Geàrr-iomradh air a' Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

The national Good Food Nation Plan sets out six over-arching Outcomes; the range of targets and indicators that will be used to gauge progress towards achieving them; and details of food-related policies and initiatives from across the Scottish Government. This is a Gaelic summary of the Plan.


Pàirt a Dhà: Builean Lèirsinneach airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

A’ Stèidheachadh nam Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Tha tòrr ann às am faod sinn a bhith moiteil a thaobh biadh is dheochan ann an Alba san latha an-diugh. Tha ar bathar is toraidhean sàr-mhath a’ còrdadh ri daoine an seo agus air feadh an t-saoghail. Tha sinn a’ cumail ri inbhean glè àrd a thaobh math bheathaichean agus nì sinn oidhirpean gus am bi na h-inbhean againn a thaobh sin nas fheàrr buileach. Tha sinn air ceumannan a chur an sàs gus biadh nas fheàrr a thaobh beathachadh a thoirt seachad ann an sgoiltean, agus gus barrachd chothroman a thoirt do dhaoine air biadh ionadail is ràitheil. Ge-tà, tha fios againn gu bheil nithean fhathast ann a ghabhas leasachadh.

Tha sinn air sia prìomh Bhuilean a stèidheachadh a tha a’ comharrachadh nam prìomh raointean air am bithear a’ cur cuideam gus cur ris an inbhe a th’ againn mar Dhùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Tha mar a tha na Builean seo a’ buntainn ri iomadh raon is roinn a’ sealltainn gum feumar beachdachadh air farsaingeachd de dh’obair nuair a thathar a’ dealbh phoileasaidhean bìdh ùra. Ma tha sinn a’ dol a choileanadh ar n-amasan airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, feumaidh sinn ar gnìomhan a mheasadh mu choinneimh nam Builean seo, agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil ar co-dhùnaidhean is gnìomhan a’ co-fhreagairt orra.

Chaidh na Builean a dhealbh a rèir chumhachan a tha san Achd ach ’s e as cudromaiche gu bheil iad a’ gabhail ealla ris na dùbhlain is cothroman as motha a th’ ann an siostam bìdh na h-Alba: nam measg tha neo-thèarainteachd bìdh ann an dachaighean; slàinte bìdh (co-cheangailte ris na dh’itheas daoine); agus atharrachadh na gnàth-shìde agus crìonadh na h-àrainneachd.

Tha na Builean a’ gabhail ealla ris na cùisean sin agus ri dùbhlain eile agus ’s e builean farsaing a th’ annta, mar a dh’fheumas iad a bhith, agus iad air an dealbh gus am bi iad a’ buntainn ri diofar phoileasaidhean thar taghadh farsaing de raointean is roinnean. Tha na Builean mar amasan àrd-ìre airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh: chan e liosta de stiùiridhean mionaideach a th’ annta.

Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Buil 1: Tha a h-uile duine ann an Alba ag ithe biadh math agus tha cothrom gu cunbhalach aca air biadh a tha sàbhailte, sa bheil mathas, aig prìs reusanta, a tha seasmhach, agus freagarrach a thaobh aois is cultar dhaoine.
  • Buil 2: Tha siostam bìdh na h-Alba seasmhach agus tha e a’ cur taic ri àrainneachd nàdarra fhàsmhor. Tha e a’ cur taic ri ar n-amasan a thaobh cothromachadh-carboin agus tha àite cudromach aige ann a bhith a’ cur dìon air agus a’ toirt piseach air math bheathaichean agus a bhith ag ath-stèidheachadh is ag ùrachadh bith-iomadachd.[4]
  • Buil 3: Tha siostam bìdh na h-Alba a’ toirt brosnachadh is taic dhan t-sluagh a bhith fallainn nam bodhaig is nan inntinn, agus mar thoradh air sin thig lùghdachadh air euslaintean co-cheangailte ri biadh is daithead[5].
  • Buil 4: Tha ar roinn bìdh is dheochan a’ soirbheachadh, eadar-mheasgaichte, innleachdach, agus glè chudromach do mhath eaconamach is sòisealta na dùthcha aig ìre nàiseanta is ionadail. Tha i aig teis-meadhan na h-iomairt gus Alba a stèidheachadh mar dhùthaich a tha tèarainte is làidir a thaobh biadh, agus tha i a’ cruthachadh is a’ cumail taic ri obraichean is gnothachasan anns a bheil inbhean-obrach cothromach gan cur an sàs.
  • Buil 5: Tha cultar bìdh brìoghmhor aig Alba agus sluagh againn aig a bheil ùidh ann am, agus a tha air an oideachadh a thaobh, biadh math is seasmhach.
  • Buil 6: Tha cliù eadar-nàiseanta aig Alba airson biadh fìor mhath agus tha sinn airson cur ris a’ chliù sin. Tha co-dhùnaidhean a nì sinn ann an Alba a’ cuideachadh gus cruth-atharrachadh a thoirt air siostaman bìdh ionadail agus cruinneil. Tha sinn a’ co-phàirteachadh ar sàr dhòighean-obrach agus ag ionnsachadh mu na sàr dhòighean-obrach aig càch gu h-eadar-nàiseanta.

Tha na sia prìomh Bhuilean seo mar bhunait do ar Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh: tha iad a’ cur an cèill na tha Ministearan na h-Alba airson a choileanadh a thaobh biadh. Seach gu bheil e mar dhleastanas air ùghdarrasan buntainneach ealla a ghabhail ris a’ Phlana nàiseanta seo, bidh poileasaidhean bìdh air an cur an sàs ann an dòigh aonaichte aig ìre nàiseanta agus ionadail. Cuideachd, seach gu bheil aig ùghdarrasan buntainneach ris na Planaichean aca fhèin ullachadh, bidh sùbailteachd aca a thaobh mar as fheàrr as urrainn dhaibh na Builean a choileanadh an lùib nan dleastanasan aca fhèin.

Tha Clàr 1 gu h-ìosal a’ sealltainn mar a tha na sia prìomh Bhuilean a’ cur taic ri cinn-uidhe is cùmhnantan airson chòraichean daonna, am Frèam Coileanaidh Nàiseanta agus Cinn-uidhe Leasachaidh na h-Alba.

Clàr 1: Mar a tha na Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a’ Cur Taic ris an Fhrèam Choileanaidh Nàiseanta, Cinn-uidhe an UN airson Leasachadh Seasmhach agus a’ Chòir air Biadh.

Buil airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Buil 1

Tha a h-uile duine ann an Alba ag ithe biadh math agus tha cothrom gu cunbhalach aca air biadh a tha sàbhailte, sa bheil mathas, aig prìs reusanta, a tha seasmhach, agus freagarrach a thaobh aois is cultar dhaoine

Buil an Fhrèam Choileanaidh Nàiseanta

Tha spèis againn do chòraichean daonna, tha sinn gan dìon agus gan coileanadh agus tha beatha againn tha gun leth-bhreith

Tha sinn a’ lùghdachadh bochdainn le bhith a’ co-phàirteachadh chothroman, beairteas is cumhachd ann an dòigh nas co-ionainne

Fhad ’s a tha sinn a’ fàs suas, tha sinn sàbhailte is tha gaol is spèis gan nochdadh dhuinn gus an urrainn dhuinn na tha comasach dhuinn a choileanadh

Tha sinn cruthachail agus tha ar cultaran brìoghmhor is eadar-mheasgaichte air an cur an cèill, agus tha daoine a’ gabhail tlachd annta, gu fada is farsaing

Cinn-uidhe an UN airson Leasachadh Seasmhach

1 No poverty

2 Zero hunger

3 Good helath and well-being

5 Gender equality

10 Reduced inequalities

A’ Chòir air Biadh[6]

ICESCR Bonn 11

UNCRC 24 (2)c

UNCRC 27 (1)

UNCRC 27 (3)

CEDAW 12(2)

Buil airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Buil 2

Tha siostam bìdh na h-Alba seasmhach agus tha e a’ cur taic ri àrainneachd nàdarra fhàsmhor. Tha e a’ cur taic ri ar n-amasan a thaobh cothromachadh-carboin agus tha àite cudromach aige ann a bhith a’ cur dìon air agus a’ toirt piseach air math bheathaichean agus a bhith ag ath-stèidheachadh is ag ùrachadh bith-iomadachd

Buil an Fhrèam Choileanaidh Nàiseanta

Tha sinn a’ cur luach is a’ gabhail tlachd nar n-àrainneachd, ga dìon agus a’ toirt piseach oirre

Tha eaconamaidh againn a tha farpaiseach aig ìre na cruinne, agus a tha tionnsgalach, in-ghabhalach agus seasmhach

Cinn-uidhe an UN airson Leasachadh Seasmhach

6 Clean water and sanitation

12 Responsible consumption and production

13 Climate action

15 Life on land

A’ Chòir air Biadh[6]

ICESCR Bonn 11

UNCRC 24 (2) c

Buil airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Buil 3

Tha siostam bìdh na h-Alba a’ toirt brosnachadh is taic dhan t-sluagh a bhith fallainn nam bodhaig is nan inntinn, agus mar thoradh air sin thig lùghdachadh air euslaintean co-cheangailte ri biadh is daithead

Buil an Fhrèam Choileanaidh Nàiseanta

Tha sinn fallainn is dèanadach

Fhad ’s a tha sinn a’ fàs suas, tha sinn sàbhailte is tha gaol is spèis gan nochdadh dhuinn gus an urrainn dhuinn na tha comasach dhuinn a choileanadh

Cinn-uidhe an UN airson Leasachadh Seasmhach

3 Good health and well-being

A’ Chòir air Biadh[6]

ICESCR Bonn 11

UNCRC 24 (2)c

UNCRC 27 (1)

UNCRC 27 (3)

CEDAW 12(2)

Buil airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Buil 4

Tha ar roinn bìdh is dheochan a’ soirbheachadh, eadar-mheasgaichte, innleachdach, agus glè chudromach do mhath eaconamach is sòisealta na dùthcha aig ìre nàiseanta is ionadail. Tha i aig teis-meadhan na h-iomairt gus Alba a stèidheachadh mar dhùthaich a tha tèarainte is làidir a thaobh biadh, agus tha i a’ cruthachadh is a’ cumail taic ri obraichean is gnothachasan anns a bheil inbhean-obrach cothromach gan cur an sàs

Buil an Fhrèam Choileanaidh Nàiseanta

Tha gnothachasan soirbheachail is innleachdach againn, le obraichean matha agus obair chothromach dhan a h-uile duine

Tha eaconamaidh againn a tha farpaiseach aig ìre na cruinne, agus a tha tionnsgalach, in-ghabhalach agus seasmhach

Cinn-uidhe an UN airson Leasachadh Seasmhach

8 Decent work and economic growth

9 Industry, innovation and infrastructure

10 Reduced inequalities

11 Sustainable cities and communities

A’ Chòir air Biadh[6]

ICESCR Bonn 11

Buil airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Buil 5

Tha cultar bìdh brìoghmhor aig Alba agus sluagh againn aig a bheil ùidh ann am, agus a tha air an oideachadh a thaobh, biadh math is seasmhach

Buil an Fhrèam Choileanaidh Nàiseanta

Tha sinn air deagh fhoghlam fhaighinn, tha sgilean againn agus ’s urrainn dhuinn cur ris a’ chomann-shòisealta

Tha sinn a’ fuireach ann an coimhearsnachdan a tha in-ghabhalach, cumhachdach, làidir agus sàbhailte

Tha sinn cruthachail agus tha ar cultaran brìoghmhor is eadar-mheasgaichte air an cur an cèill, agus tha daoine a’ gabhail tlachd annta, gu fada is farsaing

Fhad ’s a tha sinn a’ fàs suas, tha sinn sàbhailte is tha gaol is spèis gan nochdadh dhuinn gus an urrainn dhuinn na tha comasach dhuinn a choileanadh

Cinn-uidhe an UN airson Leasachadh Seasmhach

4 Quality education

11 Sustainable cities and communities

12 Responsible consumption and production

Buil airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Buil 6

Tha cliù eadar-nàiseanta aig Alba airson biadh fìor mhath agus tha sinn airson cur ris a’ chliù sin. Tha co-dhùnaidhean a nì sinn ann an Alba a’ cuideachadh gus cruth-atharrachadh a thoirt air siostaman bìdh ionadail agus cruinneil. Tha sinn a’ co-phàirteachadh ar sàr dhòighean-obrach agus ag ionnsachadh mu na sàr dhòighean-obrach aig càch gu h-eadar-nàiseanta

Buil an Fhrèam Choileanaidh Nàiseanta

Tha sinn fosgailte, tha ceanglaichean againn agus tha sinn a’ dèanamh feum gu h-eadar-nàiseanta

Tha eaconamaidh againn a tha farpaiseach aig ìre na cruinne, agus a tha tionnsgalach, in-ghabhalach agus seasmhach

Cinn-uidhe an UN airson Leasachadh Seasmhach

9 Industry, innovation and infrastructure

12 Responsible consumption and production

17 Partnerships for the goals

A’ Chòir air Biadh[6]

ICESCR Bonn 11

A’ Measadh Adhartas: Targaidean is Comharran-coileanaidh

Tha Clàran 2.1-2.6 a’ sealltainn taghadh farsaing de phoileasaidhean co-cheangailte ri biadh a tha a’ cur taic ris gach Buil airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, agus na comharran-coileanaidh agus slatan-tomhais eile (leithid thargaidean) a chleachdas sinn gus measadh a dhèanamh air adhartas leis na Builean. Cuideachd, chithear sa cholbh airson thargaidean grunn “shlatan-tomhais eile” co-cheangailte ri obair eile a tha ga dèanamh gus na Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a choileanadh. Tha sin a’ gabhail a-steach nithean mar cho-obrachadh eadar luchd-compàirt sa ghnìomhachas.

Cumaidh sinn oirnn a’ cruthachadh chomharran-coileanaidh is thargaidean airson nam Builean seo, agus thèid slatan-tomhais eile a chur ri planaichean san ùine ri thighinn gus adhartas a mheasadh.

A’ leudachadh air geallaidhean a th’ ann an-dràsta a thaobh daithead is cuideam fallain:

Tha targaid aig Riaghaltas na h-Alba mu thràth gus ìrean reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030. Tha sinn airson leudachadh air seo:

  • Ìrean reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030 agus lùghdachadh nach beag a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead

Cuideachd, bidh sinn ag amas air barrachd na dìreach clann agus e na amas dhuinn:

  • Gum bi barrachd inbhich ann anns a bheil cuideam a tha fallain
  • Lùghdachadh a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead am measg inbheach

A’ neartachadh gheallaidhean a thaobh neo-thèarainteachd bìdh ann an dachaighean:

Bhiodh targaidean agus adhartas leotha a’ gabhail ealla ris a’ ghealladh aig Riaghaltas na h-Alba gus lùghdachadh a thoirt air neo-thèarainteachd bìdh ann an dachaighean agus sin a’ cuideachadh le bhith a' toirt chòraichean sòisealta is eaconamach dhaoine gu buil. Le aithrisean air na targaidean seo, gheibhte fiosrachadh mionaideach bho dhiofar sheallaidhean an dà chuid air an taic a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad (mar eisimpleir, a’ bhuaidh a th’ aig obair co-cheangailte ri ar Plana le Taic-airgid An Toiseach air an iomairt gus dèanamh cinnteach nach bi feum ann tuilleadh air bancaichean-bìdh); agus air nithean san fharsaingeachd a dh’fhaodadh a bhith a’ toirt buaidh air cùisean, leithid chùisean san RA no san t-saoghal mhòr, mar eisimpleir ìre na h-atmhorachd.

Tha sinn an dùil ar geallaidhean a thaobh neo-thèarainteachd bìdh ann an dachaighean a neartachadh le bhith ag amas air:

  • lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ fulang le neo-thèarainteachd bìdh meadhanach dona no fìor dhona
  • lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ faotainn biadh-èiginn

Solarachadh poblach

Tha fios againn gu bheil ùidh mhòr aig daoine ann a bhith a’ dèanamh feum de sholarachadh poblach gus cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Ged a tha ceistean ann co-cheangailte ri bhith a’ faighinn dàta, thèid tuilleadh beachdachaidh a dhèanamh air a’ chùis feuch an gabh targaidean airson solarachadh poblach a stèidheachadh airson eagrain eile dhen Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh san àm ri teachd.

Math bheathaichean

Tha obair a’ leantainn gus targaidean a stèidheachadh airson math bheathaichean, a bhios a’ gabhail ealla ri toraidhean cho-chomhairleachaidhean a thathar an dùil a chumail, agus a nochdadh ann an eagrain ùra dhen Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh san àm ri teachd. Tha geallaidhean an-dràsta ann am Prògram an Riaghaltais gus co-chomhairleachadh a chumail air a bhith a’ stad de bhith a’ cleachdadh chèidsichean airson eòin a tha gan sealg agus airson chearcan a tha a’ breith.

Clàr 2.1 Buil 1: Tha a h-uile duine ann an Alba ag ithe biadh math agus tha cothrom gu cunbhalach aca air biadh a tha sàbhailte, sa bheil mathas, aig prìs reusanta, a tha seasmhach, agus freagarrach a thaobh aois is cultar dhaoine.

Poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba
  • Poileasaidhean Àiteachais
  • Am Biadh as Fheàrr aig Toiseach Beatha
  • Atharrachadh na Gnàth-shìde is Àiteachas
  • Atharrachadh na Gnàth-shìde is
  • Plana Coileanaidh airson Daithead is Cuideam Fallain
  • A’ Solarachadh Biadh ann an Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne
  • Beathachadh is Daithead aig Aois Òg
  • Ag Ithe A-muigh, Ag Ithe gu Math: frèam-obrach agus còd-obrach airson chlàran-bìdh cloinne
  • Foghlam Bìdh
  • Biadh is Deochan ann an Ospadalan is Cùram Sòisealta
  • Biadh is Deochan ann am Prìosain
  • Biadh is Deochan ann an Sgoiltean
  • Ro-innleachd Stiùiridh an Iasgaich
  • Biadh Sgoile An-asgaidh
  • Neo-thèarainteachd Bìdh ann an Dachaighean
  • A’ Biadhadh Leanabh
  • Frèam Planaidh Nàiseanta 4
  • Solarachadh Poblach
  • A’ Solarachadh Biadh ann an Cùram-chloinne Aois Sgoile
  • Sgeama Bainne is Ghreimean-bìdh Fallain na h-Alba
  • Tuathanachas Uisge Seasmhach
  • A’ Dèiligeadh ri Bochdainn Cloinne
Comharran-coileanaidh
  • An uiread de dhachaighean a tha a’ fulang le neo-thèarainteachd bìdh san dachaigh aca
  • An àireamh de sgoilearan tha clàraichte airson biadh sgoile an-asgaidh
  • An àireamh às a’ cheud de sgoilearan san sgoil a tha a’ gabhail biadh na sgoile (an-asgaidh no air a phàigheadh)
  • An àireamh de sheirbheisean cùraim-latha agus de chloinn a tha clàraichte airson Sgeama Bainne is Ghreimean-bìdh Fallain na h-Alba
  • An uiread de chloinn ann an Alba a tha beò gu ìre ann am bochdainn; ann am bochdainn iomlan; fo easbhaidh ri linn teachd-a-steach ìosal is bochdainn bhith-bheò, agus; ann am bochdainn leantainneach (às dèidh chosgaisean taigheadais)
  • Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba
  • An uiread de ghnothachasan bìdh sna roinnean poblach agus prìobhaideach a tha a’ cur an sàs Ag Ithe A-muigh, Ag Ithe gu Math: frèam-obrach agus còd-obrach airson chlàran-bìdh cloinne
  • An àireamh de dh’ùghdarrasan ionadail a tha a’ gabhail pàirt sa Phrògram Biadh airson ur Beatha Alba
Targaidean/slatan-tomhais eile
  • Bidh nas lugha na 10% de chloinn beò gu ìre ann am bochdainn ro no ann an 2030
  • Bidh nas lugha na 5% de chloinn beò ann am bochdainn iomlan ro no ann an 2030
  • Bidh nas lugha na 5% de chloinn beò fo easbhaidh ri linn teachd-a-steach ìosal is bochdainn bhith-bheò ro no ann an 2030
  • Bidh nas lugha na 5% de chloinn beò ann am bochdainn leantainneach ro no ann an 2030
  • Ìrean reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030 agus lùghdachadh nach beag a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead
  • Lùghdachadh a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead am measg inbheach
  • Lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ faotainn biadh-èiginn

Lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ fulang le neo-thèarainteachd bìdh meadhanach dona no fìor dhona

Clàr 2.2 Buil 2: Tha siostam bìdh na h-Alba seasmhach agus tha e a’ cur taic ri àrainneachd nàdarra fhàsmhor. Tha e a’ cur taic ri ar n-amasan a thaobh cothromachadh-carboin agus tha àite cudromach aige ann a bhith a’ cur dìon air agus a’ toirt piseach air math bheathaichean agus a bhith ag ath-stèidheachadh is ag ùrachadh bith-iomadachd.

Poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba
  • Poileasaidhean Àiteachais
  • Lotaichean-gàrraidh is Coimhearsnachdan a' Cur
  • Math Bheathaichean
  • Ro-innleachd airson Bith-iomadachd
  • Eaconamaidh Chuairteagach is Cothromachadh Carboin
  • Atharrachadh na Gnàth-shìde is Àiteachas
  • Atharrachadh na Gnàth-shìde
  • Croitearachd
  • Achd an Fhoghlaim 1980 (dleastanas a thaobh solarachadh-bìdh seasmhach ann an sgoiltean)
  • Ro-innleachd Stiùiridh an Iasgaich
  • Biadh Organach
  • Slàinte nan Lusan
  • Solarachadh Poblach
  • Malairt Biadh na Mara
  • Tuathanachas Uisge Seasmhach
  • Roinn na Sìthne
  • Tuathanachas Bheartagail
Comharran-coileanaidh
  • Gasaichean teas-dhìonach a thig bho roinn an àiteachais
  • Mar a thèid todhar naitridein a chleachdadh
  • A’ chuid às a’ cheud de dh’iasg coimeirsealta a gheibhear ann an dòigh sheasmhach
  • Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba
Targaidean/slatan-tomhais eile
  • Lùghdachadh de 33% a thoirt air an ìre caitheimh-bìdh airson gach neach airson 2025
  • Tha e mar amas dùblachadh a thoirt air an uiread de dh’fhearann àiteachais a thathar ag obrachadh gu h-organach ann an Alba ro dheireadh teirm na pàrlamaid seo (2026)
  • Targaidean lùghdachaidh bliadhnail airson sgaoilidhean a dh’fheumar a choileanadh fon lagh leithid: lùghdachadh de 75% air gasaichean teas-dhìonach ro dheireadh 2030 (stèidhichte air bun-ìre ann an 1990), agus bidh cothromachadh-carboin ann le sgaoilidhean ro dheireadh 2045
  • Tha aig Ministearan na h-Alba ri cumail ri geallaidhean gus dèiligeadh ris mar a tha bith-iomadachd a’ crìonadh, a tha air am mìneachadh ann am Frèam Bith-iomadachd na Cruinne airson Cùmhnant Bith-iomadachd an UN, leithid thargaidean co-cheangailte ri bhith a’ lùghdachadh caitheimh, ana-caitheamh bìdh san t-saoghal, ana-caitheamh san fharsaingeachd agus a bhith a’ lùghdachadh na th’ ann de sgudal a thathar a’ cruthachadh.
  • Tha Riaghaltas na h-Alba air Gealladh #123 a dhèanamh a thaobh Call is Ana-caitheamh Bìdh gus Cuideachadh leis a’ Ghnàth-shìde.

Clàr 2.3 Buil 3: Tha siostam bìdh na h-Alba a’ toirt brosnachadh is taic dhan t-sluagh a bhith fallainn nam bodhaig is nan inntinn, agus mar thoradh air sin thig lùghdachadh air euslaintean co-cheangailte ri biadh is daithead.

Poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba
  • Lotaichean-gàrraidh is Coimhearsnachdan a' Cur
  • Am Biadh as Fheàrr aig Toiseach Beatha
  • Plana Coileanaidh airson Daithead is Cuideam Fallain
  • Daithead is Cuideam Fallain – Plana Gnìomh airson Biadh air Falbh bhon Dachaigh
  • Molaidhean Daitheid
  • A’ Solarachadh Biadh ann an Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne
  • Beathachadh is Daithead aig Aois Òg
  • Euslaintean Ithe
  • Ag Ithe A-muigh, Ag Ithe gu Math: frèam-obrach agus còd-obrach airson chlàran-bìdh cloinne
  • Foghlam Bìdh
  • Biadh is Deochan ann an Ospadalan is Cùram Sòisealta
  • Biadh is Deochan ann am Prìosain
  • Biadh is Deochan ann an Sgoiltean
  • Biadh Sgoile An-asgaidh
  • Neo-thèarainteachd Bìdh ann an Dachaighean
  • A’ Biadhadh Leanabh
  • Math Inntinneil airson Inbhich
  • Frèam Planaidh Nàiseanta 4
  • Solarachadh Poblach
  • Am Prògram: Ath-chruthachadh airson Slàinte
  • A’ Solarachadh Biadh ann an Cùram-chloinne Aois Sgoile
  • Sgeama Bainne is Ghreimean-bìdh Fallain na h-Alba
  • A’ Dèiligeadh ri Bochdainn Cloinne
Comharran-coileanaidh
  • An àireamh às a’ cheud de dh’inbhich is clann anns a bheil cuideam fallain
  • An àireamh às a’ cheud de chloinn a tha an cunnart a bhith reamhar
  • An àireamh às a’ cheud de dh’inbhich is clann a tha a’ gabhail 5 cuibhreannan de mheasan is glasraich gach latha mar a thathar a’ moladh
  • An àireamh de dh’ùghdarrasan ionadail a tha a’ gabhail pàirt sa Phrògram Biadh airson ur Beatha Alba
  • Na tha clann aois 2-15 ag ithe de mheasan is glasraich
  • Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba
  • An uiread de ghnothachasan bìdh sna roinnean poblach is prìobhaideach a tha a’ cur an sàs Ag Ithe A-muigh, Ag Ithe gu Math: frèam-obrach agus còd-obrach airson chlàran-bìdh cloinne
  • An àireamh chompanaidhean a tha a’ cosg airgead air ath-chruthachadh reasabaidhean
Targaidean/slatan-tomhais eile
  • Lùghdachadh de 10% a thoirt air an àireimh de bhoireannaich a tha a’ sgur a thoirt bainne-broillich dhan leanabh aca às dèidh 6 gu 8 seachdainean ro dheireadh 2025
  • Ìrean reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030 agus lùghdachadh nach beag a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead
  • Gum bi barrachd inbhich ann anns a bheil cuideam a tha fallain
  • Lùghdachadh a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead am measg inbheach

Clàr 2.4 Buil 4: Tha ar roinn bìdh is dheochan a’ soirbheachadh, eadar-mheasgaichte, innleachdach, agus glè chudromach do mhath eaconamach is sòisealta na dùthcha aig ìre nàiseanta is ionadail. Tha i aig teis-meadhan na h-iomairt gus Alba a stèidheachadh mar dhùthaich a tha tèarainte is làidir a thaobh biadh, agus tha i a’ cruthachadh is a’ cumail taic ri obraichean is gnothachasan anns a bheil inbhean-obrach cothromach gan cur an sàs.

Poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba
  • Poileasaidhean Àiteachais
  • Croitearachd
  • Taic do Ghnìomhachas a’ Bhìdh is nan Deochan
  • Ro-innleachd Stiùiridh an Iasgaich
  • Bathar stuic
  • Tuathanachas Organach
  • Slàinte nan Lusan
  • Solarachadh Poblach
  • Am Prògram: Ath-chruthachadh airson Slàinte
  • Poileasaidhean Reic
  • Malairt Biadh na Mara
  • Tuathanachas Uisge Seasmhach
  • Turasachd
  • Roinn na Sìthne
  • Tuathanachas Bheartagail
Comharran-coileanaidh
  • An àireamh de dhaoine aig a bheil obair ann an gnìomhachas a’ bhìdh is nan deochan
  • An àireamh de dhaoine aig a bheil obair ann an roinn an àiteachais
  • Luach a’ bhìdh is nan deochan a thèid às-mhalairt à Alba
  • An luach a tha gnìomhachas bìdh is dheochan na h-Alba a’ cur ris an eaconamaidh
  • An àireamh de chompanaidhean bìdh is dheochan a tha clàraichte
  • An àireamh de chroitean a tha clàraichte
  • Am pàigheadh meadhanach gach seachdain airson luchd-obrach làn-ùine ann an Roinn Bìdh is Dheochan na h-Alba, roinn a tha a tha a’ sìor dhol am meud
  • An àireamh chompanaidhean a tha a’ cosg airgead air ath-chruthachadh reasabaidhean
Targaidean/slatan-tomhais eile

Clàr 2.5 Buil 5: Tha cultar bìdh brìoghmhor aig Alba agus sluagh againn aig a bheil ùidh ann am, agus a tha air an oideachadh a thaobh, biadh math is seasmhach.

Poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba
  • Lotaichean-gàrraidh is Coimhearsnachdan a' Cur
  • Am Biadh as Fheàrr aig Toiseach Beatha
  • Eaconamaidh Chuairteagach is Cothromachadh Carboin
  • Daithead is Cuideam Fallain – Plana Gnìomh airson Biadh air Falbh bhon Dachaigh
  • Molaidhean Daitheid
  • A’ Solarachadh Biadh ann an Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne
  • Beathachadh is Daithead aig Aois Òg
  • Biadh is Deochan ann an Sgoiltean
  • Foghlam Bìdh
  • Biadh Sgoile An-asgaidh
  • Còcaire Nàiseanta
  • A’ Solarachadh Biadh ann an Cùram-chloinne Aois Sgoile
  • Na Gheibhear ann am Biadh na Sgoile
  • Sgeama Bainne is Ghreimean-bìdh Fallain na h-Alba
  • Turasachd
Comharran-coileanaidh
  • Maoineachadh ga chosg air pròiseactan airson foghlam bìdh is biadh coimhearsnachd
  • Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba
  • An uiread de ghnothachasan bìdh sna roinnean poblach is prìobhaideach a tha a’ cur an sàs Ag Ithe A-muigh, Ag Ithe gu Math: frèam-obrach agus còd-obrach airson chlàran-bìdh cloinne
Targaidean/slatan-tomhais eile
  • Ìrean reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030 agus lùghdachadh nach beag a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead
  • Gum bi barrachd inbhich ann anns a bheil cuideam a tha fallain
  • Lùghdachadh a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead am measg inbheach

Clàr 2.6 Buil 6: Tha cliù eadar-nàiseanta aig Alba airson biadh fìor mhath agus tha sinn airson cur ris a’ chliù sin. Tha co-dhùnaidhean a nì sinn ann an Alba a’ cuideachadh gus cruth-atharrachadh a thoirt air siostaman bìdh ionadail agus cruinneil. Tha sinn a’ co-phàirteachadh ar sàr dhòighean-obrach agus ag ionnsachadh mu na sàr dhòighean-obrach aig càch gu h-eadar-nàiseanta.

Poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba
  • Poileasaidhean Àiteachais
  • Math Bheathaichean
  • Ro-innleachd airson Bith-iomadachd
  • Atharrachadh na Gnàth-shìde is Àiteachas
  • Atharrachadh na Gnàth-shìde
  • Ro-innleachd Stiùiridh an Iasgaich
  • Taic do Ghnìomhachas a’ Bhìdh is nan Deochan
  • Bathar stuic
  • Slàinte nan Lusan
  • Malairt Biadh na Mara
  • Tuathanachas Uisge Seasmhach
  • Roinn na Sìthne
  • Tuathanachas Bheartagail
Comharran-coileanaidh
  • An uiread de cho-chonaltradh a nithear le co-obraichean eadar-nàiseanta air siostam a’ bhìdh
  • Gasaichean teas-dhìonach a thig bho roinn an àiteachais
Targaidean/slatan-tomhais eile
  • Targaidean lùghdachaidh bliadhnail airson sgaoilidhean a dh’fheumar a choileanadh fon lagh leithid: lùghdachadh de 75% air gasaichean teas-dhìonach ro dheireadh 2030 (stèidhichte air bun-ìre ann an 1990), agus bidh cothromachadh-carboin ann le sgaoilidhean ro dheireadh 2045
  • Tha aig Ministearan na h-Alba ri cumail ri geallaidhean gus dèiligeadh ris mar a tha bith-iomadachd a’ crìonadh, a tha air am mìneachadh ann am Frèam Bith-iomadachd na Cruinne airson Cùmhnant Bith-iomadachd an UN, leithid thargaidean co-cheangailte ri bhith a’ lùghdachadh caitheimh, ana-caitheamh bìdh san t-saoghal, ana-caitheamh san fharsaingeachd agus a bhith a’ lùghdachadh na th’ ann de sgudal a thathar a’ cruthachadh.
  • Tha Riaghaltas na h-Alba air Gealladh #123 a dhèanamh a thaobh Call is Ana-caitheamh Bìdh gus Cuideachadh leis a’ Ghnàth-shìde.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top