A Human Rights Bill for Scotland: consultation guide - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the short guide to the consultation.


Earrann A Trì – Dè An Diofar A Nì Am Bile Ann Am Beatha Làitheil Dhaoine?

Innsidh an earrann seo den iùl dè na h-atharrachaidhean a thig bhon Bhile ann am beatha làitheil dhaoine.

Bu chòir còraichean ùra ann an lagh na h-Alba fìor eadar-dhealachadh a dhèanamh thar ùine ann am beatha làitheil dhaoine. Feumar sreath de ghnìomhan a choileanadh, eadar leasachaidhean ann an seirbheisean poblach, cothrom nas fheàrr air ceartas, agus cultar chòraichean daonna nas treise, gus còraichean a thoirt gu buil.

Cur an Gnìomh thar Ùine Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarach agus a' Chòir air Àrainneachd Fhallain

Aon uair is gun tòisich an dleastanas coileanaidh, feumaidh luchd-dleastanais feart a thoirt air còraichean sònraichte. Is e as coltaiche gur e bhios annta na còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail sa Bhile, a bharrachd air còir air àrainneachd fhallain.

Tha sinn a' beachdachadh air ciamar as fheàrr as urrainnear dèiligeadh ri còraichean anns na cùmhnantan eile ann an dòigh a dh'obraicheas gu soilleir agus a bheir feart air fèin-riaghladh.

Gus na còraichean sin a chur an gnìomh, feumaidh luchd-dleastanais na còraichean a thoirt gu buil mean air mhean thar ùine.

Gus seo a choileanadh, feumaidh luchd-dleastanais sealltainn gu bheileas a' gabhail cheumannan gus piseach a thoirt air ruigsinneachd chòraichean tro bhith a' cleachdadh uimhir is a ghabhas de na goireasan a tha aca ri làimh. Feumar cuideachd sealltainn nach do rinn iad càil a dh'aona ghnothach gus cothrom air na còraichean a lughdachadh.

A' Lìbhrigeadh Bun-Ìre de Phrìomh Dhleastanasan

A bharrachd air na còraichean sin a leasachadh thar ùine, iarraidh am Bile air luchd-dleastanais ann an Alba bun-ìre de na còraichean a lìbhrigeadh.

Tha seo a-mach mun ìre as bunaitiche airson coinneachadh ris a' chòir dèanamh cinnteach gun caith gach neach am beatha le urram.

Bu chòir do bhun-ìre de dhìon chòraichean dèanamh cinnteach gun tèid frithealadh air na feumalachdan as bunaitiche aig na daoine as bochda sa choimhearsnachd.

Mhol a' Bhuidheann-gnìomha gum bu chòir muinntir na h-Alba a bhith an sàs ann an co-dhùnaidhean a thaobh dè na h-ìrean bunaiteach a bu chòir a bhith againn.

Gus seo a dhèanamh, tha am Bile a' moladh pròiseas poblach a stèidheachadh gus an innis daoine am beachdan mu na bun-ìrean airson còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail a bharrachd air còir air àrainneachd fhallain ann an Alba.

Cothrom air Ceartas agus Leasachaidhean Èifeachdach

Cuiridh sinn feum air ar còraichean daonna gach là. Mar eisimpleir, cleachdaidh sinn seirbheisean poblach leithid an NHS agus sinn a' gabhail cothrom air ar còir air slàinte iomchaidh. Ma thèid rudeigin ceàrr, bidh cunnart ann nach seasar na còirichean againn.

Mìnichidh ar co-chomhairleachadh molaidhean gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine cothrom air ceartas agus leasachadh. Is e ar n-amas gun adhbharaich Am Bile cothrom nas fheàrr air ceartas airson chòraichean daonna ann an Alba. Tha seo a' gabhail a-steach dèanamh cinnteach gum faighear leasachaidhean èifeachdach nuair nach fhaighear cothrom air còir.

Tha seo a' ciallachadh gu bheil sinn ag iarraidh gum bi roghainnean aig daoine nuair a thèid cùisean ceàrr a bhios nas fhasa, nas luaithe agus nas èifeachdaiche na tha iad an-dràsta.

Nuair a thèid cùisean ceàrr, tha sinn airson gum bi uireasbhaidhean gan leasachadh cho tràth, cho luath, agus cho èifeachdach 's a ghabhas gun a dhol don chùirt, ma ghabhas sin a dhèanamh agus mas e as fheàrr.

Tha sinn cuideachd a' coimhead air dè na leasachaidhean a ghabhadh a dhèanamh a thaobh cothrom dhaoine air fiosrachadh mu chòraichean, cothrom air comhairle agus cothrom air neach-tagraidh.

Tha sinn fosgailte do bheachdan air na dòighean as èifeachdaiche taic a thoirt do dhaoine na còraichean anns a' Bhile a chleachdadh.

Is e ar prìomh amas piseach a thoirt air cothrom air ceartas ann an seadh a' Bhile agus dèanamh cinnteach gu bheil seirbheisean uidheamaichte gus an taic a tha a dhìth a chumail ri feadhainn le còraichean.

Tha sinn cuideachd a' coimhead air mar a bheireadh sinn piseach air pròiseasan poblach ghearanan nam buidheann poblach gus an dèilig iad ri gearanan co-cheangailte ris a' Bhile.

Tha sinn cuideachd a' coimhead air mar a dh'ullaicheadh pròiseasan ghearanan nam buidheann a dhèiligeas ri gearanan àrdaichte, leithid Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO) gus an dèilig iadsan cuideachd ri gearanan co-cheangailte ris a' Bhile.

Ma dh'fheumas cùisean a dhol gu cùirt, tha sinn airson daoine a chuideachadh gus nach cuir seo uiread de dh'uallach orrasan a tha airson na cùisean aca fhuasgladh.

Bu chòir dha a bhith e nas fhasa a bhith a' comharrachadh chùisean a bheir buaidh air mòran dhaoine mar dhuilgheadas cumanta agus am fuasgladh ann an dòigh gus nach tachair an leithid do chàch tuilleadh.

Tha an co-chomhairleachadh cuideachd ag iarraidh bheachdan air cumhachdan ùra do Choimisean Chòraichean Daonna na h-Alba (SHRC).

Is e a th' anns an SHRC buidheann neo-eisimeileach cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba. Bidh i ag adhartachadh chòraichean daonna ann an Alba agus a' brosnachadh deagh chleachdadh a thaobh chòraichean daonna.

Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum faod àite mòr a bhith aig SHRC ann a bhith a' dìon chòraichean daonna agus gan toirt gu buil.

Tha sinn cuideachd ag iarraidh dleastanas chòraichean daonna nas soilleire a chruthachadh do bhuidhnean sgrùdaidh le gnothach ri còraichean daonna, leithid cuid de luchd-sgrùdaidh agus luchd-riaghlaidh, gus an dèan iad cinnteach gu bheil na còraichean sa Bhile gam fighe a-steach do sheirbheisean poblach.

Piseach air Cultar Chòraichean Daonna na h-Alba

Gus còraichean a thoirt gu buil feumaidh sinn uile obrachadh còmhla gus cultar chòraichean daonna a thogail agus àrach ann an Alba.

Is e ar rùn gun cuidich am Bile cultar chòraichean daonna nas fheàrr a thogail thar diofar roinnean den dùthaich gus am bi buidhnean poblach agus buidhnean prìobhaideach a bheir seachad seirbheisean poblach, a bharrachd air gach neach agus buidheann fa leth, uile leis an aon cheann-uidhe gus còraichean daonna gach neach a thoirt gu buil ann an Alba.

Gus an cultar seo a thogail, mholamaid dòigh-obrach ioma-buidhne.

Tha seo a' ciallachadh gum bi aon rùn còmhla aig buidhnean ann an Alba a bheir seachad seirbheisean poblach gus còraichean daonna a chur aig cridhe an co-dhùnaidhean.

Tha e cuideachd a' ciallachadh gum bi àite mòr aig Pàrlamaid na h-Alba gus dèanamh cinnteach gum bi laghan ùra a' dìon agus ag adhartachadh ar còraichean daonna gu ceart.

Cuidichidh cultar chòraichean daonna nas treise cur an aghaidh a' bheachd a th' aig cuidgum feumar 'strì an aghaidh an t-siostaim' gus an còraichean fhaighinn.

Feumaidh farsaingeachd ghnìomhan a bhith ann gus seo a choileanadh: leithid stiùireadh do luchd-dleastanais, piseach air foghlam chòraichean daonna, iomairtean poblach gus am bithear nas eòlaich air còraichean is dleastanasan ùra, agus trèanadh dha oifigearan poblach.

Bidh feum cuideachd air cothrom nas fheàrr air fiosrachadh mu chòraichean daonna, tuilleadh chothroman don phoball an guth a thogail mu cho-dhùnaidhean air seirbheisean a chleachdar gus cothrom fhaighinn air an còraichean, agus cunntachalachd nas fheàrr nuair a thèid cùisean ceàrr.

Is ann a tha togail cultar chòraichean daonna nas fheàrr ann an Alba mu dheidhinn cumhachd a thoirt do dhaoine na còraichean aca a thuigse, fios a bhith aca ciamar a ghreimicheas iad air an còraichean daonna, agus ciamar a gheibh iad taic bho luchd-dleastanais sin a dhèanamh.

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top