Education Bill: consultation analysis - Gaelic
Tionndadh Gàidhlig den Sgrùdadh Neo-eisimeileach aig Wellside air freagairtean don co-chomhairleachadh air Bile an Fhoghlaim (Alba), a chaidh a choimiseanadh le Riaghaltas na h-Alba.
Ath-leasachadh air Modhan-sgrùdaidh airson Foghlam
Bha dà phrìomh mholadh ann an Aithisg Muir a thaobh mhodhan-sgrùdaidh air an deach coimhead sa cho-chomhairleachadh. B’ iad sin:
1. Bu chòir buidheann-sgrùdaidh ùr a stèidheachadh agus neo-eisimeileachd na buidhne sin air a daingneachadh fo reachdas. Bu chòir modhan-riaghlaidh na buidhne a bhith a rèir a cuid neo-eisimeileachd, agus i air a maoineachadh le Pàrlamaid na h-Alba, le luchd-obrach a tha nan seirbheisich chatharra agus nan luchd-sgrùdaidh, agus an luchd-sgrùdaidh sin air am fastadh le aonta an Rìgh tron Chomhairle Dhìomhair.
2. Am measg dhleastanasan cudromach na buidhne-sgrùdaidh neo-eisimeilich bidh: a’ cur taic ri leasachaidhean, a’ dèanamh measadh air atharraichean mòra ann an siostam an fhoghlaim agus a’ dèanamh aithris gach bliadhna agus thar ùine nas fhaide air ìrean-coileanaidh ann am foghlam na h-Alba.
Adhbharan Sgrùdaidh
Sa phàipear cho-chomhairleachaidh bhathar a’ sealltainn gu bheil Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic ris na prìomh adhbharan sgrùdaidh a leanas:
1. gus am bi cunntachalachd phoblach ann agus dearbhadh air càileachd an fhoghlaim do luchd-ionnsachaidh, agus dham pàrantan/luchd-cùraim agus do Phàrlamaid na h-Alba;
2. gus taic a chur ri luchd-solair foghlaim, leithid sgoiltean, luchd-teagaisg is luchd-obrach eile, gus piseach a thoirt air foghlam, tro bhith a’ cur ri comasan dhaoine agus a’ co-phàirteachadh mhodhan-obrach buadhach; agus
3. gus fianais a cho-phàirteachadh mu fhoghlam is trèanadh airson cuideachadh le leasachaidhean air seirbheisean agus le bhith a’ dealbh phoileasaidhean foghlaim.
C6: A bheil sibh ag aontachadh no a’ dol an aghaidh nan adhbharan a chithear? A bheil dad eile a bu toil leibh a chur riutha?
Dh’aontaich beagan a bharrachd air dà thrian (69%, àir.=265) de luchd-freagairt ris na h-adhbharan sgrùdaidh san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh.
Àireamh | Ceudad | Ceudad Dligheach | |
---|---|---|---|
Ag aontachadh | 265 | 69% | 87% |
An aghaidh | 41 | 10% | 13% |
Fo-àireamh Iomlan (Fhreagair iad) | 306 | ||
Cha do fhreagair iad | 80 | 21% | |
Gu h-iomlan | 386 |
Mar an ceudna, dh’aontaich a’ mhòr-chuid de na daoine a thug freagairt chàileachdail seachad ris na molaidhean. Bha, ge-tà, eadar-dhealachadh sna h-ìrean de thaic a thugadh do gach fear, agus thuirt grunn luchd-freagairt gum bu chòir prìomhachas a chur air na h-adhbharan agus gum bu chòir an cur ann an òrdugh eadar-dhealaichte bhon dòigh san deach an nochdadh san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh (le barrachd prìomhachais air 2, an uair sin 3, agus 1 aig an deireadh):
“…bu chòir prìomhachas a chur air taic do luchd-solair foghlaim, an uair sin air a’ mholadh gus fianais is deagh mhodhan-obrach a cho-phàirteachadh, agus bu chòir cunntachalachd phoblach is dearbhadh càileachd a bhith ann mar an t-adhbhar mu dheireadh nach eil cho cudromach ris a’ chiad dhà.” (Sgoiltean/Na Tràth-bhliadhnaichean)
Prìomhachasan a Dhà is a Trì
Thuirt tòrr luchd-freagairt gum bu chòir ‘taic iomlan’ a bhith mar am prìomh adhbhar airson sgrùdaidhean (leithid taic do luchd-solair foghlaim – sgoiltean, luchd-teagaisg agus luchd-obrach eile). Ged a bha a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt dhen bheachd gum bu chòir prìomhachas a bhith air taic do luchd-solair foghlaim, bha molaidhean ann gum faodhte beachdachadh air taic ann an seagh na b’ fharsainge, me, gus an robh i a’ gabhail a-steach taic do luchd-solair prìobhaideach, saor-thoileach is neo-eisimeileach. Mhol cuid a luchd-freagairt gum bu chòir a dhèanamh follaiseach san dàrna adhbhar gu bheil dleastanasan cudromach aig ùghdarrasan ionadail ann a bhith a’ toirt taic seachad is a’ sgrùdadh chùisean gus piseach a thoirt air foghlam:
“Tha sinn ag aontachadh san fharsaingeachd ris na h-adhbharan a thugadh seachad, ged a bu toil leinn iomradh sònraichte fhaicinn air ùghdarrasan ionadail sna h-adhbharan. ’S e an dàrna prìomh adhbhar sgrùdaidh, “gus taic a chur ri luchd-solair foghlaim, leithid sgoiltean, luchd-teagaisg is luchd-obrach eile, gus piseach a thoirt air foghlam, tro bhith a’ cur ri comasan dhaoine agus a’ co-phàirteachadh mhodhan-obrach buadhach.” Tha sinne a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach iomradh sònraichte a thoirt air ùghdarrasan ionadail san adhbhar sin, leis cho cudromach ’s a tha e dèanamh cinnteach gun urrainnear piseach a thoirt air foghlam air feadh ùghdarrais ionadail.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Ged a bhathar a’ toirt taic do bhith ‘a’ toirt piseach air foghlam’ is ‘a’ cur ri comasan dhaoine’, bhathar ag iarraidh barrachd soilleireachd air dè bhiodh sin a’ ciallachadh.
Cuideachd, chaidh fàilte mhòr a chur air mar a bhathar a’ cur cuideam air leasachaidhean tro bhith a’ co-phàirteachadh fianais is dheagh mhodhan-obrach agus bhathar dhen bheachd gum faodadh sin cuideachadh le cunbhalachd air feadh an t-siostaim (rud a bha a dhìth a rèir luchd-freagairt aig na tachartasan agus dhaoine eile). Bha taic nach beag ann dhan adhbhar seo, agus b’ e aon de na prìomh adhbharan airson sin gum b’ e dòigh chudromach a bh’ ann dèanamh cinnteach gum biodh leasachadh proifeiseanta leantainneach ann do luchd-obrach (agus bhiodh sin gu buannachd an luchd-obrach fhèin agus na cloinne is nan teaghlaichean dha bheil iad a’ toirt taic). Cuideachd, chuirte fàilte air mar a bha seo na b’ fheàrr na an seann adhbhar sgrùdaidh:
“…tha sinn a’ cur fàilte air mar a thathar a’ cur cuideam air taic do leasachaidhean tro bhith a’ co-phàirteachadh mhodhan-obrach buadhach, agus sibh a’ gabhail ris nach robhar a’ dèanamh sin gu cunbhalach san obair aig HMIe ron seo, seach nach robh e comasach dhaibh am pàirt sin dhen obair aca a choileanadh.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Bhathar a’ moladh mìneachadh nas soilleire a thoirt seachad air na bhathar a’ ciallachadh le ‘seirbheisean’ an lùib na h-obrach seo, agus math dh’fhaodte dòighean-ionnsachaidh is modhan-obrach buadhach ann an rannsachadh bho cholaistean, oilthighean is luchd-compàirt ann an dùthchannan eile a cho-phàirteachadh cuideachd. Bhathar cuideachd ag iarraidh barrachd soilleireachd air dè seòrsa fianaise a bhite a’ cruinneachadh, agus cò leis a bhite ga co-phàirteachadh agus càite, agus dè cho tric ’s a bhiodh an fhianais air a co-phàirteachadh. San fharsaingeachd, ge-tà, bha aonta ann gum bu chòir dha a bhith mar phrìomh adhbhar dhen obair sgrùdaidh dèanamh cinnteach gu bheilear a’ toirt mholaidhean seachad ann an deagh àm do luchd-solair foghlaim le gnìomhan as urrainn dhaibh a dhèanamh (agus bu chòir dèanamh cinnteach gu bheil na molaidhean mionaideach, cuideachail, agus air an toirt seachad gun dàil).
Mhol àireamh bheag de luchd-freagairt gum bu chòir ‘cur ris’ a bhith mar phàirt de na h-adhbharan (2 is 3 gu h-àrd), oir bu chòir leis an sgrùdadh a bhith ag amas air cur ri slighe leasachaidh na sgoile (me, a’ cur ris na tha ag obair gu math a-cheana, an àite a bhith a’ beachdachadh air na tha feumach air ‘a leasachadh’). Bha cuid dhen bheachd nach robh briathran mar ‘phiseach’ uabhasach cuideachail agus a’ sealltainn gun robh rudeigin ceàrr, agus gum biodh facal mar ‘leasachadh/leudachadh’ na bu fhreagarraiche ’s dòcha. Bhathar cuideachd a’ moladh gum bu chòir gàirdeachas a dhèanamh ri is taisbeanadh a dhèanamh air soirbheachas, le bhith a’ toirt seachad eisimpleirean soirbheachail is brosnachail:
“Bu mhath leinn seo a chur ris na h-adhbharan, gun dèanar gàirdeachas ri soirbheachas mar thoradh air sgrùdaidhean. Tha fada cus bheachdan neo-thaiceil ann an-dràsta mu fhoghlam.” (Sgoiltean/Na Tràth-bhliadhnaichean)
Prìomhachas a h-Aon
Ged a bha a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt ag aontachadh gum bu chòir cunntachalachd is dearbhadh a bhith ann mar adhbharan, chaidh a mholadh nach bu chòir uiread prìomhachais a chur orra sin (dh’fhaodadh daoine a bhith a’ smaoineachadh gur e ceasnachadh is peanasachadh a bha fa-near le amasan mar sin agus gum biodh ionadan a’ faireachdainn gun robh cus sgrùdaidh ga dèanamh orra). Bhathar dhen bheachd nan deigheadh cunntachalachd a chur san treas àite am measg nan adhbharan gun dèante cinnteach le sin gum bite fhathast a’ cur cuideam mòr air mar a ghabhas cur ri comasan dhaoine agus modhan-obrach buadhach a cho-phàirteachadh mar thaic do shàr fhoghlam do dhaoine òga. San fharsaingeachd, bha luchd-freagairt ag aontachadh gun robh cunntachalachd phoblach (a’ gabhail a-steach cunntachalachd do choimhearsnachdan) agus dearbhadh air càileachd foghlaim nan adhbharan sgrùdaidh cudromach, fhad ’s a dheigheadh an cur an sàs ann an dòigh thaiceil, cho-obrachachail:
“…feumar barrachd cuideim a chur air taic do luchd-solair foghlaim an lùib ath-leasachaidhean gus am bithear a’ faicinn sgrùdaidhean mar mheadhan air cùisean a leasachadh, le laigsean air an comharrachadh mar chothroman gus ionnsachadh an àite a bhith a’ dèanamh càineadh air daoine.” (An Treas Roinn)
Bhathar cuideachd dhen bheachd gum bu chòir na trì adhbharan a thugadh seachad san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh a chur an sàs gu gnìomhach agus gu leantainneach, me, barrachd taice/comhairle/stiùiridh bho luchd-sgrùdaidh, às dèidh dhaibh na sgrùdaidhean a dhèanamh, a thaobh mar a ghabhas leasachaidhean/atharraichean a dhèanamh:
“Bu chòir an dàrna is an treas adhbhar a chur an sàs gu gnìomhach gus dèanamh cinnteach gum bi an taic, air a bheilear a-mach, a’ cuideachadh leis gach ìre de na leasachaidhean airson na sgoile agus nach ann dìreach aig àm an sgrùdaidh fhèin.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Molaidhean Eile
Thuirt grunn luchd-freagairt gun robh iad airson gum biodh adhbhar sònraichte ann co-cheangailte ri dìon dhaoine is dìon air math dhaoine, agus dh’fhaodadh gur e seo am prìomh adhbhar ‘a bharrachd’ a chomharraich daoine:
“Bu chòir dha a bhith mar am prìomh amas aig a’ bhuidhinn-sgrùdaidh dìon a chur air math chloinne is dhaoine òga agus dìon a chur orra bho chron agus tha e na adhbhar iomagain nach beag nach robh e am measg nam prìomh adhbharan sgrùdaidh aig Riaghaltas na h-Alba.” (Sgoiltean/Na Tràth-bhliadhnaichean)
Thugadh luaidh air beagan adhbharan ‘a bharrachd’ eile, agus bha farsaingeachd bheachdan eile ann co-cheangailte ris na dòighean sam bu chòir piseach a thoirt air na modhan-sgrùdaidh fhèin. Chithear fios air na molaidhean sin ann an Caibideil 4, ach tha iad san fharsaingeachd a’ moladh dhòighean-sgrùdaidh nas co-obrachail is nas taiceil.
San fharsaingeachd, fhuaras beachdan far an robh daoine ag ràdh gun robh na h-adhbharan a bhathar a’ moladh ceart gu leòr, ged a bha cothroman ann fhathast piseach a thoirt air an fhrèam-sgrùdaidh gus am biodh e na b’ làidire:
“Tha sinn toilichte gu bheil na prìomh adhbharan air an toirt fa-near san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh, ach tha sinn a’ moladh gu mòr gum bi frèam-sgrùdaidh nas co-obrachail, nas taiceil, agus nas lèirsinniche ann.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Cùisean a bu chòir a Thoirt Fa-near is Taic Neo-iomlan
Bha cuid a luchd-freagairt ann a bha ag aontachadh san fharsaingeachd ris na h-adhbharan ach nach robh ag aontachadh ris a’ mholadh gum bu chòir frèam reachdail a bhith ann airson sgrùdaidhean. Dheigheadh barrachd biurocrasaidh a chruthachadh le sin, bhathar a’ smaoineachadh (agus chaidh bruidhinn air seo a-rithist ann am freagairtean do cheistean nas fhaide air adhart sa phàipear).
Thuirt cuid a luchd-freagairt nach robh na h-adhbharan, mar a bha iad, uabhasach soilleir a thaobh roinnean sònraichte (leithid ionnsachadh coimhearsnachd, foghlam treas-ìre agus nuadh-phreantasachdan). Chaidh bruidhinn air seo cuideachd ann an ceistean eile.
Beachdan Neo-thaiceil
Am measg nan daoine nach robh ag aontachadh ris na h-adhbharan mar a bha iad (agus nan daoine nach do fhreagair a’ cheist chuingealaichte), bha tòrr de na beachdan càileachdail aca coltach ris an fheadhainn aig na daoine a bha aontachadh, me, gum feumte dòighean-obrach co-chomhairleachail is leasachail a chur an sàs le modhan-obrach co-obrachail, an àite dòighean-aithris peanasach. A-rithist, thuirt luchd-freagairt nach bu chòir prìomhachas a chur air cunntachalachd agus nach bu chòir, leis a’ chunntachalachd sin, cus uallaichean obrach is biurocratach fhàgail air luchd-teagaisg is luchd-stiùiridh sgoiltean. Chaidh a dhèanamh follaiseach gum bu chòir dha a bhith mar phrìomh adhbhar dhan bhuidhinn-sgrùdaidh obrachadh còmhla ri sgoiltean is na coimhearsnachdan aca gus taic a chur ri luchd-obrach agus piseach a thoirt air foghlam nan sgoilearan:
“Bu chòir, tro obair sgrùdaidh agus tron fhianais a gheibhear bhon obair sin, taic a thoirt do luchd-solair foghlaim gus piseach a thoirt air foghlam is trèanadh is builean airson a h-uile neach-ionnsachaidh. Bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh taic a chur ri luchd-solair foghlaim gus leasachaidhean, stèidhichte air fianais, a chur an sàs a thaobh foghlam, trèanadh is bhuilean airson a h-uile neach-ionnsachaidh ann an Alba tro obair sgrùdaidh agus tro bhith a’ cur ri comasan dhaoine is a’ toirt comhairle dhaibh.” (Buidhnean Nàiseanta/Buidhnean Poblach)
A-rithist, bha cuid a’ togail ceist mu na faclan ‘piseach is leasachadh’ agus chaidh a mholadh an àite sin gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh dèanamh cinnteach gu bheil am foghlam ‘freagarrach’ (thoradh, le bhith an-còmhnaidh a’ moladh leasachadh leantainneach, dh’fhaodadh sin uallaichean neo-reusanta fhàgail air luchd-oideachaidh, sgoilearan agus oileanaich). Bha luchd-freagairt a’ moladh sealladh nas iomlanaiche (neo-acadaimigeach) a ghabhail air ‘foghlam’, me, gum bu chòir dha a bhith mar amas cudromach dèanamh cinnteach gum faigh sgoilearan/oileanaich an taghadh de dh’eòlas is sgilean a bhios a dhìth orra airson a bhith nan inbhich neo-eisimeileach. An lùib sin chaidh a mholadh beachdachadh air mar a dh’fhaodte ionnsachadh a thoirt seachad ann an àrainneachdan ionnsachaidh neo-àbhaisteach. Mar sin, chaidh a mholadh gum bu chòir adhbhar a bharrachd a bhith ann co-cheangailte ri bhith a' toirt piseach, ann an dòigh nas fharsainge, air builean is eòlas an lùib foghlam airson a h-uile pàiste is duine òg.
Cuideachd, thug na daoine nach robh ag aontachadh ris na h-adhbharan beachdan seachad a thaobh mar a bu chòir dhan luchd-sgrùdaidh a bhith a’ toirt air an riaghaltas (ionadail agus àrd-riaghaltas) a bhith cunntachail an àite sgoiltean fa leth.
Thuirt cuid a dhaoine nach robh ag aontachadh no nach do fhreagair a’ cheist chuingealaichte gum feumadh an fhianais a bhite a’ co-phàirteachadh a bhith neo-eisimeileach is gun leiteachas nan robh i a’ dol a dhèanamh feum:
“Ma tha cunntachalachd phoblach agus dearbhadh gu bhith againn a thaobh càileachd an fhoghlaim do luchd-ionnsachaidh, am pàrantan, luchd-cùraim, agus do Phàrlamaid na h-Alba, tha e riatanach gun ullaichear aithrisean air nach bi daoine bho thaobh a-muigh na buidhne a’ toirt buaidh.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Bha cuid a luchd-freagairt teagmhach gun deigheadh na h-adhbharan a choileanadh (agus eòlas aca air mar a chaidh sgrùdaidhean ceàrr roimhe).
Thugadh aon bheachd farsaing deireannach seachad: ged a bhathar ag aontachadh ris na h-adhbharan, bha iad ’s dòcha ro choltach ri amasan àrda, lèirsinneach agus cha deigheadh an coileanadh ach le taic is maoineachadh gu leòr:
“Tha an liosta gu h-àrd uabhasach àrd-lèirsinneach. Chan eil maoineachadh is goireasan gu leòr aig a’ bhuidhinn-sgrùdaidh a th’ ann an-dràsta agus chan eil buidseat mòr gu leòr aca gus na h-adhbharan seo uile a choileanadh… Feumaidh sinn dèanamh cinnteach – le amasan àrda – gum bi sinn practaigeach cuideachd a thaobh na ghabhas coileanadh aig amannan nuair a tha geàrraidhean ann is nas lugha stòrasan.” (Neach fa leth)
Na Diofar Ionadan is Seirbheisean
Chaidh liosta de dh’ionadan is seirbheisean a shealltainn sa phàipear cho-chomhairleachaidh san robhar a’ smaoineachadh gum bu chòir sgrùdaidhean foghlaim leantainn. Chaidh beachdan a shireadh (fo C7) air na diofar ionadan a bhiodh air an sgrùdadh le Luchd-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam, agus (fo C8) air dleastanasan Buidheann-sgrùdaidh an Fhoghlaim a thaobh cholaistean a gheibh maoineachadh poblach, ciad fhoghlam luchd-teagaisg (CFL), tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne (TCC), agus nuadh-phreantasachdan.
C7: A bheil sibh ag aontachadh ris an taghadh de dh’ionadan a bhiodh air an sgrùdadh le Luchd-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam? A bheil dad ann a dh’atharraicheadh sibh?
A-rithist, chuir dà thrian de luchd-freagairt (66%, àir.=256) taic ris a’ mholadh gum chòir sgrùdadh foghlaim a dhèanamh air an liosta air fad de dh’ionadan is seirbheisean a thugadh seachad sa phàipear cho-chomhairleachaidh.
Àireamh | Ceudad | Ceudad Dligheach | |
---|---|---|---|
Tha | 256 | 66% | 84% |
Chan eil | 49 | 13% | 16% |
Fo-àireamh Iomlan (Fhreagair iad) | 305 | ||
Cha do fhreagair iad | 81 | 21% | |
Gu h-iomlan | 386 |
Coltach ri C6 gu h-àrd, bha na prìomh bheachdan càileachdail an seo a’ buntainn ris mar a ghabhadh modhan-sgrùdaidh a leasachadh airson a h-uile ionad. A-rithist, thèid bruidhinn air seo san ath-chaibideil.
Ged a bha aonta ann gum bu chòir dhan aon bhuidheann sgrùdadh a dhèanamh air a h-uile àite far a bheil clann is daoine òga ag ionnsachadh feuch am bi cunbhalachd ann, chaidh beachdan a thoirt seachad cuideachd nach biodh an aon dòigh-sgrùdaidh daonnan freagarrach agus gum bu chòir aire a thoirt do gach suidheachadh is co-theacsa le sgrùdaidhean.
Ionadan Eile a bu Chòir a bhith ann
A thaobh nan ionadan is nan àiteachan eile a bha luchd-freagairt a’ moladh airson sgrùdaidhean, mhol cuid a dhaoine gum bu chòir Foghlam Alba a bhith air a sgrùdadh cho math ris an fheadhainn a bhios a’ cur ri is a’ dealbh phoileasaidhean foghlaim:
“Bu chòir sgrùdaidhean a bhith ann aig gach ìre de shiostam an fhoghlaim is nan sgilean. Tha sin a’ gabhail a-steach chomataidhean riaghaltais nàiseanta is ionadail a tha an sàs ann a bhith ag ullachadh phoileasaidhean mun churraicealam is measaidhean. Le bhith dìreach a’ sgrùdadh nam builean deireannach, thathar a’ call chothroman airson cunntachalachd is dearbhadh càileachd… Ma thathar a’ sgrùdadh mar a thèid foghlam a thoirt seachad gun a bhith a’ coimhead air luchd-sgrìobhaidh nam poileasaidhean, chan eil sibh a’ tuigsinn idir dè th’ ann an sgrùdadh is breithneachadh. Feumaidh sgrùdadh air poileasaidhean a bhith mar phàirt dhen mheasadh a nithear.” (Neach fa leth)
Thugadh beachdan seachad cuideachd gum bu chòir sgrùdadh a dhèanamh air ùghdarrasan ionadail, chan ann dìreach air na sgoiltean/ionadan aca, agus aig na tachartasan chaidh bruidhinn air a’ cheist, am bu chòir dhuinn a bhith a’ dèanamh sgrùdadh air sgoiltean no ùghdarrasan ionadail (no air an dà chuid):
“…b’ fheàrr leinn gun dèante sgrùdadh air càileachd an fhoghlaim ann an Ùghdarrasan Ionadail air feadh an ùghdarrais, an àite dìreach ann an sgoiltean. Tha uallach iomlan aig Ùghdarrasan Ionadail airson nan sgoiltean aca agus feumaidh iad a bhith cunntachail airson luach is math nan seirbheisean a bhios iad a' toirt seachad tro na h-ionadan a tha fo an sgèith.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Thuirt beagan dhaoine gun robh iad ag iarraidh sgrùdaidhean brìoghmhor a bhith ann agus cunbhalachd am measg ùghdarrasan ionadail/ùghdarrasan foghlaim ionadail, gu h-àraidh a thaobh nan dleastanasan aca airson dearbhadh càileachd:
“Bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh ùir beachdachadh air na dleastanasan aig ùghdarrasan ionadail ann a bhith a’ dearbhadh càileachd air feadh ionadan. Le sin, dh’fhaodadh cothrom a bhith ann bruidhinn air cho buadhach ’s a dh’fheumadh na modhan-obrach a bhith gus dèanamh cinnteach gum biodh cunbhalachd ann air feadh Alba, ach cuideachd dh’fhaodadh seo cuideachadh le bhith a’ comharrachadh sgoiltean airson an sgrùdadh a rèir an fhiosrachaidh a gheibhear, le prìomhachas ga chur air na h-ionadan nach deach a sgrùdadh o chionn 7-9 bliadhna.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Cuideachd, thugadh seachad àireamh glè bheag de bheachdan air feadh cheistean a’ cho-chomhairleachaidh far an robh daoine a’ faighneachd am biodh e freagarrach oilthighean a bhith fo ùghdarras HMIe:
“…chan eil iomradh air oilthighean san fharsaingeachd an seo no ann an àite sam bith eile. Leis an inbhe, ‘Ollamh’, tha iad a’ faighinn èisteachd sna meadhanan agus àiteachan eile, mar sin bu chòir sgrùdadh a dhèanamh air an obair aca agus dearbhadh gu bheil i earbsach.” (Neach fa leth)
Am measg nam molaidhean eile gus leudachadh air na dleastanasan sgrùdaidh bha:
- an treas roinn agus buidhnean ‘prothaid’ a bhios a’ toirt sheirbheisean foghlaim seachad ann an ionadan a gheibh maoineachadh poblach no a gheibh maoineachadh poblach airson obair sna h-àiteachan a tha air an ainmeachadh;
- buidhnean a bhios a’ ruith chùrsaichean còmhnaidheach do sgoilearan;
- sgoiltean ‘eadar-dhealaichte’, leithid sgoiltean air-loidhne agus sgoiltean coille;
- sgoiltean àrainne/sgoiltean le modhan-stiùiridh com-pàirteach;
- sgoiltean creideimh neo-eisimeileach;
- conservatoire òigridh/buidhnean spèisealta a bhios a’ toirt oideachadh do chloinn is daoine òga aig a bheil tàlantan sònraichte;
- suidheachaidhean far a bheil pàiste air an oideachadh aig an taigh;
- seirbheisean coimhearsnachd is in-ghabhail a bheir taic do chloinn nach eil làn-thìde san sgoil;
- seirbheisean comhairleachaidh is saidhceòlais (ann an sgoiltean);
- seirbheisean do dh’oileanaich le Feumalachdan Taice a Bharrachd;
- ionadan airson ciad fhoghlam luchd-teagaisg (CFL) (chaidh a mholadh aig tachartasan cuideachd);
- comhairle choitcheann teagaisg na h-Alba (GTCS);
- àidseantan stiùiridh, a bhios a’ lìonadh a’ bheàrn eadar colaistean is luchd-dreuchd;
- luchd-solair trèanaidh a tha ag obair ann an diofar roinnean (a’ gabhail a-steach feadhainn a tha a’ tairgsinn theisteanasan dreuchdail); agus
- am poileas (nuair a bhios iad an sàs ann am foghlam/ag obair ann an ionadan foghlaim).
Soilleireachd a Dhìth is Draghan gan Togail
Chaidh beagan cheistean a thogail mu na h-ionadan air an liosta, gu h-àraidh a thaobh na leanas:
- cha robh e soilleir am biodh/carson a bhiodh dleastanasan aig HMIe an lùib sgrùdaidhean air ionadan TCC nach robh ceangailte ri sgoiltean;
- cha robh e soilleir carson a bha foghlam Gàidhlig air an liosta mar raon fa leth airson sgrùdaidhean (an àite a bhith air a sgrùdadh mar phàirt dhen ìre fhoghlaim a bhite a’ toirt seachad tron Ghàidhlig);
- cha robh fiosrachadh soilleir ann air mar a dheigheadh modal sgrùdaidh a roghnachadh airson gach seòrsa àite;
- bha ceistean aig daoine am bu chòir foghlam ann am prìosain is ionadan airson eucoraich òga a bhith an crochadh air iarrtasan bho Luchd-sgrùdaidh an Rìgh airson Phrìosan ann an Alba gus leithid a dh’fhoghlam a chur air dòigh no am bu chòir modhan-obrach nas cunbhalaiche a chur an sàs far nach fheum iarrtas a bhith ann;
- bhiodh e feumail barrachd fiosrachaidh a bhith ann air na dleastanasan a bhiodh aig daoine an sàs ann an Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (ILC) an lùib sgrùdaidhean air feadh dhiofar ionadan (agus ’s dòcha gun gabhadh an sgrìobhadh ann an liosta nan ionadan atharrachadh gu ‘dleastanasan nan ùghdarrasan ionadail a thaobh Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd’ gus sealltainn nach eil Seirbheis ILC aig a h-uile sgìre);
- bhiodh e feumail mìneachadh a bhith ann air carson a tha seirbheisean le fiosrachadh, comhairle is stiùireadh air dreuchdan air an liosta, agus iad sin fo sgèith Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) an-dràsta; agus
- nuair a thathar a’ beachdachadh air an fhiosrachadh sa cho-chomhairleachadh aig RnA, bu chòir/dh’fhaodar ealla a ghabhail ri frèam càileachd na treas-ìre aig Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC) agus ris na thathar a’ moladh an sin gus nach bi dùblachadh ann le obair ath-sgrùdaidh/sgrùdaidh agus measaidhean le diofar bhuidhnean.
Cuideachd, bha teagamhan aig cuid a dhaoine a thaobh dè cho comasach ’s a bhiodh HMIe air obair sgrùdaidh a dhèanamh anns a h-uile seòrsa ionaid is àite air an liosta, agus bhathar a’ smaoineachadh leis taghadh fharsaing de dh’àiteachan gur dòcha gum biodh e doirbh gu leòr luchd-sgrùdaidh fhastadh agus a chur an dreuchd aig am biodh na sgilean is eòlas freagarrach airson na h-obrach. Mhol cuid a luchd-freagairt gum bu chòir barrachd cuideim a chur air leasachaidhean ann an càileachd foghlaim fhoirmeil (foghlam stàite is prìobhaideach) sna tràth-ìrean, ann am bun-sgoiltean is ann an àrd-sgoiltean an àite ann am foghlam treas-ìre/iar-sgoile.
B’ e an t-seirbheis mun tugadh an uiread bu motha de bheachdan measgaichte seachad sa cho-chomhairleachadh, A’ Cumail ri Riaghailtean Beathachaidh ann an ionadan foghlaim. Ged a chuir a’ mhòr-chuid fàilte oirre, bha cuid a’ smaoineachadh gum biodh e na b’ fheàrr mura biodh uallaichean airson cumail ris na riaghailtean sin mar phàirt de fhrèam HMIe.
Cùisean Co-cheangailte ri Roinnean Sònraichte
Ged a chuirte fàilte air ILC air liosta nan ionadan a dheigheadh a sgrùdadh, bha draghan ann cuideachd gur dòcha gum bite a’ sùileachadh gum biodh cuid a luchd-coileanaidh com-pàirteach saor-thoileach a’ cumail ri ìrean foghlaim àrda fhad ’s a bhiodh iad a’ faighinn na bu lugha maoineachaidh no a’ call a’ mhaoineachaidh aca.
Cuideachd, bhruidhinn luchd-freagairt air na modhan-sgrùdaidh a th’ ann an-dràsta airson tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne (TCC), agus iad ga thoirt fa-near gu bheil Buidheann-sgrùdaidh a’ Chùraim agus HMIe an sàs annta. Chaidh a mholadh gum bu chòir aon bhuidheann a stèidheachadh gus TCC a sgrùdadh gus nach bi obair dhùbailte ann, ged nach robh luchd-freagairt an-còmhnaidh ag ràdh ciamar a b’ fheàrr leotha sin a dhèanamh, agus cha robh e soilleir an robh luchd-freagairt ag iarraidh TCC a chumail air an liosta no a thoirt far na liosta:
“Tha tuigse choitcheann ann air feadh Riaghaltas na h-Alba agus riaghaltas ionadail gu bheil TCC cudromach dhan obair gus builean nas fheàrr a ghleidheadh do chloinn is daoine òga. ’S e aon bhuidheann an dòigh as fheàrr cur às do na h-eallaichean, biurocrasaidh, agus uallaichean ris a bheil tòrr dhaoine san roinn a’ dèiligeadh leis an t-siostam a th’ ann an-dràsta.” (Aonaidhean-ciùird/ Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
A rèir nan daoine a bha a’ moladh sgrùdaidhean aig ìre an ùghdarrais ionadail a chur an sàs a-rithist, bha iad dhen bheachd gum faighte dearbhadh càileachd air foghlam aig ìre na sgoile le sin.
Na h-Adhbharan Nach Tug Daoine Taic dhan Liosta
Am measg nan daoine nach do dh’aontaich ris an liosta a chaidh fhoillseachadh, thuirt àireamh bheag dhiubh nach bu chòir colaistean le maoineachadh poblach no prìobhaideach a bhith air an liosta. B’ iad na prìomh adhbharan airson sin gun robh modhan-obrach eadar-dhealaichte aca airson sgrùdaidhean/dearbhadh càileachd, agus gun robh colaistean an-dràsta a’ co-dhealbh (còmhla ris an SFC agus Buidheann Dearbhaidh Càileachd na h-Alba) Frèam Dearbhaidh Càileachd na Treas-ìre (TQEF). Nam biodh colaistean air an liosta dh’fhaodadh obair dhùbailte a bhith ann, chaidh a ràdh, rud nach biodh èifeachdach a thaobh ùine no chosgaisean (chaidh bruidhinn air seo fo cheistean eile cuideachd).
Mar an ceudna, thog cuid ceistean mu cho feumail ’s a bha na siostaman a th’ ann an-dràsta airson sgrùdaidhean is dearbhadh càileachd ann am prògraman airson Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg (CFL) (thathar a’ bruidhinn air seo a-rithist nas fhaide air adhart sa cho-chomhairleachadh) agus bha draghan air daoine gum faodadh dùblachadh a bhith ann eadar seo agus obair eile a tha ga dèanamh.
Thuirt beagan luchd-freagairt nach bu chòir do sgoiltean neo-eisimeileach is prìobhaideach a bhith air an liosta, agus nach bu chòir dleastanasan a bhith aig HMIe a thaobh foghlam luchd-teagaisg aig ìre oilthighe, bhuidhnean saor-thoileach no phreantasachdan. A-rithist, bha cuid a luchd-freagairt dhen bheachd gun robh an liosta ro fhada, agus gum feumte prìomhachas a chur air cuid a raointean air sàillibh nach biodh gu leòr stòrasan is luchd-obrach aig HMIe:
“Bu chòir obair sgrùdaidh a dhèanamh dìreach ann an ionadan far a bheil dleastanas reachdail ann foghlam a thoirt seachad. Mar eisimpleir: sgoiltean; dleastanasan foghlaim aig ùghdarrasan ionadail; agus foghlam ann am prìosain is ionadan airson eucoraich òga. Bu chòir buidhnean sgrùdaidh fa leth a bhith ann airson raointean eile. Le sin, bhiodh siostam sgrùdaidh foghlaim ann a bhiodh na b’ èifeachdaiche, na bu chunbhalaiche agus na bu fhreagarraiche.” (Neach fa leth)
Nuair nach robh luchd-freagairt ag aontachadh ris an liosta de dh’ionadan san fharsaingeachd (an àite a bhith dìreach an aghaidh cuid a sheòrsaichean ionaid a bhith air an liosta), b’ e a bha air cùl sin mar bu trice, nach robh iad a’ cur taic ris na modhan-sgrùdaidh a th’ ann an-dràsta no gum b’ fheàrr leotha sgrùdaidhean a bhith ann aig ìre an ùghdarrais ionadail an àite taobh a-staigh ionad fa leth. Thug daoine eile taic san fharsaingeachd do liosta nan ionadan fhad ’s a bhiodh modal sgrùdaidh sam bith freagarrach agus gun deigheadh measadh air cunnartan a dhèanamh.
C8: A bheil beachdan sònraichte agaibh air dleastanasan na buidhne-sgrùdaidh airson sgrùdaidhean air colaistean a gheibh maoineachadh poblach, ciad fhoghlam luchd-teagaisg, seirbheisean tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne agus/no nuadh-phreantasachdan?
Thug beagan na bu lugha na dà thrian dhen luchd-fhreagairt beachdan càileachdail seachad airson na ceiste seo, agus thuirt cuid dhiubh gun robh iad a’ smaoineachadh gum bu chòir sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh le buidheann bhon taobh a-muigh air a h-uile ionad a gheibh maoineachadh poblach gus am biodh siostam co-aonaichte ann air feadh raon an fhoghlaim.
Colaistean a Gheibh Maoineachadh Poblach
Bha measgachadh de bheachdan ann air dleastanasan buidheann-sgrùdaidh an fhoghlaim a thaobh cholaistean a gheibh maoineachadh poblach. Bha cuid dhen bheachd gun robh sgrùdaidhean le HMIe riatanach airson dèanamh cinnteach à càileachd is buaidh ionadan foghlaim adhartaich, ge-tà, bha a’ mhòr-chuid a’ smaoineachadh gum biodh e na b’ fheàrr dòighean eile a chleachdadh gus sgrùdadh is dearbhadh càileachd a dhèanamh ann am foghlam na treas-ìre.
B’ e a’ phrìomh phuing a bh’ aig daoine, nach robh ag iarraidh gum biodh HMIe a’ sgrùdadh cholaistean a gheibh maoineachadh poblach, gun robh modalan eile ann mu thràth no modalan a bhiodh na b’ fhreagarraiche. Thuirt luchd-freagairt gun tug an SFC coimisean do Bhuidheann Dearbhaidh Càileachd na h-Alba o chionn ghoirid gus ath-sgrùdaidhean a chur air dòigh is a dhèanamh (le taic bho Fhoghlam Alba) air colaistean is oilthighean a gheibh maoineachadh poblach (agus bha taic làidir ann airson na dòigh-obrach sin airson foghlam treas-ìre seach gur e dòigh-obrach na bu cho-obrachail is na bu chom-pàirtiche a bh’ ann)[1].
Gu dearbh, bhathar dhen bheachd gun robh na modhan-obrach aig an SFC an-dràsta ag obair gu math a thaobh cholaistean le neo-eisimeileachd gu leòr ann seach gum biodh buidhnean bhon taobh a-muigh a’ dèanamh ath-sgrùdaidhean.
Thug luchd-freagairt eile iomradh air an obair aig Pròiseact Càileachd na Treas-ìre (PCT) a tha ga chur an sàs fo sgèith an SFC, a bhiodh a’ stèidheachadh aon fhrèam coitcheann airson dearbhadh càileachd is leasachadh do cholaistean is oilthighean (leis an fhrèam sin bhite a’ faighinn comhairle bho is a’ dèanamh feum dhen eòlas aig Com-pàirteachas Frèam Chreideasan is Theisteanasan na h-Alba (SCQF)). Chuirte fàilte air an iomairt seo gus aon siostam a chur air dòigh do dh’Fhoghlam Adhartach is Àrd-ìre thar foghlam treas-ìre agus cha bu chòir dad a dhèanamh gus stad a chur air sin, bhathar a’ smaoineachadh:
“Gum feumar dèanamh soilleir nach bi colaistean air an sgrùdadh dà thuras leis an QAA agus leis a’ bhuidhinn-sgrùdaidh, oir bhiodh sin ag adhbharachadh eadar-dhealachadh eadar colaistean is oilthighean aig àm nuair a tha a’ mhòr-chuid de dhùthchannan ag amas air roinn cho-aonaichte a stèidheachadh aig an treas-ìre.” (Buidhnean Buileachaidh)
Nam biodh aon siostam ann airson sgrùdaidhean a dhèanamh air colaistean is oilthighean, thigeadh buannachdan bho sin:
- bhiodh dòighean/slighean na b’ fhasa ann do dh’oileanaich gus gluasad eadar colaiste is oilthigh;
- bhiodh barrachd chothroman ann co-obrachadh buadhach a chur air adhart eadar colaistean is oilthighean, an dà chuid a thaobh rannsachaidh agus a bhith a’ toirt taic do dh’oileanaich gus soirbheachadh is builean matha a choileanadh; agus
- bhite a’ cur spèis cho-ionann air adhart an lùib leithid a shiostam, agus a’ cur taic ri oileanaich gus an t-slighe a b’ fheàrr a fhreagradh orra fhèin a ghabhail, a thaobh nam feumalachdan is nan roghainnean ionnsachaidh is dreuchdail aca.
Am measg nan daoine a bha airson gum biodh colaistean air an sgrùdadh le HMIe, thugadh beachdan seachad gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh a bhith a’ coimhead gu h-àraidh air an àrainneachd ionnsachaidh iomlan, modhan-teagaisg, agus mar a tha cùrsaichean a’ freagairt air feumalachdan ghnìomhachasan. Ri linn mar a tha saoghal an fhoghlaim dhreuchdail a’ sìor atharrachadh, chaidh a mholadh gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh measadh a dhèanamh air cho comasach ’s a tha colaistean atharraichean a chur an sàs ri linn leasachaidhean teicneòlach agus atharraichean ann am margaidh nan obraichean. A-rithist, thuirt cuid de na daoine, a chuir taic ri sgrùdaidhean air colaistean, gun cuireadh iad taic ri sin fhad ’s a bhiodh na planaichean a’ cumail ris an aon slighe a chaidh a chomharrachadh le frèam càileachd na treas-ìre aig an SFC agus nach bu chòir dùblachadh a bhith ann le ath-sgrùdaidhean/sgrùdaidhean is measaidhean le grunn bhuidhnean. Cha robh ann ach glè bheag de dhaoine a chuir taic ris a’ mholadh modal gu tur ùr a chur an àite nam modhan-obrach a th’ ann an-dràsta airson sgrùdadh is dearbhadh càileachd:
“Tha sinn gu làidir dhen bheachd gum bu chòir sgaradh a bhith ann eadar luchd-maoineachaidh is luchd-sgrùdaidh gus am bi soilleireachd ann ann an roinn nan colaistean. Leis an dòigh-obrach sin bhiodh prògram sgrùdaidh ann a bha gu tur neo-eisimeileach is fa leth bho dhleastanasan farsaing Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, a’ gabhail a-steach maoineachadh. Leis an t-suidheachadh a th’ ann an-dràsta dh’fhaodar a ràdh gu bheilear ga dhèanamh doirbh sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh, agus beachdan a thoirt seachad gun eagal is gun leiteachas air ìrean-coileanaidh ann an roinn nan colaistean.” (Buidhnean Nàiseanta/Buidhnean Poblach)
Thugadh beachd deireannach seachad nach bu chòir, le modail sgrùdaidh ùr, gun deigheadh neartan an t-siostaim-sgrùdaidh a bh’ ann airson cholaistean a chall far am biodh Luchd-measaidh Com-pàirteach a’ cur ri comasan dhaoine, a’ cuideachadh gus ath-sgrùdaidhean co-ionaid a chumail agus a bhiodh a’ neartachadh an ionaid aca fhèin aig ìre ro-innleachdail agus ionadan air feadh na roinne.
Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg
Bha measgachadh de bheachdan ann air dleastanasan na buidhne-sgrùdaidh a thaobh Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg (CFL). B’ e am beachd a bu chumanta a bh’ aig daoine, ge-tà, gun robh buidhnean inbhean a’ toirt sùil air leithid a dh’ionadan mu thràth no gun robh modhan làidir aca gus measadh a dhèanamh air càileachd an fhoghlaim. Mar eisimpleir, tha dleastanasan aig Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS) ann a bhith a’ cruthachadh/a’ barantachadh inbhean is slatan-tomhais airson CFL agus a thaobh clàradh airson dreuchd theagaisg, agus bidh HMIe a’ faighinn fiosrachadh tron Fhrèam Fhèin-mheasaidh airson CFL. Thathar a’ coimhead air sin mar deagh eisimpleir de dh’obair chom-pàirteach.
Thuirt cuid a luchd-freagairt gun robh daoine dhen bheachd gun robh na modailan fèin-mheasaidh a bh’ ann mu thràth feumail:
“Tha sinn ag iarraidh oirbh beachdachadh gu faiceallach air atharraichean sam bith air a’ mhodail fhèin-mheasaidh… Tha am frèam fèin-mheasaidh sùbailte is ’s urrainnear atharrachadh, gus ealla a ghabhail ri diofar shuidheachaidhean, sgìrean agus bhuidhnean de luchd-ionnsachaidh.” (Aonaidhean-ciùird/ Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
“Feumaidh modhan-sgrùdaidh an HMIe airson CFL a bhith freagarrach agus bu chòir barrachd feum a dhèanamh dhen fhrèam fhèin-mheasaidh airson CFL, oir tha farsaingeachd de mhodhan-obrach aig CFL mu thràth airson Dearbhadh Càileachd mar a dh’fheumas a bhith aca ri linn riaghailtean nan oilthighean, leithid bùird stiùiridh phrògraman, comataidhean dearbhadh càileachd, measadh chùrsaichean, measadh phrògraman agus aithisgean bho Luchd-measaidh bhon Taobh A-muigh.” (An Roinn Iar-sgoile/Colaistean/Oilthighean)
Cuideachd, thuirt feadhainn eile gun robh ath-sgrùdaidhean gu tric aig oilthighean fhèin air teagasg is ionnsachadh, agus gun robh modhan-obrach aca airson dearbhadh càileachd le cothroman gus measadh a dhèanamh air neartan agus raointean far an robh leasachadh a dhìth, me, am pròiseas aig QAA, Ath-sgrùdaidhean air Ionadan le Prìomhachas air Leasachaidhean. A-rithist, bhathar dhen bheachd nach bu chòir iad sin atharrachadh.
Mar sin, bhathar dhen bheachd nach fheumadh HMIe a bhith an sàs ann an sgrùdaidhean air CFL, bhiodh cus biurocrasaidh ann agus ath-obair ’s dòcha. Chaidh a ràdh cuideachd gum faodadh seo cron a dhèanamh air obair nan daoine a tha a’ measadh càileachd san raon seo mu thràth:
“A thaobh ciad fhoghlam luchd-teagaisg, dh’fheumadh siostam sgrùdaidh sam bith taic a chumail ris na modhan-obrach a th’ ann a-cheana taobh a-staigh is taobh a-muigh nan ionadan airson dearbhadh càileachd is sgrùdaidhean… Nuair a thig e gu dleastanasan airson dearbhadh càileachd is sgrùdaidhean ann an Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg, feumar beachdachadh air mar a bheir sin taic do leasachaidhean…” (Aonaidhean-ciùird/ Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Thug beagan dhaoine beachd seachad le mìneachadh a bharrachd, thuirt iad nam biodh a’ bhuidheann-sgrùdaidh ùr a’ sgrùdadh CFL, nach obraicheadh sin ach le modhan-obrach co-obrachail (a’ gabhail a-steach luchd-compàirt a th’ ann a-cheana) gan cur an sàs, agus dh’fheumte na slatan-tomhais, inbhean agus slatan-tomhais airson coileanaidh a th’ ann an-dràsta a chleachdadh.
Bha luchd-freagairt eile a’ moladh gum bu chòir dleastanasan taice a bhith aig HMIe a thaobh sgrùdaidhean air prògraman CFL, ach bha iad ag iarraidh gum biodh luchd-proifeiseanta bho roinn an Fhoghlaim Àrd-ìre le eòlas dreuchdail freagarrach is eòlas sònraichte air roinnean an sàs annta, mar eisimpleir, dh’fhaodadh riochdaire CFL a bhith air an co-thaghadh dhan sgioba sgrùdaidh airson gach Ionad Foghlaim Àrd-ìre. Bhathar dhen bheachd gum biodh feum air sin gus dèanamh cinnteach gun deigheadh ealla a ghabhail ri suidheachadh sònraichte gach ionad sna sgrùdaidhean.
Nuair a bha daoine a’ cur taic ris a’ mholadh gum biodh HMIe a’ dèanamh sgrùdadh air CFL, bhathar a’ smaoineachadh a-rithist gum biodh sin glè chudromach airson dèanamh cinnteach gum biodh prògraman trèanadh luchd-teagaisg buadhach, freagarrach airson an latha an-diugh, agus a’ cur nan cleachdaidhean as fheàrr an sàs a thaobh feallsanachd teagaisg. Bhathar cuideachd dhen bheachd gum bu chòir sgrùdaidhean air CFL a bhith a’ gabhail a-steach trèanadh practaigeach a bharrachd air dìreach eòlas acadaimigeach, le sin bhite a' cur ri comasan nan tidsearan fo dhearbhadh, ag ionnsachadh sgilean do dh’oileanaich a thaobh a bhith a’ stiùireadh clas, agus gheibheadh iad eòlas air diofar mhodhan-teagaisg. San fharsaingeachd, b’ e am prìomh adhbhar a bh’ aig daoine airson taic a chur ri sgrùdaidhean HMIe air CFL, gun cuidicheadh sin le bhith a’ leasachadh phrògraman agus le bhith a’ dèanamh cinnteach gum biodh luchd-teagaisg uidheamaichte ann:
“Tha e riatanach gum bi modhan leantainneach ann gus measadh a dhèanamh is molaidhean a thoirt seachad gus an urrainnear prògraman foghlaim luchd-teagaisg a leasachadh agus luchd-oideachaidh ullachadh airson dleastanasan toinnte an neach-teagaisg san latha an-diugh.” (An Roinn Iar-sgoile/Colaistean/Oilthighean)
San fharsaingeachd, ge-tà, b’ e am beachd a bu chumanta a fhuaras gum feumadh siostam sgrùdaidh ‘ùr’ sam bith taic a chumail ri modhan-obrach a th’ ann mu thràth taobh a-staigh is taobh a-muigh ionadan san roinn a thaobh dearbhadh càileachd is sgrùdaidhean.
Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne
Bha aonta farsaing ann gun robh sgrùdaidhean air ionadan tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne (TCC) cudromach oir bha leithid a dh’àiteachan mar bhun-stèidh làidir do dh’fhoghlam na cloinne. Ann an àiteachan TCC, chaidh a mholadh gum bu chòir, le sgrùdaidhean, prìomhachas a chur air a bhith a’ dèanamh measadh air càileachd a’ chùraim, mar a thathar a’ stèidheachadh ghnìomhan ionnsachaidh a tha freagarrach airson aois na cloinne, agus air cho sàbhailte is in-ghabhalach ’s a tha na h-àrainneachdan.
Ge-tà, chaidh a dhèanamh follaiseach a-rithist (an seo agus air feadh a’ cho-chomhairleachaidh) nach bu chòir obair dhùbailte a bhith ann a thaobh sgrùdaidhean air ionadan TCC le HMIe agus Buidheann-sgrùdaidh a’ Chùraim (tha dleastanasan aig na dhà dhiubh a thaobh seo an-dràsta), oir bha e cus siostam sgrùdaidh le dà bhuidhinn a bhith ann:
“Thathar dhen bheachd fhathast gum bu chòir aon bhuidheann a stèidheachadh gus sgrùdaidhean a dhèanamh air tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne… ’S e aon bhuidheann an dòigh as fheàrr cuidhteas fhaighinn dhen eallach, uallach is uallaichean obrach a tha an siostam a th’ ann an-dràsta a’ fàgail air tòrr san roinn agus gu dearbh a bhiodh orra fhathast fon cho-fhrèam sgrùdaidh ùr a thathar a' moladh.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Thuirt daoine a ghabh pàirt sna tachartasan gum feumte dèanamh cinnteach nach robh dùblachadh/ath-obair ann eadar buidhnean-sgrùdaidh/dleastanasan sgrùdaidh, agus gu h-àraidh eadar HMIe is Buidheann-sgrùdaidh a’ Chùraim (ged a bha sin cuideachd fìor a thaobh HMIe is ùghdarrasan ionadail). Bha an luchd-freagairt seo a’ smaoineachadh gum biodh e cudromach dèanamh cinnteach gum biodh an siostam soilleir agus gun robh a h-uile duine ga thuigsinn, agus mar phàirt de sin bhite ga dhèanamh soilleir cò aig a bhiodh diofar dhreuchdan is dleastanasan gus nach biodh leithid a dh’obair dhùbailte ann.
Gu dearbh, b’ e am beachd a bu chumanta a bh’ aig daoine a thaobh ionadan TCC gum feumte an siostam le dà bhuidhinn-sgrùdaidh atharrachadh. Thug cuid a luchd-freagairt iomradh air mar a bha co-chomhairleachadh ga chumail air frèam càileachd TCC aig an aon àm, agus thuirt iad gun tug iad freagairt seachad airson sin, agus iad a’ cur cèill nan draghan a bh’ orra a thaobh an t-siostaim a th’ ann an-dràsta agus an t-siostaim ùir a bhathar a’ moladh airson sgrùdaidhean TCC.
Nuadh-phreantasachdan
Cha tug mòran luchd-freagairt beachd seachad a bha gu h-àraidh a’ buntainn ri dleastanasan HMIe ann a bhith a’ sgrùdadh nuadh-phreantasachdan. Am measg na feadhna a thug, mar bu trice bha iad a’ bruidhinn air na h-adhbharan a bu chòir a bhith ann airson leithid a sgrùdaidhean agus ciamar a bu chòir an dèanamh, an àite a bhith a’ beachdachadh air a’ cheist fharsaing a bu chòir dleastanasan a bhith aig a’ bhuidhinn-sgrùdaidh ùir san roinn seo.
Ge-tà, bha aon rud a thog tòrr dhiubh, gum feumar dèanamh cinnteach nach bi nuadh-phreantasachdan air am measadh no air an sgrùdadh le dà bhuidhinn fa leth, mar eisimpleir, SDS, SQA agus HMIe. Rinn luchd-freagairt follaiseach a-rithist gum biodh e cudromach gum bite ag ionnsachadh bhon obair a tha SDS/Foghlam Alba air a dhèanamh le ath-sgrùdaidhean com-pàirteach gus dèanamh cinnteach nach biodh obair dhùbailte ann agus gum biodh dleastanasan is adhbhar nan diofar bhuidhnean soilleir.
