It's Our Future - Independent Review of Qualifications and Assessment: report - Gaelic version
Gaelic translation of It’s Our Future, report covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment.
7. Molaidhean
Anns a’ chaibideil mu dheireadh seo, bheir sinn còmhla na molaidhean uile bhon IRG. Tha na molaidhean seo a’ toirt seachad frèama gus teisteanasan agus measadh a thoirt air adhart ann an dòighean a nì cinnteach gum bi spèis mhòr aig daoine anns na teisteanasan agus measadh againn ann an saoghal a tha ag atharrachadh gu luath. Tha an Dioplòma a’ tabhann comas airson àm ri teachd a bheireadh cothroman na b’ fheàrr do gach neach-ionnsachaidh ann an Alba agus a bhiodh a’ suidheachadh Alba mar chomann-sòisealta nas comasaiche air dèiligeadh gu sùbailte agus gu cruthachail ri rud sam bith a dh’fhaodadh tachairt san àm ri teachd.
Caibideil a h-aon
Moladh 1: Atharraich Teisteanasan agus Measadh san Ìre an Àirde ann an Alba. Feumaidh atharrachadh a bhith air a dhealbhadh gu faiceallach agus air a ghoireasachadh.
Caibideil a Dhà
Moladh 2: Lean air adhart leis a’ phròiseas de dh’atharrachadh chultarach. Bu chòir do dh’Alba structar an IRG agus nan CCGan co-cheangailte a chumail mar phrìomh mhodh com-pàirteachaidh fhad ’s a tha an dùthaich a’ toirt a-steach agus a’ leasachadh dòighean-obrach ùra a thaobh teisteanasan agus measadh. Bu chòir dha cuideachd togail air oidhirpean an Lèirmheis seo gus a h-uile buidheann foghlaim a thoirt a-steach, ionnsachadh bho na dh’obraich gu math agus mar a bu chòir dhan ionnsachadh sin buaidh a thoirt air co-chomhairlean san àm ri teachd.
Caibideil a Trì
Moladh 3: Obraich ann an com-pàirteachas le dùthchannan le amasan coltach ri Alba gus teisteanasan agus measadh a leasachadh. Ionnsaich bho na dh’fhiosraich sinn ann an Alba ach a bhith a’ coimhead a-mach cuideachd. Feuch ri ionnsachadh le dùthchannan eile le miannan foghlaim coltach ris an fheadhainn againne gus siostam Teisteanasan is Measaidh a thogail a bhios iomchaidh airson an àm ri teachd.
Caibideil a Ceithir
Moladh 4: Gabh ris an Lèirsinn agus na Prionnsapalan a thathar a’ moladh san Lèirmheas seo airson poileasaidh agus cleachdadh. Bu chòir Teisteanasan agus Measadh ann an Alba a bhith air an co-thaobhadh leis an Lèirsinn agus na Prionnsabalan.
Moladh 5: Gabh ris an Dioplòma mar an dòigh-obrach ùr a thaobh teisteanasan agus measadh. Bu chòir trì eileamaidean a bhith anns an Dioplòma: Prògraman Ionnsachaidh, Ionnsachadh Pròiseict agus an t-Slighe Phearsanta.
Moladh 6: Cleachd an Dioplòma mar theisteanas ceumnachaidh airson gach suidheachadh foghlaim Ìre as Àirde.
Bu chòir na slatan-tomhais a leanas a chleachdadh mar thoiseach tòiseachaidh airson barrachd obair leasachaidh air an Dioplòma.
- Feumar cothrom a thoirt dhan a h-uile neach-ionnsachaidh eòlas fhaighinn air ionnsachadh anns gach eileamaid den Dioplòma. Bu chòir seo a mheas mar chòir.
- Cha bu chòir dhan Dioplòma iomlan a bhith air a rangachadh. Bu chòir a bhuileachadh nuair a thathar ag aithneachadh choileanaidhean anns gach eileamaid, Prògraman Ionnsachaidh, Ionnsachadh Pròiseict agus an t-Slighe Pearsanta.
- Thèid an Dioplòma a thoirt seachad aig puing fàgail agus bidh e a’ gabhail a-steach coileanaidhean a chaidh a chruinneachadh chun na h-ìre sin. Bidh seo a’ gabhail a-steach, teisteanasan, duaisean, creideas air a’ chruinneachadh agus meòrachadh luchd-ionnsachaidh air an cuid ionnsachaidh phearsanta tron t-Slighe Phearsanta.
- Cha bu chòir na trì eileamaidean san Dioplòma a bhith air an cuideamachadh.
- Tha na h-eileamaidean uile cudromach mar fhianais air farsaingeachd coileanaidh.
- Gluaisidh an Dioplòma, agus an fhianais a tha na bhroinn, leis an neach-ionnsachaidh agus thèid togail air seo ann an colaistean, cosnadh, san oilthigh agus san roinn shaor-thoilich.
- Mura seall neach-ionnsachaidh fianais air ionnsachadh anns na trì eileamaidean uile, cha tèid an Dioplòma a bhuileachadh. Fàgaidh iad le clàr de na tha iad air a choileanadh. Bidh e comasach ionnsachadh a dhèanamh nas fhaide air adhart gus an tèid an duais a thoirt seachad.
- Bu chòir gum biodh gach eileamaid den Dioplòma ruigsinneach do Luchd-ionnsachaidh tro Mheadhan na Gàidhlig.
- Bu chòir pròifil didseatach a bhith aig a h-uile neach-ionnsachaidh gus an urrainn dhaibh coileanadh a chlàradh ann am Prògraman Ionnsachaidh, Ionnsachadh Phròiseactan agus Slighe Phearsanta. Bidh sealbh aig an neach-ionnsachaidh air a’ phròifil. Bidh a’ Bhuidheann Theisteanasan a’ riaghladh an fhiosrachaidh mu choileanaidhean ann am Prògraman Ionnsachaidh agus Ionnsachadh Phròiseactan. Bidh an t-Slighe Phearsanta gu tur fo smachd an neach-ionnsachaidh.
- Feumaidh a’ phròifil dhidseatach a bhith ruigsinneach dhan a h-uile neach-ionnsachaidh agus ri faighinn sa Ghàidhlig agus mion-chànanan eile.
Moladh 7: Bu chòir an eileamaid Phrògraman Ionnsachaidh a bhith riatanach gus an Dioplòma a bhuileachadh. Bu chòir raon farsaing de chùrsaichean a thabhann dhan a h-uile neach-ionnsachaidh a’ gabhail a-steach cùrsaichean acadaimigeach, dreuchdail, proifeiseanta agus teicnigeach. Is e còir a th’ ann.
Tha an Lèirmheas a’ moladh gun gabh ionnsachadh, teagasg agus measadh Phrògraman Ionnsachaidh a neartachadh le bhith gabhail ris na gnìomhan a leanas còmhla.
- Dèan lèirmheas air sònrachaidhean cùrsa gus dèanamh cinnteach gu bheil dàimh làidir eadar na tha cudromach sa churraicealam, eòlas-teagaisg, measadh agus teisteanasan.
- Thoir piseach air adhartas eadar Foghlam Farsaing Coitcheann agus an Ìre as Àirde agus taobh a-staigh na h-Ìre as Àirde ann an sgoiltean agus colaistean.
- Leudaich an raon de dhòighean measaidh airson Teisteanasan Nàiseanta san Ìre as Àirde a’ gabhail a-steach barrachd chothroman airson measadh sa chlas.
- Gabh ceumannan gus an ìre de dheuchainnean anns an Ìre as Àirde a lùghdachadh agus measadh a bhith ann air an taobh a-staigh a-mhàin aig ìrean SCQF Ìre 1-5. Fosglaidh seo raon de chothroman, mar eisimpleir, gus cùrsaichean Àrd-ìre SCQF Ìre 6 a ruith thairis air dà bhliadhna.
- Far a bheil sin iomchaidh, cùm sgrùdadh bhon taobh a-muigh. Bu chòir lèirmheasan a dhèanamh air na deuchainnean a th’ ann mar-thà gus nach bi iad cho buailteach ri ro-innse agus gus ro-aithris a lùghdachadh.
- Cuir ri sùbailteachd le bhith a’ cur chùrsaichean agus Prògraman Ionnsachaidh ann am modalan. Bheir seo cothrom do luchd-ionnsachaidh creideas a thogail fhad ’s a tha iad a’ dol air adhart tro chùrsaichean.
- Cruthaich barrachd tìde airson ionnsachadh agus teagasg. Tha na molaidhean seo a’ cruthachadh cothrom barrachd ùine a bhith ann airson ionnsachadh agus teagasg. Feumar a bhith faiceallach gun tèid an tìde a thèid a shaoradh a chleachdadh airson sin.
Moladh 8: Gum bi an eileamaid Slighe Pearsanta riatanach airson buileachadh an Dioplòma. Is e còir a th’ ann agus feumaidh e a bhith ri fhaighinn dhan a h-uile neach-ionnsachaidh. Is e ceist cothromais a tha seo. Feumaidh e a bhith sùbailte dhan a h-uile neach-ionnsachaidh, ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha roghainn phearsanta agus bu chòir dha fòcas a chur air na tha luchd-ionnsachaidh air coileanadh.
Bu chòir dhan eileamaid seo:
- ùidhean, comasan agus coileanadh gach neach-ionnsachaidh a bhrosnachadh agus a chomharrachadh
- a bhith fo shealbh an neach-ionnsachaidh, a’ brosnachadh pearsanachadh agus roghainn.
- a bhith a’ cumail taic ri luchd-ionnsachaidh le bhith a’ fèin-chnuasachadh air na sgilean agus feartan a tha iad air togail.
- fòcas air na tha neach air ionnsachadh tro eòlas seach air an àireamh no an t-àite nan eòlasan.
- A bhith le ùmhlachd do phròiseasan dearbhaidh gun chomharra air a bhith air a thoirt dhaibh.
- a bhith ag amas air taobhan sòisealta, cultarail, eaconamach agus sunnd a ghabhail a-steach. Ann an iomadh cùis bidh foghlam an luchd-ionnsachaidh a’ gabhail a-steach grunn de na diofar thaobhan sin.
- a bhith a’ gabhail a-steach còmhraidhean meòrachail pearsanta a bu chòir a chumail thar bliadhna acadaimigeach agus tron Ìre as Àirde air fad.
Bu chòir structaran taiceil a stèidheachadh gus taic a chumail ri leasachadh an raoin seo den Dioplòma. Bu chòir seo a bhith a’ gabhail a-steach ionnsachadh proifeiseanta, agus gus dèanamh cinnteach gun aithnichear cho cudromach ’s a tha an raon obrach, gu bheil e air a dheagh cho-òrdanachadh agus gu bheil inbhe aice, bu chòir dreuchd àrdaichte a stèidheachadh dhaibhsan a tha os cionn na h-obrach seo ann an sgoiltean agus colaistean.
Moladh 9: Cleachd tuairisgeulan air adhartas eòlais agus air an fhrèam sgilean uile-choitcheann anns an Lèirmheas Sgilean a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid (Withers, 2023), ma thèid gabhail ris, gus dhealbhadh Ionnsachadh Pròiseict san Dioplòma fhiosrachadh. Bu chòir dhaibh cuideachd a bhith air an cleachdadh mar bhunait a’ mheasaidh.
Moladh 10: Gum bi an eileamaid Ionnsachadh Pròiseict riatanach airson buileachadh an Dioplòma. Is e còir a th’ ann agus feumaidh e a bhith ri fhaighinn dhan a h-uile neach-ionnsachaidh.
- Bu chòir Ionnsachadh Pròiseict a bhith na phàirt aithnichte agus sònraichte den churraicealam, a’ togail air Prògraman Ionnsachaidh. Feumaidh cead a bhith aig luchd-ionnsachaidh fa leth an cuid eòlais agus sgilean a chur an sàs thar chuspairean gus aghaidh a chur air dùbhlan. Gabhaidh ionnsachadh pròiseict a dhèanamh tro mheasachadh de dh’obair buidhne is obair aig daoine fa leth. Ach, bu chòir dha a bhith air a mheasadh dhan neach fa leth.
- Bu chòir Ionnsachadh Pròiseict tachairt air feadh na h-Ìre as Àirde. Dh’fhaodadh neach-ionnsachaidh roghnachadh pròiseact ùr a dhèanamh gach bliadhna no a bhith a’ togail air an aon phròiseact fhad ‘s a thèid iad air adhart tron Ìre as Àirde. Bu chòir ìre an dùbhlain àrdachadh mean air mhean agus bu chòir coileanadh a bhith ceangailte ri ìrean SCQF agus ri creideasan gus adhartas a shealltainn. Ged a tha fòcas an Lèirmheis seo air an Ìre as Àirde, dh’fhaodadh gum biodh e buannachdail Ionnsachadh Pròiseict a bhrosnachadh anns an dà chuid sa bhun-sgoil (far a bheil e ann mar-thà ann an diofar chruthan) agus ann am Foghlam Farsaing Coitcheann gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh leis an t-seòrsa ionnsachadh a tha ri thighinn.
- Bidh Ionnsachadh Pròiseict air a mheasadh air an taobh a-staigh ann an suidheachaidhean foghlaim, le dearbhadh bhon taobh a-muigh mar phàirt den phròiseas gus dèanamh cinnteach gu bheil inbhean coitcheann air feadh na dùthcha. Bidh pròiseasan làidir ach neo-thromach (light touch).
- Bidh sùbailteachd agus slighean eadar-dhealaichte taobh a-staigh eileamaid a’ Phròiseict gus in-ghabhail a bhrosnachadh gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh le feumalachdan taic a bharrachd, luchd-ionnsachaidh a tha neuro-divergent, luchd-ionnsachaidh aig a bheil fìor chomas agus iadsan a dh’fhaodadh a bhith air an oideachadh aig an taigh. Ged a dh’fhaodadh cuid de luchd-ionnsachaidh rannsachadh iom-fhillte fad-ùine a dhèanamh air prìomh cheistean cruinneil, do luchd-ionnsachaidh eile dh’fhaodadh gum bi earrann pròiseact an Dioplòma a’ gabhail a-steach a bhith a’ tarraing gnàth-eòlasan foghlaim còmhla gus misneachd a thogail, mar eisimpleir a thaobh conaltradh no siubhal neo-eisimeileach.
- Bu chòir amas an rannsachadh pròiseict a bhith air a thaghadh leis an neach-ionnsachaidh. Tha sinn ag aithneachadh gur dòcha gum feumar tòiseachadh le tairgse nas sònraichte aig na h-ìrean tràtha aig eileamaid Pròiseact an Dioplòma. Thèid eisimpleirean a cho-dhealbhadh le luchd-teagaisg agus òraidichean, ùghdarrasan ionadail, luchd-rannsachaidh, buidhnean nàiseanta agus luchd-ionnsachaidh. Bidh cothrom aig sgoiltean air feadh na dùthcha air na h-eisimpleirean seo gus an urrainn dhaibh an atharrachadh a rèir an t-suidheachaidh aca fhèin.
Moladh 11: Cuir ri co-ionannachd meas eadar diofar sheòrsaichean theisteanasan le bhith ag aithneachadh gach teisteanas aig an aon ìre SCQF leis na h-aon phuingean creideis mar theisteanasan co-ionann.
- Bu chòir Alba an Ìre SCQF a chleachdadh, air a leantainn le àireamh an teisteanais ann an litreachas brosnachaidh agus ann a bhith a’ clàradh nan toraidhean.
- Bu chòir teisteanasan acadaimigeach, dreuchdail, proifeiseanta agus teicnigeach a bhith air an gabhail a-steach san eileamaid Prògraman Ionnsachaidh den Dioplòma.
- Gun tèid aithne iomchaidh a thoirt do gach eileamaid den Dioplòma mar dhuais a tha a’ nochdadh tòrr a bharrachd na dìreach a bhith a’ crìochnachadh phrògraman.
Caibideil a Còig
Moladh 12: Stèidhich Coimisean Tar-roinneil air Inntleachd Fuadain (AI)
- Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba, mar chùis èiginn, coimisean Tar-roinneil a stèidheachadh agus a stiùireadh gus co-sheasamh luachan a chruthachadh a thaobh na tha an dàn do AI ann am foghlam agus a bhith a’ cruthachadh seata de phrionnsabalan stiùiridh airson a bhith a’ cleachdadh AI.
- San eadar-ama, bu chòir luchd-teagaisg is luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh gus AI a chleachdadh gus cothrom a ghabhail air cothroman gus gnìomhan biùrocrataigeach a lùghdachadh. Bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air gnìomhan obair-cùrsa.
Caibideil a Sia
Moladh 13: Cruthaich plana nàiseanta gus an Dioplòma a thoirt gu buil dhan a h-uile neach-ionnsachaidh anns gach suidheachadh foghlaim.
- Bu chòir plana nàiseanta aontachadh gus an Dioplòma a thoirt a-steach agus a leasachadh gus beachdan-smaoin a thoirt gu buil dhan h-uile neach-ionnsachaidh anns a h-uile suidheachadh foghlaim. Bu chòir dhan phlana seo a bhith a’ toirt aghaidh air a’ bhuaidh air goireasan.
Moladh 14: Cruthaich am plana nàiseanta agus am pròiseas atharrachaidh nas fharsainge ann an dòighean a tha in-ghabhalach agus co-obrachail.
- Bu chòir dha a bhith stèidhichte air an Lèirsinn agus air na Prionnsapalan, feumaidh a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an teisteanasan agus measadh a
- bhith an sàs ann agus feumaidh tuigse shoilleir a bhith ann air mar a chuireas diofar choimhearsnachdan ri bhith a’ toirt nam beachdan san Lèirsinn gu buil do gach neach-ionnsachaidh ann an Alba.
- Tha e ro-chudromach gum bi cothroman aig a h-uile coimhearsnachd tuigse fhaighinn air an dòigh-obrach ùr a thaobh siostam measaidh is teisteanais ann an Alba. Bu chòir cothroman a bhith ann do na h-uile a tha an sàs ann an teisteanasan agus measadh gus an aithisg seo a dheasbad agus gus beachdachadh air mar a dh’fhaodar an Lèirsinn agus na Prionnsapalan a chur an gnìomh sa cho-theacsa aca.
- Bu chòir cuairt ath-bhreithneachaidh (Moladh 4) a bhith anns a’ phlana far a bheil fianais air a chruinneachadh bho phoileasaidh agus cleachdadh gus an dàimh eadar beachdan agus cleachdadh a sgrùdadh agus gus ceuman iomchaidh a ghabhail. Bu chòir an lèirmheas leasachail seo a dhèanamh ann an com-pàirteachas le cleachdaichean, luchd-dèanamh poileasaidh agus luchd-rannsachaidh.
Moladh 15: Thoir a-staigh an Dioplòma ann an ìrean.
- Bu chòir an Dioplòma a thoirt a-steach ann an trì ìrean tar-lùbach. Bu chòir àite a chruthachadh gus an urrainn do luchd-obrach, luchd-ionnsachaidh agus pàrantan/luchd-cùraim a dhol an sàs anns an Lèirsinn agus Prionnsapalan agus a bhith an sàs ann an leasachadh an Dioplòma. Bu chòir am plana airson a bhith a’ toirt a-steach an Dioplòma mean air mhean a dheasbad agus aontachadh ro thoiseach seisean 2024-25.
Moladh 16: Thoir ùine do luchd-obrach an Fhoghlaim. Tha feum aig luchd-obrach foghlaim air ùine airson ionnsachadh proifeiseanta, gus co-obrachadh agus airson a dhol an sàs leis na h-atharrachaidhean a tha gam moladh. Mar thoradh air na feumalachdan sònraichte a th’ aig roinn FtG tha e ro-chudromach gum bi ionnsachadh proifeiseanta air a dhealbhadh gus taic a thoirt dhan Dioplòma do luchd-ionnsachaidh agus luchd-foghlaim na Gàidhlig.
Moladh 17: Cruthaich ro-innleachd com-pàirteachaidh agus conaltraidh fad-ùine.
Moladh 18: Cruthaich ro-innleachd nàiseanta airson inbhean.
- Bu chòir plana nàiseanta aontaichte a bhith ann gus inbhean ionadail is nàiseanta a chruthachadh agus a chumail suas airson teisteanasan agus measadh.
- Bu chòir trèanadh air mar a sheachnaichear claon-bhreith a bhith na phàirt riatanach den ro-innleachd agus bu chòir dha a bhith a’ gabhail a-steach tidsearan bho sgioba-obrach na h-Alba a tha a’ sìor-fhàs nas eadar-mheasgte.
- Bu chòir an ro-innleachd a bhith air a chruthachadh gu co-obrachail le luchd-dèanamh poileasaidh, cleachdaichean agus luchd-rannsachaidh.
Moladh 19: Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba agus na buidhnean foghlaim nàiseanta ùra atharrachadh cultarach a mhodaileadh.
- Nuair a thèid an Dioplòma a leasachadh agus a thoirt a-steach, bu chòir do Riaghaltas na h-Alba agus na buidhnean foghlaim nàiseanta ùra atharrachadh cultarach a mhodaileadh le bhith ag obair còmhla ann an dòighean a tha ag aithneachadh agus a’ cur luach air na tha gach com-pàirtiche a’ cur ris a’ chùis.
Moladh 20: Leabaich leasachaidhean Theisteanasan agus Measaidh gu soilleir agus gu follaiseach taobh a-staigh clàr-gnothaich an ath-leasachaidh nas fharsainge.
- Feumaidh Riaghaltas na h-Alba, mar chùis èiginn, aithris shoilleir a chur an cèill a sheallas mar a tha leasachaidhean ann an teisteanasan agus measadh nam pàirtean bunaiteach den chlàr-obrach ath-leasachaidh san fharsaingeachd.
- Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba structaran co-obrachail a stèidheachadh gus cruthachadh an Dioplòma a thoirt air adhart a tha mar sgàthan air an fheadhainn a chaidh a chruthachadh tron Lèirmheas seo gus dèanamh cinnteach gum bi a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an teisteanasan agus measaidhean fhathast nam pàirt den ro-innleachd gus a chur an gnìomh.
Moladh 21: Dealbhaich a’ bhuidheann theisteanasan nàiseanta ùr airson a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg agus coimhearsnachdan poileasaidh is rannsachaidh gus
- dòigh-obrach mhodalach sùbailte a chruthachadh airson cùrsaichean Teisteanas Nàiseanta gus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh creideas a thogail thar ùine a dh’ionnsaigh theisteanasan agus gus leigeil leis an t-siostam dèiligeadh gu sgiobalta ri feumalachdan caochlaideach nan daoine fa leth, a’ chomann-sòisealta agus na h-eaconamaidh.
- leudachadh a thoirt air an raon de dhòighean measaidh taobh a-staigh Theisteanasan Nàiseanta agus comharrachadh a dhèanamh air dè na gnìomhan eile a dh’fhaodadh a bhith air an gabhail gus an comas airson ionnsachadh air meomhair a lùghdachadh agus gnàth-eòlas an neach-ionnsachaidh a neartachadh.
- an raon chùrsaichean a th’ ann mar-thà a dhèanamh nas sìmplidh gus tairgse shoilleir, cunbhalach a chruthachadh do luchd-ionnsachaidh, pàrantan/luchd-cùraim, sgoiltean, colaistean, fastaichean agus oilthighean.
- dòigh-obrach ùr a thaobh theisteanasan is measaidh a chruthachadh anns am bi misneachd a’ phobaill, air a bheil meas mòr gu nàiseanta agus a tha làidir ach gun a bhith ro bhiùrocratach.
Moladh 22: Iarr air a’ bhuidhinn curraicealaim ùr a bhith ag obair le luchd-ionnsachaidh, tidsearan, agus coimhearsnachdan poileasaidh agus rannsachaidh ann an com-pàirteachas leis a’ bhuidhinn theisteanasan ùra gus
- piseach a thoirt air adhartas chùrsaichean eadar Foghlam Farsaing Coitcheann agus an Ìre as Àirde agus taobh a-staigh nan Teisteanasan a tha gan toirt seachad aig an Ìre as Àirde.
- co-chruthaich agus dèan deuchainn air eisimpleirean de dh’Ionnsachadh Pròiseict ann an diofar ionadan foghlaim air feadh na dùthcha. Bu chòir cothrom a bhith aig colaistean agus sgoiltean gu nàiseanta air na h-eisimpleirean seo gus an urrainn do luchd-teagaisg/òraidichean an atharrachadh a rèir an t-suidheachaidh aca fhèin.
- obraich le ùghdarrasan ionadail, sgoiltean, colaistean, tidsearan/òraidichean gus siostam modarataireachd nàiseanta a thogail a tha teann ach co-rèireach.
Moladh 23: Iarr air an Luchd-sgrùdaidh Neo-eisimeileach (HMIE) a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg agus coimhearsnachdan poileasaidh is rannsachaidh gus
- dèanamh cinnteach gu bheil am pròiseas sgrùdaidh a’ cumail taic èifeachdach ri bhith a’ toirt a-steach an Dioplòma ann an dòighean a tha co-chòrdail ri cultar co-obrachail le cumhachd.
- dèan lèirmheas air cleachdadh le luchd-rannsachaidh agus luchd-cleachdaidh fhad ’s a tha an Dioplòma ga leasachadh agus gus comharrachadh a bheil beàrnan a’ nochdadh eadar rùintean agus cleachdaidhean. Bu chòir an fhianais a thig às na Lèirmheasan seo a chleachdadh gus gnìomhan a chomharrachadh gus am pròiseas ath-thaobhadh.
Moladh 24: Stèidhich an Dioplòma mar chleachdadh ris a bheilear an dùil bho thidsearan.
- Bu chòir do dh’Institiudan Foghlaim Thidsearan obrachadh còmhla ri GTCS gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air na prògraman aca gus dèanamh cinnteach gu bheil tidsearan àrd-sgoile agus òraidichean colaiste ùra air an deagh ullachadh airson a bhith ag obair leis na diofar eileamaidean den Dioplòma.
- Mar phàirt den chuairt ath-sgrùdaidh aca, bu chòir do GTCS a bhith a’ nochdadh gum feum a h-uile tidsear àrd-sgoile a bhith ag obair leis an Dioplòma anns na h-Inbhean Proifeasanta aca.
- Bu chòir do sholaraichean Teisteanasan Teagaisg ann am Foghlam Adhartach (TQFE) ath-sgrùdadh a dhèanamh air na prògraman aca gus dèanamh cinnteach gu bheil òraidichean colaiste air an deagh ullachadh airson a bhith ag obrachadh leis na diofar eileamaidean den Dioplòma.
Moladh 25: Brosnaich colaistean, fastaichean agus oilthighean gus a’ bhunait fianais nas fharsainge a bheir an Dioplòma seachad a chleachdadh mar bhunait airson co-dhùnaidhean a nì iad nuair a tha iad a’ taghadh oileanaich no luchd-obrach.
Moladh 26: Bheir air siostaman sgrùdaidh agus cunntachalachd nàiseanta fiosrachadh a chruinneachadh mun raon de choileanaidhean a tha aithnichte taobh a-staigh an Dioplòma. Bu chòir lèirsinn agus am Frèam Leasachaidh Nàiseanta ùrachadh gus soirbheas den t-seòrsa ris a bheil dùil san Dioplòma a nochdadh.
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback