Education Bill: consultation analysis - Gaelic
Tionndadh Gàidhlig den Sgrùdadh Neo-eisimeileach aig Wellside air freagairtean don co-chomhairleachadh air Bile an Fhoghlaim (Alba), a chaidh a choimiseanadh le Riaghaltas na h-Alba.
A’ Stèidheachadh Buidheann Theisteanas Ùr
Sa phàipear cho-chomhairleachaidh bhathar a’ sireadh bheachdan air ceithir de na molaidhean bho Aithisg Muir co-cheangailte ri bhith a’ stèidheachadh buidheann theisteanas ùr, ’s iad sin:
1. Bu chòir buidheann theisteanas ùr a stèidheachadh. Bu chòir dhan bhuidhinn ùir seo a bhith na Buidheann Phoblach Neo-roinneil (NDPB).
2. Bu chòir dhi dleastanasan buileachaidh an SQA a ghabhail os làimh, ’s iad na prìomh dhleastanasan a gheibheadh iad le sin: uallach gus teisteanasan a dhealbh is measaidhean nan teisteanasan sin a chur air dòigh, gus deuchainnean is teisteanasan-dearbhaidh nan deuchainnean a chur air dòigh, agus gus teisteanasan-dearbhaidh a thoirt seachad.
3. Bu chòir na seirbheisean fo chùmhnantan, bhom faighear teachd-a-steach, a tha an SQA a’ toirt seachad an-dràsta do bhuidhnean, riaghaltasan agus gnothachasan a bhith mar phàirt de dhleastanasan is raon-ùghdarrais an NDPB ùr. Bu chòir cuideachd gum bi an obair eadar-nàiseanta a bhios an SQA a’ dèanamh an-dràsta a bhith am measg uallaichean an NDPB ùr.
4. Bu chòir structair riaghlaidh na buidhne theisteanasan ùire atharrachadh gus am bi luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg, luchd-obrach is an luchd-ùidhe ris am bi iad a’ dèiligeadh air an riochdachadh gu ìre motha agus gus am bi a’ bhuidheann nas cunntachail dhaibh.
Taghadh Farsaing de Theisteanasan Sàr Mhath
Chaidh iarraidh air luchd-freagairt beachdan a thoirt seachad air an dàrna is an treas moladh gu h-àrd, sin, gum bu chòir dhan bhuidhinn theisteanas ùir (BTU) dleastanasan buileachaidh an SQA a ghabhail os làimh, agus gum bu chòir dhaibh obair eadar-nàiseanta an SQA agus an obair aca a nì teachd-a-steach a ghabhail os làimh cuideachd. Chaidh lèirsinn Riaghaltas na h-Alba a chur an cèill sa phàipear cho-chomhairleachaidh a thaobh mar a dheigheadh teisteanasan a dhealbh is a thoirt seachad agus chaidh a mholadh gum biodh e an urra ris a’ BhTU dèanamh cinnteach gun deigheadh an obair sin uile a chur an sàs gu h-èifeachdach mar phàirt dhen obair aca gus teisteanasan a chur air dòigh is a thoirt seachad.
C1: Dè na h-atharraichean air am bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachdachadh a thaobh mar a thathar a’ dealbh is a’ toirt theisteanasan seachad a bheireadh piseach, nur beachd-se, air builean airson sgoilearan is oileanaich na h-Alba?
Bhruidhinn luchd-freagairt air taghadh farsaing de chùisean is cuspairean, gu tric còmhla, an àite a bhith a’ moladh dìreach aon atharrachadh.
Ged a bha a’ cheist a’ bruidhinn gu sònraichte air mar a thathar a’ dealbh is a’ toirt theisteanasan seachad, bha daoine gu tric buailteach a bhith a’ bruidhinn air na h-eileamaidean is sgilean sònraichte a bu chòir a bhith air an gabhail a-steach/air an aithneachadh gu ìre nas fheàrr ann an structair nam measaidhean no nan teisteanasan, na builean a dh’fheumadh teisteanasan ùra a lìbhrigeadh, no na dòighean-obrach a b’ fheàrr leotha a thaobh chùisean obrach co-cheangailte ris a’ churraicealam, pròiseas nam measaidhean no ri bhith a’ dèiligeadh ri diofar sheòrsa chlasaichean. Thuirt cuid a dhaoine gun robh e cudromach cuimhneachadh air a' cheangal eadar an curraicealam agus measaidhean/teisteanasan agus bha iad dhen bheachd nan deigheadh atharrachadh a thoirt air dìreach aon phàirt dhen t-siostam nach fhaicte na toraidhean a bhathar a’ miannachadh a thaobh ìrean-coileanaidh/bhuilean nas fheàrr, thuirt iad gum biodh dòighean-obrach iomlanach a dhìth.
Prìomh Mholaidhean a thaobh Aithne nas Fheàrr/Leasachaidhean
Bhruidhinn luchd-freagairt air mar a bha feum air measgachadh de shlighean ionnsachaidh le teisteanasan far am bite a’ gabhail làn-ealla ri feumalachdan nan sgoilearan is nan oileanach, agus air mar a bu chòir cuideam a chur air, aithne a thoirt do agus luach a chur ann an grunn nithean. Am measg nan cùisean a bu trice air an deach bruidhinn sna freagairtean sgrìobhte agus aig na tachartasan, bha:
- barrachd aithne do dh’ionnsachadh/eòlas/coileanadh nas practaigiche, nach eil cho stèidhichte air cùisean acadaimigeach, leithid theisteanasan dreuchdail, ionnsachadh sa choimhearsnachd, obair shaor-thoileach agus greisean-obrach, agus sgeamaichean leithid Dhuaisean Diùc Dhùn Èideann, Duais Iain Muir, agus Duaisean Coileanaidh Òigridh;
- barrachd cuideim ga chur air na ceithir comasan (luchd-ionnsachaidh soirbheachail, daoine misneachail, com-pàirtichean èifeachdach, agus saoranaich earbsach), agus air taghadh nas fharsainge de sgilean, leithid daingneachd phearsanta, fèin-bhrosnachadh, conaltradh, co-rèiteachadh, obair chom-pàirteach/sgioba, sgilean eadar-phearsanta, sgilean eadar-phearsanta leasaichte, buidseatan/rian air ionmhas, beusan, loidsig is breithneachadh, a’ lorg fhuasglaidhean air duilgheadasan, sgilean practaigeach is obrach, sgilean iomairt is stiùiridh;
- feumar an aon spèis a nochdadh do agus feumaidh an aon chothrom a bhith ann air diofar theisteanasan (a’ gabhail a-steach, ach chan iad seo a-mhàin, teisteanasan acadaimigeach is dreuchdail), agus bu chòir dèanamh cinnteach gu bheil taghadh nas fharsainge de theisteanasan dreuchdail gan tabhann ann an sgoiltean;
- bu chòir gum bi aig daoine ri smaoineachadh is ionnsachadh gu ceart airson mheasaidhean a bhios a’ dearbhadh nan comasan sin, a bharrachd air a bhith a’ dearbhadh sgilean is eòlas dhaoine, agus bu chòir gluasad air falbh bho “ionnsachadh air mheomhair” agus deuchainnean a tha mar “mheasadh air cuimhne” no comasan cuimhneachaidh; agus
- gum bu chòir gluasad air falbh bho bhith “a’ teagasg airson na deuchainne” agus an dòigh-obrach far a bheil structair is susbaint an ionnsachaidh/a’ chùrsa air an dealbh mu choinneimh na deuchainne:
“Mar sin, tha e cudromach gum bi teisteanasan air an dealbh a rèir a’ churraicealaim, agus dhòighean ionnsachaidh, teagaisg, agus measaidh sna h-ìrean àrda dhen sgoil an àite na rudan sin a bhith air an stiùireadh leis na teisteanasan.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Chaidh a ràdh gum feum a h-uile sgoil curraicealam farsaing, eugsamhail is brìoghmhor a thoirt seachad (no gum feum iad com-pàirteachasan, co-bhanntachdan is dòighean-obrach didseatach a chur air dòigh gus sin a dhèanamh), agus gum feum iad cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil co-ionannachd ann a thaobh chothroman air agus mar a thèid a chur an sàs. Bhathar dhen bheachd gum feumar barrachd a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gum bithear a’ nochdadh an aon spèis do dhiofar sheòrsaichean teisteanais, agus gum feumar siostaman a stèidheachadh airson dèanamh cinnteach gum bi daoine a tha a' frithealadh ionad no sgoil nas lugha agus/no air an dùthaich a’ faighinn cothrom air an aon taghadh farsaing de chuspairean/teisteanasan ’s a gheibh daoine ann an sgìrean eile. Bhathar cuideachd dhen bheachd gun robh e cudromach gum biodh cothrom aig sgoilearan is oileanaich niùro-eugsamhail, agus aig an fheadhainn le feumalachdan taice a bharrachd, air teisteanasan. Thuirt feadhainn eile gum biodh e cudromach dèanamh cinnteach le stuthan cùrsa is dòighean-measaidh gum bite a’ gabhail ealla ri diofar chultaran agus nach bite a’ fàgail cuid a sgoilearan/oileanaich fo anacothrom, leithid na feadhna bho sgìrean/suidheachaidhean far a bheil iad fo anacothrom, mhion-chuibhreannan dhen t-sluagh, msaa. Thuirt cuid a dhaoine gum biodh e cudromach gum faigheadh daoine òga a tha ag ionnsachadh san dachaigh aca cothrom air an taghadh iomlan de theisteanasan.
Co-obrachadh
Am measg nam prìomh chùisean eile air an deach bruidhinn bha mar a dh’fheumar dèanamh cinnteach gum bi susbaint nan cùrsaichean is measaidhean freagarrach, agus gun gabh an atharrachadh, airson beatha dhaoine, an àite-obrach san àm ri teachd, agus/no foghlam adhartach/àrd-ìre. B’ e an dòigh a’ b’ fheàrr sin a dhèanamh a rèir a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt, co-obrachadh eadar am BTU agus luchd-compàirt is luchd-ùidhe, agus mhol daoine a bh’ aig na tachartasan gum feumadh luchd-ùidhe a bhith an sàs aig ìre nas practaigiche ann a bhith a’ dealbh theisteanasan.
Thuirt tòrr luchd-freagairt gum feumadh am BTU co-chonaltradh a chur air dòigh agus a dhèanamh ri taghadh farsaing de luchd-ùidhe agus cothrom a thoirt dhaibh molaidhean a thoirt seachd, luchd-ùidhe leithid: luchd-teagaisg; eòlaichean/luchd-comhairleachaidh airson chuspairean; colaistean is oilthighean; buidhnean nàiseanta; luchd-ionnsachaidh agus pàrantan/luchd-cùraim; agus fastaichean. Chaidh a mholadh gu h-àraidh gum bu chòir co-obrachadh a bhith ann le agus eadar buidhnean buileachaidh, luchd-teagaisg/-oideachaidh, colaistean is oilthighean, agus fastaichean gus modhan-obrach seasmhach is teisteanasan fa leth a stèidheachadh. Bha grunn bhuidhnean dhen bheachd gum bu chòir beachdachadh air Fiosrachadh mun Mhargaidh Shònraichte (FMS) nuair a bhite a’ dèanamh sin:
“Feumaidh sibh barrachd comhairle fhaighinn bho thidsearan fiosrach a tha an sàs san obair, agus bho fhastaichean is ionadan foghlaim adhartaich is àrd-ìre air na beàrnan a th’ ann a thaobh sgilean.” (Neach fa leth)
“Thoiribh cothrom do phrìomh luchd-ùidhe – leithid dhaoine òga, tidsearan is òraidichean, fastaichean, agus gnìomhachasan – gus pàirt a ghabhail ann a bhith a’ dealbh is a’ dèanamh measadh air teisteanasan. Nì sin cinnteach gum bi teisteanasan a’ frithealadh air feumalachdan practaigeach gach duine.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Chaidh a ràdh cuideachd (ann am freagairtean sgrìobhte agus aig tachartasan) gum feumte conaltradh a dhèanamh gu fad is farsaing a thaobh atharraichean sam bith is theisteanasan ùra agus dèanamh cinnteach gun robh daoine mothachail air na bha a’ tachairt, le bhith a’ sgaoileadh fios am measg luchd-ùidhe agus a’ mhòr-shluaigh airson cùisean a dhèanamh soilleir agus dèanamh cinnteach gum biodh tuigse aig a h-uile duine air na teisteanasan a tha rim faotainn agus gun cuireadh iad luach annta. Bhathar dhen bheachd gun robh sin gu h-àraidh cudromach airson sgoiltean is na daoine a nì feum de na teisteanasan, leithid ionadan foghlaim adhartaich is àrd-ìre agus fastaichean:
“Feumar obair a dhèanamh leis na h-àiteachan dhan tèid daoine às dèidh na sgoile leithid ghnìomhachasan agus gu h-àraidh oilthighean, airson dèanamh cinnteach gu bheil tuigse choitcheann ann air teisteanasan ùra agus air luach nan teisteanasan sin.” (Sgoiltean/Tràth-bhliadhnaichean)
“Feumaidh oilthighean is colaistean a bhith an sàs sna còmhraidhean – gu h-àraidh a thaobh na nì iad a thaobh theisteanasan airson sgilean nas teicnigiche air a bheil iarraidh mhòr – agus bu chòir am brosnachadh gus taic a chur ri taghadh farsaing de theisteanasan a bhios freagarrach airson iomadh roghainn is ceann-uidhe a bhios aig daoine. Chan e a-mhàin gum feum an treas ìre de dh’fhoghlam agus, gu cudromach, fastaichean gabhail ris na h-atharraichean seo, ach cuideachd feumaidh am mòr-shluagh gabhail riutha.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Dòighean-obrach Iomlanach a Dhìth
Chaidh a dhèanamh follaiseach ma thathar gu bhith a’ beachdachadh air atharraichean sam bith air teisteanasan (agus measaidhean) gum feumar coimhead air a’ churraicealaim, mar a tha e air a dhealbh is ath-sgrùdaidhean air, agus air feallsanachd teagaisg aig an aon àm. Chaidh a ràdh gun robh dòighean-obrach iomlanach a dhìth gus ath-leasachadh soirbheachail a chur an gnìomh. Chaidh sgrùdaidhean cunbhalach a mholadh cuideachd air a’ churraicealam agus measaidhean, gus an gabhadh an nuadhachadh agus an ùrachadh nuair a bhiodh feum air gus freagairt air atharraichean sa chomann-shòisealta, ann an teicneòlas agus ann an àiteachan-obrach/gnìomhachasan. Chaidh a dhèanamh follaiseach a-rithist gum feumadh luchd-teagaisg a bhith an sàs sna h-ùrachaidhean sin. Cuideachd, bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air na teisteanasan a gheibhear gus cur às dhan fheadhainn nach eil freagarrach tuilleadh agus feadhainn eile a stèidheachadh nan àite a tha nas freagarraiche airson a bhith ag ionnsachadh nan sgilean iomchaidh a tha dhìth san eaconamaidh/ann an gnìomhachasan.
Structair nan Teisteanasan
Chuir cuid (a’ gabhail a-steach deagh chuid de na buidhnean) taic ris na molaidhean ann an Aithisg Hayward, agus gu h-àraidh ris a’ mholadh gus Dioplòma Coileanaidh na h-Alba (SDA) a chleachdadh. Chaidh a ràdh gum bu chòir sin a chleachdadh gus ath-leasachadh a dhèanamh air teisteanasan, agus gum feumar tòiseachadh air an obair gus na molaidhean a chur an sàs:
“Bu chòir aithne fhollaiseach a thoirt dhan lèirsinn is na molaidhean a chithear san aithisg aig Louise Hayward agus ealla a ghabhail riutha gus stiùir a thoirt dhan obair airson teisteanasan a chruthachadh san ùine air thoiseach. Chaidh beachdan na dùthcha a chruinneachadh is a chur an cèill san aithisg sin agus thathar a’ cur taic làidir ris na molaidhean innte a thaobh an t-seòrsa ath-leasachaidh a chòrdadh rinn fhaicinn airson teisteanasan.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Chuir daoine eile taic ris, no mhol iad gum bu chòir beachdachadh air, na toraidhean bho Aithisg Stobart is Aithisg Withers. Cuideachd, bha taic fharsaing ann airson a bhith a’ cleachdadh ìrean Frèam Chreideasan is Theisteanasan na h-Alba (SCQF) gus slighean ionnsachaidh a chomharrachadh agus gus frèam co-cheangailte is co-aonaichte a dhealbh:
“Bu chòir do bharrachd dhaoine a bhith a’ toirt aithne do thaghadh nas fharsainge de theisteanasan, gu h-àraidh feadhainn far nach eil tòrr an crochadh air measaidhean airson an teisteanas a thoirt a-mach, gus ealla a ghabhail ris an iomadh dòigh sam bi daoine òga a’ dearbhadh an cuid eòlais agus gu bheil tuigse aca air cuspairean. Tha mi a’ cur taic ris a’ bheachd gum bu chòir frèam an SCQF a bhith mar a’ phrìomh shlat-tomhais gus ìrean-coileanaidh a mheasadh airson teisteanasan.” (Neach fa leth).
Chaidh molaidhean eile, co-cheangailte ri teisteanasan sònraichte, a thoirt seachad cuideachd. Nam measg bha gum bu chòir do chuid a theisteanasan (gu h-àraidh Nàiseanta 5 is Àrd-ìre) a bhith air an teagasg thairis air dà bhliadhna (an àite bliadhna), no gum bu chòir susbaint a’ chùrsa atharrachadh gus dèanamh cinnteach gun gabh ionnsachadh brìoghmhor a thoirt seachad taobh a-staigh bliadhna. Bha beagan dhen bheachd gum bu chòir ìrean a bhith ann taobh a-staigh an teisteanais airson Nàiseanta 4 is Nàiseanta 5 (gu math coltach ris an Ìre Choitchinn a chleachd a bhith ann) gus brosnachadh a thoirt do sgoilearan agus gus dealbh nas fheàrr a thoirt do dh’fhastaichean air comasan dhaoine. Cuideachd, chaidh a mholadh (ann am freagairtean sgrìobhte agus aig tachartasan) gum bu chòir gun urrainn do sgoilearan dà ìre a dhèanamh aig an aon àm gus cuideachadh le adhartas, dùbhlan a thoirt dhaibh agus gus leigeil le sgoilearan feuchainn air ìrean nas àirde a ruighinn gun chunnart ann nach fhaigh iad teisteanas sam bith, agus le sin cha bhi uiread de chunnart ann gum feum iad a dhol sìos ìre (me, bho Nàiseanta 5 gu Nàiseanta 4), oir bhathar dhen bheachd gum bi daoine a’ call misneachd an uair sin. Cuideachd, bhathar dhen bheachd gum bu chòir Teisteanasan Nàiseanta (TN) agus Duaisean Adhartais Nàiseanta (DAN) a bhith a’ co-fhreagairt nas fheàrr air a chèile gus leigeil le daoine gluasad eadar na dhà. Mhol daoine eile teisteanasan eadar-dhealaichte a chur an sàs, mar eisimpleir, a’ tilleadh gu teisteanasan leis an Ìre Choitchinn, teisteanasan GCSE a chur an sàs no teisteanas coltach ri baccalaureate.
Mar a Thèid Ath-leasachaidhean a Chur an Sàs
B’ e aon chùis a chaidh a thogail (an seo agus air feadh a’ cho-chomhairleachaidh) maoineachadh airson sgoiltean agus foghlam, agus thuirt luchd-freagairt gum biodh feum air maoineachadh is taic fhreagarrach, an dà chuid gus an curraicealam a chur an sàs agus gus frithealadh air feumalachdan gach neach-ionnsachaidh, agus airson beachdachadh air atharraichean agus gus na h-atharraichean sin a chur an gnìomh.
Cuideachd, chaidh a ràdh gum biodh e cudromach gum biodh ùine gu leòr aig sgoiltean ro-làimh gus eòlas a chur air na dòighean-obrach ùra. Mar sin, dh’fheumte susbaint agus slatan-tomhais airson mheasaidhean a thoirt do sgoiltean ann an deagh àm agus greis mhath mus tòisicheadh na cùrsaichean ùra. Chaidh a mholadh cuideachd gum biodh taic a bharrachd a dhìth le sgrìobhainnean stiùiridh gan toirt seachad agus bho eòlaichean air cuspairean a dh’ullaichdeadh stuthan-teagaisg, measaidhean agus eisimpleirean de fhreagairtean. Cuideachd, bhiodh maoineachadh a dhìth airson diofar chothroman leasachaidh proifeiseanta do luchd-teagaisg, agus bhiodh ùrachadh a dhìth air a’ phrògram airson Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg (CFL). A thuilleadh air sin, feumar stiùiridhean is fiosrachadh a sgaoileadh ro thoiseach na bliadhna sgoile agus chan ann às dèidh do na cùrsaichean a bhith air tòiseachadh.
Beachdan Eile
Bhruidhinn beagan dhen luchd-fhreagairt mun taobh eadar-nàiseanta dhen obair aig a’ bhuidhinn theisteanas a th’ ann an-dràsta. Ged a bha grunn dhiubh dhen bheachd gum bu chòir dhan BhTU cumail orra le bhith a’ toirt theisteanasan seachad sa chòrr dhen RA agus gu h-eadar-nàiseanta, thuirt cuid a dhaoine gun robh feum air mìneachadh air leithid a dh’obair choimeirsealta, is an teachd-a-steach a thig bhuaipe, mus b’ urrainn dhaibh beachd a thoirt seachad air a' cheist am bu chòir dhan BhTU na dleastanasan sin a ghleidheadh, agus chaidh draghan a thogail gum faodadh leithid a dhleastanasan buaidh a thoirt air na dleastanasan a bhiodh aig a’ bhuidhinn a thaobh sheirbheisean poblach.
Thog cuid a luchd-freagairt draghan mun bhuaidh a bhiodh aig na molaidhean airson BTU agus mar a dh’fhaodadh strì eadar com-pàirtean èirigh eadar am BTU agus buidhnean buileachaidh eile. Chaidh a ràdh gum faodadh e a bhith neo-iomchaidh nam biodh am BTU a’ stiùireadh chùisean airson a h-uile teisteanas ann an Alba agus a’ dealbh gach fear dhiubh, oir tha grunn bhuidhnean buileachaidh eile ann an-dràsta – bhathar a’ faireachdainn gum biodh monopolaidh ann, gum biodh cus chosgaisean ann, agus nach biodh uiread de chothroman aig luchd-ùidhe pàirt a ghabhail ann an cùisean leis an dòigh-obrach sin.
Bha dragh air cuid a luchd-freagairt nach robh mòran eadar-dhealachaidh ann eadar na molaidhean airson BTU agus dleastanasan, agus obair, an SQA. Mar sin, bhathar dhen bheachd nach deigheadh atharraichean brìoghmhor a chur an sàs:
“Tha na tha sibh air a mhìneachadh an seo an ìre mhath coltach ris mar a tha cùisean an-dràsta leis an SQA.” (Neach fa leth)
Sàr-mhathas an lùib Ionnsachadh is Teagasg
Le bhith a’ moladh BTU a stèidheachadh, bha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ri moladh an Ollaimh Muir: “Bu chòir structair riaghlaidh na buidhne a thathar a’ moladh, Teisteanasan Alba, atharrachadh gus am bi an luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg, luchd-obrach is an luchd-ùidhe ris am bi iad a’ dèiligeadh air an riochdachadh gu ìre motha agus gus am bi a’ bhuidheann nas cunntachail dhaibh.”
Gus sin a dhèanamh, chaidh trì prìomh mholaidhean a thoirt seachad sa cho-chomhairleachadh:
- bidh e mar riatanas gum bi daoine air Bòrd na buidhne theisteanas le eòlas practaigeach air an obair gus ionnsachadh is teagasg a thoirt seachad airson teisteanasan agus air na tha an lùib sin an-dràsta. Mar eisimpleir, bidh co-dhiù aon neach-teagaisg agus aon òraidiche bho cholaiste air a’ Bhòrd;
- thèid Comataidh shònraichte a stèidheachadh mar phàirt de structair na buidhne airson cho-dhùnaidhean a dhèanamh mar mheadhan gus beachdan fhaighinn bho luchd-teagaisg. Dh’fhaodadh na daoine a leanas a bhith air a’ Chomataidh seo: luchd-teagaisg a tha ag obair an-dràsta, riochdairean bho leithid na comainn phroifeiseanta is aonaidhean-ciùird aig luchd-teagaisg, agus eòlaichean le eòlas spèisealta air dòighean-teagaisg is feallsanachd teagaisg; agus
- bu chòir dhan buidhinn theisteanas “Cairt” shònraichte airson luchd-cleachdaidh a stèidheachadh airson luchd-teagaisg agus sin a dhèanamh ann an co-bhuinn riutha. Bheireadh a’ Chairt seo soilleireachd do luchd-teagaisg a thaobh na bu chòir dhaibh a bhith a’ sùileachadh bhon bhuidhinn theisteanas nuair a tha iad a’ lìbhrigeadh theisteanasan agus nuair a tha iad ag obair còmhla riutha.
C2: Ciamar as fheàrr as urrainn do Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gun gabhar ealla cheart ri beachdan luchd-teagaisg taobh a-staigh na buidhne theisteanas ùire, agus an tachair sin leis na molaidhean seo?
Bha taic làidir ann dhan bheachd gum bu chòir do luchd-teagaisg a bhith air an gabhail a-steach an lùib structair is obair a’ BhTU. San fharsaingeachd, chaidh fàilte a chur air na molaidhean a thaobh a’ Bhùird, Comataidh Chomhairleachaidh agus Cairt ùr, ge-tà, bha laigsean ann a rèir cuid a dhaoine.
Feum air Ìrean Riochdachaidh nas Motha airson Luchd-teagaisg
Bha tòrr dhaoine dhen bheachd (ann am freagairtean sgrìobhte agus aig tachartasan) gum biodh feum air barrachd air aon neach-teagaisg is aon òraidiche air a’ Bhòrd agus gum bu chòir gu leòr luchd-teagaisg/òraidichean a bhith air a’ Chomataidh gus buaidh cheart a thoirt air cùisean. Gu dearbh, mhol grunn luchd-freagairt gum bu chòir eòlas a bhith aig a’ mhòr-chuid de bhuill a’ Bhùird agus na Comataidh air a bhith a’ teagasg sgoilearan/oileanach o chionn ghoirid. Bha e gu h-àraidh a' cur dragh air luchd-freagairt, nam biodh dìreach aon neach-teagaisg agus aon òraidiche air a’ Bhòrd gum biodh e furasta na beachdan aca a chur an dàrna taobh no gun a bhith a’ gabhail ealla riutha, agus/no gum biodh e do-dhèanta dhaibh a h-uile neach-teagaisg a riochdachadh gu ceart:
“’S e ceum mòr a bhios ann nuair a thèid buidheann chomhairleachaidh luchd-teagaisg a stèidheachadh agus nuair a bhios barrachd luchd-teagaisg air a’ Bhòrd aig buidheann theisteanas ùr. Ge-tà, tha e gòrach a bhith a’ moladh gum bi dìreach aon neach-teagaisg air a’ Bhòrd… Bu chòir a’ mhòr-chuid de bhuill a’ Bhùird a bhith nan luchd-teagaisg bho gach ìre, a’ gabhail a-steach àrd luchd-stiùiridh. ’S ann an uair sin a bhiodh Bòrd ùghdarrasach ann a bhiodh a’ riochdachadh bheachdan nan daoine aig a bheil eòlas ceart air measaidhean.” (Neach fa leth)
Chaidh a dhèanamh follaiseach gun robh feum air barrachd luchd-teagaisg is òraidichean air a' Bhòrd gus am biodh daoine ann le taghadh farsaing de dh’eòlas/beachdan. Mar an ceudna, chaidh a mholadh gum bu chòir taghadh de dhaoine a bhith air na Comataidhean a nì cinnteach gum bi farsaingeachd de sheallaidhean air an riochdachadh. Leis an dà mholadh sin, bhathar dhen bheachd gum biodh feum air luchd-teagaisg ann an structairean riaghlaidh a’ BhTU a bhiodh a' riochdachadh farsaingeachd de chuspairean; sgìrean agus àiteachan SIMD; suidheachaidhean deamografach; aoisean sgoilearan; ìrean is feumalachdan; Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig; ionadan foghlaim a tha fo sgèith buidheann creideimh agus nach eil; luchd-teagaisg aig diofar ìrean dhen dreuchd aca; msaa. Chaidh a ràdh cuideachd gum bu chòir dhan luchd-teagaisg a bhith a’ teagasg an-dràsta no gum bu chòir gu bheil iad air a bhith a’ teagasg o chionn ghoirid, chaidh draghan a thogail nam biodh daoine ann nach robh air a bhith a’ teagasg o chionn ghreis nach biodh eòlas aca air cùisean mar a tha iad an-dràsta agus gum biodh iad a’ moladh rudan nach robh freagarrach. Mhol cuid a dhaoine gum bu chòir do luchd-teagaisg/òraidichean a bhith nam buill dìreach airson ùine stèidhichte (còig bliadhna aig a’ char as fhaide) no gum bu chòir a’ bhallrachd atharrachadh gu cunbhalach gus am bithear a’ cluinntinn bheachdan ùra agus gus am faighear beachdan freagarrach bho luchd-teagaisg a tha an sàs ann an obair teagaisg:
“Feumaidh riochdairean a bhith air a’ Bhòrd is air a’ Chomataidh Chomhairleachaidh ùir bho dhiofar ionadan foghlaim agus diofar ìrean, chuspairean agus sgìrean. Feumaidh ath-sgrùdadh a dhèanamh gu cunbhalach air ballrachd leithid a bhuidhnean gus an cluinnear diofar bheachdan agus gus am bi obair nam buidhnean sin fhathast earbsach is a’ togail air cùisean iomchaidh. Chan e dìreach daoine le eòlas practaigeach a tha a dhìth, mar a thathar ag ràdh sa phàipear cho-chomhairleachaidh, feumaidh luchd-teagaisg a tha fhathast a’ teagasg a bhith am measg buill a’ Bhùird.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Cuideachd, bhathar dhen bheachd gun robh “buill ùra” a dhìth sa BhTU, chan e dìreach na h-aon daoine ann am buidheann “fo ainm ùr”:
“Chan fhaigh sibh fuasgladh air na duilgheadasan le bhith a’ fastadh an aon luchd-obrach ann am buidheann fo ainm ùr. Tha daoine ùra le beachdan ùra a dhìth.” (Neach fa leth)
Ma thathar gu bhith a’ dèanamh co-chonaltradh ri luchd-teagaisg, leithid tro bhith a’ toirt cothrom dhaibh a bhith air Bòrd no Comataidh, no tro mhodhan co-chonaltraidh eile (mar a chithear ann an Caibideil 4), feumar ùine shònraichte a chur air dòigh dhaibh a bhios air a gleidheadh airson chothroman co-chonaltraidh agus feumar taic a thoirt dhaibh. Bhiodh sin a dhìth gus am biodh luchd-teagaisg is òraidichean a’ faighinn ùine dheth bho theagasg (gun a bhith a’ toirt droch bhuaidh air na clasaichean aca) agus/no gus cothrom a thoirt dhaibh a dhol an sàs ann an co-chonaltradh no co-chomhairleachaidhean san latha-obrach aca.
Comataidh a Bheir Buaidh Cheart air Cùisean
Bha grunn math luchd-freagairt dhen bheachd gun robhar gu tric air iarraidh air luchd-teagaisg beachdan a thoirt seachad san ùine a dh’fhalbh, ach gun robh daoine a’ faireachdainn nach deach ealla a ghabhail riutha, nach deach dad a dhèanamh mun deidhinn, no gun deach an cur an dàrna taobh is beachdan dhaoine eile a’ faighinn prìomhachas. Mar sin, chaidh draghan a thogail mu obair is buaidh na Comataidh a bhathar a’ moladh, agus dragh air luchd-freagairt gum bite a' toirt èisteachd gun sùim do bheachdan luchd-teagaisg an àite a bhith a’ toirt cothrom dhaibh buaidh cheart a thoirt air co-dhùnaidhean. Bhathar dhen bheachd gum feumte beachdan luchd-teagaisg a thoirt fa-near, rudeigin a dhèanamh mu na beachdan aca, agus gu cudromach, gum bu chòir innse dhaibh mu ghnìomhan no builean sam bith a bhios ann mar thoradh air a’ cho-chonaltradh. Gu dearbh, bhruidhinn grunn luchd-freagairt air conaltradh eadar am BTU is luchd-teagaisg, agus iad ag ràdh gun robh e cudromach gum faigheadh luchd-obrach fios air leasachaidhean ùra, agus fios greis ro-làimh mu atharraichean:
“Feumaidh e a bhith follaiseach do luchd-obrach gun deach ealla a ghabhail ri beachdan a thugadh seachad.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Cuideachd, thuirt grunn luchd-freagairt (a’ gabhail a-steach feadhainn aig tachartasan) gun robh na molaidhean a’ sealltainn dhòighean sam b’ urrainn do luchd-teagaisg beachdan a thoirt seachad dhan BhTU, ach nach robhar a’ toirt fiosrachadh no dearbhadh seachad a thaobh dè a’ bhuaidh a bhiodh aig na beachdan aca, no dè na structairean a bhiodh ann gus dèanamh cinnteach gun deigheadh ealla a ghabhail ri comhairle no gun deigheadh gnìomhan a chur an sàs mu choinneimh na comhairle sin. Bhathar cuideachd dhen bheachd nach robh fiosrachadh gu leòr sna molaidhean mu mar a b’ urrainn do luchd-teagaisg pàirt brìoghmhoir a ghabhail ann a bhith a’ dealbh chlàran-oideachaidh, agus mu na ghabhadh dèanamh mura robh am BTU air cumhachan na Cairte a choileanadh:
“Tha iomradh sna molaidhean air Cairt a bhiodh a’ sealltainn na bu chòir do luchd-teagaisg a bhith a’ sùileachadh bho bhuidheann ùr sam bith; ge-tà, chan eil mòran fiosrachaidh sam bith sna molaidhean air dè b’ urrainn do neach-teagaisg, roinn, sgoil no ùghdarras ionadail a dhèanamh mura deach cumhachan na Cairte a thathar a’ moladh a choileanadh. Chan eil coltas ann gu bheil na molaidhean a’ stèidheachadh dòigh èifeachdach sam biodh buidheann ùr sam bith a’ gabhail ealla ri beachdan luchd-teagaisg… Nam biodh gealltanas ann gus obrachadh le leithid a dhòigh-obrach, far am bite a’ gabhail ealla ri eòlas is fèin-fhiosrachadh an luchd-teagaisg, bhiodh e na bhuailtiche gun toireadh sin cothroman dhaibh buaidh a thoirt air obair na buidhne ùire seach ballrachd gun bhuaidh air a’ Bhòrd aca.” (An Treas Roinn)
Taghadh nas Fharsainge de Riochdairean
Ged a bhathar dhen bheachd gun robh e cudromach gum biodh luchd-teagaisg (me, tidsearan agus òraidichean) an sàs ann an cùisean, mhol grunn dhaoine is bhuidhnean gum bu chòir luchd-dreuchd eile cuideachd a bhith nam buill de Bhòrd is Comataidh a’ BhTU, leithid:
- taghadh nas fharsainge dhen fheadhainn a bhios a’ lìbhrigeadh is a’ toirt seachad theisteanasan, leithid luchd-solair trèanaidh neo-eisimeileach is san treas roinn, daoine a bhios a’ toirt ionnsachadh inbheach is coimhearsnachd seachad, roinn na h-òigridh/Luchd-obrach Òigridh/riochdairean airson Duaisean Òigridh, Com-pàirteachas an SCQF, prìosain, ionadan tèarainte agus àiteachan-obrach;
- luchd-teagaisg bun-sgoile/airson Foghlam Farsaing Coitcheann (FFC) agus luchd-obrach tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne (TCC);
- buidhnean riochdachaidh airson luchd-dreuchd is aonaidhean luchd-teagaisg – ged a chaidh beachdan a thogail an aghaidh na dhà dhiubh – thuirt cuid a luchd-freagairt gun robh e cumanta gu leòr luchd-obrach a bhith aig na buidhnean riochdachaidh nach robh a’ teagasg tuilleadh agus mar sin dh’fhaodadh nach biodh eòlas aca air na dòighean-obrach as ùire, agus bha aonaidhean a’ riochdachadh luchd-teagaisg, cha robh iad a' bruidhinn às leth dhaoine òga no foghlam san fharsaingeachd;
- ùghdarrasan ionadail;
- eòlas-inntinn foghlaim;
- daoine le eòlas spèisealta air taic airson ionnsachadh agus feumalachdan foghlaim sònraichte agus ciorraman (FFSC);
- riochdairean bho Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus daoine le eòlas air foghlam bogaidh;
- luchd-oideachaidh thidsearan; agus
- taghadh de dhaoine a nì feum de na teisteanasan, leithid oilthighean, fastaichean, buidhnean gnìomhachais/malairt.
Laigsean is Beachdan Neo-thaiceil
Chaidh a ràdh ann am freagairtean sgrìobhte agus aig na tachartasan gun robh barrachd fiosrachaidh a dhìth air adhbhar a’ Bhùird, dreuchdan, dleastanasan is obair a’ Bhùird agus na Comataidh, agus air mar a dh’obraicheadh a’ Chomataidh agus mar a bhiodh i eadar-dhealaichte bhon Chomhairle/Chomataidh Chomhairleachaidh a th’ aig an SQA an-dràsta, agus mar a dh’obraicheadh am Bòrd is a’ Chomataidh còmhla. Am measg nam puingean sònraichte bha: nach robh Prìomh Dhleastanasan na Comataidh air am mìneachadh, is cha robh fiosrachadh air modhan-aithris, cò chuireadh buill na Comataidh an dreuchd, an ceangal eadar a’ Chomataidh agus builean na Cairte, agus air mar a dheigheadh barrachd cunntachalachd is soilleireachd a chur an sàs. Bhathar dhen bheachd gun robh leithid a dh’fhiosrachadh a dhìth gus sealltainn dè cho èifeachdach ’s a bhiodh na structairean riaghlaidh. Bhathar cuideachd dhen bheachd gun robh barrachd fiosrachaidh a dhìth air cruth is susbaint na Cairte mus b’ urrainn do luchd-freagairt beachd a thoirt oirre, agus thuirt cuid a dhaoine gur dòcha nach biodh feum air a’ Chairt.
Thuirt daoine a bha an aghaidh nam molaidhean, no a bha a’ togail cheistean san fharsaingeachd mu bhuaidh nam molaidhean, gun robh a’ bhuidheann ùr gu math coltach ris a’ bhuidhinn a th’ ann an-dràsta le dòighean-obrach coltach ris an SQA, mar sin bha e doirbh dhaibh dòighean a chomharrachadh san dèanadh seo diofar mòr sam bith. Bhathar dhen bheachd nach robh feum air comataidhean is modhan-stiùiridh a bharrachd, ach b’ e a bha dhìth atharraichean susbainteach air luchd-obrach, dòighean-obrach agus air mar a nithear co-obrachadh/co-chonaltradh le luchd-teagaisg is luchd-dreuchd.
Cuideachd, thuirt cuid a dhaoine, gur iad feumalachdan fhastaichean is eaconamach as cudromaiche nuair a thig e gu bhith a’ cur leasachaidhean an sàs ann am foghlam, agus mar sin ’s dòcha nach bu chòir barrachd suime a thoirt do bheachdan luchd-teagaisg seach beachdan dhaoine eile san t-siostam.
Bidh Sgoilearan is Oileanaich na h-Alba a’ Gabhail Pàirt ann an Co-dhùnaidhean a Bheir Buaidh Orra
Chaidh a mholadh san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh – agus sin a’ togail air a’ mholadh aig an Ollamh Muir a chithear os cionn C2 – gum bu chòir buidheann theisteanas ùr a stèidheachadh gus cothroman soilleir is brìoghmhor a thoirt do dhaoine a tha ag ionnsachadh airson teisteanasan airson buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean a nì a’ bhuidheann mu theisteanasan is measaidhean. A-rithist, chaidh trì prìomh mholaidhean a thoirt seachad gus seo a thoirt gu buil:
- bu chòir buill a bhith air a’ Bhòrd as urrainn beachdan a thoirt seachad às leth dhaoine a tha ag ionnsachadh airson teisteanasan;
- thèid Comataidh shònraichte a stèidheachadh mar phàirt de structairean na buidhne airson co-dhùnaidhean foirmeil a dhèanamh. Dh’fhaodadh na leanas a bhith nam buill dhen Chomataidh seo: daoine a tha, no a bha o chionn ghoirid, ag ionnsachadh airson diofar sheòrsaichean teisteanais; buill de bhuidhnean a bhios a’ riochdachadh diofar sgoilearan is oileanaich; agus luchd-obrach spèisealta a tha an sàs ann an co-chonaltradh le sgoilearan is oileanaich; agus
- feumaidh a’ bhuidheann Cairt luchd-cleachdaidh shònraichte a dhealbh airson sgoilearan, oileanaich agus an luchd-riochdachaidh aca agus sin a dhèanamh ann an co-bhuinn riutha. Sa Chairt sin thèid na bu chòir dhaibh a bhith a’ sùileachadh bhon bhuidhinn a chur an cèill agus ’s e a tha fa-near dhuinn leatha dèanamh cinnteach gum bi na teisteanasan agus mar a thèid an lìbhrigeadh a’ frithealadh air feumalachdan nan daoine a tha airson na teisteanasan sin a thoirt a-mach.
C3: Ciamar as fheàrr as urrainn do Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gum bi na beachdan aig sgoilearan, oileanaich is luchd-ionnsachaidh eile air an riochdachadh gu ceart taobh a-staigh na buidhne theisteanas ùire, agus an tachair sin leis na molaidhean seo?
Bha a’ mhòr-chuid de bhuidhnean a’ cur taic ris a’ mholadh gus cothrom a thoirt do sgoilearan is oileanaich airson pàirt a ghabhail sa BhTU, agus ris na trì molaidhean sònraichte. Ge-tà, bha measgachadh nas motha de bheachdan aig daoine fa leth.
Taic do Luchd-ionnsachaidh gus Pàirt a Ghabhail ann an Cùisean
Chuir tòrr taic ris na molaidhean, agus thuirt luchd-freagairt gun robh iad cothromach, freagarrach agus gum bu chòir gun toireadh iad na cothroman, a bhathar a’ miannachadh, do sgoilearan is oileanaich gus pàirt a ghabhail agus beachdan a thoirt seachad. Ged a chaidh a mholadh (ann am freagairtean sgrìobhte agus le daoine aig tachartasan) gum bu chòir do sgoilearan is oileanaich a bhith an sàs ann an cùisean air feadh nan cothroman co-chonaltraidh, a-rithist, chaidh tòrr de na h-aon phuingean a thogail ’s a chunnacas fo C2 – me, gun robh farsaingeachd de riochdairean a dhìth air a’ Bhòrd agus air a’ Chomataidh le daoine bho dhiofar shuidheachaidhean sòisealta, eaconamach is deamografach, de dhiofar aoisean is bho dhiofar sheòrsaichean foghlaim, a tha an sàs ann an teisteanasan aig diofar ìrean, bho dhiofar sgìrean (a’ gabhail a-steach teisteanasan eadar-nàiseanta), agus gus dèanamh cinnteach gum bi luchd-ionnsachaidh niùro-eugsamhail, le ciorram, a tha air a bhith fo chùram, a tha fo chunnart no fo dhìon no luchd-cùraim òga air an gabhail a-steach; gun gabhar ealla cheart ri beachdan luchd-ionnsachaidh; agus gum bu chòir gum faighear fios air a’ bhuaidh a bhios aig beachdan nan sgoilearan is nan oileanach agus air na builean a thig bho na beachdan sin. Thuirt grunn luchd-freagairt gum feumar ballrachd a’ Bhùird is na Comataidh atharrachadh gu tric gus am bi luchd-ionnsachaidh orra le eòlas air foghlam mar a bhios e aig an àm. Bha daoine eile dhen bheachd gum biodh e cudromach gum biodh daoine air a’ Bhòrd/a’ Chomataidh a bha air crìoch a chur air teisteanas o chionn ghoirid (o chionn ceithir bliadhna no nas lugha), oir b’ urrainn dhaibh innse mu na dh’ionnsaich iad o chionn ghoirid agus bhiodh tuigse aca air buaidh/luach an teisteanais. Thuirt tòrr dhaoine cuideachd gun robh e cudromach dèanamh cinnteach gum faigheadh luchd-ionnsachaidh air nach eil e cho furasta ruighinn, agus daoine nach eil cho buailteach cur a-staigh airson leithid a dhreuchd, taic agus gum biodh iad air am brosnachadh gus pàirt a ghabhail:
“Tha e riatanach gun urrainn do dhaoine òga pàirt brìoghmhor a ghabhail ann an cùisean, agus nach e guth gun bhuaidh a bhios aca. Feumaidh na daoine òga, a bhios an sàs san structair riaghlaidh a thathar a’ moladh, a bhith a’ riochdachadh bheachdan is sheallaidhean caochladh luchd-ionnsachaidh, leithid na feadhna bho sgìrean bailteil agus dùthchail agus an fheadhainn aig a bheil eòlas air a bhith a’ suidhe theisteanasan. Cuideachd, bu chòir daoine a tha ag ionnsachadh airson taghadh farsaing de theisteanasan a bhith nam measg, leithid Phreantasachdan Bun-ìre agus inbhich a tha ag ionnsachadh.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Thuirt cuid a luchd-freagairt nach robh e soilleir leis na molaidhean an robhar am beachd dèanamh cinnteach gum biodh sgoilearan is oileanaich fhèin (me, clann is daoine òga) air a’ Bhòrd, no am biodh riochdairean eile (inbhich) ann nan àite. Thuirt a’ mhòr-chuid de dhaoine gum bu chòir do na sgoilearan is oileanaich fhèin an dleastanas sin a ghabhail os làimh. Ge-tà, chaidh a mholadh cuideachd gur dòcha gum bi feum aig sgoilearan is oileanaich air comasan ùra ionnsachadh, trèanadh, taic is stiùireadh gus am b’ urrainn dhaibh làn-phàirt a ghabhail, beachdan dhaoine eile a thrusadh agus a bhith air a’ Bhòrd agus air a’ Chomataidh mar riochdaire airson a h-uile sgoilear is oileanach eile.
Dòighean Co-chonaltraidh Eile
Ged a bhathar dhen bheachd gum biodh e fìor chudromach beachdan sgoilearan is oileanach a shireadh, bha diofar dhòighean air am moladh mar an dòigh a b’ fheàrr le daoine. Bha cuid ag iarraidh dòighean co-chonaltraidh eile a chur ris an fheadhainn a bhathar a’ moladh gus an gabhadh taghadh na b’ fharsainge de bheachdan a chluinntinn sa BhTU is air a’ Chomataidh/a’ Bhòrd. Bha daoine eile dhen bheachd nach robh anns na molaidhean ach cothroman co-chonaltraidh gun bhrìgh agus gum bu chòir dòighean eile a chur air dòigh gus am b’ urrainn do bharrachd sgoilearan is oileanaich pàirt a ghabhail.
Draghan mu na Molaidhean
Ge-tà, bha luchd-freagairt eile ann nach robh a’ toirt taic do na molaidhean no thog iad draghan mun deidhinn. San fharsaingeachd, bhathar dhen bheachd gum biodh e doirbh dèanamh cinnteach gum b’ urrainn do bhuidheann cho beag de sgoilearan is oileanaich, a bhiodh air a’ Bhòrd no air a’ Chomataidh, beachdan is eòlas a h-uile seòrsa sgoileir is oileanaich a riochdachadh, eadar an fheadhainn air feadh Alba agus gu h-eadar-nàiseanta. Bhathar dhen bheachd leis na molaidhean nach fhaigheadh sgoilearan is oileanaich dad ach “èisteachd gun sùim” an àite cothrom a bhith a’ riochdachadh dhaoine ann an dòigh bhrìoghmhor is cheart. Bha dragh air cuid a dhaoine gur dòcha gum biodh beachdan duine no dithis (aig am biodh na beachdan is miannan pearsanta aca fhèin) a’ stiùireadh atharraichean a bheireadh buaidh air tòrr dhaoine eile agus nach biodh na riochdairean sin a’ cur an cèill no a’ beachdachadh gu ceart air beachdan no eòlas nan daoine eile:
“Tha draghan mòra orm mu seo. Le tidsearan, tha buidhnean ann a bhios a’ feuchainn ri beachdan a h-uile duine a riochdachadh, chan eil sin ann airson daoine òga. Cluinnear guthan duine no dithis agus bheir iad buaidh air builean iomadh neach.” (Neach fa leth)
“Chan obraich neach-labhairt oir ’s e a’ chlann fhuaimneach/mhisneachail a bhios ann gach turas air feadh na dùthcha. Feumaidh sibh cluinntinn bhon chloinn shàmhaich/a tha air an dìochuimhneachadh agus a tha a’ faighinn chùisean doirbh.” (Neach fa leth)
Bha cuid dhen bheachd nach biodh gu leòr eòlas farsaing no fèin-fhiosrachadh gu leòr aig clann is daoine òga gus teisteanasan a thuigsinn no gus beachdan a thoirt orra, gu h-àraidh a thaobh nam feumalachdan a th’ aig àiteachan-obrach is foghlam àrd-ìre. Bhathar a’ faireachdainn nach biodh e furasta dhaibh molaidhean fiosrach, practaigeach a thoirt seachad a ghabhadh cur an sàs. Fiù ’s a nuair a bha luchd-freagairt a’ cur taic ris a’ mholadh gum bu chòir do sgoilearan is oileanaich pàirt a ghabhail mar luchd-comhairleachaidh, bha cuid dhen bheachd gur ann an urra ri inbhich le trèanadh is eòlas freagarrach a bu chòir dha a bhith fhathast co-dhùnaidhean a dhèanamh. Bha beagan dhaoine cuideachd dhen bheachd gum biodh beachdan am pàrantan gu tric a’ toirt buaidh air beachdan cloinne is dhaoine òga, agus thuirt daoine eile gum bu chòir prìomhachas a chur air feumalachdan a’ chomainn-shòisealta, na h-eaconamaidh agus fhastaichean, chan ann air beachdan sgoilearan is oileanach.
Dìreach mar a chaidh a ràdh mu luchd-teagaisg a bhith an sàs ann an co-dhùnaidhean, thogadh an aon seòrsa dhraghan an seo mu cho èifeachdach ’s a bhiodh a’ Chairt agus a’ Chomataidh. Thuirt luchd-freagairt (ann am freagairtean sgrìobhte agus aig tachartasan) nach robh fiosrachadh mionaideach ann air cunntachalachd, slatan-tomhais airson soirbheachas, mar a dh’obraicheadh na comataidhean comhairleachaidh le luchd-teagaisg agus sgoilearan is oileanaich còmhla, na thachradh mura gabhte ealla ri beachdan dhaoine no nan deigheadh am beachdan a chur an dàrna taobh. Gu dearbh, chaidh a ràdh, le bhith a’ stèidheachadh Comataidh “Chomhairleachaidh”, bhathar a’ sealltainn nach fheumte èisteachd ris a’ chomhairle a bheirte seachad.
Cuideachd, bha na bu lugha taice ann am measg dhaoine fa leth airson Cairt airson sgoilearan is oileanaich (an coimeas ris a’ Chairt airson luchd-teagaisg), agus thuirt tòrr a thug iomradh oirre nach robh feum oirre agus nach toireadh i mòran buaidhe no buaidh sam bith air cùisean:
“Chan eil sa chairt ach cleasachd, tha e nas cudromaiche gun tèid na gnìomhan seo fhighe a-steach air feadh amasan is phlanaichean ro-innleachdail na buidhne.” (Neach fa leth)
Ge-tà, bha daoine eile, a’ gabhail a-steach grunn bhuidhnean is dhaoine fa leth, a’ cur taic ri Cairt airson sgoilearan is oileanaich, fhad ’s a bhiodh i soilleir agus nach robh ceàird-chainnt innte:
“Thathar a’ cur fàilte air cairt airson luchd-ionnsachaidh, oir cuidichidh sin gus a dhèanamh soilleir dè bu chòir dhaibh a bhith a’ sùileachadh agus cuidichidh i daoine òga le bhith a’ tuigsinn dè bu chòir dhaibh a bhith a’ sùileachadh bhon bhuidhinn ùir.” (Ùghdarrasan Ionad)
Mhol beagan luchd-freagairt, an àite a bhith a’ stèidheachadh Chomataidhean is Chairtean fa leth airson luchd-teagaisg proifeiseanta agus sgoilearan is oileanaich, gum biodh e na b’ fheumaile ’s dòcha aon Chomataidh a stèidheachadh gus beachdan an dà bhuidhne a chluinntinn agus gus còmhraidhean a chur air dòigh eatorra, agus aon Chairt a chruthachadh dhan dà bhuidhinn.
Mu dheireadh, bha beagan dhaoine dhen bheachd gum chòir, leis a’ Chairt no eileamaid eile dhen bhuidhinn ùir, sealltainn dè bhite a’ sùileachadh bho sgoilearan is oileanaich – airson sealltainn gun robh com-pàirteachas a dhìth airson foghlam soirbheachail agus gus sealltainn dè na dleastanasan is uallaichean a bhiodh air sgoilearan/oileanaich an lùib foghlam agus ann a bhith a’ cosnadh teisteanas.
Slatan-tomhais Sàr Mhath airson Teisteanasan ann an Alba
Chithear sa phàipear cho-chomhairleachaidh molaidhean airson dhleastanasan barantachaidh (me, a’ dèanamh cinnteach gu bheil teisteanasan a’ coileanadh shlatan-tomhais a tha aithnichte gu nàiseanta). Chaidh a ràdh gum bu chòir na dleastanasan barantachaidh a bhith air an cumail fa leth bhon riaghaltas agus gum biodh iad aig a’ BhTU. Mar sin, bhiodh e an urra ris a’ BhTU slatan-tomhais a stèidheachadh airson bhuidhnean buileachaidh a tha a’ toirt theisteanasan seachad ann an Alba (ach a-mhàin airson cheuman oilthighe) agus a tha a’ sireadh barantachadh airson nan teisteanasan aca, agus bhiodh e an urra riutha cuideachd co-dhùnadh a dhèanamh air cò na teisteanasan a choilean na slatan-tomhais sin gus inbhe bharantaichte a chosnadh. Dheigheadh structairean riaghlaidh a stèidheachadh sa BhTU gus dèanamh cinnteach gun deigheadh na dleastanasan airson slatan-tomhais a stèidheachadh agus teisteanasan a bharantachadh a choileanadh air stèidh neo-eisimeileach is fa leth bho obair na buidhne gus teisteanasan na buidhne fhèin a lìbhrigeadh.
C4: Ciamar as urrainn do Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil na teisteanasan a thathar a’ tabhann ann an Alba earbsach, sàr-mhath agus freagarrach?
B’ e ceist fharsaing a bh’ innte, agus mar sin thug luchd-freagairt taghadh farsaing de bheachdan is molaidhean seachad, agus bha tòrr fhreagairtean ann nach robh ceangailte ri barantachadh no ris na modhan-barantachaidh a bhathar a’ moladh. Am measg nan cuspairean air an tugadh iomradh bha: na b’ fheàrr le daoine a thaobh cruth nam measaidhean no cuin a bhiodh iad gan cumail no an seòrsa theisteanasan a bhite a’ tabhann; cùisean practaigeach co-cheangailte ri measaidhean/deuchainnean; gum feum measaidhean dearbhadh a thoirt seachad air sgilean, eòlas is tuigse shònraichte; a’ cleachdadh teicneòlas, TF is AI ann an cùrsaichean, measaidhean is ann a bhith a’ dealbh theisteanasan; agus molaidhean airson an t-siostaim a bhiodh a dhìth gus am b’ urrainn do dh’Alba ìre na b’ àirde a ruighinn ann an clàran-coileanaidh eadar-nàiseanta airson foghlam. Am measg nan cùisean, a thog daoine, a bu dlùithe a bha a’ buntainn ris na molaidhean airson barantachadh theisteanasan bha: structair riaghlaidh a’ BhTU; gum feum slatan-tomhais a bhith co-ionann ri slatan-tomhais eadar-nàiseanta; an siostam barantachaidh saor-thoileach; agus gum feumadh pàirt a bhith aig luchd-ùidhe ann am barantachadh. Cuideachd, thugadh adhbharan seachad carson nach robh daoine a’ cur taic ris na molaidhean.
Structairean Riaghlaidh
Bha cuid a luchd-freagairt dhen bheachd nam biodh e an urra ris a’ BhTU slatan-tomhais a stèidheachadh is barantachadh a chur an sàs, gum biodh sin ciallach, gum bite a’ stèidheachadh dhleastanasan soilleir agus cothroman gus dèanamh cinnteach gu bheil ceangal eadar an dà dhleastanas. Bhathar cuideachd dhen bheachd gum biodh e fìor chudromach gum biodh a’ bhuidheann fa leth bhon riaghaltas:
“Gus earbsachd is inbhean àrda nan teisteanas a ghleidheadh, tha e deatamach gum bi na modhan-barantachaidh fhathast neo-eisimeileach agus fa leth bho stiùir an riaghaltais. Le bhith a’ fàgail nan dleastanasan sin air a’ bhuidhinn theisteanas ùir, thathar a’ dèanamh cinnteach gum bi iad neo-phàirteach agus nach toir cùisean poilitigeach buaidh orra. Bu chòir an neo-eisimeileachd seo a dhèanamh follaiseach, agus sin a’ dearbhadh gu bheilear ag amas air co-dhùnaidhean cothromach gun leiteachas a dhèanamh a thaobh chùisean co-cheangailte ri barantachadh.” (An Roinn Iar-sgoile/Colaistean/Oilthighean)
Ge-tà, thuirt cuid a luchd-freagairt, seach gum biodh a’ bhuidheann fo ùghdarras Riaghaltas na h-Alba/cunntachail do Mhinistearan, gun robh ceistean ann a thaobh dè cho neo-eisimeileach ’s a b’ urrainn dhi a bhith.
Thuirt grunn luchd-freagairt nach robh fiosrachadh soilleir no mionaideach ann mun raon-ùghdarrais is na modhan-riaghlaidh airson nan dleastanasan seo aig a’ BhTU. Bha ceistean gu h-àraidh aig luchd-freagairt mu dhreuchd an Neach-ghairm, dleastanasan buill na Comataidh a bhiodh fo stiùir an Neach-ghairm agus cò na buill a bhiodh ann, agus an ceangal eadar a’ Chomataidh agus Bòrd a’ BhTU. Bha barrachd fiosrachaidh a dhìth mus b’ urrainn do luchd-freagairt beachdan fiosrach a thoirt seachad air a’ chùis seo no mus b’ urrainn dhaibh a bhith cinnteach gun robh leithid a mhodhan-obrach freagarrach. Bha luchd-freagairt cuideachd ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu mar a dheigheadh na dleastanasan seo aig a’ BhTU a choileanadh gu practaigeach:
“…chan eil fiosrachadh gu leòr sa cho-chomhairleachadh gus breithneachadh ceart a dhèanamh air cho math ’s a bhiodh na modhan-riaghlaidh a thathar a’ moladh agus air co-dhiù a dhèanadh no nach dèanadh iad cinnteach gun deigheadh na dleastanasan seo a choileanadh ann an dòigh shoilleir, cho-ionann is chothromach.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Bhruidhinn beagan luchd-freagairt eile air mar a dh’fheumte dèanamh cinnteach gum biodh luchd-obrach sàr-mhath, le trèanadh is eòlas math air am fastadh aig a’ BhTU, agus thuirt iad gun robh e cudromach gum bite a’ cur prìomhachas air luchd-teagaisg, sgoilearan is oileanaich an lùib nam modhan-barantachaidh.
Barantachadh a Chumas ri Slatan-tomhais Eadar-nàiseanta
B’ e fear de na prìomh chuspairean air an do bhruidhinn luchd-freagairt, cho cudromach ’s a bhiodh e dèanamh cinnteach gum biodh na teisteanasan a bhiodh gan tabhann ann an Alba/leis a’ BhTU co-ionann ris an fheadhainn a gheibhte sa chòrr dhen RA no gu h-eadar-nàiseanta, no gun gabhadh coimeas a dhèanamh eatorra, a thaobh càileachd/slatan-tomhais sàr-mhath. Gus sin a dhèanamh, chaidh a mholadh gum bu chòir bun-mheasadh a dhèanamh agus na bun-ìrean sin a sgrùdadh gu cunbhalach:
“Bu chòir leis an ath-sgrùdadh beachdachadh air dearbhadh bhon taobh a-muigh is bun-mheasadh tro bhith ag obrachadh còmhla ri buidhnean dearbhaidh càileachd eadar-nàiseanta airson foghlam. Bheireadh sin sealladh bhon taobh a-muigh dhuinn air càileachd nan teisteanasan agus cò ris a tha iad coltach an coimeas ri teisteanasan eile.” (An Treas Roinn)
Mhol cuid a dhaoine na siostaman theisteanas soirbheachail a gheibhear ann an dùthchannan eile a chur an sàs ann an Alba feuch nach biodh dàil ann no gus dèanamh cinnteach nach bite ri “ath-obair is ath-chruthachadh”.
Siostam airson Barantachadh Saor-thoileach
Bha measgachadh de bheachdan aig daoine a thaobh dè cho freagarrach ’s a bhiodh e barantachadh saor-thoileach a bhith ann fhathast airson teisteanasan a bheireadh buidhnean eile seachad. Bha cuid dhen bheachd nach bu chòir barantachadh saor-thoileach a bhith ann tuilleadh gus dèanamh cinnteach gum biodh càileachd gach teisteanas air a dearbhadh agus gum bite a’ tomhas luach gach teisteanas a rèir nan aon slatan-tomhais:
“Bu chòir a h-uile teisteanas… a’ gabhail a-steach an fheadhainn a gheibhear sna preantasachdan ann an Alba, a bhith air am barantachadh, fo riaghladh, agus mar phàirt de Fhrèam Chreideasan is Theisteanasan na h-Alba (SCQF).” (Buidhnean Buileachaidh)
“Bu chòir gach teisteanas a bhith air a bharantachadh agus roghainnean matha a thabhann a tha a’ frithealadh air feumalachdan taghadh farsaing de luchd-ionnsachaidh.” (Sgoiltean/Na Tràth-bhliadhnaichean)
Ge-tà, thuirt daoine eile gun robh modhan-obrach aig buidhnean buileachaidh eile mu thràth airson barantachadh, dearbhadh agus dearbhadh càileachd, agus mar sin bha iad dhen bheachd gum biodh e na bu fhreagarraiche, le bhith a’ stèidheachadh a’ BhTU, gum biodh siostam airson barantachadh saor-thoileach ann. Bhathar gu h-àraidh dhen bheachd gum biodh e freagarrach teisteanasan oilthighe a chumail fa leth bho agus taobh a-muigh raon-ùghdarrais is modhan-barantachaidh a’ BhTU seach gum bi oilthighean a’ cleachdadh nam modhan-barantachaidh buadhach aca fhèin:
“…tha sinne dhen bheachd gum biodh sin a’ ciallachadh nach biodh e mar riatanas gum biodh a h-uile teisteanas nach buin ri Ionad Foghlam Àrd-ìre a’ tighinn fo riaghladh agus fo shiostam barantachaidh na buidhne ùire agus iad a’ faighinn chreideasan a rèir an SCQF. Bheireamaid taic dhan dòigh-obrach seo far am bite fhathast a’ cur siostam dearbhaidh càileachd an sàs le cumhachdan tiomnaichte, siostam a tha sùbailte agus a ghabhas ealla ri diofar fheumalachdan." (Buidhnean Buileachaidh)
Cothroman Com-pàirt agus Taic do Luchd-ùidhe an Lùib Barantachaidh
Bha aonta farsaing ann gum b’ ann riatanach a bhitheadh e gum biodh am BTU fhèin agus na teisteanasan a bhite a’ tabhann a’ freagairt air feumalachdan luchd-ionnsachaidh agus dhaoine eile, agus thuirt tòrr luchd-freagairt gum feumadh taghadh farsaing de luchd-ùidhe a bhith an sàs ann an cùisean gus dèanamh cinnteach gun tachradh sin. Bha iarrtas farsaing ann airson luchd-teagaisg is luchd-ùidhe eile a bhith an sàs sa phròiseas bharantachaidh:
“Iarr air prìomh luchd-ùidhe pàirt a ghabhail sa phròiseas bharantachaidh, leithid luchd-oideachaidh, luchd-dreuchd proifeiseanta bho ghnìomhachasan, agus oileanaich. Le sin, nithear cinnteach gum faighear taghadh farsaing de bheachdan, agus gum bi na teisteanasan a’ freagairt air na feumalachdan foghlaim is practaigeach a th’ aig daoine.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Cuideachd, chaidh a ràdh gum feumte dèanamh cinnteach gum biodh goireasan is maoineachadh gu leòr ann air feadh an t-siostaim fhoghlaim airson dèanamh cinnteach gum biodh inbhean àrda ann agus gun deigheadh teisteanasan sàr-mhath is iomlan a dhealbh. Bha draghan air cuid a dh’ùghdarrasan ionadail is sgoiltean gum biodh na modhan-obrach airson barantachadh is dearbhadh càileachd a’ fàgail uallach air sgoiltean/luchd-obrach nan sgoiltean agus gum feumadh iad cus ùine a chosg orra, agus mar sin thuirt iad gum feumadh dòighean-obrach freagarrach a bhith ann le taic is maoineachadh ceart.
Thuirt cuid a bhuidhnean gun robh eòlas aca air a bhith a’ dealbh theisteanasan, air obair mar ionad barantaichte, no air a bhith a’ dealbh mhodhan dearbhaidh càileachd is barantachaidh agus thuirt iad gum biodh iad deònach bruidhinn ris an riaghaltas mun eòlas sin agus mu na dh’ionnsaich iad gus cuideachadh leis a’ phàirt seo.
Daoine nach Tug Taic do na Molaidhean
Bha cuid a luchd-freagairt (daoine a chuir freagairt sgrìobhte a-steach agus daoine aig tachartasan) an aghaidh a’ bheachd gum bu chòir dha a bhith an urra ris a’ BhTU an dà chuid teisteanasan a dhealbh is a bhuileachadh, agus na teisteanasan sin a dhearbhadh/a bharantachadh. Bhathar dhen bheachd gum bu chòir do dhà bhuidhinn fa leth a bhith a’ dèiligeadh ris na h-eileamaidean sin:
“Mholamaid bòrd neo-eisimeileach a stèidheachadh, fa leth bhon BhTU, gus am pròiseas barantachaidh a stiùireadh. Leis a’ chomataidh a thathar a’ moladh taobh a-staigh a’ BhTU, fiù ’s le neach-gairm fa leth agus riatanasan aithris, dh’fhaodadh nach biodh sin cho neo-eisimeileach agus cho buadhach ri bòrd a bha gu tur neo-eisimeileach is fa leth.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
“Tha sinn a’ moladh gu mòr do Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir dhaibh beachdachadh as ùr air na tha iad a’ moladh airson dhleastanasan barantachaidh is buileachaidh aig a’ bhuidhinn theisteanas ùir, bu chòir dhaibh an cothrom a ghabhail leis an iomairt gus na h-ath-leasachaidhean seo a chur an sàs agus cur às dhan strì eadar com-pàirtean a gheibhear an-dràsta leis mar a tha cùisean.” (Gnìomhachasan is An Roinn Phrìobhaideach)
Chaidh a ràdh cuideachd, nam biodh an dà dhleastanas fo sgèith na h-aon bhuidhne, gum biodh sin a’ dol an aghaidh nam molaidhean a fhuaras ann an Aithisg OECD bho 2021 agus Aithisg Muir, oir mhol na dhà dhiubh sin na dleastanasan sin a chumail fa leth bho chèile:
“B’ e an tuigse a bh’ againn gum biodh a’ bhuidheann seo fa leth bhon Bhuidhinn Bhuileachaidh aig an SQA, agus gu dearbh b’ e sin a chaidh a mholadh ann an aithisg Muir. Ge-tà, san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh thathar ag ràdh, ged a bhiodh modhan-riaghlaidh fa leth aig an dà bhuidhinn, gum biodh iad ceangailte ann an dòigh air choreigin. Tha sinn a’ moladh gu mòr… gu bheil feum air dà bhuidhinn fa leth gus nach bi na dleastanasan aca a’ dol an lùib a chèile agus gus an tèid na dleastanasan a choileanadh gun leiteachas. Tha a’ bhuidheann a thathar a’ moladh sa cho-chomhairleachadh car coltach ris an SQA mar a tha e an-dràsta le dà phàirt – fear airson teisteanasan agus pàirt airson barantachadh. Chan eil sinn a’ smaoineachadh gum biodh e gu mòran feum ath-leasachadh a dhèanamh far am bite a’ cumail ris an aon structair, agus tha sinn dhen bheachd gur e an aon dòigh dèanamh cinnteach nach bi na h-aon duilgheadasan aig an t-siostam Albannach a-rithist dà bhuidhinn a stèidheachadh a tha gu tur fa leth bho chèile.” (Buidhnean Buileachaidh)
A thuilleadh air na briathran gu h-àrd, bha cuid a luchd-freagairt dhen bheachd gum biodh na molaidhean a’ ciallachadh nach fhaighte ach siostam barantachaidh gu math coltach ris an fhear a th’ ann mu thràth ach fo ainm no ann an riochd eile agus mar sin cha robh iad a’ smaoineachadh gun atharraicheadh mòran ri linn nam molaidhean.
Thog beagan dhaoine ceistean mun bhriathrachas is cainnt a chleachdadh san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh. Bhathar gu h-àraidh dhen bheachd gun robh feum air mìneachadh na bu shoilleire air faclan leithid ‘earbsach’, ‘inbhe/ìre àrd’, agus ‘freagarrach/a’ freagairt air feumalachdan’, agus gun robh fiosrachadh a dhìth air cò ris a bhiodh e an urra ciall leithid a bhriathrachas a stèidheachadh agus am biodh am BTU a’ cumail ris na riatanasan/slatan-tomhais sin.
Teisteanasan ann am Foghlam agus Sgilean: Siostam Iomlanach
Gus coimhead air a’ mholadh aig an Ollamh Muir – “Gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean nàiseanta eile obrachadh còmhla ann an dòigh nas èifeachdaiche gus dèanamh cinnteach gum bi poileasaidhean a’ co-fhreagairt air a chèile agus air lèirsinn ùr sam bith airson foghlam Albannach” – chuir am pàipear co-chomhairleachaidh an cèill dòighean sam b’ urrainn dhan BhTU obair a choileanadh is cùisean a stiùireadh gu nàiseanta a thaobh theisteanasan fhad ’s a bhiodh iad mar phàirt de shiostam foghlaim is sgilean iomlanach a tha a’ frithealadh air a h-uile neach. Am measg nam molaidhean sònraichte bha:
- fòram nàiseanta èifeachdach a stèidheachadh trom faodadh buill beachdan neo-eisimeileach is neo-phàirteach a thoirt seachad, air na raointean air a bheil eòlas sònraichte aca, dhan BhTU – coltach ris a’ Chomhairle Chomhairleachaidh aig an SQA;
- gum chòir dhan BhTU obrachadh gu dlùth còmhla ris a h-uile buidheann foghlaim is sgilean nàiseanta, Riaghaltas na h-Alba, agus lìonraidhean ionadail is sgìreil leithid cholaistean is buidhnean sgilean; agus
- gum chòir dhan BhTU conaltradh soilleir a dhèanamh ann an deagh àm, gus dèanamh cinnteach gum faigh gach cuibhreann dhen chomann-shòisealta fiosrachadh air na tha iad a’ dèanamh, agus carson a tha iad ga dhèanamh. Le sin, nithear cinnteach gun urrainn dhan a h-uile neach le ùidh ann an obair na buidhne a’ bhuidheann a dhèanamh cunntachail airson na nì iad.
C5: Ciamar as fheàrr as urrainn dhan bhuidhinn theisteanas, nur beachd-se, obrachadh le càch ann an siostam an fhoghlaim is nan sgilean gus am bi builean nas fheàrr ann airson a h-uile duine?
Ged a bhruidhinn cuid a luchd-freagairt air cùisean nach robh ceangailte ris na molaidhean sònraichte seo (leithid chùisean practaigeach a thaobh mar a bu chòir dhan BhTU a bhith ag obrachadh, ciamar a bu chòir teisteanasan a dhealbh, roghainnean a thaobh diofar sheòrsa mhodailean measaidh, no cùisean a ghabhadh leasachadh ann am foghlam san fharsaingeachd), bha coltas ann robh a' mhòr-chuid de luchd-freagairt a’ cur taic ris a’ mholadh gun steidhicheadh am BTU dòighean co-obrachaidh làidir is èifeachdach gus obrachadh còmhla ri daoine eile.
Fòram Nàiseanta airson a’ BhTU
Thuirt cuid a luchd-freagairt gum b’ e beachd math a bh’ ann Fòram Nàiseanta a stèidheachadh gus comhairle is beachdan a thoirt dhan BhTU. Bha iad a’ smaoineachadh gun toireadh seo dòigh/cothrom eile do dhaoine gus beachdan a thoirt seachad, seallaidhean neo-eisimeileach is neo-phàirteach a chur an cèill is comhairle a thoirt dhaibh, agus gun deigheadh ìre eile de sgrùdadh is cunntachalachd a stèidheachadh a thaobh obair a’ BhTU. Chaidh a mholadh gum bu chòir taghadh farsaing de bhuidhnean a bhith air an fhòram seo, gum bu chòir dha a bhith fosgailte dhan a h-uile neach le ùidh sa chùis, agus gum bu chòir dha aithris a dhèanamh air cùisean gu poblach is gu cunbhalach:
“Tha mi a’ cur taic ris a’ mholadh airson fòram nàiseanta a bheir beachdan neo-eisimeileach is neo-phàirteach seachad dhan bhuidhinn theisteanas. Dh’fhaodadh seo a bhith mar mheadhan gus beachdan a chluinntinn bho chaochladh dhaoine, gus cur ri soilleireachd is cunntachalachd, agus gus co-dhùnaidhean fiosrach a dhèanamh, agus sin a’ cur ri earbsachd is cothromachd siostam theisteanas na h-Alba.” (Neach fa leth)
“Le bhith a’ stèidheachadh fòram nàiseanta èifeachdach, coltach ris a’ Chomhairle Chomhairleachaidh, gheibhear daoine le diofar bheachdan is seòrsaichean eòlais, agus nì sin cinnteach gum bi siostam nan teisteanas a’ frithealadh air feumalachdan ghnìomhachasan is luchd-ionnsachaidh." (Gnìomhachasan is An Roinn Phrìobhaideach)
A-rithist, chaidh a mholadh, ma bha daoine sònraichte gu bhith nam buill dhen fhòram seo, gum feumadh na buill a bhith air airson ùine shònraichte agus mar sin gun deigheadh ballrachd an fhòraim atharrachadh gus dèanamh cinnteach gun cluinnte beachdan diofar dhaoine agus gum biodh diofar dhaoine an sàs ann. Cuideachd, chaidh rabhadh a thoirt seachad gum faodadh am fòram a bhith gun bhuaidh mura deigheadh rian ceart a chumail air agus mura biodh riochdairean freagarrach air:
“…tha cunnart ann nach bi ann ach ‘cothrom còmhraidh’ gun bhuaidh no brìgh mura dèanar cinnteach gum bi riochdairean ceart ann.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Ge-tà, cha tug a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt beachd sònraichte seachad air Fòram Nàiseanta is mar a dheigheadh a stèidheachadh/a chleachdadh, bhruidhinn iad ann an dòigh na b’ fharsainge air mar a dh’fheumadh am BTU comhairle a ghabhail bho luchd-ùidhe. Bhathar dhen bheachd, às bith dè seòrsa chomataidhean, bhùird, fhòraman no bhuidhnean a bhiodh ann, gum bu chòir taghadh farsaing de luchd-ùidhe a bhith an sàs annta, gum bu chòir co-chomhairleachadh is co-chonaltradh cunbhalach a dhèanamh, no gum bu chòir dhan BhTU luchd-ùidhe fhastadh/fho-fhastadh airson obrachadh dhaibh, airson dèanamh cinnteach gun cluinnear farsaingeachd de bheachdan agus gum bi co-obrachadh ceart ann.
Co-obrachadh
Chaidh a mholadh gum bu chòir dhan BhTU modhan-obrach co-obrachail is com-pàirteach a chleachdadh gus co-chonaltradh a dhèanamh ri farsaingeachd de luchd-ùidhe aig gach ìre, agus ri feadhainn aig a bheil eòlas spèisealta, airson dèanamh cinnteach gum bi na teisteanasan a’ freagairt air feumalachdan dhaoine:
“Le bhith ag obair gu dlùth agus gu h-èifeachdach còmhla ri buidhnean foghlaim is sgilean, agus gnothachasan is fastaichean, ’s urrainn dhan bhuidhinn theisteanas ùir dèanamh cinnteach gum bi na teisteanasan a’ freagairt air feumalachdan dhaoine òga, luchd-oideachaidh, agus air saoghal acadaimigeach is saoghal obrach a tha a' sìor atharrachadh.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Mhol cuid a luchd-freagairt cò còmhla ris a bu chòir dhan BhTU obrachadh agus/no cò bu chòir a bhith air an Fhòram Nàiseanta. Nam measg bha luchd-teagaisg is òraidichean (bha e cudromach gum biodh luchd-obrach clas nam measg, bu chòir taic fhreagarrach a bhith ann dhaibh gus ùine a ghabhail dheth bho na dleastanasan clas aca no airson leigeil leotha dleastanasan na dàrna dreuchd a ghabhail os làimh); ionadan ionnsachaidh; sgoilearan is oileanaich (de gach aois is bho gach ìre); pàrantan/luchd-cùraim; ùghdarrasan ionadail; foghlam adhartach is àrd-ìre; gnothachasan/fastaichean; buidhnean cosnaidh/malairt; riochdairean FMG; riochdairean airson co-ionannachd agus buidhnean spèisealta eile a bheireadh comhairle seachad a thaobh chùisean co-cheangailte ri mion-shlòigh is mhion-chuibhreannan dhen t-sluagh; buidhnean buileachaidh is maoineachaidh eile; an treas roinn; buidhnean riochdachaidh, proifeiseanta agus taice; agus buidhnean poblach eile.
Bhathar cuideachd dhen bheachd gum feumadh am BTU a bhith na b’ mhothachaile air atharraichean is feumalachdan dhaoine agus na bu shùbailte nan dòighean-obrach, agus iad a’ sireadh bheachdan bho luchd-ùidhe gu cunbhalach agus a’ dèanamh atharraichean/ùrachaidhean nuair a bhiodh feum orra.
Conaltradh
Bha a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt a thug beachd seachad air conaltradh a-mach air mar a dh’fheumadh am BTU èisteachd ri luchd-ùidhe, an àite a bhith a’ bruidhinn air dòighean san sgaoileadh am BTU na brathan-conaltraidh aca fhèin. Bhathar dhen bheachd gun robh feum air siostaman comhairleachaidh is conaltraidh làidir is buadhach, gus dèanamh cinnteach, agus e cho cudromach, gun tèid èisteachd, is ealla a ghabhail, ri beachdan luchd-ùidhe agus gun tèid gnìomhan a dhèanamh ri linn nam beachdan sin:
“Feumaidh na daoine san t-siostam a bhith a’ faireachdainn gu bheilear ag èisteachd riutha agus feumaidh a’ bhuidheann ùr a bhith mothachail air beachdan/fianais an luchd-ùidhe agus ealla a ghabhail riutha gun dàil… Feumaidh an SQA barrachd co-chonaltraidh a dhèanamh, agus èisteachd ri is ealla a ghabhail ri beachdan gach neach-ùidhe.” (Ùghdarrasan Ionadail)
A thaobh nan daoine a bhruidhinn air conaltradh air an taobh a-muigh, chaidh a mholadh gum bu chòir dhan BhTU dòighean-conaltraidh soilleir a stèidheachadh coltach ri “Na Thuirt Thusa, Na Rinn Sinne” airson dèanamh cinnteach gum faigh luchd-ùidhe fiosrachadh mar bu chòir agus gum faiceadh iad gun deach èisteachd riutha, agus nuair nach deach gabhail ri comhairle gun tuigeadh iad carson. Chaidh a mholadh cuideachd gum bu chòir geàrr-chunntasan nan coinneamhan fhoillseachadh gu poblach, agus brathan-conaltraidh a sgaoileadh gu farsaing, leithid sna meadhanan nàiseanta an àite dìreach ann an irisean foghlaim:
“Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach gun èist iad ri beachdan dhaoine eile… Tha fios agam nach urrainn dhaibh na tha a h-uile neach-ùidhe ag iarraidh a choileanadh, ach nuair nach deach gabhail ris na molaidhean aca, bhiodh e feumail nam mìnicheadh iad carson a rinneadh co-dhùnaidhean agus carson nach do ghabh iad ri cuid a mholaidhean.” (Neach fa leth)
Chaidh a mholadh cuideachd gum bu chòir ro-innleachd conaltraidh shoilleir a dhealbh, le clàr-ama gus an gabh planadh a dhèanamh.
Cuideachd, thuirt cuid a luchd-freagairt gun robh taghadh farsaing de lìonraidhean ionadail, roinneil is nàiseanta ann mu thràth a b’ urrainn dhan BhTU a chleachdadh, an dà chuid gus fiosrachadh a sgaoileadh agus gus beachdan a shireadh. Bhathar cuideachd dhen bheachd gum biodh leithid a lìonraidhean feumail ann a bhith a’ trusadh bhall airson chomataidhean/an fhòraim.
Cùisean a Thog Ceann/a bu Chòir a Thoirt Fa-near
Thuirt cuid a luchd-freagairt gum feumadh buaidh is brìgh a bhith ann le co-obrachadh sam bith, agus bha dragh orra gur dòcha nach tigeadh piseach air cùisean le bhith dìreach a’ cruthachadh chomataidhean is fòraman. Cuideachd, bhathar dhen bheachd, le bhith a’ stèidheachadh grunn chomataidhean, fhòraman agus bhuidhnean comhairleachaidh eile gum faodadh a’ bhuidheann ùr a bhith car slaodach, ro thoinnte is ro bhiurocratach na h-obair:
“Tha coltas ann a-rithist bho na thathar a’ moladh gum biodh Fòram eile mar mheadhan gus buaidh a thoirt air cùisean – gu math coltach ris na fo-chomataidhean is ‘cairtean’ air an deach bruidhinn roimhe. Buaidh air dè ge-tà? Dè bhios am Bòrd fhèin a’ tuigsinn agus a’ dèanamh? Cia mheud buidheann, cairt is fòram eile a bhios a dhìth gus am bi am Bòrd aig a’ bhuidhinn ùir èifeachdach gu leòr? Le grunn bhuidhnean, chairtean is fhòraman leth-eisimeileach, tha cunnart ann gum bi eòlas dhaoine, beachdan is beachdan ùra air an call no air am mùchadh am measg cus bheachdan eile.” (A’ riochdachadh phàrantan/luchd-cùraim agus/no clann is dhaoine òga)
A-rithist, bha grunn luchd-freagairt dhen bheachd nach robh na molaidhean soilleir a thaobh ciamar a dheigheadh na prìomh dhleastanasan is roghainnean a chur an gnìomh, ciamar a dh’obraicheadh an siostam, agus dè an t-àite a bhiodh aig buidhnean com-pàirt sònraichte ann an comataidhean, buidhnean comhairleachaidh, fòraman, agus an lùib nam modhan co-obrachaidh.
Cuideachd, chaidh ceistean a thogail mu bhriathrachas a-rithist le cuid a luchd-freagairt. Cha robh iad cinnteach dè bhathar a’ ciallachadh le ‘builean nas fheàrr’ agus ‘freagarrach/a’ freagairt air feumalachdan’, agus cò ris a bhiodh e an urra slatan-tomhais airson soirbheachas aontachadh. Bha luchd-freagairt ag iarraidh aithris shoilleir air ‘adhbhar na buidhne’.
Thuirt grunn luchd-freagairt, ged nach robh dad aca an aghaidh nam molaidhean a bh' ann, cha robh iad a' dèiligeadh ri tòrr de na prìomh dhuilgheadasan ann am foghlam. Chaidh a ràdh gum feumte ath-leasachadh na b’ fharsainge a dhèanamh, seach dìreach a bhith a’ stèidheachadh BTU (agus Foghlam Alba is a’ bhuidheann-sgrùdaidh air am bithear a’ coimhead san ath-chaibideil), agus gum bu chòir coimhead air na modhan lìbhrigidh airson foghlam air fad agus air buidhnean eile a th’ ann. Cuideachd, chaidh a ràdh gum feumte atharraichean farsaing a thoirt air saoghal an fhoghlaim seach dìreach crathadh a thoirt air na structairean. Chaidh a mholadh cuideachd gum faodadh Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg (CFL) a bhith aig teis-meadhan nam planaichean airson atharraichean.
A-rithist, thuirt beagan luchd-freagairt nach robh na bhathar a’ moladh mòran eadar-dhealaichte bho adhbhar is structair an SQA mar a tha e:
“An-dràsta, chan eil e soilleir ciamar a bhiodh a’ bhuidheann ùr eadar-dhealaichte bhon tè a th’ ann mu thràth… Feumaidh a’ bhuidheann theisteanas ùr obrachadh còmhla ri buidhnean foghlaim is sgilean nàiseanta, Riaghaltas na h-Alba, agus lìonraidhean ionadail is sgìreil, a’ gabhail a-steach sgoiltean, colaistean, agus buidhnean sgilean – ge-tà, nach e sin an dearbh rud a bhios an SQA a’ feuchainn ri dhèanamh?” (Ùghdarrasan Ionadail)
Contact
Email: EducationReform@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback