A Human Rights Bill for Scotland: consultation - Gaelic translation
We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the consultation.
PÀIRT 6: A' GABHAIL A-STEACH CÒRAICHEAN A BHARRACHD AGUS A' CUR CO-IONANNACHD AN SÀS
Tha a' phàirt seo den cho-chomhairle a' mìneachadh nam beachdan againn mu bhith a' stèidheachadh chòraichean a bharrachd sa Bhile, agus ar dòigh-obrach airson dèanamh cinnteach gun tèid na còraichean a lìbhrigeadh gun leth-bhreith.
Còraichean Catharra agus Poilitigeach
Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 1(a):
Ath-aithris na còraichean a tha air an dìon le Achd nan Còraichean Daonna a chuireas Cùmhnant Eòrpach air Còraichean Daonna an gnìomh san dùthaich seo.
Tha sinn air beachdachadh an gabhadh na còraichean ann an Achd nan Còraichean Daonna 1998 ath-aithris sa Bhile, gus am bi na còraichean uile ann an aon àite. Tha sinn a' tuigsinn gun robh am moladh airson ath-aithris a dhèanamh air Achd nan Còraichean Daonna 1998 air a stiùireadh leis a' mhiann gum biodh na còraichean uile air am mìneachadh còmhla ann an aon àite ann an dòigh ruigsinneach. Mar a tha luchd-ùidh air aithneachadh, le inbhe Achd nan Còraichean Daonna 1998 mar achdachadh a tha air a dhìon bho atharrachadh fo Achd na h-Alba 1998, chan urrainn dhan Bhile buaidh shusbainteach sam bith a bhith aige air na còraichean sin. Tha e na adhbhar dragh dhuinn gum faodadh oidhirp gus na còraichean a tha air an dìon le Achd nan Còraichean Daonna 1998 ath-aithris buaidh a thoirt air na còraichean agus gum faodaidh e am Bile a chur ann an cunnart bho dhùbhlain air adhbharan comais reachdail, le buannachdan cuibhrichte a thaobh soilleireachd, ruigsinneachd agus cleachdadh nan còraichean. Chan eil sinn airson gum bi cunnart ann nach tèid am Bile seo a chur an sàs – agus mar sin nach bi atharrachadh ann gus piseach a thoirt air beatha dhaoine; ge-tà, tha sinn ag aithneachadh cho cudromach 's a tha e a bhith ag aithneachadh gu bheil còraichean eadar-cheangailte agus eadar-eisimeileach, agus beachdaichidh sinn barrachd le luchd-ùidh air mar as fheàrr as urrainn dhuinn sin a dhèanamh taobh a-staigh nan cuingealachaidhean làithreach.
Tha sinn air a bhith a' beachdachadh air ar suidheachadh a thaobh a' chomais againn a bhith a' gabhail a-steach Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte an-aghaidh Creòtachadh (UNCAT) a bharrachd air na 4 cùmhnantan, mar thoradh air a' mholadh bhon Bhuidheann-gnìomh gun dèan sinn barrachd sgrùdaidh air seo. Thug sinn fa-near gu bheil Artaigil 3 den ECHR ("Cha bhi duine fo chràdh, làimhseachadh An-iochdmhor, Mì-chneasta no Ìsleachaidh") air a chur an gnìomh mar-thà ann an Achd nan Còraichean Daonna 1998 agus gu bheil e freumhaichte san rèiteachadh fèin-riaghlaidh tro Achd na h-Alba 1998. A bharrachd air seo, tha na prionnsapalan a tha mar bhunait air altan sònraichte de UNCAT cuideachd a' faighinn buaidh ann an Alba tro raon de dh'ullachaidhean laghail a' gabhail a-steach cur a-nall gu dùthchannan eile agus an lagh choitchinn. Leis gu bheil e mar-thà an làthair gu ìre làidir taobh a-staigh an rèiteachaidh bhun-reachdail, agus ullachadh laghail eile, chan eil sinn am beachd a dhol air adhart le bhith a' feuchainn ri UNCAT a ghabhail a-steach taobh a-staigh an reachdais frèam-obrach seo.
Tha sinn cuideachd air molaidhean a thoirt fa-near bho chionn ghoirid gum faodadh sinn beachdachadh air a bhith a' gabhail a' Chùmhnaint Eadar-nàiseanta air Còraichean Catharra is Poilitigeach a-steach sa Bhile, agus tha sinn den bheachd gu bheil an fheallsanachd gu h-àrd a' buntainn ri seo cuideachd leis gu bheil Achd nan Còraichean Daonna 1998 a' stèidheachadh chòraichean catharra agus poilitigeach anns an ECHR ann an lagh na dùthcha agus gu bheil seo air a dhìon bho atharrachadh.
Ceist
12. Leis gu bheil Achd nan Còraichean Daonna 1998 air a dhìon bho atharrachadh fo Achd na h-Alba 1998, ciamar a tha thu a' smaoineachadh as urrainn dhuinn comharrachadh gu bheil Achd nan Còraichean Daonna (agus còraichean catharra agus poilitigeach) na phrìomh cholbh de lagh chòraichean daonna ann an Alba?
Com-pàirteachas
Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 29
Bithear a' beachdachadh barrachd air a bhith a' gabhail a-steach còir com-pàirteachaidh shoilleir, air a tharraing bho phrionnsapalan lagh chòraichean daonna eadar-nàiseanta, taobh a-staigh an reachdais.
Tha com-pàirteachadh na phàirt dheatamach de dhòigh-obrach chòraichean daonna, agus tha sinn gu mòr airson dèanamh cinnteach gum bi com-pàirteachadh èifeachdach ann an cruthachadh poileasaidh airson a' Bhile mus tèid a thoirt a-steach agus às a dhèidh. Bha com-pàirteachadh na phrìomh chuspair anns na còmhraidhean aig Bòrd an Eòlais Bheatha, an dà chuid a thaobh leasachadh leantainneach a' Bhile agus airson luchd-seilbh chòraichean san fharsaingeachd ann an dèanamh phoileasaidhean agus cho-dhùnaidhean. Bha am Bòrd a' faireachdainn gum bu chòir barrachd com-pàirt a bhith aig daoine ann an co-dhùnaidhean brìoghmhor mu sheirbheisean a tha a' toirt buaidh orra, agus gum feum seirbheisean poblach barrachd a dhèanamh gus daoine a ghabhail a-steach nach eil air an cluinntinn gu tric, no a tha fiù 's do-fhaicsinneach ann am pròiseasan com-pàirteachaidh a th' ann mar-thà.
Gus cuideachadh gus seo a choileanadh, tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil com-pàirteachadh air fhighe a-steach do phàirtean iomchaidh a' Bhile, a' gabhail a-steach anns an Sgeama Chòraichean Daonna a thathar a' moladh (faic Pàirt 9), gus taic a chumail an dà chuid ri buileachadh agus cunntachalachd airson adhartas. Tha e cudromach gum bi seo a' co-thaobhadh ris an dòigh-obrach nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh com-pàirteachadh, mar eisimpleir, tha an lèirmheas air obrachadh Dleastanas Co-ionannachd na Roinne Poblaich (PSED) a' beachdachadh air dleastanasan nas treasa san raon seo. Tha sinn mothachail gum feum dleastanasan com-pàirteachaidh sam bith a bhith ion-obrachail le buidhnean poblach an da-rìribh agus mar sin, bheir sinn sùil gheur air na freagairtean a gheibhear tron cho-chomhairle phoblach air a' PhSED gus an smaoineachadh againn fhiosrachadh airson an ama ri teachd. Tha riatanasan com-pàirteachaidh aig grunn phìosan reachdais eile cuideachd, agus mar sin tha ro-eisimpleir ann airson seo. Tha sinn fhathast fosgailte do chonaltradh agus beachdan air seo.
Ceist
13. Ciamar as fheàrr as urrainn dhuinn com-pàirteachadh fhighe a-steach ann am frèam-obrach a' Bhile?
Ullachadh co-ionannachd taobh a-staigh a' Bhile
[Dè an diofar a dhèanadh e do chloinn is daoine òga nan cuireadh Alba còraichean a bharrachd ann an lagh na h-Alba, gu h-àraidh còraichean airson boireannaich is nigheanan, daoine air a bheil ciorram, clann is teaghlaichean a bhios a' fulang bho ghràin-cinnidh?] "Bheireadh e buaidh air òigridh na h-Alba san fhad-ùine nan dèanamaid dearmad air a' chlaon-bhreith a chaidh a theagasg dhuinn leis na ginealaichean as sine aig nach robh na còraichean seo an sàs nuair a bha iad òg agus aig nach robh, is dòcha, cothrom aca measgachadh le daoine le dhiofar fhreumhan" - ball de Bhòrd an Eòlais Beatha
"Tha leth-bhreith an aghaidh bhoireannaich agus leth-bhreith an aghaidh dhaoine air a bheil ciorram a' toirt buaidh mhòr air beatha dhaoine, ach feumaidh cothrom co-ionann a bhith ann air fiosrachadh agus dòighean gus dèiligeadh ri sin, chan ann a-mhàin do dhaoine as urrainn èigheachd nas àirde no a tha ann an sùil a' phobaill." - Ball de Bhòrd an Eòlais Bheatha
Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 8
Cuir a-steach clàs co-ionannachd a tha a' co-thaobhadh ri Achd na Co-ionannachd 2010 a bheir cothrom co-ionann do gach neach air na còraichean a tha sa Bhile.
Tha soirbheas a' Bhile an crochadh air na còraichean a bhith air an stèidheachadh ann an dòigh a tha a' ciallachadh gum faigh a h-uile duine cothrom air an dìon a bheir iad seachad gu co-ionann, ge b' e dè an status a th' aca. Gus dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine cothrom air na còraichean fon Bhile gun leth-bhreith, tha sinn airson ullachadh co-ionannachd a chur ann.
Ged a tha na cùmhnantan co-ionannachd ag amas air cur às do leth-bhreith an aghaidh bhoireannaich, dhaoine air a bheil ciorram agus daoine is buidhnean a tha a' fulang bho ghràin-cinnidh, 's e an t-adhbhar airson ullachadh co-ionannachd farsaing a bhith a' dèanamh cinnteach gum bi cothrom co-ionann aig a h-uile duine air còraichean a' Bhile. Bhiodh seo a' toirt air luchd-giùlain dhleastanasan còraichean ICESCR agus a' chòir air àrainneachd fhallain a lìbhrigeadh ann an dòigh a nì cinnteach gum bi cothrom co-ionann aig a h-uile duine orra. Is e aon dòigh-obrach air a bheil sinn a' beachdachadh am bu chòir dhuinn an solar co-ionannachd a dhealbhadh stèidhichte air Alt 2 de ICESCR no Alt 14 den Chùmhnant Eòrpach air Còraichean Daonna. Fo na h-ullachaidhean sin feumaidh na còraichean anns na cùmhnantan fa leth a tha air an daingneachadh a bhith air an cur an sàs gun leth-bhreith stèidhichte air nithean leithid gnè, cinneadh, dath, cànan, creideamh, beachd poilitigeach no eile, tùs nàiseanta no sòisealta, seilbh, breith no inbhe eile. [22]
Bhiodh an dòigh-obrach gu h-àrd an crochadh air daoine LGBTI agus seann daoine a bhith air a dhìon tro bhith a' cleachdadh na h-'inbhe eile'. Ach, tha sinn cuideachd a' beachdachadh air am bu chòir dhuinn inbhe LGBTI agus aois nas sine a liostadh gu sònraichte mar adhbharan dìon, leis gun tug a' Bhuidheann-gnìomh fa-near nach robh dìon aig na buidhnean sin ann an cùmhnant eadar-nàiseanta agus gun do mhol iad dìon sònraichte dhaibh sa Bhile. Le bhith a' cur nam buidhnean sin gu sònraichte air aghaidh a' Bhile dh'fhaodadh sin cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil e soilleir cò bhiodh air an dìon fon ullachadh seo.
A bharrachd air sin, mar a thuirt sinn ann am Pàirt 4, bhiodh am modail stèidheachaidh a thathar a' moladh a' stiùireadh luchd-giùlain dhleastanasan do na cùmhnantan co-ionannachd gus còraichean ICESCR agus còir air àrainneachd fhallain do na buidhnean dìonta sin a mhìneachadh.
Is e an t-amas gun cuidich seo luchd-giùlain dhleastanasan gus am frèam-obrach a chleachdadh gu h-èifeachdach, susbaint nan cùmhnantan co-ionannachd a stèidheachadh ann an lìbhrigeadh chòraichean ICESCR agus còir air àrainneachd fhallain agus an dìon as fheàrr a lìbhrigeadh do luchd-seilbh chòraichean anns na buidhnean sin, mar phàirt de fhrèam-obrach iomlan cunbhalach.
Feumaidh an t-ullachadh co-ionannachd obrachadh taobh a-staigh chrìochan mar a tha co-ionannachd chothroman air a ghlèidheadh ann an Achd na h-Alba 1998. Tha sinn mothachail cuideachd gum feumar beachdachadh air mar a dh'obraicheas seo taobh a-staigh frèama na co-ionnanachd san fharsaingeachd. Mar thoradh air sin, leanaidh sinn oirnn a' beachdachadh gu faiceallach air mar a mhìnicheas sinn na h-adhbharan airson leth-bhreith air am feum luchd-giùlain dhleastanasan beachdachadh agus tha sinn fosgailte do bheachdan air an dòigh as fheàrr gus am mìneachadh seo a chleachdadh, taobh a-staigh chrìochan comas tiomnaichte.
Ceistean
14. Dè do bheachd air an dòigh-obrach a thathar a' moladh gus ullachadh co-ionannachd a ghabhail a-steach gus dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile duine air còraichean, sa Bhile?
15. Ciamar a bu chòir dhuinn na buidhnean a tha gu bhith air an dìon leis an ullachadh co-ionnanachd a mhìneachadh?
16. A bheil thu ag aontachadh no ag eas-aontachadh gun toireadh a bhith a' cleachdadh 'inbhe eile' san ullachadh co-ionannachd dìon gu leòr do chòraichean daoine LGBTI agus seann daoine?
17. Mur eil thu ag aontachadh, thoir seachad beachdan gus taic a thoirt dhan fhreagairt agad.
Còraichean do sheann daoine
Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 6
Còir do sheann daoine a bhith air a gabhail a-steach san fhrèam-obrach reachdail.
Tha dealas againn Alba nas cothromaiche a thogail do sheann daoine.[23] Thug Bòrd an Eòlais Bheatha fianais seachad gun robh seann daoine air an dùnadh a-mach à seirbheisean agus co-dhùnaidhean a bha a' toirt buaidh air am beatha, gu sònraichte ann an suidheachaidhean leithid cùram sòisealta.
Ged nach eil cùmhnant eadar-nàiseanta sònraichte ann airson daoine nas sine, tha e soilleir[24] gum bu chòir cothrom co-ionann a bhith aca air na còraichean taobh a-staigh a' Bhile. Mar a chaidh a mhìneachadh na bu tràithe sa phàirt seo, tha sinn den bheachd gum faodadh a bhith a' cur a-steach ullachadh co-ionannachd cuideachadh gus dèanamh cinnteach gum faigh iad cothrom co-ionann air na còraichean, a' toirt aire do na còraichean anns na cùmhnantan co-ionannachd le fòcas air raointean leithid beatha neo-eisimeileach, gluasad agus ruigsinneachd. Dh'fhaodadh am moladh gus dèanamh cinnteach gun gabh feart a thoirt air urram daonna nuair a thathar a' mìneachadh nan còraichean cuideachadh le bhith a' cur a' bhun-bheachd seo aig cridhe mìneachadh còraichean nan seann daoine. Tha sinn cuideachd airson beachdachadh a bharrachd a dhèanamh còmhla ri luchd-ùidh a thaobh na ceist am feum frèam-obrach a' Bhile dad nas mionaidiche a dhèanamh a thaobh seann daoine, a rèir rùn a' Bhile a bhith a' dìon, a' toirt spèis agus a' coileanadh chòraichean daonna eadar-nàiseanta agus chuireadh sinn fàilte air beachdan air seo.
Daoine LGBTI
Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 7
Clàs co-ionannachd a tha a' dìon agus a' brosnachadh chòraichean iomlan agus co-ionann do dhaoine LGBTI.
Tha sinn dealasach a thaobh a bhith a' cur an aghaidh neo-ionannachd airson daoine leasbach, gèidh, dà-sheòrsach, tar-ghnèitheach agus eadar-ghnèitheach (LGBTI). Ged nach eil cùmhnant chòraichean daonna eadar-nàiseanta sònraichte ann airson daoine LGBTI, tha sinn soilleir gum bu chòir cothrom co-ionann a bhith aca air na còraichean taobh a-staigh a' Bhile. Mar a chaidh a mhìneachadh na bu thràithe sa phàirt seo, dh'fhaodadh toirt a-steach ullachadh co-ionannachd cuideachadh gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine LGBTI cothrom air còraichean co-ionann, agus dh'fhaodadh am moladh dèanamh cinnteach gun gabh aire a thoirt do dh'urram daonna nuair a thathar a' mìneachadh nan còraichean cuideachadh le bhith a' cur a' bhun-bheachd seo aig cridhe mìneachadh nan còraichean airson daoine LGBTI. Tha sinn airson beachdachadh barrachd le luchd-ùidh air a' cheist am b' urrainn do fhrèam-obrach a' Bhile dad nas mionaidiche a dhèanamh san raon seo.
Ceist
18. A bheil thu a' smaoineachadh gum feum frèam-obrach a' Bhile dad a bharrachd a dhèanamh airson daoine LGBTI no seann daoine?
Contact
Email: HumanRightsOffice@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback