Gaelic Language Plan
Scottish Government's plan to support the promotion of Gaelic throughout Scotland.
CAIBIDIL III - DLEASTANASAN A THAOBH PLANA NÀISEANTA NA GÀIDHLIG
Sealladh farsaing air a' Phlana Nàiseanta
'S e aon de na prìomh nithean ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 an dleastanas a tha air a chur air Bòrd na Gàidhlig a bhith ag ullachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig. B' e an adhbhar airson Plana Nàiseanta a dheasachadh a bhith a' dèanamh cinnteach gum biodh sealladh coileanta agus aithnichte air dè dh'fheumar a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig seasmhach san àm ri teachd, agus cò na buidhnean a bu chòir sin a chur an gnìomh. 'S e amas deireannach a' Phlana Nàiseanta seasmhachd agus fàs a thoirt air an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba.
Tha Plana Nàiseanta a' Bhùird a' comharrachadh ceithir roinnean eadar-cheangailte de leasachadh cànain air am feumar aghaidh a chur, le grunn raointean prìomhachais annta:
Togail cànain
Meudachadh anns an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig le bhith a' dèanamh cinnteach gum bi an cànan ga thoirt seachad agus le bhith a' faighinn cothroman èifeachdach airson Gàidhlig ionnsachadh, tro:
- meudachadh air cleachdadh agus tar-chur na Gàidhlig san dachaigh
- meudachadh air an àireamh chloinne a' togail na Gàidhlig san dachaigh
- meudachadh air na tha ri fhaotainn de fhoghlam tron Ghàidhlig agus na tha a' tòiseachadh ann
- meudachadh air an àireamh de luchd-ionnsachaidh Gàidhlig inbheach a' dol air adhart gu fileantachd.
Cleachdadh cànain
Brosnachadh barrachd cleachdadh na Gàidhlig, toirt cothrom air a' chànan a chleachdadh, agus adhartachadh cothrom air modhan labhairt Gàidhlig, tro:
- meudachadh air cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan
- meudachadh air cleachdadh na Gàidhlig ann am foghlam treas-ìre agus ann an àiteachan-obrach
- meudachadh air follaiseachd na Gàidhlig anns na meadhanan
- meudachadh air adhartachadh na Gàidhlig anns na h-ealain
- meudachadh air ìomhaigh na Gàidhlig anns na roinnean turasachd, dualchais agus cur-seachad.
Inbhe cànain
Meudachadh air na tha de Ghàidhlig air fhaicinn agus air a chluinntinn, gus aithne air a leudachadh agus gus ìomhaigh fhiughaireach a chruthachadh dhi ann am beatha phoblach na h-Alba, tro:
- meudachadh air an àireamh de bhuidhnean ag ullachadh Planaichean Gàidhlig reachdail
- meudachadh air ìomhaigh agus cliù na Gàidhlig
- meudachadh air follaiseachd agus aithne air Gàidhlig.
Corpas cànain
Neartachadh iomchaidheachd agus cunbhalachd na Gàidhlig agus adhartachadh rannsachadh air a' chànan, tro:
- meudachadh air an aire a tha air a thoirt do dh'iomchaidheachd agus cunbhalachd na Gàidhlig
- meudachadh air an aire a tha air a thoirt do chàileachd eadar-theangachaidhean Gàidhlig agus na tha ri fhaotainn dheth
- meudachadh air na tha ri fhaotainn de fiosrachadh neo-mhearachdach bho rannsachadh.
The Riaghaltas na h-Alba airson gum bi pàirt aige ann an dèanamh cinnteach gum bi am Plana Nàiseanta air a ghnìomhachadh, agus anns an earrann seo tha sinn a' mìneachadh ciamar a nì sinn seo
SEALLADH FARSAING AIR AMASAN RIAGHALTAS NA H-ALBA AIRSON NA GÀIDHLIG
Tha a' Ghàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail làthaireach na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba airson dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a' Ghàidhlig cuideachd an Alba san àm ri teachd. Tha Riaghaltas na h-Alba air obrachadh agus air cur an seilbh sa Ghàidhlig agus air na structairean agus iomairtean a dh'fheumar a chur an sàs agus tha e airson dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a' Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.
Tha na ceuman sin air an dealbh gus inbhe agus cliù na Gàidhlig àrdachadh, gus dèanamh cinnteach gu bheil luach air a chur air togail na Gàidhlig agus gus cothroman a chruthachadh airson a cleachdadh ann an iomadh seòrsa suidheachadh. Tha prògram Riaghaltas na h-Alba airson Gàidhlig a' gabhail a-steach trì prìomh dhleastanasan agus tha ceuman prataigeach annta uile a bhios sinn a' gabhail gus dèanamh cinnteach gum bi adhartas air a dhèanamh le na dleastanasan sin.
- Bidh sinn a' cur ri inbhe na Gàidhlig
Tha seo a' gabhail a-steach dèanamh cinnteach gum bi ìomhaigh nas motha air a thoirt don Ghàidhlig taobh a-staigh beatha phoblaich na h-Alba agus gum bi meudachadh ann an solarachadh sheirbheisean do luchd-labhairt Gàidhlig.
- Bidh sinn a' brosnachadh togail agus ionnsachadh na Gàidhlig
Gabhaidh seo a-steach adhartachadh agus leudachadh air solarachadh foghlaim Gàidhlig aig a h-uile ìre, a' toirt taic do dh'ùghdarrasan ionadail, ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig.
- Bidh sinn a' brosnachadh barrachd cleachdadh na Gàidhlig
Bidh seo air a choileanadh le bhith a' toirt taic agus comhairle do Bhòrd na Gàidhlig ann an lìbhrigeadh prìomh phròiseactan anns a' Phlana Nàiseanta agus le stèidheachadh seirbheis dhidseatach Ghàidhlig.
Na dòighean anns a bheil Riaghaltas na h-Alba a' toirt taic do leasachadh na Gàidhlig aig an àm seo
The Riaghaltas na h-Alba mar-thà ag adhartachadh agus a' toirt taic do leasachadh na Gàidhlig ann an iomadh dòigh. Tha e a' dèanamh seo tro mhaoineachadh dìreach do bhuidhnean mar Bòrd na Gàidhlig, tro obair Bhuidhnean-gnìomha agus NDPBan a bhios a' coileanadh ghnìomhan às leth Riaghaltas na h-Alba, agus obair bhuidhnean taobh a-staigh na h-àrainneachd reachdail agus poileasaidh a stèidhich Riaghaltas na h-Alba agus Pàrlamaid na h-Alba. Tha geàrr-chunntas air a thoirt gu h-ìosal air na h-eileamaidean as cudromaiche den structair taice seo.
Aig an àm seo tha còig deug Buidheann-gnìomha SG ann. Gabhaidh cumhachan a' Phlana Gàidhlig seo cuideachd a-steach obair nam Buidheann-gnìomha sin. Ann an cuid de chùisean tha dleastanas agus dreuchdan sònraichte aig Buidhnean-gnìomha, agus 's dòcha gun co-dhùin iad, còmhla ri Bòrd na Gàidhlig, Plana Gàidhlig a dheasachadh dhaibh fèin. Ach, anns na suidhichidhean sin bhiodh sinn a' sùileachadh gun cùm iad ri prionnsabalan agus raon Plana SG. 'S e seo a tha Eachdraidh na h-Alba agus HMIE a' dèanamh agus le na gnìomhan sònraichte a tha aca, tha e na bhuannachd do na buidhnean-gnìomha sin.
Gnìomhachadh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 - Bha Achd 2005 air a tòiseachadh sa Ghearran 2006, a' cruthachadh frèam airson leasachadh Planaichean Gàidhlig le buidhnean poblach, agus a' stèidheachadh buidheann ùr, Bòrd na Gàidhlig, gus Gàidhlig adhartachadh agus a leasachadh. Mar sponsair Achd 2005, tha dlùth chom-pàirt aig Riaghaltas na h-Alba ann an gnìomhachadh na h-Achd.
Gnìomhachadh Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan - tha an Cùmhnant air a dhealbh gus mion-chànanan na h-Eòrpa a dhìon agus adhartachadh agus chaidh a dhaingneachadh san Rìoghachd Aonaichte a thaobh Gàidhlig agus Scots, Còrnais, Cuimris, Gàidhlig Mhanainneach, Ulaidh-Scots agus Gaeilge na h-Èireann. Tha uallach air Riaghaltas na h-Alba airson gnìomhachadh nam pàirtean den chùmhnant a bhuineas do raointean tiomnaichte, mar solarachadh foghlaim agus leasachadh cultarail. Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair còmhla ri diofar bhuidhnean poblach, prìobhaideach agus saor-thoileach gus dèanamh cinnteach gum bi an Cùmhnant air a gnìomhachadh air feadh Alba.
Bòrd na Gàidhlig - Bha Bòrd na Gàidhlig air a stèidheachadh fo Achd 2005 le raon-ùghdarrais reachdail a bhith ag adhartachadh agus a' cuideachadh le adhartachadh air leasachadh na Gàidhlig. 'S e Bòrd na Gàidhlig prìomh bhuidheann leasachaidh Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba agus tha uallach air airson maoineachadh dìreach Riaghaltas na h-Alba airson leasachadh na Gàidhlig a phàigheadh. Tha buidseat a' Bhùird airson leasachadh na Gàidhlig aig £5.4m ann an 2010/11 agus tron seo tha e a' toirt taic do dhiofar bhuidhnean leasachaidh Gàidhlig mar Comunn na Gàidhlig agus Cli Gàidhlig gus obair leasachaidh a dhèanamh sa choimhearsnachd, san dachaigh agus ann am foghlam inbheach. 'S e Bòrd na Gàidhlig am prìomh bhuidheann airson gnìomhachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus nam prìomh pròiseactan anns a' Phlana a stiùireadh.
Meadhanan Gàidhlig Alba - Tha MG Alba a' maoineachadh, ag eagrachadh agus a' barrantachadh phrògraman telebhisein Gàidhlig agus a' faighinn £12.4m bho Riaghaltas na h-Alba gus seo a dhèanamh. Aig an àm seo tha GMS ag obair an com-pàirt leis a' BhBC arr seirbheis telebhisein Gàidhlig dhidseatach. Bidh an t-seirbheis ùr seo a' stèidheachadh sianal shònraichte gus barrachd uairean, agus barrachd taghaidh, de phrògraman Gàidhlig a lìbhrigeadh. Bidh prìomh phàirt aig an t-seirbheis cuideachd ann an tàladh luchd-labhairt Gàidhlig ùr agus toirt taic do dh'iomairtean foghlaim.
Ùghdarrasan Ionadail - tha pàirt cudromach aig ùghdarrasan ionadail ann an adhartachadh na Gàidhlig an Alba. Bidh diofar ìre agus raon seirbheis ann a rèir ìomhaigh na Gàidhlig anns na diofar sgìrean comhairle. Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt seachad maoineachadh iomlan de £5.6m, gus an cuidich ùghdarrasan le cosgaisean a bharrachd foghlam Gàidhlig agus tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt maoineachadh do Bhòrd na Gàidhlig a dh'fhaodas iadsan a thoirt do dh'ùghdarrasan agus do bhuidhnean eile co-cheangailte ri solarachadh sheirbheisean Gàidhlig. Tha reachdas le cumhachan Gàidhlig, a bhuineas do dh'ùghdarrasan a' gabhail a-steach, Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980, Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba msaa 2001 agus Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.
Buidhnean leasachadh cultarail - 's e Comhairle Ealain na h-Alba agus Sgrion na h-Alba na prìomh bhuidhnean an Alba le uallach airson toirt taic do leasachadh nan ealan agus cultair agus na gnìomhachasan sgrion fa leth. Tha cliù mhath aig gach buidheann ann an toirt taic do leasachadh na Gàidhlig, agus leanaidh seo na amas ro-innleachdail aig Alba Chruthachail nuair a bhios am buidheann ùr air a stèidheachadh gus dleastanasan agus gnìomhan Comhairle Ealain na h-Alba agus Sgrion na h-Alba a ghabhail a-null.
Buidhnean leasachadh eaconamach - 'S iad Iomairt na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean ( HIE) na prìomh bhuidhnean an Alba le uallach airson adhartachadh leasachadh eaconamach. Tha prìomh phàirt air a bhith aig HIE gu sònraichte ann an toirt taic do leasachadh na Gàidhlig anns a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Tha sin fìor gach cuid a thaobh cultair agus eaconamaidh, a' toirt taic do phròiseactan mar Fàs aig Sabhal Mòr Ostaig agus diofar iomairtean leasachadh coimhearsnachd. Bidh prìomh phàirt aig HIE fhathast ann an toirt taic don fho-structair eaconamach Gàidhlig taobh a-staigh a raon obrach agus 's e aon den chiad bhuidhnean a dh'ullaich Plana Gàidhlig reachdail.
Buidhnean foghlaim - tha lìbhrigeadh foghlaim agus stuthan taice air uallach iomadh seòrsa buidhne, bho ùghdarrasan ionadail gu buidhnean mar Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, Ionnsachadh agus Teagasg Alba, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, HMIE agus Stòrlann. Tha sgeama Thabhartasan Sònraichte airson Foghlaim Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach gun lean leasachadh solarachadh Gàidhlig a' leudachadh agus gum bi prìomhachas aige, aig an àm seo aig £5.6m gu h-iomlan.
Buidhnean roinn-shònraichte eile - Bidh iomadh seòrsa buidheann-gnìomha agus NDPB eile a' coileanadh ghnìomhan às leth Riaghaltas na h-Alba, agus tron obair aca faodaidh iad cur ri inbhe na Gàidhlig. Dualchas Nàdair na h-Alba, Oifis Clàraidh Choitcheann na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus buidhnean eile uile an sàs ann an adhartachadh agus toirt taic don Ghàidhlig ann an iomadh dòigh.
Mar a bheir Riaghaltas na h-Alba taic do leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd
Bidh Riaghaltas na h-Alba a' cumail a' toirt taic do leasachadh na Gàidhlig anns na dòighean a tha air am mìneachadh gu h-àrd. Còmhla ri sin, bheir sinn prìomhachas do na gnìomhan a leanas gus leasachadh na Gàidhlig a luathachadh agus dèanamh cinnteach gum bi sinn fhathast air ceann cruthachadh seasmhachd don Ghàidhlig san àm ri teachd. Tha na gnìomhan sin air an cur am buidhnean fo na cinn Inbhe cànain, Togail cànain agus Cleachdadh cànain ann am Plana Nàiseanta a' Bhùird gus cuideachadh a' dèanamh soilleir ciamar a tha ar n-obair a' ceangal ri gnìomhachadh a' Phlana.
Bidh sinn a' brosnachadh togail agus ionnsachadh na Gàidhlig
Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gum feum seasmhachd don Ghàidhlig san àm ri teachd barrachd dhaoine a bhith ag ionnsachadh a' chànain agus feumaidh an aire sin a bhith gu h-àraidh air an dachaigh, foghlam agus ionnsachadh lnbheach mar a' phrìomh dhòigh air seo a choileanadh. Gabhaidh sinn na ceuman a leanas gus cuideachadh a' cruthachadh àrainneachd thaiceil gus an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig an Alba a mheudachadh.
- bheir sinn taic agus cuideachadh do ghnìomhachadh mholaidhean bho Bhuidheann-stiùiridh Foghlam Nàiseanta na Gàidhlig a bha air a stèidheachadh le Bòrd na Gàidhlig agus a tha a' toirt còmhla gach gnothach a bhuineas don roinn foghlaim Gàidhlig, agus iarraidh sinn comhairle shònraichte bho na buidheann air grunn raointean prìomhachais
- cumaidh sinn a' dol an siostam thabhartasan sònraichte airson foghlaim Gàidhlig gus cuideachadh a' leasachadh na roinn foghlaim Gàidhlig agus tha sinn air a' mhaoineachadh a tha ri fhaotainn le ùghdarrasan ionadail a mheudachadh gus dèanamh cinnteach gum bi prìomhachas aig leasachadh aonadan Gàidhlig ùra agus sgoiltean sònraichte
- tha an stiùireadh air ionnsachadh agus teagasg tro Churraicealam airson Sàr-Mhaitheis mothachail dhen luach a thathas a' cur air a bhith a' cleachdadh cultar, cànain agus litreachais na h-Alba ach am bith òigridh na dùthcha gan deasachadh airson an t-slighe mar bhuill dhen t-saoghal mhòr. Tha an stiùireadh sin ag aithneachadh na Gàidhlig mar chuspair àbhaisteach anns a' churraicealam ùr - tha a' Ghàidhlig na stòrais luachmhor do dh'òigridh airson a bhith ag ionnsachadh mu chultar, cànain agus litreachais na h-Alba
- tha na Cleachdaidh agus Toraidhean air Gàidhlig agus litreachas a' dealbhachadh litreachas ann an dòigh ùr-nò agus a' tairgse cothroman ionnsachaidh mu thaobh de chultar agus dualchas na h-Alba a tha fìor chudromach agus tha iad a' daingneachadh deagh thuigse mu chultar na Gàidhlig agus Alba. Tha am frèam-obrach a' tairgse, do luchd-ionnsachaidh, pàrantan agus luchd-teagaisg dealbhan farsaing air cothroman ionnsachaidh a bhiosh a' cur ri leasachaidhean litrachais, agus nam measg sin tha sgrùdadh, obair cruthachail, agus foghlam is measadh air litreachas agus cultar
- tha na Cleachdaidh agus Toraidhean air Beurla agus litreachas cuideachd a' moladh a dhol an-sàs ann an Gàidhlig tro eadar-theangachadh
- bidh tionndadh Gàidhlig ri fhaotainn de na Cleachdaidhean agus Toraidhean ri fhaotainn ro thoiseach na bliadhna sgoile 2010/11
- adhartaichidh sinn foghlam tron Ghàidhlig mar roghainn mhath do phàrantan, ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus Bòrd na Gàidhlig gus seo a lìbhrigeadh
- bheir sinn misneachd agus taic do leasachadh sgoiltean sònraichte tron Ghàidhlig, gus cuideachadh a' cruthachadh na h-àrainneachd as buannachdaile airson ionnsachadh Gàidhlig ann am bun-sgoiltean
- tha sinn air maoin calpa sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh gus taic a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail
- an dèidh co-chomhairleachadh farsainn poblach thug Riaghaltas na h-Alba air adhart Bile (Co-chomhairleachadh) Sgoiltean na h-Alba chun na Pàrlamaid air 19 Samhain 2009 agus chaidh gabhail ris gu h-aon-ghuthach. Tha Achd (Co-Chomhairleachadh) Sgoiltean (Alba) 2010, a chaidh a chur dhan lagh air 5 Giblean 2010, a' togail air agus a' neartachadh modhan co-chomhairleachaidh a tha ùghdarrasan ionadail a' cur an-sàs mu mholaidhean cudromach airson atharrachaidhean ann an sgoiltean agus tha e a' gabhail ris nach bu chòir sgoiltean dùthchail a dhùnadh. Tha seo a' daingneachadh cho cudromach sa tha sgoiltean dùthchail ann a bhith a' dearbhadh gu bheil Gàidhlig gu bhith a' leantainn mar phàirt de choimhearsnachdan far an robhas ga cleachdadh gu h-àbhaisteach. A bharrachd air sin, tha an Achd a' buileachadh dleastanas ùr reachdail air ùghdarrasan ionadail gun fheum iad a bhith a' toirt Bòrd na Gàidhlig a-steach air a' cho-chomhairleachadh ma tha buaidh gu bhith aig sin air foghlam Gàidhlig anns na raointean aca
- cumaidh sinn oirnn a' comharrachadh Gàidhlig mar àrd-phrìomhachas airson Comhairle Maoineachaidh na h-Alba agus a' toirt taic do Shabhal Mòr Ostaig mar shàr ionad airson foghlam Gàidhlig agus leasachadh cultarail
- cumaidh sinn a' dol am maoineachadh airson Oifigear Trusadh Luchd-teagaisg Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gum bi aithisg Buidheann Gnìomh an Luchd-teagaisg air a làn ghnìomhachadh, agus rannsaichidh sinn dòighean ùra air dèanamh cinnteach gum bi solar luchd-teagaisg a rèir iarrtais
- Nì Bòrd na Gàidhlig adhartas le gnìomhachadh a' Phlana Nàiseanta ann an raointean na dachaigh, nam bliadhnachan tràth agus foghlam inbheach
- iarraidh sinn air NDPBan taic a thoirt do leasachadh sgilean Gàidhlig am measg an luchd-obrach
- iarraidh sinn air Ùghdarrasan Ionadail agus buidhnean eile suirbhidhean air sgilean Gàidhlig a chur air adhart
- cumaidh sinn a' toirt taic do dh'obair bhuidhnean, mar Ionnsachadh is Teagasg Alba, anns na diofar sheirbheisean agus ghoireasan a tha iad ag ullachadh do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig
- Leanaidh taic an Riaghaltais airson Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, a' bhuidheann air a bheil an t-uallach airson a bhith a' co-òrdanachadh agus a' sgaoileadh stòras foghlaim Gàidhlig air feadh Alba.
Bidh sinn a' brosnachadh meudachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig.
Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gum feum cruthachadh seasmhachd don Ghàidhlig san àm ri teachd chan e a-mhàin gum bi barrachd dhaoine comasach air a' chànan a bhruidhinn, ach gum bi barrachd dhaoine ga cleachdadh. Tha sinn a' tuigsinn cho cudromach 's a e gum bi cothrom aig barrachd dhaoine Gàidhlig a chleachdadh mar an roghainn modh conaltradh gnàthach ann am barrachd is barrachd seòrsa obair làitheil. Còmhla ris an obair air a mhìneachadh ann an Caibidil 2 air Bun-dhleastanasan, gabhaidh Riaghaltas na h-Alba na ceuman a leanas gus cuideachadh a' cur air adhart ìomhaigh fhiughaireach don Ghàidhlig
- tha sinn air maoineachadh a bharrachd a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson prìomh phròiseactan a' Phlana Nàiseanta a lìbhrigeadh, le prìomhachas aig an fheadhainn a chuidicheas a' leasachadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd
- bidh sinn ag adhartachadh cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd agus a' brosnachadh ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile a bhith a' toirt taic do leasachaidhean san raon seo
- tha sinn air taic a thoirt do stèidheachadh com-pàirteachas MGALBA/ BBC gus seirbheis Gàidhlig dhidseatach a lìbhrigeadh agus air am maoineachadh riatanach a thoirt dhaibh gus dèanamh cinnteach gum bi an sianal air a stèidheachadh
- tha sin nag obair còmhla ri Urras a' BhBC agus BBC Alba airson adhartas a dhèanamh anns an iomairt airson còraichean craobh-sgaoilidh fhaghinn air Freeview cho luath sa ghbahas, ach am bui e ri fhaighinn leis a h-uile neach an Alba
- iarraidh sinn air Bòrd na Gàidhlig adhartas a dhèanamh le gnìomhachadh a' Phlana Nàiseanta gu sònraichte ann an raointean nan ealan, foillseachaidh, nam meadhanan, coimhearsnachd agus an àite-obrach
- tha Riaghaltas na h-Alba tacieil do chultur agus ealan na Gàidhlig. Tha e deatamach gun lean an taic sin agus gum bi fàs anns na raointean sin a tha fìor chudromach do dh'Alba gu lèir agus is ann air sgàth sin a thathas air ainmeachadh gum bi Alba Cruthachail ag obair gu dlùth mar phrionnsabal airson Ro-innleachd Nàiseanta nan Ealan Ghàidhlig a lìbhrigeadh
- seallaidh sinn airson cothroman air na h-ealain Ghàidhlig a bhrosnachadh gach cuid an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta
- tha an obair airson poileasaidh soidhnichean dà-chànanach phrìomh rathaidean a ghnìomhachadh air na slighean gu puirt-aiseig nan eilean siar a' dol air adhart. Às dèidh na h-obrach seo bidh rannsachadh gus measadh a dhèanamh air buaidhean eaconamach, sòisealta agus àrainneachd shoidhnichean rathaid dà-chànanach, a' gabhail a-steach sàbhailteachd rathaid, gus poileasaidh fhiosrachadh san àm ri teachd
- coimhididh sinn air dòighean anns an gabh Gàidhlig oibreachadh ann an t-seirbheis an rèile
- brosnaichidh sinn buidhnean turasachd a' Ghàidhlig adhartachadh aig puingean inntrigidh mar puirt-adhair agus puirt-mara agus seallaidh sinn airson cothroman air taic a thoirt don Ghàidhlig anns na diofar iomairtean aca
- tha sin nag aithneachadh cho cudromach sa tha iomhaigh na Gàidhlig ann an raointean turasachd, dualchas agus cur-seachadan agus nì sinn ar dìcheall sin a thogail agus a bhrosnachadh far an gabh sin dèanamh
- iarraidh sinn air Bòrd na Gàidhlig adhartas a dhèanamh leis an acadamaidh Ghàidhlig a mhol e a bhrosnaicheas buidhnean mar Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, Ionnsachadh is Teagasg Alba, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Suirbhidh Òrdanais adhartas a dhèanamh le obrachadh air cunbhalachd, iomchaidheachd agus litreachadh na Gàidhlig.
Bidh sinn a' cur ri inbhe na Gàidhlig
The Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gu bheil an t-àite a tha aig cànan anns an àrainneachd làitheil agus an ìre gu bheil e air a chleachdadh, air a mheas agus air fhaicinn gu bhith ga mheas le na h-ùghdarrasan aig a bheil pàirt cudromach nar beatha làitheil a' toirt buaidh air inbhe cànain. Còmhla ris an obair air a mhìneachadh ann an Caibidil 2 air Bun-dhleastanasan Lìbhrigeadh Seirbheis, gabhaidh sinn na ceuman a leanas gus cuideachadh a' cur air adhart ìomhaigh fhiughaireach don Ghàidhlig.
- sgaoilidh sinn stiùireadh ro-innleachdail chun na h-earrainn phoblaich agus gu buidhnean iomchaidh eile a' mìneachadh eachdraidh a' phoileasaidh a bha air cùl Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan, na h-uallaichean a tha nan cois, agus mar a dh'fheumas buidhnean planadh airson ciamar is urrainn dhaibh cuideachadh len gnìomhachadh agus toirt taic do leasachadh na Gàidhlig
- tha sinn air a' Phlana Gàidhlig reachdail seo ullachadh fo chumhachan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a' mìneachadh mar a bhios Riaghaltas na h-Alba a' cleachdadh agus a' toirt cothrom airson cleachdadh na Gàidhlig a thaobh a dhearbh-aithne chorporra, conaltradh, foillseachaidhean agus luchd-obrach
- nì sinn cinnteach gum bi taic air a thoirt do bhuidhnean poblach a fhuair fios bho Bhòrd na Gàidhlig airson Plana Gàidhlig a dheasachadh gus am faigh iad air dòigh fhiughaireach a ghabhail airson leasachadh am planaichean, agus buannachdan faicsinneach a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig
- brosnaichidh sinn buidhnean poblach agus buidhnean-gnìomha poileasaidhean Gàidhlig a chur ri chèile mus iarr Bòrd na Gàidhlig orra Planaichean Gàidhlig reachdail a dheasachadh gus gnìomhachadh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a luathachadh agus dèanamh cinnteach gun toir an earrann phoblach uile taic do leasachadh na Gàidhlig
- cleachdaidh sinn am modh dealbhadh corporra gus dèanamh cinnteach gum bi com-pàirt aig buidhnean-gnìomha an Riaghaltais, NDPBan agus Ùghdarrasan Slàinte ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus ceàrnaidhean a chomharrachadh far am faod iad cur ri gnìomhachadh a' Phlana ann am planadh airson na h-obrach aca san àm ri teachd
- iarraidh sinn air Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte agus a Roinnean agus Buidhnean-gnìomha a tha ag obair an Alba am pàirt a ghabhail ann an toirt taic do leasachadh na Gàidhlig agus gnìomhachadh Achd 2005 às dèidh na h-ùidh a chaidh a nochdadh fhad 's a bha Bile na Gàidhlig ga aontachadh
- nì sinn measadh air builean cànanach phoileasaidhean no iomairtean ùra gus dèanamh cinnteach, cho fad 's a ghabhas dèanamh, nach toir iad droch bhuaidh air cleachdadh na Gàidhlig, agus far an gabh a dhèanamh nì sinn cinnteach gum bi buaidh fhiughaireach aca
- iarraidh sinn beachd bho Bhòrd na Gàidhlig air poileasaidh no iomairt ùra sam bith a bheir buaidh dhìreach air leasachadh na Gàidhlig
- ag obair còmhla ri buidhnean eile le com-pàirt san raon seo, mar Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig, nì sinn rannsachadh air prìomh raointean de leasachadh na Gàidhlig.
Contact
Email: ceu@gov.scot – Central Enquiry Unit
Phone: 0300 244 4000 – Central Enquiry Unit
The Scottish Government
St Andrew's House
Regent Road
Edinburgh
EH1 3DG
There is a problem
Thanks for your feedback