsearan dìcheallach diombach.
Moladh 26: Bheir air siostaman sgrùdaidh agus cunntachalachd nàiseanta fiosrachadh a chruinneachadh mun raon de choileanaidhean a tha aithnichte taobh a-staigh an Dioplòma. Bu chòir lèirsinn agus am Frèam Leasachaidh Nàiseanta ùrachadh gus soirbheas den t-seòrsa ris a bheil dùil san Dioplòma a nochdadh.
Tha dòighean eile ann airson dàta a chruinneachadh gus poileasaidh ionadail is nàiseanta fhiosrachadh nach toir droch bhuaidh air cleachdadh. Bheir suirbhidhean nàiseanta cothrom do luchd-dèanamh poileasaidh fianais a chruinneachadh a bheir dàta àrd-inbheach dhaibh ach aig nach bi buaidh ris nach eilear an dùil den t-seòrsa a chaidh a mhìneachadh na bu tràithe san aithisg seo. Bhiodh Alba a’ ruith suirbhidh nàiseanta roimhe seo, Suirbhidh Coileanaidh na h-Alba. Chaidh an suirbhidh seo a dhèanamh thar ùine ann an diofar raointean den churraicealam agus e cuideachd a’ toirt seachad fiosrachadh air litearrachd agus àireamhachd. Bha roghainn aig ùghdarrasan ionadail cuideachd sampall leasaichte a chruinneachadh taobh a-staigh an ùghdarrais aca. Chruinnich seo dàta aig ìre ùghdarrais ionadail a ghabhadh coimeasachadh ris an t-suidheachadh nàiseanta.
Tha e mar bhuannachd aig suirbhidhean cuideachd gu bheil iad comasach air dèiligeadh ri ceistean sònraichte anns a bheil ùidh aig luchd-dèanamh poileasaidh, mar eisimpleir, mu choileanadh choimhearsnachdan no buidhnean sònraichte de luchd-ionnsachaidh.
Ged a tha e taobh a-muigh raon-ùghdarrais an Lèirmheis seo molaidhean a dhèanamh mu dhoighean-obrach eile a thaobh sgrudadh agus cunntachalachd nàiseanta, chuireamaid ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba gus beachdachadh air dòighean-obrach eile stèidhichte air suirbhidhean.
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback