Education Bill: consultation analysis - Gaelic
Tionndadh Gàidhlig den Sgrùdadh Neo-eisimeileach aig Wellside air freagairtean don co-chomhairleachadh air Bile an Fhoghlaim (Alba), a chaidh a choimiseanadh le Riaghaltas na h-Alba.
Geàrr-iomradh
Ro-ràdh
Mar phàirt dhen phrògram leantainneach gus ath-leasachadh a dhèanamh air foghlam, chùm Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh leis a’ mhòr-shluagh agus luchd-ùidhe gus beachdan a shireadh air dreachd de Bhile an Fhoghlaim. Tha e na amas leis a’ Bhile frèam reachdail a stèidheachadh gus buidheann ùr a chur an àite Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA) agus gus na dleastanasan sgrùdaidh a thoirt air falbh bho Fhoghlam Alba. Thèid dà bhuidhinn ùir a chur air chois mar thoradh air sin. Mus tèid an tionndadh deireannach dhen Bhile aontachadh, bhathar, leis a’ cho-chomhairleachadh, a’ sireadh bheachdan luchd-ùidhe air cumhachan a’ Bhile agus chaidh sgrùdadh neo-eisimeileach a bharantachadh air na freagairtean a fhuaras.
Uile-gu-lèir, fhuaras 386 freagairtean susbainteach dhan cho-chomhairleachadh agus thugadh fa-near dhaibh san sgrùdadh seo. Fhuaras freagairtean bho 234 daoine fa leth agus 152 freagairtean a chaidh a chur a-steach às leth bhuidhnean. Ge-tà, bha na freagairtean a’ riochdachadh àireamh na b’ àirde de dhaoine, oir bha grunn bhuidhnean air co-chomhairleachadh farsaing a chumail iad fhèin gus cuideachadh le bhith a’ sgrìobhadh nam freagairtean aca. Cuideachd, chaidh naoi tachartasan co-chomhairleachaidh a chumail air-loidhne, agus bha beagan na bu lugha na 1,000 neach an làthair aig na tachartasan sin.
A’ Stèidheachadh Buidheann Theisteanas Ùr
A thaobh a bhith a’ stèidheachadh buidheann theisteanas ùr (BTU), sa cho-chomhairleachadh bhathar a’ sireadh bheachdan air:
- atharraichean air mar a thèid teisteanasan a dhealbh is a lìbhrigeadh gus am bi builean nas fheàrr ann do luchd-ionnsachaidh;
- molaidhean airson luchd-teagaisg, sgoilearan is oileanaich a bhith air an riochdachadh gu ìre nas motha sa BhTU le daoine air a’ Bhòrd le eòlas practaigeach air mar a tha cùisean an-dràsta, agus tro chomataidhean a bheir taghadh farsaing de dhaoine còmhla le diofar sheallaidhean gus buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean a’ BhTU, agus gus molaidhean a thoirt seachad air “Cairtean” sònraichte airson luchd-cleachdaidh;
- molaidhean a thaobh dhleastanasan barantachaidh agus mar a ghabhadh iad sin a chur air stèidh fa leth bho na dleastanasan buileachaidh; agus
- molaidhean gus Fòram Nàiseanta a stèidheachadh, airson a bhith ag obair gu dlùth agus ann an co-bhuinn ris a’ BhTU, agus mar mheadhan air conaltradh soilleir a chumail suas ann an deagh àm.
A’ Dealbh is a’ Lìbhrigeadh Theisteanasan
Bhruidhinn luchd-freagairt air grunn chùisean co-cheangailte ris an obair gus teisteanasan a dhealbh is a lìbhrigeadh. Am measg nan nithean a thog iad bha:
- gum bu chòir barrachd cuideim a chur air, aithne a thoirt do, agus suime a chur ann an diofar sheòrsa theisteanasan, dhuaisean agus sgilean, agus gum bu chòir siostam a bhith ann far a bheilear a’ toirt an aon seòrsa spèis do dhiofar shlighean is theisteanasan agus far am faighear an aon seòrsa cothruim orra;
- gum bu chòir cothrom a bhith aig daoine air curraicealam farsaing is eugsamhail le taghadh de shlighean ionnsachaidh is teisteanasan airson gach seòrsa neach-ionnsachaidh;
- gum bu chòir gluasad air falbh bho “a’ teagasg airson na deuchainne”, “ionnsachadh air mheomhair” agus “measaidhean air cuimhne dhaoine”;
- a’ cur dhòighean-obrach co-obrachail an sàs gus teisteanasan a dhealbh is ùrachadh, le taghadh farsaing de luchd-ùidhe an sàs ann;
- a’ dèanamh cinnteach gu bheil conaltradh farsaing ga dhèanamh agus gu bheil fios aig daoine air an diofar sheòrsa theisteanasan a gheibhear;
- a’ cur dòigh-obrach iomlanach an sàs airson teisteanasan (agus airson ath-leasachaidhean foghlaim san fharsaingeachd) le bhith a’ beachdachadh air sin agus na leanas aig an aon àm: dealbhachadh a’ churraicealaim agus feallsanachd teagaisg, agus foghlam adhartach/àrd-ìre, agus feumalachdan àiteachan-obrach;
- taic do na molaidhean a chithear ann an Aithisg Hayward, agus mar a chleachdar Dioplòma Coileanaidh na h-Alba (SDA); agus
- taic airson a bhith a’ cleachdadh ìrean Frèam Chreideasan is Theisteanasan na h-Alba (SCQF) gus frèam theisteanasan eadar-cheangailte is co-aonaichte a stèidheachadh.
Cha do bhruidhinn daoine uiread air a’ chomas gus teisteanasan a lìbhrigeadh air feadh na RA is gu h-eadar-nàiseanta – bha grunn dhen bheachd gum bu chòir an comas seo a ghleidheadh mar a tha e, agus bha cuid ag iarraidh barrachd fiosrachaidh air na tha a’ tachairt le seo an-dràsta no bha dragh orra gum faodadh seo cron a dhèanamh air nas urrainnear a choileanadh ann an seirbheis a’ phobaill leis an obair seo.
Bha cuid a luchd-freagairt cuideachd a’ gabhail dragh mun bhuaidh a dh’fhaodadh na h-atharraichean a thoirt air buidhnean theisteanas eile ri linn farsaingeachd nan dleastanasan a thathar a’ moladh airson a’ BhTU.
Am Bòrd, Na Comataidhean is Cairtean
Bha taic ann san fharsaingeachd dhan mholadh gum biodh luchd-teagaisg is sgoilearan is oileanaich a’ gabhail pàirt ann an structairean riaghlaidh a’ BhTU. Ge-tà, bha beagan dhaoine an aghaidh a bhith a’ toirt cothrom do chloinn is daoine òga làn-phàirt a ghabhail ann an structairean riaghlaidh.
Chaidh a ràdh, nach robh am moladh gus co-dhiù aon neach-teagaisg bho roinn nan sgoiltean is aon neach-teagaisg bho roinn nan colaistean a chur air a’ Bhòrd math gu leòr agus nach robh ann ach gnìomh gun bhrìgh. Bhathar dhen bheachd gun robh feum air tòrr a bharrachd dhaoine air a’ Bhòrd gus luchd-teagaisg a riochdachadh, agus gum bu chòir do na daoine a thèid a thaghadh a bhith nan luchd-teagaisg a tha ag obair an-dràsta no a bha ag obair o chionn ghoirid. Mar an ceudna, thugadh fa-near nach robh na molaidhean soilleir a thaobh sgoilearan is oileanaich agus co-dhiù a bhiodh iadsan a’ gabhail pàirt iad fhèin no buidhnean riochdachaidh proifeiseanta a bhruidhneadh às an leth – ged a bhathar a’ smaoineachadh gun robh e cudromach gum biodh uallaichean aig na sgoilearan is oileanaich fhèin a thaobh a’ Bhùird.
A thaobh a’ Bhùird agus nan Comataidhean le luchd-teagaisg is sgoilearan is oileanaich, chaidh a mholadh cuideachd gum biodh feum air farsaingeachd de riochdairean, a bhiodh a’ riochdachadh gach aois, ìre foghlaim, roinn, earrainn dheamografaigeach is shòiseo-eaconamach dhen t-sluagh, sgìre, raon cuspair, agus raon sònraichte/mion-raon, leithid Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus daoine a tha no a tha a’ riochdachadh sgoilearan is oileanaich niùro-eugsamhail, agus daoine air a bheil ciorram, etc. Cuideachd, bhathar dhen bheachd gum feumadh taghadh de luchd-teagaisg is sgoilearan is oileanaich a bhith ann leis na dleastanasan sin a ghabhadh cothrom mu seach an àite na h-aon daoine a bhith ann fad an t-siubhail, agus gum biodh feum aca air taic gus pàirt a ghabhail ann an cùisean. Airson luchd-teagaisg, bha diofar mholaidhean ann leithid gum faodadh iad a bhith air am fo-fhastadh ann an dreuchd rè ùine air a’ BhTU, no gum faigheadh iad ùine shònraichte is air a gleidheadh airson an dleastanasan, agus gum faodadh taic no luchd-obrach a bharrachd a bhith ann airson dèanamh cinnteach gun gabh an luchd-teagaisg pàirt ann. Bhathar dhen bheachd gum biodh feum air cothroman gus cur ri comasan dhaoine, trèanadh, luchd-comhairleachaidh, taic agus stiùireadh gus am b’ urrainn do sgoilearan is oileanaich pàirt a ghabhail (airson clann is daoine òga gu h-àraidh).
Cuideachd, chaidh a dhèanamh soilleir nuair a bhite a’ dèanamh co-chonaltradh ri luchd-teagaisg is sgoilearan is oileanaich gum feumadh an co-chonaltradh sin a bhith brìoghmhor is buadhach, agus gum feumte ealla a ghabhail ris na beachdan aca nuair a bhite a’ dèanamh cho-dhùnaidhean. Bhathar dhen bheachd nach robh gu leòr fiosrachaidh sna molaidhean air an uiread de bhuaidh a b’ urrainn dhan luchd-ùidhe seo a thoirt air cùisean, an dà chuid taobh a-staigh a’ Bhùird agus taobh a-staigh a’ BhTU san fharsaingeachd, agus air an t-seòrsa cumhachd a bhiodh aig na Comataidhean. Thogadh draghan, gun robh cunnart ann leis na molaidhean seo nach fhaigheadh na riochdairean ach ‘èisteachd’ gun ealla cheart ga gabhail ris na beachdan aca.
Chuir a’ mhòr-chuid de dhaoine fàilte air Cairt airson luchd-teagaisg, ach bha measgachadh na b’ fharsainge de bheachdan ann air Cairt airson sgoilearan is oileanaich.
Dleastanasan Barantachaidh
Bha measgachadh de bheachdan ann a thaobh am bu chòir dleastanasan a bhith aig a’ BhTU airson an dà chuid teisteanasan a bhuileachadh agus a bharantachadh. Bha cuid dhen bheachd gun robh e ciallach gum biodh e an urra ris a’ bhuidhinn ùir slatan-tomhais a stèidheachadh agus teisteanasan a bharantachadh, fhad ’s a bhiodh dleastanasan soilleir ann agus cothroman gus dèanamh cinnteach gu bheil ceanglaichean eadar an dà dhleastanas. Ge-tà, bha daoine eile ann a bha a’ smaoineachadh nach bu chòir an dà dhleastanas a bhith aig a’ bhuidhinn ùir, agus gum bu chòir na dleastanasan sin a bhith air an roinn eadar dà bhuidhinn fa leth (mar a chaidh a mholadh ann an Aithisg Muir) gus nach biodh strì eadar com-pàirtean ann agus gus am biodh iad air stèidh neo-eisimeileach fa leth bho chèile.
Fòram Nàiseanta, Obair Chom-pàirteach is Conaltradh
Bha coltas ann gun robh a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt a’ cur taic ri dòighean-obrach com-pàirteach làidir is èifeachdach le co-obrachadh is com-pàirteachas. Bhathar cuideachd dhen bheachd gum bu chòir an dòigh-obrach sin a bhith air a cur an sàs le taghadh farsaing de luchd-ùidhe a’ gabhail a-steach roinn an fhoghlaim air fad agus roinnean co-cheangailte (me, fastaichean, buidhnean ciùird, foghlam adhartach is àrd-ìre), agus buidhnean riochdachaidh is spèisealta.
Ged nach tug mòran den luchd-fhreagairt beachd seachad air an Fhòram Nàiseanta fhèin, bha iad a’ cur taic ris a’ bheachd gus diofar dhòighean a chleachdadh airson dèanamh cinnteach gun tèid taghadh farsaing de bheachdan a thoirt fa-near agus gun tèid co-obrachadh a chur an sàs. Thuirt cuid, ge-tà, gur e beachd math a bh’ ann Fòram Nàiseanta a stèidheachadh, agus gum biodh cothrom a bharrachd ann, leis an fhòram, beachdan fhaighinn bho dhaoine, gum biodh e mar mheadhan gus comhairle neo-eisimeileach fhaotainn, agus gun toireadh e cothrom eile gus cunntachalachd a chur an sàs. A-rithist, bhathar dhen bheachd gum feumte a’ bhallrachd atharrachadh gu cunbhalach gus dèanamh cinnteach gum biodh taghadh farsaing de riochdairean ann agus gum biodh an-còmhnaidh cothrom ann beachdan ùra is buntainneach a chluinntinn.
A thaobh conaltraidh, bha a’ mhòr-chuid de dhaoine a’ bruidhinn air mar dh’fheumadh am BTU èisteachd ri luchd-ùidhe, agus ealla a ghabhail ris na beachdan aca agus gnìomhan a dhèanamh a rèir nam molaidhean aca, cha robh mòran a’ bruidhinn air mar bu chòir dhan BhTU conaltradh a dhèanamh. Mhol an fheadhainn a bhruidhinn air conaltradh gun robh e deatamach gum biodh conaltradh soilleir ann, agus mhol iad aithisgean a dhèanamh dhen t-seòrsa sa bheil fios air 'Na Thuirt Sibhse agus na Rinn Sinne’ gus am biodh cunntachalachd ann. Cuideachd, feumaidh aithisgean a bhith air an sgaoileadh gu farsaing is feumaidh cothrom a bhith a’ mhòr-shluagh orra.
A-rithist, chaidh a dhèanamh soilleir gum feumadh buaidh is brìgh a bhith ann le co-obrachadh sam bith, agus chaidh draghan a thogail gum faodadh cunnart a bhith gum biodh am BTU slaodach ann a bhith a’ dèiligeadh ri cùisean, agus gum fàsadh obair na buidhne ro thoinnte agus ro bhiurocratach.
Ath-leasachadh air Modhan-sgrùdaidh airson Foghlam
Adhbharan Sgrùdaidh
Chaidh trì prìomh adhbharan sgrùdaidh a chur an cèill sa phàipear cho-chomhairleachaidh:
- gus am bi cunntachalachd is dearbhachd phoblach ann airson càileachd foghlaim do luchd-ionnsachaidh, do am pàrantan/luchd-cùraim agus do Phàrlamaid na h-Alba;
- gus taic a thoirt do luchd-solair foghlaim, a’ gabhail a-steach sgoiltean, luchd-teagaisg agus luchd-obrach eile, airson piseach a thoirt air an obair aca tro bhith a’ cur ris na comasan aca agus a’ co-phàirteachadh dhòighean-obrach buadhmhor; agus
- gus fianais air foghlam is trèanadh a cho-phàirteachadh: airson taic a thoirt do sheirbheisean gus piseach a thoirt air obair aca; agus airson cuideachadh le bhith a’ dealbh phoileasaidhean foghlaim.
Bha e follaiseach gun robh daoine ag aontachadh ris na h-adhbharan a chaidh a chur an cèill, agus rinn luchd-freagairt soilleir gur e ‘taic’ a bu chòir a bhith ann mar am prìomh adhbhar sgrùdaidh. Cuideachd, chuireadh fàilte air mar a bhathar a’ cur cuideam air taic do dhaoine gus piseach a thoirt air foghlam tro bhith a’ co-phàirteachadh fianais is dheagh dhòighean-obrach agus bhathar dhen bheachd gum faodadh sin cuideachadh le cunbhalachd air feadh an t-siostaim agus le leasachadh proifeiseanta leantainneach airson luchd-obrach foghlaim.
Ged a bha a’ mhòr-chuid ag aontachadh gum bu chòir do chunntalachd is dearbhachd a bhith am measg nan adhbharan, bha cuid a’ smaoineachadh nach robh e cho cudromach ri adhbharan eile.
Thuirt cuid a luchd-freagairt gun robh feum air adhbhar sònraichte co-cheangailte ri a bhith a’ cur dìon air daoine, agus dh’fhaodadh gum b’ e sin am prìomh adhbhar ‘eile’ a chaidh a mholadh. Am measg nam beachdan eile a fhuaras air adhbharan, bha gum faodadh iad a bhith a’ gabhail a-steach taghadh nas fharsainge de luchd-compàirt, agus gun robh iad, mar a tha iad an-dràsta, ’s dòcha caran neo-shoilleir a thaobh mar a bhuineas iad ri roinnean sònraichte (leithid ionnsachadh coimhearsnachd, foghlam treas-ìre agus nuadh phreantasachdan).
Na Diofar Ionadan is Seirbheisean
Thugadh seachad sa phàipear cho-chomhairleachaidh liosta de dh’ionadan is seirbheisean a bhiodh air an sgrùdadh agus, a-rithist, bha daoine ag aontachadh san fharsaingeachd ris na fheadhainn a chaidh ainmeachadh air an liosta. Ged a bha daoine san fharsaingeachd ag aontachadh gum bu chòir dhan aon bhuidheann sgrùdadh a dhèanamh air àiteachan far am bi clann is daoine òga ag ionnsachadh gus am bi cunbhalachd ann, bha cuid dhen bheachd nach biodh modhan-sgrùdaidh coitcheann airson a h-uile àite freagarrach. Bhathar dhen bheachd gum feumadh na modhan-sgrùdaidh a bhith freagarrach airson gach co-theacsa is suidheachadh.
Am measg nan draghan a thog luchd-freagairt bha gun robh na modhan-sgrùdaidh a th’ ann an-dràsta airson tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne (TCC) feumach air an ùrachadh, agus thuirt cuid a luchd-freagairt gun robh duilgheadasan ann leis mar a bha Buidheann-sgrùdaidh a’ Chùraim agus Luchd-sgrùdaidh an Rìgh an sàs ann an sgrùdaidhean air TCC. Thugadh molaidhean seachad gum bu chòir aon bhuidheann a stèidheachadh airson sgrùdaidhean TCC gus nach bi dùblachadh obrach ann, ged nach robh luchd-freagairt daonnan ag ràdh ciamar a b’ fheàrr leotha sin a dhèanamh. Mar an ceudna, thuirt cuid a luchd-freagairt gun robh e cudromach nach biodh dùblachadh ann le modhan-obrach airson sgrùdaidhean is dearbhadh càileachd ann am foghlam treas-ìre, agus airson Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg. B’ e a’ phrìomh phuing a bh’ aig daoine nach robh ag iarraidh gum biodh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a’ sgrùdadh cholaistean, a tha air am maoineachadh le airgead poblach, gun robh modailean sgrùdaidh ann mu thràth a bha no a bhiodh na bu fhreagarraiche.
Thug beagan luchd-freagairt beachd seachad air na dleastanasan a bhiodh aig Buidheann-sgrùdaidh an Fhoghlaim a thaobh sgrùdaidhean air nuadh phreantasachdan. Am measg nan daoine a thug beachd seachad, b’ ann bu mhotha air adhbhar leithid a sgrùdaidhean a bha iad a’ bruidhinn agus ciamar a bu chòir an dèanamh, seach a bhith a’ toirt beachd seachad air a’ cheist fharsaing am bu chòir dleastanasan a bhith aig a’ bhuidhinn-sgrùdaidh ùir san roinn.
Làn-bhuannachdan bho Sgrùdaidhean Foghlaim
Chaidh trì prìomhachasan a chur an cèill sa phàipear cho-chomhairleachaidh gus piseach a thoirt air obair is buaidh nan sgrùdaidhean ann an siostam an fhoghlaim, ’s iad sin:
- a’ dèanamh cinnteach gum bi earbsa aig clann, daoine òga, inbhich a tha ag ionnsachadh, pàrantan/luchd-cùraim, luchd-teagaisg agus luchd-obrach eile, agus aig a’ mhòr-shluagh, ann an obair buidheann-sgrùdaidh an fhoghlaim;
- a’ dèanamh cinnteach gum bi luchd-teagaisg is luchd-obrach eile, clann, sgoilearan is oileanaich, pàrantan/luchd-cùraim, ùghdarrasan ionadail agus luchd-solair an sàs ann an sgrùdaidhean; agus
- a’ dèanamh cinnteach gun dèanar làn-fheum de dh’fhianais bho sgrùdaidhean gus: (a) dearbhachd is cunntachalachd phoblach a thoirt seachad; (b) piseach a thoirt air cùisean agus cur ri comasan dhaoine; agus (c) gus cuideachadh le bhith a’ dealbh dhòighean-obrach is phoileasaidhean.
A-rithist, chuir a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt taic ris na prìomhachasan, agus bha taic nach beag ann airson a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi luchd-teagaisg is luchd-obrach eile, luchd-ionnsachaidh, pàrantan/luchd-cùraim, ùghdarrasan ionadail agus luchd-solair an sàs ann an sgrùdaidhean. Bhathar dhen bheachd gun robh am prìomhachas sin gu sònraichte cudromach ma bha daoine gu bhith a’ cur earbsa ann an obair na buidhne-sgrùdaidh.
A' Coileanadh nam Prìomhachasan
A thaobh a bhith a’ cur nam prìomhachasan an sàs, bha taic fhollaiseach ann (ged nach b’ e taic aona-ghuthach a bh’ ann) airson a bhith a’ toirt nan dleastanasan sgrùdaidh air falbh bho Fhoghlam Alba gus buidheann fa leth a stèidheachadh gun feum air reachdas ùr airson sin a dhèanamh (agus bhiodh a’ bhuidheann-sgrùdaidh fhathast cunntachail do Mhinistearan na h-Alba). Bhathar dhen bheachd, nam biodh leithid a’ bhuidheann neo-eisimeileach ann, le a h-obair air a stiùireadh le molaidhean luchd-ùidhe is an rannsachadh as ùire, gun dèanadh sin cinnteach gun robh na modhan-sgrùdaidh air stèidh neo-eisimeileach agus nach biodh draghan ann, mar a bha roimhe, a thaobh neo-phàirteachd nan sgrùdaidhean. Ged a bhathar a’ coimhead air an roghainn sin mar thè radaigeach, bhathar cuideachd a’ smaoineachadh gun robh feum air gus dèanamh cinnteach nach robh strì eadar com-pàirtean ann, a bhathar a’ smaoineachadh a bha a’ tachairt leis an t-siostam a th’ ann an-dràsta, eadar na dleastanasan airson leasachadh, adhartas agus mheasaidhean. B’ iad na prìomh phuingean a chualas an aghaidh a’ mholaidh seo, nach biodh ‘neo-eisimeileachd’ bhon riaghaltas ann mar a bha luchd-ùidhe a’ miannachadh agus nam biodh buidheann eile ann an sàs ann am foghlam is sgrùdaidhean, dh’fhaodadh gun cuireadh sin ris a’ bhiurocrasaidh a th’ ann a-cheana. Cuideachd, bha draghan aig cuid a dhaoine, nam biodh buidhnean fa leth ann airson sgrùdaidhean is taic, gun adhbhraicheadh sin dòighean-obrach is dòighean-smaoineachaidh sgarta is dealaichte.
Bha taic ann airson reachdas a chur an sàs gus an dreuchd ‘Àrd-neach-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam ann an Alba’ a stèidheachadh fon lagh mar oifigear neo-eisimeileach agus e mar phrìomh uallach air an Neach-sgrùdaidh sin clàran-ama, tricead is prìomh amasan nan sgrùdaidhean a stèidheachadh. B’ e am prìomh adhbhar a thugadh seachd mar thaic dhan bheachd sin, gum biodh barrachd cunntachalachd is neo-eisimeileachd ann agus gum biodh e na b’ fhollaisiche gun robh leithid a chunntachalachd is neo-eisimeileachd ann, agus mar thoradh air sin, bhiodh am mòr-shluagh agus luchd-dreuchd proifeiseanta a’ cur barrachd earbsa sna modhan-sgrùdaidh. Thog an fheadhainn a bha an aghaidh a’ mholaidh sin draghan mu mar a ghabhadh aon oifigear a riaghladh is mu mar a ghabhadh dèanamh cinnteach gun robh iad cunntachail. Bha draghan ann cuideachd, gum faodadh atharraichean reachdail an siostam a th’ ann an-dràsta a dhèanamh nas toinnte agus gum faodadh sin bacadh a chur air adhartas.
Bu chòir cuimhneachadh, gun tug cuid a luchd-freagairt beachdan seachad air na neartan is laigsean a bha iad a’ smaoineachadh a bh’ aig na roghainnean (agus mhol iad roghainnean eile) an àite a bhith ag ràdh gum b’ fheàrr leotha aon tè gu h-àraidh.
Às bith dè am modail a dheigheadh a chur an sàs, bha taic làidir ann dhan mholadh gum biodh luchd-teagaisg is luchd-obrach eile, luchd-ionnsachaidh, pàrantan/luchd-cùraim, ùghdarrasan ionadail agus luchd-solair an sàs ann an sgrùdaidhean is modhan-riaghlaidh, agus dhan mholadh gun dèanar cinnteach gun gabhadh ealla ri beachdan luchd-ùidhe. Bhathar cuideachd dhen bheachd gum b’ e an dòigh a b’ fheàrr dèanamh cinnteach gun robh sgrùdaidhean cothromach agus a’ frithealadh air feumalachdan dhaoine nam biodh luchd-ùidhe an sàs ann an cùisean agus cuideachd bhiodh sin a’ ciallachadh gum biodh luchd-ùidhe a’ cur earbsa sna modhan-sgrùdaidh.
Cha robh aonta cho soilleir ann a thaobh am bu chòir Comhairle Chomhairleachaidh a stèidheachadh fo reachdas mar mheadhan gus cothrom a thoirt do luchd-ùidhe a dhol an sàs ann an cùisean, le cuid a dhaoine dhen bheachd gun neartaicheadh sin an siostam agus cuid eile a’ smaoineachadh gum biodh cus biurocrasaidh ann.
Mar an ceudna, ged a bha tòrr a’ cur taic ri modhan-aithris foirmeil gus cuideachadh le bhith a’ coileanadh an treas prìomhachais, a’ gabhail a-steach taic airson aithrisean bliadhnail is cunbhalach gus sùil a chumail air obair na buidhne-sgrùdaidh agus gus sealladh farsaing a thoirt seachad air ìrean-coileanaidh air feadh siostam foghlaim na h-Alba, cha robh ann ach glè bheag de dhaoine a thug beachd seachad air dè b’ fheàrr leotha a thaobh a bhith a’ cleachdadh reachdas airson sin.
Bha aonta ann am measg luchd-freagairt, ge-tà, gum bu chòir fianais sgrùdaidh a bhith air a cho-phàirteachadh gu fada is farsaing. Bhathar gu h-àraidh dhen bheachd nan deigheadh deagh dhòighean-obrach a cho-phàirteachadh gun cuidicheadh sin leis na dòighean-obrach aig daoine air feadh gach ionad foghlaim agus chan ann dìreach leis na dòighean-obrach sna h-ionadan a bhios gan sgrùdadh.
Beachdan Co-cheangailte ri Barrachd air Aon Chuspair
Chaidh grunn chùisean eile, a bha a’ buntainn ris an dà bhuidhinn ùir, a thogail. Chaidh a mholadh gum bu chòir dhan dà bhuidhinn ùir:
- dòighean-obrach com-pàirteach, co-obrachail agus taiceil a chur an sàs, an dà chuid leis na modhan-riaghlaidh aca agus leis na dòighean-obrach coitcheann aca;
- ceanglaichean co-obrachail is leantainneach a thogail is a chur air dòigh le agus eadar taghadh farsaing de luchd-ùidhe;
- dèanamh cinnteach gum bi cothroman brìoghmhor is ceart ann do thaghadh freagarrach de luchd-ùidhe airson co-chonaltradh/pàirt a ghabhail ann an cùisean, agus bidh taic ann do chloinn is daoine òga airson làn-phàirt a ghabhail ann an cùisean;
- dèanamh cinnteach gun tèid èisteachd is ealla a ghabhail ri beachdan luchd-ùidhe gu cunbhalach gus atharraichean brìoghmhor a chur an sàs – thuirt grunn luchd-freagairt bho bhuidhnean gun robh iad deònach cumail orra a’ gabhail pàirt gnìomhach san obair gus reachdas, poileasaidhean is dòighean-obrach a stèidheachadh;
- dèanamh cinnteach gum bi a h-uile duine air an gabhail a-steach an lùib leasachaidhean ùra agus gum bi na leasachaidhean sin a’ frithealadh air an taghadh fharsaing de dh’fheumalachdan a th’ aig luchd-ionnsachaidh (a thaobh theisteanasan) agus air suidheachaidhean ionadail (a thaobh sgrùdaidhean); agus
- molaidhean is fiosrachadh soilleir is faoilidh a thoirt do luchd-ùidhe.
Bha deagh chuid de na beachdan a fhuaras a-mach air gnothaichean obrach is practaigeach co-cheangailte ris an dà bhuidhinn agus air measaidhean is sgrùdaidhean, agus bhathar a’ bruidhinn air feumalachdan trèanaidh is cùisean co-cheangailte ri roinnean sònraichte. Cuideachd, thuirt luchd-freagairt gun robh feum air/gun robh draghan aca mu thaic-airgid agus maoineachadh freagarrach, an dà chuid gus cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh bhuidhnean ùra sam bith a bhiodh ann agus gus roinn an fhoghlaim san fharsaingeachd a chuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ris agus a’ cur nan atharraichean an sàs.
Bha cùisean coitcheann eile ann a chaidh a thogail sa cho-chomhairleachadh. Bhathar dhen bheachd nach robh fiosrachadh gu leòr san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh air mar a dh’obraicheadh na buidhnean ùra, dè na ceanglaichean is an dàimh a bhiodh ann eadar na buidhnean ùra agus buidhnean eile, ciamar a bhiodh na dleastanasan ùra co-cheangailte ri/eadar-dhealaichte bho na dleastanasan a th’ ann an-dràsta, agus cia mheud de na molaidhean a dheigheadh a chur an sàs. Bhathar cuideachd a’ sireadh barrachd fiosrachaidh mu na buannachdan is am mì-leas a thigeadh bho na molaidhean/dòighean-obrach a chaidh a chur an cèill san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh.
Cuideachd, bha cuid a luchd-freagairt a’ faireachdainn nach robh atharraichean susbainteach gu bhith ann leis na bhathar a’ moladh a thaobh mar a dheigheadh teisteanasan is sgrùdaidhean a chur an sàs – bha iad a’ smaoineachadh gur e an aon rud a bhiodh ann fo sheula eile.
Mu dheireadh, bhathar dhen bheachd nach biodh gu leòr ann leis na h-atharraichean a bhathar a’ moladh air inbhean laghail is modhan-riaghlaidh gus dèiligeadh ris na prìomh dhuilgheadasan co-cheangailte ri teisteanasan is sgrùdaidhean (no gus an t-ath-leasachadh farsaing a tha dhìth air feadh roinn an fhoghlaim a chur an sàs). Thugadh fa-near gum biodh atharraichean nach beag a dhìth air dòighean-smaoineachaidh is dòighean-obrach na roinne air fad.
Co-dhùnadh
Bha taic fharsaing ann airson a’ mhòr-chuid de na molaidhean san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh, ach thog daoine grunn phuingean a bu chòir a thoirt fa-near agus cùisean dragha ris am faodar dèiligeadh san ùine air thoiseach.B’ iad dìreach na cuspairean a leanas far an robh ìrean na bu mheasgaichte de thaic sna freagairtean aig daoine: na molaidhean gus na dleastanasan buileachaidh is barantachaidh fhàgail fo ùghdarras a’ BhTU (an àite buidhnean fa-leth a bhith ann leis na dleastanasan sin), moladh gus raointean foghlaim sònraichte a chur fo ùghdarras na buidhne-sgrùdaidh ùire gus nach bi dùblachadh obrach ann, agus a bheil feum air/am b’ fheàrr le daoine reachdas gus a’ bhuidheann-sgrùdaidh ùr a stèidheachadh.
Contact
Email: EducationReform@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback