A Human Rights Bill for Scotland: consultation - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the consultation.


PÀIRT 4: A' STÈIDHEACHADH CÒRAICHEAN NAN CÙMHNANTAN SAN LAGH

Tha a' phàirt seo den cho-chomhairle a' mìneachadh na dòigh-obrach a tha sinn a' moladh agus na tha sinn a' smaoineachadh an-dràsta mu bhith a' stèidheachadh nan cùmhnantan san lagh againn – is iad sin:

  • an Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarach (ICESCR)
  • An Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Cur às do gach seòrsa leth-bhreith cinnidh (ICERD).
  • An Cùmhnant air cur às do gach seòrsa leth-bhreith an aghaidh bhoireannaich (CEDAW) agus
  • an Cùmhnant air Còraichean nan Daoine air a bheil Ciorram (CRPD)

'S e obair iom-fhillte a th' ann a bhith a' stèidheachadh nan ceithir cùmhnantan sin còmhla san lagh, agus aig an aon àm a bhith a' cur aghaidh air molaidhean nas fharsainge na Buidhne-gnìomha, a' gabhail a-steach a bhith ag aithneachadh agus a' toirt a-steach còir air àrainneachd fhallain. Chaidh na cùmhnantan a sgrìobhadh aig diofar amannan agus tha diofar ìrean de mhionaideachd annta. Tha àireamh mhòr de na còraichean a tha annta ag eadar-obrachadh le cùisean co-ionannachd chothroman a tha glèidhte ann an Achd na h-Alba 1998, a bharrachd air raointean glèidhte eile. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil am Bile gu soilleir taobh a-staigh chomasan tiomnaichte agus aig an aon àm a' coileanadh ar n-amasan farsaing.

A' cur urram daonna aig cridhe a' Bhile

"Nuair a bheir thu iomradh air còraichean daonna, canaidh daoine rudan mar, saoil carson a thuirt i sin? Dè an ceangal a th' aig seo ri cuspair a' Bhile? Agus bidh mise ag ràdh, leis nach eil thu a' nochdadh urram sam bith, spèis sam bith dhan neach seo." – ball de Bhòrd an Eòlais Bheatha

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 9

Tha am frèam-obrach ag ràdh gur e amas an reachdais a' bhuaidh as motha a thoirt air còraichean daonna agus a bhith ag aithneachadh gur e urram daonna an luach a tha mar bhunait air na còraichean daonna uile. Thathar a' moladh gun gabhadh seo a dhèanamh tro chlàs adhbhair.

Tha prionnsapal urram daonna ('s e sin ri ràdh luach in-ghnèitheach aig an neach) na phrìomh fheart de chùmhnantan chòraichean daonna an dà chuid gu h-eadar-nàiseanta agus gu roinneil. Tha ar conaltradh tro obair leasachaidh air a' Bhile cuideachd air sealltainn gu bheil urram daonna na inneal cuideachail ann a bhith a' tuigsinn agus a' mìneachadh prìomh chòraichean daonna agus còraichean bun-reachdail coimeasach. Mar sin, 's e ar rùn gun tèid urram daonna fhilleadh a-steach dhan fhrèam-obrach mar luach bunaiteach a dh'fhaodar a chleachdadh ann a bhith a' leughadh agus a' mìneachadh an fhrèam-obrach gu h-iomlan. Tha seo faisg air mar a chaidh cùmhnantan chòraichean daonna eadar-nàiseanta a chur ri chèile agus thathar an dùil dèanamh cinnteach gum bi cothrom againn uile beatha le urram a bhith againn.

Is e ar moladh seo a choileanadh le bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil clàs mìneachaidh a' Bhile a' leigeil le cùirtean beachdachadh air urram nuair a bhios iad a' breithneachadh air na còraichean anns a' Bhile, le iomradh air teacsa chùmhnantan agus stuthan eadar-nàiseanta. Bheireadh seo cothrom do chùirtean beachdachadh air na cùmhnantan, a' gabhail a-steach nan ro-aithrisean aca, a bharrachd air an stiùireadh nan cois, beachdan deireannach, agus lagh-eòlas eadar-nàiseanta, a bhiodh a' toirt a-steach iomraidhean air urram taobh a-staigh nan tùsan sin. Leigidh seo le prionnsapal urram daonna, mar a tha e air a thuigsinn ann an lagh eadar-nàiseanta, a bhith air a thuigsinn tro na còraichean air fad sa Bhile.

Tha sinn cuideachd airson dèanamh cinnteach gu bheil am pròiseas airson bun-dhleastanasan (minimum core obligations - MCOan) a mhìneachadh[14] mar phàirt den fhrèam-obrach ag aithneachadh urram daonna mar phrìomh stairsneach airson an t-susbaint seo a mhìneachadh agus a lìbhrigeadh an da-rìribh. Tha sinn den bheachd gun dèan seo cinnteach gun toir na bun-dhleastanasan a tha air an dìon leis a' Bhile luach air urram, gun cuidich sin luchd-giùlain dhleastanasan agus luchd-seilbh chòraichean tuigse shoilleir a bhith aca air adhbhar ìre nam Bun-dhleastanasan taobh a-staigh an fhrèam-obrach agus gun cuidich e gus dèanamh cinnteach nach eil duine sam bith ann an Alba a' tuiteam fon ìre sin chun na h-ìre is gu bheilear a' briseadh an urraim in-ghnèithich aca. Bheir e comas cuideachd dhaibhsan a tha a' breithneachadh air còraichean beachdachadh air urram daonna nuair a thathar a' measadh an deach na bun-dhleastanasan a choileanadh.

Ullachadh eadar-mhìneachaidh – a' cumail ceangal làidir ri siostam chòraichean daonna eadar-nàiseanta.

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 10

Dèan cinnteach gu bheil cùirtean agus tribiùnalan soilleir mu rùn an reachdais, a' gabhail a-steach luach bunaiteach urram daonna, a thaobh lagh eadar-nàiseanta agus lagh coimeasach. Thathar a' moladh gun gabhadh seo a dhèanamh tro chlàs mìneachaidh.

Tha sinn airson ullachadh a thoirt a-steach sa Bhile a leigeas le luchd-giùlain dhleastanasan, cùirtean, agus tribiùnalan a bhith comasach air na còraichean a leughadh, a chur an gnìomh agus a mhìneachadh a rèir lagh chòraichean daonna, goireasan agus dòighean-obrach eadar-nàiseanta. Tha seo a' gabhail a-steach nam Beachdan Coitcheann[15] agus molaidhean bho Chomataidhean nan Dùthchannan Aonaic[16] agus dòighean eile aig ìre eadar-nàiseanta no roinneil.

Tha Beachdan Coitcheann nan Dùthchannan Aonaichte air am foillseachadh le buidhnean cùmhnaint, a tha a' cur an cèill am mìneachadh air na h-ullachaidhean anns na cùmhnantan chòraichean daonna aca. Chan eil na beachdan sin ceangaltach fon lagh ach dh'fhaodadh iad a bhith air am meas mar cudromach agus faodaidh iad a bhith nan inneal feumail airson a bhith a' mìneachadh chòraichean san dùthaich seo. Ach, tha e cudromach cuideachd toirt fa-near gum faod diofar bhuidhnean cùmhnaint cùisean co-cheangailte ris na h-aon chòraichean a mhìneachadh ann an diofar dhòighean. Tha seo a' ciallachadh gum feum ullachadh sam bith anns a' Bhile sùbailteachd eadar-mhìneachaidh a cheadachadh, an crochadh air dè na còraichean a thathar a' mìneachadh. Tha sinn fosgailte do bheachdan air na dòighean as iomchaidhe gus dèanamh cinnteach gun tèid beachdachadh orrasan, agus stuthan eile, fon Bhile.

Mar a chaidh a mhìneachadh gu h-àrd, tha sinn cuideachd airson dèanamh cinnteach gun gabh aire a thoirt do dh'urram daonna ann a bhith a' mìneachadh nan còraichean sa Bhile. Tha iomraidhean air urram ann an cùmhnantan, stiùireadh, agus lagh-eòlasan eadar-nàiseanta agus is e ar rùn gum faod cùirtean beachdachadh orra sin ann a bhith ag eadar-mhìneachadh agus a' cur an gnìomh nan còraichean sa Bhile.

Tha sinn a' beachdachadh cuideachd air an dòigh as iomchaidh airson prìomh phrionnsapalan chòraichean daonna eadar-nàiseanta eile aithneachadh – leithid uile-choitcheannas, neo-sgarachdachd, eadar-eisimeileachd, agus eadar-cheangal nan còraichean uile – taobh a-staigh an fhrèam-obrach. Feumaidh sinn beachdachadh gu faiceallach air mar a nì sinn seo agus sinn a' coileanadh ar n-amais frèam-obrach soilleir agus ruigsinneach a sholarachadh aig an aon àm.

Ceistean

1. Dè do bheachd air a' mholadh againn gus leigeil le cùirtean beachdachadh air urram ann a bhith a' mìneachadh nan còraichean sa Bhile?

2. Dè do bheachd air a' mholadh againn gum biodh urram na phrìomh stairsneach gus susbaint nan dleastanasan bunaiteach as ìsle a mhìneachadh?

3. Dè do bheachd air na seòrsaichean lagh eadar-nàiseanta, goireasan, agus dòighean-obrach a bu chòir a ghabhail a-steach san ullachadh mìneachaidh a thathar a' moladh?

Modal Stèidheachaidh

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 1(b): An Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarach (ICESCR))[17]

  • Airson adhbharan fiosrachaidh, tha an Cùmhnant seo a' gabhail a-steach còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail do gach neach, a' gabhail a-steach na leanas:
  • còir air ìre beatha iomchaidh, a' gabhail a-steach còraichean air biadh, aodach is taigheadas iomchaidh agus leasachadh leantainneach air ìre cor beatha
  • còir air an ìre as àirde 's as urrainn de shlàinte chorporra is inntinn
  • còir air foghlam
  • còir air tèarainteachd shòisealta
  • còir pàirt a ghabhail ann am beatha chultarach agus buannachdan fhaighinn bho adhartas saidheansail

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 2: Cuir a-steach còir air àrainneachd fhallain le eileamaidean susbainteach agus modha san fhrèam-obrach reachdail.

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 3: Bu chòir an Cùmhnant air cur às do gach seòrsa leth-bhreith an aghaidh bhoireannaich (CEDAW) a bhith air a ghabhail a-steach san lagh.

Moladh Buidheann-ghnìomh Còraichean Daonna 4: Bu chòir an Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Cur às do gach seòrsa leth-bhreith cinnidh (CERD) a bhith air a ghabhail a-steach san lagh.

Moladh Buidheann-ghnìomh Còraichean Daonna 5: Bu chòir Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean nan Daoine air a bheil Ciorram (CRPD) a bhith air a ghabhail a-steach san lagh.

Tha sinn airson na ceithir cùmhnantan eadar-nàiseanta a stèidheachadh ann an lagh na h-Alba agus a bhith ag aithneachadh agus a' toirt a-steach na còrach air àrainneachd fhallain, taobh a-staigh crìochan nan comasan tiomnaichte, gan dèanamh ceangaltach agus dligheach chun na h-ìre as urrainn dhuinn. 'S e ar n-amas farsaing ann a bhith beachdachadh air structar a' Bhile agus mar a chuireas sinn na còraichean anns na cùmhnantan an gnìomh – am modail stèidheachaidh – gum bi sinn a' toirt seachad frèam-obrach chòraichean daonna a tha soilleir agus ruigsinneach a nì fìor eadar-dhealachadh do mhuinntir na h-Alba.

A' cleachdadh teacsa a' Chùmhnaint

Le Bile an UNCRC, chaidh teacs bho Chùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean an Leanaibh a chur a-steach gu dìreach ann an lagh na h-Alba. Airson Bile nan Còraichean Daonna, mholamaid dòigh-obrach a tha an ìre mhath coltach ri seo a bhith againn – a' cur chòraichean bho na ceithir cùmhnantan a-steach dhan Bhile a' cleachdadh faclan nan cùmhnantan fhèin, a' toirt às rud sam bith a tha glèidhte do Phàrlamaid na RA. Dh'fhaodadh dòigh-obrach eile a bhith ann, a bhith "a' tar-shuidheachadh" nan còraichean – le bhith a' tarraing teacsa bho air feadh nan ceithir cùmhnantan a bhuineas do chòraichean sònraichte agus ga chur còmhla gus a chur an cèill ann an aon àite. A-rithist, bheireamaid air falbh teacsa co-cheangailte ri cùisean glèidhte, agus mar thoradh air sin bhiodh aon seata de chòraichean taobh a-staigh comasan tiomnaichte.

San fharsaingeachd, tha sinn den bheachd gur e an dòigh-obrach as fheàrr an teacsa bho chùmhnantan a chur ann gu dìreach. Tha a bhith a' tar-shuidheachadh nan còraichean ann an dòigh amalaichte a' cruthachadh cunnart nach beag gun cailleamaid brìgh nan cùmhnantan agus gun gluaiseadh am Bile air falbh bho na h-inbhean, prionnsabalan agus cleachdaidhean ann an lagh eadar-nàiseanta. Chruthaicheadh seo dùbhlain airson a bhith a' mìneachadh nan còraichean san àm ri teachd leis gum faodadh iad an co-theacsa mar chòraichean air an togail gu dìreach bho inbhean eadar-nàiseanta aca a chall.

Tha an dòigh-obrach a bhith a' cleachdadh teacsa cùmhnaint gu dìreach gus còraichean a stèidheachadh cuideachd a' fàgail gu bheil sinn nas sàbhailte a thaobh crìochan comais tiomnaichte na bhiomaid nan dèanamaid tar-shuidheadh de na cùmhnantan. Feumar dèanamh cinnteach gu bheil còraichean co-cheangailte ri leth-bhreith agus co-ionannachd chothroman ag obair gu h-èifeachdach taobh a-staigh comasan tiomnaichte, a tha nas fhasa a choileanadh le bhith a' cleachdadh na dòigh-obrach a bhith a' cleachdadh teacsa cùmhnaint gu dìreach. Gheibhear a' mhòr-chuid de na còraichean sin anns na cùmhnantan co-ionannachd.

Tha e na cheist bhunaiteach dhan Bhile mar a bu chòir na dìonan thar nan cùmhnantan gu lèir – a tha gu tric dlùth-cheangailte – a bhith air an tuigsinn, air am mìneachadh agus air an cur an sàs gu cunbhalach agus gu ciallach còmhla ri chèile. Chaidh am modail a tha sinn a' moladh an seo a dhealbhadh gus cuideachadh le seo. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil teacsa nan cùmhnantan a' gabhail a-steach cànan mionaideach a dh'fhaodadh a bhith ga dhèanamh doirbh do luchd-giùlain dhleastanasan agus luchd-seilbh chòraichean tuigsinn dè tha còraichean a' ciallachadh an da-rìribh. Tha sinn air aontachadh mìneachadh soilleir a thoirt seachad air dè th' anns na còraichean agus dè tha iad a' ciallachadh agus tha sinn fosgailte do bheachdan air an dòigh as fheàrr gus seo a dhèanamh.

A' dèiligeadh ri mar a tha co-ionannachd chothroman glèidhte

Tha àireamh shusbainteach de na còraichean, gu h-àraidh taobh a-staigh nan cùmhnantan co-ionannachd, ag eadar-obrachadh gu dìreach leis a' ghlèidheadh de "cho-ionannachd chothroman" a tha ann an Achd na h-Alba 1998. Tha mar a dhèiligeas sinn ris a' chùis ghlèidhte seo ro-chudromach a thaobh mar a lìbhrigeas sinn amasan a' Bhile gu h-èifeachdach taobh a-staigh nan comasan tiomnaichte.

Tha mar a tha "co-ionannachd chothroman" glèidhte a' ciallachadh nach urrainn do Phàrlamaid na h-Alba san fharsaingeachd lagh a dhèanamh a tha ag amas air a bhith a' casg, a' cur às do no a' riaghladh leth-bhreith eadar daoine air sgàth feartan dìonta sònraichte (a' gabhail a-steach gnè, cinneadh agus ciorram), ach a-mhàin ma tha eisgeachd an sàs. Tha tè de na h-eisgeachdan sin a' leigeil le Pàrlamaid na h-Alba reachdas a dhèanamh gus a bhith a' casg, a' cur às do, no a' riaghladh leth-bhreith le ùghdarrasan poblach sònraichte ann an Alba nuair a tha iad a' coileanadh an gnìomhan Albannach (taobh a-staigh chrìochan sònraichte). Tha eisgeachd eile a' leigeil le Pàrlamaid na h-Alba reachdas a dhèanamh gus co-ionannachd chothroman a bhrosnachadh fhad 's nach eil i a' toirmeasg no a' riaghladh leth-bhreith. Tha seo a' ciallachadh gu bheil bacaidhean oirnn a thaobh nas urrainn dhuinn dèanamh a thaobh chòraichean anns na cùmhnantan co-cheangailte ri co-ionannachd chothroman.

Am modail a tha sinn a' moladh

Is e ar n-amas lagh soilleir agus ruigsinneach a thoirt seachad a chumas an ceangal làidir ris an t-siostam chòraichean daonna eadar-nàiseanta agus a tha ag obair taobh a-staigh chrìochan fèin-riaghlaidh. Gus seo a dhèanamh, mar a chaidh ainmeachadh gu h-àrd tha sinn a' moladh gabhail ri dòigh-obrach a bhith a' cleachdadh teacsa nan cùmhnantan gu dìreach, a bhios a' cleachdadh dòigh-obrach shònraichte a thaobh nan cùmhnantan co-ionannachd. Tha an dòigh-obrach seo ag amas air dèanamh cinnteach gun gabh na còraichean thar nan cùmhnantan a leughadh agus a chur an sàs gu cunbhalach agus gu ciallach còmhla ri chèile, agus aig an aon àm a' dèiligeadh gu h-èifeachdach le mar a tha co-ionannachd chothroman glèidhte. Rinneadh còmhraidhean tùsail air seo le luchd-ùidh agus luchd-seilbh chòraichean.

Tha sinn a' beachdachadh air a bhith:

  • ag ath-aithris nan ceithir cùmhnantan sa Bhile, a' toirt air falbh teacsa sam bith a bhuineas ri raointean a tha glèidhte do Phàrlamaid na RA;
  • ag aithneachadh agus a' cur a-steach còir air àrainneachd fhallain;
  • airson prìomh chòraichean ICESCR agus còir air àrainneachd fhallain:
    • A' cur dleastanas modha tùsail air buidhnean poblach (agus, cho fada 's as urrainn, actairean prìobhaideach) a tha a' lìbhrigeadh ghnìomhan poblach tiomnaichte gus na còraichean fhighe a-steach do na co-dhùnaidhean aca. Bhiodh seo an sàs rè ùine às dèidh dhan Bhile a bhith air aontachadh gus ùine a thoirt do luchd-giùlain dhleastanasan ullachadh airson dleastanas coileanaidh às dèidh sin (faic gu h-ìosal);
    • gluasad gu dleastanas a bhith a' cumail ris na còraichean, airson buidhnean poblach (agus, cho fada 's a ghabhas, actairean prìobhaideach) a tha a' lìbhrigeadh ghnìomhan poblach tiomnaichte. Bidh an dleastanas coileanaidh air a nochdadh le bhith a' toirt nan còraichean gu buil mean air mhean agus a bhith a' dèanamh cinnteach gun tèid na dleastanasan bunaiteach as ìsle a lìbhrigeadh – airson barrachd fiosrachaidh mu dhleastanasan faic Pàirt 7;
    • a' cur a-steach ullachadh co-ionannachd (taobh a-staigh nan crìochan bho cho-ionannachd chothroman a bhith na chùis ghlèidhte) gus dèanamh cinnteach:
      • gu bheil cothrom co-ionann aig gach neach air còraichean; agus
      • gum bi ullachaidhean nan cùmhnantan co-ionannachd a' fiosrachadh mìneachadh prìomh chòraichean ICESCR agus na còrach air àrainneachd fhallain do na buidhnean dìonta sin. Airson barrachd fiosrachaidh mun ullachadh co-ionannachd faic Pàirt 6.
  • a' cur dleastanas modha air luchd-giùlain dhleastanasan, a thaobh nan cùmhnantan co-ionannachd (taobh a-staigh chrìochan bho cho-ionannachd chothroman a bhith na chùis ghlèidhte). Tha seo airson dèanamh cinnteach gu bheil luchd-giùlain dhleastanasan a' beachdachadh air a h-uile còir anns na cùmhnantan co-ionannachd ann an dòigh iomlanach an dà chuid nuair a thathar a' lìbhrigeadh chòraichean ICESCR agus sna co-dhùnaidhean aca san fharsaingeachd.
  • a' cur a-steach ullachadh mìneachaidh sa Bhile a nì cinnteach gum faodar na còraichean uile a mhìneachadh a rèir inbhean chòraichean daonna eadar-nàiseanta agus a' bhun-bheachd airson urram daonna.

Is e ar n-adhbhar airson na dòigh-obrach seo gu bheil sinn airson an dìon as treasa a thoirt seachad agus aig an aon àm a bhith a' cruthachadh lagh a tha soilleir, ruigsinneach agus ion-obrachail a bhios ag obair gu h-èifeachdach taobh a-staigh chomasan tiomnaichte. Bidh am modail a tha sinn a' moladh a' feuchainn ri cothromachadh fhaighinn eadar an ìre dìona agus co-leanailteachd is ion-obrachadh an lagha.

Ann a bhith a' cruthachadh a' mhodail seo, tha e air a bhith ro-chudromach beachdachadh air mar a tha na còraichean taobh a-staigh nan cùmhnantan co-ionannachd ag eadar-obrachadh le co-ionnanachd chothroman, a tha na chùis ghlèidhte, agus dè an dòigh as fheàrr gus na còraichean sin a chur an gnìomh gu laghail ann am frèam-obrach cunbhalach. Tha am modail ag amas air dèiligeadh ri seo le bhith a' cleachdadh dòigh-obrach eadar-dhealaichte a thaobh dìon chòraichean anns na cùmhnantan co-ionannachd bhon dòigh-obrach a thaobh prìomh chòraichean ICESCR agus còir air àrainneachd fhallain. Ann a bhith a' cleachdadh na dòigh-obrach seo, tha sinn mothachail gum feumar dèanamh cinnteach gu bheil am Bile gu lèir iomlanach agus cunbhalach gus soilleireachd a thoirt do luchd-seilbh chòraichean agus luchd-giùlain dhleastanasan. Tha sinn fada den bheachd gu bheil an dòigh-obrach a tha sinn a' moladh aig an àm seo a' lìbhrigeadh cruth-atharrachadh ann a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil còraichean bhoireannach, dhaoine air a bheil ciorram agus dhaoine air a bheilear a' dèanamh leth-bhreith stèidhichte air cinneadh, dath, freumhan, no tùs nàiseanta no cinneachail, a' faighinn an dìon chuimsichte a tha a dhìth orra bho luchd-giùlain dhleastanasan. Airson a' chiad turas riamh ann am frèam-laghail na h-Alba, feumaidh luchd-giùlain dhleastanasan beachdachadh gu gnìomhach air na còraichean ann an ICERD, CEDAW agus CRPD nuair a bhios iad a' lìbhrigeadh sheirbheisean - leithid taigheadas, cùram sòisealta no tèarainteachd shòisealta - agus is urrainnear an cumail cunntachail mura dèan iad sin. Nuair a thèid a chur an sàs bidh e na cheum cudromach agus cruth-atharrachail air ar turas a thaobh còraichean daonna.

Ach, tha sinn ag aithneachadh gu bheil beagan chòraichean sònraichte anns na cùmhnantan co-ionannachd a dh'fhaodadh a bhith air am meas cudromach leotha fhèin agus far am bi cuid den luchd-ùidh airson 's gun tèid sinn nas fhaide ma ghabhas sin dèanamh, rud a tha furasta a thuigsinn. Mar eisimpleir, tha sinn air cluinntinn bho bhuidhnean dhaoine air a bheil ciorram mu cho cudromach 's a tha còir air beatha neo-eisimeileach. Tha sinn a' beachdachadh gu faiceallach a bheil cuid de chòraichean anns na cùmhnantan co-ionannachd ris am b' urrainn dhuinn dèiligeadh ann an dòigh eadar-dhealaichte, agus sinn aig an aon àm fhathast a' lìbhrigeadh frèam-obrach cunbhalach is ion-obrachail de dhìon chòraichean daonna. Beachdaichidh sinn gu sònraichte air seo far am faodadh còraichean sònraichte a bhith cudromach leotha fhèin agus far am faodadh buannachdan a bhith ann bho dhìonan nas treasa fon fhrèam-obrach. Rè na h-ùine co-chomhairleachaidh, bheir sinn air adhart conaltradh cuimsichte le luchd-ùidh iomchaidh mu dheidhinn seo, còmhla ri mion-sgrùdadh leantainneach air na cùisean comasachd agus cunbhalachd a tha air an cothromachadh gu faiceallach a thaobh làimhseachadh nan còraichean sin.

Ceistean

4. Dè do bheachd air a' mhodail stèidheachaidh a thathar a' moladh?

5. A bheil còir sam bith anns na cùmhnantan co-ionannachd ris am bu chòir dhuinn dèiligeadh ann an dòigh eadar-dhealaichte, nad bheachd? Ma tha, innis dhuinn de na còraichean agus mìnich carson agus ciamar a ghabhadh seo a choileanadh.

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top