A Human Rights Bill for Scotland: consultation guide - Gaelic translation
We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the short guide to the consultation.
Earrann A Dhà – Dè A Bhios Anns A' Bhile Chòraichean Daonna?
Innsidh an earrann seo mu na cùmhnantan agus na còraichean. Innsidh i cuideachd mar a nì sinn iad nan lagh ann an Alba.
Nì am Bile Chòraichean Daonna ceithir cùmhnantan chòraichean daonna eadar-nàiseanta nan lagh ann an Alba, bheir e a-steach còir ùr air àrainneachd fhallain, agus bidh ceumannan na lùib gus dèanamh cinnteach gum bi na còraichean sin aig na h-uile san aon dòigh. Bheir e a-steach còraichean sònraichte do bhoireannaich, do dhaoine ciorramach agus do dhaoine agus do bhuidhnean a dh'fhuilingeas gràin-cinnidh.
An Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarail (ICESCR)
Tha an t-aonta seo gus dèanamh cinnteach gu bheil cor beatha aig daoine a rèir an urraim mar dhaoine.
Tha e a' mìneachadh còir gach neach air cor beatha iomchaidh, leithid cothrom air biadh, dachaigh agus aodach freagarrach.
Tha còraichean san ICESCR cuideachd air an ìre as àirde a ghabhas coileanadh de shlàinte chorporra is inntinn, air foghlam, pàirt a ghabhail ann am beatha chultarach agus buannachdan adhartas saidheans a mhealtainn.
Bu chòir na còraichean sin uile a bhuileachadh gu co-ionann, gun leth-bhreith.
An Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Cur às do Gach Seòrsa Leth-bhreith Cinnidh (ICERD)
Tha an t-aonta seo ag innse mar as urrainn do gach neach an còraichean daonna a mhealtainn gu co-ionann, ge bith dè an cinneadh, an dath, an sinnsireachd no an tùs nàiseanta no cinneachail.
Feumaidh riaghaltasan a chuireas ainm ris ceumannan a ghabhail gus cur às do leth-bhreith cinnidh, gus crìoch a chur air brosnachadh gràin cinnidh, agus cur an-aghaidh leth-bhreith.
Feumaidh riaghaltasan cuideachd co-rèite agus càirdeas a bhrosnachadh am measg diofar bhuidhnean nàiseanta, cinneadail no cinneachail.
An Cùmhnant air Cur às do Gach Seòrsa Leth-bhreith an Aghaidh Bhoireannaich (CEDAW)
Buinidh an cùmhnant seo ri co-ionannachd eadar boireannaich is fireannaich.
Feumaidh riaghaltasan a chuireas ainm ris dèanamh cinnteach gu bheil dìon ann do bhoireannaich a thaobh torrachas agus màthrachas, ann am planadh teaghlaich, beatha dhùthchail, malairt ann an daoine agus siùrsachd, agus timcheall air pòsadh agus beatha teaghlaich.
Iarraidh e air riaghaltasan obair gus còraichean daonna bhoireannaich is nigheanan a dhìon, cur às do leth-bhreith an aghaidh bhoireannaich agus a bhith ag atharrachadh chleachdaidhean cultarail a nì cron air boireannaich is nigheanan.
An Cùmhnant air Còraichean Dhaoine le Ciorram (CRPD)
Buinidh an t-aonta seo do mar a dh'fhiosraicheas daoine ciorramach bacaidhean a thaobh an còraichean.
Feumaidh riaghaltasan a chuireas ainm ris dèanamh cinnteach gum faigh daoine le ciorram na còraichean daonna aca agus beatha le urram a mhealtainn.
Bu chòir dhaibh ceumannan a ghabhail gus cnapan-starra a thoirt air falbh gus an toirear spèis do chòraichean dhaoine ciorramach.
Bu chòir an gnìomhan a bhith gan stiùireadh le prionnsapalan gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine ciorramach air làn chom-pàirt a ghabhail sa choimhearsnachd, gum faigh iad spèis agus gun gabhar riutha.
A' Chòir air Àrainneachd Fhallain
Dh'aithnich Seanadh Coitcheann nan Dùthchannan Aonaichte a' chòir daonna air àrainneachd fhallain ann an 2022.
Cuidichidh còir air àrainneachd fhallain sinn gus an àrainneachd a chur aig cridhe ar co-dhùnaidhean gus an cruthaich sinn àrainneachd dhuinn fhìn, agus dha daoine san àm ri teachd, far am faighear còraichean daonna.
Le bhith a' fighe seo dìreach dhan Bhile cuidichidh e gnàth-shìde nas sàbhailte agus àrainneachd agus bith-chruinnean nas fallainne a bhith againn, agus lughdaichidh sinn an àireamh de stuthan puinnseanta a sgaoilear don àrainneachd againn.
Ciamar a chuirear na cùmhnantan seo ri lagh na h-Alba?
Is e dùbhlan a bhios ann na cùmhnantan seo a thoirt a-steach do lagh na h-Alba oir tha gach cùmhnant eadar-dhealaichte ach cuideachd a' buntainn ri chèile.
Buinidh cuid de na còraichean annta ris a h-uile duine, agus buinidh cuid dìreach ri boireannaich, daoine ciorramach, no daoine agus buidhnean a dh'fhuilingeas gràin-chinnidh.
Chaidh an sgrìobhadh aig amannan eadar-dhealaichte thar iomadh bliadhna, agus mar sin tha cuid nas mionaidiche na cuid eile ann a bhith ag ràdh dè bu chòir do riaghaltasan a dhèanamh gus na còraichean nan lùib a bhuileachadh air daoine.
Buinidh na cùmhnantan cuideachd do raointean a tha glèidhte do Phàrlamaid na RA.
Bheir seo uile buaidh air mar a chuireadh sinn na cùmhnantan anns a' Bhile Chòraichean Daonna. Tha diofar dhòighean ann seo a dhèanamh. Canaidh an co-chomhairleachadh seo an 'dòigh a thoirt a-steach' as fheàrr leinn ris an dòigh seo an gnothaich a dhèanamh.
Is e an dòigh-obrach againn na còraichean anns na ceithir cùmhnantan a chur a steach sa Bhile agus sinn a' cleachdadh na h-aon fhacail agus a chleachd na cùmhnantan fhèin. Chuireadh sinne às do dh'fhaclan a bhuineas ri gnothaichean fo smachd Pàrlamaid na RA.
Nì seo cinnteach gun lean sinn na cùmhnantan cho dlùth agus cho soilleir is a ghabhas.
Tha sinn airson dèanamh cinnteach gun tuig buidhnean poblach agus buidhnean prìobhaideach a bheir seirbheisean poblach seachad ann an Alba gu soilleir na dh'fheumas iad a dhèanamh gus còraichean dhaoine a chur an gnìomh.
Bidh an dòigh-obrach seo a' ciallachadh, ann an cùisean laghail sam bith mu chòraichean sa Bhile san àm ri teachd, gun cleachd cùirtean faclan a' Bhile agus gum faodar coimhead cuideachd air stiùireadh bhon chleachdadh eadar-nàiseanta as fheàrr, gus tuigsinn dè a' bhrìgh a tha aig na còraichean ann an cleachdadh.
Cò air a tha dleastanas fon Bhile?
Canar 'luchd-dleastanais' ri na buidhnean ann an Alba a thathar an dùil a bheir còraichean agus dleastanasan a tha sa Bhile gu buil.
Tha dleastanas aig Riaghaltas na h-Alba fhèin. Is iad eisimpleirean eile de luchd-dleastanais ur n-ùghdarras ionadail no bòrd-slàinte, ur sgoil agus luchd-solair cùraim.
Bheir companaidhean prìobhaideach cuid de sheirbhisean poblach seachad. Tha sinn airson is gum buin na dleastanasan ri companaidhean nuair a bheir iad seachad na seirbheisean sin. Tha seo a' gabhail a-steach companaidhean prìobhaideach nuair a bheir iad seachad seirbheisean fo chùmhnant le buidhinn phoblaich.
Dè dh'fheumas luchd-dleastanais ann an Alba a dhèanamh fon Bhile?
Tha sinn airson a bhith cinnteach gum bi luchd-dleastanais ann an Alba air an ullachadh nas fheàrr agus comasach air spèis a nochdadh is dìon a chur air na còraichean san fhrèam-obrach agus na còraichean sin a choileanadh.
An toiseach, feumaidh iad sealltainn mar a dh'fhigh iad còraichean daonna a-steach do an cuid cho-dhùnaidhean. Tha seo ga mhìneachadh nar co-chomhairleachadh mar a' chiad dleastanas modh-obrach'.
Canar 'ciad' ris oir is e seo a' chiad dleastanas a thig a-steach fon Bhile aon uair is gun dèanar Achd dheth.
Tha e a' ciallachadh gum feum luchd-dleastanais sealltainn gu bheileas air smaoineachadh mu na còraichean anns a' Bhile nuair a nì iad co-dhùnaidhean agus nuair a bheir iad seirbheisean seachad.
Tha còir aig an dleastanas seo dèanamh cinnteach gun toir laghan, poileasaidhean, planaichean agus buidseatan ùra a dh'aontaicheas luchd-dleastanais aire do chòraichean daonna dhaoine.
Cruthaichidh am Bile cuideachd dleastanas coileanaidh airson cuid de na còraichean, a bheirear a-steach nas fhaide air adhart agus às dèidh a' chiad dleastanais modh-obrach.
Cho luath 's a thòisicheas an dleastanas seo, feumaidh luchd-dleastanais na goireasan aca a chleachdadh gus coinneachadh ri bun-ìre ann a bhith a' coileanadh chòraichean, agus obrachadh a dh'ionnsaigh làn choileanadh nan còraichean thar ùine.
Mura dèan iad seo, faodar cur nan aghaidh tro dhòighean gearain neo na cùirtean.
Bheirear na dleastanasan sin a-steach san lagh aig diofar amannan. Canaidh an co-chomhairleachadh 'amannan tòiseachadh nan dleastanas' ri seo.
Nithear seo gus dèanamh cinnteach gum bi ùine aig luchd-dleastanais dèanamh deiseil an dleastanasan ùra fon Bhile a choileanadh. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh gum feum iad luchd-obrach a thrèanadh, pròiseasan ùra a chruthachadh gus cuideachadh co-dhùnaidhean a dhèanamh, no modhan-obrach atharrachadh leithid dèiligeadh ri gearanan.
Iarraidh am Bile cuideachd air luchd-dleastanais innse mu na rinn iad gus na còraichean anns a' Bhile a thoirt gu buil agus am planaichean airson leasachadh chòraichean san àm ri teachd. Canaidh an co-chomhairleachadh 'dleastanas aithris' ri seo.
Ciamar a thuigeas luchd-dleastanais agus na cùirtean na còraichean?
Tha sinn ag iarraidh gur e prionnsapal urram daonna a' phrìomh luach gus còraichean anns a' Bhile a thuigsinn agus a mhìneachadh.
Is e urram daonna abairt a chleachdas eòlaichean chòraichean daonna. Is e a tha ann luach co-ionann dualach gach neach agus cothrom air na còraichean a nochdas an luach seo.
Leigidh an dòigh-obrach seo le cùirtean agus luchd-dleastanais urram daonna a chleachdadh mar stiùireadh gus na còraichean anns a' Bhile a thuigsinn. Canaidh an co-chomhairleachadh 'riaghailt mìneachaidh' ri seo.
Ciamar a bheir fèin-riaghladh buaidh air a' Bhile?
Feumaidh an dòigh anns an cur sinn còraichean nan cùmhnant ri lagh na h-Alba feart a thoirt air fèin-riaghladh. Nì Pàrlamaid na h-Alba laghan a-mhàin ann an raointean nach eil glèidhte gu soilleir do Phàrlamaid na RA.
Mar eisimpleir, buinidh poileasaidh cùram slàinte agus foghlaim do Phàrlamaid na h-Alba. Buinidh dìon agus in-imrich do Phàrlamaid na RA.
Tha Achd na h-Alba 1998 a' glèidheadh cumhachd airson laghan a dhèanamh sa mhòr-chuid de chùisean co-ionannachd do Phàrlamaid na RA. Canaidh ar co-chomhairleachadh 'cumha co-ionannachd chothroman' ri seo.
Tha seo a' ciallachadh gu bheil Pàrlamaid na h-Alba cuingealaichte a thaobh laghan a dhèanamh gus casg a chur neo-ionannachd eadar daoine stèidhichte air gnè, cinneadh, ciorram, agus feartan dìonta eile.
Tha seo a' cuingealachadh nas urrainn dhuinn a dhèanamh a thaobh cuid de na còraichean anns na cùmhnantan eadar-nàiseanta a tha sinn airson a chur ri lagh na h-Alba.
Molaidh sinn ar Bile a dheasachadh gu faiceallach gus an obraich sinn timcheall air na raointean sin a tha glèidhte do Phàrlamaid na RA.
Saoilidh sinn gun cuidich seo le bhith stèidheachadh dìon làidir do chòraichean daonna taobh a-staigh crìochan na Pàrlamaid.
Ciamar a nithear cinnteach gum faighear cothrom co-ionann air na còraichean anns a' Bhile?
Is e prìomh amas a tha againn dhan Bhile gum bi cothrom co-ionann aig gach neach air na còraichean a tha na lùib. Tha sinn airson seo a choileanadh tro 'riaghailt co-ionannachd'.
Cuidichidh an riaghailt gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom co-ionann air na còraichean anns a' Bhile dha na h-uile.
Sgeama nan Còraichean Daonna
Tha sinn airson dleastanas a chur air Ministearan na h-Alba a bheir orra aithris mu na ceumannan a thathas a' gabhail, no an dùil a ghabhail, gus am Bile a chur an gnìomh. Canar 'Sgeama nan Còraichean Daonna' ris.
Foillsichear e gu cunbhalach gus am faigh daoine air sgrùdadh a dhèanamh air na tha Ministearan na h-Alba a' dèanamh gus na còraichean anns a' Bhile a thoirt gu buil.
Obraichidh e mar stiùireadh airson cur an sàs san fharsaingeachd le bhith a' toirt air Ministearan na h-Alba aithris air na diofar raointean de fhrèam-obrach chòraichean daonna a chruthaicheas am Bile.
Gabhaidh seo a-steach obair gus barrachd com-pàirteachaidh phoblaich a chur air dòigh an lùib co-dhùnaidhean, agus obair gus tuigse a thogail mu chòraichean daonna.
Bidh cuideachd planaichean na lùib airson comas luchd-dleastanais a leudachadh gus còraichean a thoirt gu buil, leasachaidhean air mar a chumar sùil agus a nithear aithris air còraichean daonna, agus obair gus còraichean daonna fhighe a-steach ann an aontachadh bhuidseatan.
Contact
Email: HumanRightsOffice@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback