A Human Rights Bill for Scotland: consultation - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the consultation.


PÀIRT 8: A' DÈANAMH CINNTEACH GUM FAIGH LUCHD-SEILBH CHÒRAICHEAN COTHROM AIR CEARTAS

Tha am pàirt seo den cho-chomhairle a' mìneachadh nam molaidhean againn airson a bhith a' cur ri cothrom air ceartas (an dà chuid sa chùirt agus taobh a-muigh na cùirt) do luchd-seilbh chòraichean a tha a' sireadh fuasgladh nuair a thèid cùisean ceàrr a thaobh nan còraichean agus nan dleastanasan a tha sa Bhile. Tha e cuideachd a' gabhail a-steach cumhachdan Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba. Tha mòran briathrachais laghail sa phàirt seo agus mar sin tha barrachd susbaint ann a tha a' mìneachadh na tha sinn a' ciallachadh na tha anns na pàirtean eile.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil thu fo anacothrom mus tòisich thu fiù 's air sgàth ... chan eil annad ach doirbeag bheag, eil fhios agad, agus gu bheil thu a' faireachdainn gu bheil thu a' dol fodha. Agus tuigidh mi ma tha cuid de dhaoine ag iarraidh cothrom fhaighinn air ceartas san lagh agus sinn a' bruidhinn air Achd nan Còraichean Daonna, chì mi gun can tòrr dhaoine, eil fhios agad, "chan eil mi dha-rìribh ag iarraidh a dhol an sàs san dol a-mach sin, oir carson a chuirinn fhèin tron bhriseadh-cridhe agus troimhe-chèile sin? Agus mar sin tha mi dìreach a' dol ga sheachnadh", agus an uair sin, mar sin, chan fhaigh iad an ceartas a bu chòir dhaibh fhaighinn" – ball de Bhòrd an Eòlais Bheatha

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 21

Tro chom-pàirteachadh le prìomh luchd-ùidh, a' gabhail a-steach an fheadhainn aig a bheil bacaidhean a bharrachd mu choinneamh ceartais, beachdaichidh sinn barrachd air fuasglaidhean ruigsinneach, air prìs reusanta, ann an deagh àm agus èifeachdach agus slighean gu fuasglaidhean tro ullachaidhean fon fhrèam-obrach.

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 26

Mar phàirt de bhith a' cruthachadh an fhrèam-obrach, dèan barrachd sgrùdaidh air cothrom air ceartas, a' gabhail a-steach beachdan luchd-seilbh chòraichean, gus coimhead air mar a dh'fhaodadh am frèam-obrach cuideachadh le bhith a' toirt seachad slighe fuasglaidh laghail nas ruigsinniche, air prìs reusanta, nas èifeachdaiche agus ann an àm nas fheàrr.

Tha e deatamach gun dèanar cinnteach gum bi cothrom èifeachdach air ceartas far an deach còir aig neach-seilbh chòraichean a bhriseadh le ùghdarras poblach. Tha e do-sheachanta gun tèid cùisean ceàrr uaireannan, agus far a bheil seo a' tachairt feumar a rèiteach gu sgiobalta agus tràth. Mar sin tha sinn airson togail air agus a bhith a' neartachadh a' bhun-structair a th' ann an-dràsta de sheirbheisean poblach tiomnaichte, buidhnean sgrùdaidh, dòighean-obrach gearain neo-eisimeileach, buidhnean chòraichean daonna, agus na cùirtean, gus cothroman air ceartas a neartachadh.

Ged is dòcha gur e a' chùirt an t-àite as fheàrr airson beachdachadh air cùis shònraichte aig a' cheann thall (mar eisimpleir, far a bheilear a' dèanamh argamaid nach eil pìos de reachdas na h-Alba a' freagairt ri còraichean cùmhnaint a chaidh a thoirt a-steach, no gu bheil duilgheadas siostamach ann le iomadach adhbhar air a sgaoileadh thairis air iomadh siostam), agus gu bheil cothrom air cùirtean fhathast na phrìomh fheart de na molaidhean sin, airson a' mhòr-chuid de dhaoine fa leth agus airson iomadach cùis, is dòcha nach e a bhith a' dol dhan chùirt am fuasgladh as fheàrr. Tha fios againn gu bheil e a' faireachdainn gu math dùbhlanach do luchd-seilbh chòraichean a bhith a' sireadh fuasgladh agus gu bheil e a' toirt buaidh mhòr orra gu pearsanta, agus mar sin tha e cudromach taic a thoirt do luchd-giùlain dhleastanasan gus co-dhùnaidhean stèidhichte air còraichean daonna fhaighinn ceart a' chiad uair.

Tha sinn den bheachd gu bheil neartachadh na dòigh-obrach a thaobh cunntachalachd, comhairle agus tagradh nam prìomh eileamaidean gus cuideachadh le bhith a' faighinn fuasgladh air cùisean cho luath 's a ghabhas agus gus nach fheum daoine a dhol dhan chùirt ma ghabhas a sheachnadh. Cuidichidh a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil na pàirtean sin ag obair gu math le bhith a' dèanamh chòraichean nan rudan fìor do dhaoine agus gus dòigh-obrach stèidhichte air còraichean a chur an sàs gus an cumail cunntachail. Tha sinn ag iarraidh gluasad gu modail a tha fìor ioma-institiudach gus còraichean a dhìon agus le co-obrachadh nas treasa eadar luchd-giùlain dhleastanasan air am bi e mar dhleastanas na còraichean sa Bhile a sheasamh.

Nuair a thèid na laghan agus na dleastanasan sa Bhile a chur an sàs, feumaidh fuasglaidhean a bhith:

  • Ruigsinneach - tha tuigse shoilleir aig an neach air mar as urrainn dhaibh an duilgheadas aca fhuasgladh tron t-siostam
  • Air prìs reusanta - feumaidh a' chosgais ionmhasail dhan neach a bhith cho ìosal 's a ghabhas
  • Ùine - feumar dèiligeadh ris a' chùis cho luath 's a ghabhas
  • Èifeachdach - feumaidh am fuasgladh toradh nas fheàrr a lìbhrigeadh dhan neach

"Chan eil an neart aig daoine [gearan a thoirt air adhart]. Agus mar sin, cha dèan iad [gearan], oir tha iad cho trang 's a ghabhas mar-thà leis na duilgheadasan eile sa bheatha làitheil aca. Agus an dha-rìribh leis an spionnadh sin, gun luaidh air airgead agus ùine airson gearan foirmeil a thoirt air adhart, tha sin a' dol a chleachdadh do neart faireachail uile, bidh e gu math trom ort, agus tha fios gu bheil duilgheadasan gu leòr agad mar-thà. Mar sin, bidh iad ga fhàgail agus chì mi seo uair is uair, gun tèid brisidhean chòraichean dìreach fhàgail. No glè thric ann an da-rìribh, faodaidh tòrr bhrisidhean beaga a bhith ann bho ghrunn bhuidhnean eadar-dhealaichte agus bho dhiofar dhaoine. Agus tha e uabhasach duilich sin a chur an cèill oir tha tòrr rudan beaga ann. Agus an uair sin is dòcha nach bi iad airson a dhol air adhart." – ball de Bhòrd an Eòlais Bheatha

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 19

Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air mar as urrainn do bhuidhnean sgrùdaidh a bhith a' faighinn taic tro bhith a' faighinn stòrasan iomchaidh agus stiùireadh soilleir air an cuid dhleastanasan taobh a-staigh an fhrèam-obrach gus sùil èifeachdach a chumail air planaichean buileachaidh frèam-obrach luchd-giùlaindhleastanasan.

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 22

Beachdaich barrachd air dleastanasan sònraichte a bhith air an cur air dòighean-làimhseachaidh ghearanan loidhne-aghaidh agus air buidhnean sgrùdaidh gus cothrom air ceartas àrdachadh agus gus dèanamh cinnteach gu bheil dleastanasan chòraichean daonna air an toirt gu buil leis a h-uile ùghdarras poblach.

Chuir Bòrd an Eòlais Bheatha cuideam air cho cudromach 's a tha e dèiligeadh gu h-èifeachdach ri gearanan tùsail, agus gum feumar taic a thoirt do luchd-obrach loidhne-aghaidh gus freagairt gu h-èifeachdach. Chomharraich iad cuideachd cho cudromach 's a tha pròiseas soilleir a tha furasta a leantainn do luchd-seilbh chòraichean. Mar sin tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil dòighean làimhseachaidh loidhne-aghaidh làidir agus èifeachdach aig ùghdarrasan poblach gus dèiligeadh ri gearanan a thaobh nan còraichean sa Bhile. Tha sinn airson togail air na structaran a th' ann mar-thà agus còraichean daonna a chur aig cridhe an t-siostaim, seach pròiseasan fa leth a bharrachd a chruthachadh airson gearanan mu chòraichean daonna. Oir, dh'fhaodadh siostam eadar-dhealaichte troimh-chèile adhbharachadh do luchd-seilbh chòraichean ann an siostam a tha mar-thà a' faireachdainn toinnte agus doirbh dèiligeadh ris. Tha sinn air conaltradh le raon de luchd-ùidh, a' gabhail a-steach Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO), SHRC agus buidhnean sgrùdaidh, gus cuideachadh gus cumadh a thoirt air na molaidhean sin.

Tagradh

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tagradh fìor chudromach. Tha mi a' smaoineachadh mun turas a chaidh mi gu ath-sgrùdadh laghail às aonais neach-tagraidh - bha sin na mhearachd mhòr nach dèan mi a-rithist. Oir tha suidheachaidhean ann cuideachd nuair a tha na h-ùghdarrasan ag obair còmhla - tha tòrr dhiubh ann agus ach chan eil ann nan aghaidh ach thu fhèin. Mar sin, tha grunn ghuthan ann an aghaidh aon ghuth agus cha bhuannaich thu san t-suidheachadh sin." Thuirt ball eile "Feumaidh cothrom tagraidh a bhith ri fhaighinn do phàrantan, dhan teaghlach gu lèir, do luchd-cùraim, agus feumar aithneachadh gun urrainn luchd-cùraim uaireannan an guth a thogail do dhaoine nach bi a' bruidhinn." – Ball de Bhòrd an Eòlais Bheatha

Nuair a bhios sinn a' bruidhinn air tagradh, tha sinn a' toirt iomradh air tagradh, fiosrachadh agus comhairle a thèid a thoirt do agus às leth luchd-seilbh chòraichean a thaobh nan còraichean anns a' Bhile. Tha seirbheisean tagraidh ann gus taic agus riochdachadh a thoirt do dhaoine gus an urrainn dhaibh an còraichean a chur an sàs. Tha iad nan goireas cudromach ann a bhith a' cuideachadh gus dèanamh cinnteach gun urrainn do dhaoine an còraichean a thoirt gu buil agus cothrom fhaighinn air ceartas far a bheil cùisean a' dol ceàrr. Leis gu bheil slighean fuasglaidh gu tric iom-fhillte, faodaidh pàirt deatamach a bhith aig seirbheisean tagraidh ann a bhith a' cuideachadh luchd-seilbh chòraichean gus dèiligeadh ris an t-siostam.

Tha cho cudromach 's a tha tagradh air a bhith na chuspair cumanta anns na còmhraidhean aig Bòrd an Eòlais Bheatha. Cha do rinn a' Bhuidheann-gnìomh moladh sònraichte a thaobh tagradh ach dh'aithnich iad cho cudromach 's a bha e leasachaidhean a dhèanamh air cothroman air ceartas tro thagradh agus riochdachadh agus dh'aithnich iad gun robh cothrom ann seirbheisean tagraidh a bhith ann do bharrachd dhaoine nuair a bhios feum orra. Thug iad fa-near nach robh e furasta dèiligeadh ri fuasglaidhean às aonais fiosrachadh agus comhairle mu chòraichean agus tagradh neo-eisimeileach.

Tha grunn sheirbheisean tagraidh ann mar-thà a tha a' toirt taic seachad gus daoine a chuideachadh gus an còraichean a thoirt gu buil. Tha dleastanasan ann cuideachd gus tagradh neo-eisimeileach a sholarachadh ann an grunn raointean, a' gabhail a-steach seirbheisean slàinte-inntinn, tèarainteachd shòisealta agus ann an èisteachdan chloinne. Tha Bile an UNCRC a' cur riatanas air Ministearan na h-Alba ullachadh a chur air dòigh gus dèanamh cinnteach gum bi clann comasach air pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean a tha a' toirt buaidh orra le cothrom air taic is riochdachadh, leithid seirbheisean tagraidh, mar phàirt den Sgeama Chòraichean Chloinne. Tha am Bile sin cuideachd a' cur dleastanas air ùghdarrasan poblach a tha air an ainmeachadh ann an earrann 16 den Bhile aithisgean ullachadh agus fhoillseachadh air na rinn iad gus cumail ri riatanasan UNCRC (mar a tha air am mìneachadh ann an clàr a' Bhile sin) agus gus buaidh nas fheàrr no nas motha fhaighinn a thaobh còraichean chloinne. Dh'fhaodadh gum bi mion-fhiosrachadh anns na h-aithisgean sin mu sholarachadh taic tagraidh ach chan eil seo air a mhìneachadh air aghaidh a' Bhile. Bidh feum air na h-aithisgean gach trì bliadhna (mar a bha iad fo Achd na Cloinne is na h-Òigridh (Alba) 2014).

Tha sinn gu faiceallach a' beachdachadh air an dòigh-obrach a thathar a' cleachdadh ann am Bile an UNCRC, agus air cho iomchaidh a bhiodh e leis na còraichean sònraichte a tha sinn a' toirt a-steach agus leis a' mheasgachadh fharsaing de luchd-seilbh chòraichean. Tha sinn fosgailte do bheachdan air na dòighean as èifeachdaiche air taic a thoirt do dhaoine gus na còraichean anns a' Bhile a choileanadh. Is e ar prìomh amas piseach a thoirt air cothrom air ceartas ann an co-theacs a' Bhile agus gus dèanamh cinnteach gu bheil seirbheisean uidheamaichte gus an taic a tha a dhìth air luchd-seilbh chòraichean a thoirt seachad.

Ceist

27. Dè do bheachd air na dòighean as èifeachdaiche air taic a thoirt do sheirbheisean tagraidh agus/no comhairle gus luchd-seilbh chòraichean a chuideachadh gus an còraichean fon Bhile a thoirt gu buil?

Taic Laghail

Tha cothrom air taic laghail na phàirt chudromach ann a bhith a' toirt taic do luchd-seilbh chòraichean an còraichean fhaighinn tro na cùirtean, far an roghnaich iad sin a dhèanamh. Tha sinn fhathast dealasach a thaobh ath-leasachadh a dhèanamh air an t-siostam taic laghail a th' ann an-dràsta gus an neach-cleachdaidh a chur aig cridhe chùisean.

A' toirt piseach air làimhseachadh ghearanan

Tha àite cudromach aig an SPSO ann a bhith a' foillseachadh mhodhan làimhseachadh ghearanan, còmhla ri sgrùdadh agus a bhith a' cumail taic ri deagh chleachdadh ann an làimhseachadh ghearanan an co-cheangal ri mòran raointean tiomnaichte. Gus ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus na pròiseasan gearain aghaidh aca a chruthachadh a thaobh nan còraichean anns a' Bhile, tha sinn a' dèanamh rannsachadh leis an SPSO air a' chomas aca gus na modhan-obrach modail aca airson gearanan ùrachadh gus am bi iad a' nochdadh nan dleastanasan sa Bhile. Fon mholadh seo, bhiodh e comasach dhan SPSO brathan neo-choileanaidh a chur a-mach nuair a gheibhear a-mach gun robh ùghdarras poblach ainmichte air gnìomhan a ghabhail ann an dòigh nach robh a rèir nam modhan ùraichte seo.

Ag àrdachadh gearan

Nuair nach urrainn dhan ùghdarras phoblach a tha an sàs sa chùis fuasgladh fhaighinn air gearanan aig a' chiad ìre seo, faodar an cur gu SPSO airson buidhnean a tha taobh a-staigh an raon-ùghdarrais aige. Is e an SPSO an ìre mu dheireadh airson gearanan mu iomadh seirbheis poblach tiomnaichte ann an Alba a' gabhail a-steach comhairlean, seirbheis na slàinte, prìosanan, solaraichean uisge is òtrachais, Riaghaltas na h-Alba, oilthighean, agus colaistean. Tha còraichean daonna gu tric mar phrìomh phàirt de na cùisean a tha daoine fa leth a' toirt fa-near dhan SPSO agus mar sin tha sinn den bheachd gum biodh e ciallach seo fhighe a-steach do raon-ùghdarrais SPSO. Gus seo a dhèanamh, tha sinn a' moladh:

  • Raon-ùghdarrais chòraichean daonna nas sònraichte a chruthachadh airson suidheachadh far a bheil SPSO a' dèiligeadh ri gearan a chaidh àrdachadh. Fon dòigh-obrach seo, chan fheumadh an tagraiche iomradh sònraichte a thoirt air na còraichean sa bhile agus bheireadh e cothrom dhan SPCO beachdachadh air na dleastanasan sa Bhile mar phàirt de ghearan sam bith.
  • Thoir air falbh an cuingealachadh air an SPSO a tha a' fàgail nach urrainn dhaibh gearanan beòil fhaighinn ach a-mhàin ma tha suidheachadh sònraichte ann. Cuiridh seo ri ruigsinneachd an t-siostaim.
  • Beachdaich barrachd air cumhachdan do SPSO gus sgrùdaidhean a thòiseachadh fo an stiùir fhèin. Dh'fhaodadh seo cothrom a thoirt dhaibh coimhead air adhbharan dragh far nach deach gearan sam bith a thogail, no a bhith a' coimhead nas fhaide na gearan fa leth far a bheil a' chùis, is dòcha, a' toirt buaidh air daoine eile. Beachdaichidh sinn cuideachd air dòigh-obrach a chruthachadh airson daoine, a' gabhail a-steach buidhnean tagraidh, gus molaidhean a thoirt dhan SPSO airson raointean far an cuir e fòcas air a stiùir fhèin gun ghearan a bhith ann.
  • Nàdar neo-cheangailteach molaidhean SPSO a chumail gus am bi an ìre as motha de shùbailteachd aig an SPSO ann a bhith a' cur a-mach mholaidhean. Tha eachdraidh a' sealltainn gu bheil molaidhean bhon SPSO air an leantainn mar as àbhaist, agus tha comas aig an SPSO aithisg shònraichte a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba mura tèid an leantainn. Agus, dh'fhaodte gum bi molaidhean neo-cheangailteach feumail cuideachd gus leigeil le SPSO obrachadh le buidhnean poblach gus coileanadh nas fheàrr fhaighinn. Tha molaidhean airson ceartachaidh sùbailte agus faodaidh iad a bhith a' gabhail a-steach leisgeul agus gnìomh pragtaigeach gus cron sam bith a lasachadh.

Beachdaichidh sinn barrachd air mar a dh'fhaodadh a bhith a' cur air adhart gearain tron SPSO eadar-obrachadh le slighean cùirte gu fuasgladh, leithid ath-bhreithneachadh laghail.[29] Tha fios againn gur e gearanan poileis aon raon far a bheilear a' dèiligeadh ri gearanan taobh a-muigh uachdranas an SPSO, agus gu bheil cuid de raointean far a bheil uachdranas a' ruith thairis air a chèile eadar Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim agus an SPSO a thaobh a bhith a' sgrùdadh ghearanan. Beachdaichidh sinn air na ceistean sin barrachd.

Buidhnean sgrùdaidh

Faodaidh pàirt chudromach a bhith aig buidhnean sgrùdaidh ann a bhith a' cumail seirbheisean poblach tiomnaichte cunntachail a thaobh chòraichean daonna agus a' cuideachadh le bhith a' stiùireadh atharrachadh cultarail ann an lìbhrigeadh seirbheis.[30] Tha eisimpleirean de bhuidhnean sgrùdaidh a' gabhail a-steach Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim, Luchd-sgrùdaidh an Rìgh air Prìosanan airson Alba agus Riaghladair Taigheadais na h-Alba. Tha sinn airson raon-ùghdarrais chòraichean daonna nas sònraichte a chruthachadh airson bhuidhnean sgrùdaidh iomchaidh, gus an comas a neartachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil còraichean daonna freumhaichte ann an seirbheisean poblach, taobh a-staigh crìochan nan comasan tiomnaichte.[31] Gus seo a dhèanamh, tha sinn a' moladh:

  • Toirt air buidhnean sgrùdaidh, nuair a tha iad a' coileanadh an gnìomhan, measadh a dhèanamh air na buidhnean air a bheil iad a' coimhead thairis a rèir dleastanasan chòraichean daonna sa Bhile, agus beachdachadh air mar as urrainn do na buidhnean sin còraichean daonna a tha sa Bhile fhighe a-steach dhan obair aca.
  • Comas a thoirt do bhuidhnean sgrùdaidh a bhith ag obair nas dlùithe ri chèile – mar eisimpleir, ga dhèanamh nas fhasa fiosrachadh a cho-roinn mu chùisean chòraichean daonna, a bhith comasach air obrachadh còmhla nuair a thathar a' coimhead air cùisean chòraichean daonna agus fios a leigeil do bhuidhnean sgrùdaidh eile nam faodadh tar-iadh a bhith ann an cùisean air a bheil iad a' coimhead.
  • Toirt air buidhnean sgrùdaidh (a' gabhail a-steach an SPSO) fios a thoirt dhan SHRC mu chùisean siostamatach a thaobh chòraichean daonna a mhothaicheas iad, a bharrachd air fiosrachadh a thoirt do bhuidhnean iomchaidh eile (leithid an SPSO, Coimiseanair Chloinne is Dhaoine Òga na h-Alba, Coimisean Sunnd Inntinn agus Inbhean Àrainneachdail Alba) mu chùisean siostamach a thaobh chòraichean daonna a dh'fhaodadh a bhith buntainneach do na buidhnean aca.

Ceistean

28. Dè do bheachd air na molaidhean againn a thaobh modhan làimhseachadh ghearanan loidhne-toisich aig buidhnean poblach?

29. Dè do bheachd a thaobh nan atharrachaidhean a tha sinn a' moladh do raon-ùghdarrais Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba?

30. Dè do bheachdan air na molaidhean againn a thaobh bhuidhnean sgrùdaidh?

Cumhachdan aig Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba (SHRC)

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 11

Bu chòir cumhachdan a bharrachd a thoirt do Choimisean Chòraichean Daonna na h-Alba (SHRC) a' gabhail a-steach a bhith a' gabhail chùisean deuchainn agus a' dèanamh rannsachaidhean agus bu chòir beachdachadh air cumhachdan leudaichte sam bith a bharrachd a dh'fhaodadh a bhith ann.

Chaidh an SHRC a stèidheachadh ann an 2008, agus tha e ag obair mar Bhuidheann Chòraichean Daonna Nàiseanta na h-Alba. Is e coimisean pàrlamaideach neo-eisimeileach a th' ann, agus an-dràsta tha barantachadh inbhe-A aige taobh a-staigh siostam nan Dùthchannan Aonaichte (UN). Tha e mar dhleastanas coitcheann oirre còraichean daonna a bhrosnachadh agus, gu sònraichte, deagh chleachdadh a bhrosnachadh a thaobh chòraichean daonna. Tha cumhachd aice eadar-theachd a dhèanamh ann an cùisean catharra (ach a-mhàin èisteachdan chloinne), le ùmhlachd do na cùirtean catharra a' toirt cead dhi sin a dhèanamh. Anns na suidheachaidhean sin, faodaidh e a bhith mar threas pàrtaidh ùghdarrasach, seach a bhith a' riochdachadh taobh seach taobh. Tha cumhachd aige cuideachd rannsachaidhean a dhèanamh a thaobh poileasaidhean no cleachdaidhean ùghdarrasan poblach na h-Alba (le cuingealachdan air a' chomas sin a thaobh chùirtean agus tribiùnalan) leis a' chomas fianais a cho-èigneachadh agus a dhol a-steach gu àiteachan far a bheil daoine air an cumail fo ghreim. Chan eil cumhachd aige cuideachadh le tagraidhean no cùisean laghail, no comhairle, stiùireadh no tabhartasan a thoirt seachad co-cheangailte ri gnothaichean laghail. Bheir Bile an UNCRC cumhachdan a bharrachd dhan SHRC, a' gabhail a-steach cumhachd cùisean lagha a thoirt a-steach airson leas a' phobaill agus eadar-theachd a dhèanamh ann an cùisean lagha far a bheil neach ag ràdh gu bheil ùghdarras poblach air gnìomhan a ghabhail (no air moladh gnìomhan a ghabhail) ann an dòigh nach eil co-chòrdail ri riatanasan an UNCRC. Gus seo a dhèanamh, atharraichidh am Bile Achd Coimisean na h-Alba airson Còraichean Daonna 2006 gus cur às dhan chasg a th' ann aig an àm seo a bhith a' cuideachadh le tagraidhean no cùisean lagha, airson cùisean lagha fo Bhile an UNCRC a-mhàin. Bidh Bile an UNCRC cuideachd a' toirt air cùirtean fios a chur gu na Coimiseanairean (an SHRC agus Coimiseanair Chloinne is Dhaoine Òga Alba) far a bheil cùirt a' beachdachadh air dearbhadh cùirt cur às (strike-down declarator) no dearbhadh cùirt neo-chòrdalachd a dhèanamh a thaobh reachdas no far a bheil ceist na co-chòrdalachd ag èirigh ann an cùis sam bith air beulaibh cùirt no tribiùnal.

Tha sinn a' rannsachadh a bhith a' toirt cumhachdan ùra dhan SHRC anns na raointean a leanas, agus dh'fheumadh Bile nan Còraichean Daonna Achd Coimisean na h-Alba airson Còraichean Daonna 2006 atharrachadh. Gu sònraichte tha sinn a' faicinn luach ann a bhith a' leudachadh chumhachdan SHRC gu bhith a' gabhail a-steach na leanas mar thaic do bhuileachadh a' Bhile, sgrùdadh agus cunntachalachd:

  • Cumhachdan gus cùisean-lagha catharra a thoirt a-steach no a dhol an sàs ann an cùisean-lagha catharra fon Bhile;
  • Cumhachd sgrùdaidh gus am bi cunntachalachd ann airson cùisean siostamatach co-cheangailte ri còraichean sa Bhile (co-cheangailte ri cùisean catharra).

Thug sinn fa-near gu bheil grunn iarrtasan nas fharsainge ann airson Coimiseanairean a stèidheachadh le fòcas air adhartachadh chòraichean airson buihdhnean sònraichte, no ann an raointean sònraichte. Tha seo a' gabhail a-steach molaidhean airson Coimiseanairean airson boireannaich, daoine air a bheil ciorram agus seann daoine.

Chun na h-ìre is gu bheil cumhachdan ùra sam bith airson SHRC a' dol an lùib nan cumhachdan air a bheil sinn a' beachdachadh airson an SPSO, bhiomaid airson dùilean soilleir a stèidheachadh a thaobh co-roinn fiosrachaidh. Tha seo gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhan SPSO fiosrachadh iomchaidh a chumail ris an SHRC mu chùisean iomchaidh sam bith, cho math ri bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil conaltradh làidir ann eadar an dà bhuidhinn. Ma chruthaicheas sinn cumhachdan ùra sam bith dhan SHRC taobh a-staigh raon-ùghdarrais Coimiseanair Chloinne is Dhaoine Òga Alba (CYPCS), bu toil leinn beachdachadh air na cumhachdan seo a thoirt dha cuideachd, leis gu bheil na còraichean anns a' Bhile a' buntainn ri clann. Nì sinn barrachd conaltraidh leis an SHRC, an CYSPC agus Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba air cumhachdan ùra no leudachadh air raon-ùghdarrais coitcheann nam buidhnean, agus chuireamaid fàilte air beachdan air dè na cumhachdan sònraichte a bu chòir a bhith aig an SHRC gus am bi prìomh àite aig a' bhuidhinn taobh a-staigh an fhrèam-obrach ioma-institiud airson chòraichean daonna a dhìon agus a thoirt gu buil a tha sinn airson a thogail.

Ceistean

31. Dè do bheachd air cumhachdan a bharrachd do Choimisean Chòraichean Daonna na h-Alba?

32. Dè do bheachd air a bhith a' toirt nan aon chumhachdan seo do Choimiseanair Chloinne is Dhaoine Òga Alba far a bheil sin iomchaidh?

A' faighinn cothrom air ceartas tro na cùirtean

"Nuair a tha sinn air brisidhean fhaicinn, bha mi a-riamh a' faireachdainn le bhith a' togail mo ghuth, gu bheil mi a' bruidhinn às leth tòrr dhaoine, ach tha e coltach gu bheil an t-eallach orm…. ach chan urrainn dhomh a bhith a' gabhail os làimh na còrach air cluich no air foghlam mi fhèin, sin a' sùileachadh mòran. 'Chan e sinne a chruthaicheas an suidheachadh, thèid a chruthachadh leis an riaghaltas nuair nach fhaigh iad rudan ceart, nuair nach eil smachdan an sàs aca gus ar dìon sa chiad dol a-mach. Mar sin, 'eil fhios agad, carson a dh'fheumas sinn pàigheadh airson a dhol dhan chùirt gus a ràdh gun d' fhuair sibhse rudeigin ceàrr?"– diofar bhuill de Bhòrd an Eòlais Bheatha

Tha fuasglaidhean laghail nan eileamaidean cudromach de bhith a' dèanamh cinnteach gum bi deagh bhuaidh aig a' Bhile air luchd-seilbh chòraichean. Nar dòigh-obrach a thaobh slighean cùirte airson fuasgladh tron Bhile, tha sinn airson an t-eallach air daoine fa leth a tha a' sireadh ceartas a lùghdachadh, agus airson a dhèanamh nas fhasa na cùisean a tha a' toirt buaidh air mòran dhaoine a chomharrachadh agus fhuasgladh.

Cò as urrainn cùisean a thogail?

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 23

Ceadaich gu soilleir gum faod buidhnean le "com-pàirt gu leòr" cùisean-lagha a thoirt a-steach às leth thagraichean.

Tha 'Seasamh' a' ciallachadh cò aig a bheil còir laghail cùis a thogail leis na cùirtean airson ath-sgrùdadh laghail. 'S e an 'deuchainn com-pàirt gu leòr' an deuchainn airson seasamh a thaobh cùisean ath-bhreithneachaidh laghail ann an Cùirt an t-Seisein (ach a-mhàin far a bheil e stèidhichte air Achd nan Còraichean Daonna 1998). A rèir na deuchainn seo, feumaidh neach "dearbhadh gu bheil gu leòr com-pàirt aca ann an cuspair an tagraidh [airson ath-sgrùdadh laghail]"[32] . Tha seo a' ciallachadh gum faod daoine fa leth, a bharrachd air buidhnean a tha airson com-pàirt cho-roinnte le tòrr dhaoine eile a chur air adhart, cùisean a thoirt gu cùirt far an urrainn dhaibh com-pàirt gu leòr a nochdadh. Tha seo eadar-dhealaichte bhon "deuchainn neach-fulaing" nas cumhainge fo Achd nan Còraichean Daonna 1998, far am feum neach sealltainn, gun robh buaidh dhìreach orra leis a' bhriseadh a tha iad ag ràdh a bha ann.[33] Tha seo gu ìre mhòr a' cur bacadh air buidhnean bho bhith a' toirt a-steach cùis-lagha airson leas a' phobaill agus chan eil e cho sùbailte ris an dòigh-obrach com-pàirt gu leòr.

Chan eil Bile UNCRC a' dèanamh ullachadh sònraichte a thaobh seasamh, a tha a' ciallachadh gum biodh na riaghailtean àbhaisteach mu cò as urrainn cùisean a thoirt gu cùirt (ann am faclan eile, an deuchainn com-pàirt gu leòr) a' buntainn ri tagraidhean a thigeadh fon Bhile sin. Tha Bile an UNCRC cuideachd a' toirt chumhachdan ùra do Choimiseanair Chloinne is Dhaoine Òga Alba agus do Choimisean Chòraichean Daonna na h-Alba gus cùisean lagha a thoirt a-steach no a dhol an sàs annta. Tha sinn airson an aon dòigh-obrach seo a thaobh seasamh a thoirt a-steach airson cùisean catharra a chaidh a thogail fo Bhile nan Còraichean Daonna, gus am bi e comasach do bhuidhnean sa chomann shìobhalta aig a bheil com-pàirt gu leòr ann an cùis a bhith a' toirt air adhart cùisean lagha ma tha na cùirtean den bheachd gu bheil e iomchaidh ann an suidheachadh sònraichte. Neartaicheadh cumhachdan dhan SHRC agus is dòcha dhan CYPCS cuideachd a bhith a' toirt a-steach no a' dol an sàs ann an cùisean catharra fon Bhile comas nam buidhnean sin gus taic a thoirt do dhaoine fa leth agus gus dèiligeadh ri cùisean siostamatach tro na cùirtean.

Inbhe ath-bhreithneachaidh

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 24

Cuir a-steach san fhrèam-obrach dòigh-obrach a thaobh inbhe ath-bhreithneachaidh air reusantachd ceum a bheir aire do dh'inbhean lagh chòraichean daonna eadar-nàiseanta agus do dheagh chleachdaidhean coimeasach.

Tha 'inbhe ath-bhreithneachaidh' a' ciallachadh nan inbhean laghail a chleachdas cùirtean gus tighinn gu co-dhùnadh a bheil neach/buidheann-co-dhùnaidh air gnìomh a ghabhail gu laghail. Tha 'deuchainn Wednesbury' air aon de raon de dheuchainnean a chuireas na cùirtean an sàs ann an cùisean ath-bhreithneachaidh laghail air adhbharan lagh poblach. Fo dheuchainn Wednesbury,[34] dh'fhaodadh gum bi co-dhùnadh "mì-laghail ma tha e cho mì-reusanta is nach biodh neach-co-dhùnaidh reusanta sam bith air a ruighinn". Seo slat-tomhais gu math àrd. Is e deuchainn eile a bhios cùirtean na h-Alba a' cur an sàs an deuchainn 'co-rèireachd' fo Achd nan Còraichean Daonna 1998 a thaobh coileanadh ECHR, a tha a' gabhail a-steach measadh a bheil bacadh sam bith air còir le neach-co-dhùnaidh nan dòigh iomchaidh air amas dligheach a choileanadh. Tha na deuchainnean coltach ri chèile ann an iomadh dòigh, ach far a bheil cùirt a' cur an gnìomh prionnsapal co-rèireachd bheir i sùil nas mionaidiche mar as trice air ceartachd a' cho-dhùnaidh a rèir an fhiosrachaidh a tha ri fhaighinn na bhiodh i dìreach le bhith a' cleachdadh deuchainn Wednesbury.

Fo Bhile nan Còraichean Daonna, tha sinn a' beachdachadh am bu chòir an dòigh-obrach airson reusantachd a mheasadh a bhith eadar-dhealaichte bho dheuchainn Wednesbury, agus mar sin tha sinn a' beachdachadh am bu chòir dhuinn an stairsneach a lùghdachadh airson co-dhùnadh an robh neach-co-dhùnaidh ri gnìomh mì-laghail. Seo a chionn 's gu bheil sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil fuasglaidhean cùirt cho ruigsinneach 's a ghabhas do luchd-seilbh chòraichean. Beachdaichidh sinn barrachd air cò ris a bhiodh dòigh-obrach mar seo coltach ann an cleachdadh, a' toirt aire chùramach do dhòighean-obrach làithreach eile agus air modailean eadar-nàiseanta, agus air beachdan nan cùirtean, proifeisean an lagha agus luchd-ùidh eile. Gheibhear eisimpleirean de dh'inbhean lèirmheis ann an stiùireadh a rinn a' Chomataidh air Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarach (CESCR). [35]

Nuair a thathar a' beachdachadh air a' chùis seo, bheir sinn aire cuideachd do phuingean eile air am faodadh na cùirtean beachdachadh mar-thà nuair a thathar a' dèiligeadh ri ath-sgrùdadh laghail a rèir an t-suidheachaidh. Tha iad sin a' gabhail a-steach na ceistean an robh an neach-co-dhùnaidh taobh a-staigh nan cumhachdan aca; an do rinn iad co-chomhairle ma bha riatanas orra sin a dhèanamh no an robh dùil reusanta ann gun rachadh co-chomhairle a chumail; an tug iad aire do fhreagairtean a chaidh a thoirt do cho-chomhairle sam bith; an tug iad aire do nithean buntainneach nuair a bha iad a' tighinn gu co-dhùnadh; an tug iad aire do dh'fhactaran neo-iomchaidh; agus an do lean iad pròiseas iomchaidh, a' gabhail a-steach a bhith a' dèanamh mheasaidhean buaidh a bha riatanach.

Fuasglaidhean Laghail

Moladh Buidheann-ghnìomh Chòraichean Daonna 25

Beachdaich barrachd air mar a dh'fhaodadh am frèam-obrach ullachadh airson làn fharsaingeachd de dh'fhuasglaidhean iomchaidh fo lagh eadar-nàiseanta a dh'fhaodadh a bhith air an òrdachadh le cùirt no tribiùnal nuair a bhiodh feum orra, a' gabhail a-steach fuasglaidhean cuimsichte a dh'fhaodadh dèanamh cinnteach nach tachradh am briseadh chòraichean a-rithist (leithid toirmeasgan structarail – structural interdicts).

Ann an Alba, tha raon de dh'fhuasglaidhean rim faighinn mar-thà a thaobh ath-sgrùdaidhean breithneachaidh[36] . Gu sònraichte, tha riaghailtean Cùirt an t-Seisein ag ràdh:

"Faodaidh a' chùirt, ann a bhith a' cleachdadh a h-uachdranas stiùiridh a thaobh tagradh airson ath-sgrùdadh laghail ... òrdugh den t-seòrsa seo a dhèanamh a thaobh na ceist, mar a tha i a' meas iomchaidh, co-dhiù a chaidh no nach deach òrdugh mar sin iarraidh san tagradh, agus e na òrdugh a ghabhadh a dhèanamh mar a chaidh iarraidh ann an gnìomh no athchuinge sam bith, a' gabhail a-steach òrdugh airson lùghdachadh (reduction), declarator, casg rè ùine (suspension), òrdugh-bacaidh (interdict), buileachadh (implement), ath-dhìoladh (restitution), pàigheadh (airgead-dìolaidh no eile) agus òrdugh eadar-amail sam bith. " [37]

Tha seo a' ciallachadh gu bheil sgòp gu math farsaing aig na cùirtean gus na tha iad a' smaoineachadh a tha iomchaidh òrdachadh, leithid co-dhùnadh sealach fhad 's a thathar a' dèanamh barrachd rannsachaidh, a' cur stad no stad rè ùine air rudeigin, no òrdugh airson airgead dìolaidh, mar eisimpleir.

Tha Àrd-sheanadh nan Dùthchannan Aonaichte air gabhail ri prionnsapalan agus stiùireadh bunaiteach mu fhuasglaidhean airson droch bhrisidhean chòraichean daonna eadar-nàiseanta.[38] San fharsaingeachd, gabhaidh geàrr-chunntas a dhèanamh orra mar a leanas:

  • Ath-dhìoladh, (restitution) a bu chòir, far an gabh sin dèanamh, an neach-fulaing a thoirt air ais chun an t-suidheachaidh thùsail san robh iad mus do thachair am briseadh chòraichean daonna.
  • Airgid-dìolaidh, a' pàigheadh airgead dìolaidh.
  • Ath-ghnàthachadh far a bheil briseadh còir air cron mòr meidigeach agus saidhgeòlach adhbharachadh. Dh'fhaodadh seo a bhith a' gabhail a-steach cothrom air seirbheisean ath-ghnàthachaidh (m.e. seirbheisean sòisealta, seirbheisean meidigeach, no seirbheisean slàinte-inntinn gus dèanamh cinnteach gu bheil an tagraiche a' faighinn taic gus faighinn seachad air a' chron a dh'adhbharaich am briseadh chòraichean).
  • Riarachas, a tha farsaing agus as urrainn a bhith a' gabhail a-steach grunn thaobhan a tha ag amas air stad a chur air brisidhean leantainneach, foillseachadh fhìrinnean, dearbhadh oifigeil ag ath-nuadhachadh urram / cliù, leisgeul poblach, smachd-bhannan, cuimhneachan agus ùmhlachd, agus atharrachaidhean air stuthan foghlaim gus fìrinn a nochdadh a thaobh bhrisidhean.
  • Barantasan nach tachair a leithid a-rithist (toirmeasgan structarail) - is urrainn dhan dòigh-obrach seo a bhith a' gabhail a-steach ath-sgrùdadh agus ath-leasachadh laghan.

Tha sinn a' beachdachadh air an ìre is gu bheil e comasach fuasglaidhean èifeachdach a thoirt seachad fon t-sreath làithreach de dh'fhuasglaidhean Albannach a tha fosgailte do na cùirtean mar-thà. Tha seo a' gabhail a-steach a bhith a' beachdachadh am b' urrainn do dh'fhuasglaidhean a th' ann mar-thà leigeil le taobhan den dòigh-obrach toirmeasg structarail a bhith air an cleachdadh mar dhòigh fuasglaidh a thaobh nan dleastanasan sa Bhile, mar a mhol a' Bhuidheann-ghnìomh. Tha toirmeasgan structarail ann gus dèiligeadh ri cùisean structarail, a bheir buaidh air àireamh mhòr de dhaoine, seach air cuspairean a bheir buaidh air duine fa-leth. Dh'fhaodadh iad a bhith a' gabhail a-steach cruinneachadh de dh'fhuasglaidhean, far am biodh na cùirtean a' cur diofar roghainnean còmhla. Ach, dh'fhaodadh iad cuideachd àite nas motha a thoirt do na cùirtean ann a bhith ag ath-sgrùdadh adhartas no a' ceadachadh phlanaichean gnìomh. Beachdaichidh sinn barrachd air an àite a dh'fhaodadh a bhith aig òrdughan-bacaidh structarail fon Bhile. Ach tha am fuasgladh a thèid a chleachdadh ann an cùis sam bith na cheist do na cùirtean.

A' dèiligeadh ri neo-chòrdachd

Coltach ri Achd nan Còraichean Daonna 1998, tha sinn a' moladh a bhith a' cur a-steach ullachadh gum feumar reachdas a tha taobh a-staigh raon a' Bhile a leughadh agus a thoirt gu buil ann an dòigh a tha co-chòrdail ris na còraichean sa Bhile, chun na h-ìre as motha 's a ghabhas. Bidh an t-ullachadh co-ionann ann am Bile an UNCRC mu mhìneachadh reachdas an urra ri ath-bheachdachadh le Pàrlamaid na h-Alba às dèidh breithneachadh na Prìomh Cùirt air comas reachdail a' Bhile sin, agus bidh sinn mothachail air cumhachan a' bhreitheanais sin agus toradh a' phròiseis ath-bheachdachaidh ann a bhith a' cruthachadh na dòigh-obrach a tha sinn a' moladh.

Tha sinn a' beachdachadh gu faiceallach air fuasglaidhean iomchaidh do chùirtean far a bheil iad a' faicinn nach eil co-chòrdalachd ann an reachdas a tha taobh a-staigh raon a' Bhile. Tha ullachaidhean ann am Bile an UNCRC airson cur às agus airson dearbhaidhean neo-chòrdachd, ged a bhios na h-ullachaidhean sin (am measg eile) cuideachd fo ùmhlachd ath-bheachdachadh le Pàrlamaid na h-Alba às dèidh breithneachadh na Prìomh Chùirt air comasachd reachdail a' Bhile sin. Tha sinn mothachail gum feumar dèanamh cinnteach gu bheil fuasglaidhean ann as fheàrr a bheir air adhart na còraichean sònraichte a tha sinn a' stèidheachadh, agus tha sinn fosgailte do bheachdan air dè am fuasgladh a tha iomchaidh ma gheibhear a-mach gu bheil reachdas buntainneach ann nach eil co-chòrdail. Is e am prìomh amas a bhios againn a' bhuil as fheàrr a thoirt seachad airson a bhith ag adhartachadh buileachadh chòraichean taobh a-staigh frèam-obrach soilleir agus ruigsinneach airson fuasgladh. Nì sinn cinnteach cuideachd, ann a bhith a' beachdachadh air fuasglaidhean airson reachdas neo-chòrdail ann am Bile nan Còraichean Daonna, gum bi sinn mothachail air toradh pròiseas ath-bheachdachaidh Bile an UNCRC.

Ceistean

33. Dè do bheachd air an dòigh-obrach a tha sinn a' moladh a thaobh 'seasamh' ann am Bile nan Còraichean Daonna? Mìnich na beachdan agad.

34. Dè an dòigh-obrach a bu chòir a bhith ann airson a bhith a' measadh 'reusantachd' fo Bhile nan Còraichean Daonna?

35. A bheil thu ag aontachadh no ag eas-aontachadh gu bheil fuasglaidhean laghail gu leòr ann gus fuasgladh èifeachdach a lìbhrigeadh do luchd-seilbh chòraichean?

36. Mura h-eil thu ag aontachadh gu bheil fuasglaidhean laghail làithreach gu leòr ann gus fuasgladh èifeachdach a lìbhrigeadh do luchd-seilbh chòraichean, dè na fuasglaidhean a bharrachd a chuidicheadh gus seo a dhèanamh?

37. Dè do bheachd air an fhuasgladh as iomchaidh mas e is gum faigh cùirt a-mach nach eil reachdas co-chòrdail ris na còraichean anns a' Bhile?

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top