A Human Rights Bill for Scotland: consultation - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the consultation.


PÀIRT 1: SLIGHE CHÒRAICHEAN DAONNA NA H-ALBA

Tha am pàirt seo den cho-chomhairle a' mìneachadh slighe chòraichean daonna na h-Alba, mar cho-theacs airson molaidhean a' Bhile.

Còraichean Daonna Eadar-nàiseanta

Chaidh gabhail ris a' Ghairm Uile-choitcheann air Còraichean Daonna (UDHR) aig na Dùthchannan Aonaichte (UN) ann an 1948, nuair a bha an saoghal ag ath-shlànachadh bho uamhas an Dàrna Cogaidh. Mhìnich seo airson a' chiad uair na còraichean daonna – sìobhalta, poilitigeach, eaconamach, sòisealta agus cultarail – air a bheil a h-uile duine air feadh an t-saoghail airidh. Bha e na mheadhan air cùmhnantan chòraichean daonna a bhith air an aontachadh le dùthchannan air feadh an t-saoghail, a' gabhail a-steach a' Chùmhnaint Eadar-nàiseanta air Còraichean Catharra is Poilitigeach (ICCPR) agus a' Chùmhnaint Eadar-nàiseanta air Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarail (ICESCR). Còmhla, is e Bile Eadar-nàiseanta nan Còraichean a chanar ris na trì prìomh ionnstramaidean chòraichean daonna eadar-nàiseanta seo agus tha iad a' toirt seachad mòran den bhunait airson còraichean daonna gu h-eadar-nàiseanta.

Chaidh cùmhnantan airson boireannaich agus buidhnean sònraichte aontachadh cuideachd bho chaidh gabhail ris an UDHR, a' gabhail a-steach a' Chùmhnaint Eadar-nàiseanta air Cur às do Gach Seòrsa Leth-bhreith Cinnidh (ICERD), a' Chùmhnaint air cur às do gach seòrsa leth-bhreith an aghaidh bhoireannaich (CEDAW), Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean an Leanaibh (UNCRC) agus a' Chùmhnaint air Còraichean Dhaoine air a bheil Ciorram (CRPD). Tha Cùmhnant an-aghaidh Creòtachadh (UNCAT) cuideachd a' cur prionnsabal soilleir air adhart a thaobh casg air làimhseachadh neo-dhaonndachail agus maslach.

Còraichean Daonna san RA

Bho chaidh gabhail ris an UDHR ann an 1948, tha Riaghaltas na RA air na cùmhnantan seo a shoidhnigeadh agus a dhaingneachadh, a tha a' ciallachadh gu bheil iad air aontachadh cumail ris na còraichean agus na dleastanasan a tha annta agus an cur an gnìomh.

Clàr-ama air Daingneachadh Cùmhnantan Chòraichean Daonna leis an Rìoghachd Aonaichte

Cùmhnant Bliadhna Daingnichidh
An Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Cur às do gach seòrsa leth-bhreith cinnidh (ICERD) 1969
Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Còraichean Catharra is Poilitigeach 1976
Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarach 1976
Cùmhnant air Lethbhreith an aghaidh Bhoireannaich 1986
Cùmhnant an-aghaidh Creòtachadh 1988
Cùmhnant air Còraichean an Leanaibh 1991
Cùmhnant air Còraichean nan Daoine air a bheil Ciorram 2009

Bha an RA gu mòr an sàs ann a bhith a' cruthachadh Cùmhnant Eòrpach nan Còraichean Daonna (ECHR) agus b' i an RA a' chiad stàit a dhaingnich e ann an 1951. Ann an 1998, thug Achd nan Còraichean Daonna còraichean anns an ECHR a-steach do lagh na dùthcha, a bha a' ciallachadh gum b' urrainn do chùirtean na RA a-nis dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri còraichean daonna a tha air am mìneachadh sa Chùmhnant. Thar nam bliadhnaichean tha an RA air pìosan reachdais eile a chruthachadh agus aontachadh a tha air còraichean daonna agus co-ionannachd a dhìon, agus tha Achd na Co-ionannachd 2010 air grunn phìosan eadar-dhealaichte de reachdas an-aghaidh lethbhreith a dhaingneachadh agus tha i a-nis mar bhunait air lagh co-ionannachd san RA.

Còraichean Daonna agus Fèin-riaghlaidh

Tha Achd na h-Alba 1998, a chruthaich Pàrlamaid na h-Alba, a' cur dìon chòraichean daonna a-steach do bhun-stèidh na rèite fèin-riaghlaidh. Fon achd, faodar cur às do laghan Albannach nach eil a rèir còraichean ECHR, agus mar sin feumaidh Ministearan na h-Alba cumail ris na còraichean sin. Tha co-ionannachd chothroman glèidhte aig Pàrlamaid na RA gu ìre mhòr, ach tha cumhachdan aig Pàrlamaid na h-Alba gus co-ionannachd chothroman a bhrosnachadh agus co-ionannachd chothroman a riaghladh a thaobh ghnìomhan aig cuid de dh'ùghdarrasan poblach ann an Alba. Chaidh Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba a stèidheachadh ann an 2008, mar Institiud Nàiseanta Chòraichean Daonna na h-Alba, gus còraichean daonna adhartachadh agus a dhìon. Bho chionn ghoirid, dh'aontaich Pàrlamaid na h-Alba Bile Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean an Leanaibh (Corpachadh) (Alba) (Bile UNCRC), a tha ag amas air an cùmhnant sin a stèidheachadh gu dìreach ann an lagh na h-Alba – ged a tha dàil air a bhith ann a bhith a' toirt seo air adhart ri linn ullachaidhean innte a bhith air an cur às le Prìomh-chùirt na RA às dèidh do Riaghaltas na RA a chur air adhart chun na cùirte. Tha Buil Nàiseanta ann am Frèam Coileanaidh Nàiseanta na h-Alba (NPF) – a tha a' mìneachadh lèirsinn Riaghaltas na h-Alba mun t-seòrsa dùthaich a tha sinn airson cruthachadh – 'tha spèis againn air còraichean daonna, tha sinn gan dìon agus gan coileanadh agus tha sinn saor bho lethbhreith'.[1] Tha sinn cuideachd air Plana Gnìomh Nàiseanta co-obrachail (SNAP) a chruthachadh[2] gus buileachadh chòraichean adhartachadh agus gus cultar chòraichean a thogail air feadh na h-Alba.

A' togail Ceannardas Chòraichean Daonna ann an Alba

Ann an 2018, stèidhich am Prìomh Mhinistear aig an àm Nicola Sturgeon BPA Buidheann Comhairleachaidh neo-eisimeileach air ceannardas Chòraichean Daonna (FMAG) le eòlaichean chòraichean daonna agus chaidh iarraidh orra sgrùdadh a dhèanamh air a' bhuaidh a bhiodh aig an RA a bhith a' fàgail an AE air còraichean daonna agus dè an dòigh as fheàrr gus na còraichean daonna uile a dhìon agus a bhrosnachadh anns gach suidheachadh a dh'fhaodadh a bhith ann.[3] Gu sònraichte, chaidh iarraidh orra molaidhean a dhèanamh "air mar as urrainn do dh' Alba cumail oirre a bhith na deagh eisimpleir a thaobh chòraichean daonna, a' gabhail a-steach còraichean eaconamach, sòisealta, cultarail agus àrainneachdail ".[4] Dh'aithris am FMAG san Dùbhlachd 2018, agus iad a' moladh Achd Pàrlamaid na h-Alba a bheir stiùireadh seachad a thaobh chòraichean daonna a bhios air a cruthachadh tro phròiseas com-pàirteachaidh poblach agus air a stiùireadh le stèidheachadh Buidheann-ghnìomh Nàiseanta ùr.

Chuir am Prìomh Mhinistear aig an àm fàilte air co-dhùnaidhean FMAG, agus chaidh Buidheann-ghnìomh a stèidheachadh gus na molaidhean aca a thoirt air adhart, agus gus dèanamh cinnteach gun robh an obair seo air a stiùireadh le conaltradh bhon phoball le beachdan bho air feadh na roinne poblaich agus a' chomainn chatharra. Dh'aithris a' Bhuidheann-gnìomh sa Mhàrt 2021, a' dèanamh 30 moladh airson a bhith a' stèidheachadh frèam-obrach reachdail airson còraichean daonna gus còraichean daonna a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta a thoirt a-steach do lagh na h-Alba. Gu sònraichte, mhol an aithisg sin gum bu chòir dhan fhrèam-obrach ùr ceithir cùmhnantan chòraichean daonna eadar-nàiseanta a stèidheachadh ann an lagh na h-Alba: [5]

  • Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarach (ICESCR)[6]
  • an Cùmhnant air cur às do gach seòrsa leth-bhreith an aghaidh bhoireannaich (CEDAW)[7]
  • An Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Cur às do gach seòrsa leth-bhreith cinnidh (ICERD)[8]
  • Cùmhnant air Còraichean nan Daoine air a bheil Ciorram (CRPD)[9]

Mhol a' Bhuidheann-ghnìomh cuideachd gum bu chòir còir air àrainneachd fhallain a bhith san fhrèam-obrach; gum bi e a' gabhail a-steach clàs co-ionannachd a tha a' co-thaobhadh ri Achd na Co-ionannachd 2010 agus a' toirt cothrom co-ionann air na còraichean a tha sa Bhile dhan a h-uile duine, a' gabhail a-steach daoine LGBTI.[10]; agus a' toirt a-steach còir do sheann daoine. Bheachdaich iad cuideachd air cùisean co-cheangailte ri cothrom air ceartas, togail comais, com-pàirteachadh agus buileachadh.

Bho chaidh aithisg na Buidhne-gnìomh fhoillseachadh, tha sinn air diofar bhuidhnean a stèidheachadh gus ar cuideachadh le bhith a' cruthachadh mholaidhean gus na molaidhean aca a chur an gnìomh. Tha seo a' gabhail a-steach:

  • Bòrd Eòlas Beatha, a chaidh a stèidheachadh gus aithneachadh cho cudromach 's a tha e cothrom a bhith aig a' phoball a bhith an sàs ann an cruthachadh an fhrèam-obrach seo. Tha ballrachd a' gabhail a-steach daoine is buidhnean nach cluinnear ach ainneamh le gnàth-eòlas air a bhith a' feuchainn ris na còraichean daonna aca a choileanadh. Tha 3 buidhnean eadar-dhealaichte air a' Bhòrd, le taic bho Cho-bhanntachd Chòraichean Daonna na h-Alba, Coimisean na h-Alba airson Chiorraman Ionnsachaidh agus Together: Caidreachas airson Chòraichean Chloinne. Tha am Bòrd air grunn aithisgean ullachadh mar thaic do na molaidhean co-chomhairleachaidh. [11]
  • Bòrd Comhairleachaidh, le Ministear airson Co-ionannachd, Imrich is Fògarraich mar chathraiche air a dhèanamh suas de raon de bhuidhnean tagraidh chòraichean daonna agus co-ionannachd agus buidhnean san treas roinn. Tha seo a' togail air obair a rinn a' Bhuidheann-gnìomh roimhe, oir bha an aithisg aca air a fiosrachadh agus air a co-riochdachadh le ìre chudromach de cho-obrachadh le luchd-ùidh le measgachadh farsaing de bhuidhnean, agus tha sinn gu mòr airson 's gum bi pròiseas in-ghabhalach coltach ri seo mar phàirt de chruthachadh a' Bhile.[12]
  • Bòrd Gnìomha, le Àrd-stiùiriche nan Coimhearsnachdan aig Riaghaltas na h-Alba sa chathair agus air a dhèanamh suas de dh'àrd luchd-co-dhùnaidh bho ùghdarrasan poblach, aig a bheil an dleastanas dèanamh cinnteach gu bheil comas air feadh na roinne poblaich am Bile a bhuileachadh agus gus comhairle agus taic a thoirt seachad air ullachaidhean Bile sònraichte a tha a' toirt buaidh air ùghdarrasan poblach.[13]

Tha an obair com-pàirteachaidh seo a rèir moladh na Buidhne-gnìomha gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba dòigh-obrach ùr-ghnàthach agus stèidhichte air còraichean daonna a chleachdadh gus am poball a thoirt a-steach ann a bhith a' cruthachadh an fhrèam-obrach.

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top