A Human Rights Bill for Scotland: consultation - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the consultation.


PÀIRT 5: AG AITHNEACHADH NA CÒRACH AIR ÀRAINNEACHD FHALLAIN

Tha a' phàirt seo den cho-chomhairle a' mìneachadh na dòigh-obrach a tha sinn a' moladh a thaobh còir air àrainneachd fhallain a chur a-steach sa Bhile.

"Tha còir aig a h-uile duine air àrainneachd nach dèan cron air an slàinte agus an sunnd. Agus ann an saoghal an latha an-diugh, a' coimhead air truailleadh èadhair agus tòrr diofar cheistean mun àrainneachd, 's e suidheachadh gu math dùbhlanach a th' ann agus chan eil e na iongnadh gu bheil ceangal ann le còraichean daonna. Is dòcha gur e deagh dhòigh a th' ann gus an duilgheadas a làimhseachadh… ma shuidheas sinn sìos agus ma choimheadas sinn timcheall, tha e nas ceangailte na shaoileadh sinn. " – ball de Bhòrd an Eòlais Bheatha

[Dè an diofar a dhèanadh e do chloinn agus do dhaoine òga nan cuireadh Alba còraichean a bharrachd ann an lagh na h-Alba, gus am bi còir aig a h-uile duine air àrainneachd fhallain?] "Dhèanadh e diofar mòr do shlàinte-inntinn dhaoine, gu sònraichte clann agus daoine òga, a' cruthachadh clann nas toilichte agus nas cofhurtail ann an Alba." – ball de Bhòrd an Eòlais Bheatha

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 2

Cuir a-steach còir air àrainneachd fhallain le eileamaidean susbainteach agus modha san fhrèam-obrach reachdail.

Tha sinn ag iarraidh còir air àrainneachd fhallain aithneachadh agus a chur sa Bhile. Cuidichidh seo gus dèanamh cinnteach gum bi àrainneachd fhallain is sheasmhach ann an Alba agus bheir e seachad àrd-ùrlar gus dèiligeadh ri cùisean àrainneachd agus còraichean daonna gus an tèid an toirt gu buil còmhla. Bidh mar a dhèiligeas sinn ri bhith a' mìneachadh na còrach seo na phrìomh phàirt de bhith dèanamh cinnteach gur e còir daonna èifeachdach is cruth-atharrachail a th' ann do mhuinntir na h-Alba. Airson adhbharan frèam-obrach a' Bhile, tha sinn a' beachdachadh air an dòigh-obrach againn, a' gabhail a-steach am bu chòir dhuinn feum a dhèanamh air a' mhìneachadh a thathar a' cleachdadh ann an Cùmhnant Aarhus,[18] a tha a' gabhail a-steach iomradh sònraichte air eag-shiostaman agus air a' bhith-chruinne (biosphere).

Chan eil còir air àrainneachd fhallain air a ghabhail a-steach ann an cùmhnant eadar-nàiseanta fhathast. A dh'aindeoin seo, tha còrr is 100 dùthaich air reachdas a chur an gnìomh a tha a' gabhail a-steach còir air àrainneachd fhallain ann an cruth air choreigin agus chaidh aithneachadh mar chòir daonna le Àrd-sheanadh nan Dùthchannan Aonaichte san Iuchar 2022.[19] Ged a tha dìonan laghail agus iomairtean poileasaidh làidir aig Alba aig an àm seo gus an àrainneachd a dhìon, le bhith ag aithneachadh còir air àrainneachd fhallain mar chòir daonna aig a h-uile duine ann an Alba, lìbhrigidh seo frèam-obrach nas treasa airson a bhith a' gabhail barrachd ghnìomhan agus gus cunntachalachd a neartachadh. Dh'aithnich a' Bhuidheann-ghnìomh gu bheil a' chòir air àrainneachd fhallain ceangailte ri bhith a' coileanadh chòraichean eile a tha rin gabhail a-steach sa Bhile, agus choimhead iad air inbhean leithid Prionnsapalan Frèam-obrach nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Daonna agus an Àrainneachd,[20] agus Cùmhnant Aarhus, mar fhrèaman stiùiridh airson a bhith a' toirt air adhart na còrach seo taobh a-staigh a' Bhile.

Stèidhichte air na h-inbhean eadar-nàiseanta sin agus às dèidh conaltradh le luchd-ùidh, tha sinn den bheachd gum bu chòir a' chòir a bhith air a thuigsinn mar chòir le eileamaidean an dà chuid brìoghmhor agus eileamaidean a tha a' cur air adhart dòigh-obrach (taobhan modha). Bu chòir taobhan brìoghmhor a thuigsinn mar a bhith a' gabhail a-steach èadhar glan; uisge sàbhailte agus uisge gu leòr; àrainneachdan neo-phuinnseanta (anns am faodar fuireach, obair, foghlam fhaighinn agus cluich); eag-shiostaman agus bith-iomadachd fallain; agus gnàth-shìde shàbhailte. Bu chòir taobhan modha a thuigsinn mar a bhith a' gabhail a-steach togail aire, a' brosnachadh foghlam is togail comas; cothrom air fiosrachadh; com-pàirteachadh poblach ann an dèanamh cho-dhùnaidhean; a' dèanamh cinnteach gu bheil fuasglaidhean rim faighinn ann an deagh àm agus air cosgaisean ruigsinneach; agus poileasaidhean, planadh agus gnìomh iomchaidh. Bhiodh a' cur nan taobhan modha sin ann am frèam-obrach a' Bhile a' cumail taic ris na h-oidhirpean againn gus na molaidhean aig Comataidh Coileanaidh Cùmhnant Aarhus a choileanadh – gu sònraichte gus frèam-obrach follaiseach, soilleir agus cunbhalach a chruthachadh gus Alt 9(4) de Chùmhnant Aarhus (a' chòir air fuasglaidhean a tha cothromach, ann an deagh àm agus nach eil ro dhaor).

Às dèidh dhuinn conaltradh a dhèanamh le luchd-ùidh, tha sinn cuideachd a' meòrachadh air am bu chòir biadh fallain is seasmhach a bhith air a thuigsinn mar eileamaid shusbainteach den chòir air àrainneachd fhallain mar a tha i air a dìon leis a' Bhile. Gu h-eadar-nàiseanta, tha biadh fallain agus seasmhach air aithneachadh mar thaobh brìoghmhor den chòir. Ach thathar a' clàradh na còrach air biadh iomchaidh mar chòir shòisealta fon chòir air inbhe beatha iomchaidh ann an ICESCR[21] Is e am beachd làithreach againn gun gabh biadh fallain agus seasmhach aithneachadh, a dhìon agus a choileanadh tro bhith a' stèidheachadh na còrach air biadh iomchaidh mar a tha i ga cur an cèill le ICESCR agus gu bheil seasmhachd mar prìomh eileamaid den chòrr air biadh iomchaidh. Leis gu bheil còraichean daonna do-roinnte, eadar-cheangailte agus eadar-eisimeileach, agus nach bu chòir coimhead orra leotha fhèin, bu chòir còir stèidhichte air biadh iomchaidh dìon gu leòr a thoirt do thaobhan àrainneachd mu dhèanamh bìdh.

A thaobh uisge sàbhailte agus gu leòr uisge, ged a tha seo cuideachd air a thuigsinn mar chòir shòisealta fo chòir ICESCR air inbhe beatha iomchaidh, is e ar beachd an-dràsta gum bu chòir seo a thuigsinn cuideachd mar thaobh susbainteach den chòir air àrainneachd fhallain. Tha sinn den bheachd seo oir tha e a' toirt cothrom dhuinn eadar-dhealachadh cudromach a dhèanamh eadar a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil uisge gu leòr agus uisge sàbhailte gu leòr ann a chleachdas daoine, agus gu bheil gu leòr uisge ann agus uisge sàbhailte gu leòr ann mar a tha riatanach dhan àrainneachd nas fharsainge. Ged a tha an dà chuid co-cheangailte, tha an dòigh-obrach againn ag amas air eadar-dhealachadh gu leòr a dhèanamh eadar a bhith a' dìon uisge san dà cho-theacsa.

Ceistean

6. A bheil thu ag aontachadh no ag eas-aontachadh leis an dòigh a tha sinn a' moladh gus an àrainneachd a mhìneachadh?

7. Mur eil thu ag aontachadh, innis dhuinn carson.

8. Dè do bheachd air mar a tha sinn a' moladh na taobhan susbainteach agus modha den chòir air àrainneachd fhallain a mhìneachadh?

9. A bheil thu ag aontachadh no ag eas-aontachadh leis an dòigh-obrach a tha sinn a' moladh a thaobh dìon biadh fallain is seasmhach mar phàirt de bhith a' toirt a-steach còir air biadh iomchaidh ann an ICESCR, seach a bhith ga thoirt a-steach mar phàirt shusbainteach den chòir air àrainneachd fhallain? Thoir seachad adhbharan airson do fhreagairt.

10. A bheil thu ag aontachadh no ag eas-aontachadh leis an dòigh-obrach a tha sinn a' moladh a thaobh a bhith a' toirt a-steach uisge sàbhailte agus gu leòr mar phàirt bhrìoghmhor den chòir air àrainneachd fhallain? Thoir seachad adhbharan airson do fhreagairt.

11. A bheil eileamaidean brìoghmhor no modhan-obrach eile ann a tha thu a' smaoineachadh a bu chòir a thuigsinn mar thaobhan den chòir?

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top