Education Bill: consultation analysis - Gaelic
Tionndadh Gàidhlig den Sgrùdadh Neo-eisimeileach aig Wellside air freagairtean don co-chomhairleachadh air Bile an Fhoghlaim (Alba), a chaidh a choimiseanadh le Riaghaltas na h-Alba.
Ro-ràdh
Bun-fhiosrachadh
Dh’fhoillsich a’ Bhuidheann airson Co-obrachaidh is Leasachaidh Eaconamaich (OECD) an aithisg aca air Curraicealam na h-Alba airson Sàr-mhathais: An t-Àm ri Teachd san Ògmhios 2021. Bhathar a’ moladh buidheann spèisealta ùr a chur air chois airson a’ churraicealaim agus mheasaidhean agus chaidh a mholadh ùrachadh a dhèanamh air dleastanasan buidheann-sgrùdaidh an fhoghlaim. An uair sin, chaidh an t-Ollamh Ken Muir CBE a chur an dreuchd le Riaghaltas na h-Alba mar Neach-comhairleachaidh Neo-eisimeileach air Ath-leasachaidhean Foghlaim gus comhairle neo-eisimeileach is chothromach a thoirt seachad air na h-atharraichean a bhathar a’ moladh. Chaidh an aithisg aige, Luchd-ionnsachaidh aig Cridhe Chùisean: Lèirsinn airson Foghlam na h-Alba san Àm ri Teachd, fhoillseachadh sa Mhàrt 2022.
Sna freagairtean aig Riaghaltas na h-Alba do dh’aithisg Muir, ghabh iad ris a h-uile moladh a thaobh buidheann theisteanas, agus ghabh iad ann am prionnsapal ris a’ mholadh gus buidheann-sgrùdaidh ùr a stèidheachadh tro reachdas.
Chaidh obair nach beag a dhèanamh gus sgrùdadh a dhèanamh air roghainnean gus na molaidhean sin a chur an sàs, leithid:
- obair a thaobh Sgrùdaidhean air Seirbheisean Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne agus Seirbheisean Cùraim-chloinne airson Clann Aois-sgoile ann an Alba;
- Còmhradh Nàiseanta air Foghlam, air a stiùireadh leis an Ollamh Carol Chaimbeul agus an t-Ollamh Alma Harris, agus chaidh an aithisg dheireannach, Tha a h-uile Neach-ionnsachaidh ann an Alba Cudromach – Còmhradh Nàiseanta air Foghlam, fhoillseachadh sa Chèitean 2023;
- Ath-sgrùdadh Neo-eisimeileach air Buileachadh, air a stiùireadh le Seumas Withers, agus chaidh an aithisg dheireannach, Deiseil airson an Ama ri Teachd: A’ Cruthachadh Siostam Ionnsachaidh Iar-sgoile gus Cuideachadh le Cruth-atharrachadh air an Eaconamaidh, fhoillseachadh san Ògmhios 2023;
- dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba aithisg, Adhbharan is Prionnsapalan airson Foghlam Iar-sgoile, Rannsachadh is Sgilean – Na Ciad Phrìomhachasan, san Ògmhios 2023, a chaidh ullachadh gus stiùireadh a thoirt do dh’ath-leasachaidhean air foghlam fad-beatha is siostam nan sgilean; agus
- Breithneachadh Neo-eisimeileach air Teisteanasan is Measaidhean, a rinn an t-Ollamh Emeritus Louise Hayward, agus mar thoradh air sin chaidh Ar n-Àm ri Teachd – Breithneachadh Neo-eisimeileach air Teisteanasan is Measaidhean fhoillseachadh san Ògmhios 2023.
Rinn Riaghaltas na h-Alba tuilleadh co-chonaltraidh leis a’ mhòr-shluagh is luchd-ùidhe gus cuideachadh le bhith a’ dealbh Bile an Fhoghlaim, agus iad a’ togail air toraidhean na h-obrach gu h-àrd agus a’ gabhail ealla ris na molaidhean ann an aithisgean Hayward is Withers. Leis a’ Bhile seo, thathar ag amas air reachdas a stèidheachadh far am bithear a’ cur buidheann ùr an àite an SQA agus a’ toirt nan dleastanasan sgrùdaidh air falbh bho Fhoghlam Alba, agus mar sin thèid dà bhuidhinn ùir a chur air bhonn.
An Co-chomhairleachadh Poblach
Chaidh an co-chomhairleachadh a chumail fad sia seachdainean, bho 7 Samhain gu 18 Dùbhlachd 2023. Cuideachd, chaidh naoi tachartasan air-loidhne a chumail gus beachdan a chruinneachadh.
Chaidh 12 ceist fhaighneachd sa cho-chomhairleachadh, trì a bha a’ faighneachd an robh daoine ag aontachadh ris no an aghaidh nam molaidhean le cothrom aig daoine beachdan a thoirt seachad cuideachd, agus naoi ceistean eile far an robhar a’ sireadh bheachdan a-mhàin.
Bha dà earrainn sa phàipear cho-chomhairleachaidh. Sa chiad earrainn bhathar a’ coimhead air mar a ghabhadh buidheann theisteanas ùr (BTU) a stèidheachadh, agus bhathar a’ moladh sin a chur air chois mar bhuidhinn phoblaich neo-roinneil (NDPB). San dàrna earrainn, bhathar a’ beachdachadh air mar a ghabhadh na dleastanasan sgrùdaidh a thoirt air falbh bho Fhoghlam Alba gus buidheann-sgrùdaidh ùr a stèidheachadh.
Fios air an Àireimh de Fhreagairtean is Luchd-freagairt
Uile-gu-lèir, fhuaras 386 freagairtean susbainteach agus thugadh fa-near dhaibh san sgrùdadh seo. Chaidh 327 de na freagairtean a chur a-steach tro Citizen Space (an goireas co-chomhairleachaidh air-loidhne aig Riaghaltas na h-Alba), fhuaras 54 freagairtean ann am puist-d, agus bha còig freagairtean co-chruinnichte ann (sin, far an d’ fhuaras barrachd air aon fhreagairt bhon aon neach-freagairt agus chaidh na freagairtean aca a chur còmhla mar aon fhreagairt). Fhuaras aon fhreagairt bhàn agus cha deach sin a chleachdadh san sgrùdadh seo.
A thaobh nan 386 freagairtean a fhuaras, thug daoine fa leth 234 dhiubh seachad agus chaidh 152 freagairtean a chur a-steach às leth bhuidhnean. Chaidh na freagairtean bho bhuidhnean a sheòrsachadh a rèir diofar roinnean mar a chithear gu h-ìosal.
Cia mheud | Ceudad | |
---|---|---|
Sgoiltean/Na Tràth-bhliadhnaichean | 28 | 18% |
An Treas Roinn | 28 | 18% |
Ùghdarrasan Ionadail | 27 | 18% |
Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd | 22 | 15% |
Buidhnean Nàiseanta/Buidhnean Poblach | 15 | 10% |
An Roinn Iar-sgoile/Colaistean/Oilthighean | 14 | 9% |
A’ riochdachadh phàrantan/luchd-cùraim agus/no clann is dhaoine òga | 9 | 6% |
Buidhnean Buileachaidh | 4 | 3% |
Gnìomhachasan is An Roinn Phrìobhaideach | 2 | 1% |
Eile | 2 | 1% |
Cha deach a ràdh | 1 | 1% |
Gu h-iomlan | 152 | 100% |
Chithear gu h-àrd fios air na freagairtean a fhuaras; ge-tà, thug barrachd dhaoine na sin beachdan seachad. Thuirt cuid a bhuidhnean gun robh iad air beachdan a shireadh bho luchd-obrach, buill, daoine òga, pàrantan/luchd-cùraim, no buidhnean eile a bha iad a’ riochdachadh gus cuideachadh leis an fhreagairt aca. Am measg nam buidhnean sin bha aon bhuidheann a rinn sgrùdadh-bheachd le 169 pàrantan/luchd-cùraim, agus chleachd buidhnean eile buidhnean-breithneachaidh, coinneamhan is dòighean co-chonaltraidh eile gus beachdan a thrusadh.
Mar a chaidh a ràdh gu h-àrd, chaidh naoi tachartasan co-chomhairleachaidh air-loidhne a chumail (air an cur air dòigh le Riaghaltas na h-Alba) gus bruidhinn air na molaidhean agus beachdan a shireadh. Nam measg bha tachartasan le Foghlam Alba, Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA), Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (CLD), dà sheisean le buidhnean dreuchdail luchd-teagaisg, agus ceithir seiseanan poblach. Bha beagan na bu lugha na 1,000 neach an làthair aig na seiseanan sin, san sgrùdadh seo thugadh fa-near do gheàrr-chunntasan sgrìobhte dhiubh a chaidh a ghabhail sìos agus do lethbhric de na tar-sgrìobhainnean a chaidh a thogail bho na goireasan ‘chat’ (ma bha leithid a ghoireas ann).
Modhan-sgrùdaidh
Chaidh a h-uile freagairt (a’ gabhail a-steach fhreagairtean sgrìobhte is geàrr-chunntasan air tachartasan) a luchdachadh a-nuas agus a chruinneachadh ann an stòr-dàta Excel airson an sgrùdadh. Chaidh na freagairtean a leughadh agus chaidh mion-sgrùdadh a dhèanamh orra a thaobh nan cuspairean a dh’èirich agus cho tric ’s a nochd na cuspairean sin gus prìomh chùisean is cuspairean bitheanta a chomharrachadh san dàta. Chaidh sgrùdadh coimeasach a dhèanamh cuideachd gus faicinn dè cho cunbhalach no eadar-dhealaichte ’s a bha beachdan diofar sheòrsa luchd-freagairt (me, eadar daoine fa leth is buidhnean, agus eadar diofar roinnean airson bhuidhnean).
Cùisean a bu chòir a Thoirt Fa-near is Modhan-aithris
Bu chòir a thoirt fa-near gun tuirt cuid a luchd-freagairt nach robh gu leòr fiosrachaidh san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh airson leigeil leotha freagairtean fiosrach a thoirt seachad, no gun robh e doirbh dhaibh am fiosrachadh/briathrachas a thuigsinn. Bhathar cuideachd a’ faireachdainn gun robh cuid de na ceistean gu math farsaing, agus nach robh ceangal sònraichte eadar na ceistean sin agus na molaidhean no na roghainnean a bha air am mìneachadh anns gach earrainn dhen cho-chomhairleachadh. Mar thoradh air sin, bha tòrr de na freagairtean a’ bruidhinn air taghadh farsaing de chùisean, agus cha robh cuid de na cùisean sin a’ buntainn ris na molaidhean. Bha e cuideachd a’ ciallachadh gu tric nach robh e soilleir dè b’ fheàrr le daoine a thaobh nan roghainnean a bh’ ann. Bha cuideachd beagan ath-aithris ann am measg nam freagairtean aig daoine do dhiofar cheistean, agus uaireannan bha luchd-freagairt a’ toirt seachad fiosrachadh airson aon cheist a bhiodh e air a bhith na b’ fhreagarraiche airson cheistean eile. Nuair a thachair sin, tha an aithisg a’ feuchainn, cho fad ’s as urrainn, ris na beachdan sin a ghabhail a-steach sa cheist/san earrainn fhreagarraich.
B’ e prìomh phuing eile a bu chòir a thoirt fa-near, gun robh grunn cheistean san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh far an robhar a’ sireadh bheachdan air cùisean reachdail agus air roghainnean far am biodh, no far nach biodh, reachdas a dhìth. Ge-tà, ann an tòrr fhreagairtean bha daoine a’ bruidhinn air cùisean san fharsaingeachd, air mar a dheigheadh rudan a chur an gnìomh gu practaigeach no mar a dh’obraicheadh na dleastanasan, no air na rudan matha is dona mu gach roghainn, agus cha robh ag innse dè am b’ fheàrr leotha, reachdas a bhith ann no gun reachdas a bhith ann. Tha an aithisg a’ sealltainn bheachdan co-cheangailte ri roghainnean a thaobh reachdas nuair a bha iad ann, agus tha i a’ toirt iomradh air na cùisean eile air an deach bruidhinn, ach bu chòir cuimhneachadh gun robh e gu tric glè dhoirbh dearbhadh cò an roghainn no dòigh-obrach a b’ fheàrr le daoine.
Ged nach d’ fhuaras freagairtean iomairt sa cho-chomhairleachadh seo, bha beagan fianais ann gun robh co-òrdachadh gu ìre ann le freagairtean, gu h-àraidh eadar cuid de na h-ùghdarrasan ionadail, agus eadar aonaidhean-ciùird/buidhnean riochdachaidh airson luchd-dreuchd agus buidhnean/daoine fa leth eile. Cha robh e soilleir cò sgrìobh na freagairtean sa chiad dol-a-mach, ach bha fianais ann gun deach freagairtean airson cuid a cheistean fa leth a chleachdadh le barrachd air aon duine no buidheann. Ge-tà, cha tug sin mòran buaidhe sam bith air an sgrùdadh agus na toraidhean, seach nach robh cus co-òrdanachaidh idir ann agus ri linn farsaingeachd nam beachdan a thugadh seachad – mar bu trice bha na cùisean a chaidh a thogail sna freagairtean co-òrdanaichte seo cuideachd air an togail le daoine eile agus mar sin b’ fhiach e an cur ris an aithisg seo, a dh’aindeoin a’ cho-òrdanachaidh eadar àireamh bheag de luchd-freagairt.
B’ urrainn do luchd-freagairt pàirt a ghabhail sa cho-chomhairleachadh ann am barrachd air aon dòigh, me, a’ cur freagairt a-steach dhan cho-chomhairleachadh, an dàrna cuid tron làrach-lìn no ann am post-d, agus a’ frithealadh tachartas. Nuair a thachair sin, chaidh na beachdan uile aig daoine a thoirt fa-near agus a ghabhail a-steach an seo, ach bu chòir cuimhneachadh air sin nuair a thathar a’ beachdachadh air toraidhean, oir dh’fhaodadh beagan dùblachaidh a bhith ann leis na beachdan aig daoine a chleachd barrachd air aon dòigh gus beachdan a thoirt seachad.
Ged a chleachd na tachartasan dòighean-obrach na b’ fharsainge agus iad a’ cur chòmhraidhean na b’ fhosgailte air dòigh far nach robhar a’ cumail ris na ceistean stèidhichte sa cho-chomhairleachadh, ’s e a bhiodh a’ tachairt mar bu trice gum biodh iad a’ comharrachadh tòrr de na h-aon chùisean ’s a chaidh a chomharrachadh sna freagairtean sgrìobhte. Mar sin, chaidh na toraidhean bhon dà mhodh co-chomhairleachaidh a chur còmhla agus a shealltainn còmhla sna h-earrainnean buntainneach gu h-ìosal.
Nuair a thug luchd-freagairt fa leth beachdan seachad a bha eadar-dhealaichte bhon fheadhainn a thug buidhnean seachad, no nuair a bha diofar ann eadar beachdan bho na roinnean airson bhuidhnean, chaidh sin a chomharrachadh agus a dhèanamh follaiseach ann an aithrisean na h-aithisge seo. Ge-tà, bu chòir cuimhneachadh gun robh beachdan nan diofar sheòrsaichean luchd-freagairt gu tric a’ togail nan aon phuingean no a-mach air na h-aon chùisean.
Mu dheireadh, chan eil sna beachdan a fhuaras ach beachdan nan daoine a fhreagair an co-chomhairleachadh. Bu chòir cuimhneachadh, gur iad na daoine a fhreagras co-chomhairleachadh an fheadhainn a roghnaich sin a dhèanamh. Mar sin, cha bu chòir coimhead air na toraidhean seo mar dhealbh air beachdan an t-sluaigh san fharsaingeachd.
An Còrr dhen Aithisg seo
Chithear ann an Caibideilean 2 is 3 gu h-ìosal toraidhean a’ cho-chomhairleachaidh a thaobh nam molaidhean airson buidheann theisteanas ùr agus buidheann-sgrùdaidh ùr. Sna caibideilean sin thathar a’ sealltainn nan toraidhean a tha a’ buntainn ris gach ceist sa cho-chomhairleachadh. Cuideachd sna freagairtean dhan cho-chomhairleachadh, fhuaras cuid mhath de bheachdan eile, gu tric co-cheangailte ri dòighean-obrach nam buidhnean ùra no co-cheangailte ri mar a thèid teisteanasan is measaidhean a chur air dòigh is a chur an sàs is ri modhan-sgrùdaidh. Gheibhear am fiosrachadh sin ann an Caibideil 4 agus tha e air a sheòrsachadh a rèir chuspairean an àite mu choinneimh cheistean a’ cho-chomhairleachaidh feuch nach bi ath-aithris ann. Sa chaibideil mu dheireadh, chithear na beachdan a bha a’ nochdadh a-rithist is a-rithist air feadh cheistean a’ cho-chomhairleachaidh, agus thathar a’ sealltainn dè nithear mar an ath cheum gus Bile an Fhoghlaim a thoirt air adhart.
Contact
Email: EducationReform@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback