A Human Rights Bill for Scotland: consultation - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the consultation.


PÀIRT 9: A' CUR ACHD CHÒRAICHEAN DAONNA ÙR NA H-ALBA AN GNÌOMH

Tha an earrann seo den cho-chomhairle a' coimhead air na beachdan againn air mar a chuireas sinn am Bile an gnìomh às dèidh dha a dhol na lagh. Tha seo deatamach gus dèanamh cinnteach gu bheil còraichean aig daoine 'an dà-rìribh'. Tha smaoineachadh air buileachadh aig ìre thràth aig an àm seo agus thèid a leasachadh barrachd tro stèidheachadh Buidheann Obrach Buileachaidh as t-samhradh.

"Nuair a tha feum agad air cuideachadh, tha thu ann an èiginn agus tha thu a' strì...tha dìth smaoineachaidh aonaichte eadar na seirbheisean às a bheil thu a' sireadh cuideachaidh agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin na chnap-starra mòr…..dh'fhiosraich mi sin [air an] taobh mheidigeach, agus an dotair ag ràdh, uill, chan e mo dhuilgheadas a th' ann ma tha trioblaidean taigheadais agad, no ma tha trioblaidean agad taobh a-staigh na dachaigh, agus cha bu chòir dha a bhith mar sin, bu chòir gum biodh e mar "tha duilgheadas agad agus tha mi ag èisteachd riut mun duilgheadas agad". Co-dhiù as urrainn dhomh do chuideachadh gus nach urrainn, tha e mu bhith gad stiùireadh air adhart chun taic cheart, gus am faigh an teaghlach gu lèir taic. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e fìor bhacadh a th' ann nuair a choinnicheas tu ri seirbheisean a tha gu tur dùinte, agus iad ag ràdh, uill, chan e sin an duilgheadas agamsa. Gluais air adhart, mas e do thoil e….. aig an àm seo, tha an t-uallach gu lèir air daoine àbhaisteach a bhith a' sabaid airson an cuid chòraichean. Agus bu chòir am bile a chur an gnìomh ann an dòigh a tha a' ciallachadh nach fheum daoine sabaid tuilleadh." – Ball de Bhòrd an Eòlais Bheatha

A' cur na h-Achd an Gnìomh

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 12

Ullachadh a chur ann airson dòigh-obrach clàs èirigh na grèine a chruthaicheas dleastanas coileanaidh a tha a' toirt dìon do luchd-seilbh chòraichean agus aig an aon àm a tha a' toirt ùine do luchd-giùlain dhleastanasan ullachadh airson làn ghnìomhachadh den fhrèam-obrach reachdail.

Feumar am Bile a chur an sàs gus am bi na dleastanasan a mhìnich sinn na bu thràithe ceangailteach gu laghail dhaibhsan a tha a' lìbhrigeadh dhleastanasan poblach tiomnaichte. Tha sinn an dùil na dleastanasan seo a thòiseachadh ann an òrdugh (aon às dèidh a chèile, le àm eatarra), gus ùine a thoirt do bhuidhnean poblach ullachadh airson a' Bhile a' tighinn gu làn èifeachd nuair a bhios e na Achd. Dhaingnich Bòrd an Eòlais Bheatha cho cudromach 's a tha e gluasad air adhart le buileachadh gu sgiobalta, mar thoradh air an àrainneachd a tha a' sìor fhàs dùbhlanach a thaobh chosgaisean bith-beò agus neo-ionannachd, agus bidh seo aig fìor thoiseach ar n-inntinn agus sinn a' gluasad air adhart. Tha buidhnean poblach air innse gum feum iad ùine gus fàs eòlach air na h-inbhean ùra agus gus dèanamh cinnteach gu bheil am bun-structar ceart aca gus an urrainn dhaibh taic a chumail ri buileachadh agus coileanadh. Bhiomaid an dùil gum biodh feum air riaghailtean cùirte catharra gus cuideachadh le buileachadh an reachdais. A rèir cleachdadh àbhaisteach, dh'ullaicheadh Riaghaltas na h-Alba pàipear poileasaidh airson a dhol gu Comhairle Ceartas Catharra na h-Alba a' cur air adhart molaidhean airson riaghailtean cùirte.

Airson an dleastanais mhodha thùsail a mhol sin, a' chiad dleastanas susbainteach a rachadh a chur an gnìomh nar beachd, tha sinn den bheachd gum biodh stiùireadh a dhìth gus ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus a lìbhrigeadh. Bhiomaid ag obair gu dlùth le luchd-ùidh air susbaint an stiùiridh sin. Tha seo a' ciallachadh gum bi feum againn air ùine iomchaidh às dèidh Aonta Rìoghail, gus leigeil leinn stiùireadh a chruthachadh agus gus co-chomhairle a chumail air.

Ceist

38. Dè do bheachd air na molaidhean againn airson a bhith a' cur an reachdais an gnìomh?

Bun-dhleastanasan

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 13

Gum bi pròiseas com-pàirteachail ann gus na prìomh bhun-dhleastanasan a thaobh chòraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail a tha air an stèidheachadh a mhìneachadh, agus dleastanas soilleir a bhith ann airson coileanadh mean air mhean gus taic a chumail ri buileachadh èifeachdach den fhrèam-obrach, a bheir aire do shusbaint gach còir.

Tha Pàirt 7 den cho-chomhairle seo a' coimhead air dleastanasan agus a' mìneachadh nam molaidhean againn airson dleastanas coileanaidh, a' gabhail a-steach riatanas gus bun-dhleastanasan de chòraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail a lìbhrigeadh cho math ris a' chòir air àrainneachd fhallain. Cruthaichidh sinn pròiseas com-pàirteachaidh airson a bhith a' cruthachadh bhun-dhleastanasan a bhiodh na phàirt chudromach den bhuileachadh às dèidh tòiseachadh na h-Achd. Mar sin dh'fheumadh am pròiseas com-pàirteachail seo a bhith air a chumail ro làimh mus rachadh an dleastanas coileanaidh a chur an gnìomh.

Ceist

39. Dè do bheachd air na molaidhean againn gus bun-dhleastanasan a stèidheachadh tro phròiseas com-pàirteachail?

Sgeama Chòraichean Daonna

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 15

Cuir dleastanas air Ministearan na h-Alba sgeama chòraichean daonna fhoillseachadh gus barrachd buaidh a thoirt do na còraichean a tha san fhrèam-obrach seo, a bhith cunntachail airson a chur an gnìomh, a bhith ag aithris gu sònraichte air mar a chaidh dleastanas air frèam-obrach chòraichean daonna reachdail a ghabhail a-steach rè pròiseas a' bhuidseit, mu adhartas a rinneadh air Plana Gnìomh Nàiseanta na h-Alba airson Còraichean Daonna, agus ullachadh airson dleastanasan aithris bho àm gu àm air planaichean buileachaidh airson Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan poblach.

Mar a chaidh a chur an cèill na bu thràithe, tha sinn airson dleastanas a chur air aghaidh a' Bhile gum bi aig Ministearan na h-Alba ri Sgeama Chòraichean Daonna fhoillseachadh. B' e an t-adhbhar airson seo dèanamh cinnteach gum biodh leasachadh, foillseachadh agus aithris air adhartas ann – a' toirt seachad plana buileachaidh farsaing do Riaghaltas na h-Alba. Bhiodh an Sgeama na chothrom sgrùdaidh airson obair Riaghaltas na h-Alba san àm a dh'fhalbh agus san àm ri teachd, gus còraichean agus dleastanasan san fhrèam-obrach a chur an gnìomh. Dh'fhaodadh seo an dòigh-obrach ann am Bile an UNCRC a leantainn gu ìre mhòr a thaobh Sgeama nan Còraichean Chloinne. Tha sinn gu mòr airson co-thaobhadh ri seo far a bheil sin iomchaidh, gus dèanamh cinnteach gu bheil cunbhalachd ann.

Cuidichidh an Sgeama a tha sinn a' moladh gus dèanamh cinnteach gu bheil cunntachalachd mhinistreil ann airson buileachadh agus tòiseachadh na h-Achd san àm ri teachd tro dhleastanas a bhith ag aithris dhan Phàrlamaid, agus gu bheil pròiseas foirmeil ann airson na Pàrlamaid agus feadhainn eile a bhith a' sgrùdadh adhartas. Mholamaid gum feumadh an sgeama a bhith air a chur air beulaibh na Pàrlamaid gus an sgòp aige a stèidheachadh. Às dèidh sin, bhiodh cuairt aithris ann far am biodh e mar dhleastanas air Ministearan na h-Alba an obair cruinneachadh fianais agus co-chomhairleachaidh a dhèanamh gus aithisg mhionaideach fhoillseachadh aig amannan cunbhalach air na cùisean a tha air an còmhdach leis an Sgeama. Tha sinn airson modh-obrach pàrlamaideach a stèidheachadh do Mhinistearan gus susbaint an Sgeama atharrachadh, a' gabhail a-steach riatanasan a thaobh an t-seòrsa fianais agus fiosrachaidh (leithid molaidhean comataidh cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte) a dh'fheumas leasachadh an Sgeama fhiosrachadh agus a bhith a' toirt a-steach buidhnean ainmichte ris am bu chòir co-chomhairle a chumail mar phàirt den phròiseas seo cho math ris a' chomas co-chomhairle a chumail le daoine no buidhnean eile a tha air am meas iomchaidh. Dh'fhaodadh am Bile cuid de bhuidhnean sònraichte a mhìneachadh ris am feum Ministearan na h-Alba co-chomhairle a chumail ann a bhith ag ullachadh moladh an Sgeama, agus cuideachd mar phàirt de bhith a' coileanadh an dleastanais aithris aca. Dh'fhaodadh seo a bhith a' gabhail a-steach luchd-seilbh chòraichean, leis gun do chuir Bòrd an Eòlais Bheatha cuideam air cho cudromach 's a tha sgrùdadh agus cunntachalachd ann a bhith a' toirt air adhart barrachd spèis do chòraichean daonna, a bharrachd air a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil goireasan air am prìomhachasadh gus dèiligeadh ri cùisean chòraichean daonna.

Tha sinn den bheachd gum faodadh an Sgeama dèiligeadh ris na taobhan a leanas:

  • Planaichean airson buileachadh. Tha sinn a' beachdachadh air dòighean anns am faodadh an Sgeama obrachadh gus am faighear air sgrùdadh a dhèanamh air gnìomhan Riaghaltas na h-Alba a thaobh buileachadh a' Bhile san àm ri teachd agus coileanadh san àm a dh'fhalbh.
  • An Dàrna Plana Gnìomh Nàiseanta na h-Alba airson Chòraichean Daonna (Scotland's National Action Plan for Human Rights - SNAP2). Dh'fhaodadh am fiosrachadh às ùr a bhith san Sgeama mu adhartas air gnìomhan taobh a-staigh SNAP2.
  • Planaichean sam bith gus barrachd reachdais a thoirt a-steach gus frèam-obrach chòraichean daonna a tha air a mhìneachadh san Achd a thoirt gu buil.
  • Planaichean no molaidhean airson leasachaidhean air cothroman air ceartas a thaobh nan còraichean sa Bhile tro dhòighean gearain, cothrom air fiosrachadh, tagradh agus riochdachadh.
  • Ag aithris air gnìomhan Riaghaltas na h-Alba gus còraichean daonna fhighe a-steach barrachd ann am pròiseasan buidseit.
  • An ìre is gu bheil com-pàirteachadh poblach fhathast a' fiosrachadh buileachadh a' Bhile.
  • Obair fiosrachaidh agus togail mothachaidh a rinneadh agus a chaidh a phlanadh a thaobh a' Bhile.
  • Stiùireadh air fhoillseachadh agus air a phlanadh gus taic a chumail ri buileachadh a' Bhile.
  • Cunntachalachd ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, a' gabhail a-steach aithris do Phàrlamaid na h-Alba agus do na Dùthchannan Aonaichte, Comhairle na h-Eòrpa agus buidhnean eadar-nàiseanta eile air mar a thèid cumail ri dleastanasan cùmhnaint, freagairtean do mholaidhean bho institiudan eadar-nàiseanta agus buileachadh breithneachaidhean Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna ann an raointean tiomnaichte; agus
  • Sgrùdadh agus measadh chòraichean daonna agus measaidhean buaidh.

Ceist

40. Dè do bheachd air na molaidhean againn airson sgeama Chòraichean Daonna na h-Alba?

Sgrùdadh pàrlamaideach

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 14

Measadh ro-reachdais gu bhith air a ghabhail a-steach san fhrèam-obrach – a dh'fhaodadh a bhith a' gabhail a-steach riatanas airson dearbhadh gu bheil Bile sam bith a thathar a' moladh a' cumail ris na còraichean a tha san fhrèam-obrach agus sealltainn far a bheil am Bile a thathar a' moladh a' cur ri adhartachadh nan còraichean sin.

Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil reachdas a thèid a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba air a mheasadh a rèir mar a tha e a' cumail taic ris na còraichean a tha ann am Bile nan Còraichean Daonna. Tha seo gus dèanamh cinnteach, nuair a thathar a' sgrùdadh agus a' bhòtadh air reachdas san àm ri teachd, gu bheil Pàrlamaid na h-Alba riaraichte gu bheil an reachdas sin a' cumail taic ri còraichean agus a' coileanadh chòraichean agus gun urrainn dha cur ri adhartachadh nan còraichean anns a' Bhile Chòraichean Daonna ùr.

Fo Achd na h-Alba 1998, tha e fìor mar-thà gum feum Ball (a' gabhail a-steach a' Mhinisteir Albannaich iomchaidh) aithris a dhèanamh mus tèid Bile a thoirt a-steach, no nuair a thathar a' toirt Bile a-steach, a' dearbhadh, nam beachd-san, gu bheil e taobh a-staigh comas reachdail Pàrlamaid na h-Alba. Tha seo a' gabhail a-steach beachdachadh air a bheil am Bile co-chòrdail ris na còraichean fo Achd nan Còraichean Daonna 1998. San aon dòigh, feumaidh Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba aithris co-chòrdalachd a dhèanamh airson gach bile air a bheilear a' beachdachadh. Tha na h-aithrisean seo mar thoradh air measaidhean mionaideach, agus a' feuchainn ri dèanamh cinnteach gu bheil Bilean a thathar a' toirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba a' coinneachadh ri riatanasan comais reachdail, a' gabhail a-steach riatanasan a bhith ag obair ann an co-rèir ris an ECHR.

Gus measadh agus sgrùdadh co-cheangailte ri còraichean daonna a neartachadh air reachdas ùr, tha sinn airson sgrùdadh a dhèanamh air riatanas gum feum aithris co-chòrdalachd a bhith an cois a h-uile Bile Poblach (Bilean Riaghaltais, Bilean Bhall agus Bilean Comataidh) mun ìre is gu bheil am Bile a thathar a' moladh a' cumail ris na riatanasan sònraichte ann am Bile nan Còraichean Daonna. Dh'fhaodadh an aithris seo a bhith air fhoillseachadh a bharrachd air an aithris comas reachdail, air an deach bruidhinn gu h-àrd, cho math ris an aithris coltach ri seo a bhios a dhìth fo Bhile an UNCRC. Dhèanadh na h-aithrisean seo cinnteach gum biodh gach moladh airson Bile Poblach a bhiodh air a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba air am measadh a rèir farsaingeachd nas motha de chòraichean sìobhalta, poilitigeach, eaconamach, cultarail agus chloinne.

Tha sgrùdadh pàrlamaideach air Bilean agus co-chomhairlean Bile an urra ri Pàrlamaid na h-Alba aig a' cheann thall, mar a tha sgrùdadh nam Bilean nuair a thèid an toirt a-steach gu foirmeil. Mar sin bidh Riaghaltas na h-Alba a' conaltradh ri Pàrlamaid na h-Alba agus a' toirt cuireadh dhi beachdachadh a bheil leasachaidhean sam bith ann a tha i airson a dhèanamh, math dh'fhaodte, air an dòigh-obrach aice a thaobh sgrùdadh reachdail gus cur ris na leasachaidhean air measadh ro-reachdail a tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh.

Ceist

41. Dè do bheachd air a bhith a' cur ri measadh agus sgrùdadh an reachdais a bheirear a-steach do Phàrlamaid na h-Alba a thaobh nan còraichean ann am Bile nan Còraichean Daonna?

Stiùireadh agus togail comais do bhuidhnean poblach

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 17

Dèan cinnteach gun gabh am frèam-obrach ullachadh airson a bhith a' dèanamh stiùireadh reachdail agus neo-reachdail, a bu chòir a lìbhrigeadh tro cho-obrachadh le prìomh luchd-ùidh a' gabhail a-steach luchd-seilbh chòraichean.

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 18

Tha Riaghaltas na h-Alba a' gabhail cheumannan gus dèanamh cinnteach gu bheil ùghdarrasan poblach a' faighinn taic gus am frèam-obrach a chur an gnìomh gu h-èifeachdach tro bhith a' toirt seachad stòrasan iomchaidh agus stiùireadh soilleir air an dleastanasan.

Tha stiùireadh ro-chudromach gus taic a thoirt do bhuileachadh èifeachdach. Mar sin tha sinn airson stiùireadh a thoirt air adhart airson ùghdarrasan poblach agus iadsan a tha fo smachd nan dleastanasan sa Bhile gus cuideachadh le buileachadh èifeachdach. Beachdaichidh sinn gu mionaideach air cruth, susbaint agus farsaingeachd an stiùiridh seo, ag obair gu dlùth le raon farsaing de luchd-ùidh gus seo aontachadh.

Bidh togail comais air feadh an riaghaltais agus ùghdarrasan poblach deatamach gus dèanamh cinnteach gu bheil buileachadh èifeachdach ann. Cruthaichidh sinn plana, ag obair gu dlùth leis a' Bhuidhinn-obrach Buileachaidh a chaidh a stèidheachadh bho chionn ghoirid, a tha air a cho-thaobhadh ris an obair againn gus comas a thogail a thaobh buileachadh Bile an UNCRC, ath-leasachadh a dhèanamh air gnìomhachd Dleastanas Co-ionannachd na Roinne Poblaich ann an Alba, agus nì sinn barrachd gus co-ionannachd agus còraichean daonna fhighe a-steach air feadh an riaghaltais agus nan seirbheisean poblach.

Fiosrachadh agus togail mothachaidh do luchd-seilbh chòraichean

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 20

Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba, ag obair còmhla ris an t-sòisealtas chatharra, luchd-ùidh stèidhichte sa choimhearsnachd agus ùghdarrasan poblach, dòighean èifeachdach a chruthachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh a tha a dhìth air daoine mu an cuid chòraichean aca agus gum bi cothrom furasta aca air comhairle mu chòraichean.

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 28

Bu chòir Riaghaltas na h-Alba iomairt mothachaidh mhòr a chur air dòigh mun fhrèam-obrach ùr.

Tha e deatamach gum bi fiosrachadh ruigsinneach ann mu na còraichean anns a' Bhile, agus còraichean daonna san fharsaingeachd, gus ann urrainn do luchd-seilbh chòraichean an cuid chòraichean a chleachdadh. Ag obair le luchd-ùidh, cruthachaidh sinn planaichean airson fiosrachadh agus togail mothachaidh, a' gabhail a-steach iomairt a tha a rèir a' chlàir-ama airson a bhuileachadh.

Sgrùdadh agus Aithris

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 30

Bu chòir barrachd beachdachaidh a dhèanamh air leasachadh agus neartachadh mhodhan sgrùdaidh is aithris èifeachdach aig gach ìre agus air dleastanasan aig an ìre nàiseanta agus ìre nan ùghdarras poblach, agus sinn ag aithneachadh gum bi seo cudromach gus dèanamh cinnteach gun tèid cumail ris an fhrèam-obrach gu ìre nas fheàrr. Bu chòir seo a bhith a' gabhail a-steach beachdachadh air Uidheam Nàiseanta airson Sgrùdadh, Aithris agus Buileachadh, mar a chaidh a mholadh le Buidheann Comhairleachaidh a' Phrìomh Mhinisteir air Ceannardas Chòraichean Daonna.

Tha sgrùdadh agus aithris air leth cudromach gus na còraichean anns a' Bhile a thoirt gu buil agus tha sinn a' faicinn seo mar nì deatamach gus measadh a dhèanamh an dà chuid air rudan a rinneadh roimhe agus planaichean san àm ri teachd. Tha an dòigh-obrach a tha sinn a' cruthachadh a thaobh sgrùdadh agus aithris ri faicinn ann an àite eile sa cho-chomhairle seo, gu sònraichte a thaobh an dleastanais aithris a thathar a' moladh airson cuid de dh'ùghdarrasan poblach agus Sgeama nan Còraichean Daonna. Tha sinn air beachdachadh am bu chòir Uidheam Nàiseanta a stèidheachadh no nach bu chòir[39] agus tha sinn den bheachd gu bheil Riaghaltas na h-Alba mar-thà a' coileanadh nam prìomh ghnìomhan a tha air an comharrachadh ann an stiùireadh nan Dùthchannan Aonaichte, a tha a' toirt fa-near gu bheil "modail Ministreil" air aon eisimpleir de dheagh chleachdadh. Tha sinn airson an dòigh-obrach san raon seo a neartachadh agus bheir sinn obair air adhart gus beachdachadh air an dòigh as fheàrr air sin a dhèanamh.

Ceistean

42. Ciamar as urrainn do Riaghaltas na h-Alba agus com-pàirtichean comas a thogail gu h-èifeachdach thar na roinne poblaich gus dèanamh cinnteach gu bheil na còraichean sa Bhile air an lìbhrigeadh?

43. Ciamar as urrainn do Riaghaltas na h-Alba agus com-pàirtichean fiosrachadh èifeachdach a thoirt seachad agus mothachadh a thogail mu chòraichean do luchd-seilbh chòraichean?

44. Dè do bheachd air sgrùdadh agus aithris?

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top