A Human Rights Bill for Scotland: consultation guide - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the short guide to the consultation.


Earrann A Ceithir – Dè Nis?

Dè thachras tron cho-chomhairleachadh?

Mairidh an co-chomhairleachadh 16 seachdainean. Dùinidh e air 5 Dàmhair 2023. Mholadh sinn do gach neach le ùidh pàirt a ghabhail ann.

Rè ùine a' cho-chomhairleachaidh, nì Riaghaltas na h-Alba oidhirpean gus an ionnsaich na h-uimhir de dhaoine 's a ghabhas mun cho-chomhairleachadh agus gum faigh iad taic pàirt a ghabhail ann.

Cumar tachartasan deasbaid roinneil air feadh na h-Alba mar phàirt de seo.

Coinnichidh sinn cuideachd ri buidhnean chòraichean a dh'fhiosraicheas cnapan-starra eachdraidheil agus leantainneach a thaobh èisteachd fhaighinn ann an co-chomhairleachaidhean poblach.

Foillsichidh sinn pasganan fiosrachaidh gus am faigh buidhnean coimhearsnachd air na còmhraidhean aca fhèin a chumail agus freagairt buidhne a chur a-steach don cho-chomhairleachadh ma thogras iad.

Thar na h-obrach seo gu lèir cleachdaidh sinn goireasan ruigsinneach gu ciallach gus am faigh uimhir agus a ghabhas de dhaoine cothrom a dhol an sàs.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, faicibh duilleag nan Còraichean Daonna air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba aig https://www.gov.scot/policies/human-rights/.

Dè thachras nuair a bhios an co-chomhairleachadh seachad?

Aon uair is gu bheil e seachad, cleachdaidh Riaghaltas na h-Alba na toraidhean gus cur ris an dreachd dhen Bhile Chòraichean Daonna.

Tha sinn ag amas air am Bile a chur mu choinneamh Pàrlamaid na h-Alba ann an àm airson bhòtadh air ro dheireadh an t-seisein Pàrlamaid seo ann an 2026.

Aon uair is gu bheil e sa Phàrlamaid, sgrùdaidh Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA) e gu geur. Dh'fhaodadh pròiseas na Pàrlamaid atharrachaidhean adhbharachadh ann am briathran agus susbaint dheireannach a' Bhile.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios thugainn.

An seòladh puist againn:

Sgioba Ro-innleachd & Reachdas Chòraichean Daonna
Buidheann-stiùiridh Co-ionannachd, In-ghabhail agus Chòraichean Daonna
Riaghaltas na h-Alba
Raon 3H a Tuath
Cidhe Bhictòria
Dùn Èideann
EH6 6QQ

An seòladh puist-d againn: HumanRightsOffice@gov.scot

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top