Geàrr-iomradh air a' Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

The national Good Food Nation Plan sets out six over-arching Outcomes; the range of targets and indicators that will be used to gauge progress towards achieving them; and details of food-related policies and initiatives from across the Scottish Government. This is a Gaelic summary of the Plan.


Pàirt a H-Aon: Fiosrachadh air a’ Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Cò às a thàinig am Plana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

å

Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba poileasaidh ùr airson biadh is dheochan ann an 2014, Gar Stèidheachadh fhèin mar Dhùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. San sgrìobhainn sin, bha lèirsinn ann gum biodh Alba “na Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, far am bi a h-uile duine moiteil às agus a’ gabhail tlachd anns, agus a’ faighinn bhuannachdan bhon a’ bhiadh a sholaraicheas iad, a cheannaicheas iad, a dh’ullaicheas iad, a bheir iad seachad, agus a dh’itheas iad gach latha”.

Dh’iarr Ministearan na h-Alba comhairle bho eòlaichean bhon bhuidhinn neo-reachdail Coimisean Bìdh na h-Alba a chaidh a stèidheachadh sa Ghearran 2015. Chaidh iarraidh air a’ bhuidhinn sin comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu mar a ghabhadh Alba a stèidheachadh mar Dhùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. B’ e aon de na prìomh mholaidhean a thug iad seachad reachdas frèama a thoirt a-steach gus an taghadh farsaing de dh’obair a tha ga dèanamh mu thràth air feadh an riaghaltais a thoirt còmhla fo sgèith aon phìos reachdais.

Tha reachdas frèama ann a-nis, An Achd airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (Alba) 2022 (“An Achd”). Fon Achd, tha e mar uallach air Ministearan na h-Alba Plana nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh ullachadh a bhios a’ stèidheachadh cinn-uidhe an Riaghaltais airson phoileasaidhean bìdh agus a’ cur an cèill mar a tha iad an dùil na cinn-uidhe sin a choileanadh.

Sa chiad Phlana seo airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh tha sinn, airson a’ chiad uair a thaobh Phoileasaidhean Bìdh na h-Alba, chan e a-mhàin air lèirsinn a dhealbh airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh agus cuideachd air mìneachadh a chur fo ur comhair air cò ris a bhios an dùthaich sin coltach, agus air na ceumannan a dh’fheumas sinn a ghabhail gus ar lèirsinn a thoirt gu buil.

Leis a’ chiad Phlana nàiseanta seo airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, tha feallsanachd ùr againn a thaobh phoileasaidhean bìdh agus tha am plana ag amas air cruth-atharrachadh a thoirt air cùisean aig ìre ro-innleachdail thar ùine fhada an lùib cho-dhùnaidhean a nithear aig ìre nàiseanta is ionadail. Tha e cudromach aithneachadh gun toir e ùine na h-atharraichean cudromach is na h-atharraichean fad-ùine a tha dhìth air ar siostam-bìdh a chur an sàs agus na cinn-uidhe lèirsinneach againn a thaobh biadh a choileanadh.

Chan urrainn dhuinn ach gabhail ris an-dràsta nach eil làn-smachd aig Riaghaltas na h-Alba air gach meadhan is cumhachd a ghabhas a chur gu feum gus buaidh a thoirt air mar a tha siostam a’ bhìdh ag obrachadh. Bhiodh làn-smachd aig Alba neo-eisimeileach air gach cumhachd co-cheangailte ri poileasaidhean bìdh, agus bheireadh sin buaidh air na b’ urrainn dhuinn a choileanadh agus air cho luath ’s a thigeadh adhartas. Tha sinn a’ foillseachadh sreath de phàipearan air a’ chuspair A’ Cruthachadh Alba Ùr: tha na pàipearan seo mar ro-shealladh airson Alba neo-eisimeileach agus tha iad a’ toirt iomradh air grunn chùisean co-cheangailte ri biadh. Mar a bhios follaiseach dhuibh, nuair a thèid tionndaidhean ùra dhen Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh ullachadh, bheir an suidheachadh a th’ ann aig an àm a thaobh bun-reachd na dùthcha buaidh orra.

Na tha anns a’ Phlana

Tha na sia prìomh Bhuilean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh[1] mar bhunait dhan Phlana nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Tha na sia Builean lèirsinneach seo cudromach do dh’Alba aig ìre ro-innleachdail thar ùine fhada: fhad ’s a thathar a’ sìor leasachadh is ag atharrachadh phoileasaidhean bìdh san dùthaich seo agus gu h-eadar-nàiseanta, cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh measadh air agus ag ùrachadh nam Builean feuch am bi iad fhathast freagarrach agus dùbhlanach gu leòr.

Chan e a-mhàin gu bheil Pàirt a Dhà a’ dèanamh mìneachadh air na Builean fhèin, tha e cuideachd a’ sealltainn thargaidean is chomharran-coileanaidh a thèid a chleachdadh gus sùil a chumail air adhartas leis na builean.

Ann am Pàirt a Trì gheibhear fiosrachadh air taghadh farsaing de phoileasaidhean is iomairtean co-cheangailte ri biadh bho air feadh roinnean Riaghaltas na h-Alba: ’s iad sin a thèid a chleachdadh gus na Builean seo a choileanadh.

Cuideachd ann am Pàirt a Trì, thathar a’ beachdachadh air mar a ghabhas dòighean-obrach taobh a-staigh an riaghaltais a chur gu feum gus piseach a thoirt air modhan-obrach gus poileasaidhean a dhealbh. Cuimhnichibh, chan eil fiosrachadh iomlan air na poileasaidhean sa gheàrr-chunntas seo.

Buaidh phractaigeach a’ Phlana

’S e raon farsaing a th’ ann am poileasaidhean bìdh a tha a’ buntainn ri grunn mòr chuspairean. Gus dèanamh cinnteach gum bi am Plana nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a’ gabhail ealla ri raointean poileasaidh iomchaidh, feumaidh sinn raointean poileasaidh is raointean obrach buntainneach an riaghaltais a chomharrachadh – canar dleastanasan sònraichte riutha sin. Tha dleastanasan sònraichte ag innse do Mhinistearan cuin a dh’fheumas iad ealla a ghabhail ri raon poileasaidh sònraichte nuair a tha iad ri obair an riaghaltais. A thaobh na cùise seo, bidh e mar uallach laghail air Ministearan na h-Alba ealla a ghabhail[2] ris a’ Phlana nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh nuair a bhios iad a’ coileanadh gnìomh obrach sam bith aig an riaghaltas a chaidh a chomharrachadh mar dhleastanas sònraichte. Leis an dòigh-obrach seo, thèid am Plana a thoirt gu buil tro dhleastanasan sònraichte, agus nithear cinnteach gum bi Ministearan na h-Alba a’ beachdachadh air buaidh nan gnìomhan aca air poileasaidh sam bith co-cheangailte ri biadh.

Mar sin, nuair a bhios Ministearan na h-Alba a’ beachdachadh air poileasaidh ùr aig a bheil ceangal ri biadh, cha bhi iad a’ dèanamh sin dìreach mar phoileasaidh fa leth, bidh aca ri beachdachadh air mar phàirt de raon nas motha de phoileasaidhean a tha ceangailte ri chèile. Leis an riatanas seo, nithear cinnteach gum bi poileasaidhean bìdh gan cur an sàs san àm ri teachd gus cinn-uidhe choitcheann a thoirt gu buil.

Planaichean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh bho ùghdarrasan buntainneach

Fon Achd, feumaidh ùghdarrasan buntainneach (’s iad sin an-dràsta gach ùghdarras ionadail is bòrd slàinte) Plana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh uallachadh dhaibh fhèin. Nuair a bhios na h-ùghdarrasan buntainneach ag ullachadh nam Planaichean sin, bidh aca ri ealla a ghabhail ris a’ Phlana nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Cuideachd tha aig ùghdarrasan buntainneach, fon lagh, ri ealla a ghabhail ris na Planaichean aca fhèin nuair a tha iad a’ coileanadh dhleastanasan sònraichte.

Leis na Builean nàiseanta, comharran-coileanaidh, targaidean agus gnìomhan poileasaidh sa phlana seo, thathar a’ toirt seachad stiùir is stiùireadh do dh’ùghdarrasan buntainneach ris an gabh iad ealla ann a bhith ag ullachadh nam Planaichean aca fhèin airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.

Leis an dòigh-obrach seo, bidh barrachd cunbhalachd ann a thaobh phoileasaidhean bìdh, ach bidh fhathast sùbailteachd aig na h-ùghdarrasan buntainneach gus dèiligeadh ris na dùbhlain is suidheachaidhean a tha gu h-àraidh a’ buntainn riutha fhèin.

Sgrùdadh is Aithrisean

Fon Achd tha cumhachan ann gus buidheann phoblach ùr a stèidheachadh: Coimisean Bìdh na h-Alba[3]. Bidh an Coimisean ùr seo a’ dèanamh measadh air adhartas leis a’ Phlana nàiseanta agus le Planaichean nan ùghdarrasan buntainneach airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh agus air buaidh nam planaichean sin. Bheir e comhairle, fiosrachadh agus taic do Mhinistearan na h-Alba agus ùghdarrasan buntainneach gus leasachadh a thoirt air na Planaichean aca san ùine ri thighinn.

Foillsichidh sinn aithris-adhartais gach dà bhliadhna. Nì sinn ath-sgrùdadh, agus ma dh’fheumar, ùrachadh air a’ Phlana co-dhiù gach còig bliadhna. Bidh na h-aon riatanasan is clàran-ama aithris is ùrachaidh ann airson Planaichean nan ùghdarrasan buntainneach airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top