A Human Rights Bill for Scotland: consultation - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the consultation.


PÀIRT 10: NA H-ATH-CHEUMAN

Tha a' phàirt seo den cho-chomhairle a' mìneachadh nan ath cheuman às dèidh foillseachadh na sgrìobhainn seo.

A' Cho-chomhairle

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 27

Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba dòigh-obrach ùr-ghnàthach agus stèidhichte air còraichean daonna a chleachdadh gus am poball a thoirt an sàs ann a bhith a' cruthachadh an fhrèam-obrach a' gabhail a-steach an stiùiridh agus a bhith ga bhuileachadh.

Mairidh a' cho-chomhairle fad 16 seachdainean agus thig i gu crìch air Diardaoin 5 Dàmhair 2023.

Bu chòir dhan a h-uile duine aig a bheil ùidh sa chùis na beachdan aca a thoirt seachad gus am Bile fhiosrachadh. Rè àm a' cho-chomhairleachaidh, nì Riaghaltas na h-Alba cinnteach gum bi fios aig uiread cho mòr 's as urrainnear de dhaoine mun cho-chomhairle agus gum bi iad air am brosnachadh agus a' faighinn taic gus pàirt a ghabhail ann. Bidh seo a' gabhail a-steach sreath de thachartasan deasbaid roinneil le fòcas air coinneamhan pearsanta thar raon de choimhearsnachdan bailteil, dùthchail agus iomallach. Feuchaidh sinn ri coinneachadh ri buidhnean chòraichean sònraichte aig a bheil cnapan-starra sòisealta eachdraidheil agus leantainneach a thaobh an guthan a bhith air an cluinntinn ann an co-chomhairlean poblach. Foillsichidh sinn pasganan fiosrachaidh gus an urrainn do bhuidhnean coimhearsnachd na còmhraidhean aca fhèin a chumail agus, ma thogras iad, freagairt buidhne a chur a-steach dhan cho-chomhairle. Tron obair seo air fad, nì sinn am feum as fheàrr de ghoireasan ruigsinneachd gus am bi an uiread 's a ghabhas de dhaoine comasach air a dhol an sàs ann.

Leanaidh am Bòrd Comhairleachaidh agus am Bòrd Gnìomha orra a' coinneachadh tron ùine cho-chomhairleachaidh agus thairis air a' chòrr de phròiseas leasachaidh a' Bhile. Cuidichidh na buidhnean seo Riaghaltas na h-Alba gus dlùth cheangal a chumail ri lìonra nas fharsainge de chomann catharra na h-Alba, an treas roinn agus ùghdarrasan poblach gus na roinnean sin ullachadh, a bharrachd air seirbheisean poblach loidhne-aghaidh, britheamhan, buidhnean sgrùdaidh agus eile, gus am Bile a bhuileachadh. Leanaidh sinn oirnn ag ath-sgrùdadh raon-ùghdarrais agus ballrachd nam buidhnean sin gus dèanamh cinnteach gu bheil iad iomchaidh mar a bhios am Bile a' dol air adhart. Bidh sinn fhathast fosgailte do chonaltradh le buidhnean, buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa leth a bharrachd air na Bùird againn agus dhan chonaltradh a thig am bàrr aon uair 's gu bheil am Bile air a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba. Cuidichidh am prògram gnìomhachd againn an cois a' cho-chomhairleachaidh, a bharrachd air an fhios-air-ais a gheibh sinn bhon cho-chomhairle fhèin, airson a bhith a' fiosrachadh far an cuir sinn fòcas sònraichte nuair a bhios mion-sgrùdadh a' cho-chomhairleachaidh deiseil.

Tha e cuideachd deatamach gun cùm sinn oirnn a' fiosrachadh ar cuid obrach le beachdan dhaoine aig a bheil eòlas beatha de bhacadh a bhith orra le bhith a' coileanadh nan còraichean daonna aca. Tha obair Bòrd an Eòlais Bheatha againn air a bhith air leth luachmhor agus thathar a' cur fàilte oirre. Is e prìomh phuing ionnsachaidh a tha sinn air cluinntinn gu cunbhalach bho gach buidheann sa Bhòrd gum feum Riaghaltas na h-Alba sealltainn do gach buidheann mar a chleachd sinn am fiosrachadh a tha iad air a thoirt dhuinn. Mothachail air sin, tha sinn air pàipear fhoillseachadh a tha a' freagairt bheachdan a' Bhùird. Tha sinn cuideachd an dùil coinneachadh ri gach buidheann den Bhòrd gus am fios-air-ais a chluinntinn gu dìreach. Feumaidh beachdan dhaoine le eòlas beatha air cùisean chòraichean daonna cumail orra le bhith a' cumadh a' Bhile seo. Bha seo na phrìomh mholadh aig a' Bhuidhinn-gnìomh, agus ann a bhith ag obair le Bòrd an Eòlais Bheatha gus a' cho-chomhairle a chur ri chèile tha sinn air fhaicinn cho cudromach 's a tha com-pàirteachadh poblach ann am fìor-àm. Chuidich na chuir buill ri Bòrd an Eòlais Bheatha le bhith a' dùnadh na beàirn eadar còraichean daonna mar nì ann am prionnsabal a-mhàin agus a' bhuaidh dha-rìribh a thathar a' faireachdainn ann am beatha dhaoine nuair nach eil na còraichean daonna aca air an coileanadh.

Tha sinn a' beachdachadh air an dòigh as fheàrr air Bòrd an Eòlais Bheatha againn ùrachadh, a' dèanamh cinnteach gu bheil obair san àm ri teachd san raon seo a' cuideachadh gus bunait a chruthachadh airson buileachadh èifeachdach a' Bhile dhaibhsan as motha a tha feumach air.

 

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top