Education Bill: consultation analysis - Gaelic

Tionndadh Gàidhlig den Sgrùdadh Neo-eisimeileach aig Wellside air freagairtean don co-chomhairleachadh air Bile an Fhoghlaim (Alba), a chaidh a choimiseanadh le Riaghaltas na h-Alba.


Cuspairean a Nochd gu Cunbhalach is An Ath Cheum

Beachdan bho Mhion-chuibhreannan dhen t-Sluagh

Rè ùine a’ cho-chomhairleachaidh fhuaras measgachadh de bheachdan is freagairtean a bha a’ riochdachadh no a’ toirt iomradh air fèin-fhiosrachadh is feumalachdan mhion-chuibhreannan dhen t-sluagh. Gu tric cha bhiodh ann ach neach-freagairt no dhà a bha a’ bruidhinn orra, no bhite a’ bruidhinn air cùisean gu math sònraichte nach robh a’ buntainn ris na ceistean, agus ri linn sin cha robh na beachdan sin daonnan air an cur an cèill sa mhion-sgrùdadh gu h-àrd. Ge-tà, tha e cudromach gun tèid beachdachadh air na cùisean sin (gu h-àraidh a thaobh a bhith a’ cur às dhan bheàrn eadar ìrean-coileanaidh). Am measg na chaidh a thogail bha:

  • Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig: Feumar dèiligeadh ri FMG air stèidh gu tur co-ionann ri foghlam Beurla air feadh roinn an fhoghlaim, nuair a thathar a’ cruthachadh bhuidhnean no shiostaman ùra, agus nuair a thèid atharraichean/ath-leasachadh sam bith a chur an sàs. Bu chòir gum bithear a’ làn-fhrithealadh air FMG an lùib na leanas agus gum bi FMG air fhighe a-steach annta: an curraicealam, modhan-measaidh, thar gach teisteanas, agus san fhrèam agus sna modhan sgrùdaidh;
  • Solar airson Feumalachdan Taice a Bharrachd agus niùro-eugsamhlachd: bu chòir làn ealla a ghabhail ri foghlam airson luchd-ionnsachaidh le feumalachdan taice a bharrachd (de gach seòrsa) agus ris mar a bhios iad air an gabhail a-steach ann am foghlam nuair a thathar a’ beachdachadh air molaidhean, ath-leasachadh is seirbheisean foghlaim;
  • Luchd-ionnsachaidh bodhar no le duilgheadasan claisneachd: bu chòir BSL a bhith mar mheadhan foghlaim (mar a tha FMG), agus bu chòir làn ealla a ghabhail ri foghlam airson luchd-ionnsachaidh bodhar agus ris mar a bhios iad air an gabhail a-steach ann am foghlam nuair a thathar a’ beachdachadh air molaidhean is ath-leasachadh;
  • Duilgheadasan fradhairc: bu chòir làn ealla a ghabhail ri foghlam airson luchd-ionnsachaidh dall agus le duilgheadasan fradhairc agus ris mar a bhios iad air an gabhail a-steach ann am foghlam an lùib mholaidhean is ath-leasachadh sam bith;
  • Slàinte-inntinn: bu chòir beachdachadh air is iomradh a thoirt air slàinte-inntinn sna molaidhean, airson dèanamh cinnteach gu bheil beachdan dhaoine le fèin-fhiosrachadh air sin air an gabhail a-steach ann am Bùird, Comataidhean, fòraman, sgrùdaidhean agus gnìomhan co-chonaltraidh sam bith, agus bu chòir foghlam mu shlàinte-innte fhighe a-steach ann am foghlam;
  • Cùisean LGBT: bu chòir dèanamh cinnteach gu bheilear a’ cur ionnsachadh a tha in-ghabhalach a thaobh LGBT air adhart an lùib a’ churraicealaim is mheasaidhean;
  • Co-ionannachd Ghnèithean: bu chòir beachdachadh air co-ionannachd ghnèithean agus air cùisean co-cheangailte ri fòirneart an aghaidh bhoireannach;
  • Co-ionannachd Chinnidhean: bu chòir beachdachadh air co-ionannachd a thaobh chinnidhean is fhreumhan cinneachail, an lùib susbaint chùrsaichean, mheasaidhean, agus sgrùdaidhean;
  • Luchd-cùraim Òga: bu chòir dèanamh cinnteach gun tèid beachdachadh air luchd-cùraim òga, agus gun tèid dòighean a stèidheachadh airson dèanamh cinnteach gun tèid èisteachd ris na beachdan aca agus gun tèid frithealadh air na feumalachdan aca;
  • Luchd-ionnsachaidh a tha air a bhith fo chùram: bu chòir dòighean-obrach a chur an sàs far a bheilear mothachail air mar a dh’fhaodas daoine uabhas no cron mòr fhulang nam beatha, agus bu chòir ealla a ghabhail ris an t-seòrsa beatha a th’ aig luchd-ionnsachaidh a tha air a bhith fo chùram agus ris a’ bhuaidh a dh’fhaodas sin a thoirt air an cuid fhoghlaim – bu chòir modhan-obrach a stèidheachadh a bhios a’ frithealadh air feumalachdan luchd-ionnsachaidh a tha air a bhith fo chùram agus nì cinnteach gum bi co-ionannachd ann;
  • Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (ILC): bu chòir làn-aithne a thoirt do dh’ILC agus fhighe a-steach anns na molaidhean, gu h-àraidh an fheadhainn a tha a’ buntainn ri teisteanasan agus am BTU.

Chaidh a dhèanamh follaiseach cuideachd aig na tachartasan agus ann am freagairtean sgrìobhte gur dòcha gum bi feum air taic a bharrachd gus co-chonaltradh a dhèanamh ri coimhearsnachdan air nach eil e furasta ruighinn, agus gum feum buidhnean oidhirpean a bharrachd a dhèanamh gus beachdan leithid a dhaoine a chruinneachadh agus gus an cuideachadh le bhith a’ gabhail pàirt.

Ceanglaichean ri Reachdas a th’ ann Mu Thràth

Thuirt grunn luchd-freagairt (ann am freagairtean sgrìobhte agus aig tachartasan) gum feum na molaidhean agus Bile an Fhoghlaim iomradh soilleir a thoirt air reachdas buntainneach, aig a bheil ceangal riutha, agus gum feum iad cumail ri leithid a reachdas, agus gum bu chòir dha a bhith mar riatanas do na buidhnean ùra obrachadh ann an dòigh a tha a’ cur taic ri agus a’ cumail ri reachdas. Am measg an reachdais air an tug luchd-freagairt iomradh bha:

  • Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte airson Chòraichean Pàiste (UNCRC);
  • Achd na Cloinne is nan Daoine Òga (Alba);
  • Achd na Co-ionannachd;
  • Dleastanas Co-ionannachd na Roinne Poblaiche (PSED), a’ gabhail a-steach gum bi buidheann theisteanas no sgrùdaidh ùr sam bith air an liosta airson PSED agus nan dleastanasan sònraichte Albannach;
  • reachdas co-cheangailte ri ILC; agus
  • reachdas airson phàrantan corporra.

Cùisean Eile

Thuirt beagan luchd-freagairt (ann am freagairtean sgrìobhte agus aig tachartasan) air feadh nan earrainnean mu theisteanasan is sgrùdaidhean sa cho-chomhairleachadh, gum bu chòir na nithean a leanas a ghleidheadh bho na siostaman is buidhnean a th’ ann an-dràsta agus a ghluasad chun a’ BhTU ùr agus chun na buidhne-sgrùdaidh ùire: rudan feumail, eòlas an luchd-obrach, deagh mhodhan-obrach agus eileamaidean a tha ag obrachadh gu math.

Cuideachd, thuirt cuid mhath dhaoine gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air taic is goireasan. Bhathar a’ smaoineachadh gum biodh na buidhnean ùra feumach air maoineachadh is taic cheart ma bha iad gu bhith soirbheachail, ged a bhathar a’ gabhail dragh gur dòcha nach biodh sin cho furasta leis mar a tha an eaconamaidh an-dràsta. Mar an ceudna, bhathar dhen bheachd gum feumte beachdachadh air taic is goireasan air feadh roinn an fhoghlaim, thoradh bhiodh taic is maoineachadh a dhìth airson sgoiltean is luchd-dreuchd proifeiseanta, ma bha iad gu bhith a’ dol an sàs ann am modhan-riaghlaidh nam buidhnean ùra, agus an sàs ann an ath-leasachaidhean agus gus na h-ath-leasachaidhean sin a chur an gnìomh. Cuideachd, bhathar a’ smaoineachadh gum biodh sgoilearan is oileanaich feumach air taic, an dà chuid taic ionmhasail gus am b’ urrainn dhaibh frithealadh air Bùird, Comataidhean agus Fòraman, agus taic gus cur ris na comasan aca agus gus trèanadh fhaighinn feuch am b’ urrainn dhaibh làn-phàirt a ghabhail sna modhan-obrach is pròiseasan ùra.

Cuideachd, chaidh puingean a thogail sa cho-chomhairleachadh co-cheangailte ri trèanadh, an dà chuid a thaobh CFL agus ionnsachadh proifeiseanta fad-beatha dreuchdail (CLPL). Bhathar dhen bheachd gum bu chòir conaltradh freagarrach a dhèanamh ri luchd-dreuchd mu leasachaidhean ùra a thaobh theisteanasan agus sgrùdaidhean, agus gum bu chòir trèanadh a thoirt dhaibh mu choinneimh nan leasachaidhean sin.

Ged nach robh e ’s dòcha mar aon de na h-uallaichean aig a’ BhTU no a’ bhuidheann-sgrùdaidh ùr, chaidh a mholadh sna freagairtean dhan cho-chomhairleachadh gum bu chòir ‘Dè cho Math ’s a tha ar Sgoil?’ (HGIOS4) ùrachadh. Bha luchd-freagairt (ann am freagairtean sgrìobhte agus aig tachartasan) dhen bheachd gun robh sin a dhìth gus am biodh an stiùireadh na bu fhreagarraiche às dèidh COVID, agus a thaobh na h-eaconamaidh an-diugh agus na h-iomairt airson in-ghabhalachd, agus gus am biodh barrachd soilleireachd is cunbhalachd ann airson sgrùdaidhean.

Ceistean mun Cho-chomhairleachadh is Duilgheadasan leis

Mar a thugadh fa-near fo na ceistean, thogadh ceistean grunn thursan agus chaidh barrachd soilleireachd iarraidh a thaobh a’ bhriathrachais a chleachdadh ann an sgrìobhainn a’ cho-chomhairleachaidh. Bhathar ag iarraidh barrachd fiosrachaidh air dè bha cuid a dh’fhaclan is abairtean a’ ciallachadh, agus air cò ris a bhiodh e an urra cuid a bhun-bheachdan aontachadh agus slatan-tomhais airson soirbheachadh aontachadh is a mheasadh. Bhathar a’ sireadh barrachd soilleireachd mu na buidhnean ùra, an raon-ùghdarrais aca, na cumhachdan a bhiodh aca, ciamar a dh’obraicheadh iad. Bhathar ag iarraidh barrachd fiosrachaidh a thaobh na buaidhe a bhiodh ann air roinnean sònraichte, buidhnean eile, agus an dàimh a bhathar a’ sùileachadh eadar na buidhnean ùra is daoine eile (leithid Riaghaltas na h-Alba).

Bha cuid a luchd-freagairt (ann am freagairtean sgrìobhte agus aig tachartasan) dhen bheachd nach biodh na molaidhean, airson a’ BhTU agus na buidhne-sgrùdaidh, a’ toirt fuasgladh dhuinn air na prìomh dhuilgheadasan, a thaobh theisteanasan is sgrùdaidhean, agus ann an roinn an fhoghlaim san fharsaingeachd. A thaobh a’ BhTU, bhathar a’ smaoineachadh gum biodh iad ag obair ann an dòigh a bhiodh an ìre mhath coltach ris an SQA, agus mar sin nach biodh atharrachadh radaigeach ann. Thuirt luchd-freagairt gun robhar a’ call cothrom leis na molaidhean gus atharrachadh a thoirt air dòighean-smaoineachaidh, agus susbaint, co-cheangailte ris an t-siostam/teisteanasan/measaidhean.

Mar an ceudna, bha daoine a’ gabhail dragh gum biodh siostam sgrùdaidh ‘bhon mhullach’ fhathast ann leis na bhathar a’ moladh, agus nach bite a’ dèiligeadh ris na duilgheadasan sna modhan-sgrùdaidh fhèin. Bha e gu math follaiseach gun robh luchd-freagairt ag iarraidh gun deigheadh modhan-sgrùdaidh na bu thaiceil a chur an sàs, leithid oidhirpean gus co-obrachadh a chur air adhart, measadh le luchd-oideachaidh eile, agus molaidhean bho luchd-sgrùdaidh air mar a ghabhadh piseach a thoirt air cùisean agus taic do dh’ionadan às dèidh nan sgrùdaidhean, agus bhathar a’ moladh cur às dhan structair chomharrachaidh le aon fhacal.

Bhruidhinn beagan luchd-freagairt air mar a bha iad a’ fàs sgìth de cho-chomhairleachaidhean. Thugadh fa-near gun robh co-chomhairleachaidhean a chaidh a chumail roimhe air dèiligeadh ris na cùisean a bha fon phrosbaig an seo, agus bhathar a’ miannachadh gun deigheadh atharraichean a chur an sàs an àite tuilleadh co-chomhairleachaidh/bruidhne.

Mu dheireadh, thuirt cuid a bhuidhnean gun robh e air a bhith doirbh dhaibh beachdan a shireadh bho na buidhnean a tha iad a’ riochdachadh ri linn na h-ùine a bh’ ann airson a’ cho-chomhairleachaidh (sia seachdainean) agus ri linn cinn-latha a’ cho-chomhairleachaidh (oir chrìochnaich e gu math faisg air an Nollaig). Chaidh a ràdh cuideachd, air sàillibh na h-ùine a bh’ ann airson a’ cho-chomhairleachaidh, cho toinnte ’s a bha tòrr dhen t-susbaint, agus cion fiosrachaidh a bharrachd mu na molaidhean, nach bite a’ faighinn mòran bheachdan/fhreagairtean bho dhaoine òga is pàrantan/luchd-cùraim.

An Ath Cheum

Thèid beachdachadh air toraidhean a’ cho-chomhairleachaidh seo cho math ri fianais a fhuaras mar thoradh air co-chonaltradh air feadh roinn an fhoghlaim is nan sgilean gus cuideachadh le bhith ag ullachadh dreachd dheireannach de Bhile an Fhoghlaim. Thathar an dùil gun tèid am Bile sin a thoirt a-steach nas fhaide air a’ bhliadhna Phàrlamaid seo.

1 Thuirt aon bhuidheann gun robh e cudromach an aon mhodal a chur an sàs airson cholaistean is oilthighean oir tha e cudromach do dh’oilthighean gum bi na h-ath-sgrùdaidhean orra a’ cumail ri Inbhean is Stiùiridhean Eòrpach airson Càileachd ann am Foghlam Àrd-ìre agus gun tèid na h-ath-sgrùdaidhean fhèin a dhèanamh le ball de Chomann na h-Eòrpa airson Dearbhadh Càileachd ann am Foghlam Àrd-ìre (ENQA).

Contact

Email: EducationReform@gov.scot

Back to top