Education Bill: consultation analysis - Gaelic

Tionndadh Gàidhlig den Sgrùdadh Neo-eisimeileach aig Wellside air freagairtean don co-chomhairleachadh air Bile an Fhoghlaim (Alba), a chaidh a choimiseanadh le Riaghaltas na h-Alba.


Cùisean Obrach is Cùisean Farsaing Eile

Air feadh cheistean a’ cho-chomhairleachaidh, bhruidhinn tòrr luchd-freagairt air cùisean obrach is practaigeach na b’ fharsainge co-cheangailte ri teisteanasan is sgrùdaidhean (an àite a bhith a’ bruidhinn gu h-àraidh air na molaidhean a thugadh seachad ann an sgrìobhainn a’ cho-chomhairleachaidh). Am measg nan rudan air an deach bruidhinn bha: ciamar a bu chòir dhan BhTU agus dhan bhuidhinn-sgrùdaidh a bhith ag obair agus cò an luchd-obrach a bu chòir a bhith aca. Cuideachd, thugadh seachad beachdan na b’ fharsainge a thaobh theisteanasan, mheasaidhean, agus sgrùdaidhean agus ciamar a dheigheadh an cur an sàs. Thathar air na beachdan sin a chruinneachadh is a chur an cèill gu h-ìosal.

Buidheann Theisteanas Ùr

Rinn luchd-freagairt deagh chuid bruidhne air structair nam measaidhean agus mar a ghabhadh sin atharrachadh, cùisean practaigeach co-cheangailte ri deimhinneachadh theisteanasan, mar a dh’fheumadh luchd-ùidhe pàirt a ghabhail ann an cùisean agus co-chonaltradh riutha, mar a bha feum air co-obrachadh, agus dleastanasan is obair eile a bu chòir dhan BhTU a choileanadh. Cuideachd, thug iad seachad diofar bheachdan air cùisean farsaing co-cheangailte ris a’ BhTU.

An Structair Measaidh airson Teisteanasan

Fhuaras measgachadh de bheachdan a thaobh a bhith a’ cleachdadh dheuchainnean, dè na th’ ann de theisteanas deireannach a bu chòir a bhith stèidhichte air toradh deuchainne no dòighean-measaidh eile, agus na th’ ann de roghainnean a th’ aig sgoilearan/oileanaich a thaobh sin.

Bha cuid mhath dhen luchd-fhreagairt a bhruidhinn air seo (a’ gabhail a-steach feadhainn a bh’ aig na tachartasan) a’ smaoineachadh gum bu chòir, taobh a-staigh theisteanasan, barrachd dhen chomharra dheireannach a bhith stèidhichte air measaidhean leantainneach no measaidhean aig ìre bloc/aonad, obair-chùrsa, obair-phròiseict, measaidhean practaigeach, taisbeanaidhean, agus pasgain-obrach, le nas lugha cuideim ga chur air an deuchainn dheireannaich. Mhol cuid eile cur às do dheuchainnean deireannach uile-gu-lèir leis mar a bha uiread an crochadh orra. Chaidh a ràdh gum biodh cothrom aig barrachd dhaoine air teisteanasan san dòigh sin, bheireadh e fianais na b’ fheàrr is na bu chothromaiche air comasan an sgoileir/an oileanaich, agus bhiodh e na bu choltaiche ri modhan-measaidh nan colaistean is nan oilthighean, far a bheil tòrr chùrsaichean, a rèir an luchd-fhreagairt, a-nis a’ cur nas lugha cuideim air deuchainnean deireannach ‘gun taic’ no air cur às dhaibh.

B’ fheàrr le cuid eile, ge-tà, deuchainnean susbainteach is dùbhlanach mar dhòigh-mheasaidh (agus bhathar a’ moladh gum biodh iad mar phàirt de chùrsaichean Nàiseanta 4 dha nach eil deuchainn dheireannach ann an-dràsta). Bhathar a’ smaoineachadh gu bheilear a’ faighinn shlatan-tomhais nàiseanta le deuchainnean, nach eil cothrom ann airson leiteachas, gu bheil measadh earbsach ann, agus gu bheil iad a’ cur ri sàr inbhe is cliù nan teisteanasan.

Mhol beagan luchd-freagairt gum bu chòir roghainn a bhith ann a thaobh dhòighean-measaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil na teisteanasan freagarrach airson a h-uile sgoilear is oileanach agus gum bi cothrom aca orra, ach bha cuid eile dhen bheachd gum bu chòir dòighean-measaidh a bhith air an dealbh, agus gum bu chòir beachdachadh orra, a thaobh na tha freagarrach airson gach cuspair/cùrsa.

Cha tug mòran dhaoine beachd seachad a thaobh dè b’ fheàrr leotha a thaobh mheasaidhean a bhith air an dèanamh le daoine bhon taobh a-staigh no bhon taobh a-muigh, ach bha measgachadh de bheachdan aig an fheadhainn a thug. Thuirt a’ mhòr-chuid a thug beachd seachad air sin gum b’ fheàrr leotha measaidhean bhon taobh a-muigh gus dèanamh cinnteach gum biodh siostam làidir ann agus nach biodh uiread uallaich air luchd-teagaisg. Bha beagan dhaoine ann, ge-tà, a thuirt gum bu chòir do luchd-teagaisg a bhith an sàs, gu ìre air choreigin, ann am measaidhean agus ann a bhith a’ comharrachadh/a’ toirt comharra seachad airson nan sgoilearan aca. Air an làimh eile, bha na buidhnean a bhruidhinn mun chùis seo mar bu trice ag iarraidh gun deigheadh barrachd earbsa a chur ann an comasan measaidh luchd-teagaisg proifeiseanta agus gun deigheadh barrachd feum a dhèanamh gu cunbhalach de, agus leasachadh a dhèanamh air, a’ Mhodail Theisteanasan Eadar-dhealaichte (MTE) a chaidh a chleachdadh nuair a bha COVID-19 ann.

Bha beagan luchd-freagairt cuideachd dhen bheachd gun robhar a’ dèanamh cus measaidh air sgoilearan, agus gum bu chòir an uiread de mheasaidhean a th’ ann a lùghdachadh mar phàirt de na h-atharraichean:

“Tha luchd-ionnsachaidh ann an Alba am measg na feadhna as trice san t-saoghal a thèid a mheasadh tro dheuchainnean. Feumar an àireamh de dheuchainnean foirmeil a lùghdachadh, fhad ’s a ghlèidhear na pìosan as freagarraiche de stuthan a’ chuspair.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)

Chaidh a mholadh taghadh farsaing de mhodhan-measaidh a thabhann, leithid measaidhean air an taidhpeadh, agus measaidhean didseatach a tha air an cruthachadh is air an dealbh le modhan-measaidh ùra is goireasan TF. Chaidh bruidhinn cuideachd air mar a ghabhadh AI a chleachdadh, an dà chuid a thaobh mar a bu chòir aithneachadh gu bheil e ann agus gum feumar a chleachdadh ann an dòighean iomchaidh, ach cuideachd thaobh nan cunnartan a bh’ ann le obair-phròiseict, pìosan-obrach msaa.

Dòighean gus Teisteanasan a Dheimhinneachadh

Bhruidhinn luchd-freagairt air na dòighean practaigeach gus teisteanasan a dheimhinneachadh agus air mar a bu chòir dhan BhTU seo a dhèanamh nam beachd-san.

Bha cuid a luchd-freagairt dhen bheachd gun robh dòighean sa bheilear a’ barantachadh theisteanasan an-dràsta math gu leòr agus freagarrach, agus mar sin bha iad ag iarraidh gun cleachdadh am BTU na dòighean sin.

Bha daoine eile ag iarraidh gun deigheadh an siostam a dhealbh as ùr, ach bhruidhinn tòrr luchd-freagairt air na diofar cheumannan/eileamaidean a bha iad airson a dheigheadh fhighe a-steach dhan mhodail bharantachaidh (ach cha tuirt iad an e eileamaidean ‘ùra’ a bhiodh annta no dìreach rudan a bhiodh a’ cur ris na h-eileamaidean a bh’ ann mu thràth). Am measg nan nithean a bu trice a chaidh a mholadh bha:

  • a’ cleachdadh no a’ dealbh frèam farsaing a bhiodh a’ comharrachadh gach teisteanas agus a’ sealltainn mar a tha iad co-cheangailte ri chèile, ri diofar ìrean, msaa (mhol a’ mhòr-chuid de dhaoine gum bu chòir an SCQF a chleachdadh fhathast airson sin);
  • a’ stèidheachadh inbhean nàiseanta ann an co-bhuinn ri luchd-ùidhe agus a’ tarraing aire dhaoine thuca/a’ cur trèanadh an sàs mu na h-inbhean sin am measg luchd-teagaisg;
  • a’ cur siostam deimhinneachaidh is dearbhaidh an gnìomh air an taobh a-staigh agus bhon taobh a-muigh tro luachaidhean, sgrùdaidhean, oifigearan roinneil a bhios a’ tadhal, coinneamhan air-loidhne, a bhith a’ cruinneachadh shampall, measaidhean sgoilear, agus a’ cleachdadh mhodhan-obrach gus molaidhean a thoirt seachad. Chaidh na modhan-obrach sin a mholadh cuideachd mar dhòigh mhath gus sùil a chumail air mar a thathar a’ lìbhrigeadh theisteanasan;
  • bhathar cuideachd a’ smaoineachadh gun robh e cudromach gum biodh co-mheasadh is co-aonta ann, ann an ionadan/air feadh ùghdarrasan ionadail, airson measaidhean/deuchainnean a chur air dòigh is a chomharrachadh; agus
  • bha beagan luchd-freagairt dhen bheachd gun robh am bun-shiostam comharrachaidh feumail/na bhuannachd airson dearbhadh càileachd, agus gum bu chòir a chumail.

Cuideachd, bhruidhinn luchd-freagairt air mar a bu chòir frèam soilleir is làidir a stèidheachadh airson dearbhadh càileachd – le bhith a’ cleachdadh an aon fhrèama airson gach teisteanas airson dèanamh cinnteach gum biodh cunbhalachd, èifeachdas agus inbhean co-ionann ann. Thuirt cuid a dhaoine gun robh e cudromach dèanamh cinnteach gum biodh barrachd leantalachd is cunbhalachd ann a thaobh mar a thèid inbhean a chur an sàs ann an sgoiltean/ionadan foghlaim.

Dòighean gus Co-chonaltradh a Dhèanamh ri Luchd-ùidhe

A thuilleadh air riochdairean air a’ Bhòrd agus Comataidhean (air an deach bruidhinn fo C2 is C3), bhathar cuideachd a’ smaoineachadh gun robh e cudromach gum bite a’ dèanamh co-chonaltradh ri luchd-teagaisg agus sgoilearan is oileanaich agus gum biodh iad an sàs sa BhTU ann an dòigh na b’ fharsainge, agus gum biodh frèam làidir air a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gun leanadh co-chonaltradh is co-obrachadh brìoghmhor is in-ghabhalach le luchd-ùidhe.

Am measg nam molaidhean sònraichte a rinn daoine fa leth agus diofar bhuidhnean a thaobh co-chonaltradh ri luchd-teagaisg, bha:

  • gum biodh luchd-teagaisg fhathast an sàs ann a bhith a’ dealbh/ag ullachadh dheuchainnean;
  • cothroman cunbhalach gus molaidhean a thoirt seachad, co-chonaltradh is co-chomhairleachadh cunbhalach, a’ gabhail a-steach a bhith a’ cleachdadh mheadhanan didseatach is fhòraman air-loidhne, ceisteachain, agus cothroman còmhraidh a dh’aona-ghnothach ann an sgoiltean agus buidhnean-breithneachaidh far am faod luchd-teagaisg beachdan/molaidhean a thoirt seachad;
  • a’ cruthachadh chomataidhean/bhuidhnean a bhios a’ dèiligeadh ri raointean agus/no cuspairean sònraichte no a’ dèanamh feum dhen fheadhainn a th’ ann mu thràth;
  • a’ stèidheachadh pannal le ballrachd a dh’atharraicheas a dh’fhaodadh a bhith air Buidheann Stiùiridh/Obrach; agus
  • a’ fo-fhastadh luchd-teagaisg dhan bhuidhinn airson ùine shuidhichte.

Am measg nam molaidhean a rinneadh airson co-chonaltradh nas fharsainge (no a bharrachd) le sgoilearan is oileanaich bha:

  • sgrùdaidhean-bheachd;
  • goireas air-loidhne/eadar-ghnìomhach trom b’ urrainn do luchd-ionnsachaidh beachdan a thoirt seachad;
  • a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta;
  • coinneamhan/còmhraidhean/cruinneachaidhean/buidhnean-breithneachaidh/seiseanan le Ceistean is Freagairtean, gu h-ionadail, ann an sgoiltean no mu chuspairean sònraichte;
  • a’ dèanamh co-chomhairleachadh aig ìre an ionaid fhoghlaim;
  • a’ cleachdadh chomhairlean sgoilear/oileanach a th’ ann mu thràth agus/no Prògram Thosgairean Sgoile an SCQF;
  • a’ stèidheachadh bhuidhnean sgoilear, bhuidhnean-obrach agus phannalan luchd-ionnsachaidh co-chaidreach/aig ìre ùghdarrasan ionadail/roinneil;
  • a’ stèidheachadh fòram nàiseanta; agus
  • a’ dèanamh feum de dh’agallamhan is ceisteachain le sgoilearan is oileanaich a bhios a’ fàgail gus beachdan fhaighinn air teisteanasan.

Cuideachd, chaidh a mholadh gum b’ urrainn do ghrunn bhuidhnean a bhith an sàs ann a bhith a’ cur air dòigh cothroman gus bruidhinn ri sgoilearan is oileanaich, no a dh’fhaodadh a bhith mar mheadhan gus na beachdan aca a thrusadh. Nam measg bha Pàrlamaid Òigridh na h-Alba, Pàrlamaid na Cloinne, Coimiseanair na Cloinne is nan Daoine Òga airson Chòraichean Cloinne, Young Scot, Òigridh Alba, Pàrlamaid nan Sgoilearan, com-pàirteachasan oileanach ann an sàr Alba (sparqs), Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (ILC), agus Leasachadh Sgilean na h-Alba (LSA). Chaidh buidhnean nas spèisealta a mholadh cuideachd gus beachdan a shireadh bho mhion-chuibhreannan dhen t-sluagh, daoine air a bheil ciorram, daoine òga a tha niùro-eugsamhail, msaa.

Bha cuid a luchd-freagairt cuideachd dhen bheachd gum bu chòir do phàrantan is luchd-cùraim a bhith an sàs sa BhTU, agus gum bu chòir beachdan iarraidh bhuapa oirre.

Co-obrachadh agus Cothroman Com-pàirt do Luchd-ùidhe

Bha luchd-freagairt dhen bheachd gum feumadh a’ bhuidheann theisteanas ùr dòighean-obrach fosgailte a stèidheachadh agus a bhith deònach gabhail ri molaidhean bho dhaoine agus a bhith deònach gun deigheadh breithneachadh agus measadh a dhèanamh air an obair aca gu cunbhalach agus dh’fheumte cothroman a chur air dòigh airson sin. Dhèanadh sin cinnteach gum biodh a’ bhuidheann agus na teisteanasan aca freagarrach agus gum b’ urrainn dhaibh ealla a ghabhail ri atharraichean, agus gun gabhadh teisteanasan ùrachadh gu luath agus gu h-èifeachdach nuair a bhiodh sin a dhìth:

“Dòighean-obrach fosgailte le cothroman gus breithneachadh is measadh a dhèanamh – ma tha luchd-teagaisg ag innse dhuibh nach eil rudeigin ag obrachadh no nach eil pàirt de theisteanas math gu leòr, tha e riatanach gun èist sibh riutha agus gun tèid atharraichean a chur an sàs. Seo agaibh dòigh-obrach shùbailte far a bheilear a’ gabhail ris gum faod feumalachdan ùra a bhith aig luchd-ionnsachaidh is luchd-teagaisg agus mar sin gur dòcha gum feumar teisteanasan atharrachadh bho àm gu àm.” (Neach fa leth)

Thugadh fa-near cuideachd gum feum dlùth cheanglaichean is co-obrachadh a bhith ann eadar daoine a thaobh leasachaidhean sa churraicealam, ùr-ghnàthachadh agus mhodhan-obrach sna h-ionadan airson dèanamh cinnteach gur e an curraicealam a bhios a’ toirt stiùir dhan obair mheasaidh, an àite curraicealam a tha stèidhichte air na measaidhean.

Bhathar dhen bheachd gun robh e gu h-àraidh cudromach gum biodh luchd-teagaisg/òraidichean an sàs ann an co-dhùnaidhean a’ BhTU aig gach ìre, a’ gabhail a-steach co-dhùnaidhean co-cheangailte ri obair gus teisteanasan a dhealbh, a lìbhrigeadh, a sgrùdadh agus ath-sgrùdadh, agus obair gus poileasaidhean is modhan-obrach a dhealbh. Am measg nam puingean sònraichte a thog daoine a thaobh cuin a bu chòir comhairle iarraidh bho luchd-dreuchd proifeiseanta bha: nuair a bhiodh planaichean ann gus cuspairean no measaidhean ùrachadh no atharrachadh; gus bruidhinn air teisteanasan/measaidhean a bhathar a’ moladh agus air ciamar a ghabhadh an lìbhrigeadh; gus tuigse fhaighinn air dùbhlain is cothroman a dh’fhaodadh a bhith ann agus dè ghabhas stiùireadh gu practaigeach sna sgoiltean/ionadan; agus nuair a bhiodh rannsachadh is planadh gan dèanamh airson shiostaman/phlanaichean ùra agus nuair a bhiodh iad sin fo dheuchainn agus gan cur an gnìomh. Thuirt cuid a luchd-freagairt gun robh e cudromach gun deigheadh co-chonaltradh a dhèanamh aig ìre a bhiodh tràth gu leòr sa phròiseas airson cho-dhùnaidhean is sa phròiseas dhealbhachaidh gus am b’ urrainn do na molaidhean aig daoine buaidh a thoirt air cùisean.

Bha beachd aig cuid a luchd-freagairt gun robh dòighean-obrach na bu cho-òrdanaichte a dhìth, chan ann dìreach airson a’ BhTU, ach airson siostam an fhoghlaim air fad. Bhathar dhen bheachd gun robh sin riatanach air diofar adhbharan, nam measg:

  • gus nach biodh dùblachadh ann eadar dreuchdan is dleastanasan; amasan, cinn-uidhe agus poileasaidhean; agus obair/oidhirpean;
  • gus dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri clann a bhith a’ gluasad eadar ìrean agus gus am biodh dòighean-obrach na bu cho-aonaichte ann airson ionnsachadh aig diofar aoisean is ìrean;
  • gus beachdachadh air feumalachdan nan sgoilearan is nan oileanach, slighean-ionnsachaidh, adhartas is soirbheachas, agus air dòighean gus cur às do chnapan-starra;
  • gus frèam sgilean cunbhalach/nàiseanta a stèidheachadh agus ceangail nas fheàrr a thogail eadar teisteanasan gus an gabh coimeas a dhèanamh eatarra, agus gus an gabh iad a thuigsinn agus a chleachdadh gus taghadh de theisteanasan eadar-cheangailte a chruthachadh (’s e an dòigh as fheàrr sin a dhèanamh leis a’ mhodail aig an SCQF);
  • gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile aois is ìre-fhoghlaim air an riochdachadh agus air an toirt fa-near, agus gu bheil na buidhnean ag obair a dh’ionnsaigh nan aon amasan; agus
  • gus an urrainnear taghadh farsaing de shlighean a stèidheachadh airson diofar sgoilearan is oileanaich agus gus am bi spèis cho-ionann ann airson diofar shlighean/theisteanasan, agus co-ionannachd ann a thaobh nan cothroman a th’ aig daoine orra.

Bha cuid a luchd-freagairt cuideachd airson gun deigheadh barrachd mhodhan-obrach a stèidheachadh airson dàta a cho-phàirteachadh air feadh roinn an fhoghlaim gus am biodh co-obrachadh na b’ fheàrr ann.

Chaidh a ràdh cuideachd gun robh barrachd soilleireachd a dhìth a thaobh dhleastanasan is uallaichean nam buidhnean uile, na buidhnean foghlaim is sgilean agus luchd-ùidhe san fharsaingeachd. Bhathar a’ smaoineachadh gun robh sin a dhìth gus am biodh soilleireachd agus co-obrachadh buadhach san roinn:

“Gheibhear soilleireachd gu ìre leis an reachdas a thaobh na buidhne theisteanas ùire, a’ bhuidheann-fhoghlaim agus a’ bhuidheann-sgrùdaidh ùr ach feumar le ath-leasachaidhean beachdachadh air na dleastanasan is uallaichean aig sgoiltean…, colaistean, oilthighean, luchd-solair trèanaidh, ùghdarrasan ionadail, buidhnean poblach eile… agus buidhnean maoineachaidh, agus luchd-compàirt eile… ’S e an aon dòigh san urrainn dhuinn tuigse cheart fhaighinn air na h-àiteachean far a bheil obair dhaoine a’ dol an lùib is fo sgèith a chèile, air na cothroman airson èifeachdas a chur an sàs agus air na h-uallaichean coitcheann a th’ aig daoine, ma tha soilleireachd againn air na dleastanasan is uallaichean aig daoine.” (Buidhnean Buileachaidh)

Dleastanasan a Bharrachd dhan BhTU

Bha grunn luchd-freagairt dhen bheachd gum feumadh rannsachadh a bhith mar phàirt de dh’obair a’ BhTU gus an gabhadh co-dhùnaidhean a dhèanamh stèidhichte air fianais, gus dòighean-ionnsachaidh a leasachadh, agus gus beàrnan is pàtranan a chomharrachadh ann am foghlam. Bhathar cuideachd a’ smaoineachadh gun robh e cudromach gum bite a’ dèanamh coimeas eadar Alba is dùthchannan eile gus tuigse fhaighinn air modailean eadar-dhealaichte. Bha sin cuideachd cudromach airson dèanamh cinnteach gum biodh siostam foghlaim is theisteanas na h-Alba a cheart cho math ri siostaman na RA agus eadar-nàiseanta agus gum biodh cliù eadar-nàiseanta aig ar siostam.

Chaidh a mholadh cuideachd aig cuid de na tachartasan gum bu chòir dhan BhTU sàr chomhairle, stuthan-teagaisg agus measaidhean a thoirt seachad a bhiodh feumail is furasta an cleachdadh, agus gum bu chòir dhaibh a bhith ag amas gu h-àraidh air dèanamh cinnteach gu bheil inbhean àrda aca, earbsachd agus gu bheil am poball a’ cur earbsa annta.

Trèanadh do Luchd-teagaisg

B’ e puing chumanta eile a thog luchd-freagairt gun robh feum air barrachd chothroman/stuthan trèanaidh agus barrachd leasachadh proifeiseanta leantainneach (CPD)/ionnsachadh proifeiseanta fad-beatha dreuchdail (CLPL) airson luchd-teagaisg. Am measg nam molaidhean sònraichte a thugadh seachad bha: a’ toirt cothrom do bharrachd dhaoine air seiseanan sam bith coltach ri seiseanan airson Tuigse air Inbhean, barrachd trèanaidh bhliadhnail airson gach cuspair, agus trèanadh riatanach do luchd-obrach mu gach cùrsa is pìos-obrach ùr airson dèanamh cinnteach gun robh cunbhalachd ann eadar sgoiltean/ionadan.

A’ Tarraing Aire Dhaoine gu Atharraichean sam Bith air Teisteanasan

Coltach ri beachdan luchd-freagairt ann an Caibideil 2, chaidh a ràdh an seo a-rithist gun robh feum air barrachd conaltraidh is oidhirpean gus aire dhaoine a tharraing airson dèanamh cinnteach gum biodh fios aig a h-uile duine air na th’ ann de theisteanasan a tha rim faotainn agus air luach nan teisteanasan sin. Bha sin a’ gabhail a-steach sgoiltean/luchd-teagaisg, luchd-ionnsachaidh, pàrantan/luchd-cùraim, foghlam adhartach is àrd-ìre, agus fastaichean. Chaidh a ràdh, ge-tà, gum feumte gu h-àraidh barrachd a dhèanamh airson dèanamh cinnteach gun gabhadh oilthighean ri taghadh na b’ fharsainge de theisteanasan nuair a bhiodh iad a’ beachdachadh air àite a thoirt do dhaoine air cùrsa.

Beachdan Eile

Fhuaras taghadh farsaing de bheachdan eile air puingean na b’ fharsainge. Bha iad sin a’ buntainn ri structair nan teisteanasan agus a’ BhTU, beachdan leithid:

  • bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air pròiseas nan tagraidhean, oir bhathar dhen bheachd gun robh am pròiseas caran cuingealaichte a thaobh mar a ghabhadh a chur gu feum;
  • bu chòir breithneachadh is beachdachadh a dhèanamh air na dòighean-obrach eadar-dhealaichte a th’ aig dùthchannan eile airson teisteanasan – am measg nan dùthchannan air an tugadh iomradh bha Fionnlainn, Nirribhidh, An t-Suain, Canada, cuid a stàitean sna Stàitean Aonaichte, Sealan Nuadh, Astràilia, Èirinn, agus a’ Chuimrigh;
  • bu chòir aithne is barantachadh a thoirt do mheata-sgilean, agus bu chòir tòiseachadh air meanbh-theisteanasan a chleachdadh;
  • bu chòir teisteanasan a thoirt seachad le susbaint a ghabhas atharrachadh airson dèanamh cinnteach gun gabh an ùrachadh gus freagairt air suidheachaidhean ionadail/roinneil no gus ealla a ghabhail ri atharraichean ann an cuspairean no ri sgilean no margaidhean ùra;
  • tha feum air co-mheasadh buadhach, làidir eadar sgoiltean/ionadan;
  • bu chòir barrachd cunbhalachd a bhith ann le measaidhean airson chuspairean eadar bliadhnaichean, agus a thaobh nan ìrean-comharra a gheibh luchd-ionnsachaidh le sgilean ceudna ann an diofar chuspairean is thairis air diofar bhliadhnaichean;
  • bu chòir measadh a dhèanamh air a h-uile teisteanas a th’ ann an-dràsta;
  • bu chòir làn-ealla a ghabhail ri feumalachdan luchd-teagaisg is luchd-ionnsachaidh nuair a thathar a’ barantachadh theisteanasan;
  • bu chòir dèanamh cinnteach nach bi am BTU cho an urra ri luchd-dreuchd bhon taobh a-muigh ’s a tha a’ bhuidheann a th’ ann an-dràsta agus bu chòir gluasad gu siostam far am bi e an urra ri luchd-obrach na buidhne barantachadh a chur an sàs: agus
  • bu chòir dèanamh cinnteach gum bi luchd-obrach sàr-mhath, le deagh thrèanadh is eòlas air am fastadh aig a’ BhTU.

Am measg nam beachdan no nam molaidhean a bha a’ buntainn ri roinn an fhoghlaim san fharsaingeachd bha:

  • bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air a’ churraicealam agus an Curraicealam airson Sàr-mhathais agus dèiligeadh ris mar nach eil dàimh mar bu chòir eadar teisteanasan agus an ìre Foghlam Farsaing Coitcheann (FFC);
  • bu chòir cuideam a chur air a bhith a’ toirt piseach air sgilean bunaiteach, me, leughadh, sgrìobhadh is matamataig;
  • bu chòir spèis cho-ionann a bhith ann eadar diofar chuspairean is sheòrsaichean teisteanais;
  • bu chòir cur às do chlàran soirbheachaidh airson sgoiltean agus beachdachadh air dòighean eile gus soirbheachas a chomharrachadh; agus
  • tha cus bhuidhnean ann am foghlam no le dleastanasan a thaobh foghlam, agus tha na dleastanasan is uallaichean aca a’ dol an lùib a chèile – bhathar ag ràdh nach robh na bhathar a’ moladh an-dràsta a’ dol a thoirt fuasgladh dhuinn airson na trioblaid seo.

Ath-leasachadh air Sgrùdaidhean Foghlaim

Sna ceistean sa cho-chomhairleachadh a bha a’ coimhead air sgrùdaidhean is a bhith a’ stèidheachadh buidheann-sgrùdaidh ùr, bha luchd-freagairt gu tric a’ bruidhinn air cùisean na bu phractaigiche agus cùisean obrach co-cheangailte ris na modhan-sgrùdaidh an àite a bhith a’ freagairt nan ceistean sònraichte a chaidh a chur. Chithear mìneachadh air na prìomh phuingean a chaidh a thogail gu h-ìosal.

Dòighean-obrach nas Taiceil is nas Co-obrachail airson Sgrùdaidhean

B’ e a’ phrìomh phuing a thog luchd-freagairt a-rithist is a-rithist a thaobh na bha cudromach ann an sgrùdaidhean agus ciamar a bu chòir an dèanamh, gun robh feum air sgrùdaidhean nas taiceil, agus gum feumte cuideam a chur air cothroman leasachaidh seach sgrùdaidhean ceasnachail.

Bhathar dhen bheachd gum bu chòir dleastanas a bhith air a’ bhuidhinn-sgrùdaidh ùir taic a chur ri daoine, às bith cò thathar a’ sgrùdadh, agus gum bu chòir na h-uallaichean a tha air an fheadhainn a tha gan sgrùdadh a lùghdachadh cho fad 's as urrainnear (gu h-àraidh nuair a bhiodh buidhnean air an sgrùdadh le buidhnean eile a thaobh dearbhadh càileachd cuideachd).

Bha grunn luchd-freagairt ag iarraidh gum biodh barrachd fèin-mheasaidh is measadh le luchd-oideachaidh eile ann mar phàirt de na sgrùdaidhean a thuilleadh air na sgrùdaidhean bhon taobh a-muigh, ach bha daoine eile ag iarraidh gum biodh modail nas ealanta ann stèidhichte air siostam far am biodh fèin-mheasaidhean dearbhte ann.

Cuideachd, thuirt grunn luchd-freagairt gum b’ fheàrr leotha modhan-sgrùdaidh nas co-obrachail/gun robh feum air an leithid, far am biodh luchd-sgrùdaidh ag obair gu dlùth còmhla ri ionadan gus taic a chur ri leasachadh leantainneach:

“Tha sinne a’ moladh dhòighean-obrach nas com-pàirtiche is nas co-obrachail eadar sgoiltean agus a’ bhuidheann-sgrùdaidh gus cuideachadh le bhith a’ toirt piseach air cùisean. Tha sinn dhen bheachd gum bu chòir do na modhan-sgrùdaidh a bhith mar phàirt glè chudromach de na h-oidhirpean aig sgoiltean gus leasachadh leantainneach a chur an sàs, le planadh cùramach is obair ro-innleachdail gan dèanamh thar ùine. Tha obair le luchd-compàirt, a dh’fhaodas comhairle mhionaideach is taic a thoirt seachad, glè fheumail nuair a thig e gu bhith a’ toirt piseach air an fhoghlam a gheibh ar daoine òga gach latha.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)

Mar a Thèid Sgrùdaidhean a Dhèanamh

Air feadh nan ceistean mu sgrùdaidhean agus a bhith a’ stèidheachadh buidheann-sgrùdaidh ùr, thug luchd-freagairt beachdan seachad air dè a b’ fheàrr leotha a thaobh ciamar a bu chòir na sgrùdaidhean fhèin a dhèanamh. Fhuaras caochladh bheachdan is mholaidhean, leithid:

  • bu chòir cur às dhan dòigh-obrach far am bi luchd-sgrùdaidh a’ tadhal gun a bhith a’ cur fios ro-làimh (cha robh a h-uile duine a’ moladh sin, ge-tà, agus bha cuid a’ smaoineachadh gun robh e cudromach gum biodh luchd-sgrùdaidh a’ tadhal gun innse ro-làimh);
  • bu chòir leudachadh air na dleastanasan aig ùghdarrasan ionadail a thaobh dearbhadh càileachd gus am bi iad ag obair ann an com-pàirt ris a’ bhuidhinn-sgrùdaidh ùir;
  • barrachd co-obrachaidh eadar luchd-stiùiridh sgoiltean is a’ bhuidheann-sgrùdaidh gus breithneachadh a dhèanamh air na modhan-obrach airson ullachadh airson sgrùdadh, gus cur ri comasan dhaoine, agus gus barrachd tuigse a thoirt do dhaoine air a’ phròiseas;
  • bu chòir barrachd pàirt a bhith aig àrd-luchd-stiùiridh nan ionadan sna sgrùdaidhean;
  • bu chòir oidhirpean a dhèanamh gus beachdan nan oileanach is nam pàrantan a shireadh agus a thoirt fa-near sna modhan-sgrùdaidh, mar eisimpleir, dh’fhaodadh pàirt a bhith aig pàrantan/luchd-cùraim/sgoilearan ann a bhith a’ cur mholaidhean a-steach airson sgoiltean a bhith air an sgrùdadh;
  • bu chòir, mar phàirt de sgrùdaidhean, measadh a dhèanamh air cho math ’s a tha ionadan air na dòighean-obrach aca atharrachadh gus dèiligeadh ri teicneòlas ùr is feumalachdan ùra aig a’ chomann-shòisealta; agus bu chòir beachdachadh air barrachd teicneòlais/AI a chleachdadh sna modhan-sgrùdaidh fhèin, leithid gus mion-sgrùdadh a dhèanamh air slatan-tomhais is dàta coileanaidh, feuch am bi barrachd èifeachdais ann agus gus sheataichean-dàta nas fharsainge a chruinneachadh;
  • bu chòir sgrùdaidhean cunbhalach a dhèanamh air feadh nan ionadan a tha gan sgrùdadh agus bu chòir obair-sgrùdaidh chunbhalach/cho-aonaichte a chur an sàs air feadh gach roinn is leis gach sgioba-sgrùdaidh;
  • bu chòir feum a dhèanamh de dh’fharsaingeachd de dh’fhianais ann an sgrùdaidhean (chaidh seo a mholadh aig na tachartasan), fianais a dh’fheumas a bhith fosgailte, onarach, neo-mhearachdach, agus i air a cruinneachadh thar ùine nas fhaide bho sgoilearan/oileanaich, pàrantan/luchd-cùraim agus luchd-teagaisg/luchd-oideachaidh;
  • bu chòir ealla a ghabhail ri deagh obair agus luach a bharrachd ann an sgrùdaidhean agus bu chòir cuideam a chur air leasachaidhean is a bhith a’ co-phàirteachadh dheagh mhodhan-obrach, agus a bhith a’ comharrachadh nithean a ghabhas leasachadh;
  • le sgrùdaidhean, feumar ealla a ghabhail ri cùisean co-cheangailte ri suidheachadh gach sgoil/ionad fa leth leithid far a bheil iad, cùisean deamografach, goireasan, uallaichean obrach, msaa;
  • bu chòir neach-ainmichte/neach-conaltraidh bhon bhuidhinn-sgrùdaidh a bhith ann airson ionadan/ùghdarrasan ionadail a dh’fhaodadh taic leantainneach a thoirt dhaibh às dèidh an sgrùdaidh, agus/no a dh’fhaodadh tadhal orra às dèidh làimh gus dèanamh cinnteach gun deach leasachaidhean buadhach a chur an sàs;
  • bu chòir barrachd sgrùdaidhean a dhèanamh gach bliadhna gus am bi sampall nas fheàrr ann airson an t-siostaim, agus gus dèanamh cinnteach gun tèid deagh mhodhan-obrach a chomharrachadh is a cho-phàirteachadh gu luath;
  • bu chòir barrachd ionnsachadh bho ath-sgrùdaidhean-raoin; agus
  • bu chòir ionnsachadh proifeiseanta a thoirt seachad stèidhichte air prìomh thoraidhean/cuspairean sgrùdaidh agus air sàr mhodhan-obrach gus daoine a chuideachadh le bhith a’ toirt piseach air cùisean.

Mhol beagan luchd-freagairt gum bu chòir beachdachadh air modailean sgrùdaidh eadar-dhealaichte, leithid:

  • a’ dèanamh sgrùdaidhean aig ìre an ùghdarrais ionadail an àite aig ìre na sgoile;
  • a’ cruthachadh mhodailean far am bi luchd-dreuchd foghlaim a tha stèidhichte ann an ionad mar phàirt cudromach de na modhan-sgrùdaidh;
  • a’ cruthachadh mhodailean far am bi Prìomh Oifigearan Sgìreil an sàs ann an sgrùdaidhean/far a bheilear a’ cur cuideam air co-obrachadh eadar a’ bhuidheann-sgrùdaidh agus ùghdarrasan ionadail/far a bheil ùghdarrasan ionadail a’ stiùireadh ghnothaichean;
  • a’ cleachdadh dhòighean-obrach coltach ris an fheadhainn a gheibhear ann an Sasainn far am bi buidhnean a’ dèanamh sgrùdaidhean;
  • bu chòir beachdachadh air a’ mhodail airson cholaistean far nach eil measaidhean fa leth ann air comharran càileachd tuilleadh, an àite sin bithear a’ measadh chomasan an luchd-stiùiridh gus leasachaidhean a chur an sàs/gus fèin-leasachadh a chur air adhart; agus
  • bu chòir sgrùdaidhean a chleachdadh mar phàirt de mhodhan-obrach nas fharsainge airson dearbhadh càileachd/bu chòir beachdachadh air mar a dh’fhaodadh dleastanasan a bhith aig buidhnean a thaobh a bhith a’ dearbhadh càileachd.

Cuideachd, thug luchd-freagairt iomradh air diofar chùisean sònraichte air am bu chòir prìomhachas a chur, nam beachd-san, ann an sgrùdaidhean. Nam measg bha:

  • bu chòir barrachd beachdachaidh a dhèanamh air a’ bheàrn eadar ìrean-coileanaidh;
  • bu chòir beachdachadh air na buannachdan iomlanach a gheibh luchd-ionnsachaidh an àite dìreach a bhith a’ coimhead air taic is toraidhean acadaimigeach, mar sin, bithear a’ cur cuideam air builean is sgilean nan sgoilearan/oileanach an àite cia mheud teisteanas a gheibh iad agus dè an ìre aig a bheil na teisteanasan;
  • bu chòir prìomhachas a chur air mar a nithear cinnteach gum bi clann is daoine òga air an dìon bho chron a ghabhas seachnadh/dìon air math dhaoine;
  • bu chòir prìomhachas a chur air co-ionannachd is còraichean cloinne/bu chòir dèanamh cinnteach gum beachdaichear, an lùib sgrùdaidhean, air feumalachdan eadar-dhealaichte nan oileanach agus air na modhan-obrach in-ghabhalach a tha luchd-solair foghlaim air a chur an sàs (an lùib sin bithear a’ measadh buaidh nan ro-innleachdan gus dèiligeadh ri eugsamhlachd am measg dhaoine a thaobh cultar, cànan, agus chomasan ionnsachaidh);
  • bu chòir dèanamh cinnteach gun tèid ealla a ghabhail ri niùro-eugsamhlachd agus comasan dhaoine gus freagairt a thoirt seachad;
  • bu chòir dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh a-muigh agus Ionnsachadh a dh’Ionnsaigh Seasmhachd air am fighe a-steach anns gach raon dhen churraicealam;
  • bu chòir beachdachadh air mar a thathar a’ gabhail ealla ri beachdan an luchd-ionnsachaidh an lùib coileanadh a’ churraicealaim agus ann an coimhearsnachd na sgoile san fharsaingeachd;
  • bu chòir measadh a dhèanamh feuch a bheil sgoiltean a’ toirt chothroman gu leòr seachad do luchd-teagaisg gus ionnsachadh proifeiseanta a dhèanamh co-cheangailte ri cuspairean sònraichte;
  • bu chòir dèanamh cinnteach gu bheilear a’ beachdachadh air agus a’ cur dìon air slàinte, math agus uallaichean-obrach luchd-ùidhe (gu h-àraidh luchd-teagaisg, luchd-obrach eile, sgoilearan agus oileanaich, ach cuideachd pàrantan/luchd-cùraim, ùghdarrasan ionadail agus luchd-solair eile);
  • bu chòir feallsanachd a chur an sàs far a bheilear a’ gabhail ealla ris mar a tha cuid a dhaoine air uabhas no cron mòr (trauma) fhulang nam beatha agus ri eugsamhlachd is eadar-dhealachaidhean am measg dhaoine; agus
  • bu chòir frèamaichean sgrùdaidh a bhith a’ co-fhreagairt air Cinn-uidhe nan Dùthchannan Aonaichte airson Leasachadh Seasmhach (CLS).

Chaidh a mholadh cuideachd gum bu chòir eòlas a bhith aig luchd-sgrùdaidh air a bhith ag obair ann am foghlam, eòlas a choisinn iad o chionn ghoirid, agus bhathar gu h-àraidh a’ moladh gum bu chòir fèin-fhiosrachadh, eòlas agus tuigse a bhith aca air an t-seòrsa seirbheis a tha iad a’ sgrùdadh. Cuideachd, thuirt luchd-freagairt gun robh e cudromach gum biodh luchd-sgrùdaidh a’ mothachadh dha co-ionannachd.

Bhathar a’ smaoineachadh gum bu chòir sgrùdaidhean a dhèanamh ann an dòigh nach eil cho eagallach do dhaoine/a’ cur uiread uallaich orra, agus gum bu chòir fios mu thoraidhean nan sgrùdaidhean a chur gu daoine nas trice agus a chleachdadh aig ìre ionadail a’ mhòr-chuid dhen ùine. Am measg nam beachdan mun seo, chaidh a ràdh nach bu chòir coimeas a dhèanamh eadar toraidhean nan sgrùdaidhean aig diofar sgìrean, no gum bu chòir moladh do dhaoine gun sin a dhèanamh, airson dèanamh cinnteach gum bite daonnan a’ beachdachadh air toraidhean bho shealladh ionadail:

“Gus ealla a ghabhail ris na h-eadar-dhealachaidhean a gheibhear a thaobh ìrean coileanaidh is adhartais eadar sgoiltean ann an sgìrean beairteach is bochda agus bu chòir sin a thoirt fa-near gu follaiseach ann an sgrùdaidhean sgoiltean.” (Neach fa leth)

Mar sin, bhathar a’ moladh mhodhan-sgrùdaidh sùbailte:

“Bu chòir sùbailteachd a bhith ann airson mhodhan-sgrùdaidh gus ealla a ghabhail ri suidheachaidhean is feartan sònraichte gach ionad foghlaim. Le aon dòigh-obrach airson a h-uile duine, dh’fhaodadh nach bite a’ toirt an aire do na neartan is dùbhlain shònraichte a bhiodh aig gach ionad fa leth.” (An Roinn Iar-sgoile /Colaistean/Oilthighean)

Molaidhean is Aithisgean Sgrùdaidh

Bhathar dhen bheachd gum bu chòir, ann an aithisgean sgrùdaidh, molaidhean feumail a thoirt seachad, cuideam a chur air neartan is sàr mhodhan-obrach, raointean a ghabhas leasachadh agus molaidhean no fuasglaidhean practaigeach, agus gum bu chòir goireasan is daoine a chomharrachadh a chuidicheas gus na leasachaidhean a tha a dhìth a chur an sàs.

Am measg nam molaidhean a bu chumanta a bh’ aig daoine bha cur às dha na h-ìrean-soirbheachaidh ann an aithisgean sgrùdaidh. Bhathar dhen bheachd nach robh iad sin uabhasach buadhach, gun robh iad a’ tarraing aire dhaoine bho shusbaint nan aithisgean, agus gun robh iad a’ brosnachadh farpais eadar ionadan, agus bhathar dhen bheachd gun robh feum air molaidhean na bu mhionaidiche a chuidicheadh le leasachaidhean (an àite dìreach aithris air coileanadh), agus gun robh feum air barrachd co-obrachaidh gus modhan-obrach a cho-phàirteachadh:

“Chan eil na h-ìrean-soirbheachaidh a’ cuideachadh dhaoine agus tha aithrisean-measaidh tòrr nas fheumail agus stèidhichte air comasan dhaoine gus piseach a thoirt air cùisean. Feumar dòigh nas fheàrr a lorg gus dearbhachd shoilleir a thoirt seachad. Tha aon fhacal car lom agus tha e gu math furasta tuigse cheàrr a thogail às, agus faodaidh e cron mòr a dhèanamh no moladh ro mhòr a dhèanamh air àite.” (Ùghdarrasan Ionadail)

Bhathar cuideachd a’ smaoineachadh gum bu chòir dha a bhith furasta dhan phoball aithisgean sgrùdaidh fhaicinn agus gum bu chòir cothrom a bhith aig a h-uile pàrant/neach-obrach bhon ionad am faicinn.

Cothroman Co-chonaltraidh is Com-pàirt do Luchd-ùidhe an Lùib obair na Buidhne-sgrùdaidh/Sgrùdaidhean

Fhuaras taghadh farsaing de mholaidhean a thaobh nan dòighean as fheàrr gus cothroman co-chonaltraidh is com-pàirt a stèidheachadh do luchd-ùidhe an lùib obair na buidhne-sgrùdaidh ùire agus sgrùdaidhean (mar bu trice cha robh ann ach neach-freagairt no dhà a bheireadh gach moladh fa leth seachad). Am measg na chaidh a mholadh bha:

  • dòighean gus co-chonaltradh a dhèanamh ri luchd-ùidhe gu cunbhalach – Buidheann Chomhairleachaidh bhon taobh a-muigh gus cuideachadh le bhith a’ beachdachadh air agus a’ foillseachadh fios air modhan-sgrùdaidh; co-chomhairleachaidhean cunbhalach is rianail le diofar luchd-ùidhe; a’ cleachdadh mheadhanan didseatach gus co-chonaltradh air-loidhne a dhèanamh le luchd-ùidhe; a’ cruthachadh dhòighean airson beachdan/molaidhean fhaighinn gu cunbhalach bho dhaoine; agus
  • dòighean gus cothroman a thoirt do dhiofar bhuidhnean a dhol an sàs sna sgrùdaidhean – a’ cleachdadh chomhairlean phàrant; caipteanan sgoile/prìomh sgoilearan a’ gabhail pàirt ann an cuairtean air an sgoil agus còmhraidhean; saor-thoilich òga a’ cuideachadh le sgrùdaidhean no daoine a’ cur taic ri sgrùdaidhean; a’ cleachdadh phàrantan mar luchd-sgrùdaidh neo-dhreuchdail gus beachdan phàrantan/luchd-cùraim a thrusadh; co-chomhairleachaidhean poblach; agus coinneamhan co-obrachail le pàrantan, luchd-teagaisg agus clann.

Mhol grunn luchd-freagairt gun ceisteachain a chleachdadh (a tha gan cleachdadh an-dràsta) mar mheadhan gus beachdan luchd-ùidhe a chruinneachadh an lùib nan sgrùdaidhean. Bhathar dhen bheachd nach robh iad a’ toirt saorsa gu leòr do dhaoine beachdan a chur an cèill, nach robh iad mionaideach gu leòr, nach robh sùbailteachd gu leòr ann (cha fhreagair an aon seòrsa ceisteachain air a h-uile àite) agus gun robh iad seann fhasanta. Mar an ceudna, cha robhar a’ smaoineachadh gun robh na buidhnean-breithneachaidh a gheibhear sa mhodail a th’ ann an-dràsta daonnan a’ riochdachadh an luchd-ùidhe mar a bu chòir.

A’ Cleachdadh Luchd-measaidh Com-pàirteach

Chuir daoine fàilte air a’ mholadh gus barrachd chothroman a thoirt do Luchd-measaidh Com-pàirteach mar dhòigh gus na h-uallaichean a bhios air daoine a lùghdachadh agus gus cur ri comas an t-siostaim san fharsaingeachd. Gu dearbh, thuirt grunn luchd-freagairt gun robh cothrom ann Luchd-measaidh Com-pàirteach a chleachdadh nas trice ann an sgrùdaidhean, agus mhol iad sin gu làidir (bha sin cudromach do dhaoine a thug freagairtean sgrìobhte seachad agus do dh’fheadhainn a bha aig tachartas):

“Mholamaid cuideachd barrachd feum a dhèanamh de luchd-measaidh com-pàirteach, agus gu h-àraidh cothroman a thoirt do bharrachd cheannardan-sgoile a bhith an sàs. Le sin, chan e a-mhàin gum biodh luchd-dreuchd fiosrach le eòlas proifeiseanta an sàs sna sgrùdaidhean, ach cuideachd chuireadh e ri comasan dhaoine ann an siostam an fhoghlaim. Le bhith a’ toirt cothrom do cheannardan-sgoile a bhith nan luchd-measaidh com-pàirteach nithear cinnteach gu bheil an obair-sgrùdaidh a’ gabhail ealla ris na rudan ris am feum ceannardan-sgoile dèiligeadh gach latha san sgoil, agus mar sin gheibhear sgrùdaidhean nas mionaidiche is nas fiosraiche.” (Aonaidhean-ciùird/Buidhnean Riochdachaidh airson Luchd-dreuchd)

Co-obrachadh is a’ Co-phàirteachadh Dàta

Mhol cuid a luchd-freagairt gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh ùir deagh mhodhan-obrach a cho-phàirteachadh tro dhiofar dhòighean, leithid a bhith a’ toirt eisimpleirean dhiubh seachad fhad ’s a bhite a’ dèanamh sgrùdaidhean, a’ foillseachadh aithisgean air/eisimpleirean de shàr mhodhan-obrach, agus tro ionnsachadh proifeiseanta. Chaidh a mholadh cuideachd gum faodadh a’ bhuidheann-sgrùdaidh ùr cuideachadh le bhith a’ foillseachadh is a’ co-phàirteachadh ghoireasan matha, gum faodadh iad sealltainn cò ris a bhiodh “sàr-mhath” coltach, agus gum faodadh iad geàrr-chunntasan de dh’aithisgean air colaistean is toraidhean sgrùdaidh airson ionadan Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd a cho-phàirteachadh gus taic a chur ri ionnsachadh san fharsaingeachd. Bhathar dhen bheachd gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh fianais air sàr mhodhan-obrach a chruinneachadh is a sgaoileadh ann an dòigh cho-òrdanaichte agus chunbhalach, agus iad a’ comharrachadh eisimpleirean agus gan co-phàirteachadh ann an deagh àm (thugadh iomradh air sin sna freagairtean sgrìobhte agus aig na tachartasan).

Bhathar cuideachd a’ moladh gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh obrachadh ann an dòigh na bu dlùithe/na bu cho-obrachail le prìomh luchd-ùidhe, luchd-compàirt agus ionadan foghlaim gus stiùir is taic a thoirt do dh’atharraichean gu cunbhalach, agus chan ann dìreach tro sgrùdaidhean a thachras an-dràsta is a-rithist. Am measg nam molaidhean sònraichte a fhuaras bha: daoine a bhith a’ gabhail pàirt ann an comataidhean nàiseanta, fòraman, buidhnean-obrach, agus buidhnean-comhairleachaidh, agus a’ stèidheachadh lìonraidhean co-ionnsachaidh eadar ionadan foghlaim gus an cuideachadh le bhith ag ionnsachadh bho chèile is a’ co-phàirteachadh shàr mhodhan-obrach, agus coinneamhan co-inbheil mu phoileasaidhean gus bruidhinn air toraidhean nan aithisgean sgrùdaidh agus gus cuideachadh le bhith a’ dealbh phoileasaidhean.

Thuirt grunn luchd-freagairt gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh ùir obrachadh còmhla ri agus dàta a cho-phàirteachadh le buidhnean eile. Mar phàirt de sin bhiodh iad a’ cur mhodhan-obrach air dòigh gus dàta a cho-phàirteachadh le buidhnean eile a tha an sàs ann an dearbhadh càileachd.

Cunntachalachd airson an Fhrèam Sgrùdaidh

Chaidh a mholadh gum bu chòir frèam sgrùdaidh ùr sam bith a bhith air a mhìneachadh is a chur an cèill gu soilleir gus nach biodh teagamhan is mì-chinnt ann am measg nan daoine a bhiodh air an sgrùdadh, no gus nach biodh uiread theagamhan is mì-chinnt ann. Cuideachd, bha luchd-freagairt dhen bheachd gum bu chòir an tuigse choitcheann a th’ ann air an diofar eadar riaghladh is sgrùdadh a dhaingneachadh, agus gum bu chòir slatan-tomhais soilleir is brìoghmhor a bhith ann airson cunntalachd:

“Feumaidh barrachd soilleireachd a bhith ann a thaobh dè th’ ann an cunntachalachd agus ciamar a bhiodh e follaiseach gun robh e ann.” (Neach fa leth)

“Ged a tha sinn ag aontachadh, san fharsaingeachd, ris na h-adhbharan, tha feum air barrachd soilleireachd a thaobh cò ris a bhios am frèam sgrùdaidh ùr coltach agus ciamar a nì e barrachd feum a thaobh leasachaidhean.” (Ùghdarrasan Ionadail)

Cuideachd, bhathar a’ moladh gum biodh modhan-sgrùdaidh na bu bhrìoghmhoire ann, agus gum bu chòir barrachd breithneachaidh a dhèanamh air a’ phròiseas gus poileasaidhean a chruthachadh mar thaic do na h-atharraichean a thèid aontachadh (ceanglaichean nas làidire eadar toraidhean sgrùdaidh agus an obair gus poileasaidhean is co-dhùnaidhean a dhèanamh). Gu dearbh, chaidh a mholadh gum bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh ùir barrachd uallaich a ghabhail os làimh airson a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an obair aca a’ cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh mhodhan-obrach is phoileasaidhean, agus gum bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gun deach na molaidhean aca a chur an sàs, no gum bu chòir ceangal na bu làidire a bhith ann eadar sgrùdaidhean agus leasachaidhean air feadh an t-siostaim. Bha cuideachd àireamh bheag de dhaoine a bha ag iarraidh gum biodh Foghlam Alba agus a’ bhuidheann-sgrùdaidh ùr na bu chunntachaile.

Cùisean Sgrùdaidh Co-cheangailte ri Roinnean Sònraichte

Thug cuid a dhaoine beachdan seachad a bha a’ buntainn ri roinnean sònraichte, an dà chuid a thaobh mar a dheigheadh sgrùdaidhean a dhèanamh ann an diofar sheòrsaichean ionaid agus a thaobh briathrachas co-cheangailte ri diofar roinnean sònraichte.

A thaobh Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne (TCC), chaidh a ràdh gun robh feum air co-obrachadh na b’ fheàrr/na bu lugha dùblachaidh nuair bhiodh Buidheann-sgrùdaidh a’ Chùraim agus HMIe a’ dèanamh sgrùdaidhean air ionadan TCC. Thuirt grunn luchd-freagairt gum feumte barrachd èifeachdais a chur an sàs airson sgrùdaidhean air ionadan TCC, ’s e a b’ fheàrr aon bhuidheann-sgrùdaidh ag obair san roinn an àite Buidheann-sgrùdaidh a’ Chùraim agus HMIe ag obair innte. Bha sin a dhìth gus am biodh na bu lugha dùblachaidh ann agus gus nach biodh uiread de dh’uallach air daoine san roinn. Nam bite a’ cumail a’ dol le dà bhuidhinn, bhathar a’ smaoineachadh gum bu chòir, leis na modhan-sgrùdaidh, am feum a bu mhotha a b’ urrainnear a dhèanamh de na cothroman airson modailean co-aonaichte a chur an sàs, agus na buidhnean a’ co-phàirteachadh ghoireasan sgrùdaidh agus ag obrachadh gu dlùth còmhla.

Cuideachd, bhruidhinn daoine air na duilgheadasan a bh’ ann obrachadh a-mach cò na h-ionadan air am bi HMIe a’ dèanamh sgrùdadh no cò na h-ionadan dha bheil dleastanasan sgrùdaidh aca ann an roinn an TCC, agus thugadh iomradh air an neo-ionannachd a bh’ ann ri linn nan diofar mhodhan-sgrùdaidh airson diofar sheòrsa luchd-solair:

“An-dràsta bidh Foghlam Alba a’ dèanamh aithris air cùram do chloinn òga nach eil a’ faighinn TCC maoinichte. Ged nach eilear a’ dèanamh measadh foirmeil air a’ chùram sin seach gu bheil e taobh a-muigh raon-obrach Foghlam Alba, faodaidh e mì-chinnt adhbharachadh air feadh na roinne. Dh’fhaodadh atharraichean air reachdas airson na buidhne-sgrùdaidh ùire cuideachadh le bhith a’ toirt soilleireachadh air an reachdas a tha a’ ceadachadh obair-sgrùdaidh ann an diofar raointean.” (Buidhnean Nàiseanta/ Buidhnean Poblach)

Cuideachd, thuirt luchd-freagairt gum feum daoine a bhith nas fhaiceallaiche is nas mionaidiche le briathrachas mu roinn an TCC, mar eisimpleir, na cleachd ‘nursery schools’ agus, bu chòir ‘funded provider’ a chleachdadh an àite ‘funder partner provider’. Cuideachd, thugadh fa-near gun robhar a’ cleachdadh ‘cùram-chloinne’ gu tric ann am pàipear a’ cho-chomhairleachaidh gus bruidhinn air ionadan TCC, ach bu chòir do sgrìobhadairean sgrìobhainnean dèanamh cinnteach gun cleachd iad tràth-ionnsachadh no tràth-fhoghlam cho math ri cùram-chloinne.

Cha deach cus bruidhne a dhèanamh air Nuadh Phreantasachdan, ge-tà, fhuaras beachdan mu adhbharan sgrùdaidh, modhan-obrach nan sgrùdaidhean, agus mu chùisean farsaing co-cheangailte ri bhith a’ lìbhrigeadh Nuadh Phreantasachdan. Seach nach deach mòran bruidhne a dhèanamh air an roinn seo, bha tòrr de na molaidhean gu h-ìosail air an togail le dìreach aon neach-freagairt. Chaidh na leanas a mholadh:

  • bu chòir dhan bhuidhinn-sgrùdaidh ùir measadh a dhèanamh air mar a tha prògraman trèanaidh a’ co-fhreagairt air inbhean gnìomhachais agus mar a ghabhas na sgilean a thathar ag ionnsachadh a chur gu feum gu practaigeach agus a bheil iad freagarrach airson feumalachdan fhastaichean/àiteachan-obrach a tha a’ sìor atharrachadh;
  • bhiodh feum air modhan-sgrùdaidh na bu mhionaidiche agus na bu fhreagarraiche airson na roinne gus sgrùdadh a dhèanamh air nuadh phreantasachdan airson dèanamh cinnteach gum biodh iad a’ coileanadh shlatan-tomhais foghlaim coitcheann agus riatanasan nan roinnean gnìomhachais; agus
  • ged a thathar a’ tuigsinn gu bheil taghadh farsaing de dh’ionadan a’ tairgse nuadh phreantasachdan, bu chòir modhan-sgrùdaidh cunbhalach a chur an sàs thar dhiofar bhuidhnean.

Cha d’ fhuaras ach beagan bheachdan eile, mu chùisean farsaing, a thaobh nuadh phreantasachdan. Leithid, bhathar a’ moladh gum bu chòir modhan-obrach airson dearbhadh càileachd a bhith a’ dol còmhla ri dleastanasan maoineachaidh, agus gum bu chòir cunntachalachd is dearbhachd airson nuadh phreantasachdan a bhith air am fighe a-steach do mhodhan-obrach co-cheangailte ri foghlam treas-ìre. Mhol beagan dhaoine beachdachadh air modailean lìbhrigidh eile, mar eisimpleir, gum bu chòir nuadh phreantasachdan a lìbhrigeadh tro mhodalan an àite thairis air prògram dà-bhliadhna airson gum biodh iad na bu tharraingiche. Fhuaras aon bheachd air cuspair gu math sònraichte, gum feum a’ bhuidheann-sgrùdaidh ùr sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air gnìomhan gus dèiligeadh ri sgaraidhean a rèir gnè ann an nuadh phreantasachdan.

A thaobh Foghlam Treas-ìre, b’ fheàrr le daoine gum fuiricheadh na dleastanasan airson dearbhadh càileachd aig an SFC/QAA agus bu chòir dha a bhith fo raon-ùghdarrais aon bhuidhne-maoineachaidh a bhiodh ag obair còmhla ri Foghlam Alba. Thugadh fa-near, nam biodh a’ bhuidheann-sgrùdaidh ùr a’ dol an àite nam modhan-obrach a th’ ann an-dràsta san roinn airson Cholaistean a Gheibh Maoineachadh Poblach, gum feumadh iad dleastanasan na b’ fharsainge a ghabhail os làimh a bharrachd air na dleastanasan sgrùdaidh is aithris aca. Dh’fheumadh iad sin a bhith a’ gabhail a-steach dearbhachd bhon taobh a-muigh air càileachd agus a’ cur taic ri leasachaidhean ann an roinn nan colaistean (mar a bhios an SFC a’ dèanamh an-dràsta).

San fharsaingeachd, chaidh a ràdh gum feumte breithneachadh a dhèanamh air dleastanasan na buidhne-sgrùdaidh ùire, SFC, QAA agus SDS gus dèanamh cinnteach gum biodh siostam co-aonaichte ann.

Thugadh diofar bheachdan na b’ fharsainge seachad a thaobh Ciad Fhoghlam Luchd-teagasig (CFL) no mu chùisean obrachaidh co-cheangailte ri sgrùdaidhean air CFL. Nam measg bha:

  • chan eil mòran fios an-dràsta aig luchd-teagaisg is luchd-stiùiridh sgoiltean air dleastanasan na buidhne-sgrùdaidh a thaobh a bhith a’ beachdachadh air ciad fhoghlam luchd-teagaisg agus dh’fhaodadh gun dèanadh barrachd conaltraidh feum a thaobh sin;
  • bu chòir sgrùdaidhean CFL tòrr cuideim a chur air co-ionannachd is còraichean airson dèanamh cinnteach gum bi luchd-teagaisg ùra uidheamaichte gus leithid a chùisean a cheasnachadh le misneachd;
  • bu chòir, le sgrùdaidhean CFL, dèanamh cinnteach gum faigh luchd-obrach ùra stiùireadh air bun-mhodhan teagaisg a bharrachd air cuspairean sònraichte;
  • bu chòir, le sgrùdaidhean, a bhith a’ coimhead airson fianais air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith ann air sgoiltean nuair a bhios luchd-teagaisg ùra ag obair annta às dèidh dhaibh ceumnachadh;
  • bu chòir, le sgrùdaidhean air CFL, aithris a dhèanamh air na diofar mhodhan-obrach a thathar a’ cleachdadh gus cothrom a thoirt do luchd-solair CFL ionnsachadh bho chèile/gus daoine a bhrosnachadh gu bhith ag amas air piseach a thoirt air foghlam;
  • bu chòir dreuchdan comhairleachaidh sònraichte a chruthachadh airson luchd-teagaisg aig a bheil eòlas air teagasg gus taic leantainneach a thoirt do luchd-teagaisg ùra;
  • dh’fhaodadh an t-ionnsachadh a thathar a’ toirt seachad a thaobh Saoranachd na Cruinne agus chòraichean a bhith na bu chunbhalaiche air feadh ionadan CFL;
  • bu chòir coimhead air carson a tha an àireamh de luchd-iarrtais airson CFL air a dhol sìos sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh; agus
  • bha draghan aig daoine mu cho comasach ’s a bhiodh a’ bhuidheann ùr dleastanasan airson CFL a ghabhail os làimh.

Mu dheireadh, bha àireamh bheag de luchd-freagairt a’ smaoineachadh nach robh an CFL a gheibhear an-dràsta freagarrach no math gu leòr agus/no gun robh eadar-dhealachaidhean mòra ann an CFL air feadh nan diofar ionadan a tha ga thoirt seachad. Bha cuid dhen bheachd gun robh sgaradh ann san t-siostam eadar an CFL agus na modhan-teagaisg a gheibhear sna sgoiltean an-dràsta. Bu chòir CFL a bhith air a riaghladh is air a sgrùdadh gu ìre tòrr nas teinne, chaidh a ràdh, gus dèanamh cinnteach gum biodh luchd-teagaisg làn-uidheamaichte airson slatan-tomhais a chur an sàs san àm ri teachd:

“Chuireamaid fàilte air sgrùdaidhean air luchd-solair CFL, gu h-àraidh a thaobh ìrean coileanaidh is toraidhean cunbhalach. Bhiodh e feumail ceangal a dhèanamh eadar seo agus am fiosrachadh sgrùdaidh bho sgrùdaidhean sgoile air luchd-teagaisg ùra gus am biodh measadh na b’ fharsainge againn thar ùine na b’ fhaide air cho buadhach ’s a tha CFL, ùine-dhearbhaidh agus air a’ bhuaidh a th’ aig nithean eile, leithid luchd-teagaisg comhairleachaidh, air mar a thèid do luchd-teagaisg ùra agus air an oideachadh a gheibh iad.” (Ùghdarrasan Ionadail)

Contact

Email: EducationReform@gov.scot

Back to top