Gaelic Language Plan
Scottish Government's plan to support the promotion of Gaelic throughout Scotland.
GEÀRR-CHUNNTAS
Sealladh
Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail Alba an latha an-diugh. Tha Riaghaltas na h-Alba air ceuman a ghabhail agus air na structairean agus iomairtean a dh'fheumar a chur an sàs gus dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a' Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.
Ach, tha suidheachadh na Gàidhlig air leth cugallach. Ma tha a' Ghàidhlig gu bhith beò anns na làithean ri teachd, feumar oidhirp làidir bhon Riaghaltas, an earrann phoblach, an earrann phrìobhaideach, buidhnean coimhearsnachd agus luchd-labhairt fa leth gus:
- cur ri inbhe na Gàidhlig
- adhartachadh togail agus ionnsachadh na Gàidhlig
- brosnachadh tuilleadh cleachdadh na Gàidhlig.
'S e 'Plana Gàidhlig' Riaghaltas na h-Alba a tha seo, air ullachadh taobh a-staigh frèam Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha e a' mìneachadh ciamar a nì sinn feum den Gàidhlig nar n-obair, ciamar a bheir sinn cothrom air cleachdadh na Gàidhlig nuair a bhios daoine ag eadar-obrachadh leis an riaghaltas, agus ciamar a bhrosnaicheas sinn leasachadh na Gàidhlig.
Tha leasachadh Planaichean Gàidhlig le buidhnean poblach na phrìomh phàirt de Achd 2005. Tha Planaichean Gàidhlig a' cuideachadh le foirmealachadh agus innse do luchd-obrach buidhne dè a phoileasaidh an co-cheangal ri cùisean na Gàidhlig agus a' dèanamh soilleir do luchd-cleachdaidh agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig dè na seirbheisean a dh'fhaodas iad a shùileachadh tron Ghàidhlig.
Chaidh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba ullachadh ann an co-rèir ri slatan-tomhais reachdail air an comharrachadh ann an Achd 2005, agus a' toirt aire do Phlana Nàiseanta na Gàidhlig agus don Stiùireadh mu Leasachadh Planaichean Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig.
Structair a' Phlana Ghàidhlig
'S iad na prìomh phàirtean den Phlana Ghàidhlig againn:
Tha an caibidil seo a' toirt bun-fhiosrachadh mu Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus na prìomh nithean a tha innte. Tha dealbh farsaing air a thoirt de na prìomh sholairean reachdail co-cheangailte ri ullachadh Planaichean Gàidhlig fo Achd 2005. Tha geàrr-chunntas air structair Riaghaltas na h-Alba agus a phrìomh raointean obrach ann cuideachd.
Caibidil II - Prìomh Dhleastanasan Lìbhrigeadh Seirbheis
Tha an caibidil seo a' mìneachadh ciamar a nì Riaghaltas na h-Alba feum den Ghàidhlig, agus ciamar a bheir iad cothrom air a cleachdadh an lùib a phrìomh ghnìomhan obrach. Tha e a' gabhail a-steach prìomh raointean obrach mar ar dearbh-aithne chorporra, ar soidhnichean, mar a bhios ar litrichean agus post-dealain air an làimhseachadh agus cleachdadh na Gàidhlig air an làrach-lìn againn. Tha an caibidil a' mìneachadh na h-ìre as ìsle de sholarachadh na Gàidhlig a tha sinn a' dol a dh'ullachadh anns na 5 bliadhna a mhaireas am plana.
Caibidil III - Poileasaidh/Gnìomhachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig
Tha an caibidil seo a' mìneachadh ciamar a chuidicheas Riaghaltas na h-Alba a' gnìomhachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig Bhòrd na Gàidhlig. Tha e cuideachd a' dèiligeadh ri prìomh raointean poileasaidh, mar foghlam, a tha air ar n-uallach, agus ciamar a tha sinn an dùil leudachadh air ar taic don Ghàidhlig anns na raointean sin.
Caibidil IV - Gnìomhachadh is Sgrùdadh
Tha an caibidil seo a' mìneachadh ciamar a bhios gnìomhachadh ar Plana Gàidhlig air a ghluasad air adhart, agus ciamar a nithear sgrùdadh air a ghnìomhachadh.
Contact
Email: ceu@gov.scot – Central Enquiry Unit
Phone: 0300 244 4000 – Central Enquiry Unit
The Scottish Government
St Andrew's House
Regent Road
Edinburgh
EH1 3DG
There is a problem
Thanks for your feedback