Thuirt àireamh gu math beag de luchd-freagairt nach robh iad cinnteach am bu chòir dleastanasan a bhith aig HMIe a thaobh nuadh-phreantasachdan, agus gur dòcha gum biodh buidhnean no dòighean-obrach eadar-dhealaichte a dhìth airson nuadh-phreantasachdan a tha ceangailte ri buidhnean gnìomhachais no aig a bheil riatanasan a tha ceangailte ris na buidhnean sin. Thuirt àireamh bheag de luchd-freagairt gum biodh sgrùdaidhean san roinn seo ‘doirbh’.
Beachdan Eile
Thog àireamh bheag de luchd-freagairt air beachdan a thug iad seachad mu thràth agus iad ag ràdh gum bu chòir sgrùdaidhean a bhith ann airson sgoiltean a-mhàin no gum bu chòir prìomhachas a chur air na sgrùdaidhean sin. Thuirt cuid a-rithist gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh fhèin a bhith cunntachail. Thuirt cuid a luchd-freagairt nach robh iad a’ cur taic ri sgrùdaidhean san fharsaingeachd. Thuirt iad gur e pròiseas dùbhlanach is sàrachail a bh’ ann a bha a’ dèanamh cron air slàinte-inntinn nan daoine a bha fo sgrùdadh, agus gum bu chòir dòighean-obrach nas taiceil a chur an sàs a thaobh mar a thèid cùisean a leasachadh.
Làn-bhuannachdan bho Sgrùdaidhean Foghlaim
Chaidh trì prìomhachasan a chur an cèill sa phàipear cho-chomhairleachaidh gus piseach a thoirt air obair is buaidh nan sgrùdaidhean ann an siostam an fhoghlaim, b’ iad sin:
1. A’ dèanamh cinnteach gum bi earbsa aig clann, daoine òga, inbhich a tha ag ionnsachadh, pàrantan/luchd-cùraim, luchd-teagaisg agus luchd-obrach eile, agus aig a’ mhòr-shluagh, ann an obair buidheann-sgrùdaidh an fhoghlaim.
2. A’ dèanamh cinnteach gum bi luchd-teagaisg is luchd-obrach eile, clann, sgoilearan is oileanaich, pàrantan/luchd-cùraim, ùghdarrasan ionadail agus luchd-solair an sàs ann an sgrùdaidhean; agus
3. A’ dèanamh cinnteach gun dèanar làn-fheum de dh’fhianais bho sgrùdaidhean gus: (a) dearbhachd is cunntachalachd phoblach a thoirt seachad; (b) piseach a thoirt air cùisean agus cur ri comasan dhaoine; agus (c) gus cuideachadh le bhith a’ dealbh dhòighean-obrach is phoileasaidhean.
C9: A bheil sibh ag aontachadh ri no a’ dol an aghaidh nam prìomhachasan? A bheil sibh airson gum bi obair no dleastanasan sgrùdaidh a’ gabhail a-steach dad eile?
A-rithist, dh’aontaich mu dhà thrian (67%, àir.=259) de luchd-freagairt ris na prìomhachasan san sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh
Àireamh | Ceudad | Ceudad Dligheach | |
---|---|---|---|
Ag aontachadh | 259 | 67% | 87% |
An aghaidh | 38 | 10% | 13% |
Fo-àireamh Iomlan (Fhreagair iad) | 297 | ||
Cha do fhreagair iad | 89 | 23% | |
Gu h-iomlan | 386 |
Ged a bhathar a’ nochdadh taic do na prìomhachasan (a tha a rèir nan adhbharan a chaidh a stèidheachadh) sa mhòr-chuid de bheachdan a thugadh seachad, thug grunn dhaoine iomradh sònraichte air cho feumail ’s a bhiodh Prìomhachas 2 (sin gum bite a’ dèanamh cinnteach gum biodh luchd-teagaisg is luchd-obrach eile, clann, sgoilearan is oileanaich, pàrantan/luchd-cùraim, ùghdarrasan ionadail agus luchd-solair an sàs ann an sgrùdaidhean):
“Le bhith a’ dèanamh ath-leasachadh air sgrùdaidhean, tha cothrom againn co-chonaltradh nas fheàrr a dhèanamh leis a h-uile duine agus cothrom a thoirt dhaibh pàirt a ghabhail ann an sgrùdaidhean foghlaim. Tha sin a’ gabhail a-steach luchd-teagaisg, clann, daoine òga, inbhich a tha ag ionnsachadh agus pàrantan is luchd-cùraim… Cha bu chòir gun toir beachdan nan daoine a tha fo sgrùdadh cus buaidhe air co-dhùnaidhean na buidhne-sgrùdaidh. Ge-tà, bu chòir dhuinn daonnan dèanamh cinnteach gun tèid ealla a ghabhail ris na suidheachaidhean is beachdan aca a thaobh nan dòighean sam bithear a' dèanamh agus a’ stiùireadh sgrùdaidhean.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Bhathar dhen bheachd gum biodh e gu h-àraidh cudromach gealladh a bhith ann gus cothrom a thoirt do chloinn, daoine òga, pàrantan is luchd-cùraim gus pàirt a ghabhail ann an cùisean ma bha daoine gu bhith a’ cur earbsa ann an obair na buidhne-sgrùdaidh (le sin bhite a’ coileanadh Prìomhachas 2 agus a’ cuideachadh le bhith a’ coileanadh Prìomhachas 1). Ge-tà, bha daoine aig na tachartasan dhen bheachd gun robh barrachd fiosrachaidh a dhìth a thaobh ciamar a dheigheadh sgoilearan is pàrantan a bhrosnachadh gu bhith a’ dol an sàs ann an sgrùdaidhean.
Bhathar cuideachd a’ smaoineachadh gur e an aon dòigh piseach dha-rìribh a thoirt air an t-siostam a th’ ann an-dràsta sgrùdaidhean taiceil is co-obrachail a bhith ann:
“Ma tha dòighean-obrach nas co-obrachail ann a tha ag amas air cur ri comasan dhaoine faodaidh sinn an taic a tha dhìth a thoirt do thidsearan is ceannardan sgoile. Leis a’ mhodail a th’ ann an-dràsta faodaidh sin tòrr uallaichean fhàgail air daoine a tha fo sgrùdadh agus tha e cumanta gu leòr a bhith a’ cluinntinn gu bheil daoine a’ smaoineachadh nach eil na co-dhùnaidhean a nithear sna sgrùdaidhean cunbhalach.” (An Roinn Iar-sgoile/Colaistean/Oilthighean)
A-rithist, mhol grunn dhaoine gum bu chòir barrachd cuideim a chur air dòighean-obrach co-obrachail airson fèin-mheasadh is sgrùdaidhean (le cothroman do bhuill dhen sgioba stiùiridh pàirt a ghabhail ann an sgrùdadh na sgoile aca agus do Luchd-measaidh Com-pàirteach pàirt nas motha a ghabhail ann an cùisean):
“’S e puing ro chudromach a th’ ann, agus cha bhithear a’ toirt fa-near dha seo mar a bu chòir, gu bheil e na chomas do shiostam foghlaim na h-Alba barrachd fèin-mheasaidh a dhèanamh air ìrean-coileanaidh an t-siostaim a thaobh a bhith a’ toirt foghlam seachad. Feumaidh e a bhith mar phrìomh amas dhan bhuidhinn-sgrùdaidh cur ri comasan dhaoine, agus a bhith a’ dèanamh dearbhadh air gnìomhan a thathar a’ dèanamh air feadh an t-siostaim gus piseach a thoirt air an fhoghlam. Gun an t-amas sin, dh’fhaodadh nach bi e na chomas dhan bhuidhinn-sgrùdaidh na trì prìomhachasan a choileanadh.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Thuirt cuid a dhaoine a dh’aontaich ris na prìomhachasan gun robh na trì dhiubh caran farsaing agus gun gabhadh sealltainn gun robh iad a’ togail air na bha a’ tachairt sa mhodal sgrùdaidh a th’ ann an-dràsta, an àite a bhith a’ toirt amasan ‘ùra’ no ‘lèirsinneach’ seachad airson buidheann-sgrùdaidh ùr. Mar an ceudna, bha daoine dhen bheachd nach robh cus feum ’s dòcha sa phrìomhachas a thaobh ‘earbsa ann an obair buidheann-sgrùdaidh an fhoghlaim’, agus thuirt cuid a luchd-freagairt gum biodh e nàdarra a bhith a’ sùileachadh sin bho bhuidheann phoblach sam bith.
Nuair a bha luchd-freagairt a’ dol an aghaidh nam prìomhachasan no nuair nach robh iad a’ cur mòran taice riutha, b’ e an t-adhbhar bu mhotha airson sin na faclan a chaidh a chleachdadh airson na prìomhachasan a chur an cèill. Bhathar a’ smaoineachadh gun robh cuid de na faclan a’ dol an aghaidh nan dòighean-obrach co-obrachail is taiceil a bhathar a’ miannachadh, mar eisimpleir, a thaobh a bhith a’ toirt piseach air cùisean agus a’ cur ri comasan dhaoine. Bhathar dhen bheachd gun robh na faclan sin a’ cur taic ris an dòigh-smaoineachaidh gur iad an luchd-sgrùdaidh a-mhàin a bheir piseach air cùisean agus gun tèid ‘sparradh’ air luchd-teagaisg is sgoiltean piseach a thoirt air cùisean (mar sin, bha na faclan a’ cur an cèill mar a nithear leasachaidhean fo stiùir na feadhna a th’ aig mullach an t-siostaim).
Cuideachd, cha robh daoine toilichte leis mar a bhathar a’ cur cuideam air ‘buaidh’ is ‘fianais’, mura bite a’ coimhead air soirbheachas bho shealladh na b’ fharsaing nach robh cho acadaimigeach no poilitigeach, mar eisimpleir, sealladh far nach eilear a’ coimhead dìreach air slatan-tomhais coileanaidh. Bhathar a’ moladh gum bite a’ coimhead air feumalachdan nan sgoilearan/oileanach san fharsaingeachd, agus air soirbheachas le sùil ris an ùine fhada. Bhathar a’ moladh cur às dhan mhodail sgrùdaidh stèidhichte air ìrean is sgòraichean.
Thuirt daoine eile nach e facal brosnachail a th’ ann an ‘cunntachalachd’ agus nach bu chòir dha sin, uair sam bith, a bhith mar phrìomhachas an lùib sgrùdaidhean (bhathar dhen bheachd gun robh cus cuideim ga chur air ceasnachadh is breithneachadh sna modhan-sgrùdaidh):
“Bu chòir cuideam a chur air càileachd an fhoghlaim, an àite cunntachalachd. Chan eil adhbhar sam bith soilleireachd a bhith ann, ma thathar a’ fàilligeadh anns gach raon de dh’fhoghlam.” (Neach fa leth)
“Tha sgrùdadh fhathast na phròiseas a tha ga dhèanamh ‘air’ sgoiltean. Ged a tha sinn a’ cur fàilte air an amas gum bi luchd-ionnsachaidh, luchd-oideachaidh agus luchd-ùidhe eile an sàs sa phròiseas, tha sinn a’ togail ceist mu mar a thathar fhathast a’ cleachdadh cainnt co-cheangailte ri ‘cunntachalachd’ – le sin thathar a’ stèidheachadh suidheachadh le ‘iadsan is sinne’, agus tha sinn a’ smaoineachadh gum biodh e na b’ fheàrr gluasad air falbh bhon dòigh-smaoineachaidh sin.” (An Treas Roinn)
Cuideachd, bha beachdan ann nach bu chòir uiread cuideim a chur air cunntachalachd sna prìomhachasan san fharsaingeachd:
“Bu chòir prìomhachas a chur air taic airson piseach a thoirt air cùisean, a bhith a’ cur ri comasan dhaoine agus a’ cuideachadh le bhith a’ dealbh dhòighean-obrach an àite air cunntachalachd. Tha an t-òrdugh san deach na prìomhachasan fhoillseachadh a’ sealltainn gu bheilear air a’ cur cus cuideim air cunntachalachd ann an sgrùdaidhean." (Ùghdarrasan Ionadail)
San fharsaingeachd, bhathar gu mòr dhen bheachd gum bu chòir do na prìomhachasan a bhith a’ bruidhinn air modhan-sgrùdaidh a tha nas com-pàirtiche agus nas co-obrachail, agus gum bu chòir dhaibh barrachd cuideim a chur air mar a thèid sàr fhoghlam a thoirt seachad:
“Tha coltas ann gur e prìomhachasan an riaghaltais a th’ annta seo an àite nam prìomhachasan a th’ aig clann, daoine òga agus na teaghlaichean aca.” (Neach fa leth)
Am measg an luchd-fhreagairt air fad, cha d’ fhuaras mòran mholaidhean a thaobh barrachd phrìomhachasan, an àite sin mhìnich cuid a luchd-freagairt mar a bu toil leotha sgrùdaidhean a bhith air an dèanamh/dè bu chòir a bhith mar phàirt de sgrùdaidhean. Am measg nam beagan bheachdan a dh’fhaodadh a bha a-mach air mar a dh’fhaodar na prìomhachasan ùrachadh, bha:
- bu chòir dha a bhith mar am prìomh amas foghlam sàr-mhath a thoirt seachad/cumail ri inbhean foghlaim freagarrach;
- bu chòir prìomhachas a chur air mar a nithear leasachaidhean leantainneach le bhith a’ comharrachadh is a’ co-phàirteachadh dheagh mhodhan-obrach san roinn;
- bu chòir do na prìomhachasan a bhith a’ togail air mar a tha barrachd co-obrachaidh air a bhith ann o chionn beagan bhliadhnaichean eadar a’ bhuidheann-sgrùdaidh agus riaghaltas ionadail, a’ gabhail a-steach a’ mhodail leasachaidh cho-obrachail; agus
- cuideachd feumaidh a’ bhuidheann-sgrùdaidh prìomhachas a chur air a bhith a’ comharrachadh nan dòighean-obrach as fheàrr agus mar a ghabhas iad sin a chur gu feum ann an suidheachaidhean eile.
Chaidh moladh na b’ fharsainge a thoirt seachad cuideachd, gum bu chòir, mar phàirt de na prìomhachasan, cuideam a chur air co-ionannachd, còraichean is cultar an lùib foghlaim.
Mhol beagan luchd-freagairt cuid de na faclan atharrachadh, ged nach robh ann mar bu trice ach neach-freagairt no dhà a bha a’ moladh gach atharrachadh. Am measg nam molaidhean bha:
- bu chòir iomradh a bhith sa chiad phrìomhachas air ‘tuigse’ cuideachd, le sin bhathar a’ ciallachadh gum bu chòir gum bi diofar luchd-ùidhe ‘a’ tuigsinn obair buidheann-sgrùdaidh an fhoghlaim agus a’ cur earbsa innte’. (Gu dearbh, chaidh a mholadh gum bu chòir prìomhachas eile a bhith ann, gum bi a’ bhuidheann-sgrùdaidh ga dèanamh fhèin nas aithnichte, nas fhosgailte agus nas so-ruigsinn am measg an t-sluaigh agus do phàrantan is teaghlaichean. Chaidh a mholadh cuideachd gum bu chòir iomradh a bhith air ‘aonaidhean luchd-teagaisg’ sa phrìomhachas seo);
- bu chòir iomradh a bhith air colaistean san dàrna prìomhachas, mar sin, bhiodh ‘…colaistean agus luchd-solair eile an sàs ann an sgrùdaidhean’ agus chaidh a mholadh gum faodadh, sa phrìomhachas seo, iomradh a thoirt air fèin-mheasadh, meòrachadh is leasachadh mar phàirt dhen obair gus piseach a thoirt air cùisean. Chaidh a mholadh cuideachd gum bu chòir dhan phrìomhachas atharrachadh gus a bheil e a’ leughadh mar seo, ‘…an sàs ann an dòigh bhrìoghmhor ann an sgrùdaidhean agus a’ chom-pàirt sin stèidhichte air còraichean dhaoine’; agus
- a thaobh an treas prìomhachais, bu chòir an t-òrdugh atharrachadh gu (a) piseach a thoirt air cùisean agus cur ri comasan dhaoine; (b) dearbhachd is cunntachalachd phoblach a thoirt seachad; agus (c) gus cuideachadh le bhith a’ dealbh dhòighean-obrach is phoileasaidhean. Chaidh a mholadh cuideachd gum faodte ceathramh fo-phuing a chur ann, “piseach a thoirt air na builean a th’ ann do chloinn is daoine òga”, agus chaidh a mholadh gum bu chòir sin a bhith aig toiseach na liosta.
Mhol àireamh bheag de luchd-freagairt gum bu chòir iomradh a bhith sna prìomhachasan air coimhearsnachdan is buidhnean coimhearsnachd, a thuilleadh air luchd-compàirt co-cheangailte ris na h-àiteachan far an tèid sgoilearan às dèidh na sgoile leithid fhastaichean, colaistean agus oilthighean (ach cha tuirt luchd-freagairt ciamar a bu chòir sin a dhèanamh).
Bhathar cuideachd ag iarraidh barrachd soilleireachd a thaobh nam prìomhachasan. Mar eisimpleir, airson Prìomhachas 1, chaidh a mholadh gum biodh e feumail barrachd mìneachaidh a dhèanamh air dè bhiodh ‘earbsa’ a’ ciallachadh do luchd-ùidhe, agus le sin bhiodh barrachd soilleireachd ann ’s dòcha air na h-adhbharan sgrùdaidh. Cuideachd, bhathar ag iarraidh barrachd soilleireachd air dè bhathar a’ ciallachadh le ‘gus piseach a thoirt air cùisean agus cur ri comasan dhaoine’. Thuirt cuid a dhaoine gun còrdadh e riutha barrachd fiosrachaidh a bhith aca air ciamar a dheigheadh na prìomhachasan a choileanadh agus dè a’ bhuaidh a bhiodh aca air na modhan-riaghlaidh a th’ ann an-dràsta.
Chaidh a thogail cuideachd, ged a bhathar a’ cur fàilte mhòr air mar a bhiodh luchd-teagaisg is luchd-obrach proifeiseanta eile an sàs sna sgrùdaidhean, cha bhiodh an cothrom com-pàirt sin gu leòr a thaobh na taice a tha a dhìth air luchd-teagaisg. An àite dìreach sin, bhathar ag iarraidh barrachd fiosrachaidh air agus gun dèanar barrachd beachdachaidh air mar a ghabhadh taic na b’ fheàrr a chur air dòigh do luchd-teagaisg.
Thuirt grunn luchd-freagairt, ged a bha iad ag aontachadh gum feumar làn-fheum a dhèanamh dhen fhianais, gum biodh feum cuideachd air modhan-obrach buadhach gus dàta a cho-phàirteachadh (chaidh bruidhinn air seo aig na tachartasan cuideachd), agus dh’fheumadh na modhan-obrach sin a bhith soilleir agus dh’fheumadh an fhianais uile a bhith soilleir/furasta a tuigsinn is a faighinn. Cuideachd, dh’fheumte dèanamh cinnteach gum bite a’ dèanamh feum dhen fhianais sgrùdaidh ann an dòigh fhreagarrach agus chan ann mar ghoireas:
“Cuideachd, feumaidh soilleireachd a bhith ann a thaobh farsaingeachd is càileachd na fianaise agus feumar fianais fhaighinn air na tha sinn ag iarraidh a mheasadh, an àite air na tha furasta a mheasadh. Bu chòir leis na modhan-sgrùdaidh gum faigh na h-ionadan cothrom fianais a thoirt seachad air a’ chuid as fheàrr dhen obair aca agus cha bu chòir gum bi iad air an cuingealachadh air sàillibh an t-seòrsa fianaise a thathar a' sireadh.” (An Roinn Iar-sgoile/Colaistean/Oilthighean)
Chleachd daoine eile an cothrom a-rithist leis a’ cheist seo gus sealltainn mar nach robh iad ag aontachadh ri sgrùdaidhean san fharsaingeachd agus/no gus beachd a thoirt seachad gu bheil fèin-mheasadh na mheadhan nas freagarraiche agus nas buadhaiche gus piseach a thoirt air cùisean. Mu dheireadh, chaidh beachdan a thoirt seachad a-rithist air cho cudromach ’s a bhiodh e gum biodh na modhan-sgrùdaidh a’ buntainn ri builean airson clann is daoine òga, chan ann dìreach ri leasachaidhean san t-siostam.
A' Coileanadh nam Prìomhachasan
San earrainn mu dheireadh dhen phàipear cho-chomhairleachaidh bhathar a’ sireadh bheachdan air dòighean eadar-dhealaichte gus na prìomhachasan bho C9 a choileanadh – an dàrna cuid tro reachdas ùr no tro dhòighean eile leis an reachdas a th’ ann an-dràsta. Bha na trì ceistean mu dheireadh dhen cho-chomhairleachadh a’ toirt sùil shònraichte air na trì prìomhachasan.
C10: A bheil beachdan agad air na roghainnean gus modhan-sgrùdaidh ùra a stèidheachadh?
Chaidh iarraidh air luchd-freagairt am beachdan a thoirt seachad air ciamar as fheàrr Prìomhachas 1 (fiosrachadh mionaideach air fo C9 gu h-àrd) a choileanadh. Bhathar gu h-àraidh a’ sireadh bheachdan air na leanas:
1. am bu chòir na dleastanasan sgrùdaidh a thoirt air falbh bho Fhoghlam Alba gus buidheann fa leth, ùr a stèidheachadh gun feum air reachdas ùr. Bhiodh a’ bhuidheann-sgrùdaidh sin fhathast cunntachail do Mhinistearan na h-Alba; no
2. am bu chòir reachdas a thoirt air adhart gus an dreuchd ‘Àrd-neach-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam ann an Alba’ a stèidheachadh fon lagh mar neach-dreuchd neo-eisimeileach. Nan tachradh sin, dh’fhaodadh e a bhith mar phrìomh uallach air Àrd-neach-sgrùdaidh an Rìgh clàran-ama, tricead is prìomh amasan nan sgrùdaidhean a stèidheachadh, an àite an cumhachd sin a bhith fo smachd laghail Mhinistearan na h-Alba.
Bha measgachadh mòr de bheachdan ann mun cheist seo, agus cha do nochd prìomh chuspairean soilleir am measg nam freagairtean. Bhruidhinn grunn luchd-freagairt air na neartan is laigsean a bha iad a’ faicinn leis an dà roghainn (agus thug iad seachad roghainnean eile) an àite a bhith ag innse gu soilleir cò an roghainn a b’ fheàrr leotha. Cuideachd, bha cuid a dhaoine a’ coimhead air a’ cheist seo mar thaghadh eadar dà roghainn agus bha cuid eile a’ smaoineachadh gun robh a’ cheist a’ ciallachadh gun gabhadh an dà roghainn air a chur an sàs còmhla no gum bite a’ dèanamh sin. Leis a’ cheist seo agus le ceistean eile às dèidh seo, bha daoine a bha an làthair aig na tachartasan ag iarraidh soilleireachd air an diofar eadar a bhith a’ cur atharraichean an sàs air reachdas no tro reachdas agus air a’ bhuaidh a bhiodh ann le sin, agus air co-dhiù a ghabhadh no nach gabhadh an dà roghainn a choileanadh còmhla no am feumte roghainn a dhèanamh eatarra.
Roghainn 1: Buidheann Ùr
Thuirt tòrr luchd-freagairt gun robh iad ag aontachadh gum bu chòir buidheann neo-eisimeileach a stèidheachadh a bhiodh fa leth bho Fhoghlam Alba agus an obair aca air a stiùireadh le molaidhean luchd-ùidhe is an rannsachadh as ùire. B’ e an t-adhbhar bu mhotha a bh’ aig daoine airson sin gun dèanadh sin cinnteach gun robh na modhan-sgrùdaidh air stèidh neo-eisimeileach agus nach biodh draghan ann, mar a bha roimhe, a thaobh neo-phàirteachd nan sgrùdaidhean:
“Tha e deatamach gun tèid a’ bhuidheann a chur air bhonn mar bhuidhinn neo-eisimeilich gus dèiligeadh ri seo agus gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhaibh na dleastanasan aca a choileanadh gu neo-eisimeileach agus gun lethbhreith. Tha seo riatanach gus dèanamh cinnteach gum bi daoine a’ cur earbsa sna modhan-sgrùdaidh a-rithist agus gun tèid measaidhean a dhèanamh gun daoine a bhith a’ toirt buaidh neo-iomchaidh orra, agus le sin bidh siostam sgrùdaidh foghlaim nas làidire is nas earbsaiche ann.” (Neach fa leth)
“Ma thèid buidheann fa leth a stèidheachadh, bheireadh sin air falbh cothrom sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann airson strì eadar com-pàirtean agus dhèante cinnteach gum biodh dleastanasan na buidhne na bu shoilleire.” (An Roinn Iar-sgoile/Colaistean/Oilthighean)
Ged a bhathar a’ coimhead air an roghainn sin mar thè radaigeach, bhathar cuideachd a’ smaoineachadh gun robh feum air gus dèanamh cinnteach nach robh strì eadar com-pàirtean ann, a bhathar a’ smaoineachadh a bha a’ tachairt leis an t-siostam a th’ ann an-dràsta, eadar na dleastanasan airson leasachadh, adhartas agus mheasaidhean.
A thaobh nan daoine a thug taic dhan roghainn seo, thuirt iad, ged nach robh feum air reachdas air an son, gum bu chòir structairean riaghlaidh soilleir a chur air bhonn gus obair na buidhne ùire a stiùireadh agus gus sùil a chumail oirre. Mar an ceudna, bhathar dhen bheachd ged a bhiodh a’ bhuidheann fa leth bho Fhoghlam Alba, gum feumte fhathast fiosrachadh is comhairle a cho-phàirteachadh eadar an dà bhuidhinn agus gum biodh sin freagarrach airson dèanamh cinnteach gum biodh siostam co-aonaichte ann fhathast. Le sin, mar eisimpleir, bhiodh luchd-sgrùdaidh a’ dèanamh cinnteach gum biodh làn fhios aca air na modailean is modhan-obrach airson càileachd an fhoghlaim a bhiodh Foghlam Alba a’ moladh airson sgoiltean:
“Ma tha dà bhuidhinn ag obair air sgrùdaidhean foghlaim agus gus piseach a thoirt air foghlam, feumaidh prìomh luchd-ùidhe a bhith cinnteach gu bheil amasan is prìomhachasan coitcheann aca.” (Ùghdarrasan Ionadail)
A rèir cuid a dhaoine a chuir taic ris a’ mholadh airson buidheann fa leth, bha ceistean ann cuideachd a thaobh ciamar a bheirte/cò bheireadh comhairle is taic do luchd-teagaisg – Foghlam Alba no a’ bhuidheann-sgrùdaidh ùr?
Thug cuid a dhaoine, a bha ag iarraidh buidheann ùr, rabhadh seachad gum biodh meud is farsaingeachd na buidhne an crochadh air an ìre de cho-obrachadh a bhiodh ann le ùghdarrasan ionadail. Mhol iad: gum bu chòir barrachd feum a dhèanamh de na dòighean-obrach aig ùghdarrasan ionadail airson dearbhadh càileachd; eòlas nan ùghdarrasan ionadail a chleachdadh gus aontachadh cò na sgoiltean a thèid a sgrùdadh leis a’ bhuidhinn neo-eisimeilich; barrachd Luchd-measaidh Com-pàirteach a chleachdadh; agus gum bu chòir pàirt na bu mhotha a bhith aig oifigearan nan ùghdarrasan ionadail ann an sgrùdaidhean.
Coltach ris na beachdan a thugadh seachad air a’ BhTU, thuirt àireamh bheag de na daoine a chuir taic ris a’ mholadh airson buidheann ùr gum biodh e cudromach gum biodh luchd-obrach ‘ùr’ aig a’ bhuidhinn ùir, agus iad ag ràdh nan deigheadh an luchd-obrach bhon t-seann bhuidhinn-sgrùdaidh a ghluasad chun na buidhne ùire gun robh cunnart ann gun cuireadh sin maill air oidhirpean gus dòighean-obrach ùra sam bith a chur an sàs. Mar an ceudna, bha cuid a dhaoine dhen bheachd nach deigheadh cur às do thrioblaidean san t-siostam dìreach le bhith a’ stèidheachadh buidheann-sgrùdaidh ùr, mura deigheadh dèiligeadh ri trioblaidean nas bunaitiche a chaidh a chomharrachadh ann an Aithisg Muir cuideachd:
“Mura tèid dèiligeadh ris na duilgheadasan a chaidh a thogail ann an aithisg Muir (leithid neo-phàirteachd na buidhne-sgrùdaidh), tha e coltach gun lean iad ged a thèid siostam ùr a stèidheachadh an àite Foghlam Alba le tè seach tè de na roghainnean. Feumaidh luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg proifeiseanta agus luchd-ùidhe earbsa a chur sna pròiseasan fhèin, agus feumaidh a’ bhuidheann-sgrùdaidh a bhith gu tur neo-eisimeileach gus an urrainn dhaibh measadh a dhèanamh air buaidh agus coileanadh nan dòighean-teagaisg agus air càileachd an fhoghlaim.” (An Treas Roinn)
Thuirt cuid a luchd-freagairt, a bha a’ dol an aghaidh a’ mholaidh airson buidheann-sgrùdaidh ùr, gun robh iad dhen bheachd nach biodh sin a’ ciallachadh gum biodh ‘neo-eisimeileachd’ bhon riaghaltas ann mar a bha luchd-ùidhe ag iarraidh:
“Bhiodh a’ bhuidheann-sgrùdaidh fon mhodail seo fhathast cunntachail do agus air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba… mar sin cha bhiodh a’ bhuidheann ùr cho neo-eisimeileach sin, agus tha sin a’ cur taic ris a’ bheachd gu bheil Riaghaltas na h-Alba a’ feuchainn air smachd air astar a chumail air na dleastanasan sgrùdaidh agus cha deigheadh cruth-atharrachadh a thoirt air na modhan sgrùdaidh is breithneachaidh, agus cruaidh fheum air sin…” (Aonaidhean-ciùird/ Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Am measg nam prìomh phuingean eile a chaidh a thogail an aghaidh seo bha: nam biodh buidheann eile an sàs ann am foghlam is sgrùdaidhean gun cuireadh sin ris a’ bhiurocrasaidh a th’ ann agus nach biodh innte ach buidheann eile gus rian a chumail air sgoiltean. Cuideachd, thuirt luchd-freagairt gum faodadh cunnart a bhith ann le dà bhuidhinn fa leth airson sgrùdaidhean is taic gum biodh iad a’ gabhail shlighean eadar-dhealaichte nan obair/gun tigeadh sgaradh eatarra (mar eisimpleir, dòighean-smaoineachaidh eadar-dhealaichte), bhathar dhen bheachd ma tha aon bhuidheann ann airson sgrùdaidhean is taic gun cuidich sinn gus cunbhalachd a chur an sàs a thaobh theachdaireachdan is dhòighean-obrach.
Roghainn 2: Neach-dreuchd Neo-eisimeileach
Am measg na feadhna a thug taic dhan mholadh airson neach-dreuchd neo-eisimeileach, thuirt tòrr dhiubh gum biodh barrachd cunntachalachd is neo-eisimeileachd ann agus gum biodh e na b’ fhollaisiche gun robh sin ann, agus mar thoradh air sin bhiodh am mòr-shluagh agus luchd-proifeiseanta a’ cur barrachd earbsa sna modhan-sgrùdaidh:
“Tha a’ bhuidheann a’ cur taic ris a’ mholadh gus Àrd-neach-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam a chur an dreuchd mar neach-dreuchd neo-eisimeileach fon lagh. ’S e an t-adhbhar airson sin gu bheil sinn airson a’ bhuaidh a th’ aig luchd-poilitigs air foghlam ann an Alba a lùghdachadh. Tha sinn dhen bheachd ma thèid an t-Àrd-neach-sgrùdaidh a chur an dreuchd mar neach-dreuchd neo-eisimeileach, gun cuidich sin le bhith a’ dèanamh cinnteach nach toir luchd-poilitigs cus buaidhe air cùisean agus gun tèid siostam sgrùdaidh foghlaim nas làidire agus nas neo-phàirtiche a stèidheachadh.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Bha grunn eile ag aontachadh gum biodh barrachd soilleireachd ann leis an dreuchd ùir a thaobh cò ris a tha e an urra clàran-ama, tricead agus prìomh amasan nan sgrùdaidhean a stèidheachadh.
Chaidh a ràdh cuideachd, le neach-dreuchd neo-eisimeileach gum biodh roinn an fhoghlaim air an aon stèidh ri roinnean eile, mar sin, bhiodh Àrd-Oifigear Foghlaim ann, coltach ris na dreuchdan a th’ ann an-dràsta airson Àrd-Oifigear Meidigeach agus Àrd-Oifigear Banaltrachd. Bhathar dhen bheachd, le seo gum bite a’ sealltainn gun robhar a’ cur an aon sùim ann an roinn an fhoghlaim ’s a thathar ann am prìomh sheirbheisean poblach eile.
A-rithist, bha an fheadhainn a chuir taic ris an roghainn seo a’ moladh gu làidir gum bu chòir dhan reachdas a bhith gu math soilleir is mionaideach. Bhathar a’ smaoineachadh gum bu chòir a mhìneachadh gu bheil e a’ buntainn “ris a h-uile neach-oideachaidh is neach-ionnsachaidh” gus dèanamh cinnteach gum bi co-ionannachd ann, gum bu chòir mìneachadh soilleir a thoirt air an dreuchd, agus fiosrachadh a thoirt seachad air mar a dhèante co-chonaltradh/mar a bu chòir co-chonaltradh a dhèanamh ri luchd-ùidhe.
Chaidh molaidhean sònraichte a thoirt seachad gum bu chòir modhan-obrach a bhith ann gus dèanamh cinnteach gu bheil eòlas freagarrach aig an neach-dreuchd air cùisean co-cheangailte ri co-ionannachd is còraichean, agus gum bi gealladh follaiseach san reachdas gus còraichean cloinne fon UNCRC a dhìon is a chur air adhart. Bhathar cuideachd dhen bheachd gun robh e cudromach gum biodh an neach-dreuchd mothachail air na feumalachdan sònraichte a th’ aig FMG.
Am measg nan daoine a bha an aghaidh na roghainn seo, b’ e an rud bu mhotha a bha a’ cur dragh orra, ciamar a b’ urrainnear riaghladh a dhèanamh air aon neach-dreuchd agus ciamar a dhèante cinnteach gun robh iad cunntachail. Bha draghan cuideachd aig daoine, le bhith a’ cur atharraichean reachdail an sàs gum bite a’ dèanamh an t-siostaim a th’ ann nas toinnte agus gun cuireadh sin bacadh air adhartas. Bhathar gu h-àraidh dhen bheachd gum faodadh mì-chinnt a bhith ann a thaobh cunntachalachd:
“Bu chòir gun gabh seo a choileanadh gun dreuchd neo-eisimeileach a bhith air a stèidheachadh fon lagh, dh’fhaodadh gun adhbhraicheadh sin bacaidhean is ceistean, leithid cò dha a bhiodh leithid a neach cunntachail?” (Ùghdarrasan Ionadail)
Chaidh a mholadh cuideachd gur dòcha gum biodh buannachdan ann, a thaobh a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bite a’ cur cuideam air adhartas, nam biodh barrachd co-obrachaidh ann le luchd-ùidhe eile, leithid ùghdarrasan ionadail, ann a bhith a’ stèidheachadh chlàran-ama, tricead agus prìomh amasan nan sgrùdaidhean. Mar an ceudna, bhathar a’ moladh gum faigheadh an neach-dreuchd taic is stiùir bho Bhuidheann Chomhairleachaidh aig am biodh inbhe reachdail, agus bhiodh riochdairean bho am measg luchd-ùidhe agus buill neo-eisimeileach oirre (chaidh bruidhinn air seo a-rithist ann am freagairtean do cheistean às dèidh seo).
Thuirt àireamh gu math beag de luchd-freagairt gum faodadh cunnartan a bhith ann le aon neach-dreuchd a bhith os cionn sgrùdaidhean agus/no le aon neach a bhith san dreuchd. Bha sin stèidhichte san fharsaingeachd air a’ bheachd nach robh dreuchdan coltach ri seo air a bhith èifeachdach agus/no gun robh barrachd teans ann gun dèanadh an neach-dreuchd leth-bhreith nan co-dhùnaidhean:
“…le bhith a’ toirt nan cumhachdan seo do dh’aon neach, dh’fhaodte gun tèid dearmad a dhèanamh air cuid a chùisean seach nach eil ùidh aig an neach annta no gu bheil adhbharan aca gun a bhith a’ coimhead orra, agus gun tèid cuid a chùisean sònraichte a thoirt fa-near ri linn nan nithean sa bheil ùidh aig an neach-dreuchd gu pearsanta. Ged a dh’fhaodadh na rudan seo tachairt le dòighean-obrach far a bheil dleastanasan air an tiomnadh air feadh buidheann, tha e nas coltaiche gun tèid dòighean-obrach nas iomlanaiche a chur an sàs nuair nach eil aon neach ann mar cheannard follaiseach.” (Neach fa leth)
Bha cuid a dhaoine an aghaidh aon neach-dreuchd air sgàth ’s gun robh iad a’ smaoineachadh nach biodh luchd-ùidhe a’ cur earbsa sna modhan-sgrùdaidh, a-rithist, gu h-àraidh a thaobh cunntachalachd. B’ e beachd cumanta a bh’ ann cuideachd, nam biodh Àrd-neach-sgrùdaidh ann, nach bu chòir luchd-poilitigs a bhith an sàs ann a bhith gan cur an dreuchd – bha neo-eisimeileachd bho phoilitigs cudromach.
Mar a chaidh a ràdh gu h-àrd, bha cuid a luchd-freagairt a’ smaoineachadh gun robh a’ cheist seo ag iarraidh orra taghadh a dhèanamh eadar dà roghainn, agus bha cuid eile a’ smaoineachadh gun robhar a’ ciallachadh gun gabhadh na dhà a chur an sàs còmhla no gum bite a’ dèanamh sin. Mhol grunn dhaoine an dà roghainn a chur an sàs còmhla – sin, a’ toirt nan dleastanasan sgrùdaidh air falbh bho Fhoghlam Alba gus buidheann ùr a stèidheachadh, agus a’ cur Àrd-neach-sgrùdaidh an Rìgh an dreuchd tro reachdas a bhiodh os cionn na buidhne sin airson dèanamh cinnteach gun robh i neo-eisimeileach bhon riaghaltas (ged a bhathar a’ ciallachadh sin le Roghainn 2, cha robh sin daonnan soilleir do luchd-freagairt).
Mhol cuid a luchd-freagairt roghainnean eadar-dhealaichte seach an fheadhainn a bh’ ann, agus leis a’ mhòr-chuid dhiubh sin bhathar a’ coimhead barrachd air cùisean practaigeach co-cheangailte ri bhith a’ dèanamh sgrùdaidhean (agus mar sin bithear a’ bruidhinn orra san ath-chaibideil). B’ e an aon mholadh a bha a’ buntainn barrachd ris a’ cheist seo, gum bu chòir do dh’Fhoghlam Alba na dleastanasan sgrùdaidh aca a chumail ach gum biodh iad cuideachd gu tur neo-eisimeileach bhon riaghaltas.
Beachdan Eile
Thug grunn luchd-freagairt beachdan na b’ fharsainge seachad agus iad a-mach air diofar chuspairean.
Thuirt feadhainn gum bu chòir reachdas làidir a bhith ann, còmhla ris na dòighean-sgrùdaidh ùra, a thaobh dhleastanasan, mar eisimpleir, dleastanasan co-cheangailte ri aithrisean, neo-phàirteachd agus cunntachalachd. Bha daoine eile dhen bheachd, ge-tà, nach robh feum air reachdas ùr airson sgrùdaidhean agus gum bu chòir gun urrainnear tòrr de na bhathar a’ moladh a choileanadh gun atharraichean mòra is toinnte air reachdas (agus dh’fhaodadh builean èirigh bho sin ris nach robh dùil):
“Le bhith a’ dèanamh atharraichean tro reachdas, bheir e ùine, agus tha buailteach gun deigheadh cumhachan farsaing a stèidheachadh gus nach biodh a’ bhuidheann-sgrùdaidh ùr air a cuingealachadh nuair a bhiodh aca ri dèiligeadh ri suidheachaidhean ùra. Ach nan deigheadh atharraichean a dhèanamh gun a bhith a’ cleachdadh reachdas, b’ urrainnear na h-atharraichean sin a chur an sàs gu math na b’ luaithe gus ealla a ghabhail ri suidheachaidhean ùra, prìomhachasan san t-siostam agus uallaichean buidseit (no cothroman sa bhuidseat) nuair a dh’èireadh iad.” (Aonaidhean-ciùird/ Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
“Tha mi gu mòr an aghaidh a’ mholaidh gus reachdas a chruthachadh airson buidheann-sgrùdaidh a stèidheachadh a bhiodh fa leth bho shiostam an fhoghlaim. ’S e an aon rud a thachradh le sin gun adhbhraicheadh e gamhlas, còmhstri, agus ioma-fhillteachd… Bhiodh buannachd sam bith a thathar dhen bheachd a thigeadh bho leithid a bhuidheann air a milleadh eadar mì-rùn, cion earbsa agus dòighean-obrach air nach biodh feum agus a chuireadh daoine an aghaidh a chèile.” (Neach fa leth)
Mar an ceudna, bha beachdan eadar-dhealaichte aig daoine a bh’ aig na tachartasan a thaobh an robh feum air reachdas (a thaobh seo agus san fharsaingeachd a thaobh na buidhne-sgrùdaidh ùire). Ged a bha cuid a’ cur taic ri reachdas seach gum faighte buidseatan na bu thèarainte le sin, bha daoine eile a’ smaoineachadh gur dòcha nach biodh feum air reachdas, agus iad ag ràdh gun deach, agus gum b’ urrainnear, adhartas a dhèanamh gun reachdas, no gum faodadh reachdas barrachd biurocrasaidh is dàil adhbharachadh.
Nam bite a’ dol a thoirt reachdas ùr a-steach, bha cuid a luchd-freagairt a’ moladh gu làidir gum bu chòir co-chomhairleachadh a chumail air leis an luchd-ùidhe uile aig am biodh ùidh ann.
Thuirt cuid a dhaoine gun toireadh iad taic dhan mholadh fhad ’s a bhiodh na dòighean-sgrùdaidh co-obrachail, taiceil, onarach, cothromach agus a’ gabhail ealla ris gach suidheachadh sònraichte. Cuideachd, chaidh a mholadh gum bu chòir a chur an sàs gun chus cosgais.
San fharsaingeachd, bha taic làidir ann dhan bheachd gum feum, às bith dè an dòigh-obrach a thèid a chur an sàs, na buidhnean ùra/an neach-dreuchd ùr a bhith fa leth is neo-eisimeileach bhon riaghaltas. Cha robh ann ach àireamh glè bheag de luchd-freagairt a thuirt nach robh iad a’ smaoineachadh gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh a bhith gu tur neo-eisimeileach agus/no a thuirt nach bu chòir na dleastanasan a thoirt air falbh bho Mhinistearan, b’ e na prìomh adhbharan a bh’ aca airson sin gun robh iad a’ togail cheistean mu cho comasach a tha luchd-sgrùdaidh agus na bha iad air fhaicinn o chionn ghoirid a thaobh sgrùdaidhean air ionadan.
Thuirt cuid a-rithist nach robh iad ag aontachadh ris na prionnsapalan airson ‘sgrùdaidhean’ san fharsaingeachd agus bha iad dhen bheachd gun robh an dòigh-obrach sin ‘air a stiùireadh bhon mhullach’ agus seann-fhasanta agus gum bu chòir fèin-mheasadh a dhèanamh an àite sin.
Mu dheireadh, thuirt cuid a luchd-freagairt gun robh iad feumach air tuilleadh fiosrachaidh mus b’ urrainn dhaibh beachdachadh ann an dòigh na bu chùramaiche air na molaidhean, gu h-àraidh a chionn ’s gun robh iad a’ buntainn ri diofar roinnean (mar eisimpleir, cha robh e soilleir dè a’ bhuaidh a bhiodh aig fear seach fear de na molaidhean air foghlam luchd-teagaisg is oilthighean). Thugadh beachd eile seachad: mura h-eil mìneachadh soilleir ann air na trioblaidean a th’ ann leis an t-siostam a th’ ann an-dràsta, tha e doirbh tuigse a bhith aig daoine carson a tha atharraichean a dhìth idir.
C11: A bheil beachd agaibh air ciamar a ghabhadh modhan-riaghlaidh a dhealbh airson na buidhne-sgrùdaidh a bheireadh cothrom na b’ fheàrr do luchd-solair, a’ gabhail a-steach luchd-teagaisg is luchd-obrach eile, sgoilearan is oileanaich agus pàrantan/luchd-cùraim a dhol an sàs ann an sgrùdaidhean?
A thaobh Prìomhachas 2 (sin, ‘A’ dèanamh cinnteach gum bi luchd-teagaisg is luchd-obrach eile, clann, sgoilearan is oileanaich, pàrantan/luchd-cùraim, ùghdarrasan ionadail agus luchd-solair an sàs ann an sgrùdaidhean), chaidh faighneachd do luchd-freagairt an robh beachd aca air ciamar a ghabhadh modhan-riaghlaidh na buidhne-sgrùdaidh a dhealbh gus am biodh cothroman na b’ fheàrr aig luchd-solair a dhol an sàs ann an sgrùdaidhean.
Am measg nan roghainnean a chaidh a chur an cèill sa cho-chomhairleachadh bha gum faodar beachdachadh air ceumannan ùra a ghabhail, gus na modhan-riaghlaidh a neartachadh agus daoine a riochdachadh gu ìre nas fheàrr, taobh a-staigh nan dòighean-obrach a th’ ann an-dràsta (mar eisimpleir, le bhith a’ stèidheachadh comhairle chomhairleachaidh a chuireadh prìomhachas air luchd-cleachdaidh). Air an làimh eile, ghabhadh sin a choileanadh tro reachdas, a rèir cuid a dhaoine, le bhith ag iarraidh air an Àrd-neach-sgrùdaidh, mar neach ann an dreuchd neo-eisimeileach a dheigheadh a stèidheachadh fo reachdas, comhairle chomhairleachaidh a chur air chois, le buill a’ tighinn bho am measg nan daoine air an toireadh obair an Àrd-neach-sgrùdaidh buaidh mar as trice. Dh’fhaodadh e cuideachd dleastanas reachdail fhàgail air an Àrd-neach-sgrùdaidh gus ealla a ghabhail ri comhairle sam bith a bheireadh a’ Chomhairle seachad agus, nuair nach gabhadh iad ris a’ chomhairle sin, dh’fheumadh iad adhbharan a thoirt seachad airson sin a dhèanamh.
Coltach ri C10, thuig daoine a’ cheist seo ann an diofar dhòighean. Bha grunn luchd-freagairt a’ smaoineachadh gun robhar ag iarraidh orra innse cò an roghainn a b’ fheàrr leotha, thug cuid molaidhean ùra no eadar-dhealaichte seachad a thaobh mhodhan-riaghlaidh, agus bha daoine eile a’ smaoineachadh gun robh a’ cheist a’ bruidhinn air ciamar a bu chòir luchd-ùidhe a dhol an sàs sa phròiseas sgrùdaidh san fharsaingeachd an àite air modhan-riaghlaidh na buidhne-sgrùdaidh ùire.
Ged a bha feadhainn de na freagairtean beagan dà-sheaghach, san fharsaingeachd, bha taic làidir ann airson a’ mholaidh gum bu chòir dhan luchd-ùidhe uile air an liosta a bhith an sàs sna sgrùdaidhean agus sna modhan-riaghlaidh airson dèanamh cinnteach gun tèid ealla a ghabhail ri beachdan luchd-ùidhe. Bhathar cuideachd dhen bheachd, nam biodh cothrom aig luchd-ùidhe a dhol an sàs ann an cùisean, gum b’ e sin an dòigh a b’ fheàrr dèanamh cinnteach gum biodh sgrùdaidhean neo-phàirteach ann a fhreagradh air feumalachdan dhaoine agus gum biodh luchd-ùidhe a’ cur earbsa sna sgrùdaidhean:
“Bu chòir dhan luchd-ùidhe, luchd-teagaisg, oileanaich is pàrantan uile a bhith an sàs sna modhan-riaghlaidh airson sgrùdaidhean, a’ gabhail a-steach adhbharan nan sgrùdaidhean agus na modhan-obrach a tha mar phàirt dhiubh. Le sin, bhiodh na modhan-obrach na bu shoilleire agus chuireadh e às do chuid de na teagamhan a bhios sgrùdaidhean ag adhbharachadh uaireannan am measg luchd-proifeiseanta, ach cha dèanadh e cron air an obair glè chudromach a bhiodh a’ bhuidheann-sgrùdaidh a’ dèanamh. Chuireamaid fàilte air Comhairle Chomhairleachaidh le buill bho am measg luchd-ùidhe a tha an sàs sa phròiseas.” (An Roinn Iar-sgoile/Colaistean/Oilthighean)
Luchd-teagaisg/Ceannardan-sgoile
Bha daoine (an dà chuid an fheadhainn a thug freagairtean sgrìobhte seachad agus an fheadhainn a bh’ aig tachartas) gu h-àraidh a’ cur taic ris a’ mholadh gum biodh luchd-teagaisg is ceannardan-sgoile an sàs sna modhan-riaghlaidh, oir b’ urrainn dhaibh an cuid eòlais a chur gu feum sna modhan-riaghlaidh sin:
“Mholamaid gu mòr gum bu chòir pàirt mòr a bhith aig ceannardan-sgoile ann am modhan-riaghlaidh na buidhne-sgrùdaidh. Mar dhaoine a tha an sàs ann am foghlam gach latha, tha tuigse phrìseil agus eòlas practaigeach aig ceannardan a dh’fhaodadh a bhith gu math feumail dhan obair gus modhan-sgrùdaidh a dhealbh is a leasachadh. Nam biodh iad an sàs sna modhan-riaghlaidh, dhèanadh sin cinnteach gum bite a’ gabhail làn-ealla ri beachdan nan daoine a tha a’ stiùireadh is os cionn ionadan foghlaim nuair a bhite a’ dèanamh cho-dhùnaidhean.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Chaidh a ràdh gum biodh e na chuideachadh nam biodh riochdairean ann bho chomainn dhreuchdail luchd-teagaisg agus luchd-solair/oileanaich CFL airson dèanamh cinnteach gum biodh beachdan oileanaich teagaisg air an toirt fa-near an lùib leasachaidhean. Ged a bha e riatanach gum biodh luchd-teagaisg an sàs ann, feumar dèanamh cinnteach gun tèid luchd-teagaisg a thaghadh airson dreuchdan riaghlaidh ann an dòigh chothromach is shoilleir, agus feumar dèanamh cinnteach nach e ballrachd gun bhuaidh a bhios aca agus gum bithear a’ gabhail ealla cheart ris na molaidhean aca.
Sgoilearan is Oileanaich/Clann is Daoine Òga
Bhathar cuideachd a’ cur taic ris a’ mholadh gum biodh sgoilearan is oileanaich air a’ chomhairle chomhairleachaidh (agus gum biodh iad a’ gabhail pàirt na bu mhotha ann an sgrùdaidhean), agus bha sin gu h-àraidh fìor mun treas-ìre. Bhathar dhen bheachd gum biodh e gu h-àraidh cudromach gum biodh sgoilearan is oileanach an sàs ann an cùisean, ge-tà, chaidh a ràdh gur dòcha gum biodh iad feumach air taic a bharrachd (a’ gabhail a-steach taic ionmhasail) gus pàirt ceart a ghabhail ann an cùisean:
“Mholadh a’ bhuidheann againne do Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir luchd-ionnsachaidh a bhith air an riochdachadh an lùib riaghladh na buidhne-sgrùdaidh foghlaim ùire… Bu chòir gum faigh luchd-ionnsachaidh, a bhios nan luchd-riaghlaidh no nam buill de chomataidhean, làn-trèanadh inntrigidh is trèanadh ann an sgilean comataidh gus an urrainn dhaibh taic cheart a chumail ri obair na buidhne. Bu chòir neach-ainmichte a bhith aca cuideachd mar neach ris am faod iad bruidhinn airson cuideachadh leis an dreuchd aca. Tha sinn cuideachd dhen bheachd gum biodh e feumail dhaibh nam faigheadh iad taic-ullachaidh ro choinneamhan gus an cuideachadh le bhith a’ tuigsinn nam pàipearan agus gnothaichean nan coinneamhan air am bi iad a’ frithealadh.” (A’ riochdachadh phàrantan/luchd-cùraim agus/no clann is dhaoine òga)
A-rithist, thuirt luchd-freagairt gum feumadh ballrachd bhrìoghmhor is bhuadhmhor a bhith aig clann is òigridh agus gum bu chòir poileasaidhean is modhan-obrach glè shoilleir a stèidheachadh a thaobh ciamar a dheigheadh beachdachadh air na beachdan is molaidhean aca:
“…dìreach seach gu bheil daoine òga san t-seòmar, chan eil sin a’ ciallachadh gum bi cothrom brìoghmhor aca gus pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean. Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba, sna planaichean seo, beachdachadh air ciamar a nì iad cinnteach gun gabhar ealla cheart ri beachdan dhaoine òga an lùib nan co-dhùnaidhean a nithear a thaobh sgrùdaidhean, às bith cò an roghainn a thèid a chur an sàs.” (A’ riochdachadh phàrantan/luchd-cùraim agus/no clann is dhaoine òga)
Thuirt cuid a luchd-freagairt gum feumte beachdachadh is planadh sònraichte a dhèanamh a thaobh mar a dhèante cinnteach gum bite a’ gabhail ealla ri eòlas is foghlam chloinne is dhaoine òga aig a bheil feumalachdan taice a bharrachd.
Pàrantan is Luchd-cùraim
Bha beagan de mheasgachadh de bheachdan ann a thaobh am feum pàrantan is luchd-cùraim a bhith an sàs sna modhan-riaghlaidh. Bha cuid dhen bheachd gun robh iad mu thràth an sàs ann an sgrùdaidhean aig ìre a bha freagarrach, agus thuirt beagan dhaoine gum bu chòir dòighean na bu shoilleire a bhith ann do phàrantan/luchd-cùraim gus a dhol an sàs ann an cùisean.
Nuair a bhiodh pàrantan agus sgoilearan/oileanaich an sàs ann an cùisean, bhathar dhen bheachd gum bu chòir sin tachairt aig ìre ionadail an àite ìre nàiseanta gus am b’ urrainn dhaibh barrachd buaidhe a thoirt air cùisean.
Ged a bha na daoine a bh’ aig na tachartasan san fharsaingeachd a’ cur taic ris a’ mholadh gum biodh luchd-teagaisg, sgoilearan/oileanaich agus pàrantan/luchd-cùraim an sàs ann am modhan-riaghlaidh na buidhne-sgrùdaidh ùire, bha iad a’ sireadh tuilleadh fiosrachaidh air ciamar a bhiodh cumhachdan aca gus buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean.
Riochdachadh
Ged a bhathar ag ràdh gun robh e gu h-àraidh cudromach gum biodh luchd-teagaisg, sgoilearan/oileanaich agus pàrantan/luchd-cùraim uile air an riochdachadh an lùib sgrùdaidhean agus nam modhan-riaghlaidh, thugadh fa-near gum faodadh na beachdan aig diofar luchd-ùidhe a bhith gu math eadar-dhealaichte. Chaidh a mholadh gur dòcha gum biodh e na bu fhreagarraiche ‘buidhnean’ comhairleachaidh fa leth a stèidheachadh an àite aon chomhairle chomhairleachaidh:
“Dh’fhaodadh gum biodh e na bu fheumaile bùird chomhairleachaidh fa leth a stèidheachadh airson luchd-teagaisg, pàrantan is luchd-cùraim, agus sgoilearan oir tha e coltach gum biodh beachdan eadar-dhealaichte aig na trì buidhnean sin. Bhiodh e an uair sin an urra ris a’ bhuidhinn-sgrùdaidh ealla a ghabhail ri beachdan nan diofar dhaoine sin gus sealladh coitcheann, co-aontaiche a stèidheachadh.” (Neach fa leth)
Chaidh a mholadh cuideachd buidhnean comhairleachaidh fa leth a chur air bhonn airson roinnean foghlaim sònraichte (me, bun-sgoiltean, àrd-sgoiltean, foghlam adhartach/àrd-ìre, ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd), dh’fhaodadh sin a bhith feumail gus dèanamh cinnteach gun robhar a’ frithealadh air na feumalachdan sònraichte agus a’ dèiligeadh ris na dùbhlain shònraichte a bh’ aig gach roinn.
Thuirt a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt gum b’ fheàrr leotha farsaingeachd de dhaoine a bhith air an riochdachadh air comataidh chomhairleachaidh sam bith, a’ gabhail a-steach riochdairean bho am measg dhaoine air a bheil neo-ionannachd a’ toirt buaidh agus a tha fo anacothrom sòisealta, agus riochdairean bho dhiofar roinnean:
“Tha sinn a’ cur fàilte air mar a thathar a’ moladh gum bi prìomh luchd-ùidhe a’ dol an sàs ann an cùisean gu ìre nas motha. Bu chòir beachdachadh air sin gu cùramach a thaobh cò bhios air an riochdachadh agus obair nan comataidhean seo co-cheangailte ri co-dhùnaidhean agus/no co-chomhairleachadh. Bu chòir farsaingeachd de dhaoine a bhith air an riochdachadh bho air feadh na dùthcha agus bho dhiofar roinnean dhen t-sluagh.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Thig buannachdan às cuideachd ma tha daoine bho dhiofar ghinealaich an sàs, oir nithear cinnteach le sin gum faigh a’ bhuidheann-sgrùdaidh buannachdan bho thaghadh nas fharsainge de sheallaidhean is seòrsaichean eòlais, agus mar thoradh air sin nithear breithneachadh nas fiosraichte agus nas cothromaiche air cùisean.
Mhol cuid a luchd-freagairt gum bu chòir barrachd dhaoine a bhith air an riochdachadh an lùib mhodhan-riaghlaidh is chomataidhean sam bith. Am measg nan riochdairean a mhol iad bha feadhainn bho am measg fhastaichean is roinnean dreuchdail eadar-dhealaichte; aonaidhean-ciùird; FMG; taic airson luchd-obrach ionnsachaidh; buidhnean bhon treas roinn, gu h-àraidh an fheadhainn a bhios ag obair còmhla ri luchd-cùraim òga agus clann is daoine òga eile gu nàiseanta; agus buill eile dhen choimhearsnachd (ged nach robh molaidhean sònraichte ann a thaobh cò na daoine a bhiodh ann).
A bharrachd air riochdachadh, bha e cudromach gum biodh modhan-taghaidh cothromach is soilleir ann airson na comhairle comhairleachaidh:
“Cuiribh modhan-obrach soilleir is in-ghabhalach an sàs gus buill dhen Chomhairle Chomhairleachaidh a thaghadh. Bu chòir dhuibh beachdachadh air dòighean fosgailte gus buill a mholadh, airson dèanamh cinnteach gu bheil am pròiseas taghaidh cothromach, gun leiteachas, agus nach bi daoine a’ toirt buaidh air ann an dòigh neo-fhreagarrach. Bu chòir buill a thaghadh a rèir an cuid chomasan, eòlas, agus dealas airson a bhith a’ toirt piseach air foghlam.” (An Roinn Iar-sgoile/Colaistean/Oilthighean)
Thuirt cuid de na daoine a bha a’ cur taic ri riochdachadh na b’ fheàrr gum feumadh na h-ìrean riochdachaidh/na comasan a bhiodh aig luchd-ùidhe gus molaidhean a dhèanamh a bhith freagarrach agus a’ gabhail ealla ri cò bhiodh an sàs sa phròiseas agus cò air a bheireadh e buaidh, ach cuideachd dh’fheumte earbsachd a’ phròiseas a ghleidheadh. Chaidh a mholadh cuideachd gum biodh e feumail trèanadh inntrigidh is trèanadh soilleir a thoirt do neach sam bith a bha gu bhith an sàs sna modhan-riaghlaidh, gus am biodh tuigse aca air na dleastanasan a bhiodh aca sa bhuidhinn-sgrùdaidh agus dè th’ ann an strì eadar com-pàirtean.
Stèidh Reachdail
Cha tugadh beachdan ro shoilleir seachad a thaobh am bu chòir a’ chomhairle chomhairleachaidh a chur air bhonn air stèidh reachdail. Bha cuid dhen bheachd nam biodh a’ chomhairle chomhairleachaidh air a stèidheachadh fo reachdas gum biodh dleastanasan agus ùghdarras na comhairle comhairleachaidh agus an Àrd-neach-sgrùdaidh air stèidh na bu làidire:
“Tha sinne dhen bheachd gur e an roghainn as fheàrr, an roghainn far am biodh an t-Àrd-neach-sgrùdaidh a’ stèidheachadh Comhairle Chomhairleachaidh fo reachdas le diofar riochdairean oirre. Neartaichidh e dreuchd an Àrd-neach-sgrùdaidh, ma bhios e mar riatanas fon lagh ealla a ghabhail ri comhairle a bheir a’ Chomhairle seachad (le beagan sùbailteachd ann a thaobh cho-dhùnaidhean co-cheangailte ri sin), agus mar thoradh air sin bidh barrachd ùghdarrais aig a’ bhuidhinn-sgrùdaidh san fharsaingeachd.” (An Treas Roinn)
Bha daoine eile dhen bheachd gum biodh cus biurocrasaidh ann nam biodh inbhe reachdail aig a’ chomataidh chomhairleachaidh:
“Chan eil a’ bhuidheann seo a’ cur taic ris a’ mholadh gus Comhairle Chomhairleachaidh reachdail a stèidheachadh. Le bhith a’ cur reachdas an sàs, ’s dòcha an uair sin gum bite dìreach a’ cluinntinn no a’ gabhail ealla ri beachdan nan daoine air a’ Chomhairle Chomhairleachaidh a-mhàin, agus dh’fhaodadh gum biodh cus biurocrasaidh ann an lùib a bhith a’ toirt cothrom do luchd-ùidhe pàirt a ghabhail ann an cùisean.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Ma thèid a’ bhallrachd a stèidheachadh fo reachdas, bhathar a’ moladh gum bu chòir dha a bhith mar riatanas gum bi riochdairean bho riaghaltas ionadail nam buill de chomhairle chomhairleachaidh sam bith. Cuideachd chaidh a ràdh, le modhan-riaghlaidh na buidhne-sgrùdaidh ùire feumar ealla a ghabhail ri saoghal reachdail na h-Alba san latha an-diugh, saoghal a tha a’ sìor atharrachadh.
Thuirt àireamh bheag de luchd-freagairt nach robh iad a’ faireachdainn gun robh eòlas gu leòr aca air mar a tha reachdas ag obair gus beachd fiosrach a thoirt seachad air cho freagarrach ’s a bhiodh e an seo.
Modailean Eadar-dhealaichte
Cuideachd, mhol luchd-freagairt modhan-riaghlaidh eadar-dhealaichte no eile (bha a’ mhòr-chuid dhiubh sin air am moladh le dìreach aon no a dithis luchd-freagairt), leithid:
- bu chòir ‘buidheann stiùiridh’ a bhith ann seach ‘buidheann riaghlaidh’;
- a’ stèidheachadh ‘fhòraman’ luchd-ùidhe an àite chomataidhean;
- bhiodh riochdairean bho chomainn phroifeiseanta air a’ Bhòrd;
- a’ leigeil le daoine dreuchd a ghabhail tro fho-fhastadh gus dèanamh cinnteach gun urrainn do luchd-obrach sgoile a bhith air bùird;
- bhiodh fo-bhuidhnean comhairleachaidh ann le ùghdarrasan ionadail gus taic a chur ri obair na comhairle comhairleachaidh nàiseanta; agus
- an aon seòrsa structair airson na comataidh comhairleachaidh ’s a thathar a’ moladh airson a’ BhTU.
Daoine nach Tug Taic do na Molaidhean
Bha àireamh bheag de luchd-freagairt ann nach robh a’ smaoineachadh gun robh feum air Comhairle Chomhairleachaidh, gu h-àraidh tè le sgoilearan is oileanaich oirre. Bhathar dhen bheachd: gum b’ urrainn do sgoilearan is oileanaich fhathast beachdan is molaidhean a thoirt seachad dhan bhuidhinn-sgrùdaidh ùir ged nach biodh dleastanasan riaghlaidh aca agus nach robh feum aca orra airson sin; gum faodadh leithid a dhleastanasan aire nan sgoilearan is nan oileanach a tharraing bhon ionnsachadh aca; agus nach biodh eòlas freagarrach aca. Bha daoine eile a’ smaoineachadh gun robh diofar luchd-ùidhe a’ gabhail pàirt ann an dòighean foirmeil mu thràth ann an sgrùdaidhean, agus mar sin nach robh feum air atharraichean, no bhathar dhen bheachd gum bu chòir riaghladh sgrùdaidhean a bhith fo sgèith Mhinistearan na h-Alba.
Thugadh beachd na b’ fharsainge seachad nach bu chòir do ‘luchd-cleachdaidh sheirbheisean’ pàirt a ghabhail sna modhan-obrach gus obair-sgrùdaidh a riaghladh oir cha bhiodh na beachdan aca gun leiteachas, agus nam biodh iad an sàs annta dh’fhaodadh gum biodh co-dhùnaidhean gan dèanamh stèidhichte air eòlas no breithneachadh pearsanta an àite cho-dhùnaidhean fiosraichte stèidhichte air fianais (gu h-àraidh ri linn mar a tha siostam an fhoghlaim cho iomadh-fhillte).
Air an làimh eile, bha àireamh bheag de luchd-freagairt a’ smaoineachadh nach robh na molaidhean a bh’ ann a’ dol fada gu leòr agus gun robh feum air barrachd:
“’S e briseadh-dùil a th’ ann gu bheilear a’ moladh modail gu math cuingealaichte sa cho-chomhairleachadh airson co-chonaltradh a dhèanamh ri luchd-ùidhe le bhith a’ stèidheachadh Comhairle Chomhairleachaidh. Chan eil sinn a’ smaoineachadh gum faighte cothroman tron chomhairle sin gus co-chonaltradh brìoghmhor a dhèanamh an lùib mhodhan-riaghlaidh na buidhne ùire. Ged a ghabhadh dleastanas reachdail fhàgail air an Àrd-neach-sgrùdaidh gus ‘ealla a ghabhail ri’ comhairle sam bith bhon Chomhairle, tha e soilleir nach fheumadh an t-Àrd-neach-sgrùdaidh gabhail ris a’ chomhairle sin… Mholamaid modail riaghlaidh a tha coltach ris an fhear aig an GTCS, a tha gu tur neo-eisimeileach bhon riaghaltas agus sa bheil luchd-teagaisg agus luchd-ùidhe eile air an riochdachadh mar phàirt de na modhan-riaghlaidh.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)
Thuirt beagan luchd-freagairt gun robh e doirbh dhaibh a’ cheist a thuigsinn, mar a bha i sgrìobhte, agus bha cuid a’ smaoineachadh gun robh iad feumach air tuilleadh fiosrachaidh mus b' urrainn dhaibh freagairt fhiosrach a thoirt seachad (bha soilleireachd a dhìth orra a thaobh leithid dè bhathar a’ ciallachadh le ‘riaghladh’ agus am biodh an riaghladh sin air a stiùireadh ‘bhon bhonn’ no ‘bhon mhullach’, agus dè bhathar a’ ciallachadh le ‘a bhith an sàs’ oir cha ghabh leithid a chom-pàirteachas a thomhas a rèir shlatan-tomhais cothromach, neo-phearsanta). Ghabh daoine eile cothrom a-rithist leis a’ cheist seo innse nach robh iad a’ cur taic ri sgrùdaidhean san fharsaingeachd.
C12: A bheil beachd agad air ciamar as urrainn do Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gun dèanar làn-fheum dhen fhianais bho sgrùdaidhean gus piseach a thoirt air cùisean is poileasaidhean a dhealbh, agus air cò dha a bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh aithris a dhèanamh?
Mu dheireadh, chaidh iarraidh air luchd-freagairt beachdan a thoirt seachad mun treas prìomhachas (sin, ‘A’ dèanamh cinnteach gun dèanar làn-fheum de dh’fhianais bho sgrùdaidhean gus: (a) dearbhachd is cunntachalachd phoblach a thoirt seachad; (b) piseach a thoirt air cùisean agus cur ri comasan dhaoine; agus (c) gus cuideachadh le bhith a’ dealbh dhòighean-obrach is phoileasaidhean’) agus ciamar as fheàrr am prìomhachas sin a choileanadh. Chaidh roghainnean a thoirt seachad a thaobh structairean is modhan aithris, mar a leanas:
1. A’ neartachadh mhodhan-aithris gun feum air reachdas ùr. B’ urrainn do Mhinistearan ‘dùil’ a stèidheachadh gum biodh a’ bhuidheann-sgrùdaidh a’ foillseachadh taghadh de sgrìobhainnean, agus b’ urrainn dhaibh riatanas sònraichte a stèidheachadh far am feumadh a’ bhuidheann aithrisean cunbhalach a dhèanamh air ìrean-coileanaidh ann an siostam foghlaim na h-Alba san fharsaingeachd. Le sin, bhite a’ toirt dealbh fharsaing air cùisean bho air feadh siostam an fhoghlaim do Mhinistearan, a’ Phàrlamaid, luchd-solair agus dhan phoball; no
2. B’ urrainnear an aon riatanas a thaobh aithrisean a stèidheachadh fo reachdas. Dh’fhaodadh gum biodh e mar riatanas air an Àrd-neach-sgrùdaidh (dreuchd a bhiodh air a stèidheachadh fo reachdas) aithris bhliadhnail a dhèanamh air coileanadh an cuid dhleastanasan agus air ìrean-coileanaidh ann am foghlam na h-Alba. Dh’fhaodadh cuideachd leis an reachdas sin dleastanas a chur air an Àrd-neach-sgrùdaidh gus aithisgean-sgrùdaidh fa leth fhoillseachadh.
A-rithist, thugadh seachad taghadh farsaing de dhiofar fhreagairtean dhan cheist seo, agus bha daoine gu tric a’ coimhead air a’ cheist bho shealladh na b’ fharsainge an àite a bhith a' coimhead gu sònraichte air an dà roghainn a chaidh a thoirt seachad. Am measg nam freagairtean a fhuaras bha daoine a’ comharrachadh agus a’ bruidhinn air cuspairean/cùisean gu math sònraichte a thaobh aithrisean (agus a bhith a’ cruinneachadh fianais/dàta) a dh’fhaodas a bhith feumail, air seòrsaichean aithris (agus modhan-sgrùdaidh) a bhiodh feumail, agus air modhan gus dàta is beachdan a thrusadh. Ged a bha tòrr a’ cur taic ris a’ mholadh gum biodh modhan-aithris foirmeil ann, cha tug ach beagan dhaoine beachd seachad a thaobh dè b’ fheàrr leotha a thaobh a bhith a' cleachdadh reachdas airson sin.
Aithisgean Bliadhnail
Bha daoine san fharsaingeachd a’ cur taic ri aithisgean bliadhnail gus sùil a chumail air obair na buidhne-sgrùdaidh agus gus dealbh fharsaing a thoirt air ìrean-coileanaidh air feadh siostam foghlaim na h-Alba. Bhathar dhen bheachd gum bu chòir gum faighte san aithisg sin dealbh fharsaing air obair is buidseatan na buidhne-sgrùdaidh, toraidhean cudromach sam bith co-cheangailte ris na sgrùdaidhean agus foghlam san fharsaingeachd/aig ìre nàiseanta/aig ìre an t-siostaim, agus fiosrachadh air mar a tha iad a’ toirt taic do sgoiltean/ionadan gus piseach a thoirt air an fhoghlam aca – agus bu chòir dhan aithisg aithris a dhèanamh air foghlam tro mheadhan na Beurla agus tro mheadhan na Gàidhlig. Thugadh fa-near gum faodadh e a bhith a doirbh uaireannan fiosrachadh fhaighinn mar a tha cùisean an-dràsta agus mar sin gum biodh feum air dòighean-obrach a nì cinnteach gum bi barrachd soilleireachd ann agus gun tèid barrachd fiosrachaidh a cho-phàirteachadh:
“Aithisg bhliadhnail a bheir còmhla na prìomh phuingean is cùisean a thogas ceann an lùib sgrùdaidhean bho air feadh na dùthcha, agus anns gach ùghdarras ionadail. Mar a tha cùisean an-dràsta, faodaidh e a bhith doirbh leithid a dh’fhiosrachadh fhaighinn/tha coltas ann nach fhaigh a h-uile duine cothrom air. Feumaidh soilleireachd a bhith ann a thaobh sin.” (Neach fa leth)
Bha e cudromach cuideachd, ge-tà, gum biodh aithrisean cunbhalach eile ann mar thaic dhan aithisg bhliadhnail, leithid aithrisean air toraidhean nan sgrùdaidhean, aithisgean sgrùdaidh air cuspairean sònraichte, aithisgean-measaidh bliadhnail air obair-sgrùdaidh, Geàrr-chunntas air Toraidhean Sgrùdaidh, pàipearan poileasaidh msaa. Cuideachd, mhol grunn luchd-freagairt gum bu chòir diofar thionndaidhean de dh’aithisgean ullachadh a bhiodh ag amas air diofar dhaoine (me, ùghdarrasan ionadail is luchd-solair foghlaim, pàrantan/luchd-cùraim, daoine bhon phoball, tionndaidhean a tha freagarrach airson clann, agus tionndaidhean Gàidhlig is BSL):
“Bu chòir diofar sheòrsaichean de dh’aithisgean ullachadh airson ùghdarrasan (foghlaim), pàrantan, agus airson a’ mhòr-shluaigh gus an gabh fianais a cho-phàirteachadh gun cus uallaich a bhith air daoine.” (Neach fa leth)
“Bu chòir beachdachadh air cruth nan aithisgean, airson dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ cur cuideam air gnìomhan as urrainn do sgoiltean is ùghdarrasan a dhèanamh gus piseach a thoirt air cùisean. Bu chòir do dh’aithisgean do dh’ùghdarrasan foghlaim is sgoiltean cuideam a chur air mar a ghabhas piseach a thoirt air cùisean agus ciamar a ghabhas leithid a leasachadh a chur an sàs thar dhiofar shuidheachaidhean ceudna. Dh’fhaodadh, le aithisgean airson a’ mhòr-shluaigh is pàrantan/luchd-cùraim le clann aig ionad sònraichte, gum bi dòigh-obrach nas traidiseanta, le measadh air an ionad sin, fhathast a dhìth.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Bhathar dhen bheachd gum bu chòir aithisgean a bhith air am foillseachadh gu poblach, agus mhol cuid a dhaoine gum bu chòir diofar mhodhan conaltraidh a chleachdadh gus aithisgean a sgaoileadh, leithid nam meadhanan sòisealta agus làraich-lìn. Chaidh a mholadh cuideachd gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh obrachadh le buidhnean is comainn phroifeiseanta gus teachdaireachdan is toraidhean a sgaoileadh.
Bhruidhinn grunn luchd-freagairt air modhan-aithris eadar-dhealaichte – ged nach robh e soilleir an robh iad a’ bruidhinn air aithisgean-sgrùdaidh no aithrisean riaghlaidh aig ìre nas àirde. Mhol beagan dhaoine gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh aithris a dhèanamh do thidsearan, sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail fa leth, no do dh’Fhoghlam Alba/dhan Ùghdarras Fhoghlaim, agus chaidh grunn bhuidhnean a mholadh agus aon neach a’ moladh gach tè dhiubh: leithid Sgrùdadh Alba, Cathraiche ADES, an GTCS, agus aonaidhean luchd-teagaisg. Mhol daoine eile gum bu chòir aithisgean a sgaoileadh am measg barrachd dhaoine an àite dìreach a bhith gan cur gu Riaghaltas na h-Alba/Ministearan, agus mar phàirt de sin bu chòir aithisgean a dhèanamh do chloinn is daoine òga/sgoilearan is oileanaich:
“Gus piseach cheart a thoirt air an t-siostam, chan e a-mhàin gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh innse dhan Phàrlamaid agus do Riaghaltas na h-Alba mu thoraidhean na h-obrach aca, ach cuideachd do bhuidhnean eile leithid na buidhne ùire aig Foghlam Alba agus dhan Ionad airson Teagasg is Ionnsachadh. Gabhaidh feum a dhèanamh dhen fhiosrachadh sin gus piseach a thoirt air cùisean tro obair a tha stèidhichte air frèam coitcheann is aontaichte airson sàr-mhathas ann an teagasg is ionnsachadh.” (Neach fa leth)
“Chan eil iomradh air aithisgean do luchd-ionnsachaidh. Bu chòir a bhith a’ sùileachadh sin, a thuilleadh air aithisgean-measaidh do phàrantan/luchd-cùraim agus dhan mhòr-shluagh.” (A’ riochdachadh phàrantan/luchd-cùraim agus/no clann is dhaoine òga)
Thog an dà chuid daoine a chuir freagairtean sgrìobhte a-staigh agus an fheadhainn aig tachartasan ceist mu cò air a bhiodh e mar uallach dearbhadh a dhèanamh air càileachd obair na buidhne-sgrùdaidh agus nan sgrùdaidhean airson dèanamh cinnteach gun robh obair chunbhalach ga dèanamh.
A’ Cuideachadh le bhith a’ Dealbh Mhodhan-obrach is Phoileasaidhean
Bha luchd-freagairt san fharsaingeachd a’ smaoineachadh gum biodh e feumail fianais bho sgrùdaidhean a cho-phàirteachadh gu fad is farsaing le sgoiltean/ionadan, luchd-teagaisg, pàrantan/luchd-cùraim, ùghdarrasan ionadail, agus riochdairean bho Fhoghlam Alba, agus le Riaghaltas na h-Alba agus luchd-ùidhe eile. Bhathar dhen bheachd gum biodh e gu h-àraidh feumail fios air deagh mhodhan-obrach a sgaoileadh gus cuideachadh le bhith a’ dealbh mhodhan-obrach air feadh a h-uile ionad foghlaim agus chan ann dìreach san fheadhainn a bhathar a’ sgrùdadh.
Bha daoine gu làidir dhen bheachd, ge-tà, nach bu chòir dha a bhith mar dhleastanas air dìreach aon bhuidheann gus feum a dhèanamh de dh’fhianais bho sgrùdaidhean airson modhan-obrach a leasachadh, an àite sin, dh’fheumte an fhianais a cho-phàirteachadh am measg luchd-sgrùdaidh, ionadan foghlaim, luchd-teagaisg/òraidichean, sgoilearan/oileanaich, ùghdarrasan ionadail, buidhnean poblach eile, msaa. Mhol beagan dhaoine cuideachd gum bu chòir dha a bhith mar dhleastanas air ùghdarrasan ionadail fiosrachadh is fianais fhoillseachadh air na nithean air an tàinig piseach, leasachaidhean agus soirbheachas.
Cuideachd, bhathar dhen bheachd gum bu chòir, agus gum b’ urrainnear, feum a dhèanamh de dh’fhianais bho sgrùdaidhean gus poileasaidhean a dhealbh, ach chaidh a ràdh gum feumte dòighean-obrach soilleir a stèidheachadh airson sin. Bhathar cuideachd a’ smaoineachadh gum feumte a bhith faiceallach a thaobh ciamar a dheigheadh sin a dhèanamh, agus gur dòcha gum feumadh barrachd chothroman a bhith aig luchd-ùidhe pàirt a ghabhail ann a bhith a’ dealbh phoileasaidhean:
“Nam bite a’ cleachdadh fianais mar sin, dh’fheumadh fianais a bhith ann air roinn an fhoghlaim air fad ann an Alba agus air an iomadh seòrsa suidheachaidh, ionad, dùbhlan is cothrom a gheibhear air feadh an t-siostaim gus am faigheadh tu dealbh cheart air na bha a’ tachairt sna h-ionadan.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Ge-tà, bha cuid a luchd-freagairt dhen bheachd nach robh na modhan-sgrùdaidh agus an fhianais a bhathar a’ cruinneachadh an-dràsta freagarrach airson a bhith a’ toirt piseach air cùisean. Bhathar ag ràdh gun robh an fhianais agus na molaidhean a bhathar a’ toirt seachad “ro choitcheann”, nach robh iad uabhasach feumail, nach robh iad mionaideach no math gu leòr. Chaidh a mholadh gum feumte atharraichean a dhèanamh air na modhan-sgrùdaidh an toiseach mus b’ urrainnear a bhith cinnteach gum biodh fianais làidir is fheumail ann.
Bha beachd ann am measg nan daoine nach robh a’ toirt taic idir do sgrùdaidhean, co-dhiù an seòrsa sgrùdaidhean a th’ ann an-dràsta, nach robh piseach cheart a’ tighinn air cùisean mar thoradh air na sgrùdaidhean, agus gu dearbh gun robh iad a’ toirt droch bhuaidh air cùisean. Thuirt luchd-freagairt (a’ gabhail a-steach dhaoine a chuir freagairtean sgrìobhte a-steach agus daoine aig tachartasan) gum biodh am modail a th’ ann an-dràsta far a bheil cùisean air an stiùireadh ‘bhon mhullach’ fhathast ann leis na bhathar a’ moladh an seo (agus ann an àiteachan eile), agus mhol iad gum bu chòir dòighean-obrach nas taiceil a bhith ann le sgrùdaidhean. Mar phàirt de sin, bhiodh feum air fèin-mheasadh, obair còmhla ri/taic bho/measaidhean le co-obraichean, co-obrachadh is còmhraidhean com-pàirteach (le luchd-teagaisg/luchd-obrach sgoile, sgoilearan agus pàrantan/luchd-cùraim), molaidhean stèidhichte air mar a ghabhas piseach a thoirt air cùisean agus taic às dèidh nan sgrùdaidhean, bu chòir do luchd-sgrùdaidh deagh mhodhan-obrach a thaisbeanadh is a dhealbh, agus bu chòir cur às dhan structair mheasaidh le aon fhacal:
“Chan eil mi cinnteach dè feum a th’ anns an fhianais bho sgrùdaidhean. Chan fhaighear fianais gu leòr bho bhith a’ cur latha no dhà seachad ann an ionad gus breithneachadh èifeachdach a thoirt seachad.” (Neach fa leth)
Thuirt daoine eile, ged a bu chòir feum a dhèanamh de dh’fhianais gus poileasaidhean no iomairtean a dhealbh, cha bu chòir feum a dhèanamh dhith gus obair sgrùdaidh, leasachaidhean agus atharraichean a stiùireadh:
“Bu chòir do phoileasaidhean nàiseanta ealla a ghabhail ri fianais a gheibhear bho aithisgean-sgrùdaidh, ach tha e cudromach gum bi a’ bhuidheann-sgrùdaidh neo-eisimeileach agus nach bi i fo rian an riaghaltais. Bu chòir ealla a ghabhail ris mar a tha cùisean ann an sgoiltean agus ri sàr mhodhan-obrach annta nuair a thathar a’ beachdachadh air atharraichean, cha bu chòir a bhith ag amas air cinn-uidhe phoilitigeach airson na geàrr-ùine.” (Neach fa leth)
Na tha a Dhìth a Thaobh Reachdas
Ged nach do bhruidhinn a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt air reachdas, bha cuid a dhaoine ann a rinn soilleir dè na beachdan a bh’ aca air reachdas. San fharsaingeachd, bha an fheadhainn a bhruidhinn air reachdas buailteach taic a chur ris a’ mholadh gus riatanasan aithris a stèidheachadh fon lagh. Rinn daoine follaiseach gun cuireadh sin stad air luchd-poilitigs bho bhith a’ toirt buaidh air cùisean. Bha an luchd-freagairt seo dhen bheachd gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh no do dh’Àrd-neach-sgrùdaidh an Fhoghlaim a bhith làn-chunntachail do Phàrlamaid na h-Alba, agus gum bu chòir dha a bhith mar dhleastanas orra/riatanas dhaibh aithris bhliadhnail a dhèanamh do Phàrlamaid na h-Alba (no do Chomataidh an Fhoghlaim), oir bhathar a’ smaoineachadh gum b’ e sin an dòigh a b’ fheàrr a thaobh neo-eisimeileachd. Ged a mhol beagan dhaoine gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh aithris a dhèanamh do Riaghaltas na h-Alba no Ministearan na h-Alba, mhol na bu lugha de luchd-freagairt sin na mhol aithrisean dhan Phàrlamaid, agus bha cuid a dhaoine ann a thuirt nach bu chòir sin a dhèanamh idir. Bhathar dhen bheachd gun robh aithrisean reachdail a dhìth gus am biodh cunbhalachd, soilleireachd, cunntachalachd, agus thar-sgrùdadh ann:
“Tha a’ bhuidheann a’ cur taic ris mar a thathar a’ moladh gun dèan a’ bhuidheann-sgrùdaidh aithris air ìrean-coileanaidh san fharsaingeachd ann am foghlam na h-Alba. Gheibhte fiosrachadh feumail bho na h-aithrisean sin dhan luchd-ùidhe uile… Cuideachd, ma thèid riatanasan reachdail a stèidheachadh dhan Àrd-neach-sgrùdaidh, dh’fhaodadh sin dèanamh cinnteach gum bi cunbhalachd is cunntachalachd ann. Le aithisgean bliadhnail air obair na buidhne-sgrùdaidh agus air ìrean-coileanaidh san fharsaingeachd ann am foghlam na h-Alba, bhiodh barrachd earbsa aig a’ phoball san obair aca is ann am foghlam agus gheibhte slatan-tomhais soilleir airson inbhean foghlaim agus leasachaidhean.” (Gnìomhachasan is an Roinn Phrìobhaideach)
Chaidh a mholadh cuideachd gum bu chòir na dleastanasan laghail co-cheangailte ri aithrisean a bhith air an co-roinn le luchd-compàirt, gus am biodh an fheadhainn, air a bheil e mar dhleastanas reachdail piseach a thoirt air cùisean, a’ dealbh phlanaichean-gnìomh gus ealla a ghabhail ri toraidhean nan sgrùdaidhean agus gus modhan-obrach a leasachadh. Cuideachd, chaidh a ràdh gum biodh feum air dlùth cheanglaichean is co-obrachadh eadar buidheann-sgrùdaidh ùr sam bith a bhiodh ann, a’ bhuidheann ùr airson a’ churraicealaim/leasachadh (no na roinnean de dh’Fhoghlam Alba a bhiodh air fhàgail), agus an riaghaltas airson dèanamh cinnteach gum bite a’ dèanamh feum dhen obair-sgrùdaidh gus piseach a thoirt air cùisean is poileasaidhean a dhealbh:
“Ma thathar airson neo-eisimeileachd is earbsachd na buidhne-sgrùdaidh a ghleidheadh, dh’fhaodadh gur e an dòigh a b’ fheàrr sin a dhèanamh nam biodh iad a’ dèanamh aithris fa leth dhan riaghaltas gus cuideachadh le bhith a’ dealbh phoileasaidhean agus aithris eile dhan bhuidhinn nàiseanta a bhiodh a’ cur taic ri leasachaidhean, agus bhiodh dòighean ann gus molaidhean a dhèanamh dhen bhuidhinn-sgrùdaidh a rèir nan aithrisean aca. Ma tha na trì taobhan dhen triantan seo a’ dol a dh’obrachadh mar a bu chòir, bidh e riatanach gum bi raon-ùghdarrais is dleastanasan gach taobh air am mìneachadh gu cùramach agus air an coileanadh gu soilleir.” (Ùghdarrasan Ionadail)
Cùisean Eile
Bhruidhinn àireamhan beaga de luchd-freagairt air beagan chùisean eile.
A-rithist, thuirt beagan luchd-freagairt gun robh ceistean aca mun bhriathrachas agus cha robh fiosrachadh mionaideach gu leòr ann air mar a dh’obraicheadh na trì prìomh eileamaidean gu practaigeach, agus ciamar a ghabhadh na bha a dhìth a choileanadh. Mar an ceudna, thuirt luchd-freagairt a-rithist nach robh am fiosrachadh ann an sgrìobhainn a’ cho-chomhairleachaidh mionaideach gu leòr a thaobh cò ris a bhiodh na pàirtean de dh’Fhoghlam Alba coltach a bhiodh air fhàgail nuair a dheigheadh na dleastanasan sgrùdaidh a thoirt bhuapa (thog na daoine aig na tachartasan an aon dhragh). Cuideachd, chaidh a ràdh nach robh fiosrachadh gu leòr ann a thaobh nan dleastanasan is nan cothroman co-obrachaidh a bhiodh aig buidhnean eile ann an roinn an fhoghlaim. Bhathar dhen bheachd gun robh tuilleadh fiosrachaidh (agus co-chomhairleachaidh) a dhìth air na cùisean sin.
Bha luchd-freagairt aig na tachartasan cuideachd a’ sireadh soilleireachd air adhbhar is modhan-aithris na buidhne-sgrùdaidh ùire, ciamar a bhiodh iad cunntachail, ciamar a dheigheadh sùil a chumail is dearbhadh a dhèanamh air càileachd na h-obrach aca agus ciamar a bheirte taic dhaibh gus piseach a thoirt air an obair aca, agus dè cho neo-eisimeileach ’s a bhiodh iad bhon riaghaltas.
A-rithist, bha beagan luchd-freagairt a’ smaoineachadh nach robh na h-atharraichean a bhathar a’ moladh a’ dol a stèidheachadh dhòighean-obrach ùra agus nach robh iad a’ dèiligeadh ris na prìomh dhuilgheadasan a bh’ ann a thaobh sgrùdaidhean. Bha draghan aig daoine cuideachd gur dòcha nach biodh gu leòr ann, leis na molaidhean agus cunntachalachd phoblach a bhith ann, gus dèanamh cinnteach gun deigheadh piseach a thoirt air cùisean.
Contact
Email: EducationReform@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback