A Human Rights Bill for Scotland: consultation - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the consultation.


RO-RÀDH BHON MHINISTEAR

"Ma bheirear spèis do do chòraichean, bidh thu a' faireachdainn gu bheil luach ga chur annad mar neach." – ball de Bhòrd an Eòlais Bheatha

"Ma thèid còraichean daonna a chur an gnìomh gu ceart, tha buannachdan mòra ann do choimhearsnachdan dhaoine nach d fhuair an cuid chòraichean gu h-eachdraidheil agus air an deach leth-bhreith a dhèanamh." – ball de Bhòrd an Eòlais Bheatha

Is e dùthaich in-ghabhalach an latha an-diugh a th' ann an Alba a tha a' toirt spèis do, a' dìon, agus a' coileanadh gach còir daonna a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta. Tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh còmhla nar slighe a dh'ionnsaigh chòraichean daonna agus tha sinn air gealltainn gun tèid sinn nas fhaide tro Bhile Chòraichean Daonna ùr a bhios a' gabhail a-steach inbhean chòraichean daonna eadar-nàiseanta a chaidh a shoidhnigeadh agus a dhaingneachadh leis an RA mar-thà ann an lagh na h-Alba.

Le bhith a' cur chòraichean daonna eadar-nàiseanta an sàs ann an Alba, cuiridh sinn barrachd cuideim air cho cudromach 's a tha e gun tèid dèiligeadh ri daoine le urram agus nì e cinnteach gu bheil àite nas cudromaiche buileach aig còraichean daonna nar ro-innleachdan, poileasaidhean agus pròiseasan co-dhùnaidh thar gach raon den riaghaltas agus san roinn phoblaich san fharsaingeachd. Tha a' cho-chomhairle seo air na molaidhean airson Bile Chòraichean Daonna a thèid a thoirt a-steach dhan t-seisean seo ann am Pàrlamaid na h-Alba a' sireadh bheachdan a h-uile duine air an t-sealladh sin.

Fhuair sinn comhairle bho eòlaichean san raon seo. Chruthaich a' Bhuidheann-ghnìomh Nàiseanta air Ceannardas Chòraichean Daonna, air an robh mi nam cho-chathraiche roimhe còmhla ris an Àrd-ollamh Alan Miller, mapa-rathaid àrd-amasach airson a bhith a' toirt a-steach inbhean chòraichean daonna eadar-nàiseanta, a nì cinnteach gun cleachd buidhnean poblach dòigh-obrach stèidhichte air còraichean agus a chuireas ri cothroman air ceartas. Tha Bòrd an Eòlais Bheatha againn air fianais dhrùidhteach a thoirt seachad mu na dh'fhiosraich iad, a chaidh a cho-roinn gu ìre tron cho-chomhairle seo mar chuimhneachan air na tha sinn ag iarraidh coileanadh – Bile a bheir piseach air beatha muinntir na h-Alba.

Tha cultar chòraichean daonna làidir aig Alba, cho math ri rèiteachadh bun-reachdail a tha a' fighe a-steach prìomh chòraichean catharra agus poilitigeach ann an cridhe insitiudan deamocratach na h-Alba mar-thà. Ach, tha an rèiteachadh fèin-riaghlaidh a' cur bacadh oirnn a thaobh dè cho fada 's as urrainn dhuinn a dhol a thaobh dìon chòraichean – a' gabhail a-steach còraichean eaconamach, sòisealta, cultarail agus àrainneachdail bunaiteach nach eil air an dìon mar-thà ann an lagh na h-Alba. Tha breithneachadh Prìomh-chùirt na RA air Bile Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (Corpachadh) (Alba) air aire shònraichte a thoirt do na cuingealachaidhean sin.

Tha na còraichean daonna a th' againn mar-thà ann an cunnart cuideachd. An-uiridh, thug Riaghaltas na RA molaidhean air adhart gus Achd nan Còraichean Daonna 1998 ais-ghairm agus "Bile Chòraichean" a chur na h-àite. Ged nach eil na molaidhean sin air adhartas a dhèanamh aig Pàrlamaid na RA fhathast, tha iad a' dearbhadh aon uair eile cho mì-chinnteach 's a tha an suidheachadh anns a bheil sinn ag obair.

Ged nach urrainn ach neo-eisimeileachd leigeil leinn gach còir a thoirt a-steach gu h-iomlan ann an lagh na h-Alba, tha sinn airson na cumhachdan a th' againn mar-thà a chur gu feum gus cultar chòraichean daonna na h-Alba àrdachadh. Tha e na cheum riatanach agus cudromach do dh'Alba a-nis a bhith a' corpachadh nan cùmhnantan seo, a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta, a' gabhail a-steach còir air àrainneachd fhallain taobh a-staigh crìochan nan cumhachdan tiomnaichte.

Le bhith a' cur nan inbhean seo an gnìomh gu laghail, faodaidh Alba dèanamh cinnteach nach e roghainn phoilitigeach a th' ann a bhith a' cur fòcas leantainneach air còraichean bunaiteach leithid slàinte, taigheadas agus inbhe beatha. Mar sin cuidichidh am Bile seo gus dèiligeadh ri bochdainn agus neo-ionannachd, cuidichidh e le bhith a' lìbhrigeadh àrainneachd nas fheàrr airson nan ginealaichean ri teachd, lìbhrigidh e seirbheisean poblach nas treasa agus bheir e piseach air beatha nan daoine as iomallaiche agus as bochda nar comann-sòisealta.

Cha lìbhrig am Bile seo cruth-atharrachadh sa bhad. 'S ann a chruthaicheas e frèam-obrach laghail anns an urrainn dhuinn còraichean daonna eadar-nàiseanta a stèidheachadh ann an lagh na dùthcha agus a bhith a' cur air adhart atharrachadh cruth-atharrachail math do dhaoine - a' toirt cumhachd dhaibh gus an cuid chòraichean a sheasamh. Ma tha còraichean daonna gu bhith cruth-atharrachail san dòigh seo, feumaidh cunntachalachd a bhith aig cridhe an fhrèam-obrach. Tha àite aig an riaghaltas, buidhnean poblach, na cùirtean, agus buidhnean sgrùdaidh neo-eisimeileach ann a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheilear a' toirt spèis, dìon agus coileanadh do chòraichean daonna – agus mar sin tha sinn airson dòigh-obrach ioma-bhuidhneach a thogail a tha a' fighe a-steach cultar de smaoineachadh stèidhichte air còraichean daonna tarsainn na roinne poblaich a chuireas còraichean daonna aig cridhe cho-dhùnaidhean. Nì seo cinnteach gum bi daoine a' cumail, gu ìre nas fheàrr, ris na h-inbhean sin bhon chiad dol a-mach agus, far a bheil cùisean air a dhol ceàrr, gum bi e ga dhèanamh nas fhasa do dhaoine luchd-giùlain dhleastanasan a chumail cunntachail.

Tha a bhith a' cur nan còraichean eadar-nàiseanta sin dhan lagh agus ag aithneachadh còir air àrainneachd fhallain na chomharra cudromach de dhlùth-phàirteachas dhan choimhearsnachd chruinneil gu bheilear a' toirt taic do riaghladh an lagha eadar-nàiseanta agus do dhìon chòraichean. Aig àm nuair a tha còraichean ann an cunnart agus air am briseadh air feadh an t-saoghail, agus factaran a tha ag adhbharachadh sgaradh a' fàs cumanta agus institiudan eadar-nàiseanta fo chuideam, le bhith a' stèidheachadh nan còraichean sin san lagh thathar a' lasadh lòchran dòchais airson an ama ri teachd. Tha e a' sealltainn dealas leantainneach na h-Alba gus cumail ri inbhean lagha eadar-nàiseanta air an soidhnigeadh agus air an daingneachadh leis an RA.

Tha togail cultar chòraichean daonna an urra ris a h-uile duine. Tha do bheachdan deatamach dhan phròiseas seo, agus tha sinn a' dèanamh fiughair ri cluinntinn bhuaibh.

Shirley-Anne Somerville

Rùnaire a' Chaibineit airson Ceartas Sòisealta

[Cò ris a bhiodh Alba nas cothromaiche coltach?] "Bhiodh tòrr rudan eadar-dhealaichte oir bhiodh tu air do ghabhail a-steach agus bhiodh daoine toilichte." - ball de Bhòrd an Eòlais Bheatha

 

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top