A Human Rights Bill for Scotland: consultation - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the consultation.


PÀIRT 3: NA CÒRAICHEAN

Tha a' phàirt seo den cho-chomhairle a' mìneachadh nan còraichean air an do bheachdaich a' Bhuidheann-ghnìomh – dè th' annta agus carson a tha iad ann. Tha an earrann seo ann air adhbharan mìneachaidh, gus susbaint fharsaing nan cùmhnantan a shealltainn. Bidh stèidheachadh laghail nan cùmhnantan sa Bhile taobh a-staigh crìochan nan comasan tiomnaichte agus tha sin a' fàgail nach bi e comasach an teacsa gu lèir anns na ceithir cùmhnantan air a bheilear a' beachdachadh gu h-ìosal a ghabhail a-steach sa Bhile, far a bheil e a' buntainn ri cùisean glèidhte.

An Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarach (ICESCR)

Air a dhaingneachadh leis an RA ann an 1976, tha an ICESCR a' mìneachadh nan dleastanasan a tha air stàitean (na dùthchannan sin a chuir ainm ris a' chùmhnant agus a dhaingnich e) gus na còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail a tha sa chùmhnant a ghealltainn, a bu chòir a chleachdadh gun leth-bhreith a thaobh cinneadh, dath, gnè, cànan, creideamh, beachd poilitigeach no eile, tùs nàiseanta no sòisealta, seilbh, breith no inbhe eile. Thathar an dùil gun tèid còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail a thoirt gu buil mean air mhean thar ùine a rèir stòrasan dùthcha. Am measg eile, tha na còraichean a leanas anns an ICESCR:

  • A' chòir air obair agus air cumhaichean obrach iomchaidh (Alt 6 is 7)
  • A' chòir aonaidhean-ciùird a chruthachadh agus gabhail ann an aonaidhean ciùird (Alt 8)
  • A' chòir air tèarainteachd shòisealta (Alt 9)
  • A' chòir air ìre-beatha iomchaidh (Ealain 11) a' gabhail a-steach:
    • A' chòir air biadh iomchaidh
    • A' chòir air aodach
    • A' chòir air taigheadas iomchaidh
  • Còir air an ìre as àirde 's as urrainn de shlàinte chorporra is inntinn (Alt 12)
  • A' chòir air foghlam agus air foghlam bun-sgoile an-asgaidh (Alt 13 is 14)
  • Còir pàirt a ghabhail ann am beatha chultarach agus buannachdan fhaighinn bho adhartas saidheansail (Alt 15)

An Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Cur às do gach seòrsa leth-bhreith cinnidh (ICERD).

Air a dhaingneachadh leis an RA ann an 1969, tha an ICERD a' toirt air stàitean poileasaidh a leantainn gus cur às do leth-bhreith cinnidh anns a h-uile cruth agus a bhith a' brosnachadh tuigse am measg gach cinneadh.

An Cùmhnant air cur às do gach seòrsa leth-bhreith an aghaidh bhoireannaich (CEDAW)

Air a dhaingneachadh leis an RA ann an 1986, tha an CEDAW a' cur dhleastanasan air stàitean a tha ag amas air cur às do leth-bhreith an aghaidh bhoireannaich. Tha seo a' gabhail a-steach a bhith a' gabhail a h-uile ceum iomchaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil làn leasachadh agus adhartas aig boireannaich gus dèanamh cinnteach gum bi iad a' cleachdadh agus a' cur an sàs nan còraichean daonna agus saorsainnean bunaiteach air bunait a tha co-ionann ri fir.

Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean nan Daoine air a bheil Ciorram (CRPD)

Air a dhaingneachadh leis an RA ann an 2009, tha an CRPD a' mìneachadh chòraichean daonna aig daoine air a bheil ciorram agus na dleastanasan a tha air stàitean gus dèanamh cinnteach gum bithear ag adhartachadh agus a' làn choileanadh nan còraichean daonna agus saorsainnean bunaiteach airson gach duine air a bheil ciorram gun leth-bhreith de sheòrsa sam bith mar thoradh air ciorram.

Còraichean a bharrachd

Tha aithisg na Buidhne-gnìomha a' beachdachadh air còir air àrainneachd fhallain, còir do sheann daoine, còir air com-pàirteachadh, ag ath-aithris chòraichean catharra agus poilitigeach sa Bhile, agus is dòcha a bhith a' stèidheachadh Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte an-aghaidh Creòtachadh (CAT) san lagh tron Bhile. Tha barrachd mion-fhiosrachaidh mu na cùisean sin agus mun dòigh-obrach againn dhaibh air am mìneachadh ann an earrannan eile den cho-chomhairle seo.

NÒTA:

Tron cho-chomhairleachadh, bidh sinn uaireannan a' cleachdadh "cùmhnantan co-ionannachd" mar ghiorrachadh nuair a bhios sinn a' coimhead air ICERD, CEDAW agus CRPD còmhla. Tha còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail a' ciallachadh nam prìomh chòraichean ann an ICESCR.

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top