A Human Rights Bill for Scotland: consultation - Gaelic translation
We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the consultation.
PART 7: NA DLEASTANASAN
Tha a' phàirt seo den cho-chomhairle a' mìneachadh na dòigh-obrach againn a thaobh a bhith a' dealbhadh nan dleastanasan air an fheadhainn a tha a' lìbhrigeadh ghnìomhan poblach tiomnaichte, a thaobh nan còraichean sa Bhile.
Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 12
Ullachadh a chur ann airson dòigh-obrach clàs èirigh na grèine a chruthaicheas dleastanas coileanaidh a tha a' toirt dìon do luchd-seilbh chòraichean agus aig an aon àm a tha a' toirt ùine do luchd-giùlain dhleastanasan ullachadh airson làn ghnìomhachadh den fhrèam-obrach reachdail.
Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 13
Gum bi pròiseas com-pàirteachail ann gus na prìomh dhleastanasan as ìsle a thaobh chòraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail a tha stèidhichte a mhìneachadh, agus dleastanas soilleir a bhith ann airson coileanadh mean air mhean gus taic a chumail ri buileachadh èifeachdach den fhrèam-obrach, a bheir aire do shusbaint gach còir.
Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 16
Beachdaich barrachd air an dòigh-obrach as fheàrr gus dèanamh cinnteach gu bheil soilleireachd agus cinnt ann gu bheil actairean prìobhaideach buntainneach a tha a' lìbhrigeadh dhleastanasan poblach, agus gnìomhan co-cheangailte ri lìbhrigeadh chòraichean taobh a-staigh an fhrèam-obrach, taobh a-staigh raon-ùghdarrais nan dleastanasan san fhrèam-obrach.
Is e am bun-amas againn frèam-obrach a lìbhrigeadh far am bi luchd-giùlain dhleastanasan air an ullachadh nas fheàrr agus comasach air a bhith a' toirt urram agus dìon do chòraichean muinntir na h-Alba agus a bhith a' coileanadh nan còraichean sin. Bidh na dleastanasan deatamach gus ar n-àrd-amasan airson a' Bhile a thoirt gu buil, oir bidh iad a' suidheachadh dè na gnìomhan a dh'fheumas luchd-giùlain dhleastanasan air feadh na h-Alba a ghabhail. Tha sinn ag iarraidh gum bi am Bile a' toirt seachad seata de dhleastanasan a tha a' nochdadh farsaingeachd nan còraichean daonna eadar-nàiseanta agus a' toirt seachad ullachaidhean airson dleastanasan a choileanas an dà chuid builean ann an cleachdadh do dhaoine (susbainteach) agus dleastanasan a tha a' mìneachadh cùrsa gnìomh (modha). Cho fad 's as urrainn dhuinn, tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi an cothromachadh ceart ann sa Bhile eadar a bhith a' toirt dìon do luchd-seilbh chòraichean agus cuideachd a' lìbhrigeadh Bile a bheir soilleireachd do luchd-giùlain dhleastanasan agus a bheir ùine gu leòr airson buileachadh agus atharrachadh brìoghmhor ann an cleachdadh.
Cò ris a bhios na dleastanasan a' buntainn
Tha sinn den bheachd gum bu chòir na dleastanasan a bhith a' buntainn, chun na h-ìre as motha 's a ghabhas, ri buidhnean a tha a' lìbhrigeadh ghnìomhan poblach tiomnaichte. Beachdaichidh sinn gu faiceallach air toradh ath-bheachdachadh Bile UNCRC ann a bhith a' cuideachadh ar smaoineachadh san raon seo agus nì sinn barrachd obair com-pàirteachaidh. A thaobh actairean prìobhaideach, mar thoiseach tòiseachaidh bhiomaid airson an aon dòigh-obrach a chleachdadh sa thathar a' moladh ann am Bile an UNCRC, a tha a' buntainn ri buidhnean (a' gabhail a-steach actairean prìobhaideach) a tha a' coileanadh ghnìomhan poblach, a' gabhail a-steach cùmhnant no rèiteachadh eile le ùghdarras poblach.
Ceist
19. Dè do bheachd air cò ris a bu chòir na dleastanasan sa Bhile a bhith a' buntainn?
Dleastanas Modha Tùsail
Tha sinn airson dleastanas modha tùsail a chur air luchd-giùlain dhleastanasan cho luath 's a ghabhas às dèidh dhan Bhile a dhol na Achd. Bhiodh an dleastanas seo a' cuimseachadh air dèanamh cinnteach gu bheil luchd-giùlain dhleastanasan a' toirt aire do na còraichean sa Bhile, gan togail a-steach do chruth nam pròiseasan co-dhùnaidh aca agus gan gabhail a-steach gu h-iomchaidh ann an lìbhrigeadh sheirbheisean. Dh'fhaodadh seo buntainn ri leasachadh poileasaidh no prògram, agus reachdas ùr, a bharrachd air pròiseasan buidseit agus co-dhùnaidhean. Tha an dòigh-obrach seo ag amas air cothromachadh fhaighinn eadar a bhith a' lìbhrigeadh barrachd dìon do luchd-seilbh chòraichean agus a' toirt an ùine a dh'fheumar do luchd-giùlain dhleastanasan ullachadh airson nan dleastanasan nas treasa a tha air am mìneachadh gu h-ìosal.
Ceist
20. Dè do bheachd air an dleastanas modha tùsail a thathar a' moladh gus còraichean fhighe a-steach ann an dèanamh cho-dhùnaidhean?
Dleastanas coileanaidh
Ged a chuidicheas an dleastanas modha gus na còraichean fhighe a-steach do phròiseasan co-dhùnaidh, gus am bi am Bile a' cuideachadh gus buaidh chruth-atharrachail a thoirt gu buil, bidh feum aig a' cheann thall air dleastanas coileanaidh nas treasa. Bhiodh an dleastanas seo ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil feum air builean sònraichte le spèis do chòraichean a bhith air an coileanadh le luchd-giùlain dhleastanasan, a' dol nas fhaide na dleastanas le fòcas air a' phròiseas co-dhùnaidh gu dleastanas le fòcas air cumail ris a' chòir. Mar sin tha sinn airson dleastanas a chur air luchd-giùlain dhleastanasan cumail ri prìomh chòraichean ICESCR agus còir air àrainneachd fhallain, mar a chaidh a mhìneachadh gu h-àrd (faic an earrann air a' Mhodail Stèidheachaidh ann am Pàirt 4). Chuidicheadh an dleastanas seo sa Bhile le bhith a' lìbhrigeadh builean chòraichean daonna nas fheàrr do luchd-seilbh chòraichean, chuidicheadh e le bhith a' stiùireadh leasachaidhean ann an lìbhrigeadh sheirbheisean poblach, neartaicheadh e cunntachalachd, agus bhrosnaicheadh e ùghdarrasan poblach gus dòighean-obrach chòraichean daonna fhighe a-steach nan cuid obrach.
Tha diofar phàirtean ann a bhith a' dearbhadh coileanadh, air an tarraing bho lagh eadar-nàiseanta, a tha air am mìneachadh barrachd gu h-ìosal.
Ceist
21. Dè do bheachd air an dleastanas choileanaidh a thathar a' moladh?
Ag aithris
Dh'fheumadh an dleastanas aithris a bhith air luchd-giùlain dhleastanasan mar phàirt den dòigh-obrach gus an urrainn dhaibh sealltainn de na gnìomhan a tha iad a' gabhail agus an dùil a ghabhail gus dèanamh cinnteach gu bheil na còraichean sa Bhile gan toirt air adhart agus air an gabhail a-steach ann an co-dhùnaidhean. Tha sinn a' beachdachadh, a thaobh an dleastanais sin, am bu chòir dhuinn an dòigh-obrach a thathar a' cleachdadh ann an earrann 15 de Bhile an UNCRC a leantainn. Tha modalan aithris eile ann airson dleastanasan eile san roinn phoblaich, mar eisimpleir Dleastanasan Sònraichte na h-Alba a tha mar bhunait do Dhleastanas Co-ionannachd na Roinne Poblaich[26] agus riatanasan fo Dhleastanas Alba nas Cothromaiche[27] . Gu deatamach, tha sinn ag amas air frèam-obrach a chruthachadh far am bi ùghdarrasan poblach ag aithris an dà chuid air gnìomhan a rinneadh roimhe ach cuideachd air planaichean airson an ama ri teachd airson a bhith a' cur an gnìomh nan còraichean agus nan dleastanasan sa Bhile. Tha sinn a' leantainn oirnn a' rannsachadh mar a bhiodh seo ag eadar-obrachadh le buileachadh iomlan a' Bhile airson ùghdarrasan poblach ann an Alba (mar a tha air a dheasbad barrachd ann am Pàirt 9 den cho-chomhairle seo). Tha sinn cuideachd ag aithneachadh gum feumar co-thaobhadh ri dleastanasan aithris làithreach gus leigeil le buidhnean poblach dòigh-obrach a chleachdadh a tha iomchaidh agus brìoghmhor a thaobh aithris, agus bhiodh sinn ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil dleastanasan sam bith a thathar a' moladh sa Bhile a thaobh aithris a' dol còmhla ri, agus chan ann a' dùblachadh, na dleastanasan a th' ann mar-thà. Chuireamaid fàilte air beachdan air mar as fheàrr a dh'fhaodadh seo obrachadh ann an cleachdadh.
Ceistean
22. A bheil thu a' smaoineachadh gum bu chòir riatanas a bhith air ùghdarrasan poblach sònraichte aithris a dhèanamh air na gnìomhan a tha iad an dùil a ghabhail, agus dè na gnìomhan a tha iad air gabhail, gus na dleastanasan a tha air am mìneachadh sa Bhile a choileanadh?
23. Dè an dòigh as fheàrr gus an dleastanas aithris a thathar a' moladh a cho-thaobhadh ris na dleastanasan aithris a th' air ùghdarrasan poblach mar-thà?
A' cur an gnìomh Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarach agus Còir air Àrainneachd Fhallain mean air mhean
Ann an lagh eadar-nàiseanta, thathar a' tuigsinn gu farsaing gu bheil còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail feumach air an dà chuid bun-ìre (faic an earrann air bun-dhleastanasan gu h-ìosal), agus gum bi na còraichean air an toirt gu buil mean air mhean thar ùine a' cleachdadh nan stòrasan as motha a tha rim faighinn. Tha seo stèidhichte air an tuigse gum faodar còraichean leithid còir air slàinte agus còir air inbhe-beatha iomchaidh a leasachadh gu leantainneach thar ùine agus a rèir stòrasan na dùthcha. Chan eil seo a' ciallachadh gu bheil coileanadh mean air mhean a' leigeil le stàitean an dleastanasan a sheachnadh - an àite sin, tha e na dhùil gun gluais stàitean cho luath agus cho èifeachdach 's a ghabhas gus dèanamh cinnteach gun tèid na còraichean sin a choileanadh gu h-iomlan. Tha am bun-bheachd coileanadh mean air mhean air a tharraing bho Alt 2(1) den ICESCR, a tha ag ràdh:
"Tha gach Pàrtaidh Stàite sa Chùmhnant ag aontachadh ceumannan a ghabhail, leotha fhèin agus tro thaic agus co-obrachadh eadar-nàiseanta, gu sònraichte eaconamach is teicnigeach, chun na h-ìre as àirde de na stòrasan a tha rim faighinn, le sùil ri coileanadh mean air mhean air na còraichean a tha aithnichte anns a' Chùmhnant seo anns a h-uile dòigh iomchaidh, a' gabhail a-steach gu sònraichte a bhith a' gabhail ri ceumannan reachdail."
Thathar a' tuigsinn gu bheil gnìomhan stàite a' gabhail a-steach riatanasan gus ceumannan cuimsichte, sònraichte agus a dh'aona ghnothach a ghabhail; na stòrasan as motha a tha rim faighinn a chruinneachadh agus a chur gu feum; agus a bhith a' dèanamh cinnteach nach tèid na còraichean a tharraing air ais.
Is e ar rùn gum feum an dleastanas a bhith a' cumail ri còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail agus ris a' chòir air àrainneachd fhallain, a tha air am mìneachadh sa Bhile, toirt air luchd-giùlain dhleastanasan na còraichean sin a thoirt gu buil mean air mhean, a rèir na tuigse air coileanadh mean air mhean agus gnìomh Stàite ann an lagh eadar-nàiseanta.
Bun-dhleastanasan airson Chòraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarach agus Còir air Àrainneachd Fhallain
Mar a chaidh ainmeachadh gu h-àrd, ann an lagh eadar-nàiseanta, thathar a' tuigsinn san fharsaingeachd gum feumar bun-dhleastanasan a choileanadh airson chòraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail. Thathar a' tuigsinn gu bheil iad seo a' ciallachadh na bun-ìre gus còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail a lìbhrigeadh, agus tha iad a' suidheachadh nan ìrean as ìsle a dh'fheumas dùthaich daonnan a chumail suas ge b' e dè na stòrasan a th' ann. Ann an lagh eadar-nàiseanta, feumar cumail ri bun-dhleastanas na còrach sa bhad mura h-eil e follaiseach gu bheil e do-dhèanta dhan stàit sin a dhèanamh. Mar sin, is e a' bhunait as ìsle a tha seo air an tog gnìomhachadh mean air mhean na còrach.
Is e ar rùn gum feum an dleastanas a bhith a' cumail ri còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail agus ris a' chòir air àrainneachd fhallain, a tha air am mìneachadh sa Bhile, toirt air luchd-giùlain dhleastanasan bun-dhleastanas na còrach a lìbhrigeadh. Bhiodh an riatanas seo a' dol còmhla ris an riatanas air luchd-giùlain dhleastanasan a' chòir a thoirt gu buil mean air mhean, seachad air a' bhunait as ìsle. Tha sinn an dòchas gun dèan seo cinnteach gum fuirich bun-dhleastanasan mar an ìre as lugha de choileanadh agus nach bi iad nam 'mullach'.
Ann an lagh eadar-nàiseanta, chaidh bun-dhleastanasan a chruthachadh tro stiùiridhean a sgrìobh Comataidh nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarail. Tha an eisimpleir gu h-ìosal a' sealltainn dòigh-obrach na Comataidh a thaobh a bhith a' mìneachadh prìomh shusbaint còir ICESCR air slàinte.
Na Bun-Dhleastanasan: A' Chòir air an ìre as àirde 's as urrainn de shlàinte chorporra is inntinn
Tha Beachd Coitcheann 14[28] aig a' Chomataidh a' suidheachadh stiùireadh air dè bu chòir a bhith air am measadh mar Bhun-dhleastanasan aig a' chòir seo. San fharsaingeachd tha seo a' gabhail a-steach co-dhiù:
- cothrom air agus sgaoileadh cothromach de ghoireasan, bathar agus seirbheisean slàinte gun leth-bhreith, gu sònraichte dhaibhsan a tha so-leònte agus air an iomall
- an ìre as lugha a tha a dhìth de bhiadh beathachail gus dèanamh cinnteach nach bi acras air duine sam bith
- fasgadh, taigheadas agus slàintealachd bhunaiteach, agus uisge iomchaidh
- drogaichean deatamach
- ro-innleachd agus plana gnìomha nàiseanta a thaobh slàinte a' phobaill stèidhichte air fianais
A bharrachd air seo, tha an stiùireadh ag ràdh gum feum Stàitean prìomhachas a chur air na leanas cuideachd:
- a' toirt seachad cùram slàinte gintinn, màthaireil (ro-bhreith a bharrachd air iar-bhreith) agus cùram slàinte do chloinn
- banachdach an aghaidh ghalaran gabhaltach mòra
- casg agus smachd air galaran epidemic agus endemic
- foghlam agus cothrom air fiosrachadh mu chùisean slàinte, a' gabhail a-steach casg agus smachd
- trèanadh do luchd-obrach slàinte, a' gabhail a-steach foghlam air slàinte agus còraichean daonna
Tha e cudromach cuimhneachadh gu bheil an eisimpleir gu h-àrd a' riochdachadh mìneachadh na Comataidh agus gum faodar a chleachdadh mar bhunait airson tuigse nas soilleire, a thogail, tro phròiseas com-pàirteachaidh, air bun-shusbaint chòraichean airson co-theacs sònraichte na h-Alba. Faodar stiùireadh fhaighinn cuideachd bho chleachdadh dhùthchannan eile agus bho na dòighean-obrach aca a thaobh dìon bhun-dhleastanasan a tha air am mìneachadh leis na frèaman bun-reachdail aca. Tha eisimpleirean air an do chuir sinn fòcas a' gabhail a-steach na dòigh-obrach a chaidh a chleachdadh sa Ghearmailt a thaobh 'existenzminimum', a' chòir 'dheatamach as ìsle' ann an Colombia, agus an 'inbhe reusantachd' ris an do ghabh Cùirt Bhun-reachdail Afraga a Deas. Ged as urrainn Beachdan Coitcheann agus eisimpleirean de chleachdadh ann an dùthchannan eile stiùireadh feumail a thoirt seachad a thaobh bhun-dhleastanasan airson a' Bhile, chan eil iad a' toirt seachad an deilbh iomlain agus bu chòir coimhead orra mar bhun-stèidh air an gabh bun-ìre a thogail a tha a' nochdadh mar a tha na feumalachdan bunaiteach, iomadachd, cultar, agus comas stòrais iomlan na h-Alba a' sìor atharrachadh. Tha e an urra ris an dùthaich no ris an uachdranas dearbhadh dè an t-susbaint iomlan a bu chòir a bhith anns na bun-dhleastanasan aice.
Gus bun-ìre a lìbhrigeadh do mhuinntir na h-Alba, a tha a rèir a' chleachdaidh as fheàrr, air a togail air bunaitean làidir agus aig a bheil dligheachd dheamocratach, tha sinn a' moladh dòigh-obrach chom-pàirteachail airson mìneachadh dè tha taobh a-staigh cridhe gach còir. Tha sinn a' beachdachadh air cò ris a bhiodh am pròiseas seo coltach, stèidhichte air stiùireadh agus deagh chleachdadh eadar-nàiseanta agus le luach bunaiteach urram daonna a bhith mar stiùireadh air cò ris a bu chòir bun-dhleastanas a bhith coltach. Cuidichidh seo sinn le bhith a' coileanadh an rùin gum bi am Bile a' dìon na feadhna as motha a tha feumach air sa chomann-shòisealta. Tha sinn a' beachdachadh air mar a dh'fhaodadh toradh a' phròiseas com-pàirteachaidh seo a bhith air fhighe a-steach dhan fhrèam-obrach agus mar a dh'fhaodadh bun-dhleastanasan a bhith mar bhunait air an dleastanas choileanaidh sa Bhile. Gus dèanamh cinnteach gu bheil bun-dhleastanasan fhathast buntainneach agus fhathast a' toirt dìon dhaibhsan aig a bheil na còraichean as buailtiche gun a bhith air an coileanadh, tha sinn a' beachdachadh air an dòigh as fheàrr air ullachadh airson pròiseas a ghabhas ath-aithris aig amannan iomchaidh gus dèanamh cinnteach gun tèid atharrachaidhean riatanach a dhèanamh air susbaint thùsail nam bun-dhleastanasan. Bidh sinn a' dèanamh co-chomhairleachadh nas motha nuair a bhios ar smaoineachadh nas leasaichte a thaobh a' phròiseis com-pàirteachaidh agus mar a ghabhas a ruith gu h-èifeachdach.
Le bhith a' suidheachadh bun-ìre airson Alba, tha comas ann buaidh mhòr a thoirt air dearbhadh nam feumalachdan as bunaitiche aig daoine ann an Alba a dh'fheumar a phrìomhachadh agus a thoirt gu buil sa bhad. Tha an dòigh-obrach againn a rèir àrd-amasan a' Bhile agus muinntir na h-Alba. Ach, tha e cudromach a bhith ag aithneachadh agus a' cur an cèill nàdar nam bun-dhleastanasan mar làr bunaiteach de dhìon chòraichean a ghabhas a choileanadh sa bhad agus fad na h-ùine le luchd-giùlain dhleastanasan. Agus sinn mothachail air seo, bidh an dòigh-obrach againn ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil am pròiseas airson mìneachadh nam bun-dhleastanasan a' faighinn a' chothromachaidh cheart eadar a bhith a' lìbhrigeadh dìon chòraichean dhaibhsan as iomallaiche agus fon anacothrom as motha sa chomann-shòisealta agus a' suidheachadh inbhe airson luchd-giùlain dhleastanasan ann an Alba a ghabhas a lìbhrigeadh.
Ceistean
24. Dè do bheachd air a' mholadh gum feumar dearbhadh gu bheilear a' cumail ri còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail, a bharrachd air còir air àrainneachd fhallain, tro bhun-dhleastanasan agus coileanadh mean air mhean?
25. Dè do bheachdan air a' chòir air àrainneachd fhallain a bhith a' tighinn fo sgèith nan aon dleastanasan ri còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail?
Dleastanas Sgeama Chòraichean Daonna fhoillseachadh
Tha sinn airson dleastanas a chur air Ministearan na h-Alba gus Sgeama Chòraichean Daonna fhoillseachadh (faic Pàirt 9 airson barrachd fiosrachaidh). Leis a seo, ghabhadh ceumannan buileachaidh coitcheann a chur gu soilleir taobh a-staigh frèam-obrach iomlan a' Bhile. Bidh an dleastanas gus Sgeama Chòraichean Daonna fhoillseachadh a' gabhail a-steach dleastanas aithris air Ministearan na h-Alba gus aithris a dhèanamh air gnìomhan a chaidh a ghabhail a thaobh riatanasan an Sgeama. Tha seo ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil cunntachalachd ann airson gnìomhan cunbhalach a bhith air an gabhail gus barrachd chòraichean daonna a bhuileachadh agus a choileanadh do mhuinntir na h-Alba. Dh'fhaodadh an Sgeama Chòraichean Daonna a bhith na dhòigh do Mhinistearan na h-Alba na planaichean aca airson buileachadh fhoillseachadh agus gus aithris air adhartas.
Ceist
26. Dè do bheachd air an dleastanas a thathar a' moladh gus Sgeama Chòraichean Daonna Fhoillseachadh?
Contact
Email: HumanRightsOffice@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback